[Vol . 5. No. 21. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 28, 1896. No. 21
Mo Sheann Chruit-Chiuil.
Fair a nall mo sheana chruit-chiuil,
Fair thugam i gun dàil,
Oir feumaidh mi dan eile ’sheinn
M’an triall gu léir mo chail,
’S mo lamh dhuibh nuair a sheinneas mi,
Sin fonn a dh’éireas leinn;
Se tir nam beann ’us tir nan gleann
An tir is anns’ leam fein.
Dh’ olainn cuach do thir nan cruach
Le caithream uallach cleith!
Tha’m fraoch a’ luasgadh air a’ bheinn
’S nam leum thar bharr nan cas;
Tha h-uillt a’ seinn air saors’ an fhuinn,
Troi ’n taom an steud shruth’ bras.
Se ’n tir ma ’n iadh an lear, mo sheoid!
An tir da mò mo speis;
Se tir nam beann ’us tir nan gleann,
An tir is annsa leinn;
Dh’olainn cuach do thir nan cruach,
Le caithream uallach cleith!
Tha’n cluaran dosrach air an fhaich’
An d’ tharaing Wallace lann;
San d’thug e fuil a namh’ ma shliabh
A dhath a liath-bhrait ann;
Sa sealltuinn dha san iar, mo sheoid!
Gun d’ sheinn e’n t-oran treun;
Se tir nam beann ’us tir nan gleann
An tir is anns’ leam fein;
Dh’olainn cuach do thir nan cruach
Le caithrean uallach cleith!
Glan speuraibh aillidh dhuthcha cein,
Tha sgaoilt’ os cionn na traill;
Thoir dhomh-sa tir a cheo ’s na saors’,
San aobhach guth nam bard;
An tir a dh’eisd ri Oisein binn
A seinn air Suinn na Feinn.
Se tir nam beann ’us tir nan gleann
An tir is annsa leinn;
Dh’ olainn cuach do thir nan cruach
Le caithream uallach cleith!
Ead. leis a Bhard Luideagach.
Cleachdaidhean Gaidhealach.
(Air a leantuinn.)
Bha creideimh làidir aca ann am buidseachd, ’s ann an cronachadh. Na ’m fàsadh beothach tinn ’s ann air a chronachadh a bhiodh e, agus chuirte fios air seann chaillich a dheanamh eòlais a chronachaidh do’n bheothach a bhiodh tinn. Bhiodh an t-seana bhean bhochd sin ri saothair mhor am feadh ’sa bhiodh i ’deanamh an eolais. Bha làn chreideamh aca gu’n rachadh am beothach na b’ fhearr ’nuair a dheante ’n t-eolas dha, agus mar bu trice thachradh gur ann mar sin a bhitheadh, agus theireadh iad:— “Nach ann agamsa bha ’m feum air Mairi Bhàn a dheanamh an eòlais do’n mhart agam, a chronaich Uilleam Mor ’n uair a chaidh e troinh ’n bhuaile agam an la roimhe.” “Och us och,” theireadh iad, “nach ann aig a bhéist a bha ’n droch shùil.” Bhiodh an toradh ’ga thoirt as a bhainne gle thric; chaidh cuid-eigin troimh ’n bhuaile an àm bleoghan a chruidh, chunnaic e am bainne, agus thug e leis an toradh. Cha tigeadh mir ime as an uachdar ged a bhiodh iad ’ga mhaistreadh fad seachdain. Dheante fios a chur air fear-eòlais gus am maistreadh a dheanamh, agus ’nuair a thòisicheadh am fear sin air a churn, theireadh e ri bean-an-taighe, “Nis a bhean, na gabh eagal nuair a bhios mise ullamh,” agus bhiodh e mar a theìreadh e; ’nuair a bhiodh e ullamh, bhiodh an curn lan ime dh’ ionnsuidh a bheòil, toradh tri no ceithir a thrathan a chaidh seachad air an toirt air ais.
Ach feumaidh mi stad; thuirt mi gu leòr cheana, ’s cha bu mhath leam gu’m biodh e air innse ann an Gat, no air a chur an céill an sràidibh Ascelon, gach cleachdadh a bh’ aig na daoine còire bho’n d’ thàinig sinn. Agus tha mi an dòchas nach eil seòrsa sam bith eile is urrainn an litir so a leughadh, oir cha bu mhath leam gu’m biodh na dh’ ainmich mi aca ri thilgeadh oirnn. Ma thuirt mi ni sam bith nach eil ceart, tha mi toirt cead do neach sam bith mo chur ceart.
Bheir mi naigheachdan an àite dhuibh an ath uair, agus leigidh mi le “gu math” a bhi gu math—Slàn leibh an nochd. Is mi do charaid mar a b’ àbhaist,
IAIN MAC GILLEASBUIG.
Priceville , Ont.
APriceville , Ontario.
Tha mi ’faicinn nach robh rùm agaibh air son mo litir mu dheireadh a chur sios aig aon àm, agus le sin feumaidh mi bhi na’s giorra an dràsda.
Bha side bhriagha againn fad miosOctober; bha i tioram, ach a reir coltais cha bhi i fada mar sin. Fhuaireadh cruinn gach seòrsa barra, agus a nise thatar gu bhi ullamh de ’n tuirneap. Bha bàrr math dhi anns an àite so am bliadhna. Bha ’m buntata gle mhath; tha e reic air 25c agus 30c am pochda. Tha pris an fhlùir air eiridh dolair am barailte, ach tha e a’ tuiteam beagan a nis. Tha peasair a reic air 40c gu 45c am buiseal, agus an coirce air 20c gu 22c. Tha spréidh gu math saor; da-bhliadhnaich a reic air son eadar $10 us $15 an ceann, agus crodh bainne eadar $15 us $25 an te. Cha’n eil e furasda obair fhaotainn mu’n àm so dhe’n bhliadhna, agus tha e gle dhuilich do dhaoine bochda beòlaind a dheanamh. Ach cha do bhàsaich duine riamh ’san àite so leis an acras, agus tha mi ’n dochas nach bàsaich am bliadhna.
Tha cuid air pòsadh ann an so bho’n sgriobh mi ugaibh roimhe. Chunnaic mi banais a dol troimh ’n bhaile an la roimhe, agus na’m biodh na fir òga uile nan dleasanas dheanadh mo charaid urramach, Maighstir Domhnull Mac Leòid, iomadh “coig dolair” orra mu’n rachadh an geamhradh seachad. Tha gu leòr de bhaitsilearan ann a dh’fhaodadh a bhi nan seanairean roimhe so, ach tha iad fhéin an dùil gu bheil iad òg gu leòr gu pòsadh fhathast, ’s ma’s fhior dhaibh féin, cha’n eil te sam bith math gu leòr dhaibh. Nach iad fhéin na bodaich ghòrach!
Bha ’n t-urr. D. Mac Coinnich, á Ceap Breatuinn a searmonachadh againn ’san eaglais Chléirich an so da Shàbaid an deigh a chéile. Shearmonaich e aig a Chomanachadh. Tha Gàilig mhath aige, agus dh’ fhaodadh gu leòr a bhi mach ’ga éisdeachd, oir tha gu leor de Ghàidheil ’san àite. Ach tha moran diubh nach eil gle dheigheil air a bhi ’g éisdeachd na Gàilig. Cha bhi ’n ùine fada, tha mi creidsinn, gus am bithear a sgur ’ga searmonachadh anns an àite so, ged is mor an call e. Ach fhad ’sa bhios Dùghall Mac Gilleain beò cha teid stad a chur oirre, ged is math a theid aige air òraid Bheurla dheanamh ’nuair a thogras e-fhéin, ’S coingeis le Eachunn Mac Fhionghain Beurla no Gàilig; tha e gabhail MHIC-TALLA ’s cha dean math dhomh a bheag a ràdh uime no bheir e na cluasan dhiom air son ’ainm a chur ’sa phaipeir. Ma dh’ fhaodte gu bheil e càirdeach do,n fhear-dheasachaidh, agus ma tha, gu dearbh cha toir sin di-meas sam bith air an fhear-dheasachaidh.
Di-ciaduin s’a chaidh bha ’n t-Urr. Domhnull Mac Leòid aig tòradh roimh mheadhon latha, agus air pòsadh an deigh mheadhon latha.
Tha beagan sneachd againn o chionn da latha, ach tha cuid a treabhadh fhathast. Cha sgriobh mi ’n còr an dràsda, Oidhche mhath leibh.
IAIN MAC GILLEASBUIG.
Nov. 12, 96.
NA BAIRD GHAIDHEALACH. —Cuirear an leabhar so gu duine sam bith a chuireas air adhart 35c., no tri airson dolair.
[Vol . 5. No. 21. p. 2]
CALLUM-CILLE.
Cha ’eil teagamh sam bith nach b’ ann ’s a’ chreideamh Chriosduidh a bha na cinn fheadhna a dh’ainmich sinn, agus an luchd-leanmhunn air an togail suas. Ach cha tug iad oidhirp sam bith air an deadh sgeul a chraobh-sgaoileadh a measg nan treubhan a bha mu’n timchioll. Cha robh ni air an aire ach an saoghal a chothachadh, ged a dh’ fheudas e bhi ’am freasdal an Tighearna gu ’n robh iadsan a thighinn do Alba ’na mheadhon air a bhi a’ réiteachadh an rathaid roimh an duine mhaith a rinneadh ’na inneal an soisgeul a thoirt do eileanaibh ’us tir-mòr na h-Alba, a bha ’s an àm ud fo dhorchadas na Pàganachd. B’ ann ’s a’ bhliadhna 563 a thàinig Callum-Cille ’nall á Eirinn do thaobh ’s iar Alba, le dà fhear-dheug de luchd-leanmhuinn ionmhuinn, a bha mar dheisciobluibh aige, ’s mar luchd-cuideachaidh, a’ searmonachadh do’n t-sluagh a thainig e ’theagasg. Bha Callum-Cille féin ’na dhuin’ òg, ’an tréin’ a neirt an sin, mu dhà fhichead bliadhn’ a dh’aois, ’na dhuine fòghluimte, a réir an tomhais eòlais a bh’ aig daoinibh ’s an àm ud, ’an dluth dhàimh ri aon de theaghlaichean rioghail Eirinn, agus do’n righ Conall, de shliochd Fhearghais a bha ’rioghachadh ’an taobh ’s iar na h-Alba ’san àm ud. Roghnaich Callum-Cille eaglais ’us àite tàimh a chur suas air a shon féin ’s a luchd-leanmhuinn ’an eilein beag air culthaobh Mhuile, ris an abairte I, agus o’n uair ud, I Challuim-Chille, a thug an righ dha, a réir barail cuid, mar shaor-thiodhlac. Cha robh cheud eaglais a chuireadh suas ach beag ’us suarrach, ach ’an déigh sin chuireadh eaglais a suas ris an abrar Abaid, aig a bheil mìrean de ’n bhalla ’na sheasamh fathast. As an eilean bheag so bha iad air ais ’s air aghart a’ searmonachadh air feadh Alba gu h-iomlan. B’ e aon de na ceud turuis a rinn Callum-Cille féin a dhol a dh’amharc Bhrìde, righ nam Picteach, aig an robh a lùchairt an taobh-deas Alba. Tha luchd-eachdraidh ag ràdh gu’n do dh’ iompaich Callum-Cille Bride. Co dhiù bha ’s nach robh barrachd ann air na b’ urrainn Callum-Cille ’dheanamh de iompachadh thug an righ làn chead agus, a réir coslais, cuideachadh do na soisgeulaichibh ud an deadh sgeul a chùr an céill anns gach cearna de ’rioghachd. Bha iadsan a’ gabhail a’ chothroim mar a b’ fhearr a dh’fheudadh iad. Bha Collaist aca ’an I anns an robh iad a’ fòghlum theachdairean òga ’s ga’n deasachadh air son searmonachadh an t-soisgeil. Bha na teachdairean so a’ dol tre gach eilean ’us cearna, air sheòl ’s gu’n cual iad uile iomradh air slighe na slàinte.
Bha saothair nan daoin’ ud gu mòr air a beannachadh do’n t-sluagh; cha b’ ann a mhàin ri linn Challuim-Chille fèin, ach ré ùine mhòir an déigh sin. B’ e Cùil-dé-ich a theireadh na Laidinich ris a’ cheud mhuinntir a thréig an iodhalan, agus a dh’ aidich an ùmhlachd do lagh Challum-Chille. Tha caochladh bharailean a measg luchd-eachdraidh mu sheadh an fhocail, Cùil déich; ach ’s e ’s coslaiche gur h-e ’n seann fhocal Gàelic, Gillean Dé a th’ann, leis an robh an luchd-dùthcha a’ cur dealachadh eadar a’ mhuinntir ud ’s na bha fathast a’ leantuinn breugaireachd nan sagartan Druidheach. Their na Gàeil aig a bheil eòlas air eachdraidh, Cùildeich riù. Thàinig I Challuim-Chille gu bhi glé mheasail, cha ’n e ’mhàin aig an t-sluagh chumanta, ach mar an ceudna aig righribh ’us luchd-riaghlaidh Alba, ’s Eirinn, ’s na Frainge, dheth am bheil cuid air an adhlacadh ’s an eilean ud. Bha righrean taobh siar Alba ’dol do I gu bhi air an crùnadh a réir deas-ghnàth simplidh nan aman ud. Thug aon de na rìghrean clach phrìseil á Eirinn, ris an abradh iad, Liath-Fàil, air an suidheadh an righ òg ’an am a bhi ’g a chrùnadh. Bha gnàth-fhocal ’n am measg ge b’ e àit’ am biodh a’ chlach so gu’m biodh an sin righ de shliochd nan Sgaothach air a’ chathair. Thugadh a’ chlach an déigh sin do Sgoinne, far am b’àbhaist righrean Alba bhi air an crùnadh. Bhàsaich Callum-Cille ’na sheann duine, agus làn de làithean air an 9mh là de mhìos meadhonach an t-samhraidh, 597, ’an déigh ceithir bliadhna-deug thar fhichead de ’bheatha ’chaitheamh a’ teagasg nan Alb ann ach ann an eòlas air slighe na slàinte. Bha ceangal mòr aige ri I anns an do chaith e’n leth mu dheireadh, agus an leth a b’ fheumaile d’a bheatha. Tha e air a ràdh gu’n do chuir e fàidheadaireachd mu ’n eilean sin ’an dàn mar a leanas:—
“I mo chridhe, I mo ghràidh,
’An àite guth Mhanach bidh geum ba;
Ach mu’n tig an saoghal gu crìch
Bi’dh I mar a bha.”
Thàinig a’ cheud chuid de ’n fhàidheadaireachd gu litireil gu teach o cheann fada, ’s feudaidh e bhi gu’n tig a’ chuid eile gu teach mar an ceudna ’na h-àm. Mhair eilean I mar lòchran laiste agus dealrach leis an t-soisgeul re dà cheud gu leth bliadhna ’an déigh bàis abstoil na Gàeltachd, mar theirteadh ris. Ach ’an toiseach an naoidheamh linn thàinig muir-chreachadairean Lochluinn gu taobh siar Alba le càbhlach lìonmhor, ’s bhiodh iad a’ dol air tìr ’an àite ’s an àite a thoirt leò nan uile nithe ’ghabhadh giùlan, ’s a’ losgadh thighean ’s gach gnè àirneis nach b’ urrainn iad a thoirt leò. Bha iad sud ’n am Pàganaich air nach robh eagal Dé mar nach robh urram aca do dhuine. Chaidh iad air tìr an eilean I mar anns gach eilean beag ’us mòr eile, ’s rinn iad ris a’ chollaist ’s ris an eaglais mhòir, ’s gach tigh àluinn eil’ a bh’ann mar a rinn na Babilonich air Ierusalem, fhàgail na thòrr. Na h-uile ni a ghabhadh losgadh loisgeadh iad, ’s na h-uile ni luachmhor a ghabhadh toirt air falbh thug iad leò. Tha ’n t-eilean mar sin ’na fhàsach gus an là ’n diugh. Tha tearc de luchd-àiteachaidh ann, ach“ ’an àite guth mhanach tha geum bà.” Tachraidh lorgan nan spùinneadairean so ruinn ’an àite ’s an àite fathast, ann ar triall tre eachdraidh na rioghachd.
ALBA NA H-AON RIOGHACHD.
Bha Alba air a roinn ’na trì rioghachdaibh mar a dh’ainmicheadh cheana, eadar na Sacsonaich a deas air uisge na Friù, na Pictich air an taobh ’sear ’s an ear thuath, ’s na Sgaothaich ’an Earraghàel, ’s anns na h-eileanaibh a siar. Mhair iad mar sin ré thrì ceud gu leth bliadhna an déigh do na fiùdhalaich so mu dheireadh tighinn a nall á Eirinn. Bhiodh iad sin uile gu maith tric a’ caigeadh air a’ chéile, gu h-àraidh na Sacsonaich agus na Pictich. Tha eachdraidh a’ deanamh iomradh air iomadh caonnaig fhuiltich eadar an dà bheag-rioghachd so, anns an robh an righ féin air uairibh a’ tuiteam. Ach cha robh aon aca ’deanamh uiread de lagachadh air an aon eile ’s nach robh iad le chéile a’ seasamh. Agus do bhrìgh nach robh buaidh mhaireannach sam bith a’ leantuinn nan cathan ud, ’s nach robh ’bheag de dhealachadh eadar iad ’s na blàir a bha cinn-fheadhn’ an taobh tuath ’s nan eilean a’ cur air a chéile, tha e co maith leum thairis air a’ chuid so de eachdraidh nam Picteach ’s nan Sacsonach; agus da rireadh cha bhiodh foighidin gu leòir aig a’ chuid is lionmhoire de leughadairean gu dhol troimpe ged a bhiodh i air a cur f’an comhair; tha i co troimhe-chéile ’s co neo-oideachail. Co dhiù, feudar innseadh gu bheil iomradh againn ’an eachdraidh air dà fhichead righ a bha os ceann nam Picteach a bha ’tòiseacheadh le Drius, a bh’ air a’ chathair ’n uair a thréig na Ròmhanaich Sasunn, agus a’ crìochnachadh ’s a’ bhliadhna 843. Bha rìghrean nan Sgaothach, aig an robh uachdranachd thairis air taobh ’s iar Alba, ré ùin’ fhada ro dhéigheil air rìoghachd nam Picteach a chur ris an rìoghachd aca féin, agus fadheòidh chaidh ac’ air sin a dheanamh ’s an dòigh so a leanas.
Bha na creachadairean Lochlunnach air an tugadh iomradh cheana an deigh sealbh a ghabhail air cearna fharsuing de Eirinn mu dheireadh an ochdamh linn, ’s ged a chaidh moran fol’ a dhòirteadh ann a bhi feuchainn ri ’n cur air falbh, ghleidh iad an greim air an fhearann riamh, ’s tha ’n sliochd air measgachadh leis a’ chuid eile de mhuinntir Eirinn. Bha dream eile dhiubh mu ’n àm sin an déigh sealbh a ghabhail air roinn mhòr de Shasunn, agus fadheòidh thàinig saighdear ainmeil ris an abrar Cainuit, mac Suen, righ Lochluinn, gu bhi ’na righ air Sasunn. Ach ged a bha iad a’ cur cuairtean air eileanaibh ’s iar Alba, ’s ’a deanamh mòran call’ an sin, cha do chuir iad dragh sam bith air rioghachd nam Picteach an taobh ’s ear Alba gu faisg air meadhon an naoidheamh linn, ’s e sin ’s a bhliadhna 839 no 840. Bha cogadh uamhasach fuilteach eadar na Lochlunnaich ’s na Pictich a’ bhliadhna sin, anns an do thuit Uen, righ nam Picteach, agus Bran, an aon bhràthair a bh’ aige, agus mòran de àrd uaislean na dùthcha. Bha iad co mòr air an lagachadh leis a’ chogadh ’s nach b’ urrainn iad seasamh roimh nàmhaid cumhachdach sam bith eile
[Vol . 5. No. 21. p. 3]
a thigeadh orra. B’e Coinneach, ris an abradh na bàird, Coinneach Cruaidh, a bha ’na righ air taobh ’s iar Alba an uair sin. Mar is tric their luchd-eachdraidh Coinneach MacAlpinn ris. B’e Alpinn ainm ’athar. Phos Eocha, no mar their na Laidinnich, Achaius, athair Alpinn, nighean righ nam Picteach. B’e ainm an righ sin Unguis, agus ainm a nighinn, a thàinig gu bhi na ban-righ aig Achaius, Unguia. Mar so, b’ e Alpinn, rìgh nan Sgaothach, ogha rìgh nan Picteach. Bha Alpinn an dùil gu’m faigheadh e fein rioghachd a sheanar air gach aon chor, ’s gu’n robh a chòir air sin co maith ri còir fir sam bith. Ach chaidh Alpinn a mharbhadh ’s an treas bliadhna de ’rioghachadh ann an siorrachd Ara, far an deachaidh e null le àireamh shaighdearan a’ chreachadh na dùthcha. Thàinig Coinneach a mhac an sin a’ dh’ionnsuidh a’ chrùin ’s a’ bhliadhna 836. Bha Coinneach a’ tagradh còir air rioghachd nam Picteach mar a bha athair, agus air son an aon aobhair. Ach ged a bha teaghlach rioghal an taobh ’s ear nan dlù-chàirdibh dha, b’fhearr leò an rioghachd aca féin no aige-san; cha robh iad idir deònach air a dhol a mach gu esan a leigeadh a steach. Uime sin, o nach faigheadh e ’ni a bha e ’sanntachadh a dheòin, bha e deanamh air son fhaotainn air sheòl sam bith eile. A réir sin, ’n uair a chunnaic e na Lochlunnaich ’s na Pictich a’ dol am badaibh a chéile, an àit’ a dhol a chuideachadh a chàirdean, ’s ann a dh’fhuirich caomhan ’na thàmh, ged a bha fios aige nam buadhaicheadh na Lochlunnaich gu’n tigeadh iad air féin a ris. Ach biodh sin mar a bhitheadh e; b’ fhearr le Coinneach a bhi ’feitheamh an fhàth, cunnart ann no as. Agus ’n uair a chunnaic e gu’n d’fhuair na Pictich a leithid sud de dhroch-laimhseachadh o na Lochlunnaich, ged is ann leò a chaidh, rinn e air son an rioghachd aca a ghabhail dha féin gun dàil. Bha Uen ’us Bran a bhràthair, a thuit an cogadh nan Lochlunnach, agus Coinneach MacAlpinn anns na h-oghaichean. Ach cha robh e fein ’us Ured, an ath neach a ghlac an t-slat rioghail, co faisg sin air a chéile, ma bha iad idir càirdeach d’a chéile. A réir na h-uile coslais ’s e Coinneach a b’ fhearr còir air a’ chrùn na Ured, ’s cha robh na h-uaislean Pictich aindeònach air a ghabhail mar righ. Co dhiù chaidh an cumhachd rioghail a spìonadh á làimh an fhir ud agus a thoirt do Choinneach ’s a bhliadhna 843. Bha mar sin an dà rioghachd air an aonadh, agus an ùine ghoirid theireadh Sasunnaich, tir nan Scotach(Scotland)ris an rioghachd so, ga h-ainmeachadh air an taobh a fhuair àmh an uachdar. Ach theireadh Gàeil riamh o’n uair ud rithe an t-ainm a bha roimhe aice, Albainn, air a ghiorrachadh, Alba. B’e Coinneach MacAlpinn an t-ochdamh righ thar-fhichead a bh’air na Dalriadaich, no na Sgaothach, a thàinig á Eirinn le Fearghas. Bha staid nan Sgaothach ré an trì cheud ’s da fhichead bliadhna anns an do rioghaich an ochd duine fichead ud, gle choslach ri staid nam Picteach féin, agus feudaidh sinn am fàgail as ar déigh leis a’ bheagan a chaidh a radh mu’n timchioll cheana.
Ged a fhuair Coinneach MacAlpinn barrachd cumhachd air na bha roimh’ aige, cha d’ fhuair e barrachd sìth. Bha na Lochlunnaich air fàs ro dhana ’na là-san leis an tomhas de shoirbheachadh air an d’ ràinig iad ’an Eirinn ’s an Sasunn. Tha eachdraidh a’ deanamh iomradh air iomadh ’us iomadh còmhrag a bh’ aige féin ’s aig a shliochd air rìgh-chathair Alba ris a’ phlàigh sgriosaich ud a bha tonn air thonn a’ tighinn á Lochlunn a tuath ’s a deas. Theirear Norainnich(Norsemen)ris na Lochlunnaich a tuàth. Ghabh iad sealbh air Sealtainn ’us Arcu, agus air an àireamh is mo de na h-eileanan a ’s iar, a chum iad aca féin ré uin’ fhada. ’S ann air son na h-eileanan so ’bhi fo riaghladh nan Norainneach a thugadh Innse-Gall orra, an t-ainm a tha aig na Gàeil dheasach ’s na Mòr-thirich orra gus an diugh. Gall, a’ ciallachadh coigreach, Innse-Gall, eileanan nan coigreach. Cha b’e mhàin gu ’n robh na creachadairean ud a’ toirt leò an airgid ’s na spréidhe, bha iad a’ toirt ’nan daoine leò mar thràillibh. Bha margaidhean ’an Lochlunn ’s an robh iad a’ reic ’s a ceannach nam braighdean a thngadh as na h-eileanaibh Breatunnach air an aon dòigh ’s an robh na daoine dubh’ air an reic ’an Stàitibh Deas America o cheann ghoirid. ’S e aon chrann a bhiodh ’s na luingeas aca, agus aon seòl mor ceithir chearnach, ni-eigin coslach ri siùil nan sgothan iasgaich ’s na h-eileanaibh a ’s iar. ’S maith a dh’ aithnicheadh luchd-àiteachaidh oirthir a’s iar ’s a ’s ear Alba an càbhlach a bha’n sud ’le ’n ’cloiginn ghreannach, coslach ri ceann dràgoin, le beul fosgailte, ’s an toiseach mar uchd geòigh air an t-snàmh co fada mach ri’ ghob, ’s dà adhairc fhada, bhiorach iaruinn a mach as an uchd sin beagan os ceann an uisge, gu bhi tolladh nan soithichean a thigeadh a chòmhrag riù; còrr is fichead ràmh fada, laidir a mach as gach taobh dhiubh leis an robh iad ga’n iomradh—iomradh còmladh, agus an deireadh ag éiridh suas gu carraigeach, cuaicheanach, coslach ri earball nathrach, ni b’ àirde na ceann an stiùireadair. Thug iad an oidhirp air righ a chur suas os ceann nan eilean ’s a chuid de’n mhòr-thir air an do ghabh iad sealbh car uine ghoirid, mar a bha Gall-thaobh ’us Cataobh, pàirt de shiorrachd Rois, agus an taobh Muireach. Ach ma chuir iadsan rìgh suas, cha b’ fhada gus an do chuireadh sìos e. Cha do leig righ Coinneach agus an fheadhainn a lean e air a chaithir, tàmh no fois leò gus an d’ fhuadaich iad air falbh o thir-mòr Alba gu h-iomlan iad. Ghléidh iad na h-eileana ni b’ fhaide. A thaobh an dragh a bha na Norannaich a’ cur air righribh Alba ’s an àm so, cha b’ urrainn iad a’ chrioch Albannach a chur ni b’ fhaide deas na bha i o shean; b’e sin uisge na Friù ’us bun amhainn Chluaidh. Chithear an déigh so cionnus a bha dol dhoibh air an làimh sin. Bhàsaich righ Coinneach ann an Fortelist, àrd-bhaile na rioghachd air an t-seathamh là de cheud mhios an earraich ’s a’ bhliadhna 859 an treas bliadhna fichead d’a rioghachadh, seachd bliadhna air taobh ’s iar Alba, agus a tri-deug air Alba tuath gu h-iomlan.
Dh’ fhàg Coinneach mac da ’m b’ainm Constantin, ’us nighean da ’m b’ainm Maol-Muire—ach ghlac a bhràthair, Domhull Bàn MacAlpinn an crùn an déigh a bhàis.—
Eachdraidh na h-Alba.
EILEAN NORFOLK.
Cha mhor dhùthchannan air an t-saoghal anns nach eil sluagh eòlach air giuthas Eilean Norfolk, ach cia meud a smaoinich riamh a cheist a chur, Càite ’bheil Eilean Norfolk, agus ciod a ghnè sluaigh a tha ’còmhnuidh air? ’S e a cheist sin a fhreagairt a tha ’san amharc an àm a bhi sgriobhadh na h-eachdraidh so.
Tha Eilean Norfolk anns na cuaintean a deas, mu cheithir cheud mile bho New Zealand, agus mu naoidh ceud mile bho Astralia. Tha e coig mile a dh’ fhad, tri mile a leud, agus tha dlùth air aona mile deug acaire fearainn ann. Tha e air a chuartachadh le ballachan creige, ris am bheil na tuinn a ghnàth a’ bualadh gu garg. Tha an grunnd cnocach agus torrach; tha iomadh seòrsa a fàs ann, agus ’nam measg tha na craobhan mora giuthais air an d’ thugadh iomradh cheana.
Fhuair Caiptean Cook an t-eilean o chionn sia fichead bliadhna ’sa h-aon air ais; agus seachdain an deigh do Bhotany Bay a bhi air àiteach ’sa bhliadhna 1788 bha buidheann bheag de na ciomaich a bh’ air am fògradh ann air an cur gu Eilean Norfolk. Cha robh ann dhiubh ach naodhnar fhirionnach agus sianar bhoirionnach, maille ri naodhnar oifigeach. Chaidh iad air ball a dh’ obair air àr na talamhainn, agus shoirbhich leotha gu ro-mhath. Uair us uair an deigh sin, shàbhaileadh iadsan a bha air am fàgail ann am Botany Bay o’n bhàs le soithichean an ruigheachd luchdaichte le criothnachd, buntata, agus biadh eile as an eilean bheag so. Bho àm gu àm bha buidhnean beaga de chiomaich air an cur a nall á Astralia, gus, anns a bhliadhna 1793, an robh an sluagh ag àireamh mile agus ochd pearsa. Anns a’ bhliadhna sin, bha da mhile buiseal cruithneachd, leth-cheud tunna buntata, agus roinn mhath de sheòrsachan eile bidh air an togail. Anns a bhliadhna 1803 thainig òrdugh o’n Riaghladh Bhreatunnach gu’m biodh an t-eilean air a thréigsinn. Bha a’ chuid bu mhotha dhe’n t-sluagh an deigh an ùine chur a stigh air aon cionnta eigin agus bha an riaghladh a’ meas gu’m biodh iad nan daoine gle fhreagarrach air son fearainn a thogail air tir-mor Astralia, no an Tasmania. Bha fearainn air an thairgse dhaibh anns na
Air a leantuinn air taobh 158.
[Vol . 5. No. 21. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ‘Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton
SIDNI, NOBHEMBER 28, 1896.
Thatar a deanamh moran siucair air beets anns a Ghearmailt, agus o chionn àireamh bhliadhnaichean air ais, bha riaghladh na dùthcha sin a pàigheadh suim àraidh do luchd-deanamh an t-siucair air son a h-uile punnd a reiceadh iad ann an dùthchannan céin. ’S e bh’ ann gu robh mòran siùcair ’ga chur do dhùthchannan eile, agus a chuid bu mhò dhe a dol do Bhreatuiun. Ach fhuair na Gearmailtich a mach o chionn ghoirid gu robhas a reic an t-siùcair sin moran na bu shaoire ann am Breatuinn na bhathas ’ga reic ’sa Ghearmailt fhéin: gur ann a bha iadsan a pàigheadh moran bhounty air son siùcar saor a chumail ri muinntir Bhreatuinn. Cha bhi iad ris moran na’s fhaide; ach nach iongantach na h-iomrallan a ni daoine, eadhon daoine tha air am meas nan daoine glice.
Cha’n eil ach beagan sheachdainean o’n bha Li Hung Chang air chuairt anns an Roinn-Eòrpa, agus ann an America. Fhad ’sa bha e air a chuairt bu toil leis gach duine, iseal us uasal, urram a chur air mar àrd-theachdaire o Shina, an dùthaich a’s sine eachdraidh de dhùthchannan na h-àirde ’n ear air fad. Ach air dha an tigh a ruigheachd tha e coltach nach do chuireadh urram sam bith air. Thionndaidh an teaghlach rioghail, d’ an robh e ’na sheirbheiseach cho dileas, ’na aghaidh, agus tha fathunn a nis air tighinn gu bheil e dol a leigeil a dhreuchd uaithe, ’s a’ dol a chur a chuid eile de làithean seachad mar dhuine aig nach robh gnothuch ri cùisean-riaghlaidh rioghachd riamh. Cha’n eil ann an urram agus an onair ach nithean a tha gle chaochlaideach.
Ghleidh boirionnach anns na Stàitean coig mile dolair ann an geall gu’m biodh Mc-Kinley air a thaghadh, agus a nise tha i roinn an airgeid sin air na bochdan. Na ’n deanadh luchd nan geall mar sin daonnan, theagamh nach biodhte ’g radh na h-uiread ’nan aghaidh.
Tha e air a radh gu bheil fear de lighichean fòghluimte na Roinn-Eorpa an deigh leigheas fhaotainn do’n luibhre. A lion beagan us beagan, thatar a’ faotainn buaidh air na h-euslaintean a’s marbhtaiche, agus cha’n fhada gus am bi beatha ’n duine moran na’s cinntiche na tha i. Cha robh dùil o chionn bliadhna no dha air ais gu robh dòigh ann air an gabhadh an luibhre leigheas, ach tha e niso coltach gu bheil. Thatar a’ feuchainn o chionn iomadh bliadhna ri leigheas fhaotainn do’n chaitheamh agus ged nach d’ fhuaireadh e fhathast, tha dòchas laidir aig an fheadhain a’s fhearr fios nach fhada gus am bi e air fhaotainn.
Tha aig na Sineich air réir coltais n fuireach aig an tigh, air neo paigheadh gu daor air son cead falbh. Tha na Stàitean an deigh na dorsan a dhùnadh orra o chionn àireamh bhliadhnaichean, tha Canada a toirt air gach aon dhiubh a thig air a criochan-se leth-cheud dolair a phàigheadh, agus tha sinn a’ leughadh gu bheil pàrlamaid New Zealand an deigh bacail dhaibh tigh’n dh’ an dùthaich sin idir. Cha’n eil teagamh nach eil na Siniech gle dhraghail, ach ’s gann gu bheilear a déiligeadh riutha cho math ’s bu chòir.
Cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA. Gheibh thu e gu deireadh na h-ath bhliadhna air son dolair. Bu chòir do gach duine, bean, us pàisde a leughas Gàilig a bhi ’ga ghabhail. Cuir ’ga iarraidh ma ta gun dàil ’s cha bhi ’n t-aithreachas ort.
A Malagawatch.
Bha an t-àite so air àiteach le Gaidheil a thainig a nall á Alba, agus ged a tha iadsan air a dhol an taobh a theid na h-uile bheò, tha an sliochd a’ còmhnuidh ’nan àite, agus tha gach ni a’ dol air adhart mar ’sna bliadhnaichean a dh’ fhalbh. Tha a Ghàilig air a labhairt ’s air a searmonachadh cho math ris a Bheurla. Tha ministeir suidhichte againn an dràsda, an t-Urr. Maighstir Ròs, a bha aon uair ann am paraisde Hogomah. Tha e ’na shearmonaiche math, agus gle dhichiollach ann a bhi taghal nan teaghlaichean a tha air a chùram. Tha sinn a guidhe soirbheachadh math leis.
Tha MAC-TALLA ’gar ruigheachd uair ’san t-seachdain riamh o’n thòisich e air tigh’n a mach an toiseach, agus tha e gle mheasail againn. ’Se gle bheag Gàilig a leughainn fhin ’nuair thainig e ’n toiseach, ach an diugh cha’n eil ach gann facal ann nach leugh mi.
Tha guth an turtuir ri chluinntinn anns an tir, agus cha ruig duine leas a bhi ’na fhàidh gus fhaicinn gu bheil gluasad am measg “chnamhan tiorma,” ach tha moran ann a tha deanamh tàire air latha nan cothroman, ni a tha air a dhearbhadh leis an àireamh mhor chaileagan a tha air a dhol air ais do na Stàitean. Ach tha sinn toilichte fhaicinn gu bheil cuid air fàs sgith a fuireach leotha fhéin.
GILLE.
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
SIDNI, - - - C. B.
F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn.
Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.
Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air.
Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.
Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c , &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.
Tha e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin.
Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.
Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.
Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Illemhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitche’s Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh a chur air falbh, Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.
[Vol . 5. No. 21. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Rinn dithis dhaoine ann an Sidni Tuath iomlaid each o chionn ghoirid, agus beagan ùine ’n deigh dhaibh sin a dheanamh, bhàsaich an da each.
A sheachdain gus an dé bha Mr. Laurier leth-cheud bliadhna ’sa cóig a dh’ aois. Rugadh e ann an St. Lin, an Cuibeic, air an 20mh latha dhe ’n gheamhradh, ’sa bhliadhna 1840.
Bha stoirmeannan sneachda agus tuiltean aca ann an Columbia Bhreatunnach air an t-seachdain s’a chaidh. Bha na carbaid-iaruinn air an cumail air ais gu mor leis cho doribh ’sa bha ’n t-side.
B’e Dior-daoin s’a chaidh Latha Taingealachd. Bha na stòraichean uile dùinte, agus bha seirbheis ann an tri de na h-eaglaisean. Bha na Methodaich, na Baistich, agus na Presbyterianaich ann an eaglais St. Andrews.
Bha beagan sneachd againn toiseach na seachdain, agus fad latha no dha bha na sleigheachan gle shiùbhlach. Ach thug an t-uisge ’s am blàths air falbh e, agus tha aig daoine ri ’n cuid siubhail a dheanamh le carbadan, air neo fuireach aig an tigh.
Bha iasgach an rionnaich air an fhoghar so glé fhad air ais ann an Ceap Breatunn, agus tha iadsan a bha ’g earbsa ris air son teachd-an-tir air am fagail ann an droch shuidheachadh. Tha moran theaghlaichean timchioll air Arichat ’s air St. Peter’s aig nach eil ma seach na bheir troimh ’n gheamhradh iad.
Cha’n eil, a reir colthais, teagamh sam bith nach eil lathaichean matha a’ dol a thigh’nn air Loch Ainslie. Thatar a’ cur mu dheibhinn tòiseachadh air tolladh air son na h-olla m’a timchioll aon uair eile. Bha duine á Boston a bhos o chionn ghoirid, agus thug e leis pàirt dhe’n stuth a bhatar a faotainn anns na tobraichean a chaidh a chladhach o chionn fada, agus ma theid a dhearbhadh gu bheil e cho math ’s a tha esan an dùil cuirear an obair air adhart gun dàil.
Bha eas mor Niagara, riamh o’n fhuaireadh e an toiseach, ’na ioghnadh do’n t-raoghal, air son a mhaise ’s a mhoralachd nàdurra, ach cha d’ thugadh ionnsuidh riamh air a chur gu feum dhaoine gus am bliadhna. Ach a nise thatar ’ga ùisinneachadh air son electricity a dheanamh, agus tha ’n t-eas an diugh a’ cur air obair nan innealan a tha ’cumail soluis ri baile Bhuffalo, a tha seachd mile fichead uaithe, agus an ùine gun bhi fada bithear a cur carbadan-sràide a bhaile sin air falbh leis.
Chuir duine ann an Annapolis, N. S., air falbh ochd barailtean deuga de dh’ ùbhlan matha do Bhoston, agus cha d’ fhuair e air an son ach ceithir dolair gu leth. Chosg na barailtean ’s an cur air falbh còrr us naodh dolair dha, agus tha e mar sin a dhith nan ùbhlan agus còrr us coig dolair de dh’ airgead. Tha e air a radh gu’n do chuir duin’ eile coig ceud barailte do Shasuinn, agus nach d’ fhuair e ach aon leth-dolair air chùl na phàigh an cosguis a null. A reir colthais cha robh moran buannachd anns na h-ùbhlan air an fhoghar so idir.
Cha’n fhada nise gus am bi Nollaig us Bliadhn Ur a teannadh oirnn, agus mu’n àm sin de ’n bhliadhna bi’dh daoine a tòiseachadh air a bhi cridheil, sunndach. Tha sinn an dòchas co-dhiu nach teid iad cho fad air adhart le ’n cridhealas ’s gu’n dean iad dearmad air an càirdean—MAC-TALLA measg chàch. Air eagal gu’n dean iad sin ’s coir dhaibhsan a tha ’dol a chur a dh’ iarraidh MHIC-TALLA as ùr, no a tha ’dol ’ga phàigheadh air son bliadhn’ eile, an gnothuch sin a dheanamh gun dàil. Bidh sinn a sealltuinn a mach air son an t-seòrsa sin na h-uile latha. Iadsan a tha ’gabhail MHIC-TALLA cheana, ’s aig am bheil e pàighte, cha ruig iad a leas so a leughadh idir.
Tha tri bocsaichean-litreach ri bhi air an cur suas anns a’ bhaile, air son gu’m bi e na’s fhusa dhaibhsan a tha fada bho’n oifis litir a chur air falbh. Tha aig Comhairle a bhaile ri radh càite ’n teid an cur. ’S fhada o’n bha ’m baile feumach orra.
Bha a choinneamh bhliadhnail aig a’ Chomunn Chaledòineach oidhche Di-luain s’a chaidh. Bha na h-oifigich a bh’aca air a bhliadhna s’a chaidh air an cur a stigh a rithist. Tha dinneir gu bhi aca oidhche Di-luain s’a tighinn, latha Naomh Andrais.
Chaidh seachd ceud us sia mile, ceithir cheud us seachd (706,407) tunna guail a chur suas Amhuinn St. Lawrence á Nobha Scotia ’s à Ceap Breatunn air a’ bhliadhna so. Tha so gle fhaisg air tri fichead us deich mile tunna a bharrachd air na chuireadh suas an uiridh.
Chaidh tri maidean mora giuthais a thoirt a nall á Columbia Bhreatunnach o chionn ghoirid. Tha iad tri fichead troigh ’sa deich a dh’ fhad, agus mu thri throighean trompa. Chaidh an toirt air rathad-iaruinn gu Cuibeic, agus as a sin gu Portland, am Maine, as deigh bàta-smùide. ’S fhiach na maidean tri cheud deug dolair am fear.
Tha soitheach ùr a nise ruith eadar Pictou agus Baile-Shearlot, an àite na St. Lawrence a bha air an astar sin o chionn àireamh bhliadhnaichean. Chaidh a togail ann an Alba, agus tha i ochd fichead troigh ’sa coig a dh’ fhad, agus ni i tri mile deug gu leth ’san uair. ’S e ’s ainm dhi am Princess. Rainig i Baile-Shearlot a sheachdain gus an Di-ciaduin s’a chaidh.
Chaidh boirionnach òg gu pears-eaglais ann a’ Halifacs aon latha air an t-seachdain s’a chaidh, gu bhi air a pòsadh, ach ged a thainig ise ’s a cairdean cha d’ thainig fear-na-bainnse air lom idir, agus cha deach am pòsadh a dheanamh fhathast. Cha d’ fhuaireadh sgeul air an fhear ris an robh iad a feitheamh o’n uair sin. ’S e ’s dòcha gu’n d’ fhag e ’n dùthaich.
Cha’n eil teagamh sam bith nach eil an t-òr gu math pailt ann an Cheticamp. Tha gach duine ’s urrainn a feuchainn ri lease a thoirt a mach ann, agus cha mhor gu bheil acaire fearainn nach eil air a ghabhail mar sin cheana. Thairg cuideachd ann an Lunnainn tri fichead mile dolair do aon duine air son a chòir, agus cha chuala sinn gu’n do ghabhadh an tairgse. ’S math an gnothuch sin, ma mhaireas e.
Tha na robairean a’ fàs gle dhalma ann an Vancouver. B. C. Bha mu fhichead duine air an stad leotha o chionn ghoirid ’s air an spuinneadh de na bha dh’ airgead air an siubhal. Chuir aon duine ’nan aghaidh, agus chaidh losgadh air. Tha sinn an dòchas nach leigear leis an obair ud a dhol na’s fhaide air adhart. Tha e dona gu leòr a leithid a bhi tachairt anns na Stàitean, gun iad a thòiseachadh air ann an Canada.
Chaidh duin’ òg d’ am b’ ainm Iain Buchanan, mac do Thearlach Buchanan, ann an Sidni Tuath, a mharbhadh a sheachdain gus an raoir, le tuiteam do sheileir na stòr anns an robh e ’g obair còmhla ri athair. Bha e leis fhein aig an àm. Tha e coltach gu robh e dol sios dh’ an t-seileir; bha an staidhear gle chas agus thuit e ’n comhair a chinn. Bha e beò gu sia uairean an ath latha, ach bha e gun chainnt. Cha robh e ach seachd bliadhna fichead a dh’ aois.
POSAIDHEAN.
Air an 17mh latha de’n mhios, leis an Urr. D. Drummond, an tigh Iain Mhic Griogair, ’sa Bhras d’Or Bheag, Iain B. Mac Coinnich, Boulardarie Centre, us Willina, nighean Ruairidh Fhriseil nach maireann, Aiseag an Rosaich.
D. A. Mac FHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B,
Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha.
[Vol . 5. No. 21. p. 6]
Air a leantuinn o thaobh 155.
h-àiteachan sin a bha cheart cho math ris na fearainn a bha iad a’ fàgail; ach bha iad cho aindeonach air falbh o’n àite ’s an do chuir iad seachad bliadhnaichean cho sona ’s gu’m b’fheudar an co-éigneachadh; agus cha robh an t-eilean air fhàgail gu buileach leotha gu ceann thri bliadhna.
Fad fhichead bliadhna an deigh so bha an t-eilean a’ dol fàs. A’ sealltuinn air ais o’n latha ’n diugh, cuiridh e iongantas air neach gu’n rachadh na daoine bochda a chur dh’ an aindeoin as an àite ’san robh iad an deigh an dachaidh a dheanamh. Shoirbhich le moran dhiubh ann an Tasmania ’s an Astralia an deigh sin; ach thill moran eile gu’n dòighean olca rithist, agus bha ’n t-aite sin a bha mar ghàradh torach anns na cuaintean garbha air fhàgail ’na àite fàsail, fiadhaich. Anns a’ bhliadhna 1826, rinneadh an t-eilean ’na àite-fògraidh do luchd-droch-bheart a gheibhte cionntach ann anNew South Wales.Bhiodh priosanaich a gheibhte cionntach ann am Breatuinn air am fògradh guNew South Wales,agus iadsan a gheibhte cionntach de chron sam bith anns an àite sin, bhiodh iad air am fògradh gu Eilean Norfolk. Bha na h-ochd bliadhn’ deug a lean ’nam bliadhnaichean uamhasach. Bha an t-eilean na chulaidh-ghràin do’n t-saoghal. B’ fhearr gu mor am bàs fhulang na bhi beò ann. Thug Dr. Ullathorne, sagart Caitliceach, a fhuair an deigh sin a bhi na easbuig ann am Birmingham, an Sasuinn, sgriob dh’an eilein an cùrsa ’dhleasanais. Bha ceannairc air bristeadh a mach anns ’n do mharbhadh naodhnar dhe na ceannaircich, agus bha binn-bhàis air a thoirt a mach air naodh duine fichead. Chaidh aon duine deug as na naodh air fhichead sin a chur gu bàs. “Bha ’n naodh duine fichead so,” arsa Dr. Ullathorne, “anns a’ phriosan. Leugh mise mach dhaibh ainmean nan daoine a bha ri bhi air an cur gu bàs. Thug gach fear dhiubh, á beul a chéile, taing do Dhia. Rinn gach aingidheachd a bhatar a’ cur an gniomh an so deamhnan de dhaoine. Bhiodh daoine a’ cur chrann a dh’ fhiachainn co am fear a mharbhadh am fear eile. Bha ’m Breitheamh Burton air ceann aon chùirt aig an robh ceud us deich air fhichead càs moirt air am feuchainn. Bha an t-eilean beag so a bha fad ochd bliadhn deug a mealtuinn uiread de shith ’s de shonas ’s gu’m bu mhiann le daoine an dachaidh a dheanamh ann, agus as am b’ fheudar am fògradh le laimh làidir, anns na h-ochd bliadhn’ deug mu dheireadh so air fàs ’na àit oillteil anns an robh gach droch-bheart agus gach aingidheachd air an cur an gniomh. Agus b’e ’n aon seòrsa dhaoine a bha ’ga àiteach aig gach àm, ni a tha ’nochdadh an atharrachaidh a bheir an dòigh aìr am bithear a riaghladh sluaigh air an caithe-beatha.
Anns a bhliadhna 1844 bha ’n t-eilean air fhuasgladh bho riaghladhNew South Wales,agus air a chur a stigh ri Tasmania; ach naodh bliadhna an deigh sin, nuair a sguireadh a dh’ fhògradh chiomach gu Tasmania, chaidh am beagan sluaigh a bh’ air a thoirt air falbh, agus aon uair eile bha dachaidh nan craobhan mora giuthais ’na fhàsach. Ach air an turus so cha robh e fada gun a bhi air a thaghal a rithist. Mu’n àm a chaidh a cheud bhuidhean a chur gu Eilean Norfolk dh’ fheuch am b’ urrainn daibh dachaidh a dheanamh ann, sheòl am Bounty, soitheach armaichte fo chomannda Chaiptein Uilleam Bligh, a Olaheite luchdaichte le craobhan-arain, agus air do na seòladairean àr-am-mach a dheanamh, ghlac iad an soitheach dhaibh féin. Chaidh an caiptean agus ochd duine deug eile a chur ann am bàta fosgailte agus dh’fhàgadh iad a mach air druim a chuain. Chaidh an soitheach an deigh sin a losgadh agus rugadh air aireamh de na seòladairean ’s chuireadh gu bàs iad; ach fhuair naodhnar dhiubh teicheadh, agus rinn iad an dachaidh air eilean Phitcairn, far an d’ fhuaireadh an sliochd fichead bliadhna ’n deigh sin, ’s iad ceud ’s ceithir fichead sa h-ochd deug an àireamh—ceithir fichead ’sa sia deug de dh’ fhirionnaich, agus ceud ’sa dha de bhoirionnaich. An deigh do Thasmania a cuid phriosanach a thoirt bhar Eilean Norfolk, chuireadh mu dheibhinn sliochd uan seòladairean a dh’ aitich eilean Phitcairn a chur nan àite; agus an ceann thri bliadhna bha sin deante, agus chuireadh an t-eilean aon uair eile air chùram RiaghladhNew South Wales.Bha àithne air a thoirt do Riaghladair na dùthcha sin leigeadh leis an t-sluagh an dòigh fhéin a ghabhail a thaobh riaghladh an eilein. Chaidh sin a dheanamh, agus rinn an Riaghladair e-fhéin gach cuideachadh a b’ urrainn da a dheanamh leotha. Chaidh laghannan agus reachdan riaghlaidh a dheanamh dhaibh a bha ann an cuid de nithean air thoiseach air laghannan nan dùthchannan a b’ adhartaiche air an t-saoghal. Bha bhót ri bhi aig gach neach a bha bliadhn’ air fhichead a dh’ aois, agus a bha comasach air leughadh us sgriobhadh a dheanamh. Bha aig pàrantan ri ’n cuid cloinne a chumail ’san sgoil air-neo sia sgillinn a phàigheadh airson gach latha fhiodh aon diubh aisde—bha an t-airgead a chuirte cruinn mar sin ri dhol a dh’ionnsuidh a mhaighstir-sgoile, a bha air chùl sin a faotainn deich tasdain ’sa bhliadhna air son gach neach a bha ’n aois sgoile san sgireachd aige. Bha e air a bhacail deoch làidir de sheòrsa sam bith a dheanamh no òl ach a mhàin air son leigheis, agus na’n rachadh ionnsuidh a thoirt air an stuth a thoirt ann thar cuain, bha e ri bhi air a ghlacadh ’s air a dhortadh dh’ an acarsaid.
A reir coltais fhreagair na riaghailtean sin gle mhath air suidheachadh an eilean agus air nàdur an t-sluaigh, oir thainig adhartas math orra. Tha ’n sluagh a nise ’g àireamh seachd ceud gu leth. An toiseach bha iadsan a bha pòsda agus iadsan nach robh a faotainn an aon uiread fearainn; ach an nise cha’n fhaigh iadsan nach eil pòsda ach da acaire dheug gu leth, ’nuair a gheibh iadsan a tha pòsda còig acraichean fichead; agus duine sam bith aig am bi fearann ’s nach dean obrachadh ’s a chur am feabhas na h-uile bhladhna, theid a thoirt uaithe. A bharrachd air an t-sluagh a dh’ ainmicheadh, tha air an eilean da cheud de nàisinnich nan eileanan mu’n cuaiat, ach tha gnothuichean an eilein air an cur air adhart gun suim sam bith a ghabhail dhiubh sin. Tha aig an ard-fhear-ceartais da chomhairleach; agus tha jury de sheachdnar eildearan (no seanairean), a dh’ fheumas a bhi os cionn coig bliadhna fichead a dh’ aois, air son breith a thoirt air cùisean a thig air am beulaobh. O chionn da bhliadhn’ air ais, chuireadh Breitheamh áNew South Walesdh’ ionnsuidh an eilenn a dh’ fheuchainn da chàs chudthromach. Cha robh air an eilean aig an àm sin ach aon mhaor, agus cha robh priosan ann idir. Bha aig a bhreitheamh ri nighean a chur do’n phriosan fad shia miosan, agus ’se b’ fheudar dha dheanamh a cur do thigh tuathanaich, far an robh i ri bhi air a cumail aig obair air an latha agus air a glasadh ann an rùm ré na h-oidhche.
So, ma ta, eachdraidh ghoirid air an eilean bheag iongantach ud a tha anns a chuan a deas. Cha’n eil duine bochd ann idir; cha’n eil duin’ ann gun obair no air am bheil acras. Tha gach acaire fearainn air a chur gu feum. Tha gach biadh a’s feumaile a’ fàs ann gu pailt. Cha’n eil gleadhraich no ùpraid an t-saoghail a cur dragh sam bith orra. Tha iad air uairean ag gearain nach eil uiread dhe sin aca ’s bu mhath leotha, agus air son riarachadh a thoirt dhaibh ’san dòigh sin, chunnaic Riaghladh Bhreatuinn iomchuidh gun taghladh bàta-smùide anns an eilean uair ’san ràidhe. Theagamh gu’m bi sin na mheahon air beatha shimplidh nan Eileanach a dheanamh na’s toilichte. Bidh sinn co-dhiu an dòchas nach ann a’ fàs mi-thoilichte a bhitheas iad air tàilleabh a bhi mar so air an toirt na’s dlùithe air a chuid eile dhe’n t-saoghal. —Chambers’ Journal
A FAIGHINN EOLAIS. —Chaidh Eirionnach beag ruadh, ’s piob ’na bheul, a stigh do thigh òsda, ghabh e null dh’ ionnsuidh a chunntair, thog e maidse leis ’n do las e a phiob, agus dh’ fhalbh e gun fhacal a radh. Bha àireamh dhaoine a stigh aig an àm agus cha bu bheag an t-ioghnadh a chuir e orra. An la ’r na mhàireach thainig a cheart fhear a stigh a rithist, las e phiob ’s dh’ fhalbh e. Mu’n d’ rainig e ’n dorus dh’ eibh fear an taigh-òsda as a dheigh, a’ feòrach có e. “ ’S math is aithne dhuit mi,” ars an t-Eirionnach ’se togail rithe. Chuir fear an taigh-òsda roimhe nach leigeadh e ’n gnothuch na b’ fhaide air adhart, agus air do’n Eirionnach tighinn an ath latha rithist, leum e null g’ a ionnsuidh ’s rinn e greim air. “Nis,” ars esan, ‘innis dhòmhsa co thu.” “Och,” ars an t-Eirionnach, “bi falbh; ’s math is aithne dhuit mi.” “Cha’n aithne,” ars am fear eile; “Co thu?” “A mhic mo chridhe,” ars an t-Eirionnach, “nach eil thu ’g an aithneachadh idir? ’S mise ’m fear a tha tighinn a stigh na h-uile maduinn a lasadh na pioba.”
[Vol . 5. No. 21. p. 7]
Amaideachd agus Neo-bhuannachd na Feirge.
Tha e nàdurra do mhac an duine Fearg a ghabhail, agus cha’n ’eil teagamh nach ’eil na Gàidheil ceart co buailteach do dh’ fheirg ri sluagh sam bith eile. Ach theireamaid ris gach Gàidheal, “Na gabh uair air bith fearg.” Direach, smuainich air, agus chith thu nach ’eil corruich no fearg a chum maith sam bith. Cha’n ’eil tlachd no buannachd ann. Gun ghuth a thoirt gu’m bheil fearg na ni a tha air a thoirmeasg le Facal Dé, cha’n ’eil e chum féum ann an co’ -claomunn sam bith. Tha e ’deanamh an duine ’na amdan, a gabhail uachdaranachd thairis air a réusan, agus a’ toirt na tuigse aige gu buileach air falbh. Is ni gun leisgeul fearg. Tha cuid de pheacannaibh ann aig am bheil samhlachas leisgeil, no seòrsa toilinntinn ’s an am a ta làthair, ach cha’n ’eil sin idir aig feirg. Cosmhuil ri mionnan agus ri toirt ainm Dhé an diomhanas, cha’n ’eil fearg chum feobhais no buannachd do dhuine sam bith. Is claoidh agus is dòrùinn i do gach neach air am faigh i buaidh. An uair a théid ànradh na corruich seachad, an sin chith an duine gur amadan e fein, agus gu’n d’rinn e e-fein ’na amadan ann an sùilibh sluaigh eile mu’n cuairt da. Co e an ti sin aig am bheil spéis do dhuine crosda, frionasach, iargaltach, —duine nach dùraig neach dol ’na char, agus nach urrainn neach sam bith a thoileachadh? Cò a roghnaicheadh e mar chompanach ann an gnothuichibh saoghalta, no eadhon mar choimhearsnach, nan gabhadh e seachnadh? Tha e ’na chùis-ghràine do gach neach mu’n cuairt da, agus ag cumail nan uile a thig ’na fhochair, anns a’ cheart staid inntinn sin anns am biodh iad ’n am doibh a bhi ’nan suidhe am fagus do nead nan connspeach, no do gharaidh nan uile-bheist! Cha’n ’eil duine feargach chum math sam bith do’n t-saoghal, cha’n e nach féud e maith a dheanamh air amannaibh, ach tha ’m maith sin air a chomh-chothromachadh leis an olc dhe’m bheil e cionntach. Le feirg tha’n duine air a thruailleadh, tha feartan na h-inntinn aige air am milleadh, agus tha e, eadar bhun agus bhàrr air fhàgail éucomasach air eadhon a ghniomhara saoghalta fein a ghiùlan air an aghaidh gu fraegarrach. Tha fearg ’ga dheanamh gu tric ’na chulaidh-bhuairidh, agus ’na chaor-theine a ta ’fadadh lasraichean na h-aimhreite air gach taobh mu’n cuairt da. Is tric tha cas-fhearga’ tarruing an duine gu gniomhara maslachail agus mìllteach a dheanamh. Nach minic a thug fearg air duine a làmhan a dheargadh le fuil neo-chionntach an ti a bha na chuspair d’ a chorruich? Nach tric a thuit e ann an cionnt, le neart corruich, a tharruing e gu bhi ’na chreich mhulladaich do laghannaibh a dhùthcha fein? Nach minic, ann am buillsgean na feirge a chuir fear-pòsda a bhean féin gu bàs cabhagach, agus a dh’fhàg e a chlann féin gun mhàthair? “Marbhaidh fearg an t-amaideach, agus bheir tnù bàs an duine shuaraich.” Is cunnartach olc am ball an duine feargach ann an cuideachd sam bith, agus is mòr an t-aobhar a th-ann air là buidheachais a dheanamh dhe’n là sin air an toirear air falbh i. Uime sin gabhadh gach neach a léughas na briathra so comhairle Dhàibhidh, an uair a thubhairt e “Leig fearg dhïot, agus tréig corruich; na biodh campar ort air aon chor, chum uilc.” Agus thubhairt an duine glic, “Is an-iochdmhor corruich, agus mar thuil tha fearg: ach co is urrainn seasamh am fiannis tnù? ”Agus tha Solamh ’gad chomhairleachadh, a leughadair, ag radh, “Na dean suas càirdeas ris an fheargach: agus maille ri fear na h-àrd chorruich na h-imich; air eagal gu’n ionnsuich thu a shlighean, agus gu’m faigh thu ribe do t-anam.”
Faiceadh na h-uile, ma ta, amaideachd agus neo-bhuannachd na feirge. Ma tha e air a dhearbhadh le facal Dé, agus le eachdraidh an t-saoghail, gu’m bheìl fearg gun fhéum, gun stà, gun leisgeul, agus a thuilleadh air sin, gu’m bheil e sgriosach, gràineil, agus mìllteach, carson a tha e idir air a chleachdadh leò-san air an do bhuilicheadh ciall agus tuigse?
Bathar Tioram.
20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir.
Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3 .25.
Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na th’ againn gle shaor.
IAIN A. Mac COINNICH & CO.
McDonald Hanrahan & Co,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;
CARADH
Uaireadairean.
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.
Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar uthcha tha ’nar beachd.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.
Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .,
SIDNI, C. B.
[Vol . 5. No. 21. p. 8]
Facal a S. W. Margaree.
Gheibh thu dolair airson a MHIC-TALLA an cois na litir so. ’S fhada bho’n bu chòir dhut fhaighinn. Bithidh dolair ri chur an sud ’s bithidh dolair ri chur an so, agus bithidh dolair ri chur an diugh far nach do smaointich sinn an dé; mar so faodaidh e bhith gur e am fear bu chòir a phàigheadh an toiseach a theid fhàgail gu deireadh, oir ’s mor a ni cion a chothrom, —cuiridh e, air uairibh eadhon eadar am bard agus a leannan, mar a dh’ fhiosraich Donnacha Bàn ’nuair a thuirt e:—
“ ’S e ’m fath mu’n robh thu talach orm,
Gu ro-bheag leal mo stòras
Bha dà-rud-dheug a tarruinn bhuam
Na thionail mi de phòrsan:
Bhiodh ól a’s féisd a’s banais ann,
Bha ceòl a’s béus a’s ceannaichean,
’N fhéill ’s na gibhtean leannanachd,
An amaideachd ’s an òige.”
Phòs, o chionn ghoirid, Iain G. Peutan, Mabou, agus Caorstaidh Nic Illeòlain, Camus(Broad Cove) .Bha banais ghreadhnach, aighearrach aca dha ’n d’ rinneadh an t-òran a leanas le fear de na bh’ anns a’ chuideachd.
LUINNEAG,
Gu ma slàn do’n chomunn ghrinn,
’S an tigh mhùirneach a bha cruinn;
Sud an sgeula bu toigh leinn,
A bhi cluinntinn iad bhi fallain.
’S anné Màbois mhor sin shuas,
Thainig còmhlan grinn a nuas,
Sliochd nan daone dha ’m bu dual
A bhith tuathanachas fearainn.
Cha robh uireasbhuidh orr rirbh
Anns an tir dh’an d’ rinn iad triall,
B’ e bhi aighearrach am miann
’S a bhi fialaidh ri fear aineoil,
Fhuair iad còir bhios buan ’s nach tréig
Air an òsgh a’s ciùne béus
Meur na chraoibh a dh’ fhàs gun bhéud
’S a bha spéiseil anns a Charaus.
Cuireadh fialaidh chaidh mu’n cuairt
Dha ’n do fhreagair sinn gu luath,—
A bhith cruinn air oidhche ’Luain
Ged bhiodh fuachd ann agus frasan.
Thainig càirdean bho gach sgìr
Eadar Mabou ’us Marg’rì,—
Bha gach cùis an òrdugh grìnn
Bha toilinntiun ann gun ghaine.
Chruinnich gillean fearail òg,
A bha rianail anns gach seòl,
Cha robh misgearrachd na’n còir,—
Sud na h-oganaich ’bha ceanalt’.
Chruinnich nionagan gun mheang,
Cuimir, finealt’, direach seang,
Cridheil, comhraiteach ’nan cainnt,
’S cha’n ’eil mealltaireachd ’n an gealladh.
Chaidh an t-suipeir chur gu dòigh
Meis na mnathan fialaidh còir,
Gu’n robh pailteas air a bhòrd
Dheth na seòrsachan bu mhath leinn.
’Nuair a chualas fuaim nan téud,
Ghluais ar n-inntinnean do réir;
Chaidh an t-ùrlar chur gu feum,
Righ! gu’m b’ éibhinn leam a chaithream.
Fhuair sinn aighear, fhuair sinn ceòl,
Fhuair sinn a bhachd dheth gach seòrs’,
Bha gach ni ann mar bu chòir
’S mar a dh’ òrduichean air banais.
Chaidh an oidhche chur mu’n cuairt
Deis gach aoidhealachd bu dual,—
’S bha gach aon againn fo ghruaim
’N uair a chualas gu’m bu lath’ e.
Saoghal buan do’n charaid ghrinn
Ghluaia air thùs na cuideachd leinn,
’S mòr an toileachadh e dhuinn
A bhi cuimhneachadh ur banais.
Rann Lice.
Chuir mi cùl ris an t-saoghal
Le ’fhaoineis gun bhrigh;
Thiormaich Dia dhiom mo dheòir,
’S fhuair mi solas do-inns’
Fhir ’tha caoineadh aig ’n uaigh,
Lean an t-Uan le do chridh’;
’S ’nuair a dh’ fhàgas tu ’n foeòil
Bi’dh sinn còmhla a rìsd.
Dhia dion mo Thearlach.
Dhia dion mo Thearlach,
Dion e ’nad ghràdh;
Cum e bho pheacadh,
Cum e bho chràdh.
Dhia builich neart air,
Is tuigs’ agus gras;
Dean dileas dhuit féin e,
Is feumail ri ’là.
Urnuigh an Leinibh.
’Nis laighidh mi a siog gu tàmh,
Gleidh m’ anam, O mo Dhia, ’nad ghràdh;
Ma gheibh mi ’m bàs ’s mi ann am shuain,
Thoir m’ anam leat do nàamh a suas.
GRAMAR GAILIG. —Fhuair sinn litrichean uair us uair bho fheadhain a bha air son Gramar Gàilig fhaotainn. Tha againn a nis an Gramar ùr a chuireadh a mach toiseach an earraich leis an Dotair Mac- ’Illiosa, ann an Lunnainn, agus cuiridh sinn e gu neach sam bith leis a phosta air son dolair us deich sentichean ( $1 ,10). Cha’n eil teagamh againn nach bi àireamh mhath de’r luchd-leughaidh deònach an leabhar so fhaotainn.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an Oifig a MHAC-TALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean.
NUAIR THEID THU ’BHADDECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram, Bathar Cruaidh
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile.
An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.
STOR UR TAILLEARACHD
ANN AN
StorW . E. Peters.
Aodaichean Matha dhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.
Theid sinn an urras air an obair.
MacCoinnich & Co.
Sidni, C. B.
Bheir mi NEAPACAIN BRIAGHA SIODA
An Nasguidh
Do gach aon a cheannaicheas fiach DOLAIR de bhathar uam. Thig gun dail agus
FAIGH FEAR DHIUBH.
THA AM BATHAR CHO SAOR ’SA GHABHAS
Bathar Math Faighinn.
D. J. DOMHNULLACH.
title | Issue 21 |
internal date | 1896.0 |
display date | 1896 |
publication date | 1896 |
level | |
reference template | Mac-Talla V No. 21. %p |
parent text | Volume 5 |