[Vol . 5. No. 2. p. 5]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IULAIDH 11, 1896. No. 2.
A’ GHAIDHEALTACHD.
Roimhe so bha luchd-aiteachaidh na Gaidhealtachd mar luchd-turuis sgith gun chala sabhailt gu ruithe ’g a innnsuidh ann an am am feum. * A nis, tha iad cosmhuil ris an fhear a bha ’s an sgeulachd. Chunnaic iad solas fada uatha, ’s ’g e b’ fhada uatha, cha b’ fhada ’g a ruighinn- Bhuail iad bas ri crann dorus mor na Parlamaid, agus bha iad air an gabhail a steach gu aoidheachd. Chuireadh uisge bog air an lamhan, agus uisge bog air an casan, agus plaideachan mine caola geala gu cadal annta. Cha ’n e mhain gu bheil a mal air isleachadh, ach tha bata na smuide a’ taghal aig gach port—tha sitrich an eich-iarruinn a’ dusgadh Mac Talla an iomadh gleann agus srath, far nach cluinneadh tu roimhe ach langanaich an fheidh no ceileireadh nan eun, agus faodaidh tu fios-dealain a chur gu d’ charaid, agus gu d’ namhaid cuideachd, na ceudan mile air asdar cha mhor ann am prioba nan sul. Agus tha cinnt againn nach ’eil na nithean a rinneadh mar tha, ach nan earlas air na nithean a bhios fhathast air an deanamh air son luchd-aitheachaidh na Gaidhealtachd. Ma tha cunnart idir ann ’s e gu’m bi tuilleadh ’s a choir air a dheanamh air ar son. ’S e so an cunnart anns am bheil araon Goill is Gaidheil air an latha ’n diugh. Tha Pharlamaid ’g an altrum, ’g an arach, agus a’ gabhail a leithid de churam dhiubh. Tha i cur an cloinne do ’n sgoil—a’ paigheadh air son an teagaisg agus a’ deanamh iomadh ni eile air an son a b’abhaist doibh a dheanamh air an son fhein. A theagamh gu’m bu choir feadhainn bhi ann a chum daoine dhion bho ’n aimideachd fein. Ach bu choir dhuinn fhaighneachd, Ciod e dh’ fhag luchd-aiteachaidh nan eileinean so iomraiteach mar dhaoine gaisgeil treun os cionn gach cinnich eile? Tha da aobhar air a shon. Anns a’ cheud aite tha spiorad anns an t-sluagh fein a bhuannaich coir dhoibh a chum ’s gu bheil urram air a thoirt do bhrataich agus suaicheantas Bhreatuinn anns gach cearn de ’n t-saoghal mhor. ’S ann air an aobhar so a tha Bhan-righ a riaghladh thairis air righeachd air nach ’eil feasgar a’ ciaradh no grian a’ dol fodha. Ach tha aobhar eile mar an ceudna air son cruadal agus treubhantas muinntir na righeachd so, agus gu h-araidh luchd-aitheachaidh na h-Albain, agus ’s e sin gu’ n robh aca ri bhatal a chur, nach robh a h-uile ni air a dheanamh soirbh dhoibh. Ann an righeachdan eile mar tha an Spainn agus an Eadailt tha na speuran ni ’s soilleire, agus na siantan ni ’s caoimhneile, agus an talamh ni ’s sultmhoire, agus tha h-uile ni cho reidh ’s gu bheil daoine ullamh air fas somalt’ agus leasg. Ann am Breatunn agus gu h-araidh an Albainn bha daoine bho chionn fada strith an aghaidh stoirm agus uisge, siantan caochlaideach, agus fonn neo-thorrach. Agus bha an cruadal roimh ’n deach’ iad a’ tarruing a mach an duinealachd, agus an treubhantas a bha annta. Cha ’n iad na luibhean a dh’ fhasas fo ghloine far nach ruig oiteag de ’n ghaoith ne pleoiteag de ’n t-sneachd iad is mo thig gu ìre agus neart, agus is treise ghlacas greim le ’n friamhaichean air an fhonn, ach an fheadhain a dh’ fhasas am measg reothaidh agus sneachd. Agus b’ e so reusan cudthromach gu ’n d’ thainig ar luchd-duthcha—iomadh aon duibh gu ire agus gu neart, gu ’m b’ eiginn doibh a h-uile ni a thoirt a mach le an luath ’s, agus an cruas agus an laidireachd fein. Agus air an laimh eile tha cunnart ma bhith’s nithean air an deanamh tuilleadh a’s soirbh, ma bhios a h-uile slighe air a deanamh tuilleadh a’s soirbh, ma bhios a h-uile slighe air a deanamh direach, ’s a h-uile sliabh ard air isleachadh, ’s a h-uile garbhlach air a dheanamh reidh, gu ’n caill sliochd nan sonn tomhas de ’n ghaisgealachd bu dual doibh. Agus feadh ’s a tha dochas againn gu faigh ar luchd-duthcha ceartas agus lan-ceartas, cha bu mhaith leinn gu faigheadh iad oirleach a bharrachd, cha bu mheith leinn gu ’m biodh iad ann an seadh ’sam bith air an deanamh ’nan dilleachdadeirce. Ciod air bith a thachras tha mi ’n dochas nach fas an Gaidheal meata no lapach, agus nach fannaich e anns an reis. Tha ainm sgriobhta le urram ann an eachdraidh na righeachd mar neach a sheas ann an uchd an teine gu bhi dion coraichean agus dachaighean duthaich a bhreith. Cha ’n ’eil fhios agam am bi an ginealach a tha beo an diugh air an gairm gu leithid so de strith. Ach tha iad air an gairm gu iad fein a dhearbhadh ann am batal na beatha so—am batal is coir do gach neach, a bhi cur ann an aghaidh gach gne uilc agus mi—run, agus ’s e mo dochas agus mo mhiann, gu ’n teid iad air aghaidh anns an strith so leis a’ mhisneachd, agus leis a’ chruadal a bhuinneadh do ’n ghineal bho ’n d’ thainig iad.
GILLEASBUIG DOMHNULLACH, AIG COMUNN GAILIG; INBHIMIS, 1892.
IOMRADH AIR MO THURAS DO CHEAP BREATUINN.
DON MHAC-TALLA:
Fhir mo chridhe, —Tha beagan uine bho nach cuala tu focal a’ Strathalba; cha’n ann a chionn gu bheil sinn ’s an aite so a call ar suim de ’n MHAC TALLA, ach ’s dòcha, a chionn gu bheil sinn de ’n bheachd gu bheil muintir eile comasach air nithean is taitniche a sgriobhadh ad’ ionnsaidh. Faodaidh sin a bhi ceart gu leor agus gidhaadh e bhi na dhleasannas oirnne na o urrainn s’ uinn fein a dheanamh air son aobhar cho math agus iomchuidh ri cumail suas ar cainnt mhathrail.
Tha run orm, ma ta, gearr iomradh a thoirt dhiut air mo thurus do Cheap Breatuinn air a bhliadhna so. Tha ’s bithidh taobh agamsa ri Ceap Breatuinn. Tha a bhuil, nuair gheibh mi seachduinn no dha dhoth fhein chi thu null mi cho luath ’s a ghiulaineas toit mi thàiris air an uisge. Dh’ fhag mi ’m bliadhna baile Charlotte air maduinn de ’Mairt an 9mh lathe de ’n og mhios agus an deigh sholadh choig uairean rainig sinn baile Phictu ann an Nuadh Albinn. B’e sin am baile boidheach le acairseid sheasgair fharsaing aig a bhonn. Tha mu thri mile sluaigh anns a bhaile, lionmhorachd dhiu aig a bheil làn an cinn de Ghailig. ’S e so ceanne-bhaile siorrachd Phictu a bha uile gu leir, ach beag, air a h-aiteachadh le Gaidheil. Thainig an long “Hector” anns a bhliadhna 1773 gu Pictu le luchd-imrich a Loch-Bhraoin agus aitean eile. B’i so a cheud long eilthereach a thainig do na mor-roinnean iochdrach so a Gaidhealtachd Alba. Bho ’n am sin a mach thoisich sluagh na Gaidhealtachd air dortadh a stigh gus an robh an tir uile air a h-aiteachadh. Thainig an duine cliulteach sin Dr. Seumas Mac Griogair a nall don duthaich so anns a bhliadhna 1784 agus shearmonaich e ’n soisgeul do ’n shluagh anns gach aite mun cuairt, nan cainnt fein, fad da fhicheud bliadhna ’s a coig gu am a’ bhais ann an 1830.
Dh’ fhag sinn Pictu ’s ghabh sinn air aghart gu Antigonish. ’S e so ceanna-bhaile siorrachd Antigonish. Tha ’m baile suidhichte am meadhon comhnaird, agus air a chuaatachadh le machraichean torach. Tha farsuingeachd mhor duthcha mu ’n cuairt da. Tha e luma làn Ghaidheal. Anns a bhleadhna 1791 thainig da long lan de mhuinntir Mhuideart, Arasaig ’us aitean eile. Thog a chuid bu lionmhoire dhiu fearan an Antigonish, agus chaidh cuid dhiu gu do Cheap Breatuinn. Thainig, mar an ceudna, aireamh de luingish, làn sluaigh, ann an 1801 agus ann an 1803. Thuinich a chuid mhor dhiu an Antigonish. Bha moran den t-sluagh ud a Strath-Ghlas. ’S ann mu ’n am ud a chaidh an tuath a thogail a duthaich an Shiosalaich, Strath Ghlas. Tha sliochd nan sonn ud an Antigonish gus an latha an duigh. Tha iad a cumail suas na Gaidlig gu gasta agus tha MAC-TALLA air a leughadh le iomadh aon dhiu.
C.C.
(Ri leantuinn.)
Sean Fhacail.
Am fear a thig air na ’s léir dha, thig air na ’s nàr dha.
Am fear aig am bheil, is e a gheihh.
Am fear aig am bi an sac làn, is math leis nàm air a mhuin.
Am fear air am bi fearg a ghnath, is cosmhail a ghnè ris an dris.
Am fear nach d’ fhuair a lot le beachan, fhuair e a lot le seangain.
Am fear nach ’eil cleachdte ri clainheamh, fàgaidh e air an tom e.
Am fear nach fritheil do chlag a’ chàil, fritheilidh e do ’n ath thràth.
Am fear nach gléidh an sgillinn, cha bhi an gini aige.
[Vol . 5. No. 1. p. 2]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ‘Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, IULAIDH 11, 1896.
Tha luchd-àiteachaidh Chrete a’ cur rompa an saorsa chosnadh o na Turcaich. Tha iad an dràsda ’n deigh Riaghladh a chur suas dhaibh féin; gun teagamh feumaidh an Riaghladh sin buaidh a thoirt air armailtean na Tuirce no cha seas e, ach tha dochas làidir aig na Creitich gun toir iad buaidh. An deigh dhaibh an saorsa fhaotainn, ma gheobh iad i, tha iad air son a dhol a stigh ris a’ Ghreig, oir is ann dhe ’n aon chinneach agus dhe’n aon chreidimh ris na Grèigich a tha iad, agus tha a’ Ghréig toileach gu leòr an gabhail a stigh. Tha a’ cheannairc ann an Crete a’ cur iomguin nach beag air luchd-riaghlaidh rioghachdan mora na Roinn-Eòrpa, oir ma thòisicheas cogadh eadar na rioghachdan beaga ’s cinnteach gu’m bi na rioghachdan mora air an tarruinn ann mu’n tig crioch air. Cha bu mhath le daoine cogadh thòiseachadh, ach bu mhath leotha na Creitich agus gach sluagh bochd eile ’tha ’fulang le ainneart nan Turcach a bhi air an saoradh o’n chuing thràilleil a tha iad a’ cumail orra.
’S fheudar dhuinn air an t-seachdain so a rithist am paipear a chur a mach ann am meudachd na’s lugha na bu mhath leinn. Ach air an t-seachdain s’a tighinn thig e mach ’sa mheudachd cheart, agus tha sinn an dòchas gu’n dean ar càirdean anns gach cearna gach cuideachadh is urrainn daibh a thoirt da.
AN CRITHNEACHD. —Tha luchd-an-fhoghluim ag radh gu’n do ’thainig an crithneachd air tùs á Armenia. Tha fiar a’ fàs gu màdarra anns an dùthaich sin a tha gle choltach ris. Tha ’n dias dhe’n aon chumadh, agus ged tha ’m fras gle mheanbh, bidh nàisinnich na dùthcha a’ deanamh flùir dheth, agus tha iadsan a dh’ fheuch e ag radh gu bheil a cheart bhlas air an aran a nithean dheth ’sa tha air an aran chrithneachd.
Amadan an duine ghlic.
Am fear nach toir oidhirp, cha dean e gnìomh.
Am Fear Dall.
Bha Albannach ann uair, a bha glé dhéigheil air an deòch làidir, agus ’s ann a sior dhol na bu dheigheile oirre ’bha e ’dol. Aon mhaduinn thòisich e air aithris d’a mhnaoir aisling neònach a chunnaic e re na h-oidhche. Chunnaic e radan mor reamhar a’ tigh’n far an robh e, agus dlùth air a shàil da radan cho cruaidh, caol ri crodh chaol’ na h-Eiphit, agus ’nan deigh-san radan dall. Bha an aisling a’ cgr dragh mor ais ’iuntinn; bha eagal air gu robh droch thubaist a’ dol a dh’ éiridh dha. Chual e cuid-eigin ag ràdh gu’m bu droch chomharra radain fhaicinn ann an aisling. Cha b’ urrainn a bhean solus sam bith a chur air a chuis dha, ged a ghearain e rithe uair us uair. Ach air d’a mhac, balach beag a bha gle thùrail de ’bhliadhnaichean, a chluinntinn ag aithris na h-aislinge, ghabh e os laimh a mineachadh, agus so mar a dh’ fhàg e i. “An radan reamhar,” ars esan, “sin agaibh fear an taigh-òsda air am bi sibh a’ dol a choimhead cho tric; an da radan chaol, sin agaibh mi-fhin ’s mo mhàthair; agus ’athair sibh féin an radan dall.”
SGEUL AIR TIOMNADH. —Chaochail seann duine ann an cearna de Ghalldachd na h-Alba o chionn ùine gun bhi fada, aig nach robh bean no cairdean air an tigeadh a chuid an t-saoghal. Bha e gu math beairteach, agus o nach robh duine ag agairt còir air a chuid, ghabh an crùn seilbh air. Chaidh na bha dh’ àirneis ’san tigh aige a reic, ach a mhàin beagan leabhraichean a chaidh a thoirt do sheana bhean a bha moran bhliadhnaichean a’ cumail an taighe dha. Am measg nan leabhraichean sin bha Biobull pòca, agus air dhi a bhi sealltuinn troimhe fhuair i duilleag de phaipear sgriobhte air a phasgadh ann, agus ’nuair a leugh i e, ciod a b’ iongantaiche leatha na fhaicinn gu’m b’e tiomnadh a maighstir a bh’ ann, leis an robh e tiemnadh dhi fhéin gach ni a bh’ aige ris an t-saoghal- Feumaidh an crùn a nise còrr us da mhile punnd Sasunnach a phàigheadh air ais dhi, oir tha an tiomnadh cho seasmh ach ’s ged a b’ fhear-lagha sgriobhadh i.
Tha còig nithe ann air am feud na h-uile amharc mar chàirdean agus mar chompanaich dìleas trìd turais na beatha so. Is e a cheud nì, eòlas a bhi againn gu bhi a’ cur an aghaidh an uile; an dara nì cleachdanna subhailceach a ghnathachadh; an treas ni, saorta a bhi againh o theagamh; an ceathramh ni fiùghantachd ’n ar caithebeatha; agus an coigeamh ni, deagh-ghiùlan.
“Tha ’bhriogais so tuille ’s goirid air mo shonsa,” ars’ fear a fhuair briogais o thàilleir Eirionnach. “Ciod an sgil ath’agadsa air briogais, amandain?” arsa ’n t-Eironnach. “Cha’n eil a bhriogais tuile ’s goirid ann a chuir thusa do spògan grànnda chas tuile ’s fada troimhpe.”
Am fear a’s fhaide làmh, is e a’s mò cuid.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .,
SIDNI, - - C. B.
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. ..
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
Siosal & Crowe.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
So a Mhic!
Ciamar a tha d’ Uaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, their e gu
Rhodes & Gannon,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c., Mainspring , 75c.An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.
STOR UR TAILLEARACHD.
ANN AN
StorW . E. Peters.
Aodaichean Mathadhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.
Theid sinn an urras air an obair.
MacCoinnich & Co.
Sidni, C. B.
[Vol . 5. No. 2. p. 3]
NAIDHEACHDAN
Cha ’n eil teagamh nach bi saothair na ’n tuathanach ann an Ceap Bretuin air a duaisachadh am bliadhna. Tha an aimsir gle fhreagarach.
Tha aireamh do thighinn gu bhi air an togail ann a Halifax am bliadhna de marble Cheap Bretuin. Co chuireas suas a cheud tigh ann a Ceap Bretuin de ’n chloich shnasail so?
Tha Henry M, Stanley, a tha ainmeil air feadh an t-saoghail air fad air son a thurusan iomraiteach do Africa, gu tinn an dràsda, agus tha eagal mor air a chàirdean nach tig e uaithe. Tha e tinn o chionn dha no tri sheachdainean.
Chuir fear Tearlach Ward ann an Texas geall gu ’n silladh an t-uisge mun ruithadh ceithir uairean thar fhichad. ’Nuair a thachair mar a thubhairt e nochd e aoibhneas le mionnan oilteil agus caint thoibheumach; ach mu’n do chriochnich e dhroch caint chaidh a mharbhadh le dealanach. Nach truagh an obair aig an d’fhuair am bas e!
Tha Padruig Wheeler, a bha an an t-seachdain s’a chaidh air fhaotainn ciontach de mhort Anna Kempton, an deigh a chiont aideachadh. Tha e coltach gu’n do chum an duine tinagh air, an dochas nach biodh fianuisean gu leòr na ’aghaidh gus a dhiteadh, ach ’nuair thugadh binn a chrochaidh a mach, dh’ aidich e gur e rinn an griromh oillteil.
Tha fios a Cuibeic ag innse gu’n d’ fhuair sealgairean cuirp sheachdnar Innseanach, na pàrairtan ’s triùir chloinne, aig Amhuinn Mhoisic, mu dha cheud mile a mach air chùl na dùthcha. Fhuair iad beagan fhacal sgriobhte ann an cainnt nan Innseanach ag innse gu’n d’ fhag iad Moisie ’san fhoghar ’sa chaidh air son a dhol a shealgaireachd a Hudson Bay. An deigh dhaibh astar da cheud mile dheanamh, theirig am biadh dhaibh, agus bhàsaich iad uile leis an acras, aon an deigh aoin. ’S i bhean a b’ fhaide sheas, agus ’si a’ sgriobh na facail a fhuaireas leis na sealgairean.
Chaidh fear Edward Barney a ghlacadh ann a Halifax Di-luain s’a chaidh air son a bhi ri slaoightearachd mu airgead ann an cuid de storaichean a’ bhaile. ’S e ’n cleas a bh’ aige bhi dol a stigh agus a ceannach fiach dheich sentichean de rud-eigin. Bheireadh e not dheich dolair dh’ an chléireach air son a chuid fhéin a thoirt as, agus rachadh aige air ceann a chléirich a chur ’na bhreislich an dhòigh ’s gu’n toireadh e barrachd mor s’a chuid fhéin dha. Ach cho tapaidh ’s ga robh e, chaidh fhaotainn a mach, agus ghabh na maoir cùram dheth ’sa mhaduinn Di-luain. Bha faisg air seachd fichead dolair air a shiubhal ’nuair a chaidh a ghlacadh.
AN ROTHAIR. —Tha dùil aig luchd-deanamh nan Rothairean(bicycles)anns na Staitean ri muillein dhiubh a chreic air a’ bhliadhna so. Bidh an sin fiach tri fichead us deich muillein dolair ( $70 ,000,000.) Tha an Rothair a fàs anabarach fasanta. Beagan bhliadhnaichean roimhe so, cha robh guth air a leithid a dh’ inneal a bhi fo ’n ghréin, ach an diugh tha na ceudan mile dhiu ann. Tha daoine turail a’ deanamh a mach nach misde ’n saoghail an Rothair a thighinn idir. Tha moran de do’ òrgridh d’ am b’ àbhaist a bhi cur seachad an ùine anns na taighean-cluich, a nise, gach cothrom a gheobh iad, a mach air an dùthaich air a’ “chuidheil,” agus cha’n e fear a chinn aotruim d’ an còir falbh leatha. Tha osdairean nam bailtean mora a’ gearain gu mor air a chall a tha an Rothair a’ cur orra. Tha e cuideachd a’ cur as do smocadh an tombaca. Gu robh buaidh leis an Rothair.
Bu Duin Ainmeil e.
Tha na daoine dubha anns na Stàitean anabarrach deigheil air a bhi toirt ainmeannan mora fuaimneach orra fhèin agus air an cloinn. Cha chuir e ioghnadh sam bith orrasan a tha eòlach ’nam measg na h-ainmeannan Iulius Caesar, Christopher Columbus, Beuiamin Franklin, agus Deorsa Washington a chluinntinn ’gan éigheach ris na gillean agus ainmean a cheart cho iomraiteach air na h-igheanan. Tha seann duine dubh ann am fear de na bailtean-mora d’ an obair o chionn àireamh mhor bhliadhnaichean a’ bhi giùlan air falbh le bara-roth gach luath us rud gun fheum eile a bhithear a tilgeadh a mach air chùl nan taighean. Aon latha ’s e aig òbair abhaistich, thainig duine bha ’còmhnuidh ann an aon de na taighean air an robh e mar sin a frithealadh, a mach far an robh e, agus thùisich e air bruidhinn ris. Ann an t-seanachas a bh’aca dh’ fhaighnich e dheth c’ ainm a bh’ air. “Deòrsa Washington,” ars an duine dubh. “Deòrsa Washington,” ars am fear eile, ’s e ’deanamh snodh gàire, “ ’s i mo bharail gu’n cuala mi an t-ainm sin roimhe.” “Tha mi creidsinn gu’n cuala,” ars an duine dubh, b’ rongantach mur-a cluinneadh, ’s mi tarruinn na luatha o d’ dhorus a h-uile latha o chronn còrr us deich bliadhna!”
Bathar Tioram.
20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir.
Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3 .25.
Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na th’ againn gle shaor.
IAIN A. Mac COINNICH & CO.
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
SIDNI, - - - C. B.
F W MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn.
Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.
Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air.
Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.
Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c , &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.
THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin.
Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.
Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.
Tha luchd-gnothaich(agents)aige mar a leanas; —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Illemhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitche’s Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.
[Vol . 5. No. 2. p. 4]
SILIS NIC-COINNICH.
SEAN SGEUL GHAIDHEALACH.
(Bho Bheurla Sheumais Hogg, Ciobair Ettrick.)
II.
BHA Morair Eidirdeil, a nis air a chur thuige gu goirt. Thug e a ghealladh d’ a fhine, air ’fhocal agus air ’onoir. Choimhlion iadsan am pairt fein de ’n chordadh a rinneadh eatorra, agus mar sin cha b’ urrainn esan air ’onoir claonadh o a phairt fein a choimhlionadh mar an ceudna. Dh’ ullaich e dinneir ghreadhnach, chosdail, a thug barrachd air gach fleadhachas a chunnacas riamh an taobh a stigh de thallachan Chaisteil Gharnaid, agus a dh-ionnsaidh an do chuir e na maithean a chaidh ainmeachadh cheana. Shuidh a’ bhan-mhoraire aig ceann a’ bhuird, le deise shioda de bhreacan Chlann-Choinnich, agus i a’ dearrsadh le usgraichean òir agus le seudan ro luachmhor. Cha ’n fhac iad riamh i a’ sealltuinn cho aillidh, cho aoibheil no cho ionghradhach; agus an uair a dh’ eirich i o ’n bhord agus a dh’ fhag i iad leotha fein, cha robh suil thioram anns an talla; cha b’ urrainn a h-aon dhiubh smid a labhairt ri aon eile; shuidh iad gu tosdach samhach ag amharc ann an aodannaibh a cheile.
An uair a chunnaic Eidirdeil an deargadh druighteach a rinn lathaireachd agus giulan caoin, flathail Silis air faireachduinnean nan aoidhean gu leir, ghlac e misneach gu tuilleadh dalach ’asluchadh orra. Chuir e f’ an comhair gu’m b’ fhearr leis gu mor a bheatha fein a chur ’n an cumhachd na dealachadh ritheas a b’ i annsachd a chridhe; gu’n robh a bheatha gu buileach ceangailte suas innte, agus mar sin nach b’ urrainn e air chor sam bith aontachadh ri lamh a chur ’n a beatha; agus a thaobh litir-dhealachaidh a thoirt dhi, no a fogar o’ bhroilleach, ni a bhiodh dh’ ise ni ’bu chruaidhe na am oas fein, nach robh e ’n a chomas a dheanamh air bonn laghail no onorach; gu ’n robh a leithid do bhuaidh aice air a chridhe agus air ’aignidhean is gu ’n robh e lan chinnteach na ’n deanta oiurram no ainneart oirre gu ’n diobradh a chiall agus a thabhachd e, agus nach treoraicheadh e gu brath tuilleadh a chinneadh gu iomairt nan lann ann an aobhar an duthcha; agus labhair e mar an ceudna gu faireachail mu an dian ghradh leis an robh a cridhe uasal neochiontach ceangailte, cha b’ ann a mhain ris fein ach ris an iomlan de ’n fhine.
Bha nis gach aon de na h-uaislean a’ caoineadh agus a’ suathadh nan dorn; cha d’ thug iad focal freagairt do ’n Mhoraire; agus aig deireadh na cuirme, thog iad orra; dhealaich iad ri an ceann-feadhna mar a choinnich iad, ann an an-dochas neo-umhaileach, gun chuing no cumha a leagail air, mar a runaich iad m’ an d’ thainig iad a dh-ionnsaidh na cuirme; ach air dhoibh a bhi cheana air an gairm gu eirigh a chogadh ri naimhdean an Righ, thainig iad gu codhunadh gur h-e a bu ghlice dhoibh gach ni a sheachnadh a dh’ fhaodadh troimhe-cheile no easaonachd a dhusgadh am measg an fhine aig an am ud, ach a’ cur rompa an ni a chuir iad ri ’n suil a thoirt gu buil ’n uair a thigeadh am a bu fhreagarraiche.
Cha b’ fhada ’n a dheigh so gus an robh Eidirdeil, le buaireas iomaguineach inntinn air a leagadh sios le fiabhrus a chuir a bheatha ann an geur chunnart, agus fo churam d’ a thaobh. Cha robh guth a nis air cur as do ’n bhan-mhoraire, oir na m’ basaicheadh am Moraire, bha fios aca, am fad ’s a bu bheo ise as a dheigh, nach b’ urrainn Nagaar, ged a b’ e a b fhaisge ann an daimh do ’n cheannfheadhna, seilbh a ghlacadh air an oighreachd, no am fine fhaotainn fo smachd agus fo’ughdarras. Bha Eidirdeil uine fhada, an deigh dha dol am feothas o ’n fhiabhras, mu ’n robh e air a lan aiseag gu neart agus deadh shlainte; agus re na h-uine ud, nochd am fine, eadar mhaithean agus iochdarain, a leithid de chaoimhneas agus de dhilseachd dha fein águs d’ a cheile a’s gu ’n robh e nis ann an dochas gu ’n robh a leithid do bhuaidh aig aillidheachd, cliu, agus ard-bheusan Silis air an cridheachan, a’s nach cuireadh iad gu brath tuille dragh no tuairgneadh air as a leth—sliochd a bhi aice no uaipe. Thug an dochas ud a leithid do shonas agus de sholas dha, a’s gu ’n robh e ’n a mheadhon air a shlainte ’aiseag air ais dha, ged nach robh car greis, a bheag a dhuil gu ’n tigeadh e idir uaithe; agus an taobh a stigh de chuig miosan, bha e cho slan fhallain ’s a bha e riamh.
Ach thainig gasaidean eagalach o ’n taobh deas, agus bha Eidirdeil a rithis air a ghairm gu màrsadh gun dail air ceann gach mac mathar de ’n fhine d’ am b’ urrainn lann a ghiulan a chuideachadh Mhontrois, air dha bhi ann an cruaidh-chas cunnartach, air a chuairteachadh le naimhdean, roimhe agus ’n a dheigh. Bha Eidirdeil agus a dhaoine cho ullamh as a b’ abhaist; ach cha b’ urrainn e aig an am, airm a sholar ach airson tri cheud fear, coma co dhiu, mhàrs e leis an aireamh ud fo dhubhar na h-oidhche. Air an-tslighe, mu bhristeadh na faire thainig e tarsuing air na Rothaich agus air na Forbesich; thug e deannal sgaiteach dhoibh anns an dol seachad, agus rainig e campa Mhontrois ann an deagh am gu a phairt fein a ghiulan de bhlar fuilteach Dhon, a chuireadh air an dara latha de July anns a’ bhliadhna 1645, agus anns an d’ rinn e fein agus a dhaoine casgairt sgriosail air sgiath chli feachd na Parlamaid—agus an deigh dha an ruaig a chur orra gu dian agus gu dannara, thìll a dhaoine dhachaidh d’ an glinn fein luchdaichte le creich, gun duine dhiu a chall ach dithis leointe, a dh’ fhag iad ’n an deigh; ach air do ’n fheachd rioghail a’ Ghaidhealtachd fhagail, thoisich ar seann chairdean, maithean a’ chinnidh air ceannairc agus ar-a- mach a dhusgadh aon uair eile gu h-uaigneach, an aghainh a’ chinn-fheadhna, agus ni bu deine na a rinn iad riamh. Chunnaic iad a nis gu soilleir meud a’ chumhachd agus na h-onoir a bhuineadh do cheann-feadhna flathail, priomhathairei, d’ am biodh dian ghradh agus urram aig a chuid iochdaran; agus as eugais a leithid sud de Cheann-feadhna, nach b’ fhada gus am biodh Clann-Choinnich air an ditheachadh, no air a, char a b’ fhearr, gu ’n tuiteadh iad o’n t-seasamh thoiseachail, ainmeil a bha aca riamh am measg fhineachan na Gaidhealtachd mu thuath. Dh’ fheumta rud eigin a dheanamh—rud sam bith, maith no olc, a thiorcadh iad o chumhachd Nagair, a bhiodh a reir am beachd, ’n a thamailt dhoibh mar fhine, agus ’n a isleachadh tubaisteach o ’n chliu agus o ’n ainm fhiughail a bhuineadh riamh dhoibh. Bha fiosaichean, buidsichean agus taibhsearan air am fasdadh gu bhi a’ faighinn a mach ciod a bha ri tachairt. Bha taisbeanaidhean nam fiosaichean air an cumail ’n an diomhaireachd, agus binn eagalach air a toirt a mach air Silis.
Chaidh na maithean aon uair eile le teachdaireachd a dh-ionnsaidh a’ Chinn-fheadhna, ach aig an am so, cha b’ ann a dh-iarraidh air dealachadh ri annsachd a chridhe, ach a chomhairleachadh dha uidheamachadh a dheanamh airson turus cràbhaidh soluimte gu uaigh an Naoimh Bothain; air latha Nollaig; oir gu ’n d’ fhoghluim iad o chaochladh fhiosaichean agus thaibhsearan as an robh iad earbsach, mar thoradh air an turus, agas a reir nadur agus luach na h-ofrail a leagta leis a’ bhanmhoraire air naomhchobhan Bhothain, nach b’ fhada gus am beirte leatha oighre air teaghlach aosda Ghlinn-Garnaid agus Eidirdeil; agus gu ’n d’ thugadh dearbh chinnt dhoibh, nach tuiteadh am fine gu brath fo chumhachd no fo riaghladh teaghlach mallaichte Nagair.
Bha Moraire Eidirdeil a nis air a lionadh le gairdeachas dòchasach agus le taingealachd. Shaoil e gu ’n robh gach cunnart agus buaireas leis an robh e air a sharuchadh re ioma latha, a nis air tighinn gu crich. Chur e litirichean-cuiridh a dh ionnsaidh an iomlain de mhaithean a chinnidh, iad fein agus am mnathan a thighinn gu pairt a ghabhail anns an turus-chrabhaidh ud gu uaigh Naomh Bothain, oir bha e ’cur roimhe gu ’m biodh an turus ud air a chomharrachadh le greadhnachas morchuiseach. Ach thainig an Nollaig le stoirm cho gaillionnach, a’s gur gann a b’ urrainn do neach sam bith sealltuinn a mach thar doruis; bha a’ ghaillionn uamhasach. Ged tha an geamhradh mar is trice gle iargalta anns a’ Ghaidhealtachd, thug an geamhradh ud barrachd orrr uile. Bha ad sneachd anabarrach trom, agus air an fheasgar roimh latha Nollaig, thainig aiteamh le garbh-fhrasachd agus le gaoith dhoinionnaich nach bu chuimhne leis an fheadhain bu shine a bha ’s an duthaich, a leithid ’fhaicinn. Bha an duthaich uile ’n a h-eabar sluaistreach le sneachd leth-leaghta: uillt chaoireach a’ taomadh o gach leathad; air chor agus nach measteadh neach air bith a bhi ’n a chiall, a smaointicheadh air dol a mach a dorus air maduinn na Nollaig, oir bha gach abhuinn agus allt thar am bruachan, agus mar sinn cha d’ thainig de na maithean a bha air an cuireadh gu Caisteal Gharnaidach ceathrar, gun bhean gun nighean comhla riu, oir b’ ann air chunnart am beatha a thainig iad fein. Chuir na maithean ud rompa, nach faodteadh air chor sam bith dail no dearmad a dheanamh air a’ ghnothuch chudthromach airson an d’ thainig iad, ciod air bith cunnart no saruchadh a thigeadh ’n a lorg; oir chaidh ’innseadh dhoibh na ’n cumadh eagal roi fhuachd agus fhliuchadh air an ais iad air an latha ud, nach tigeadh latha eile gu deireadh an t-saoghail anns am biodh an turus-crabhaidh air a chrunadh le buaidh, no le beannachd Naoimh Bhotain. Bha earrann de ’n rathad gle chunnartach, ach cha robh an t-astar ro fhada; chaidh Silis ’n a h-uidheam gu toileach, sunndach air a comhdach cho math ’s a dh fhaodadh i, agus a mach ghabh iad air an turus. Anns a’ cheud dol a mach, bha aca ri dol thairis air an drochaid-mhaide. B’e sud an sealladh eagalach; cha ’n fhacas riamh roimhe a leithid an Albuinn. Bha an abhuinn a’ ruith ’n a caoirean mulanach, nuallanach, agus a’ leumthar nan stallachan le toirm uamhasaich leis an robh iad ach beag air am bodhradh; bha an tuil ’n a stioman còbhragach a’ ruith fo ’n drochaid le a leithid de luathas a’s nach b’ urrainn neach a shuil a chumail oirre car mionaid gun dol ’s an tuainealaich, agus an drochaid i fein, laidir mar bha i, air chrith mar shlataig chaoil.
(Ri leantuinn.)
Am fear a sheallas roimhe, cha tuislich e.
Am fear nach toir gnothach do ’n bhaile mhòr, bheir e gnothach as.
title | Issue 2 |
internal date | 1896.0 |
display date | 1896 |
publication date | 1896 |
level | |
reference template | Mac-Talla V No. 2. %p |
parent text | Volume 5 |