[Vol . 5. No. 20. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 21, 1896. No. 20
Cuairt do Eilean a’ Phrionnsa.
LEIS AN FHEAR DHEASACHAIDH.
An deigh dhomh bhi ’sa bhaile tri latha, chaidh mi mach as a’ bhaile gu Strathalba, far am bheil ar caraid “C. C.” a deanamh a dhachaidh. Chaidh mi air an rathad-iaruinn gu Wiltshire, agus á sin chuireadh dh’ ionnsuidh a mhansa mi le caraid air an d’ fhuair mi eolas aig an tigh o chionn bliadhn’ air ais. Ràinig mi an deigh dorcha na h-oidhche. ’S minic a chuala mi bhi bruidhinn air feadhainn a bhiodh ’nan daoine còire air falbh o’n tigh nach biodh idir mar sin aig an tigh. Ach cha’n ann dhiubh sin an t-Urramach Calum Caimbeul. Tha leughadairean MHIC TALLA uile eòlach air troimh a chuid litrichean, agus tha barail mhath ac’ air; cha bhiodh am barail na bu mhiosa, ach moran na b’ fhearr na’m biodh nan comas fhaicinn na dhachaidh fhéin mar a rinn mise. Tha am mansa air a shuidheachadh an taic tuim coille air taobh cnoic, “air cùl gaoithe ’s ri aodann gréine,” agus ’na thigh comhfhurtail seasgair. Tha sealladh briagha air an duthaich mu’n cuairt ri fhaicinn uaithe.
’Se Gàidheil a tha ann an sgireachd Strathalba cha mhor air fad, agus tha ’Ghàilig air a searmonachadh na h-uile maduinn Sàbaid. Tha da eaglais aig Mr. Caimbeul, té anns gach ceann dhe’n sgireachd. Tha e searmonachadh ann an eaglais Springton ’sa mhaduinn, agus an eaglais Bhraidalbainn feasgar, aon latha Sabaid, agus an ath latha ann an eaglais Bhraidalbainn ’sa mhaduinn agus an eaglais Springton feasgar, a Ghàilig daonan ’sa mhaduinn. agus a Bheurla feasgar. Tha mi ’smaoineachadh gu bheil so na dheagh riaghailt, agus gu’m biodh e gle fhreagarrach ann an cothionalan eile far am bheil an sluagh faisg air a chéile; ach ann an coithionalan ’sa bheil aig cuid de’n t-sluagh ri dhol sia, ochd, no deich mile dh’ an eaglais cha fhreagradh e cho math.
Air Di-luain bha mi treis air chéilidh air Murachadh Mac Laomuinn, o’n cuala leughadairean MHIC-TALLA uair us uair; Sgiathanach còir aig a bheil daimh mhor ri dùthaich an fhraoich gu h-iomlan, agus ri eilean a cheò gu h-àraidh. Tha e anabarrach measail air bàrdachd, agus tuigear uaithe sin gu bheil spéis mhor aige do’n Ghàilig, oir duine sam bith anns a’ bheil gnè na bàrdachd cha’n urrainn da di-meas a dheanamh air a Ghàilig. Cha’n eil bàrd an àite sam bith aig a bheil a bheag no mhor a dh’ eòlas air cainnt nan Gàidheal nach eil measail oirre. Ach ged nach biodh Murachadh còir de ghnè bàrdail idir, bhiodh e measail air a Ghàilig, oir is Gàidheal gu ’chùl e. ’Sann na thigh a chuala mi air a sheinn a cheud uair, òran Nèill ’Ic Leòid air “Turus Dhomhnuill do Ghlascho,” agus ’s ioma gaire thug e orm. Leugh mi an t-òran uair us uair, ach cha’n eil òran faisg cho math nuair a thatar ’ga leughadh ’s a tha e ’nuair thatar ’ga sheinn.
B’ fhior thoigh leam fuireach dha no tri lathaichean na b’ fhaide ann an Srathalba, agus eòlas a chur air cuid de na Gàidheil a tha fuireach ann, ach bha m’ ùine ro ghoirid air son sin a dheanamh, agus b’ fheudar dhomh falbh. An deigh beannachd fhàgail aig na càirdean uile, thug mi an rathad-iaruinn orm a rithist, agus chaidh mi cho fada ’n iar ri Summerside. Tha e so na chnapach math baile, ach cha d’ fhuair mi sealladh sam bith air; bha ’n oidhche agam ’ga ruigheachd, agus cha d[ ? ]h ’ fheith mi ris an latha. Thill mi an oidhche sin fhéin gu Braidalbainn, agus bha mi ann gu aon uair deug an la’r na mhàireach. Thug mi sgriob mu’n cuairt a dh’ fhaicinn cuid de chàirdean MHIC-TALLA, agus ged nach robh ’n ùine fada, chòrd a chuairt a thug ni rium gu math. ’Nuair a rainig mi tigh Dhonnachaidh Mhic Fhionnlaidh cha’n fhoghnadh leis ach each a chur ’sa charbad ’s a’ dhol air ais comhla rium a dh’ ionnsuidh a chala. Bha treis de sheanachas taitneach agam ris-san agus ri ’bhana-chompanach chòir, agus an sin dh’ fhalbh e leam, a fàgail beannachd agam beagan mhionaidean mu’n d’ thainig an t-each-iaruinn. An sin chuir mi m’ aghaidh air Baile-Shearlot.
Cha’n urrainn domh radh ciod an t-astar a th’ eadar Braidalbainn ’s am baile mor, ach ge b’e dé ’n t-astar a th’ ann, cha’n eil an rathad-iaruinn ’ga dheanamh na’s giorra, ach moran na’s fhaide. Tha e cho cam ri caman. Cha’n eil an dùthaich troimh am bheil e ’dol idir beanntail; mar a chunnaic sinn roimhe cha’n eil beinn air an eilean air fad; ach a dh’ aindeoin sin tha an rathad-iaruinn na’s caime na tha e ann an Ceap Breatuinn. Tha e dol timchioll air iomadh cnoc troimh ’m faodte le beagan saothair clais a ghearradh, agus a seachnadh shloc a bhiodh furasda gu leòr an lionadh. Tha e ann an àiteachan a’ dol na luib air cumadh crudh eich; chuala mi cuid-eigin ag radh gu robh aon àit ann aig am faodadh tu tigh’n as a charbad agus treis a thoirt air buain shuidheagan fhad ’sa bhiodh an carbad a dol timchioll air sloc, agus leum air a rithist cha mhor aig a cheart àite ’s an d fhàg thu e. Ach cha do chreid mi sin idir; cha dean math do dhuine gach ni a chluinneas e a chreidsinn, eadhon ann an Eilean a Phrionnsa. Ach cha teid duine a dheanamh sgeul dhe’n t-seòrs’ ud mur bi an fhirinn beagan air a thaobh, agus faodar a thuigsinn mar sin gu bheil an rathad-iaruinn cam agus lùbach gu leòr. A reir ’s mar a chaidh innse dhòmhsa se so bu choireach an rathad a bhi mar a tha e; a chuideachd a bha ’ga dheanamh, bha suim àraidh aca as gach mile, mar bu chaime dheanadh iad e ’s ann a b fhaide bhiodh e, agus ’s ann bu truime an sporan-san. Mar sin cha robh cnoc no sloc a tachairt riutha nach robh iad a’ gabhail mar leisgeal air son a dhol a thaobh, agus air tàilleabh sin tha gach duine tha ’ga ghalbail an diugh a pàigheadh air son a bhi air a ghiulan naodh no deich a mhiltean far nach biodh an t-astar le ghabhail direach ach a sia no seachd— ’se sin ri radh tha e pàigheadh barrachd nor ’s bu chòir dha. Ach ged a tha ’n rathad mar so, cha’n ann a’ milleadh an t-seallaidh a tha e idir, ach a toirt am barrachd cothrom do dhuin air amharc air. Agus tha seallaidhean bòidheach ri fhaicinn air gach taobh, ged a tha muinntir an Eilein ag radh, mar a bhithear ag radh ann an Ceap Breatuinn fhein, gur ann troimh ’n chuid a’s miosa dhe’n dùthaich a tha ’n rathad iaruinn a dol. Tha an dùthaich eadar Baile-Shearlot us Braidalbainn agus an iar air sin car cnocach, agus cha’n eil i cho briagha ris a’ chuid eile dhe’n eilean, ach tha pàirt dhi briagha gu leòr, gu h-àraidh far am bheil na fearainn air an obrachadh gu math, ’s gach ni air a chumail ann an deagh òrdugh. Bha aon àite gu sònruichte beagan mhiltean a mach as a bhaile far an robh na criochan eadar na fearainn air an comharrachadh le callaidean spruis an àite fhensichean; cha b’ urrainn domh ach a bhi ’g amharc air fhad ’sa bha e ’nam fhianuis.
Thatar a meas gu bheil barrachd mor cruadhach ’ga chur a dheanamh pheann na thatar a cur a dheanamh chlaihheamhan agus gach uidheam eile a bhithear a gnàthachadh ann na cogadh. ’S e ’m peann a’s cumhachdaiche na ’n claidheamh.
NA BAIRD GHAIDHEALACH. —Cuirear an leabhar so gu duine sam bith a chuireas air adhart 35c., no a tri air son dolair.
[Vol . 5. No. 20. p. 2]
TIGHINN AN T-SOISGEIL.
Co luath ’s a thuig na Caledònaich, no Coilltich Alba, gu’n d’ fhalbh na Ròmhanaich, dh’ fhàs iad ni bu ro dhàine na bha iad roimhe gus an coimhearsnaich ’an ceann a deas an eilein a chreachadh ’s a’ cheannsachadh. ’S mar a bha iad sud co fada fo chìs aig na Ròmhanaich a bha deanamh obair na saighdearachd uile, bha iad an déigh cleachdaidhean cogaidh a leigeadh dhiubh, ’s cha b’ urrainn iad seasamh ri cumhachd ’us cruadal nan Tuathach. Agus o nach robh iad idir air son géilleadh dhoibh, ’s e rinn iad fios a chur air àireamh mòr shaighdearan as a Ghearmailt, da ’m b’ ainm Anglo-Sacsonaich, a bha ainmeil air son an treubhantais ’an cogadh. Thàinig na h-eilthirich ud a nall ’nam buidhnibh lìon-mhor, agus le còmhnadh na muinntir sin chaidh aig na Breatunnaich air na tuathaich a ruagadh air ais do na dideanaibh beanntachail féin. Ach cha b’ fhada gus an do ghabh iad aithreachas as an earbsa ’chuir iad ’s na coigrich ud. ’N uair a chunnaic na Sacsonaich gu’n robh ’n tir taitneach do’n t-sùil, ’us maith a chum bìdh, ’sann a dh’ fheumadh iad an cuid féin a dheanamh dhi. Thòisich an luchd dùthcha air brùchdadh a nall g’an cuideachadh, ’s an ùine nach robh fada chaidh ac’ air seann luchd-àiteachaidh na tìr’ a’ sguabadh a null do’n oisein ris an abrar Ueilse, agus Còrnbhal, far an deachaidh ac’ air iad féin a dhionadh ré ùin’ o ’naimhdibh, ’s an robh iad a’ gnàthachadh an seann chainnt fein agus an seann laghanana. Ach fadheòidh chaidh an ceannsachadh ’s an cur ri rioghachd Shasuinn. Co dhiù tha ’n sliochd ’s a’ chuid ud de’n tìr gus an la ’n diugh, a’ labhairt seann chainnt Bhreatuinn. ’N uair a ghabh na coigrich ud sealbh air a chuid bu mhò ’s a’ b’ fhearr de’n tìr rinn iad, còmhladh ris gach caochladh eile, atharrachadh ainm a thoirt oirre. ’N an cànain féin theirteadh Angeli-land, no Angli-land rithe, air a ghiorrachadh ’s air a chaochladh a nis gu England. Ach ’s e thug seann luchd-àiteachaidh na tìre, araon na Ueilsich, ’s na tuath Bhreatunnaich air na coigrich ud, Sasgonnaich, agus Sasgoinn ris an duthaich, ’se sin air a ghiorrachadh ’s air a mhìneachadh, Sasunnaich agus Sasunn, mar a their na Ueilsich, ’s na Gàeil, ’s na h-Eireannaich gus an la ’n diùgh.
Fhad ’s a bha ceann a deas Bhreatuinn, no mar a theirear ris a nis, Sasunn, ’na mòr-roinn Ròmhanach, bha i ’mealtuinn na h-uile còir ’us sochair a bhuineadh do gach earrann eile de’n Impireachd mhòir, fharsuing sin. Bha cothrom ac’ a dhol gu sàbhailt o aon mhòr-roinn gu aon eile, ’s co tric ’s a thogradh iad do ’n Ròimh féin, àrdbhaile na h-Impireachd, ’s cha ’n ’eil teagamh nach robh so ’na mheadhon, ’am freasdal an Tighearn air an t-soisgeul a sgaoileadh feadh na Roinn-Eòrpa, ni bu luaithe na dheanadh e air sheòl eile. Lean an tighearnas Ròmhanach air cur an aghaidh an chreidimh Chriosduidh, ùine fhada ’a déigh nan Abstol; agus bha mar sin laghanna cruaidh air an deanamh ’an aghaidh nan Criosduidhean, gu h-àraidh na’m biodh iad a’ craobh-sgaoileadh a’ chreidimh. Ach mar bu trice bha iad saor o gheur-leanmhuinn, mur tigeadh neach air bith gu bhi ’na fhearcasaid, ni a thàinig gu bhi mi-mheasail a measg nam Pàganach féin. Bha mar so teachdairean an t-soisgeil a’ siubhal o dhùthaich gu dùthaich, leis an robh eòlas air a mheudachadh. Tha luchd-eachdraidh a’ faighinn lorg an t-soisgeil gu soilleir ’an Sasunn mu ’n bhliadhna A. D. 209. Bha eaglaisean ’an lìonmhoireachd feadh Shasuinn o sud a mach tuilleadh. Bha àrd-sheanadh, no comhairl’ eaglaiseach air a cumail ’am bail’ àraidh air tir-mòr na Roinn-Eòrpa ’s an ath linn, ’s bha teachdairean o na h-eaglaisibh Sasunnach a làthair aig an t-seanadh. Ach cha d’fhuair an soisgeul fonn ’an Alba gu follaiseach co buileach tràth is sin. Cha’n e mhàin gu’n robh an creideamh Druidheach ’na aghaidh ’an sin; ach bha ’n sluagh cumanta, ’s gu h-àraidh na cinn-fheadhna ’s na h-uile àit’ a tuath air a’ bhall’ a rinn na Ròmhanaich aig a’ chrich Shasunnaich, co an-amharusach mu ni sam bith a thigeadh o dheas, ’s nach éisdeadh iad ris, eagal gur lìon a bhiodh ann air son an ribeadh ’s an glacadh. B’ e òganach a mhuinntir ceann a tuath Shasuinn an ceud neach air a bheil dearbh-chinnt’ a shearmonaich an soisgeul gu follaiseach ’an Alba. Ninian a b’ ainm dha, mac aoin de chin-feadhna na dùthcha ud. Thachair dha bhi ’s an Ròimh; ’s co-dhiù ’s ann an sin no aig a’ bhaile ’fhuair e eòlas air an t-soisgeul, cha ’n urrainnear a ràdh. Fhuair Easbuig na Ròimh’ a mach gu’n robh eolas maith aig air an fhìrinn, ’s choisrig e air son na ministrealachd e, ’s chuir e nall e a shearmonachadh do na h-Albannaich. Thog an teachdaire so eaglais bheag ’am bail’ àraidh ann an Galabhaigh, ’am fior cheann a deas Alba. B’ i sin a’ cheud eaglais a thogadh air fonn Alba, Thàinig teachdair eile d’ am b’ ainm Paladius as an Ròimh do Eirinn, ’s à sin do Alba, mu ’n cuairt do ’n aon àm ri Naomh Ninian. Bha iad le chéil’ a’ searmonachadh air leth, ’an ceann a deas na rioghachd. Ach cha’n ’eil mòr iomradh air an tomhas de shoirbheachadh air an d’ ràinig iad. Bha so mu cheud gu leth bliadhna ’an déigh an deadh sgeul freumh a ghabhail ann an Sasunn. Cha ’n fheud teagamh a bhi nach robh an soisgeul ’an Alba ’s an Eirinn roimhe sud, ach gu h-uaigneach, air son an aobhair a dh’ainmicheadh. B’ e Constantin Mòr an ceud Impire Ròmhanach a thàinig gu bhi ’na Chriosduidh, agus a thug do na Criosduidhibh làn shaorsa ’bhi air an riaghladh a réir lagh’ Chriosd. Thàinig esan a dh’ ionnsuidh na righ-chaithreach ’s a’ bhliadhna 310. Bha sin còrr ’us 100 bliadhna mu ’n d’ fhàg na Ròmhanaich Sasunn gu h-iomlan. Agus mar a bha làn shaorsainn o’n taobh a mach aig an eaglais ré nan ceud bliadhn’ ud, tha aobhar a bhi ’creidsinn gu’n d’ rinn an eaglais leudachadh maith ’s an dùthaich. Ach an uair a thàinig na Sacsonaich, a bha ’n am Pàganaich, gu làmh an uachdar fhaotainn, cha robh àit’ idir aig a’ chreideamh ’s an tìr, ach ’an Còrnbhal ’s ann an Ueils, far an robh seann luchd-àiteachaidh na tìre air an ruagadh. Ach an dà àite sin a mhàin ’s e glé bheag de chraobh-sgaoileadh a rinn an soisgeul air feadh Alba no Shasuinn, gus mu ’n cuairt do 150 bliadhn’ an déigh Niniain ’us Phaladiuis an d’ thàinig soisgeulaiche cliùiteach eile gu taobh ’s iar Alba, d’ am b’ ainm Callum-Cillé, air an toir sinn iomradh ’an déigh so.
Chaidh ainmeachadh cheana gu’n tug na sgriobhadairean Ròmhanach Caledònaich, no Coilltich, mar ainm air na seann Albannaich. Bha ’n t-ainm sin a’ gabhail càraidh gu h-àraidh ris a’ chuid diubh a bha chòmhnuidh ’am meadhon na dùthcha, ’s air an taobh an ear ’s an iar dheas dith. ’S iad sin is mo bha ’cur de dhragh air na coigrich ud. Cha robh iad a’ faicinn a’ bheag de luchd-àiteachaidh taobh siar na dùthcha ’s nan eilein. Ach mu’n d’ fhalbh na Ròmhanaich á Sasunn thug iad Pictich, ’n an cainntsan Picti, mar ainm air an treubh no na treubhaibh a bha chòmhnuidh an taobh an ear-dheas Alba. Bha na Picti fo riaghladh aoin cheannaird no Phrionnsa, ’s mar a bha na h-uiread de threubhan ann air dol an ceann a’ chéile, bha iad gu maith làidir gu iad féin a dhìonadh o na Ròmhanaich. Tha caochladh bheachdan a measg luchd-eachdraidh mu sheadh an ainme, Pictich. Ach ’s e’s coslaiche gu’m buin e do’n fhocal Laidinn a bhi ’dath; mar gu’m biodh e ’na chleachdadh aig na saighdearaibh tuathach so a bhi ’dath an aghaidhean ’an àm cogaidh le sùil ri iad féin a dheanamh ni b’ eagalaiche do’n naimhdibh, ni a bha ri ’fhaicinn a measg cuid eile de fhineachan leth chàllaicht’ an t-saoghail. Bha Pictich Thuathach ’us Dheasach ann; iad so mu dheireadh a chòmhnuidh ’s a’ chuid sin de Alba ’bha eadar an dà ghàradh ud a rinn na Ròmhanaich, ris an abrar machair na Galltachd. Ach ’s a’ bhliadhna 347 tháinig Ida, ceann-feadhna Sacsonach, air tìr mu Bheruic a tuath, ’s cheannsaich e na Pictich Dheasach. A’ chuid diubh nach do mharbh, ’s nach d’ fhuadaich e, mheasgaich iad le an luchd dùthcha. Agus ’an ùine nach robh fad’ an dèigh sin, thàinig na treubhan ud uile gu bhi air an riaghladh le prionnsa nam Picteach a tuath tre chòmhnadh luchd cuideachaidh o thaobh siar Alba ris an abrar Sgaothaich, a tha tòiseachadh air togail an cinn ’an eachdraidh Albannaich mu’n àm so.
’S gann a tha ceum sam bith eile ’an seann eachdraidh is tric’ anns a bheil na Seanachaidhean Galld’ ’us Sasunnach, aig a’ bheil beaganas air na Gàeil ’s air an cainnt a’ sleamhnachadh, na eachdraidh nan Sgaothach. Rinn an dara buidheann diubh féin co sleamhuinn do’n bhuidhinn eile an so ’s gu bheil iad a’ tuiteam ann muin aìr mhuin. Their aon Seanachaidh, thàinig na
[Vol . 5. No. 20. p. 3]
Sgaothaich as an Spàinn uair no uair-eigin cha’n ’eil fios cuin, ’s thàinig iad do Alba ’s a’ bhliadhna 500, ’s their am fear eil’ as a bheul-san—thàinig na Gàeil do ’n Ghàeltachd air a leithid sud de bhliadhna. Nis tha e fior gu’n robh buntanas aig seann luchd-àiteachaidh na Spàinne ’s na Frainge ris na seana Bhreatunnaich, mar tha ’n cainnt gus an là ’n diugh a’ dearbhadh. Ach le bhi coimeas nan eachdraidhean is sine r’a chéile, tha e co dhiù co coslach—a réir barail na muinntir is mò a rannsaich ni’s coslaiche, gur h-ann a chaidh na Sgaothaich a null do Eirinn á Alba gu maith tràth ’an eachdraidh uan rioghachdan so, ’s gu’n d’ rinn iad ri ùine rùm maith dhoibh féin ’an cearnaidh fharsuing de’n tìr sin, air sheòl ’s gu’n tàinig i fadheòidh gu bhi air a h-ainmeachadh orra féin. ’S e Sgaothaich am fior ainm Gàelach, a tha ’ciallachadh an nòis a bh’ aig an dream lionmhor ud, air a bhi dlùth leantuinn ris a’ cheann-feadhna mar ni sgaoth sheillean ris a’ mhàthair-àil. Ge b’ e sam bith àit’ an stad ise, stadaidh iadsan. Agus aon uair ’s gu’n stad iad idir, cha ’n ’eil e furasd an cur air falbh. Cha b’ urrainn luchd Laidinn do nach b’ aithne a’ Ghàelic, Sgaothaich a ràdh, ’s air son ich cha bhiodh gnothuch idir aca ris air deireadh focail. Nam fàgadh iad ao as ’s e Scuti a theireadh iàd; na’n tugadh iad a as ’s e Scoti a theireadh iad. A réir so tha ’n seann luchd eachdraidh Ròmhanach a’ gnàthachadh an dà fhocail air son an aon ainme. Ach fadheòidh thàinig iad, mar bu trice, gu bhi ’ga sgriobhadh Scoti, oir ’s e sin beagan a b’ fhuaimniche ’s a’ chainnt acasan. Mata, ma chreidear an luchd eachdraidh is faide a rannsaich, bha Scoti ’an Gaeltachd Alba féin o shean, co cinnteach ’s a bha ’n Eirinn. Bha treubh no dhà dhiubh ’an Siorrachd Rois, agus anns an Eilean Dubh. Bha dream eile dhiubh timchioll air bun amhainn Chluaidh, a bhiodh gu maith tric a’ cogadh còmhladh ris na Pictich ’an aghaidh nan Ròmhanach, ’s nan Deasach an déigh do na Ròmhanaich falbh. Tha e air a ràdh gu’n tàinig cuid diubh so, co dhiù, á Eirinn, agus gu’n d’ fhuadaicheadh a null a rìs ann iad. Ach ma rinneadh sin, thàinig iad air an ais ’an ùine ghoirid, no bha cuid diubh nach do chuireadh air falbh idir, a bhuineadh do sheann luchd àiteachaidh an àite sin, o’n bha Scoti ann a ghnàth a bha ’n co-bhoinn ris na Pictich ’an aghaidh nan Deasach.
’S a’ bhliadhna 503 A. D. thàinig dream de na Sgaothaich a nall á Eirinn ’n an trì buidhnibh beaga, fo thriùir cheann-feadhna. Ghabh fear dhiubh sin d’ am b’ ainm Fearghas, sealbh air Ceanntire le ’luchd-leanmhuinn. Ghabh fear eile d’ am b’ ainm Lathairna, sealbh air àit’ a b’ fhaid’ an ear na sud air an tug e Lathairn, mar a theirear ris gus an là ’n diugh. Ghabh an treas fear d’ am b’ ainm Aonghas, sealbh air eilean Ile. Cha do chuireadh mòran grabaidh air na coigrich ud ’n an ceud tighinn air tìr a thaobh iad a bi tearc ’an àireamh, ’s nach d’ éirich an-amharus sam bith ’an inntinn righ nam Picteach mu’n timchioll. Agus mar a bha taobh siar Alba ’s an àm ud air bheag sluaigh, ’s ann a shaoileadh na Pictich gur h-ann g’an cuideachadh a bhiodh iad sud an aghaidh nan naimhdean eile a bh’aca. Co dhiù, ’n uair a fhuair na Sgaothaich a thàinig á Eirinn fàrdach air a cur air dòigh do gach fear dhiubh féin, thòisich buidheann ’us buidheann bheag eil’ a tighinn a nall as an déidh, gus mu dheireadh an robh àireamh mhaith ann diubh. Agus mar bu triùir bhràithrean na cinn-fheadhna, ’s a bhiodh iad ’an comh-bhoinn ’an aghaidh naimhdean sam bith eile, ’s ann a b’ eagalach leis na Pictich aghaidh a chur orra, ’s mar is coslaiche cogadh ei’’ air an làimh aig an àm cheudna. ’S e bun a bh’ ann, chaidh Fearghas a chrùnadh ’na righ air a luchd leanmhuinn fein. Bha ’n dithis bhràithrean eile ’n an àrd-riaghalairibh thairis air an fhearann air an do ghabh iad sealbh, agus a réir coslais, ullamh gu Fearghas a chuideachadh n’an tigeadh ceann-feadhna no prionnsa sam bith eil’ a chur dragh air. Olaich thapaidh a bha’n sud, ro theòma gu dachaidh a dheanamh dhoibh féin an àite sam bith ’am faigheadh iad aon chas a steach.
A Manitoba.
FHIR-DHEASAICH UASAIL, —Air dhomh a bhi cluinntuin o bheul gu beul gu robh MAC-TALLA a tabhairt taobh duilleig do òran, no naigheachd Ghàilig o neach air bith a bha teachd le dolaìr a thagairt càirdeis air, air son a cheud uair chuir mi thugaibh ceathrannan air “Tir nam Beann” a dhealbh brogach do charaide dhomh féin aig a Bhliadhn’ Uir, a tha nise dlùth air da mhios dheug a dh’ aois, ’nuair a thainig e air cheilidh oirnn a reir cleachdadh nan Gàidheal. Ach feumaidh gur e fuachd na dùthcha so a chuir an tùchadh air Nial, agus nach do ghlaodh mi àrd gu leòr; oir cha do chuir am MAC-TALLA air ais an fhuaim, ged bha mise a feitheamh le cluais fhurachail, se sin ri radh, ma bha beul aithris dhaoine agus gealladh a MHIC-TALLA a reir a cheile. ’S fada bhobug o ’n bha mise air mo chrònan a sheirm a rithist mar bhitheadh gu bheil a reir aithris nan daoine glice “Sannt sheachdnar ann am fear gun mhac gun nighean,” agus gu robh mi cho cùramach mu na bonnacha-se, agus nach dùirigean a bhi aig a lethid do chosdas aig an tigeadh an ath am gu bhi cur snaim eile leis an dollar uile chumhachdach air cairdeas fear ham beannachd. Ma’s e ur toil e, bu mhaith leam fhios fhaotainn ciod an duais airson an tugadh sibh cùil anns a phaipeir urramach do’n oran so mu ’m bheil mi labhairt mar a deachaidh e air chall, agus ma chaidh a dhuine, theid an ceol air feadh na fìdhle agus theid mise agus MAC-TALLA troimh a chéile agus cha dean airgiod no òr an cairdeas a ghleidheadh tearuinte.
Tha m’ inntinn trom a smaointeachadh air cor ’us aomadh sluaigh,
An dragh a ni an di-chuimhn doibh, ’us mi sgoinn ioma uair,
Tha ’n aignidhean cho caochlaideach ri gaoth air maoil nam bruach,
’S mac talla liath ged ’s urramach an cunnart anns an ruaìg.
Nam choltach ri do sheanair thu cha bhiodh do theanga mall,
’S iomadh uair a fhreagaìr mi ’s na creagan fada thall,
Cha d’iarr e duais na paigheadh oirnn, air Gaidheal no air Gall,
’S cha d’ ghearain riamh air sarachadh, air eiginn, cail, no call.
Is mi do charaide dileas—mar do chaill thu ’n t-òran.
NIAL SHAW.
Bu chàraid ghaolach Seochd us Seònaid mu’n do phòs iad, ach an deigh dhaibh pòsadh, cha robh an t-sith maille riutha idir. Chaidh am ministear ’g an coimhead feuch ciod a bha ’g an cumail as an eaglais, agus air dha ’n dorus fhosgladh, fhuair e iad a trod. “Mo nàire, mo nàire!” ars’ esan, “carson nach gabhadh sibh leasan o’n chù ’s o’n chat? faicibh cho còrdte ’sa tha iad taobh ri taobh air clach-an-teinntein.” “Tha sin gle cheart,” arsa Seochd, “ach dean thusa ’n ceangal ri chéile, agus feuch de cho réidh ’sa bhitheas iad.”
’So an an dòigh a th’ aig na Dùitsich air na cisean a thogail bhar dhaoine nach eil deònach am pàigheadh. Cuiridh an Riaghladh saighdear no dha gu tigh an fhir nach do phàigh, agus tha aige ri ’m biathadh ’s an cumail gu math air an dòigh gus am bi a chis air a pàigheadh.
Tha ’n Amhuinn Bhuidhe ann an Sina a’ dol fo’n ainm “Bron Shina.” Tha i cur thar a bruachan gu math tric, agus a bàthadh moran sluaigh. Thatar a meas nach lugha na aona muillein deug (11,000,000) beatha a thugadh air falbh leatha o thoiseach na linne so.
Thatar ag radh gu bheil aon leabhar, agus aon a mhàin, ri fhaotainn a tha air a sgriobhadh anns a chainnt a labhair an Slànuighear ’nuair a bha e air an talamh. ’Se ’n leabhar sin Talmud no leabhar beul-aithris nan Iudhach, a bha air a sgriobhadh ann an Tiberias ’s an treas linn an deigh Chriosd. Cha b’i ’n Eabhra bhathas a cleachdadh am measg nan Iudhach ri linn an t-Slanuighear idir, ach an Aramaic, cainnt a tha càìrdeach do’n Eabhra, agus bha eadar-dhealachadh eadar mar a bhathas ’ga labhairt ann an Galili agus ann an Iudea, direach mar a gheibhear a Ghàilig agus canainean eile air an labhairt air caochladh dhòighean an diugh. B’i ’n Aramaic Ghalileach cainnt mhathrail an t-Shlanuighear, agus ’se so an aon leabhar a tha ri fhaotainn sgriobhte ’sa chainnt sin.
Thuirt Eirionnach uair gu’n do dhùisg e aon mhaduinn ’se ’na shuain chadail.
[Vol . 5. No. 20. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ‘Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton
SIDNI. NOBHEMBER 21, 1896.
Gheibhear anns an àireamh so da litir á Manitoba—cearna as nach cuala ’m MAC-TALLA fuaim riamh roimhe. Bidh sinn gle thoilichte cluinntinn uapa le cheile a rithist; ’s math leinn a bhi cluinntinn as gach cearna dhe’n t-saoghal mu chor nan Gaidheal. A thaobh gearan Neill Shaw nach do chlo-bhuail sinn an t-òran a chuir e ugainn, faodaidh sinn a radh gur h-e dearmad a thanaig oirnn bu choreach nach do chuireadh an clo e roimhe so, agus gu faicear e an ùine gun bhi fada. Ach ge b’e co dh’ innis do Niall gu’n clo-bhuaileamaid òran no rud sam bith a chuirte ugainn, tha e gu mor am mearachd. Cha do gheall MAC-TALLA a ’leithid sin riamh, agus bu ghòrach e nan gealladh, oir ’s iomadh òran us sgeul us litir a thig gu paipear nach biodh freagarrach an cur an clò. Na’m faiceadh Niall còir na tha de bhàrdachd ma seach againn, chuireadh e ioghnadh air; tha roinn mhor dhe’n bhàrdachd sin a dhiòlt sinn a mtigh ’s a mach, agus roinn mhor eile, coltach ri òran Neill a feitheamh gus am faighear àite dhaibh. Tha cuid de’r leughadairean a’ gearan gu bheil sinn a’ toirt dhaibh tuilleadh s’a choir de bhàrdachd mar a tha, ach na’n toireamaid dhaibh na tha tigh’n ugainn bhiodh iad air an uamhasachadh. Ach ’se ar dùrachd deanamh cho math ’s is urrainn duinn. Riaraichidh sinn a h-uile duine ma bhios sin ’nar comas, ach mur bi cha bhi cothrom air.
Tha gnothuicheanns an an Tuirc mar a bha iad o chionn treis a dh’ ùine gun moran atharrachaidh sam bith. Bha an Sultan o chionn ghoirid a’ gealltainn moran, ach cha ruigear a leas moran creideis a thòirt dha; gheall e na h-uiread roimhe, agus bhrist e a ghealladh cho tric ’s nach eil moran dòchais aig daoine gu bheil roimhe deanamh dad na’s fhearr aig an àm so. Tha e gle choltach nach eil rioghachdan na Roinn-Eorpa a dol a chur dragh sam bith air; air chor ’s gu faod e ann an tomhas mor a thoil fhéin a dheanamh.
Tha e ’cur dorran mor air muinntir nan Stàitean gu bheil féill moran na’s fhearr air càise Chanada ann an dùthchannan eile na tha ’n cuid càise fhéin. Beagan bhliadhnaichean air ais, cha robh Canada idir suas ris na Stàitean ann an deanamh càise, ach an diugh tha i fada air thoiseach orra. Cha’n e sin a mhàin, ach tha càise nan Stàitean an deigh ainm a chall cho mor ’s gu bheilear a’ cur moran dheth a nall do Chanada, agus as a sin ’ga chur air falbh do Bhreatuinn mar chaise a rinneadh an Canada fhéin. Se ’s coireach ri sin gu robh muinntir nan Stàitean gu tric a cur air falbh droch càise an ainm càise math, agus mar sin chaill e dheagh ainm, agus tha ’n càise coltach ri duine, ma chailleas e dheagh ainm aon uair, bheir e treis mhath ’ga chosnadh a rithist mu’m faigh e air ais e.
Tha e coltach gu bheil a nise gach cùis air a réiteach eadar Breatuinn ’s na Stàitean a thaobh Venezuela. Tha iad air còrdadh a thaobh cuid de nithean, agus na nithean mu nach b’ urrainn daibh còrdadh tha iad ri bhi air an cur air beulaobh Ard-chùirt a tha iad fhéin a cur air chois, agus tha iad ag aontachadh gu’m bi iad leagte taobh air thaobh ris a bhreith a bheir a chùirt sin. Cha’n eil an ùine gle fhada o’n bha eagal air moran gu’m faodadh cogadh a bhi eadar Breatuinn ’s na Stàitean mu’n tigeadh a chùis gu crich, ach cha’n eil guth no iomradh air a leithid sin an diugh; tha ’n gnothuch ri bhi air a réiteach gu sitheil, agus ’s ann mar sin fhein bu chòir dha bhi.
Tha sgeul á Cuba ag innse gu bheil an da arm—arm na Spàinne agus arm nan ceannairceach—air tachairt air a chéile ’s gu bheil iad a cur blàir. Cha b’ urrainnear innse co leis a bha e ’dol, ach bha làn dhùil gu’m b’e so aon de na blàir a chuireadh a chùis an darna taobh. Bha Weyler an seanalair Spàinneach gle leisg air a dhol an còmhail nan ceannairceach, ach air dha a chluinntinn gu robh iad an deigh baile a ghlacadh, thog e air. Ma chaidh am blàr so na aghaidh, bidh am barrachd dochais aig na ceannaircich ’sa bh’ aca riamh gu’n teid aca air an t-eilean a shaoradh.
Thug Cleveland, ceann-suidhe nan Staitean, oilbheum do na h-Iudhaich an àm a bhi gairm Latha Taingealachd. Thug e iomradh air Criosd, ni nach d’ rinn fear a dhreuchd riamh roimhe. Tha Latha Taingealachd air a ghairm air son nan uile, agus tha na h-Iudhaich ag radh nach bu choir do Chleveland, air an sgàth-san, iomradh a thoirt air Neach anns nach robh iad a creidsinn.
Bha tuiltean mora aca ann an Stàit Washington air an t-seachdain s’a chaidh ’s air an t-seachdain so. Bha ’n t-uisge ’sileadh cha mhor gun lasachadh fad dheich latha, agus bha na h-aimhnichean air at cho mor ’s nach robh comas aig na carbadan-iaruinn air falbh air an rathad. Bha moran thighean air an sguabadh bhar an làraichean.
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
SIDNI, - - - C. B.
F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn.
Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.
Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air.
Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.
Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c , &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.
Tha e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin.
Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.
Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.
Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Illemhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitche’s Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.
[Vol . 5. No. 20. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Is e Dior-daoin s’a tighinn an latha tha ri bhi air a chumail mar Latha Taingealachd, ann an Canada agus anns na Stàitean.
Thatar a meas gu bheil de dh’ fhearann math ann an Canada, a tha cheana air a thoirt a stigh na chumadh beolaind mhath ri coig muilleinean fichead sluaigh, na’m biodh e air a dheagh obrachadh.
Bha dithis dhaoine a’ sealg fhiadh ann an cearna de dh’ Ontario air la roimhe; air dhaibh a bhi astar beag o chéile loisg an darna fear air an fhear eile, an dùil gu’m bu fiadh a bh’ ann, agus ga mharbhadh air a bhad.
Chaidh Delisle, sgiobair an Tiber, a ghlacadh, agus tha e nise ann an greim am Montreal, air son e dh’ a bharachach bàs nan tri duine deug a chaidh a chall bhar an t-soithich a chuir an Tiber fodha an acarsaid St. John’s.
Tha an t-Onarach A. G. Blair, Ministear ann Rathaidean-iaruinn ’s nan Rathaidean-uisge ri bhi ann an Ceap Breatunn toiseach na seachdain s’a tighinn. Bha dùil ris o chionn còir us mios, ach gus a so cha d’ thainig e.
Tha sgiobair soithich a thainig á Eilean Sable air an t-seachdain s’a chaidh, ag innse gu’n deachaidh moran fiodha air a leth losgadh a chur air tir air an eilean sin. A reir gach colthais ’s ann bhar soithich a chaidh ’na teine a thainig e.
Ann an Congress nan Staitean re nan ceithir bliadhna s’a tighinn, bidh 207 de Republicans, 137 de Democrats agus 13 de Phopulists, Bidh 153 dhiubh sin air taobh saor-chuinneadh an airgeid, agus 204 ’na aghaidh. A reir colthais chaill Bryan am blàr gu dona.
Chaochail bean da’m b’ ainm Iseabail Riddell ann am Markham, an Ontario, Di-màirt s’a chaidh, s i ’n deigh aois ceud bliadhna ’sa sia a ruigheachd. Bha a fradharc, a claistneachd, ’sa cuimhne aice gus an latha mu dheireadh, agus bha i riamh dheigheil air smocadh na pioba.
Chaidh an t-Innseanach do’m b’ ainm “Droch-dhuin-óg,” a rinn àireamh mhort ann am Manitoba o chionn ghoirid, a ghlacadh an la roimhe agus tha e nise ’sa phriosan. Mu’n do ghlacadh e, mharbh e fear de na maoir a bh’air a thòir. Bi’dh e air fheuchainn ann am baile Winnipeg, agus cha’n eil teagamh nach teid a chrochadh.
Tha bràthair do’n duin’ ainmeil nach maireann, Dr. Daibhidh Livingstone, a’ fuireach ann an Listowel, an Ontario. Tha e ceithir fichead bliadhna ’sa sia a dh’ aois, agus gle thapaidh fhathast. Dh’ fhalbh e air an t-seachdain s’a chaidh a choimhead fear de mhic, a tha fuireach ann an Seattle, Wash. ’S e an aon fhear a tha beò de bhraithrean an Dotair.
Chaidh fear Henry Dennismore a mharbhadh air an rathad-iaruinn faisg air Stewiacke, N. S., Diciaduin. Bha e coiseachd air an rathad agus thainig an carbad air gun fhios da. Bha soirbheas mor ann aig an àm agus thatar a’ deanamach a gu’n do chum sin e gun fuaim a’ charbaid a chluinntinn. Bha e 43 bliadhna dh’aois, agus dh’ fhàg e seachdnar no ochdnar chloinne.
Bha binn bàis air a toirt a mach air gille òg ann am Port Hope, Ont., air an fhoghar so air son seann duine a mhort. Bha e ri bhi air a chrochadh air an 16mh latha dhe’n ath mhios, ach chaidh a bhinn sin atharrachadh gu tigh-obrach ri bheò. Cha’n eil an gille ach sia bliadhn’ deug a dh’ aois. Ma’s math ar cuimhne, ’s e dhol bhar a chéile mu mhaigheach a rinn e fhéin ’san seann duine ’nuair mharbh e.
Thainig bean ann an Coburg, Ont., ri beatha fhéin air dòigh uamhasach a sheachdain gus an diugh. Dh’ òl i lan cupa de dh’ olla, agus an sin bhog i a cuid aodaich leis an stuth cheudna ’s chuir i teine ris. Bha i air a losgadh gu bàs.
Tha Ard-riaghladh Chanada agus Riaghladh Mhanitoba air tigh’n gu còrdadh a thaobh nan sgoilean. Cha’n eil na còrdaidhean a rinn iad air an deanamh uile gu leir follaiseach fhathast, ach bidh fhios againn orra an ùine gun bhi fada.
Gheibhear ’san àireamh so ainmean na phàigh o’n bha ’n ainmean ’sa phaipear roimhe. Tha romhainn na h-ainmean a chur ’sa phaipear na’s trice an deigh so, agus tha sinn an dòchas gu’m bi àireamh mhath againn ri chur ann eadar so us bliadhn’ ur.
Tha na mathain anabarrach pailt ann an cearnan de Stàit Maine. Ann an aon sgireachd tha iad a reir colthais an deigh seilbh a ghabhail; dh’ fhàs iad cho lionmhor ann ’s gu’m b’ fheudar an sgoil a dhùnadh, air eagal gu’n toireadh iad leotha a chlann.
Tha dùil ri Diuc agus Ban-Dùic York a thigh’n air chuairt do Chanada air an t-samhradh s’a tighinn. Ma bhios an Diùc beò fada gu leòr bidh e ’na righ air Breatuinn, agus air sgàth sin cha’n eil teagamh nach dean muinntir Chanada a bheatha ’nuair a thig e.
Tha e furasd’ fhaicinn gu bheil an geamhradh a tighinn. Tha “beagan sneachd air làr againn” gu math tric, agus am fuachd a tighinn ’s ’ga chur fhéin an céill na’s motha ’s na’s motha gach seachdain. Ge b’e de thig no dh’ fhanas as an dùthaich so, tha sinn cinnteach as a’ gheamhradh.
Tha na Soisgeulaichean, Crossley agus Hunter, a cumail choinneamhan na h-uile h-oidhche ach oidhche Shatharna, agus tha ’n eaglais cho làn ’sa chumas i aig gach cainneamh. Tha dùil aca bhi ’sa bhaile mu dha sheachdain fhathast, agus ma bhios soirbheachadh math leotha, dh’ fhaodte gu fan iad na’s fhaide na sin.
Mu’n àm so dhe’n bhliadhna thatar a’ deanamh call mor air a mhuir. ’S gann gu bheil latha dol seachad gun sinn a leughadh mn dhaoine bhi air an sguabadh bhar bòrd shoithichean ’s air am bàthadh, agus gle thric na soithichean le ’n sgioba air fada bhi air an cur dh’ an ghrunnd. ’S beag tha dh’ fhios aig luchd na tire gu de miomhadh luchd na mara.
Iadsan a Phaigh.
Coinneach Mac Rath, Loch Bhlackett.
Alastair J. Peutan, Sidni.
An t-Urr. A. L. Domhnullach, B . C. Chapel.
Iain Mac Coinnich, Gut Mhira.
Altstair Mac Amhlaidh, Milton .
Domhnull Mac Philip, Framboise Intervale.
Lachuinn Mac Fhionghain, Acarsaid Mhargaree $2 .
Seoras Mac Neacail, Cobh a Bhiobhair.
An t-Urr. R. Mac Neill, Grand Mira, $3 .00.
Aonghas Mac Asguill, Rudha ’n Rothaich.
A. D. Mac Suinn, Glascho, C. B.
Aonghas D. Morieastan, cul Baile-nan-Gall.
Caiptean Donnacha Mac Leoid, Baile-nan-Gall.
Coinneach Mac Asguill, Mill Pond.
D. D. Mac Phàrlain, B . C. Chapel.
Eobhan Mac Cuthais, Port Morien.
D. R Mac Cuthaig, Cnoc na h-Eaglais, Ont.
Aonghas Mac Cuthaig, Cnoc na h-Eaglais, Ont.
D. R. Mac Gillebhrath, Cnoc na h-Eaglais, Ont.
Alasdair Mac Calamain, Priceville , Ont.
A. M. Caimbeul, Aldborough , Ont.
Mor Nic Philip, Weymouth , Mass.
An t-Urr. D. Camaran, Georgeville , N. S.
An t-Urr. D. Siosal, Antigonish , N. S. $2 . 00
Domhnull Boyd, Frazer Mills, $2 .00.
Iain Graham, Lingwick , Que.
Aonghas Mac Laomuinn, Rose Valley, P. E. I.
Eobhan Mac Dhomhnuill, Lunnuinn, Sasuinn.
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B,
Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha.
[Vol . 5. No. 20. p. 6]
“MIANN A’ BHAIRD AOSDA.”
(Air a leantuinn.)
Bha e ’n a chomharradh uasal agus rioghail air na seann Ghaidheil an t-àit’ àrd agus urramach a bha iad a toirt do mhnathan.
Cha robh samhla, dealbh, no cruth, ’bu mhaisiche na chéile nach cuireadh iad ann a’ cleachdadh ann a bhi luaidh air cliù nam ban. Tha sgeul’ anabharrach briagh againn ann am bardachd na Féinne, air bana phrionnsa òg mhaiseach, nighean do righ Erinn, a bha air la àraidh a’ gabhail cuairt a mach le ’cuid mhaighdean, ’n uair a thainig prionnsa borb laidir orra gun fhios dhaibh; agus ghoid e leis an òigh mhaiseach so.
Ach air la àraidh fhuair i teicheadh air ann am bàta agus thug i ’n cuan oirre. Thachair dhi tighinn air tìr air cladach Alba, agus cò bha air thoiseach oirre air an tràigh ach Fionn rìgh na Féinne agus a chuid gaisgeach. Tha e coltach gur e Fionn fhéin a tha labhairt anns an duan so, agus tha e dol air agaidh leis an sgeula gus an do bhuail am bata an cladach, agus an sin:—
“Dh’ éirich as maise mnà,
B’ ionnann dealradh dhi ’s do ’n ghréin,
’S a h-uchd mar chobhar nan tonn,
Le fliuch osnaich throm a cleibh.
Is sheas sinn uile air an raoin,
Na flaithean caoin ’us mi féin;
’S a’ bhean a thainig thar lear,
Bha sinn gu leir roimpe sèimh.”
Tha e coltach gu’n dh’ aithnich a bhana-phrionnsa òg Fionn flath an t-sloigh, agus tha mi creidsinn nach robh sin duilich dhi; agus labhair i ris mar so:—
“Mo chomhraich ort ma’s tu Fionn,
’S e labhair rium am maise mnà;
’S i do ghnùis do ’n ànrach a ghrian,
’S i do sgiath ceann-uighe na bàigh.”
Agus fhreagair Fionn air ais i gu duineil, càirdeil, caoimhneil:—
“A gheug na maise fo’ dhriùchd a’ bhròin,
’S e labhair gu fòil mi féin,
Ma’s urra gorm lannan do dhion,
Bidh ar cridh’ nach tiom do ’n réir.”
Agus ’n uair a fhuair ise a leithid sin de mhisnich làidir bho Fhionn, dh’ innis i gu saor a trioblaid dha:—
“Torachd a tha orms’ air muir,
Laoch is mor guin air mo lorg,
Mac righ Sorcha sgiath nan arm,
Triath d’ an ainm a Maighre borb.”
Cha do chuir buirbe agus treubhantas a fear-tòrachd eagal ’s am bith air Fionn, ach fhreagair e i mar a bhuineadh dha chliù, gu fiallaidh, gaisgeil, agus rioghail:—
“Glacam do chòmhraig a bhean,
Ro aon fhear ’tha air do thì,
’S a dh’ aindeoin a Mhaighre bhuirb,
Bidh tu a’m bruth Fhinn aig sith.
Tha talla nan creag aig laimh,
Aite taimh chlann nam fonn;
Far am faigh an t-ànrach bàigh,
A thig thar bhàrca nan tonn.”
Agus ghuidheamaid gu ma buan agus maireannach a bhios an spiorad fiallaidh, gaisgeil, agus rioghail sin, a gabhail seilbh air clann nan Gàidheal ge b’ e ceàrn de ’n domhan anns am bi iad a’ còmhnuidh.
Ach gu bhi tilleadh ris a’ “bhàrd aosda.” Tha nise gach sealg, ’us gaol, ’us cath, aig an ceann, agus tha fios aig a’ bhàrd gu’m bheil a’ chrioch a’ tarruinn dlùth, agus tha e ’g innse dha chàirdean far an dean iad an càradh deireannach air:—
“O! cuir mo chluas ri fuaim Eas-mòr,
Le chrònan a’ teàrnadh bho ’n chreig,
Bidh cruit agus slige ri m’ thaobh,
’S an sgiath a dhion mo shinnsir ’s a’ chath.”
A dh’ aindeoin gach trioblaid a thainig air a’ bhard tha coltach nach do dheallaich e riamh ri sgiath a shinnsir. Cha b ’e mhain gu ’n robh an seann Ghaidheal a’ faicinn mar fhiachaibh air a chliù agus onair fhéin a sheasamh ri am a’ chath agus a’ chruadail, ach bha cliù agus claidheamh a shinnsir aige ri ’n cumail glan.
Cha robh neach ann am measg nan seann Ghàidheal air a chunntas cho tàireil ris a’ ghealtair. Bha suidheachadh a’ ghealtair dìoblaidh agus tàireil anns an t-saoghal-so, agus ann am beachd nan seann Ghàidheal cha robh gu’ bhi feitheamh air ach ionad na truaighe anns an t-saoghal a tha ri teachd. Tha cunntas againn anns a’ bhàrdachd aig Mordubh, air la àraidh a chaidh sliochd na h-Alba mach gu cath a thoirt do na Lochlunnaich. Tha e coltach gu ’n robh duin’ òg ann an armailt’ na h-Alba anns an robh taom de ’n ghealtair, agus thòisich e air gabhail an eagail, agus a’ radh ri càch gu’m milleadh na Lochlunnaich iad agus gu’m b’ fhearr dhaibh teicheadh. Bha seann ghaisgeach treun do ’m ainm Ciabh Ghlas, faisg air a chuala labhairt air an dòigh sin e, agus chronaich e ’n droch shaighdear sin leis na briathran a leanas:—
“Imich thus’ a ghealtair chlaoin,
Gu aiseiridh shàmhach nam ban,
Tha t-anam air chrith mar dhuille uaine,
A ghluaiseas roimh anail nan speur,
Mar’ thuiteas i roimh fhuachd a gheamhraidh,
Teich thus’ o na naimhdean borb;
Ach is iomadh craobh gharbh ’s a’ bheinn so,
A sheasas ’n uair is gailbeach sion,
’S tric ’thainig naimhdean bho thuath,
Ach buannachd cha tug iad riamh,
Imich thus’ a mhic gun chliù
Gu aiseiridh chùil nan daoine crion.”
Ma chual am “bàrd aosda” iomradh riamh air a’ chreideamh Chriosduidh tha e coltach nach d’ fhuair an creideamh sin àite ’n a chreud. ’S e ’n t-ullachadh a bha e ’g iarraidh air son an turuis air nach till, cruit chiùil, slige òil, agus sgiath cogaidh a shinnsir. Cha’n ’eil teagamh nach b’ i sin creud an lath’ anns an robh am bàrd beò, agus ged a chì sinne a chreud sin borb agus fineachail ann a’ solus an latha ’n diugh, cha robh beachd a’ bhàird idir cho mi-fhallain ’s a shaoileas cuid. B’ e thogradh agus a mhiann a bhi leis a’ chuid a b’ fhiughaile agus ’bu rioghaile de’n t-sluagh a dh’ fhalbh air thoiseach air:—
“Thig le càirdeas thar a’ chuain,
Osag mhìn a ghluais gu mall,
Tog mo cheò air sgiath do fhluaitheis,
S imich grad gu eilean fhlaitheis.
Far ’m bheil na laoich a dh’ fhalbh o shean,
An cadal trom gun dol le ceòl;
Fosglaibh-sa thalla Oisein ’us Dhaoil,
Thig an oidhche ’s cha bhi ’m bàrd air bhrath.
Ach O! mu ’n tig i, seal mu ’n triall mo cheò,
Gu teach nam bàrd air Ar-bheinn as nach till,
Fair cruit ’s mo shlige dh’ iunnsaidh ’n ròid,
An sin mo chruit ’s mo shlige ghràidh slan leibh.”
Ge b’ e ionad anns an robh talla Oisein, ’us Dhaoil, eilean-fhlaitheis, no ’n Ar-bheinn air an robh flath an t-slòigh a’ gabhail còmhnuidh, bha ’m bàrd a meas gu ’n robh làn chòir aig air a bhi leo sin. Tha e coltach gu ’n robh a’ bheachd cheudna aig Oisein, ’n uair a bha e-fein agus an Cleireach a labhairt mu nithe spioradail. “Cò” ars’ Oisein, “a bhiodh airidh air flaitheis Dé mur a biodh e aig uaislibh na Feinne.”
Mar a thuirt mi roimhe, tha e coltach nach robh aobhar dochais air fhàgail aig gealtairean, agus daoine suarach ach ionad na truaighe. Agus cha b’ e idir teas agus losgadh an ionaid sin a bha cur eagail air na seann Ghaidheil, ach fuachd agus fluicheachd. Tha bàrd àraidh nach robh ’g a dheanamh fhéin cho cinnteach a eilean fhlaitheis ’s a bha ’m “bàrd aosda,” a toirt a bheachd fhéin air an ionad sin:—
“ ’S beag orm ifrinn fhuar, fhliuch,
Aite bith-bhuan is searbh deoch.”
Tha bàrd eile tha e coltach, aig an robh beagan amharuis gur’ dòcha gu’m b’ e an t-ionad sin a chuibhrionn fhéin air deireadh na cuise, ag innse cho beag tlachd ’s a bha aige aghaidh a chur air a leithid a dh’ aite:—
“A thìr nam pian gun bhiadh gun bhàigh,
A dhol a’ d’ dhàil b’ e sud mo dhéisdinn.”
Ach ann an co-dhùnadh ceadaichidh sibh dhomh a radh gu’m bheil moran de eòlas luachmhor a dh’ fhaodamaid fhoghlum bho eachdraidh ar sìnnsir. Tha moran ann an cainnt agus ann an eachdraidh ar sìnnsir a tha airidh air a chumail air chuimhne. Agus bu chòir dhuinne mar Ghàidheil, agus mar chomunn Gailig ar dichioll a dheanamh ann a bhi ’g aiseag cliù agus cainnt ar sinnsir gun mhasladh, gun truailleadh, mar a fhuair sinn iad, sios do ’n ghinealach a tha teachd ’n ar déigh.
Agus ’n uair a thig ar crioch, ge b’ e Flath-innis no ’n Ar-bheinn air am bheil na bithean is àirde, is sona, agus is gloirmhoire, a’ gabhail còmhnuidh, gu ’m bi ar caithe-beatha anns an t-saoghal-so a’ toirt aobhar dòchais dhuinn gu ’m bi ar cuibhrionn shiorruidh againn leo sin.
Tha an Reiseamaid Dhubh a nise ochd fichead us seachd (167) bliadhna dh’ aois. Bha cuirm mhor aig na h-oifigich ’s aig uaislean eile ann an tigh-òsda Bhalmoral an Dun Eideann, air an darra latha fichead dhe’n mhios a chaidh, co-ainm an latha air ’n do thogadh an Reiseamaid an toiseach.
’Se McKinley an 25mh ceann-suidhe a fhios aig na Stàitean. Latha no dha mu’m bi e air a chur dh’an dreuchd bidh e 52 bliadhna dh’ aois.
[Vol . 5. No. 20. p. 7]
Litir a Manitoba.
FHIR DHEASACHAIDH FHIUGHAIL, —Ma’s e ur toil e, tha guth beag agam ri labhairt ann an cluas MHIC-TALLA. Oir ged nach eil mi féin agus esan min-eòlach air aon a chéile fathast ’s math a b’ aithne dhomhsa a sheanair nuair a bha mi a m’ bhallach a buachailleachd chruidh ’us chaoraich eadar a Bheinn-bhuidhe agus Bealach-nan-Carn, far am b’ àbhaist do Dhomhnull-nan-Oran a bhi seinn a chruit-chiùil, agus do Mhàiri Chaimbeul a bhith tionndadh ’s a tiormachadh cheap airson a gealbhan a chumail beò ’s a bhothan bheag far am minic a dh’ ith mise bonnach, agus mar sin air aghaidh. Seadh, tha mi an geall air mo ghob fhaotainn ann ad’ chluais a dhuine chòir. ’Bheil fhios agad gu robh comh-chruinneachadh mor de Ghaidheil aig a Chuirm-bhliadhnail a bha air a cumail anns a bhaile so anns an Talla ùr air feasgar Di-luain s’ a chaidh? Bha suipeir mhath, bhlàth, aig na seòid am beul na h-oidhche, agus nuair a bha h-uile sgròban air a lionadh le feòil ’us sithionn, agus iomadh biadh blasda, shuidh an t-Urramach Mr. Gollan anns a cathair agus ann am priobadh na sùla bha piob mhor nan dos a nuallanaich air an ùrlar, agus thoisich a chaithream, a dhuine. Bha mhaighdean uasal Nic Illeathain as an Ard-bhaile-mhor air a sgeadachadh le sìde geal mar shneachda o làr gu mullach, agus i cho binn ri smeòraich ’sa mhaduinn chéitein, a seinn Beurla agus Gàilig. Nighean nam beannachd, agus brod na bana-Ghaidheil! Cha ’n eil òranaiche eile ’san dùthaich so coltach rithe. Ach stad, eadar thu féin ’s mi fhin, nach d’ rinn fear do na ballaich againn òran dith, agus gu cinnteach ’s i fhèin a choisinn e, agus gu ma fada beò i agus ceò bharr a taighe! Bha coignear mhinistearan againn a labhair gu suilbhir, sùrdail, briathran iomchuidh, agus a h-uile fear a stri gu cruaidh ri bhi dearbhadh a dhaimh do na Gàidheil. Sud far an robh an t-agairt air càirdeas! ’M fear nach robh Gailig aig a sheanair bha i aig a sheanamhair; ach ’s beag leam fein sealgair gun ghunna, ministeir gun ghràs, agus Gàidheal gan Ghàilig. ’Nuair a dh’ éirich an searmonaiche Mac Illeathain, fear teagaisg nan Croitearan dlùth dhuinn fein, thug e seachad òraid ann an Gàilig bhinn, bhlasda, nach robh riamh ann an cleamhnas, no ann an cliamhuinneas ri teanga choimhich. Sud far an robh an oidhche, oir ged bha cur us cathadh ann a dhalladh duine gun sùilean bha ’n talla cho làn ri ubh. Thug a phiob mhor ’s na h-òrain, agus a Ghàilig a mach iad. Tha da choimhthional an so ri taobh a chéile far am bheil an t-seann chànain a seirm an t-soisgeil a h-uile seachduin. A MHIC-TALLA choir, ’s cinnteach gun cual thusa mun chaillich a bha tairgse “am bonnach beag le a bheannachd, no ’m bonnach mor le a mhallachd.” So dhuitse am bonnach beag so, ’s cuir féin ìm air.
Is mi do charaid dileas,
MAC DHOMHIULL BHREABADAIR.
Fairhall, Man., 4, 11, ’96.
Bathar Tioram.
20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir.
Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3 .25.
Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na th’ againn gle shaor.
IAIN A. Mac COINNICH & CO.
McDonald Hanrahan & Co,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;
So a Mhic!
Ciamar a tha d’ Uaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, their e gu
Rhodes & Gannon,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c., Mainspring ,75c. An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.
CARADH
Uaireadairean.
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.
Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar uthcha tha ’nar beachd
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.
Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .,
SIDNI, - - C. B.
[Vol . 5. No. 20. p. 8]
Oran Gaoil.
LE UILLEAM ROS.
Tha mi fo mhighean san am,
Cha’n olar leam dram le sunnd.
Bha duil agam tuiteam ad dhail
Nam fiosraicheadh cach mo ghrunnd,
Cha b’ iul domh ri ’faicinn air sràid
An cailin bu tlaithe suil
Na ’n leannan a bh’ agam dhomh fein
’S e do mhacnus a b’ eibhinn lium.
’S e do mhacnus a b’ eibhinn lium
’Nam eirigh gu h-ur a m’ shuain.
Chan fheil mi gam fhaireachdainn slan,
’S e do thuras a dh’ fhag mi truagh.
’S lionmhor bord air ’n do chuir mi a sios
Do chomhradh a b’ fhiach ’thoirt bhuat.
Tha mise gun cheangal o’n chlèir
’S ghabh thus’ an ratreut air chuan.
A ghruagach bha uasal nad bheus
Ged ghabh thu’n ratreut air chuan,
Cha do lughdaich sud bonn de mo speis,
Ged thug e mo cheile bhuam.
An ni sin a dh’ ordaich Mac De
Gun dig e gu feum ri uair,
Gheibh gach fleasgach an te tha ’n dan
’Thoirt dha sòlais no craidh na chuairt.
Gach aon duine chluinneas mo chàs
Tha ’cur air mo nadar fiamh,
Ag radh nach h’eil annam ach bard
S nach cinnich leam dàn is fiach.
Bha mo sheanair ri paigheadh a mhail,
S bha m’ athair ri aiteach riamh,
Is chuireadh iad gearainn an crann
Is ghearainn-sa rann roimh chiad.
Cha duisgear leam ealaidh air aill,
Cha chuirear leam dàn air doigh,
Cha togar leam fonn air a chlàr,
Cha chluinnear leam gair’ nan og,
Cha dirich mi bealach nan ard
Le suigeart mar bha mi ’n tòs;
S ann thriallas mi chadal gu brath
Do thalla nam bard nach beo.
Ach, a dhaoine, cha b’ aobhar dhomh tòir
Nam faighinn i ’n còir dhomh fhin;
Cha d’ fhas orm mo chabair cho ard
’S nach faighteadh dhomh samhladh ’s tir.
Ni bheil mi mar udlaich’ air spreidh,
Mar fhear nach dug speis do mhnaoi.
’S e ghruagach dhol bhuam chuir mi ’n eis
S gur a fad’ tha mi fein ga caoidh.
Oran.
Dh’ eirich ni moch,
Na ho i o hi o,
Maduinn dhruchda,
Na hi iu ri ri bhi o,
E ho ro bh’ èile
Na ho i o hi o.
Chunnacas bata
Falbh gu siubhlach.
S dol timchioll
Rugha ’n Dunain.
[ ? ] e mo leannan
Bha ga stiuireadh.
Cas gu freasdal,
Lamh gu stiuireadh,
Dh’ aithnicihnn t’ fhaileas
S a chuan du-ghorm.
Fhir ’bhroillich ghil,
Thug mi run dhuit.
N dig thu ’n nochd?
Am bi mo dhuil riut?
N dean mi n dorus
Ort a dhùnadh?
’N dean mi ’choinneal
Bhàn a mhuchadh?
’S beag an t-ait
An deanainn rum dhuit.
Laoidh.
Nis tha ’n latha seachad,
’S feasgar ’ciaradh nuas,
’S nèula tiugh na h-oidhche
Anns an iarmailt shuas.
Nis tha ’n dorch’ a laidhe,
’S rionnag air an spéur;
’S tha luchd-tàimh na coille
’Dol mu thàmh gu léir,
Iosa, thoir do ’n ànrach
Cadal fallain, ciùin;
Sùilean beag’ do leinibh,
Le do bheannachd dùin.
Aislingean gun bhuaireas
Deònaich fhéin do d’ uain;
Coimhid an luchd-mara,
Mach air uchd a’ chuain.
Beannaich dream tha faire
Muinntir thinn ’s fo shian;
Dream tha ’n ti air droch-bheart,
Gleidh o ’m peacadh dian.
Ré na h-oidhche faide,
Sgaoileadh d’ ainglean naomh’
Sgiathan geala tharainn,
’S faireadh iad r’ ar taobh.
’S nuair a thig a’ mhadainn,
Eiream leas a’ ghréin,
Urail, glan, ’s neo-lodhdach
Ann ad shùilean fhéin,
Cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA. Gheibh thu e gu deireadh na h-ath bhliadhna air son dolair. Bu chòir do gach duine, bean, us pàisde a leughas Gàilig a bhi ’ga ghabhail. Cuir ’ga iarraidh ma ta gun dàil ’s cha bhi ’n t-aithreachas ort.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MHAC-TALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean.
NUAIR THEID THU ’BHADDECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram, Bathar Cruaidh
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile.
An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.
STOR UR TAILLEARACHD
ANN AN
StorW . E. Peters.
Aodaichean Matha dhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.
Theid sinn an urras air an obair.
MacCoinnich & Co.
Sidni, C. B.
Bheir mi NEAPACAIN BRIAGHA SIODA
An Nasguidh
Do gach aon a cheannaicheas fiach DOLAIR de bhathar uam. Thig gun dail agus
FAIGH FEAR DHIUBH.
THA AM BATHAR CHO SAOR ’SA GHABHAS
Bathar Math Faighinn.
D. J. DOMHNULLACH.
title | Issue 20 |
internal date | 1896.0 |
display date | 1896 |
publication date | 1896 |
level | |
reference template | Mac-Talla V No. 20. %p |
parent text | Volume 5 |