[169]

[Vol . 5. No. 23. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, DESEMBER 12, 1896. No. 23.


Aonachd a Chinne-dhaonna.

Chaneil taisbeanadh againn is comharraichte air aonachd a chinne-dhaonna na tha air a chur far comhair anns na cànainearafa leth a tha air an labhairt le luchd-àiteachaidh na talmhainn. Shaoileadh nach nach robh moran coltais aig cuid de na cànainean sin ra cheile; agus, don chluais no don t-suil neo-chleachdte agus neo-fhoghluimte, chan eil, ach air a shon so uile, tha iadsan a stiùir an aire gu sonraichte a dhionnsuidh nan teangannan fa leth, agus a rannsaich agus a lean iad a suas troimh gach sruthan agus caochan, gach abhainn agus alltans an do shruth iad gar nionnsaidh, ag innseadh dhuinn, mar le aon ghuth, gu bheil de shuaip aca ra cheile, ’s de chomharran orra gu leirs a thatoirt an dearbhadh as do-àicheadh gun dthainig iad gu leir as an aon lochan mhor a chaidh a chur troimh-cheile aig Tur Bhabeil. Chan [ ? ] so ach [ ? ] ach chan eil am measg uile ionmhasan eòlais an t-saoghail tobar is taitniche no is buanachdaite na e; agus mar is a thatarga sgrùdadh, agus mar tha eòlas nan cànainean agus an cuid chaochlaidhean adol am farsuinneachd, tha e fàs nas soilleire gach latha gum buin gach geug agus meangan dan chraoibh mhoir so, don aon fhreumh, agus gun do chinn iad gu leir bho aon stoc.

Tha an t-abstol ag innseadh dhuinn, an uair a thachair da fein agus da chompanaich a bhi air an tilgeil air eilean nach baithne dhaibh, agus eagal orra nach do rinn iad, a reir coltais, ach dol as o aon chunnart gu bhi air an tilgeil ann an cunnart eileair an saoradh on fhairge gu bhi air an itheadh leis na fiadh-ddaoine; an àite sin gur ann anochd an sluagh borb caoimhneas nach bu bheag dhaibh; oir air fadadh teine dhaibh ghabh iad riutha uile, air son an uisge a bhann, agus air son an fhuachd; ”agus gheobh sinn a cheart teisteanas aig luchd-turais ann an duthchaibh céin gus an lathan diughgu bheil am measg moran de na treubhan aineolach agus dorcha air feadh an t-saoghail, iomadh uair ri fhaicinn truacantas agus blàth-chridheachd air nach dthugadh bàrr am measg Chriosduidhean fein. Is fior mar thuirt am bard Cowper, anns aBheurla

Fleecy locks and black complexion
Cannot forfeit Natures claim:
Skins may differ but affection
Dwells in White and black the same.

Ann an tagradh as leth aonachd achinne-daonna tha sinn acur cul ris abharail mhi-mhisneachail agus bhochd mu threubhan àrda agus mu threubhan iosal, —barail a bhuinneadh air falbh bho chuid dar co-chreutairean an còirichean mar bhràithrean agus mar pheathraicheanclann an aon teaghlaich mhòir, —barail mhearachdach agus sgriosaìl, a dhealbh geimhlean thràillean, agus a thoinn cuip an luchd-sgiùrsaidh anns gach linn, —barail a thuil-chòmhdaich machraichean farsaing America, o chionn àireamh bhliadhnaichean air ais, le fuil a cuid cloinne. Thainig saorsa, ach bu mhor agus bu diubhalach a porìs!

Thugamaid an aire, le bhigeilleachdainn doleithid so de bharail mhi-airidh agus tharcuiseach, nach bi sinn atoirt gnùis don teagasg mhearachdach a dheanadh aon chinneach a chur os cionn cinnich eile ann an gnè agus ann an inbh a thaobh nàduir. “Nacheil aon athair againn uile? nach aon Di[ ? ] chruthaich sinn? [ ? ]uime a bheil sinn abuntainn gu fealltach, gach duine an aghaidh a bhràthair, bhibriseadh coimh cheangal ar nathraichean?” Gu ma fearr leinn a bhi ag amharc rilinn an àigh,” agus ag oibreachadh air son an àm a thoirt dlùth, anns am

Caoimhneas, comunn, iochd as gràdh
Anns gach àit am measg an t-sluaigh;
Eadar far an éirich grian
S far an laidh in Iars achuan!”

Chaidh robair no fear-creachaidh a mharbhadh anns an Tuirc o chionn ghoirid, agus fhuaireadh air a shiubhal ceithir mile punnd Sasunnach de dhairgead, agus leabhar-pòca anns an robh cùnntas aig air a chumail air ceud us ceithir ficheadsa dha dheug de dhaoine a mharbh e.


A Antigonish.

Mar bu dual dar sinnsir, air latha Fheill Andrais, dhfheuch gillean Gàidhealach Oilthigh N. Francis Xavier ris na cleachdaidhean àbhaisteach a chur an céill. Lebonaid ghorm os cionn na mala,” agus le suaicheantas Comunn an Fhraoich air a bhroilleach, chìte gach òganach a sràid-imeachd mun cuairt, cho moiteils ged a bu leis fhein America; agus bu dalma neach a theireadh gu robh an fhior-fhuil Ghàidhealach air fàs fionnar.

Oidhche Fheill Andrais bha céilidh aig Comunn an Fhraoich. Chuir iad cuireadh air Comunn Gàidhealach a bhaile, cuireadh a ghabh roinn mhor dhiubh; agus gu dearbh bha sinn toilichtem faicinn, oir chan eil air thalamh daoines flathaile nos rioghaile na Gàidheil Antigonish. So òrdugh na céilidh.—

Seallaidhean le solus-aoil.
OranSoraidh bhuain air chuan air astar, Coisir Comunn an Fhraoich.
Leughadh, Iain Mac Isaic.
Hail to the Chief,Coisir B. N. C.

ComhradhAlasdair Sgiobalta-
Murchadh Mac Illeolain.
Domhnull Mac-a- Phearsain.
Padruig Mac Neill.
Iain Mac Neill.
A. C. Mac Illios.

Scots wha hae,Prof. Horrigan.
O, sid an deoch mhilis, Coisir.
Blàr Choille-Chragaidh, A. C. Mac Aonghais.
Bithibh aotroms togaibh fonn, Coisir.
Leughadh, Raonull Peutan.
Auld Lang Syne,Coisir.

Rinn na gillean an cuid fhéin gu pongail, deas-bhriathrach, agus thug iad mor thoileachadh do gach neach a bhagan eisdeachd. Chan eil Comunn an Fhraoich adeanamh fuaim mor anns an t-saoghal, ach tha e deanamh ni a tha moran nas fhearrtha e cuideachadh ioma gille gasda gu barrachd eòlais fhaotainn air cainnt a shinnsir.

Bha dinnear mhor aig Comunn Gàidhealach a bhaile air feasgar la Fheill Andrais. An deigh blasad air na bhair a bhòrd, chaidh iomadh òraid ghasda a liubhairt leis na h-uaislean a bha cruinn, ach tha iad ag radh nach robh ni ann bu taitniche na òran Gàilig a sheinn ur seana charaide, Alasdair an Ridse. Ur Caraid dileas,

AONGHAS.


Chaidh naigheachd a sgaoileadh anns na Stàitean an la roimhe gu robh an Fhraing, Ruisia, us Breatunn, a dol a smachdachadh an Turcaich, ’sa dol a ghabhail riaghladh na h-impireachdnan lamhan fhéin. An feasgar sin fhéìn thainig fios á Breatunn ag radh nach robh facal firinn anns an sgeul. ’S iomadh uair a bhatar gu bhi sàs anns an t-Sultan, nam bfhior cuid, ach cha do chuireadh dragh sam bith air fhathast; aguss es dòcha nach deanar sin a cheud-treis.


Tha treis a dhùine air ruith on chaidh aithris gu robh na Stàitean agus Breatunn an deigh tighnn gu còrdadh a thaobh Venezuela. Air an t-seachdain so, fhuaireadh fios gu bheil Venezuela fhéin leagte ris a chòrdadh a rinneadh, agus chan eil ni as cinntiche nise na gum bi na cùisean a bhag aobharachadh na h-aimhreit air an réiteach gun ghuth a thoirt tuilleadh air cogadh.



[170]

[Vol . 5. No. 23. p. 2]

SEAN-FHOCAIL.

An ni a Chi na Big, ’s e ni na Big.

Anns an t-sean-fhocal, “Bu dual da sin,” chunnaic sinn beachd ar n-aithrichean mu thimchioll feartan cuirpus inntinn a bhiruiths an fhuil; agus cho daingeans a bhan creidimhn am measg gum bu tiugha fuil na bùrn. Tha teagasg eile air a thoirt far comhairs an t-sean-fhocal, “An ni a chi na Bigs e ni na Big,” —teagasg a tha fior chudthromach anns gach àms anns gach àite, ach gu h-araidn ar latha-ne an Gaidhealtachd na h-Alba, —aguss e sin abhuaidh inntinn a tha anns an duine gu bhi leantainn eisempleir, agus gu sonruichte cumhachd na buaidh thairis air inntinn nan òg. Tha iomadh Sean-fhocal againn a tha dearbhadh an luach a bha ar n-aithrichean acur air Iunnsachadhus Foghlum, “Chan fhiosrach nach feoraich,” “Deireadh an , ’s maith na h-eolaich,” “Is trom geum air a h-aineol,” “Ma bhitheas aon chrons an eolach, bithidh dhàdheugs an aineolach,” “Is trom an èire an t-aineolas;” —ged is eigin aideachadh gun robhs gu bheil na Gaidheil air deireadh air na Goilln an eud air son teagaisg cloinne gu h-araids an sgoil. Nam be so an t-àms an t-àite, dhfhaodte aobhar no dhà a thoirt seachad ann an rathad leth-sgeil air son an deigh-laimh so am measg ar luchd-duthcha. ’S e ar dleasdanas an trathsa bhig amharc air an riaghailt-theagaisg a thair a chur far comhair anns an t-Sean-fhocal. Cha robh ach aon uair eile ann an Eachdraidh na h-Alba, agus cha robh uair idir ann an Eachdraidh na Gaidhealtachd, a bha inntinnean dhaoine air an dusgadh gu bhi feorach mun doigh theagaisg is freagarraiche mar tha iad o chionn beagan bhliadhnachan. Chaneil paipeir-naigheachds an amhairc sinn, nacheil moran deth air a thogail le Buird sgoileans le Maigstirean-sgoilan cuiseans an connsachaidh. Tha de sgoilean ùrag an cur suas, is gu bheil an costas air fhaireachdain trom gu sonruichtes a Ghaidhealtachd. Bhiodh e ro fheumail, ma ta, gum biodh beachdan soilleirus cothromach againn air nas urrainn an sgoil a thoirt seachad, ’s air amhodh-theagaisg is freagarraichen ar tìr.

Ach chan ann muna Biga mhain a than Sean-fhocal fior. Tha bhuaidh a than Sean fhocal acur an cainnt aleantuinn ris gach creutair am beatha, ged tha i nas comharraichte annsna Big.” Ann an rathad a bhi leantuinn eisempleir, than duine cosmhuil ris achaora. Deanar a cheud bhriseadh, agus leanaidh an duine, mar achaora, ged a bann ga chunnart. Is ann on bhuaidh so a tha moran dar cleachduinean, dar beachdan, agus eadhon dar n-aidmheilean ag eirigh. Nacheil moran diu mu nach urainn sinn aobhar a a thoirt seachad ach gun diunnsaich sinn òg iad, no gun robh iad aig ar coimhearsnaich? Mu thimchioll an roinn is mo dar beachdan, chan eciod e cho fior,” achciod e cho fasanta” ’s a tha iad is trice a dhfheoraicheas sinn. Thug ar n-aithrichean deagh aire don bhuaidh so an inntinn an duine, mar tha na Sean-fhocail adearbhadh: “An ni a chluinneas na Big, ’s e chanas na Big;” “Tairgnidh gach neach richoslas;” “Seididh aon sroin shalach an clachan;” “Ma their mi feinthuri mchù, their a h-uile fear e;” “Miann an duine lochdaich, càch uilebhi amhluidh;” “Is uasal mac an uasail an tir nam meirleach;” “Cuir innte, ’s cuiridh an saoghal uimpe.” ’S e is brigh dha so uile gu bheil an duine gu nadurra teom air Eisempleir aleantuinn, co-dhiu tha i maith no olc, —gu bheil buaidh na h-Atharrais am measg nan cumhachdan is bunaitiches an inntinn.

Gheibhear an Sean-fhocal so, air aon doigh no doigh eile, anns gach canains anns gach tir. Chaneil canains an Roinn-Eorpa, marbh no beo, ’anns nacheil neart na firinn a than Sean-fhocal acur an ceill, air aideachadhgu minic agus air iomadh doigh.” Chaidh abhuaidh-inntinn a than Sean-fhocal acomharrachadh a mach a mhineachadhs a shoillearachadh leis gach fear-teagaisg a ghabh os laimh nadur an duine arannsuchadhs na laghannan a tha riaghladh na h-inntinn alorgachadh gan cul. Gheibh sinn air uairean inntinn an duine air a coimeas ri ceir, air a bheil an saoghal mar sheula adealbhadh gach smuains gach faireachduin; air uairean eile ri sgàthan a thatilgeadh air ais ceart dhreach nan cuspairean a chuirear fa comhair; ach mar is tricen a cumhachd beo; le laghannan suidhichte ariaghladh achuirp, astiuireadh na toil, acumadh an t-saoghails adeanamh a bheatha fein so thuigsinn don duine. Is cainnt shamhlachail so; agus tha e feumail a chuimhneachadh gur ann an cainnt shamhlachail a mhain is urrainn duinn labhairt mun inntinn. Chaneil ar briathran ach ann an tomhas fior an uair a tha sinng an cleachdadh ann an seirbhis na rioghachd neo-fhaicsinnich so; oir rugadhus bhaisteadh iadn an iochdarain an t-saoghail mun cuairt duinn, agus tha cruth na tire dam buin iadg an leantainn. Ged is e inntinn a thug an Saoghal gu bith, ged bhitheas inntinn buan-mhaireannach an uair a theid an Cruinne-cen a smàl, ged tha sinn a creidsinn nach eil anns aChruthachadh fhaicsinneach ach sgail na h-Inntinn neo-fhaicsinnich a chruthaich e, ’s a thag a chumail suas, gidheadh is ann an cainnt a thair a cumadh ris na chi an t-suils na laimhsicheas an lamh a tha sinn a mhain comasach air labhairt mu inntinn. A thuilleadh air so, ciod e inntinn innte fein, no ciod e corp ann fein, no ciod e gne acho-cheangail eadar an inntinns an corp, cha tuig mac an duine. Ciod e spiorad, cha leir dhuinn; ’us ciod e feoil, chan aithne dhuinn. Gun teagamh, “is uamhasach, iongantach a dhealbhadh sinn;” agus feudaidh sinn le firinn a radh gu bheil sinn nas aineolaiche oirnn fein na tha sinn air an talamh fo ar casan, no air na speuran os ar cionn.

Ach ged nach eil fios againn co dheth a tha an aitreibh mhiorbhuileach so air a dheanamh suas, tha sinn comasach air eolas fhaotainn air moran da feartan a reir mar a tha i na h-oibreachadhg a foillseachadh fein duinn. Tha sinn acleachdadh a bhi mar so alabhairt mun Reusan mar asmuaineachadh, abreithneachadh; mun Toil asonruchadh; ’s mun Chridhe afaireachduin; ach tha e cosmhuil nacheil bunait sheasmhach aig an doigh chainnt so. Bithidh sinn mar an ceudnalabhairt air buaidheanus ceud-fàithean na h-inntinn; ach is cainnt shamhlachail a tha sinn ag uisneachadh. Than Inntinn gun teagamh, mar is léir dhuinne, “ ’n a h-uile anns na h-uile;” achn a h-aon, do-roinnte, do-sgarte. ’S e an aon Inntinn do-roinnte, do-sgarte so, a thag oibreachadh air caochladh dhoighean, ’s a thag a foillseachadh fein duinn asmuaineachadh, abreithneachadh, adealbh, asonruchadh, ’s afaireachduin. Tha na roinnean a tha sinn mar so adeanamh feumail agus freagarrach, a chum a bhigleidheadh ordugh agus loinnn ar n-eolas, agus eadhonn ar gnothuichean, ach feumaidh sinn an comhnuidh a chuimhneachadh, gu bheil ar roinnean fior a mhain ann an oibreachadh na h-inntinn, agus nach eil aite aca ann an aitreibh na h-inntinn fein. Bhitheadh e cho ceart duit aradh gu bheil uiread lamhan agads a tha de chaochladh ghniomhan ann ris an cuir thu do lamh gu h-ealanta. Chaneil ach aon lamh ann; ach feudaidh iomadh ceird a bhi ar an aon laimh. Air a cheart doigh, chaneil ach aon Inntinn ann, ged is léir dhuinn a h-oibreachadh air iomadh caochladh doigh.

Am measg nan laghannan dam bheil an Inntinnn a h-oibreachadh ageilleadh, chaneìl aon, ma dhfhaodte, a tha faighinn umhlachd cho iomlan, no aig abheil uachdranachd cho farsuing ris an lagh a than Sean-fhocal acur an cainnt. Tha tus ar n-eolais aco-sheasamh anns achomas a thaig an Inntinn air aire a thoirt do chuspairean a tha cosmhuil ri cheile, ’s an da chuid an coslass an eu-coslas a ghleidheadh air chuimhne. Agus ceart mar a chi sinn gu bheil inntinn an fhir-cheird afaighinn toileachas ann a bhileantuinn a dhreuchd, mar a thalamh ag iunnsachadh teomachd; tha gach slighe air an toir thu comas don inntinn a bhisiubhal afas soilleir di; agus a thuilleadh air so, tha gach ceum a bheir thu anns an t-slighe adusgadh suas iarrtas air a bhi ag imeachd innte. Chi sinn mar so gu bheil abhuaidh bhunaiteach, dhiomhair so, afilleadh a stigh innte fein cumhachd a tha toirt barantas dhuinn air a seasmhachd. Le cleachduin than t-saothair afas taitneach, agus tha miann air a ghintinns an inntinn gu bhibuanachadhs an t-saothair. ’S ann do bhrigh firinn na buaidh so a thuirt an t-aon a bu doimhnerannsuich inntinn an duine riamh, nacheil ann an Deadh-bheus ach Cleachduin. Agus is ann le fior-fhiosrachadh air neart na ceart



[171]

[Vol . 5. No. 23. p. 3]

bhuaidh a thuirt na Sean-daoine: “ ’S en t iunnsachadh òg a bhitheas ealanta,” “Is duilich toirt on laimh a chleachd.”

Chaneil ach ceum beag eadar Cleachduinus Eisempleir. Is phiuthair iadnigheanan na h-aon Mhathar. An ni a tha thu fein adeanamh, ’s e sin do Chleachduin; an ni a tha do choimhearsnach adeanamh, ’s e sin dEisempleir. Gheibh thu toilinntinn adghniomh fein le bhi tricg a dheanamh; gheibh thu toilinntinn an gniomh do chomhearsnaich le bhi an comhnuidhg a fhaicinn. ’S en aon bhuaidh inntinn a ni cinnteach nach diobair thu do Chleachduin fein, ’s gun iunnsaich thu Eisempleir do choimhearsnaich. Tha e so-thuigsinn, ma ta, gum biodh buaidh aig abheil aite cho bunaiteach an inntinn an duine, ariaghladh achinne-daonna o thoiseach an t-saoghail. Ach tha e dlu air bhi do-thuigsinn, mar tha e gun teagamh do-innseadh, an cumhachd a thaig cleachduin ar coimhearsnaich thairis air ar caithe-beatha. Cha mhor an aireamh, agus is coma ged nach mor, a tha cho neo-mhothachail air Eisempleir mhaith no olcs a bha clann fir Ruspuinn, mas fior Rob Donn:

Bu daoine nach drinn briseadh iad
Le fiosrachadh do chach,
S cha mho a rinn iad aon dad
Ris an can an Saoghal gras;
Ach ghineadh iad, ’us rugadh iad,
Us thogadh iadus dhfhas;
Chaidh stràc den t-saoghal thairis orr
S mu dheireadh fhuair iad bas.”

Than Saoghal air ariaghladh le Gliocas, le Ughdarras, agus le Eisempleir;” be so beachd duine cho geurs cho fiosrachs a chunnacass an Roinn-Eorpa o chionn iomadh linn. Agus nach feudar aradh gur e, mar is trice, Eisempleir is cumhachdaiche den triuir. Nach tric a chunnacas ann an Eachdraidh an t-saoghail tàirg a dheanamh air comhairle ghlic, dùlang a thoirt do ordugh an Righ, ach cuin no caite nach faighidh Eisempleir eisdeachd agus umhlachd. Chan e Reusan no Reachd, ach Abhaist dam bheil sinn ullamh gu striochdadh. Chan e Feachd ach Fasan nan Greugach a chiosnaich na Romanaich. Agus o chionn iomadh bliadhna nach e Fasan is cumhachdaiche na Firinns an Fhraing. Ciamar a thuigeas sinn iomadh cleachduin a ghleidh an lamh-an uachdar ann an iomadh duthaich iomadh linn, a dhaindeoin solus an Reusain, ughdarras an Lagha, agus faobhar a Chlaidheimh, gun a bhicumail air chuimhne buaidh na h-Abhaist thairis air inntinn an duine?

Cha mhor dhaoine no chinneach, tha mi meas, a tha toirt barrachd ughdarrais do Abhaist no do Chleachduin, na than Cinneadh Gaidhealach. Gun teagamh chaneil, ’s cha robh sinn cho umhail do lagh na Rioghachds a tha sinn do bheachd ar n-aithricheans ar coimhearsnaich, Is e ar n-uaill nach striochdamaid do chumhachd choigreach; ach nach dearbh moran dar cleachduineans dar beachdan gun dthug sinn iomadh uair umhlachd thoileach do chomhairlean faoin, do theagasgan meallta, ’s do eisempleir neo-thoinisgeiln ar duthaich fein. Feudaidh e bhi gur ann do bhrighs gu bheil o chionn iomadh ceud bliadhna ar coimhearsnach ro-chumhachdach air ar son, a tha sinn cho amhurusach air gach seoladhs gach ordugh a gheibh sinn on Ghall. Tha mi den bheachd gun do chuidich ar n-eachdraidh anns a cheum so cumhachd na tuigse alagachadhn ar measg. A dhaon ni, cha ghabh sinn ri sochairean fein gun taing. Chan eisd sinn ri Gliocas ma bhitheas claidheamhn a dorn. Cha burrainn an t-arm dearg a bhrigis a chur oirnn; ach an ni a dhfhairtlich air Saighdearan, bha e so-dheanta do Thaillearan. Agus nach eigin aideachadh gu faigh Faoineas fardochn ar measg ma labhras i miodalach ruinn. Busa leinn riamh beum claidheimh na beum teangadh fhulang. Far nach buadhaicheadh Feachd, bhuannaichdeadh Fanoid. Nacheil e fior gun geill sinn do fhear abheoil mhilis, gun a theachdaireachd, arannsachadh ro dluth, air thoiseach airsan a bheir an comhnuidh seachad an fhirinn, searbh air uairean mar a dhfheumas i bhi. Bha Bard nach cualas ainm a mach á Sgireachd fein agearan air a choimhearsnach air son e bhi ro theom air innseadh bhreug, ach

Dhinnseadh tu cho briagh iad,
S nach iarruinn ach bhi deisdeachd,”

arsam Bard, ann an rathad leth-sgeil. Tha mi meas gun do chuir am Bard sios anns an rann so, cainnt a tha fior mu mhoran dar luchd-duthcha.

S ann mar is trice ann an rathad rabhaidh a chluinneas sinn an Sean-fhocal air a thoirt air aghaidh. Ach tha a theagasg cho fior agus cho feumail ann an rathad misnich. Mar a chi thu Tigh-soluis acomharrachadh don Mharaiche an chuid cunnart an Rughaus tearuinteachd aChaoil; gheibhear Eisempleir atilgeadh soluis airslighe fhiar nam peacach baoth,” a thatreorachadh gu sgrios, ’s air slighe dhirich an fhirein dan criochabheatha mhaireannach.” Gun teagamh sam bith, chan ann an solus an , le gaoith an cùl nan seol, ’s aig caladh tearuinte, a dhiunnsaicheas am Maraiche an t-seoltachd, achruadail, ’s an earbsadh, a stiuireas long gu sabhailte ri oidhche dhoinneannaich roimh chuan buaireasach, no seachad air cladach cunnartach; ’s cha mho is ann gun iomadh tuisleachadhus tuiteam ghoirt, a gheibh an t-Ionracan an inntinn fhallain, na tograidhean cothromach, ’s an toil sheasmhach a bheir tearuinte e roimh amhuinn theinntich na beatha; ach ann an iunnsachadh nan òg, tha e air aideachadh air gach laimh, gu bheil e nas freagarraiche eisempleir mhaith a chum a leantuinn a chur fa comhair, na droch eisempleir a chum a seachnadh.

Am measg nan Sean-fhocal a tha far comhair an traths, ’s a tha gu leir a buntainn ri teagasg an t-sluaigh, tha e comharraichte nach eil ach aon, “An ni a chluinneas na Bigs e chanas na Big,” atoirt air aghaidh buaidh Cainnt airson teagaisg; tha cach gu leir atoirt far comhair buaidh Gniomh. Bha ar n-aithrichean ceart. “ ’Se Beul a labhras; achs e Gniomh a dhearbhas.” Tha Comhairle mhaith luachmhor; tha Eisempleir mhaith nas luachmhoire. Is ro fheumail Beachdan cothromach; tha Gluasad ceart nas ro fheumaile. Chaidh cliu nan Gaidheal air son iomadh deagh bhuaidh am fads am farsuingeachd. Sheirm iad fein i, ’s sheirm daoine eile i. Ach cha bann airson meud ar n-eolais a bhuannaichd sinn cliu am measg nan sluagh. Cha banns an Sgoil a dhiunnsaich sinn na cleachduinean a choisinn urram o chairdeans o naimhdean. Ach cha robh sinn gun luchd teagaisgs an àm a dhfhalbh. Bha deagh eisempleirn ar dachaidhean; agus bha cliu nan daoine on dthainig sinn, an ranns an sgeul, gu tricn ar cluasan. Ma dhfhaodte nach coisneadh an t-eolas so àite urramach dhuinn on bhaile; ach gun teagam dheanadh e earbsach gun gleidheamaid an t-àite nam faigheamaid e. Tha sinn an dochas gun lean deagh eisempleir na dachaidh; ach than ranns an sgeul air dol a fasan. Bhiodh e duilich mur tig nas fearrn an aite. “An ni a chi na Big, ’s e ni na Big,” —gu ma fada a bhitheas deagh eisempleir air acur fa chomhair nan òg. “An ni a chluinneas na Bigs e chanas na Big,” —nach duilich gur eigin a chur an cuimhne ar luchd-teagaisg gum feumna Bigtuigsinn cho math ri cluinntinn mun can iad. —D MKsa Ghaidheal.


Chuir àireamh de dhaoin-uaisle á Hamilton, Ontario, gibht de mheasan a dh ionnsuidh na ban-righnn o chionn ghoirid, agus air an t-seachdain sa chaidh fhuair iad fios bho a Morachd a toirt taing dhaibh air son an caoimhneis Ràinig na measan am bòrd rioghail gun ghaiseadh sam bith.


S fearr dol timchioll na tuiteamsan dìge.

Tha sinn a foghlum ni eigin eadhon o challdachd.

Feumaidh iadsan nach cuirs an Earrach a bhig iarraidh na deirces an fhoghar.

Aig airgead agus ùine tha moran an luach fein. Chan urrainn an ti a chuireas an t-aon gu droch bhuil, an t-aon eilechur gu deagh bhuil.


GILLE TREUN. —Tha gille òg Sasunnach dan ainm A. W. Eatonna chòcaire air carbad-iaruinn ann an Ontario. O chionn ghoirid bha e aon latha aig àite ris an canar anSoo”, agus chunnaic e bàta anns an robh dithis fhirionnnach agus boirionnachga chur thairis le oiteag gaoithe. Bha am bàta mu dha cheud slat bho thir. Thilg e dheth a chòta, agus shnàmh e mach far an robh iad; rug e air a bhoirionnach air fhalt agus thug e gu tir i; agus an deigh sin chaidh e air ais a rithists shàbhail e an dithis fhirionnach. Chuir iadsan a bha làthair aig an àm airgead cruinn, agus thug iad duais luachmhor dha; agus bu mhath a choisinn e sin. Chan eil e ach naodh bliadhndeug a dhaois.



[172]

[Vol . 5. No. 23. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton


SIDNI. DESEMBER 12, 1896.

Thainig soitheach thairis air an Atlantic o chionn ghoirid a rinn an t-astar eadar Libherpool agus Boston ann an sia latha tri uairean deugas da faichead mionaidsa tri. Cha bann air a socair a bha i, agusse barail moran nach eil e sàbhailte a bhi ruith nan soithichean mora cho fior luach. Ach chan eil teagamh nach eil an t-àm a tighinn anns an deanar an t-astar ann an ùine moran nas giorra. Agus an uair sin bithear ag amharc air ais orra-san a bha bruidhinn air cunnart an luath-astair so mar a tha muinntir an lathan diugh ag amharc air ais orra-san a bhann rompa fein, ’s air an cuireadh soitheach-smùide no carbad-iaruinn eagal. Mar sin than saoghal agluasads a deanamh adhartais ann an innleachdan, ged a bhiodh e doirbh a thoirt a chreidsinn air moran gu bheil e a deanamh adhartais ann an gliocas no ann am mathas.

Chaill Mr. Henry, fear-pàrlamaid ann an Ontario, àite-suidhe o chionn ghoirid a chionn gun do dhearbhadh anns achuirt gun do phàigh fear de na daoine bhag obair air a shon, ceithir dolair do Innseanach air son a bhòt. Dhfheuch Mr. Henry fhéin ri cùisean a chumail cho onarachsa burrainn da, ach tha e coltach nach burrainn da toirt air a luchd-leanmhuinn uile a bhi mar sin, agus a nise tha aige-san ri fulang. Tha an lagh gle chruaidh air luchd nam briob, agussann mar sin bu chòir dha bhi.

Thog Riaghladh nan Stàitean soitheach-cogaidh o chionn ghoirid air an dthugadh mar ainm an Texas, ach nach eil air tionndadh a mach cho mathsa bha iad an dùil. A cheud uair a chaidh a feuchainn, fhuaireadh car cearbach i; agus chan eil i aìr a dhol dad nas fhearr on uair sin. Chosg i cho fada so còrr math us ceithir muillein dolair, agus tha e doirbh a radh ciod e uireadsa chosgas i mun deanar soitheach math dhi.

Tha e gle coltach gu bheil moran othail ri bhi anns gach cearna dhen t-saoghalnuair a chriochnaicheas Ban-righ Victoria an tri-ficheadaibh bliadhna derioghachadh. Ann am Breatunn bidh co-ainm lathacrùnaidh air a chumail le greadhnachas mor. Tha uile righrean us iompairean an t-saoghail air an cuireadh gu bhi làthair, agus bidh de dhuaisleans de dhaoine mora na talmhainn ann rud nach gabh àireamh. A bharrachd air sin tha aig muinntir na dùthcha so ri ni-eigin a chur air chois mar chuimhneachan air faighinn America le Cabotsa bhliadhna 1497. Tha mar sin abhliadhna tha tighinn, agus nach eil a nise gle fhada uainn, gu bhina bliadhna iomraiteach.

Tha fios a thainig air an t-seachdain so ag innse bu bheil Mr. Gladstone afulang moran le giorr’ -analach. Tha còrr us seachdain on thòisich e air a bhi draghail dha, ach tha na dotairean ag radh nach eil cunnart sam bith ann dha. Tha e dol a chur a gheamhraidh seachad anns an Fhraing.

Bha stoirm mhor ann an Newfoundland deireadh na seachdain sa chaidh. Bha àireamh shoithichean air an glacadh innte. Bha triuir dhaoine air an sguabadh bhar bord aon soithichs air am bàthadh. Bha an t-side gle reota aig an àm.


Nathraichean Eirinn.

Tha e, mar a thafhios agaibh, ’na sgeula cumanta gun do chuir Pàruig an ruaig air na nathraichean á tir na h-Eirionn. Tha e so-thuigsinn do gach neach nach eil an sgeul sin fior ann an seadh litireachail, ach faodaidh e bhi fior gu leòr ann an rathad eile; oir, tha sàr fhirinn aia a cur an ceill anns an sgeul mas es gun robh na Gàidheil aon uair atoirt aoraidh don nathair. Ma tha e fior, mar a tha cuid dhiubhsan a tha toirt aire do sheana chleachdaidhean ag innse dhuinn, gun robh nathair-aoradh air a chleachdainn am measg nan Ceilteach; an sin tha e da rireadh fior gun do chuir Pàruig ruaìg air na nathraichean trìd toirt a steach na h-aidmheilCriosdaidh. Chan eil aon air bith nach cuala mu dheibhinn na h-altrach a fhuaradh o chionn beagan ùine dlùth air Loch-nan-eala, ann an sealladh tri binneinean ChruachaìnBan-righ nam beann. Tha an altair so mas fior, air dealbh nathair mhoìr, agus tha iad ann a tha tarruing uaith so gun robh aoradh air a thoirt don bhiasd shnàgaich le ar nathraichean anns na linntean fada thall. Mas e agus gu bheil so fior, oir chan eil mi dol a thòirt baraila thaobh na cùise, tha e soilleir mar a chuir Pàruig an ruaig air na nathraicheantrid bhina mheadhon air creideimh a bfhearr agus eòlas a bairde a thoirt a steach don dùthaich.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.
SIDNI, - - - C. B.


F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC

An aon fhear dhe sheòrsa thair Eilean Cheap Breatunn.

Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.

Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dhas coir dha toghal air.

Tha stoc math de speuclaireans de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.

Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c , &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.

Tha e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHANEUREKAair a cheart phris air am beilearg an creic aig na muillin.

Tha Factoridh Eureka air aon den fheadhain as fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar adeanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.

Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.

Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Illemhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitches Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd lathan deigh a chlòimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.



[173]

[Vol . 5. No. 23. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Bha coinneamh cléire ann an Eaglais St. Andrewssa bhaile so, Di-ciaduin.


Tha da àireamh dhen phaipear ùr, anColliery News,air tighnn a mach. Tha ena deagh phaipear, agus chan eil teagamh againn nach soirbhich leis.


Bha cùirt na siorrachdna suidhe air an an t-seachdain so, a tòiseachadh Di-màirt. Cha robh gin a chàsan ùra air a beulaobh, ach càsan a chuireadh ga h-ionnsuidh o na cùirtean iseal.


Cuiridh e ioghnadh air moran a chluinntinn gun deachaidh fiach aona muillein deug gu leth dolair, ( $11 ,500,000) de dhòr a thoirt á meinnean Nobha Scotia re nan deich bliadhna chaidh seachad.


Tha an soitheach-smuide Tiber air a fastadh le ceannaichean ann a Charlottetown gus luchd coirce a chur a null a Shasuinn. Than Tiber comasach air ceud mile buiseal a ghiulain.


Thatar ag radh gun deach muillein barailte de dhùbhlan a bhuain ann an siorrachdan Kings agus Annapolis air an fhoghar so a dhfhalbh. Ach mar a chunnaic sinn roimhe, bha na prisean anabarrach iseal.


Chan eil an soitheach-smùide Harlaw a dol a dheanamh ach aon turus eile air a gheamhradh so. Dhfhag i Halifacs Di-ciaduin sa chaidh air a turus gu Newfoundland us St. Pierre. ’Nuair a thilleas i, gabhaidh i mu thàmh air son a gheamhraidh.


Cha dfhuaireadh de chuirp nan daoine a chaidh a chall aig bristeadh an t-soithich Ariadne ann an Ingonish o chionn dha no tri mhiosan, ach na fhuaireadh aig an àm. Fhuaireadh làmh duine ann an gainmhich a chladaich, ach cha dfhuaireadh sgeul air a chòrr.


Thatar afosgladh sgoil-oidhche ann an caochladh chearnan den t-siorrachd air a gheamhradh so. Tha sgoil-oidhche ann an Glace Bays am Main-a- Dieu cheana agus thatar a bruidhinn air sgoil fhosgladh ann an Gabarus. Chan eil teagamh nach eil sgoilean-oidhche gle fheumail dhaibh-san nach eil comasach air dol dhan sgoil-latha, agus bu choir an cur air chois anns gach àites an gabhadh sin deanamh.


Chaidh mort gràineil a dheanamh ann an Dundas, E. P. I., Di-satharna sa chaidh. Chaidh duin òg, Gilleasbuig Mc Gowan, as a rian, agus mharbh e boirionnach dom bainm Mairearad Nic Coinnich, a bha cumail taighe do dhithis bhràithrean, Eoin agus Donnacha Mathanach. Thugadh an aire gu robh Mc Gowan car neònachsa mhaduinn. Bha e gearain a chinn an deigh dha eiridh agus an deigh sin thòisich e air bruidhinn car neònach. Chaidh e gu stor a thasan àite, agus bha a chuid bruidhne cho mi-rianails gun deachaidh dithis dhaoine mach as a dheigh air son greim a dheanamh air. Bha e pios air thoiseach orra, agus gun fhios daibh chaidh e dhionnsuidh an taighes an robh am boirionnach so, atilleadh an ceann beagan mhionaideans tuagh air a ghualla. Rinneadh greim air an sin, agus chaidh a thoirt dhachaidh. Gun dùil aca gu robh dad cearr, chaidh dithis de na daoine gu tigh nam Mathanach, agus an sin fhuair iad Nic-Coinnichna laidhe air an ùrlar, agus gearraidhean uamhasach sir a h-amhaichs air taobh a cinn, air an deanamh le tuaigh. Bha i fhathast beò ach gun chomas bruidhne. Bha i beò gu feasgar Di-luain, ach cha dfhuair i radh ach beagan fhocal. Chaidh Mc Gowan a ghlacadh Di-dònaich agus rinn na dotairean a mach gu robh e as a rian. Chan eil ann ach duinòg, aois fhichead bliadhna, agus tha e de dheagh chuideachd. Bha am boirionnach bochd a chaidh a mharbhadh leth-ceud bliadhnasa coig a dhaois.


Thug aon soitheach á Shelburne, N. S., tri cheud us tri fichead mile (360,000) trosg gu tir air an t-samhradh sa chaidh, an àireamh bu mho a chuir soitheach as a phort sin air tir riamh.


Tha Caiptean Delisle, sgiobair an Tiber air faotainn saor. Mar a dhinnis sinn air an t-seachdain sa chaidh bha e air a chur dhan phriosan, ach chaidh an càs a chur gu cùirt a bàirde agus fhuair e ma sgaoil.


Tha sinn aleughadh ann am fear de na paipearan gu bheil duine afuireach ann an Siudaig a tha còrr us seachd troighean a dhàirde. Tha am paipear ceudna ag radh gu bheil àiteachan anns a chuid sin dhen eilein anns nach eil diu sam bith de dhuine a tha nas isle na sia troighean.


Tha muinntir Charlottetown acur luchd-reic an stuth làidìr ann an greim. Bha uiread obrach ri dheanamh timchioll air a ghnothuchs gum bfheudar fear-cuideachaidh fhaotainn do chléireach na cùirte. Tha tri duine deugsa phriosan aca air son a bhi bristeadh riaghailtean na Scott Act.


Thatar an deigh olla fhaotainn ann an cearna de Newfoundland, agus òr ann an cearna eile. Bha iomradh o chionn treis a dhùine gu robh gual air fhaotainn ann. Ma tha gach sgeul dhiubh sin fior, cha ruig Newfoundland a leas a bhi na dùthaich cho bochds na bliadhnaichean a tha tighinn.


Tha muinntir Shidni Tuath atòiseachadh air casg a chur air reìc deoch làidir anns a bhaile, ni air an robh am baile, ma tha gach sgeul fior, gle fheumach. Tha trìùir acas an lagh an dràsda, agus tha tuilleadh ri bhi ann an ùine ghoirid. Tha càirdean Stuamachd adol a thoirt oidhearp air an Scott Act a chumail mar laghs an t-siorrachd, agus mar an ceudna dol a dhfheuchainn ri toirt air daoinen lagh sin a chumail.


Chaidh fiach ceithir cheud mile nolair de thaigheans de bhathar a losgadh ann an Ottawa, deireadh na seachdain sa chaidh. Bha an tigh-ceannachd bu mhothasa bhaile am measg nan taighean a chaidh a losgadh. Di-mairt sa chaidh bha teine ann am Montreal leis an deachaidh tigh a bfhiach suas ri naodh fichead mile dolair a losgadh, aguss ann le tapadh agus tréine luchd-an-teine a chumadh e on tuilleadh call a dheanamh.


Tha na soisgeulaichean, Crossley agus Hunter, an deigh falbh á Sidni, an deigh dhaibh a bhi cumail choinneamhan ann fad cheithir seachdainean. Bha mu dha fhichead coinneamh aca re na h-uine sin. Bha a choinneamh mu dheireadh aca oidhche Di-ciaduin. Bha an t-side fliuch, stoirmeil, ach bha an eaglais cho lànsa chumadh i. Thainig mu choig ceud gu bhig aideachadh ri linn nan coinneamhan. Dhfhalbh iad á so gu Lunenburg, ’sa mhaduinn Dior-daoin.


Dhfhalbh bean òg as a Mhèinn a Tuath(Sydney Mines)air an t-seachdain sa chaidh, afàgail a pàisdesan tigh leis fhéin, an deigh dha fear a dhol a mach guobair. Dhfhalbh i air a charbad-iaruinn á Sidni Tuath còmhla ri duin òg a bha fuireachna coimhearsnachd o chionn treis a dhùine. Chan eil teagamh nach e teicheadh a rinn iad, Chan eil i ach mu fhichead bliadhna dhaois, agus chan eilna fear-pòsda no anns an fhear leisn do theich i ach daoine òga.


Bha Mr. A. I. Boyde, ceannaiche a mhuinntir Amhuinn Bhourgeois, ann a Halifacs air an t-seachdain sa chaidh, agus chaill e ochd ceud dolair air a thurus. Bha mile dolair aige ruigheachd a bhaile, agus thug e do fhear an taigh-òsda e gus a chur dhan t-safe. Rinneadh sin, agus an ath latha thug e da cheud as, ach an ceann latha no dha eile, nuair a chaidh e dhiarraidh a chuid eile, cha robh sgeul shios na shuas air. Chaidh na maoir a chur a lorgachadh a mach na cùise, ach cha drinn sin dad. Chaidh da cheud dolair a chall air a cheart dòigh anns an tigh-òsda cheudna o chionn da mhios air ais.


D. A. Mac FHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.


C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B,
Tha e na fhear-gnothuich don MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha.



[174]

[Vol . 5. No. 23. p. 6]

Cuairt do Eilean aPhrionnsa.

LEIS AN FHEAR-DHEASACHAIDH.

An deigh dhomh uair no dha a chur seachad ann am Baile Shearlot, ghabh mi aiseag air bata-smuide gu Belfast. Chan eil cuimhne agam ciod an t-astar a theadar an da àite, ach mar a theirears na sgeulachdange bfhada bhuam cha bfhadaga ruigheachd.” Bha grunnan math sluaigh air bòrd, agus bha fear no dithis dhiubh gu math cridheil. Chan eil an lagh a ceadachadh deoch-làidir a chreic ann am Baile-Shearlot, ach ged nach eil, thatar ris, agus bha fear dhiubhsan a bhasa chuideachd so agiùlain màileid dhubh anns a robh, a reir mo bharail-sa, barrachd de stuth na Tòiseachdsa thigeadh ri slàlnten fhir a bhaga giulan. Ged is e ainm Frangach a bhair a bhàta(Jacques Cartier) , ’se Gàidheil a bhasan sgiobairs ann am fear na h-inneil, agus ann an roinn den sgioba cuideachd.

Bham feasgar ann mun drainig sinn Belfast, agus an deigh dhomh mo shuipeir a ghabhail chuir mi maghaidh air na h-Eileanan Coille. Bha treis a dhoidhche ann mun drainig mi. Bha an oidhche dorcha, ach bha i cho blàthsa dhiarradh duine; bha na ròidean math, agus cha robh an t-each fada deanamh an astair. Cha ruig mi leas innse gur ann gu taigh SheumaisIc Ille-mhaoil a dhiarr mi air an fhear-iùil mo thoirt, agusnuair a rainig mi chuir e fàilt us furan orm. Fhuair leughadairean MHIC-TALLA litir us sgeul bho Sheumas uair us uair, aguss fhada on bha toil agam fhéin fhaicinn. Chunnaic mi e ma ta, agus be fhéin an duine còir, caoimhneil. Tha e ann an sid, ma ta, air taobh a deas Eilean a Phrionnsa, ri oir a chladaich, agus gàirich nan tonnna chluasan a h-uile latha dhen bhliadhna. Tha e air a dheagh dhòigh, ged a tha e fhéinsa chéile a nise air fàs sean, agus an teaghlach cha mhor uile air falbh. Fhuair iad tilleadh mor o chionn beagan bhliadhnaichean air ais le bàs am mic air dòigh gle chianail, mar a chaidh aithris anns aMHAC-TALLA aig an àm. Bfhior thoil leam a bhi treis mhath an comunn Sheumais Ailein, mar a their na coimhearsnaich ris, ach bha cabhag ormsa, agus bha esan trang ris a bhuain; gus cùisean a dheanamh na bfhior mhiosa, bhrist an inneal-bhuain aige mu na lathaichean ud, cha ghabhadh te eile fastadh, oir bha iad uileg obair; agusse bhann gun deach e ris an obair leis a speal bhig. Cha be h-uile fear a bhiodh cho treun, ach nach robh an Gàidheal riamh iomraiteach air son an tréine, agus is Gaidheal gu chùl Seumas A. Mac Ille-mhaoil. Bfhearr leam gu robh a h-uile fear cho dileas da dhùthaichs da chànainsa tha esan.

Tha an t-àite so a faotainn ainm bho dha eilean bheag a tha nan seasamh a mach bhon chladach an so, agus a bha còmhdaichte le coillenuair a thàinig a cheud luchd-àiteachaidh don dùthaich. Thugadhna h-eileanan coillemar ainm orra, agus than t-ainm sin air leantuinn, chan ann a mhàin ris na h-eileanan fhein ach mar an ceudna ris an dùthaich man cuairt. Thugadh ionnsuidh o chionn treis a bhliadhnaichean air ais, air an t-ainm atharrachadh gu Woodville, ach cha do shoirbhich leotha. Tha mi tuigsinn uaithe sin gu bheil daoine gòrach aca ann an Eilean a Phrionnsa cho mathsa tha ann an Ceap Breatuinns an àiteachan eile; daoine nach eil toilichtenan inntinn mur eil ainm an àite anns am bheil iad afuireach air atharrachadh gu ainm fuaimneach air chor-eigin a shaoileas iad fein a bhìos anabarrach freagarrach, ach anns nach fhaic muinntir eile brigh no blagh. Tha moran den t-seòrsainmean sin a nis anns gach àite, ach tha min dochas nach ann a dol nas lionmhoire bhitheas iad; ach gum bi daoine deònach cur suas leis na h-ainmean a thann, (ma tha coltas idir orra), an àite bhi cùineadh ainmean ùragu h-àraidh ma tha buntuinn sam bith aig na seann ainmean ri ceud eachdraidh na dùthcha.

An lar na mhàireach an deigh dhomh na h-Eileanan Coille a ruigheachd, chaidh mi gu Little Sands, naodh no deich a mhiltean an ear. Tha an rathad fad na h-ùine an cois a chladaich, agus than dùthaich gle chòmhnard; chan eil sluic us cnoic ach gle ainneamh. Bha na tuathanaich an teismeadhon na buana, agus bu bhòidheach an sealladh ri fhaicinn na pàirceannan briagha coirces cruithneachd anns an robh na h-innealan-buana ag obair. Tha a bhuain air a deanamh an Eilean a Phrionnsa leis na h-innealan so air fad, cuid dhiubh a thilgeas an sguab na h-ultaich air an làr, agus cuìd eile a bharrachd air sin a cheanglas i. Chan eil ach beagan dhen t-seòrsa mu dheireadh a dhainmich mi anns an dùthaich fhathast; chan eil ach beagan bhliadhnaichean on thòisich iad air tighinn ann, ach chan fhada gus an iad a bhios aig a h-uile duine. Bha mi a feuchainn ri fhaotainn a mach co-dhiubh bu bhuanachdaile do na tuathanaich, ach cha be sin am furasd’. Theireadh iadsan aig an robh na h-innealan a cheangladh an sguab gum biad sin a bfhearr, a chionn gu robh iad a cùmhnadh moran saothair; le bhigan ùisneachadh gun deante as aonais luchd-cuideachaidh, agus mar sin gun deanadh iad suas na bha iad a cosg a bharrachd air an t-seòrseile, agus na bhatar a cosg de chòrd aceangal nan sguab. Rachadh an fheadhain aig nach robh na h-innealan-ceangail direach an aghaidh sin; theireadh iad gu robh iad, eadar na bha iad acosg a bharrachd air cach, agus na chosgte ri còrd, a toirt a mach moran a bharrachd airgidsa phàigheadh tuarasdal fir-ceangail. Mar sin chan eil iad ach mar a bha Pàdruigsa bhó (nuair a bha iad a sabaid), “car man aon rud.” Achs iad na h-innealan-ceangail a thasan fhasan, agus tha fhios againn uile gur em fasan a bheir buaidh, agus uime sin cha ruig neach a leas a bhina fhàidh no na mhac fàidh air son a radh nach fhada an ùine gus an iad na h-innealan-ceangail a bhios an cleachdadh anns an eilein air fad. Tha iad a fàs nas lionmhoire gach bliadhna, agus càch a fàs nas gainne.

Bha ioghnadh mor air cuid de na tuathanaichnuair a dhinnis mi dhaibh nach robh na h-innealan ud aca ann an Ceap Breatuinn idir; agus cha bu lughan ioghnadh gu robh tuathanaich an eilein so agearradh an cuid arbhair leis na spealan beaga, agusga chur a stigh gun sguaban a dheanamh dheth idir, Ach cha robh e cur ioghnadh sam bith ormsa. Chan eil tuathanaich Cheap-Breatuinn agus tuathanaich Nobha Scotia a togail ach beagan coirce, agus fior bheagan cruithneachd, agusnam biodh aca ris na h-innealan ud a cheannach, cha phàigheadh e dhaibh a bhi togail barra idir. Tha iad uime sin a gearradh an arbhair leis an speal-bhig, agusga chur a stigh nar a ni iad air an fheur. Tha tuathanaich an Eilein air an laimh eile a togail mòran coirces cruithneachd; ’s ann ris ann an tomhas mor a tha iad asealltuinn air son am beòlaind. Agus tha iad air an aobhar sin agearradh an arbhair le innealan, a deanamh sguab dheth, agusga chur na adagan air son a thiormachadh; ’nuair a bhios e tioram, tha iad ga chur dhan t sabhal no ann ambarracksgus an tig àm a bhualaidh. Ged a than da eilean cho faisg air a chéile tha eadar-dhealachadh mor eatorra ann an iomadh dòigh.


Achs fheudar dhomh tilleadh gu msgeul, agus direachnuair a tha mi deanamh sin, tha mi faicinn gu feum mi stad. Chan eil àite aig a chlo-bhualadair air son a chòrr. Fàgaidh mi uime sin na tha agam ri radh a bharrachd air so gu àm eile.


Rugadh Commodore Vanderbilt am fear a rinn a cheud mhuillein den t-saibhreas mhor a thasan teaghlach uaithe sin, direach ceud bliadhna air ais. Cha robh aige tòiseachadh ach casan ruisgte agus pòcaidean falamh, ach dhoibrich e gu cruaidh on bha e sia bliadhna dhaois. ’Nuair a bha e sia bliadhndeug, bha ceud dolair a dhairgead aige. Le sin cheannaich e bàta beag, agus thòisich e air a laimh fhéin air giulan buntata agus tuirneapan agus nithean dhen t-seòrsa sin gu New York. Aig fichead bliadhna dhaois phòs e, agus an deigh sin bha e fhéinsa bhean a deanamh airgeid. Bha esan air aiss air adhart leis a bhàta, agus isecumail tigh-bòrdaidh. Tri bliadhnan deigh sin bfhiach e deich mile dolair. An deigh sin thainig an t-airgead ga ionnsuidh gu pailtcho pailts nuair a bhrist an cogadh siobhalte mach gun deach aig air soitheach a bfhiach ochd ceud mile dolair a thoirt da dhùthaich, agus gu leòr aige fhéin air chùl sin. ’Nuair a bha e tri fichead bliadhnasa deich a dhaois, bha e air a mheas gum bfhiach e tri fichead us deich muillein dolair ( $70 ,000,000).


Cuidichidh bioranan beaga nis fearr na feadhain mhòra chum an teinebheothachadh



[175]

[Vol . 5. No. 23. p. 7]

A Braigh Shiudaig.

FHIR-DHEASACHAIDH UASAIL, —Cha mhinic a ruigeas guth as an àite so cluasan MHIC-TALLA, ach an uair ainneamh a ruigeas, tha min dòchas gur fiach leis a fhreagairt. Ach ochan! nam be a sheanair fein a bhiodh ann, bhithinnse gle chinnteach as mo fhreagairt, achs math gun do dhfhalbh na lathaichean anns an robh mac-talla cho gòrachs gum freagradh e le uile neart a h-uile guth a chluinneadh e, co dhiu bhiodh ann math no dona. ’S fheudar gu robh fior nàdur a Ghàidheil ann co dhiu, mun do chum e mheodhars a chlaistneachd cho fior mhath, riabh as roimhe, gun dol idir air ais, ach a tighinn air adhart fad na h-ùine, gus an dfhuair e le mor dhichioll, dhionnsuidh na staidsa bheil en dràsda. Tha mi fhin an dòchas gu soirbhich gu math leis tre uile làithean a bheatha, ’s gum bi a chàirdean a dol an lionmhorachds a naimhdean a dol an lughad gu bràch.

Tha tuathanaich an taobh so gle mhath dheth thaobh biadh bheathaichean. Tha feadhain a bha gle ghann an uiridh, am bliadhnas an saibhlean làn; agus chan e sin a mhàin, ach mullan aig sabhal gach fir dhiubh. Dhfhàs gach seòrsa gràin gle mhath an rathad so. Bham buntata gle mhath cuideachd, ach ghrod mòran dheth san talamh, mun gabhadh e faighinn a stigh. Tha e coltach nach urrainn a h-uile sian a chuireas duine bhi cho maths cho math a h-uile bliadhna; leis a sin feumaidh sinn a bhi riaraichte leis mar theid a chur oirnn.

Tha mi creidsinn gur fhearr gabhail le litir ghoirid an dràsda na diumb an fhir a tha sa chreig a chosnadh.

S mi do charaid dileas,
A. P.


Mun deach e dhan Sgoil.

Bha seann duine bochd aon lathag obair air rathad mor na sgireachd, agus fhuair e poca beag, dubh, a thuit mar a shaoil leis, á carbad a bhadol seachad. Thug e dhachaidh am poca, agus thug e da mhnaoi e, ag iarraidh oirre a ghleidheadh gus an taoghladh cuid-eiginga iarraidh. Beagan laithean an deigh sin, thuirt a bhean ris, “Iain, than t-am agad a nise bhi sgur a dhobair; tha thu air fàs sean, agus tha mi smaoineachadh gun teid againn air a bhi suas tuilleadh air na chuir sinn ma seach. Ciamar a chòrdadh e riut,” ars ise, “a dhol dhan sgoil a dhionnsachadh leughaidh? nan rachadh agad air leughadh a dheanamh chan fhairicheadh tu an ùine cho fadanad thàmh.” Smaoinich Iain gum biodh sinna ghnothuch gle mhath, agus thòisich e air a dhol dhan sgoil. Cha deach e innte ach dha no tri lathaichean; bha na sgoilearan ògaga shàrachadh agus bfheudar dha fuireach aig an tigh. Beagan ùine an deigh dha sgur, thainig duin-uasal a stigh feuch am faigheadh e forthais air a phoca-dhubh. “OarsIain, “fhuair mise.” “Fhuair thuse?” arsa bhean, “agus cuin a fhuair thu e?” “Nach eil cuimhnagad idir?” ars Iain, “fhuair mi e mun do thòisich mi air a dhol dhan sgoil.” “Mun do thòisich thu air a dhol dhan sgoil,” arsan duin-uasal, “ma ta, feumaidh gu robh sin treis mhath mun do chaill misam poca,” agus dhfhalbh e. Tha am poca-dubh an tigh Iain fhathast.


Tha beul-aithris nam Mahomedanach ag innse dhuinn gun do ghiùlain càmhal am fàidh mor Mahomed o Irusalem gu Mecca le ceithir leumannan. Ach a dhaindeoin sin, chan eil anns a chàmhall ach beothach gle mhallna shiubhalchan eil e comasach air a dheanamh ach mu choig milesan uair, agus ma theid a chur nas luaithe na sin, bidh e cunnartach, mar a their na h-Arabaich, gum bristear a chridhe, ’s gum bàsaich e air an t-slighe. ’N uair a theid a ghreasad tuilleadhsa chòir, laighidh e, agus cha toir na thamhadaidh-alluidh an Asia air eiridh. Fanaidh e far an laigh e, agus far an laigh e, bàsaichidh e.


Bathar Tioram.

20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir.
Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3 .25.
Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na thagainn gle shaor.
IAIN A. Mac COINNICH & CO.


McDonald Hanrahan & Co,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;


CARADH
Uaireadairean.
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.


Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar uthcha thanar beachd


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.


Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .,
SIDNI, C. B.



[176]

[Vol . 5. No. 23. p. 8]

Oran

Air gaisge seilge a rinn Baillidh Bharra, le Eachann Mac Neill, Fear-Bhatarsa am Barra.

LUINNEAG.

Ho ro, mo run an t-uasal
A dhireas suas ri cruach nan ard-bheann;
Ho ro, mo run an t-uasal.

Chaidh mi leat don eilean fhiadhaich
S ma chaidhidh bu bheag mo mhiann air;
Mur bhi thu feins beul na firinn
Bhiodh buidheann na fridhe sabhailt.

Chuir thun Spainteach air an t-sorchan;
Chaog thun t-suil, ’s bi sail an t-sealgair;
Dhfhalbh a ghreidhnuair chual in urchair;
Air mo laimhsa dhfhuirich pairt duibh.

Sin an urchair a bha smearail:
Rinn i tairneanach is torrunn;
Ghluais creagan is mointeach Bharra;
S chaidh crith air fearainn Chlann-Rànuill.

Bha mi latha leat air astar
Gun ghunna, gun chuil-bheir againn,
S chunnaic sinn greiseag bhuainn baidnein,
Mar gum biodh gaisgich am blar ann.

N uair a thainig sinn gan ionnsuidh
Bhan so na feidh anns a bhuireadh;
Thug iad annads thus thu annta,
S bha buidheann nan stuc-cheann craiteach.

Na saoilibh gur breug a thagam
No gurthann tha mi ri magadh;
Spion e bho sheachd daimh na cabair
A mullach an claignibh arda!

Gum be sin a chulaidh eagail,
S e caitheamh a leines a pheiteig;
Dheanadh e bogan de chreagan
S na cnoic nan eabar foshailtean.

A chuid bha beo thàr iad as bhuait
Air an dalladh le do sgealpaibh;
Gun dat an suilean fon rosgaibh,
Le slachd-bhuillean bras a bhaillidh.


Sgoilearachd na Poit.

Fonn—Copenhagen Waltz.

Ma bhios duine fuireach
Fada mach ag òl,
Oidhche shleamhainn reòt’,
Caillidh e a threòir,
Agus bidh e, bharrachd,
Ann an cunnart mòr
Tuiteam air a shròin air an làr:
Géillìdh a dha spòig,
Sléuchdaidh e don Phòis,
Caillidh e dha bhròig,
Bidh e sin na spòrs
Aig na giullain bheaga,
Mheara, bhinneach, òg,
A bhios ri òb-òb, air an t-sràid:
Ni iad cròithlein mun cuairt,
Agus cuiridh iad gruaim
Air amhisgeir bhochd, thruagh,
A bhios gu buileach air neo-urrainn
Teachdn an dàil!

Aig na gillean inich
A bha anns an Ròimh
S ann aGhréig, bha nòs,
Mar tha sgrìbhte fòs,
Toirt air tràillean bochda
Boslaichean dibhòl;
Nochdadh don chloinn òig
An droch ghnàiths.
Gum bu ghasdan dòigh
Bhaig na daoine còir;—
Achs e beachd an t-slòigh
Thas an eilein mhòr s
Nach robh anntach amadain,
Gun fhios, gun eòl,
Toirt soluis pòit don cuid tràill’:
Chuir iad car anns an rian
Rinn na gliocairean crionnd’,
Agus òlaidh iad fein anis am fion
S an t-uisge-beathan àite chàich!

Gur a h-olcs gur bochd
An cleachdadh a chi clann
N uair a tha iad fann,
S gun an tuigsach gann,
Aithrichean air mhisg
S air mhearaichinn fon dràm,
S iad a lùgh droch cainnt’,
S ri droch ghnàs!
Chan eil smid no drannt
A thig as an ceann,
No droch phratan cam,
Nach grad-thog achlann,
S fàsaidh iad gu deimhinn, dut,
Mu dheireadh thall,
Anns a h-uile ball mar bha cach!
So tha fàgail cho truagh
Ar dùthchas ar sluaigh,
Tha Rati air buaidh a thoirt gu buileach
S rinn e de gach duine traill.


Tha fathunn air tighinn á Hawaii gu bheil an t-eilean sin gu bhin ùine ghoirid air aonadh ris na Stàitean. Thatar ag radh gu bheil cumhachan an aonaidhgan ullachadh ann a Washington, agus gu bheil Cleveland air fear dhiubhsan a thagan dealbh. ’S iad muìnntir nan Stàitean a bhuin an t-eilean bho na nàisinnich o chionn beagan bhliadhnaichean air ais, agussiad a thaga riaghladh uaithe sin. Chan eil e uime sin ro choltach gun cuir dùthchannan eile bacail sam bith orra ma tha toil aice an t-eilean aonadh rin dùthaichfhéin.


NA BAIRD GHAIDHEALACH. —Cuirear an leabhar so gu duine sam bith a chuireas air adhart 35c, no tri airson dolair.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MHAC-TALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean.


NUAIR THEID THUBHADDECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram, Bathar Cruaidh
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile.
An seorsas fhearrs aphris as isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.


STOR UR TAILLEARACHD
ANN AN
StorW . E. Peters.

Aodaichean Matha dhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.

Theid sinn an urras air an obair.
MacCoinnich & Co.
Sidni, C. B.


Bheir mi NEAPACAIN BRIAGHA SIODA
An Nasguidh
Do gach aon a cheannaicheas fiach DOLAIR de bhathar uam. Thig gun dail agus
FAIGH FEAR DHIUBH.

THA AM BATHAR CHO SAORSA GHABHAS
Bathar Math Faighinn.
D. J. DOMHNULLACH.

titleIssue 23
internal date1896.0
display date1896
publication date1896
level
reference template

Mac-Talla V No. 23. %p

parent textVolume 5
<< please select a word
<< please select a page