[161]

[Vol . 5. No. 22. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE; DESEMBER 5, 1896. No. 22.


Oraid mun Ghailig.

Aig fosgladh a Mhòid Ghàidhealach ann am baile Pheirt air an treas latha fichrad de dhOctober, liubhair fear-na-cathrach, an Dotair Mac Griogair, á Inbhirnis, òraid bhriagha, alabhairt air rùintean a Chomuinn agus an oidhearp a bha iad atoirt as leth na Gàilig. O chionn beagan bhliadhnaichean air ais, ars esan, chuir àireamh de dhaoine dileas na Gàidhealtachd rompa gun rachadh iad an guaillibh a chéile mar chomunn air son a Ghàilig a thoirt gu bhi air ateagasg na bfhearr anns na sgoilean, gach misneach a bhiodhnan comas a thoirt do litreachas agus do cheòl na Gàidhealtachd, agus nithean eile a bhiodh a chum math na dùthcha. Ach bha iadsan nach robh dhen aon inntinn riutha ag radhCiod am feum? ’de math a bhi feuchainn ris a Ghàilig a chumail beò? Bàsaichidh is gun taing dhuibh!” Bu cheart cho math dhaibh a ràdh ciod am feum a bhi biathadhsa còmhdach ar bodhaigean féin? Chan eil teagamh sam bith nach bàsaich sinn uile; a bharrachd air a sin, than saoghal air am bheil sinn a fuireach, ri bhi air a chur am mugha air dhòighs nach bi eadhon a làrach air fhàgail. Carson a leigeamaid leis a Ghàilig a dhol bàs? Bu chainnt eireachdail i, cainnt a bha deagh-fhuaimneach agus ceòlmhormath air son sgeul innse no òran a sheinn. Dhfhaodadh e tighinn thairis air na facail a bha Ian MacLarenna leabhar, “Kate Carnegie,” a cur am beul Gàidheil—“ ’S e cainnt gle bhoidheach a tha anns aGhàilig, gu sònruichtenuair nach eil thu gle bhuidheach de dhuine.” (gaireachdaich.) A nise le teisteannas dhen t-seorsa ud air taobh na Gàilig aige bha dhànadas na theireadh nach bu chòir dhi a h-àite ghabhail am measg nan cànainean. Bha mòran ùine agus airgid air an cosg a teagasg Laidinn us Greugais. Ciod am feum a dheanadh na cànainean sin do ghille òg air a Ghàidhealtachd mur robh dùil aige bhi na phears-eaglais, na fhear lagha, na dhotair, nona fhear-litreachais? Cha bhiodh na cànainean sin a faisg cho feumail dhasa bhiodh aGhàilig.

Ni eile bha aGhàilig feumail mar mheadhon air son eòlas a thoirt dar cloinn air aBheurla. Ach their na h-eas-cairdean,— “Chan i cainnt nan ceannaichean, àgus mar sin ciod am feum a thinnte?” Dhfheumadh e aìdeachadh nach robh focail anns aGhàilig a fhreagradh air iomadh ni cealgach agus as-onarach a bhatar a cur an cleachdadh ann am malairt an lathan diugh, agus bha e gle thoilichte gu robh aige ris an aideachadh sin a dheanamh. A chainnt Shasunnach a bhabagradh àite na Gàilig a ghabhail, cha bu chainnt idir i. Cha robh innte ach cothlamadh de dheich no dusan cainnt eile; agus ged a bi Bheurla dhfheumadh a bhi na h-eadar-theangair eadar cinnich an t-saoghal ann am malairt, cha baobhar sam bith sin aìr cainnt aosda agus fheumail mar a bha Ghàilig a leigeil bàs.

An deigh iomradh a thoirt air aosmhoireachd na Gàilige, thug e tarruinn air comuinn Ghàilig a bhair an cur air chois ann an dùthchannan fad as, agus na h-oidhearpan a bhatar a deanamh an sin air a chainnt mhatharail a chumail beò. Ann an Canada, an New Zealand, ’s an Astralia, chan e mhàin gu robh comuinn Gàilig aca, ach bha paipearan-naigheachd Ghàilig aca. Na bfhaisge air an dorsan fein bha na h-uaislean a teagasg na Gàilig dan cloinn. Cha bhiodh a Ghàilig cho iseal sa bha i mur biodh cion suime nan Gàidheal fhein. Bha Buird-Sgoile, ann an iomadh àite, gle dhearmadach a thaobh teagasg na Gàilig anns na sgoilean. Chaidh iad as an dleasanas, chan ann le cions nach robh meas aca air an cànain ach le cion toirt fa-near. Gle thric, eadhon anns achuid bu Ghàidhealaiche dhen dùthaich, cha be fear a theagaisgeadh Gàilig a chuireadh an Bord a stigh mar mhaighstir-sgoile nuair a bhiodh àite falamh ann, ach fear, ma dhfhaoidte, aig nach robh facal Gàiligna cheann. Bha ni eile ann a bha deanamh call mor don Ghàilig, agusse sin pearsachan-eaglais a bhigabhail pharaisdean air a Ghàidhealtachd air chumha gun searmonaichadh iad Gàilig, agus an ceann beagan bhliadhnaichean sguireadh iad iad dhi (caithream.) Gun teagamh bha iad agabhail mar leisgeul nach fanadh an sluagh a dhéisdeachd na Gàilig, ach an robh duine tùrail sam bith am barail nan deanadh iadsan an t-seirbheis cho brigheil agus cho taitneachs bu chòir dhaibh, nach fanadh an sluagh a dhéisdeachd searmoin nan cainnt mhàthaireil fein? (caithream.) Nach bu bheag an t-ioghnadh, ma ta, ged a bhaGhàilig breòite agus eadhon a bagradh bàs fhaotainn nuair a bha na Buird-Sgoile agus aChléir, dom bu chòir a bhi air thoiseach air na h-uile ann an cumail suas na cainnte sin, a deanamh dimeas cho mor oirre, agus a teachd cho gearr air an dleasanas da taobh. Air son a Ghàilig a chumail beòs i bhi air a teagasg, feumaidh iad cuideachadh fhaotainn on Riaghladh gus maighstirean-sgoile fhoghlum innte, agus feumair teasasg na Gàilig a dheanamh cinnteach an àite bhiga fhàgail aig saor-thoil nam Bòrd no nam maighstirean-sgoile.


Léugh sinn an la roimhe an sgeula beag a leanas, agus mas breug uainn i is breug ugainn i. Bha gilles nighean ann a Philadelphia a bha ro-dheònach air pòsadh, ach cha robh a dhairgead aca eadhon na phàigheadh am ministeir. ’S e rinn iad, fios a chur mun cuairt gu robh iad ri bhi air am pòsadh ann an àit àraidh air a leithid so de latha agus iad air an sgeadachadh ann an Deiseachan Rothairean, bean na bainnses a cuid mhaighdeann ann am Bloomers, mar a theirearsa Bheurla. Bha acasan a rachadh dhionnsuidh a phòsaidh ri suim bheag airgid a phàigheagh air son faighinn a stigh. Chruinnich sluagh mor, agus chan e mhàin gun drinn a chàraid òg na dhioladh saothair a mhinisteir, ach bha sporan beag aca air chul sin.


Chan eil e gu mor fheum a bhi toirt iomradh air mar a tha cuisean ann an Cuba; an sgeul a thig an diugh, nithear breugach am màireach i, agus an sgeul a thig am màireach, nithear an ceart ni rithe latha no dha an deìgh sin. Ach tha e gle choltach gu bheil gnothuichean anns an eilean sin troimhe chéile, agus mur eil na Spàinntich acall an greim air chan ann idirga theannachadh a tha iad. ’S es docha gun lean a cheannairc treis mhath a dhuine fhathast, agus gun caill na Spàinntich air a cheann mu dheireadh. Tha na Cubaich eòlach air an duthaich agus tha iad cleachdte ris an t-side; mar sin than cothrom aca air an naimhdean agus theid aca air seasamh a mach moran nas fhaide.


Tha ar caraid Alasdair Caimbeul, á Strath-Lathuirn, an àm a bhi cur ugainn a dholair air son bliadhneile dhen MHAC-TALLA, ag radh gum bfhiach paipear Nèill Mhic Leòid airMiann a Bhàird Aosdabarrachd mòr us pris bhliadhnail a phaipeir leis fhéin. Tha Mr. Caimbeulna dhuine tuigseach, breathnachail, mar a tha fios aig gach aon a tha eòlach air, agus is aithne dha rud math nuair a chi e e. Ged a bhios cuid a deanamh tàir air MAC-TALLA air son cho beagsa tha e, tha iomadh ni ri fhaotainn aige nas luachmhoire na gheibhear anns achuid mhor de na paipearan as mothasan duthaich.



[162]

[Vol . 5. No. 22. p. 2]

ALBANA H-AON RIOGHACHD.

Feumar a bhi o àm gu h-àm asealltuinn gu deas ri eachdraidh Shasuinn a thaobh na dàimhs an robh an rioghachd aseasamh da chéile an sin, ’s an déigh sin. Goirid an déigh do na Sacsonaich sealbh a ghabhail air an tìr roinn iad ina seachd rìoghachdaibh, ris an abrair luchd-eachdraidh, Sacson HeptarchiHeptarch, focal Greugach a tha ciallachadh seachd rioghachda. Bha laghanna air leth aig gach aon diubh sin dhi féin, ach bha àrd chomhthional acair son Shasuinn uile, coslach ri Pàrlamaid anns an robh iad adeanamh reachdan air son na dùthcha gu h-iomlan, gu h-àraidh iad féin a dhìonadh o allamharaich sam bith. Bha na beag rìghrean ud coslach ri rìghribh na h-Alba féin, glé aimhreiteachn am measg féin, ’s ro eudmhor mun sochaireans mu mòralachd féin. O nach robh reachd sam bith air a dhaingneachadh fathast air son an t-sreath rìoghail a tharruing dìreach thun achrùinus uaithe, bhiodh am fear a thachradh air an rìgh-chathair amarbhadh nam mac a bhuineadh don t-sliochd rìoghail a shaoileadh e bhi coslach ri grabadh a chur air a mhac féin, no air fear éigin eilebu mhaith leis a bhina oighre air. Mar so thàinig an sliochd rìoghail mhac gu bhi co tearc mu thoiseach an naoidheamh linnes gum be Egbert, rìgh Uesecs oighre dligheach nam beag rìoghachdan ud uile. Bha so taitneach da nàdur dian-thogarrach, ’s chuir e roimhe gun deanadh echuid féin diubh uile. Agus chaidh aigair sin a dheanamh a lìon us , le cogadhs le seòltachd. Anns abhliadhna 827 bha iad uile air an aonadh fo a riaghladh-san, mun cuairt de cheithir cheud bliadhna an déigh do na Sacsonaich tighinn don tìran toiseach. Feudar leum thairis air rìoghachadh Ethelof, a mhic-san; ach ri linn Alfred, ogha Egbeirt, ris an abrar Alfred Mòr, thug na deas Lochlunnaich iomadh garg ionnsuidh air an rìoghachd a dheanamh dhoibh féin, agus mu dheireadh chaidh acair sin a dheanamh car greis. Bhàsaich Alfreds abhliadhna 901an sìth. Tha e air àireamh a measg nan rìghrean a bfhearrs a bu chomasaicheshuidh riamh air cathair. Anns abhliadhna 994 fhuair na Lochlunnaich a dhionnsuidh rìgh-chathair Shasuinn, ri linn Ethelred an treas, non ceathramh rìgh an déigh Alfred. Be Suein ainm an rìgh Lochlunnaich a choisinn abhuaidh sin. Fhuair Cainiut, mac Shuein, an crùnan deighathar. ’S ann ris an duine so a bha na h-uaislean Sasunnach adeanamh uiread de bhroscals gun tug e mar airidh a chathair a shuidheachadh air an tràighnuair a bhamuir ag éiridh, ’sn uair bha eteannadh ra chosaibh, ’s ris achathair, thòisich e ri bagradh air amhuir nam bu dàna leis tighinn ni bfhaide. An uair nach robh am muir atoirt ùmhlachd sam bith dha, thionndaidh e ra luchd-broscail, ag earalachadh orra gun a bhitoirt glòir do cho-chreutair nach robh dheth féin ach fann; ach iad a bhitoirt glòirus urram don Ti a bha riaghladh na faìrges nan uile nithe. Bha e, gun teagamh, ag aithneachadh gur a bha de nàdur magaidh na de fhìor chàirdeasn an cuid broscail. Bha triùir mac aig an rìgh so, ’s dhòrduich e aig àm a bhàis fear dhiubh na rìgh air Lochlunn a Tuath, feareil air Lochlunn a Deas, agus an treas fear a bhin a rìgh air Sasunn. Ach bhàsaich am fear mu dheireadh agus a mhac mun cuairt do shea bliadhna an déigh sin, ’s chaidh an crùn Sasunnach a thoirt air ais don t-sliochd rìoghail aca féin, ’s abhliadhna 1041. Bha Edmund, mac Ethelred, a riaghladh car greis os ceann pàirt de thaobh tuath Shasuinn, ’s de cheann a deas Alba ri linn Chainiut. Bha dithis mac aig Edmund so, Eduin agus Eideard. Bha Eduin so, acumail crìche ri rìghribh na h-Albana féin. Than diugh baile mòr ainmeil, inbheil, air machair na Galltachd aig a bheil creag anabarrach àrd air a thaobh as iar. Chan fhaighear a dhionnsuidh na creige so ach air an taobh an ear dhi. Bi chreag so ri linn Eduin achrìoch eadar es Alba. Thog e daingneach làidir air mullach na creige, ’s rinn e baile aig a bonn a bha furasd a dhìonadh o mhullach na daingnich. Thugadh Eduins burgh mar ainm air abhaile, air a ghiorrachadh, Edinburgh, ’s e sin Dùneidin, àrd-bhaile rioghachd Alba. Cluinnidh sinn fathast mu thimchioll a bhràthar, Eideard; ach thigeamaid a nis air ar n-ais do Alba.

An déigh bàis Dhomhuill MhicAlpinn, ’s a bhliadhna 863, thàinig Constantin, mac righ Coinnich, thun achrùin. Bha esans na rìghrean a lean as a dhéigh, mar iad-san a chaidh roimhe, air an cumailn an drip leis na Lochlunnaich, nach robhleigeadh tàmh leò ach afeuchainn ri briseadh a steach air an rioghachd an àitéigin. Feumaidh gun robh staid sluaigh Alba glé an-shocairs na linnibh ud, leis an trioblaid a bhaca dheth na naimhdean on taobh a mach, agus gach troimh-chéile a bhacaig a bhaile, eadar buill fa leth an teaghlaich rìoghail acòmhstri co gheibheadh don righ-chathair na h-uile uair a bhiodh i falamh, 150 bliadhna an déigh Choinnich; oir cha robh reachd air a dhaingneachadh fathast adeanamh achrùin cinnteach do cheud ghin an rìgh a bha air achaithir. Do bhrìgh nach do thachair ni ùr sam biths an rioghachd ris am bheil mòr ghnothuch againn acheud gu leth bliadhnud ach gun robh i, mar tha sgrìobhaidhean àraidh ag ràdh, air an innein gubualadh ri chéile, ’s gutoirt a dhionnsuidh achruths achumaidhs an robh i gu fantuinn iomadh linn an déigh sud, feudar leum thairis air achuid sin den eachdraidh gun tuilleadh leudachaidh.


Tha àrd-theachdaire na Frainge ann an Lunnainn afaotainn da mhile dheug punnd Sasunnachsa bhliadhna mar thuarasdal. ’Se so an tuarasdal as àirde tha teachdaire sam bith afaotainn.


MEUDACHADH NA RIOGHACHD.

Feudar a ràdh gun dfhuair Callum II. an rioghachds a bhliadhna 1003 anns an dearbh shuidheachadhsan dfhàg a shinnsir Coinneach MacAlpinn i ceud gu leth bliadhna roimhe sin; na Lochlunnaich co draghails a bha iad riamh, ged a bha iad afaotuinn rotadh uamhasach na h-uile turus as ùr a bha iad atighinn. Ach an déigh sin uile chaidh aigair a chrìochan a chur am farsuingeachd air an làimh dheis. Thachuid is lionmhoire de luchd-eachdraidh ag aideachadh gur h-ann rilinn-san a chuireadh achrìoch Albannach co fada gu deass a bha i air a socrachadh anns gach linn on uair sin, ged tha e coslach gun dthugadh ionnsuidh air a teannadh a tuath an déigh a bhàis. Mhair rioghachadh Challuim deich bliadhna fichead. ’N uair a bhàsaich e ghiulaineadh a chorp gu ruig I Challum Chille leis an t-sòluimteachd a bha cubhaidh aig a leithid de àm, ’s dhàdhlaiceadh e maille rishinnsiribhs an eilean ud air an robh an sluagh ag amharc mar thalamh naomh. Dhfhàg e dithis nighean, agus be mac dhiubh sin, dam bainm Donnachadh, a rioghaichna àite. Cha robh Donnachadh sea bliadhna arioghachadhn uair a chaidh a mharbhadh le duine comharraichte dam bainm Mac-Beith.

Tha luchd-seanachais ag innseadh co iomadh sgeul eug-samhail mu thimchioll Mhic-Bheiths gu feumar ni-eigin de rannsachadh a dheanamh air son ruigsinn air an fhirinn. Bhonntaich an cleasaiche Sasunnach ainmeil sin, Shakespear, aon de na puirt-chleasachd aigair na gniomharaibh bu mheas a bhair an cur as leth Mhic-Bheith, ’s air na nithibh bu mheas a thachair dha gus an do chuireadh dhethn chathair e. ’S e bhaig achleasaiche, ’s aig gach fear dheth sheòrsas an amharc cliù fhaotainn dha féin air son a bhi co comasach air aignidhean dhaoina ghluasad le foclaibh maithus droch fhoclaibh. Gidheadh tha cuid de luchd eachdraidh adeanamh ceann-iùil den chleasaichud, a chionn gu bheil a sheanachas co sgeulamhuil, ’s co taitneach rileughadh. Gun tug Mac-Bheith fiadhachadh caoimhneil do rìgh Donnachadh gu a chaisteal fein, gun drinn e cuirm chàirdeil da, gun do chuir e mhisg air a gheard-pearsa, ’s gun do mharbh e lelàimh feinna sheòmar codail efad locha buidhair a leithid sin de sheanachas. Ach chaneil focal firinnan aoir an t-Sasunnaich don Ghàel thapaidh ud. Rinn Mac-Bheith aramachan aghaidh an rìgh; chaidh an rìghna aghaidh le àireamh shaighdearan gucheannsachadh; choinnich iad a chéile faisg air Eilgin. ’S ann le Mac-Beith a chaidh an . Thuit an rìghs abhlàr, ’s rinn am fear a choisinn na h-uile cabhag air son e féin fhaotainn air a chrùnadhna àite. Cha robh Donnachadh, mar tha cuid ag ràdhna sheann duinen uair a bhàsaich e; oir cha be bhràthair, no eadhonathair a bha rioghachadh roimhach a sheanair, cha robh ach sea bliadhna o thàinig



[163]

[Vol . 5. No. 22. p. 3]

e féin a dhionnsuidh na righ-chaithreach, ’s cha burrainn e bhi achna dhuinòg aig an àm ud. Ach tha e coslach gum bu duine soirbh e, ’s gun robh Mac-Beith asmuain eachadh gum burrainn e gu furasd a chur, beò no marbh, dhethn chathair, ’s gur e féin bu fhreagarraich air son àite rìgh a lionadh. Agus mar a bhainntinn suidhichtair sin, bha iomadh lethsgeul aigair son a dhol air aghart. A thaobh a mhàthar bha e féin den t-sliochd rioghail. Bha e féins an righan dlùth dhàimh da chéile; agus bha ena cheann-feadhna co cumhachdachs a bhan Alba. Bha ena Mhaor-mòr air Ros, agus bha e air pòsadh bantrach Mhaor-mòir Mhuireidh, agus mar sinna cheann air an taobh Mhuireach gus an tigeadh Lùlaoch, mac a ceud fir-pòsda, gu aois. Craoch a bainm don bhain-tighearn so: bu nighean i do Bhoidhe, mac rìgh Coinneach, a bhair achathair roimhsheanair Dhonnachaidh, agus tha e coslach gun robh i den aon chuideachd ri Iesebel, bean Ahaib, asior bhrosnachadh a companaich gu h-olc. Co dhiù fhuair Mac-Beith e féin air a chrùnadhna rìgh le cuideachadh nan Rosachs nam Muireach, ’s tha e air innseadh gum bu deadh riaghlair e gus an do thòisich a spiorad agoirteachadh le iomaguinus eagal gun deantadh ris mar a rinn e féin. Rinn e daingneach làidir air Dunsinnainan Siorrachd Pheirt, air son e féin a dhìonadhan aghaidh eascaraid sam bith a dhfheudadh tighinn. Agus tha cuid ag ràdh gur e bagradh a leig e mach eadarfhiaclaibhan aghaidh aon de chinn-fheadhna Shiorrachd Fiofa bu mheadhon air a rìoghachadh a ghiorrachadh. Fhuair an ceann-feadhnud sanas o charaid éigins ruith e lebheatha gu cùirt Shasuinn, far an do thòisich e féins oighre dligheach Alba air deanamh ullachadh air son Mac-Beith a thilgeadh dhethn chaithir.

Dhfhàg righ Donnachadh dithis mac, ainm an fhir bu shine Callum, dam bu cho-ainm Ceann-mòr, ainm an fhir a bòige Domhull Bàn. Theich Callum Ceann-mòr gu deas gu ruig Sasunn; theich Domhull Ban gu tuath do eileanaibh Innse-gall. Bha iad le chéile, nam fògarraich, fear a tuaths fear a deas nan cùig bliadhna deug a bha Mac-Beith air achaithir. Bha Callum Ceann-mòr roinn mhaith deùinaig cùirt rìgh Shasuinn, a bha glé chaoimhneil ris. ’N uair a ràinig ceann-feadhna shiorrachd Fiofa leis na h-ursgeulaibh a bhaige féin mu staid Alba, dheònaich righ Shasuinn cuideachadh a thoirt do Challum Ceann-mòr gus a chòir dhligheach a thoirt a mach; ’s mar a bha iad atriall troimh Shasunnus cheann a deas Alba, bha an luchd-leanmhuinn adolan lionmhoireachd gus mu dheireadh an robh armailt mhòr aig Ceann-mòr adlùthachadh ri daingneach Dhuinsinnain. Cha bann gu all-tapadh a chaidh Mac-Beithnuair a chunnaic en armailt ud atighinnna aghaidh, mar tha cuid a cur as a leth. Chrioslaich é chuid armachd air gu duineils chaidh en aghaidh an nàmhaid air ceann a chuid saighdearan, ach tha e coslach gun robh cuid diubh ga thréigsinns adol a null thun an taobh eile. Co-dhiù, chaidh an ceud bhlàrna aghaidh, ’s béigin teicheadh gu tuath, far an do lean e air achomhrag dhà bhliadhniomlan gus an do thuit ean cath, ’nalùirich mhàilich, lechlaidheamhna dhòrn. Chaneil teagamh nach deachaidh Callum Ceann-mòr a chrùnadh goiridan déigh do Mhac-Beith teicheadh gu tuath; ach cha robh fois aigo chogadh gu ceann greis an déigh sin. Cho luaths a thuit Mac-Beith chaidh a dhalta, Lùlaoch, a bha de shliochd Choinnich IV. éigheachna rìgh leis aphàirtidh a bhan aghaidh Challuim. Ach chuireadh fodha Lùlaoch goiridan déigh sin, agus rioghaich Ceann-mór gu siochails gu soirbheachail shea bliadhna deug thar fhichead.

Goirid an déigh do Challum Ceann-mòr a bhi air a stéidheachadh air rioghachd a shinnsearan rinn iad atharrachadh mòr air rioghalachd Shasuinn. Thàinig Harold, mac Chainiut, an Lochlunnaich, thun na righ-chaithreachs abhliadhna 1036. Bhàsaich esans acheathramh bliadhna derioghachadh. Thàinig Hardicainiutna dhéigh-san; bhàsaich esan mar an ceudna fon mhisg an ceann bhliadhna. Ghabh na Sasunnaich an cothrom sin air achuing Lochlunnach a thilgeadh dhiubh. Thug iad an crùn do Eideard, mac a bòige Ethelreid, agabhail seachad air Edgar Atheling, ogha Edmuind, am mac bu shine, a thachair a bhis an àm sin air chuairt ann aHungari. Rioghaich Eideard 25 bliadhna. Theireadh iad an Confessor ris, a chionn e bhina dhòigh ni bu choslaiche ri sagart na ri prionnsa. Bhàsaich e gun sliochd anns abhliadhna 1066. Bha e air pòsadh nighean Iarla Uesecs, agus bha mòr ùghdarras aig an Iarla thairis air. Cha labhradh an righ achainnt Shasunnach gu ro mhaith. ’S ann an Normandi a thogadh e, aig cùirt a charaid, Diùc na dùthcha sin; mar sin bi chainnt Fhrangach a bfhearr a labhradh e. ’Nuair a bhàsaich esan be Edgar Atheling an t-aon oighre dligheach. Ach thug Harold, Iarla Uesecs, tàmhadh air achrùn da féin, ’s bhaathair an déigh pàirtidh co cumhachdach a dheanamhs an rioghachds nach burrainn an t-oighre dligheach a chòir féin a thoirt a mach. ’N uair a chual Uilleam, Diùc Normandi, mar a bha, ’s ann a rinn e féin airson tighinn a nall a thoirt a mach achrùin, a bha eg ràdh air an drinn Eideard dìleabach dheth. Rinn e gach ullachadh a bhana chomas air son a thaisteal do Shasunn a dheanamh soirbheachail. Fhuair e còmhnadh sluaigh us armachd o na prionnsaibh a bha timchioll air. Thàinig e gu oirthir Shasunn le càbhlach lionmhor. Thàinig e féins a thrì fichead mìle saighdear air tìran Susecs. Choinnich Harold e le àireamh shaighdearan nach robh faisg co lìonmhor an àite ris an abrar Hastings, air acheathramh deug de mhìos mu dheireadh an fhogharaidh, ’s abhliadhna 1066. Chaidh an leis na Normanaich. Chuireadh mòran de na Sasunnaich gu bàs. Thuit Harold féin mar an ceudna, ’s ghabh Uilleam sealbh dha fein air an rioghachd. Their luchd-eachdraidh aBhuaidh Nòrmanach ri so, agus Uilleam am Buadhair ris an fhear a thàinig gu bhina rìgh air lorg na buaidh ud. Bhashliochd gu ceann iomadh linnn an rìghribh air Sasunn. —Eachdraidh na h-Alba.


Turas a Mharaiche.

LE EOGHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D.

Bha mòr dhanachd aig na maraichean anns a chreideimh. Air dhaibh fios a bhi ac gun tilleadh na spùineadairean, dharmaich gach duine fein leis an inneal air am beòlaich e. Ghlac Criosduidh Claidheamh an Spioraid agus dhearailich e iad gu leir iad a ghluasad gu fearail agus a bhi tréun. Rinn Dotair Saor Ghras ullachadh airson a mhuinntir leòinte, ag àithneadh do na mnathan ceanglaichean agus nithean den t-seòrsullachadh. Air don Phrionnsa Dhubh am faicinn stàmp e le feirg; mhallaich e iad an ainm Athair nam breug, agus mhaoidh e gun tugadh e am feoil dha iasg na fairge. Ghabh Criosduidh comhairle bho Thuigse, a thubhairt:— “Teich mas urrainn duit.” Ghabh e mòr ioghnadh ach dhfheuch e ri umhlachd a thabhairt. Ach thug anSgrios Obanna ghaoth as na siùil aca, agus thainig e nuas orra side mar fhiadh-bhéist air cobhartach. An sin thubhairt Tuigse: “Cuiribh umaibh uil armachd Dhé, chum gum bi sibh comasaah air seasamh an aghaidh cuilbheirtean an Diabhuil, oir chan eil sinn a gleacadh a mhain ri fuil agus feòil ach ri uachdaranachdaibh ri cumhachdaibh, ri riaghlairibh dorchadais an t-saoghail so, ri aingidheachd spioradail ann an ionadaibh arda. Ghrad ghluais na maraichean. Bha a chlaidheamh deas aig Peadar agus chuir e mun cuairt e gu h-àrd an aghaidh a Phrionnsa Dhuibh. Thubhairt Athair ris, “Dean uail as deigh a streup.” Shuath Tòmas a shùilean, agus dhfheòraich enach eil mearachd ann? —faodaidh e bhi gun bhuail am Prionnsa Dubh sinn air thuaiream. Dhaontaich Ceann Cruaidh risach air do shaighead fead a thoirt seachad bha an teagamhan air an sgapadh, agus an teangan sàmhach. Bha Cuilc Bhruit agus Gluinean Laga ri urnuigh agus ri saothairbha iad lag nam pearsaibh ach treun mar leomhannan. Bha Faiceal fo churan a thaobh an Eu-dion do bhrigh guu robh e as an t-sealladh. Bha Deagh Mhisnich gun chùram, —Lean Dearsair air a shaìl mar sgàiloir bu duine e aig an robh moran de mhaoin agus mar so na dhaingneachd chinnteach. Be Timoteus a cheud aon bha ullamhach cha dubhairt e a bheag; ghluais a bhilean mar gum bitheadh e ri urnuigh.


Chaidh fheòrach de ghille beag uair cia meud duine bhasan teaghlach. Fhreagair e gu robh còignear ann uile gu léir, —dithis dhiubh beò agus a triuir nach robh. An ceann tacan beag thuirt e, “ ’S mise fear dhen dithis a tha beò.”


Den choig muillein sluaigh a tha ann am baile Lunnainn, tha còrr us muillein a tighn beo air nas lugha na còig tasdain fhicheadsan t-seachdain, agus tha tri cheud mile ann mao bchdainn.



[164]

[Vol . 5. No. 22. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton


SIDNI, DESEMBER 5, 1896.

Co tha Doicheal Cuileag don Bhard anns aMhac-Talla.”

Thainig tonn sgriosail air a Ghàilig, le fuar-chràbhadh moran nas mo na le fior-chrabhadh. Tha cuid am barail gur peacadh a bhi leughadh nan òran a chithear anns a MHAC-TALLA. Theagamh gum feud iad sin a bhi cogaiseach gu leòr nan dòigh fhéin. Tha cuid de dhaoine, nuair a ruigeas iad aois araid a tha den bheachd gum beil an gnothach ris an t-saoghal seachad, ach ma bheir sinn aire cheart, chi sinn nach ann mar sin bu chòir e bhi. Nuair a bha Iacob a faigheal a bhàis is ann a thug e seachad do a dha mhac dheug an t-òrdagh anns an cuireadh iad suas am brataichean. Thug e a chòt-airm fein do gach fear; an Leoghann do Iudah, ’s mar sin sios. Is ann air leaba a bhàis a chunnaic Daibhidh a mhac air a chrùnadh. Is ann air a chrann-chéusaidh a chuir Iosa air dòigh ullachadh air son na h-Oigh, a mhàthair; ’nuair a thubhairt e, “A bhean feuch do mhac,” agus an sin ris an duine òg, “feuch do mhàthair,” ag iarraidh air Eòin curam agus aire màthar a thoirt dì. Saoilidh mi gum beil sin a teagasg dhuinn curam a ghabhail do nithibh tìmeil co fads a bhitheas sinn ann an tìm. Agus ciod e an ni saoghalta anns am bu chòir dhuinn barrachd tlachd a bhi againn nan eileamaid anns am bi arn inntinnean a beachdachadhsa smuaineachadh, ’s an compàirtich sinn ar smuain ri ar co-chreutair. Chan eil e aon chuid fearail no duineil ar cainnt a mhuchadh; agus na muchamaid spiorad nam bàrd, oir tha ar cainnt fo chomaine mhoir dhoibh.

Tha cuid ann a bhios ag ràdh gmm beil na bàird a dol tuilleadh is fada air aon taobh; a deanamh tuilleadhsa chòir de mholladh no do dhiomolladh; is mar sin gum bheil moran bhreug anns na h-òrain aig na bàird Ghàidhealach. Tha sin fior au aon seadh, ach air an laimh eile tha e leigeil ris a chumhachd a tha aca gu nuadh chruth a chur air na nìthibh air am bi iad a labhairts a deanamh suas bàrdachd. ’Nuair a tham bàrd rioghail a caoineadh air son a charaide agus air sonathar tha e ag ràdh, “Bu luaithe iad na iolairean, bu treise iad na leòmhainn. ’Nuair a ghabhas sinn sin bho bhàrd Eabhrach, car son nach gabhamaid bho Oisein, “Coimeas don charraig an triath, a shleagh mar ghiumhsaich air scòrr beinne, mar ghealaich ag eiridh o sgiath.” Gabhaidh sinn bho bhàrdDàn nan DànMar shnathainn dearg air a dhath da uair tha do bhilean, mar mhir de phomgranat tha do chamaganam meadhon do chliabh,” ’s nach feud sinn

“ ’S ann tha cas-fhalt mo ruin-sa
Gu siubhlach a sniomh,”

a ghabhail bho Eobhain Mac Lachlainn. Gabhaidh sinn bho Ioel a bhi molladh a thir féin ag ràdh gunsil na sléibhtean a nuas fion nuadh agus gun sruth na beanntan le bainne;” is car son nach gabh sinn bho Iain Mac Odrum a thir fein a mholladh:

Si ntir sgiamhach tir na machrach,
Tir nan dithein miador daithte,
An tir aigeach, làireach, mhartach,
Tir an aigh gu bràth nach gaisir.”

Mar an ceudna gabhaidh sinn an 109mh Salm, is diùltaidh sinn bàrdachd Iain Mhantaich nuair a rinn e peanas dligheach air murtairean na Ceapaich, ’sa thubhairt e le taingealachd:

“ ’S buidheach an diugh do mo Dhia mi;
Fhuair min achanaich a dhiarr mi,
Diogladh bhiodagannar cliathaich
S tarruin ghad troibhlaid us fiacail.”

Na innseadh Gall do Ghàidheal gum bi aonnar measgag iarruidh spiorad a bhàird a mhuchadh.

Leubh mi le suilbhear litir Mhic Dhomhuill Bhreabadair; tha min dòchas gun cuir e thugainn an t-òran a rinn am ballach a tha thall an sud don nighinn chliutaich a tha am Manitoba. Slan iomradh air Mac Dhomhuill Bhreabadair. Bu cho maith leam biadh gun sallan ri MAC-TALLA gun òran.

AONGHAS MAC AOIDH.
Providence ,R. I., 28, 11, ’96.


Fhuaìreadh fios ann an Canada an la roimhe gu robh dithis bhràithrean dhen ainm Beattie, a mhuinntir Columbia Bhreatunnach, air an glacadhs air an cur am priosan leis na Spàinntich ann an Cuba. Chuir Riaghladh Chanada a chuis air beulaobh Riaghladh Bhreatuinn. An ceann ochd uairean deuga thainig fios air ais ag innse gun deachaidh rabhadh a thoirt don Spàinn gu feumadh i an dithis ud a leigeil ma sgaoil, agus gu robh aice ri fhaicinn gum biodh a h-uile Canadach a dhfhaodadh a bhin Cuba sàbhailte. Chan en sugradh do dhuthaich sam bith eucoir a dheanamh air duine thana iochdaran do Bhreatuinn.


Ged nach eil rathad-uisge Suez ach ceithir fichead milesa naodh deug a dhfhad, tha egiorrachadh na slighe eadar Breatunns na h-Innsean ceithir mile de mhiltean.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.
SIDNI, - - - C. B.


F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC

An aon fhear dhe sheòrsa thair Eilean Cheap Breatunn.

Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.

Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dhas coir dha toghal air.

Tha stoc math de speuclaireans de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.

Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c , &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.

Tha e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHANEUREKAair a cheart phris air am beilearg an creic aig na muillin.

Tha Factoridh Eureka air aon den fheadhain as fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar adeanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.

Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.

Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Illemhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E, Clark, aigCross Roads Leitches Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd lathan deigh a chlòimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.



[165]

[Vol . 5. No. 22. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Tha Prionnsa Louis Savoy, mac brathar do righ na h-Eadailte, an dràsda ann a Halifax. Rainig e am baile sin Di-donaich sa chaidh.

Chaidh duine den ainm Lynch a mharbhadh ann am Moncton, N. B., Di-luain sa chaidh, le eachga bhreabadhs e timchioll air anns a bhàthaich.

Gheibhear ainmean àireamh a phàigh air son a phaipeir anns an àireamh so. Ma chuir neach sam bith am pàigheadh ugainn, agus nach dfhuair e creideas, cuireadh e fios gar n-ionnsuidh agus cuiridh sinn ainm anns an ath àireamh.

Chaidh triuir ghillean òga fhaotainn ciontach de mheirle ann a Halifax an la roimhe; fhuair dithis dhiubh da bhliadhnan urra dhen tigh-obrach, agus chuireadh am fear eile dhan phriosan. Chan eil am fear as sine dhiubh ach coig bliadhn deug a dhaois.

Tha cuideachd a ghuail an deigh mu chairteal maillein tunna guail a chreic ri Rathad-iaruinn Bhoston us Maine air a bhliadhna so, agus chòrd e riutha cho maths gu bheil iad a dol a leantuinn air a cheannach. Bidh sin nachuideachadh math do mhèinneadairean na siorrachd so.

Bha tuiltean mora ann an Stàit Wisconsin mu mheadhon na seachdain so. Bha aon bhaileChippewa Falls,anns an drinneadh call mor. Bhan tuil air éiridh cho ards nach burrainn do mhoran fuireach anns na taighean, agus bha eagal orra gum biodh moran de na taighean air an toirt air falbh. Bhan call air a mheas aig muillein dolair.

Bha a cheud Dinneir bhliadhnail aig a Chomunn Chaledòineach oidhche Di-luain, ann an tigh-òsdaChabot.” Bha àireamh mhor cruinn, bha a chùirm gle mhath, agus chuireadh an oidhche seachad gu cridheil, sunndach. Fhuaireadh fios us fàilte bho àireamh de Chomunnan eile eadar Anoigonish us Vancouver, a bha cumail Feill Andrais air an doigh cheudna.

Tha Mecsico an deigh an Seanalair Diaz a chur a stigh mar cheann-suidhe an coigeamh uair. Chaidh a thaghadh an toiseachsa bhliadhna 1876, agus tha e riaghladh na duthcha riamh uaithe sin. Di-ciaduin sa chaidh, ghabh e an dreuchd air son coig bliadhneile, agus bha othail agus greadhnachas nach bu bheag timchioll air. Tha e coltach gur-a fear-riaghlaidh glic e, oir thainig soirbheachadh air an dùthaich ri linn nach robh aice riamh roimhe.

Chaidh Harry Bagnell, duinòg a mhuinntir Shidni, a bhàthadh ann an Bordeaux, ’san Fhraing, a che-la-deug gus an diugh. Bha e na mheat air soitheach, agus chaidh e le bàta chur an sgiobair gu tir; air dha bhi tilleadhse leis fhéin, bha an sruth cho làidirs gun deach am bata chur fodha. Chunnacas e bhar an t-soithich, agus chaidh ròp a thilgeadh ga ionnsuidh; ghreimich e air, ach an deigh sin chaill e greim, ’s chan fhacas e tuilleadh, Cha robh e ach da bhliadhnair fhichead a dhaois. Chan eil fhathast bliadhna on dhfhàg en tigh. Tha athair a fuireach mu dha mhile mach on bhaile.

Chaidh bantrach AonghaisIc Gilleain, seanbhean a bha fuireach ann amMelville , Lot 30, E. P. I. ,a losgadh gu bàs a sheachdain gus an Diciaduin sa chaidh. Bha i dall, agus icomhnuidh ann an tigh beag comhla ri nighean bhig, ogha dhi fhéin. An latha thachair so, chaidh an nighean dhan tobar, agus, air dhi a bhi treis a dhùine air falbh, nuair a thill i bha an tighna theine. Ruith i a thoirt brath do na coimhearsnaich, agusnuair a fhuaireadh an teine chur as, fhuaireadh an t-seana-bhean bhochd marbh air an ùrlar, ’sa chuid bu mho dhe h-aodach air a losgadh dhith. Chan eil fhios ciamar a thoisich a teine.

Bha stoirm mhor shneachda anns na Stàitean a Deas Di-ciaduin sa chaidh; cha robh a leithid aca o chionn àireamh bhliadhnaichean. Thuit an sneachda cho trom ann am baile Petersburg, an Stàit Virginia, ’s gun do chuir e stad air na carbadan air an t-sràid, agus fad an fheasgair bha na sleigheachan a ruith.

Tha Riaghladh Newfoundland an deigh na tha de rathad-iaruinnsan eilein sin a cheannach dhaibh fein. Phàigh ìad muillein gu leth dolair air a chuid mu dheireadh, a cheannaich iad air a mhios so. An deigh na BliadhnUire bidh rathaidean-iaruinn Newfoundland air fad fo laimh Riaghladh na dùthcha.

Chaidh tigh-coinneamh briagha farsuinn a chur suas ann an Gleann-nan-Sgiathanach air an fhoghar so, agus chaidh fhosgladh o chionn beagan us mios. Bha coinneamh mhor ann, agus bha òraidean gasda air an liubhairt ann an Gàiligs am beurla leis na h-Urr. Mr. Ros agus Mr. Bayne. Chaidh Comunn Stuamachd (I. O. G. T.) a chur air chois anns aGhleann air an t-seachdain sa chaidh.

Thatar ag radh gu bheil e anabarrach trom air sùilean neach a bhi leughadh paipear-naigheachd air son nach no phàigh e, no paipear a ghabh e an iasad. Tha eagal oirnn gum bi MAC-TALLA mar sin na mheadhon air moran dhaoine dheanamh dallachsen coire fhéin a thann. Duine tha air son a fhradharc a ghleidheadh, gabhadh e MAC-TALLA dha fhéin, ’s pàigheadh e air a shon.

Sheas Caipt. Delisle, sgiobair an Tibeir, cùirt ann am Montreal Di-ciaduin sa chaidh, agus tha e ri bhi air a chur air ais gu ruige St. Johns, Newfoundland, gu bhi air fheuchainn an sin. Cha ghabhadh am breitheamh urras idir, agus chaidh a chur dhan phriosan. Tha muinntir Newfoundland gle chruaidhna aghaidh, agus chan ioghnadh e, ma tha iad asmaoineachadh gum be bu choireach ri bàs nan tri duine deug a chaidh a bhathadh leis an sgiorradh. Tha an caipteansa luchd-lagha dol a thoirt ionnsuidh air achuirt a thoirt gu àit-eigin eile, oir tha iad dhen bharail nach burrainnear jury fhaotainn ann an Newfoundland a bheireadh breith cheart air.


Iadsan a Phaigh.

Mairi E. Nic Neill, Meinn Ghardiner.
Donnacha Mac Fhionnlaidh, L. LArdoise.
A. D. Mac Cuthais, Salem Road.
Iain L. Mac Gilleain, Woodbine .
Iain A. Mac Isaic, Meinn a Tuath.
Uisdean K. Domhnullach, Point Tupper.
Murachadh Mac-a- Ghobha, Sidni.
Alasdair Caimbeul, Strath-Lathairn.
Iain Camshron, Grand River, $2 .00,
Eobhan Gillios. Braigh Mhargaree,
Iain D. Gillios, Loch Ghillosi
Tormoid Domhnullach, Dutch Brook.
Ruairidh A Mac Isaic, Loch Leven, 50c.
Bean ThearlaichIc Gilleain, Loch Ainslie, 50c.
Calum Mac Neill, Acarsaid Mhargaree, $3 .50.
An t-Urr. R. Mac Coinnich, Arisaig, N. S.
Aonghas Mac-a- Phearsain, Loch a Ghranndaich, N. S.
An t-Urr. D. E. Siosal Amhuinn Larry, N. S.
Domhnull Mac Calamain, Kinross , P. E. I.
Domhnull Mac Coinnich, Orwell Cove, P. E. I.
Alasdair Martuinn, Valleyfield , P. E. I.
Ruairidh Johnson, Parkhill , Ont, 25c.
Iain Moireastan, Dunbheagain, Ont.
Domhnull Dùghlach, Longlaketon , Assa.
Alasdair Seathach, Hilton , Man.
Bean Eachuinn Ic Aidh, Marsboro, Que. 50c.
Calum I. Mac Leoid, Rockfort , Mass.
Domhnull Mac Gilleain, New York.
Iain Mac-a- Bhiocair, Rescue , Mich.
Aonghas Mac Lachlainn, Greenleaf , Mich.
Iain S. Mac Leoid, Sault Ste. Marie, Mich.
Calum Mac Aoidh, Sault Ste. Marie, Mich.
An t-Oilear Domhnull Mac Fhionghain Dun-Eideann, Alba.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.


C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B,
Tha e na fhear-gnothuich don MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha.



[166]

[Vol . 5. No. 22. p. 6]

Sealg an Tuirc-Fhiaclaich.

Air bruachan aibhne àraid `an Canada, tha bailteachaa Ghàidheal a chaidh air imrich á Tìr-nam-beann. Tha form achòmhnaird a thachòir na h-aibhne anabarrach feartach, torach, ach leis gum bheil an Geamiradh ro fhada, cruaidh, chaneil an luchd-àitich, mar na Goill air a Mhachairan Albainn, a sìor-chur ris an tuathanas; ach a thaobh an t-iasgs an ianlaidh a bhi gu math pailt, bidh iad ri mòran iasgaichus seilge.

Latha bhasid, ma ta thug dithis dhiùlnach lùthor, a choille orra a sherlg, gach fear nachulaidh-sheilg, lemhusgs lebhiodaig. Chùm iad an gabhail ri taobh uillt a bharuith as amhonadh air taobh-niar na h-aibhnecuilidh a bha fios aca a bionad-tathaich don torc-fhiaclach. Bannsa leotha an torc na gin de luchd-àitich na frithe; agus ged a bha an t-ainm gun robh iad air leth làidir, alta cha robh teagamh aca nach leagadh iad co-dhiù dithis dhiubh, ach an sealbh ga,n cur nan caraibh. Cha déirech an sealg leotha idir; agus leis an torc a mhain a bhi acas an amharc, leig iad diùbh gach seòrsa eile, ’s beagan romh dhol-fodha na gréine, an uair a thug iad an aghaidh ri baile, cha robh aca a thoradh an saothrach ach aon choileach-frangach. Ach ciod air an dthàinig iad, an uair a bu lugha dùil ris, ’s bu làn-aighir e, ach sloc domhainn de uamhridhfail-mhuc, ’s cuain mhòr uirceinean leth-àraichte ann, ’s gun an t-seann chàraid a stigh. Bha fiach an t-saothair an so gun teagamh; agns le sgoltadh-beairte thuirt Dònull ri Tormaid: “A Thormaid, bhon is tus is lugha, rach a stigh agus cuir bhàrr an t-saoghail na h-uirceinean, agus fanaidn mis ag airen doruis.” Shìn Tormaid a mhusg do Dhònull, ’s rùisgear a bhiodags gabhar a stighat comhair a chinn aira mhàgan. Ah uair a bha e mu leth an rathaid bhuail an t-eagal e, agus glaodhar airais: “Air ghaol an iochd, a Chonuill, cùm a mach na seana-bhéisdean.” “Na cuireadh sin culag ort,” osa Dònull.

Ged a bha bial na h-uamha cumhang, bha farsuinneachd mhòr naceann-shuas, agus mun gann a bha Tormhid a stigh thòisich e air lannadh as nan uirceinean. Coma cha luaithe a dhinttrig e nan dàil na chunnaic Dònull an t-uile-bheist mòr ud atighinns es abhéuchaich ag casadh fhiaclans a shùilean nan caoraibh dearga. Dhfhan Dònull na bhalbh-thosd seach Tormaid a dhol gu mìthapadh, ’s chuir emhusg air an làn-thogail; ach los am peileir a bhi na bu mharbhtaiche, leig e leis tighinn mar uidhe céuma no dha dha; ’an sin tharrainn e an t-iarunn-leigidhan dùil an eanchainn a spòltadh as. Ach am fortan gar teasraiginn! dhiùlt i aingeal, no las am fudar-cluaise mhàin, cha chuimhne leam co aca. Cha robh ùine richall, thilg Dònull a mhusg an aodunn an tuirc, agus thugar na buinn. Leis gun cuala an torc téis nan uircean cha do lean e Dònull ro fhada, agus tillear na gharaidh. Cha mhòr fear nach cailleadh a mhisneachs achàs so; ach cha besin do Dhònull e: bha Tormaid an geall na bfhiach e. Cho luaths a chunnaic e gun do thill an t-uile-bheist, thionndaidh es shìn e air, ach leis an eagal a ghabh e gun riasladh an torc e, bha e fada bhuaithe mun dthug en aire, air chor agus gun robh e gu math air thoiseach air, ach cha dfhàg e téud gun righeadh. Leig e éibh nodhà as, agus ged a bhachabhag ann cha drinn e diochuimhnair cobhair aslachadh as na h-àrdaibh. Cha robh an ùrnaigh ach goirid, gun teagamh; ach bha i brìgheil— “O Thighearna! Tormoid bochd! Tormoid bochd!” ghlaodh e le àirdeghuths esileadh nan diar. Ach a dhaindeoin a thapadh bhabhéist-chaothaich roimhe aig agharaidh, ’s thugar a stigh air. Bham bial tuilleadhs cumhang gu faighinn a stigh na sheasamh, beudar dha dol air a bhroinn mar a chaidh Tormoid ann, air chors mar so gun do chaill a chasan-deiridh an greim. ’S an t-sàs-a- chnaige so ràinig Dònull, ’s grainaichearn aearrabal mor, fada, ’s cuirear car no dha dheth mudha làimh, agus apropadh a chas ris a fhruaich, thòisich e air a tharrainn leuile neart.

Cha robh fios aig Tormoid air car de na thachair air a bhlàr-a- mach, agus ghabh e iongantas uamhasach as an dall-dhorchadas a thàinig air a chlisgeadh. Dhfheith e car tacainan dùil gur Dònull a bhag iomairt chleas air, ach leis nach robh lias-soilleireachd idìr a tighinn, ghlaodh e àirde a chinn: “Haoi! Chònuill, ’d étha cur stad air an t-solus?” Bha anail Dhònuill nauchd, ’s en greim ro nàistinneach, gu feart a thoirt air ceist a bhas an àm cho leamh leis. An deaghaidh géillas dubh-ghéill a thoirt, chaill Tormoidfhaighidinn, ’s ghlaodh e rithist na bu sheachd àirde. An fhreagairt a thug Dònull airs tric a chualas i; ach tha micreidsinn nach robh riabhs nach bi tuille coimeas di ann: “A Chonuill, ma thà,” —os a Chònuill! “ ’de thacur stad air an t-solus?” “Ma bhristeas am feaman bidh fios agad air sinosa Dònull.

Lean Dònull righreim gu duineil, agus cha bfhada gus an robh beoithichill aige ri buaidh a chosnadh. An uair a theannadh an torc ri dol airaghart, thairneadh Dònull air ais e; agus trath a theannadh e ri tilleadh, chuireadh eghualainn richeireans dhfhùcadh e airaghart e; agus chum es achàs so e gus an dfhuair e cothrom air a bhiodag a shàthadh fon chrom-aisnesn a mharbh e e.

Bha luach an saoithreach aig an dithis dhiùlnach air an sgriob, ’s bha obair aca na closaichean a thoirt gu baile. Chum iad annlann fad aGheamhraidh ris na teaghlaichean aca, aguss ioma gàire a thug e orra fhéins air càch a bhig aithris mar a bheadar iad fhéins an torc.


NA BAIRD GHAIDHEALACH. —Cuirear an leabhar so gu duine sam bith a chuireas air adhart 35c., no tri airson dolair.

DUINOG TAPAIDH.— ’S iomadh rud iongantach a bhannnuair a bha na seann daoinenan daoine òga, ’se sin mur eil an cuimhneg am mealladh. “Mo chàirdean oga,” arsa duinaosda ann an Comunn Deasboireachd Ghlaschu, “dhiarrainn oirbh ur n-uile dhichioll a dheanamh air, chan e mhàìn leabhraichean matha leughadh, ach iad a bhi agaibh dhuibh féin. ’N uair a bha misenam dhuinòg, ’s iomadh uair a bha mi air mo chois fad na h-oidhche acosnadh airgid a cheannach leabhraichean, agus a dheirich mi romh bheul an latha gus an leughadh!”

LATHA STOIRMEIL. —Bha dithis dhaoine uair a diosbud mu lathaichean stoirmeil; gach fear a deanamh a mach gum biad na lathaichean a chunnaic e-féin bu stoirmeile na latha chunnaic duine sam bith eile. Arsa fear dhiubh, “chunnaic mise latha bha cho stoirmeils gun dthug na fithich tri uairean an uaireadair ag gearradh iteig eadar àite Dhòmhnuill Bhàinsan neadsa choille, s chan eil a dhastar an sin ach gann mile.” “Ud, ud! a dhuine,” ars am fear eile, “ ’s iomadh latha chunnaic miseghaoth cho làidirs gum bfheudar dha na fithich an t-slighe dhachaidh a ghabhail dhan cois.”

Anns na beanntan eadar na h-Innsean agus Persia, tha treubh chumhachdach acòmhnuidh aig am bheil cleachdaidhean iongantach. Am measg an t-sluagh sin tha còir aig na mnathan air am fir a thaghadh. ’Nuair a ni boirionnach a h-inntinn suas gu bheil an t-àm aice pòsadh, chan eil aice ach sgalag a chur air falbh gus neapaicean a phrionadh ri ad an fhir a tha i air son a phòsadh, agus feumaidh e a pòsadh gun dàil, air neo a dhearbhadh gu bheil e tuilleadh us bochd air son na tha a h-athair ag iarraidh air a son a phàigheadh.

Chaidh seana-bhean bhar na Gàidhealtachd a mach gu Galldachd a choimhead air nighinn dhi a bhaga cosnadh fhéin. An deigh dhi tighinn dhachaìdh bha i ag innse dha càirdean gach ni iongantach a chunnaic i air a turus“ ’S en rud bu mho a chuir a dhioghnadh orm air fad,” ars ise, “fitheach uaine a chunnaic mis e bruidhinn mar gum biodh duine.”

Tha aislingnar n-anam, ’s briathranar beul
Mu las fearr is nis bòich’ ’nan còir;
S tha ar làithean acaitheamhs a ruith le chéil
Gus an àm ud ceann-uighe an òir.
A nis sean tha an saoghl, a nis òg tha e rìs,
Ach dùil ris anAm mhaththag éiridh gun sgìs.

Tha an seòmar as motha thair an t-saoghal anns an Lùchairt Rioghail ann an St. Petersburg. Tha e ceud us tri fichead troìgh a dhfhad, agus ceud gu leth troigh a leud.



[167]

[Vol . 5. No. 22. p. 7]

Urnuigh an Duine Bhochd.

Air feasgar ciùin samhraidh bha duin’ -uasalna shuidhga ghrianachadh fein aig dorus athaighe, agus ag amharc air a mhuinntir a bhagabhail seachad air an rathad mhòr a bha goirid uaith. Bha seann duine air a luchdachadh le bliadhnaichibh, agus le ceann liath, a dlùthachadh ris le ceumaibh goirid, mall, agus chuir e failt air, le bhonait a thoirt decheann, agus le ùmhlachd a dheanamh dha. “Ciod is gnothuch duit a dhuine shuaraich,” deir an duin’ -uasalagus ciod a chuiran car so thu?” “Ler cead, ler cead a dhuin’ -uasail, tha mi bochd, éuslainteach, fànn, agus éu-comasach air mo theachd-an-tir fein a chosnadh, uime sin tha mig iarraidh na deirce.” Sheall an duin’ -uasal gu gruamach, crosda, air an t-seann duine, agus thubhairt e ris, “A bhodaich shuaraich, carson tha dhànadas agad teachd cho dlùth air mfhàrdach-sa an uair bu choir duit a bhi ri obair air choireigin, chum thu fein a chumail suas, agus chan ann a bhicaitheadh do làitheannadleisgeatair asiubhal an rathaid mhoir. Bi falbh, bi toirt do chasan as, chaneil cuideachadh agam dhut.” Fhreagair an duine bochd e, ann an siobhaltachd, agus thubhairt e, gun do chuir seah aois o obair e, agus gum bheil ega thilgeadh fein air Freasdal an Tighearna , agus air truacantas dhaoine uaithe. Cha do chord briathran an duine bhochd air chor sam bith ris a pheacach uaibhreach agus fein-speiseil ris an robh elabhairt, oir bha e na ana-creideach. Uime sin, dhòrduich e do n duine bhochd, an dara h-uair, e fein a thoirt as gu h-ealamh, agus le gàire fanoid, labhair e mu Dhia, agus muFhreasdal mar nithe do nach tugadh e géill sam bith. Dhfhalbh an deirceach beagan chéuman uaith; agas thuit e air a ghlùinibh. An sin, chuir e suas an ùrnuigh a leanas: “O Dhe ghràsmhoir, tha mitoirt buidheachas duit do bhrigh gum bheil thu ataomadh nuas do bheannachdan aimsireil agus spioradail orm, agus do bhrigh gum bheil maran agus muisge fein cinnteach. Tha miguidhe ort, air sgàth Chriosd, cuimhne a bhi agad air an duine dhall so, ged a rinn e tàir ort fein agus mar an ceudna tarchuis air do Fhreasdal. A Dhé, thoir maitheanas da, oir chaneil fios aige ciod a ta eg ràdh nodeanamh.” Dhfhalbh an deirceach aosda, agus mar sin chaidh na cùisean tamuill seachad. Ach bha na focailA Dhé, thoir maitheanas da, oir chaneil fios aige ciod a ta eg ràdh no deanamh,” a fuaim gun sgur ann an cluasaibh an duine shaibhir. Bha e ann am mor àmghar na h-oidhche. Gidheadh air an ath , air da a bhi air a ghairm don bhaile mhòir, rug e air an t-seann duine agluasad air an t-slighe.

Bhuaileadh le seòrsa eagail e an uair a thilg e a shuilean air an duine bhochd gun dùil ris, agus dhaidich e an déigh làimh gun do chuir an sealladh air chrith e le ciont agus eagal. Theirinn e bhàrrich, an e chrath e an duine bochd air làimh, an déigh fàilt a chur air, thòisich còmhradh ro thaitneach eadar an dithis, Thionndaidh an deirceach aosda ris an duin’ -uasal, agus thubhairt e ris, “Air an n bha mi acrach, agus ghairm mi aig dorus duine shaibhir. Bha corruich air agus ann sin dhinnis e dhomh nach robh e creidsinn aon chuid ann an Dia no na fhreasdal. Dhiarr e orm falbh, agus dhfhalbh mi gu dorus eile far an dfhuair mi gach aoidheachd a bha feumail. Ach feuch, be dorus tighe bantraich a bhann, agus bha i ro bhochd.” Dhéisd an duine mor na h-ùine so agus ma dheireadh dhaidich e gum besan an duine saibhir a bhuin gu an-iochdmhor ris an duine bhochd, dhiarr e maitheanas air, agus shin e dòrlach airgid da ionnsuidh. Ach cha do dhi-chuimhnich e riamh am focal, “Chaneil fios aige ciod a ta e adeanamh.” Dhfhàs ena dhuine diadhaidh, agus cha do chuir e riamh an deigh sin deirceach truagh air falbh falamh on dorus aige.


Bathar Tioram.

20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir.
Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3 .25.
Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na thagainn gle shaor.
IAIN A. Mac COINNICH & CO.


McDonald Hanrahan & Co,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;


CARADH
Uaireadairean
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.


Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar uthcha thanar beachd.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.


Siosal & Crowe.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .,
SIDNI, C. B.



[168]

[Vol . 5. No. 22. p. 8]

Comhairlean Easbuig Carswell da Mhac

(Anns abhliadhna 1560.)

Latha bha sinn gu mear, uaibhreach,
A mhacaidh ud as guirme sùil:
Aon fhocal air leas an anama,
Gur seirbhebhlas nam fèarnùr.

Iain abhaile so shuas,
Gur truagh nach tuigeadh tum bàs:
Nach faic thu fear na h-uaille shìos,
S am feur uaine trid troifàs.

Ge mòr leat do ghiùdhrain mhuc,
S do bhuaile bhuar bhallach, bhreac;
Uibhir an ubhaill ge beag,
Cha téid don uaigh chumhaing leat.

A dhuine thruaigh! nach gabh thu eagal;
M faic thun t-eug thugadna ruith;
Ionnans bhi air bhòrd na h-uaighe,
Ged bu tu bu bhuainair bith.

Nuair bheìrear uait an ceann-adhairt,
S a théid air fradharc do shùl;
Cuiridh iad thu sìntair mhaidibh,
S chan ann air leabaidh don chlòimh.

Cuiridh iad thun ciste chumhaing,
Aona bhrat lìn do bhi mu dchorp,
Druim do thighe ri cuinnein do shròine,
S cumhang an teach còmhnuidh dhuit.

Trì slatan a dhanart margaidh,
Théid mu dchorp, ’s gur beag a phrìs;
S bidh do chàirdean, ’s do luchd-comuinn,
Ga ghearradh mu dbhonnaibh shìos.

Togaidh iad thun darna-mhàireach,
Sluagh man seach adol fo dchorp;
Ille ge mòr leat do mhire,
Nìtear cluich’ -na-Cille ort.

Carbad beag nach bi do snàth
Bheir iad leat gu beul an t-sluichd;
Làmh na ti bu chaomh air uairibh,
Uir gu tiughga sluaistreadh ort.

Bheir iad thu gu beul na h-uaighe
Gun neart, gun fhradharc, gun lùths;
Do chàirdean a ddhéigh gu brònach,
S fàgar shìos adònrachd thu.

A dhuine thruaigh! nach gabh thu eagal,
M faic thun t-eug thugadna ruith,
Ionanns bhi air bhòrd na h-uaighe,
Ged bu tu bu bhuainair bith.


Thogainn Fonn le Cridhealas.

ORAN DO MHAIGHDINN UASAIL AIG TAOBH LOCH-AIRCEIG.

LUINNEAG.—
O, thogainn fonn le cridhealas
Air nighinn a chuil cheutaich:
Gu sunndach, ceolmhor, innealta;—
S tu finne nan dragh-bheusan.

On thanaig mi don bhaile so
Cha ghainnebha mileughadh;
Ach cridhealas is carthunnachd
Is geanalachd is ceutaidh.

Mo dhurachd aig a Chamaranach,
An duine calma gleusda;
Toil-inntinn dhuit gu maireannach,
Gun anshocair gun eislean.

Cha di-chuimhnich mi Ealasaid
A mhaighdean bharrail, bheusach;
Tha suilbhearachd is ceanaltachd
Gun mhearachd ann ad chreubhaig.

A ghnuìs am beil a bhoidhchead
Is gun leom a deanadh beud duit,
Rosg mall mun t-suil as comhnairde,
Mar dhealt an fheoirs a cheitean.

Tha banalachd is smearalachd
An ceangal rùit, is géire;
Tha fìosrachadh is aithnagad
Nach dealaich riuts an eug thu.

Cha leir dhomh ni do phroìs annad,
No goraiche fon ghrein so:—
Is ged tha smachd na h-òige ort
Gun dean thu steornadh reumail.

Tha taghaidh soilleir, flathasach,
Mar ghathan caomh na greine!
S gruaidh chaoin air dhreach an roìs agad,
S am beul as boidhche deudach.

Do mhuineal tha fìor-thaitneach
Cho geal ri canach sléibhe:
S tfhalt dualach air dheagh-ordagh,
S cho boidheach ris na teudan.

Beul binn a labhras fileanta,
Gu milis, modhail, beusach;
Do ghuth tha leam cho ceolmhor
Ris an smeoraich air na geugaibh.

Com cumadail, fior-cheanalta,
Lan fallaineachd, gun eislean;
Ceum fireachail, gun lodalachd,
Ach beothail, seocoil, eutrom.

Is math thig brogan sailteach dhuit
Am fasan ard Dhuneideann;
Is stocain ban mar anart
Air a chalba gheal as reidhe!

Tha thu tlachdmhor, comhraidhteach;
S an comhnaidh ann an reite;
Gu fialaidh, ciallach, fabharach
Ri aon an càs na h-eigin.

Geds iomadh ceum a choisich mi,
BhoShiorrachd Rois gu Eirinn,
Chan fhacas tethug barrachd air
Og Ealasaid am beusaibh.

Bfhearr leam fhìn gum faicinn thu
Aig duine tapaidh, treubhach,
Dham bitheadh or is earras,
Pailteas fearainn agus feudail.

Tha cairdean anns gach ait agad
Nach faic ort càs no eigin.
Na Camaranaichs na Stiubhartaich,
Fir chliuiteachn am na stréipe.


NUAIR THEID THUBHADDECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram, Bathar Cruaidh
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile.
An seorsas fhearrs aphris as isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.


STOR UR TAILLEARACHD
ANN AN
StorW . E. Peters.

Aodaichean Matha dhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.

Theid sinn an urras air an obair.
MacCoinnich & Co.
Sidni, C. B.


Bheir mi NEAPACAIN BRIAGHA SIODA
An Nasguidh
Do gach aon a cheannaicheas fiach DOLAIR de bhathar uam. Thig gun dail agus
FAIGH FEAR DHIUBH.

THA AM BATHAR CHO SAORSA GHABHAS
Bathar Math Faighinn.
D. J. DOMHNULLACH.

titleIssue 22
internal date1896.0
display date1896
publication date1896
level
reference template

Mac-Talla V No. 22. %p

parent textVolume 5
<< please select a word
<< please select a page