[Vol . 5. No. 24. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, DESEMBER 19, 1896. No. 24.
An Gaidheal ’s a Dhuthaich.
(An t-òran a choisinn an duals a b’ àirde aig a Mhòd Ghaidhealach ann am Peart.)
LE RUAIRIDH FRISEAL MAC-COINNICH, FORTROSE, DUINE MHUINNTIR GHEARRLOCH.
’S fhada o’n tìm dh’ fhàg mi mo thir,
Dh’ fhalbh mi gu sgìth, brònach;
Thriall mi ’thir chein, gun charaid gun cheil’,
Am breislich ’s an eu-dòchas;
Chaill mi mo stà, theich uam mo chail,
Dona gach la dhomh-sa,
’S mi airsnealach, traugh, ’seòladh a’ chuain,
’N aimsir gu fuar, reòta.
Ràinig mi thall, ’s ghuil mi gu trom,
’Tuireadh nan sonn àluinn—
Cuideachd mo ghaoil, Gàidheil an fhraoich,
An teanntachd fo dhaors’ chràitich,
Iadsan fo smachd—ochan mo chreach!—
Naimhdean ’s luchd brath làmh riu,—
Le laghannan cearr ‘rinneadh le namh,
Muinntir mo ghràidh sàraicht’
Chaithris mi dian iomadaidh bliadhn’
’Feitheamh ri sgial fàbhoir
’Thigh’nn thar an t-sàil á dùthaich nan ard
’S nan coireacha blàth, àillidh,
Thainig fadheòidh naigheachd a’ m’ choir
A chuir orm pròis àraid—
Gaisgich nan gleann ’togail an ceann
’S ’briseadh nam fang thàireil.
Cànain is briagh ’g ùrachadh miadh,
Gàidhlig ’bha riamh cliùiteach,
Curaidhean còir ’cumail oirr’ dòigh,
Sean agus òg fiughail;
Cànain ’tha blasd’, cànain ’tha glan,
Cànain ’tha senn, siùbhlach,
Cànain mo shluaigh, eànain ’bhios buan,
Cànain ’bha uair cùirteil.
Sin an sgeul grinn ’thoilich mo chrìdh’
’S ghluais mi gu seinn òrain,
Leum mi gu h-àrd, ealamh air làr,
’Seasamh air bàrr m’ òrdaig;
Thog mi mo ghuth, fonnmhor, neo-thiugh,
Thréig gach leann dubh ’s bròn mi
Thug mi ’s an àm car air an danns’,
’S na ’m biodh ann dram, dh’ òlainn.
Mo mhiann-sa ’bhi ’n dràsd an dùthaich mo ghràidh,
’Ga cobhair gu àrd-shaorsa,
Ma dh’fhuil’geas mo shlàint, ’s gu’n triall mi gun dàil
Gu fearann a’s fearr daoine;
Mo chridhe bi calm’, gun eagal roimh stoirm,
’S mi tilleadh gu Alb’ chraobhaich;
Gus an teid mi ’s an uaigh ’s i ’n tìr ud mo luaidh,
Biodh oirre deadh bhuaidh daonnan!
Comunn Saoraidh an Fhearainn.
Tha an comunn so ann an Gàidhealtachd na h-Alba, agus ’se ’s rùn dha am fearann a tha nise aig na h-uachdarain fo fhéidh ’s fo chaoraich a thoirt air ais do’n t-sluagh. Tha sinn a toirt na leanas á litir o bhall de’n chomunn, a thainig a mach anns aHighland Newso chionn seachdain no dha air ais. Bheir e beagan eòlais do Ghàidheil na dùthcha so air cor na Gàidhealtachd, agus na tha an sluagh a feuchainn ri dheanamh air son an cranchur a leasachadh.
“Mar chomunn tha sinn ’n ar ’n aon. Beachdaicheadh-maid, car ùine bhig, air na slabhraidhean a tha g’ar ceangal a chum’s gu’m bi sinn g’ar neartachadh. Tha aon
CHREIDEAMH
againn. Tha’n saoghal a creidsinn ma ghlacas neach air bith fearann, de air bith an doigh air an dean e sin, le fuil na muinntir aig an robh e a dhòrtadh, le ainm ’thoirt do’n righ mar an t-uachdaran, no le airgiod a phàigheadh air a shon, gu’m bi am fearann sin leis féin agus le oighreachaibh gu bràth. Tha sinne ’creidsinn gu bheil còir-bhreth aig gach neach ’s an talamh agus gur còir dha bhi air a chur gus an fheum is feàrr air son a chinne-daon’. Tha’n saoghal a creidsinn gur h-e ar-a- mach, agus an-diadhachd a th’ ann do dhaoine an guth agus an làmhan a thogail an aghaidh nan uachdaran gu bhi a daighneachadh an còir gu siorruidh air an fhearann. Tha sinne ’creidsinn gur h-e ar dleasanas, cha’n e a mhàin le ar bilibh a ràdh “Ar ’n Athair, deanar do thoil air an talamh, mar air neamh,” ach le ar làmhaibh oibreachadh ’chum na crìche sin. Tha na h-aon
DEUCHAINNEAN
againn. Fo chreach agus fo sgiùrsa na h-uachdaranachd tha ar càirdean, ar luchd-daimh agus eòlais air an sgapadh, na’n diobaraich, gu ìomall an t-saoghail. Agus iadsan air na sgeiribh cruaidh ’chaidh fhàgail, cha’n e an cor is fearr. Ma ghabhas sinn ri beachd an t-saoghail air na nithe tha dol air an aghaidh ann ni sinn mearachd mòr. “Is an-aoibhinn dhuibh oir tha sibh a togail àitean-adhlaic nam fàidhean agus is iad ur n-aithrichean a mharbh iad.” Na ceart dhaoine ’mholas Maois air son a làmh a thogail an aghaidh an fhir mhillidh, cainidh iad sinne ma thogas sinn ar guth na aghaidh. Tha na h-aon
NAIMHDEAN
againn. Na smuainicheabh gu’n leig ar naimhdean sith no fois leinn gus am foghlum iad air an cosd gur h-e dochann a dheanamh air aon de na buill, an comunn uile chiùrradh. Bithidh ar neart a ghnà a réir ar neud air son maith a chéile. Tha’n aon
OBAIR
againn. ’Se sin gach uile dhìchiol agus gach uile chùram a ghnàthachadh gu bhi g’a chuartachadh gu’m bi am fearann a tha nis fàs fo fheidh ’s fo chonnainich air àiteachadh le cloinn nan daoin’, gu’m bi sith air thalamh ’us deagh-ghean a measg dhaoine. Cha’n eil buntainn aca-san ris a chomunn so a phaisgeas an làmhan agus a their— “Ma gheibh sibh féin rud gheibh sinn’ e.” Tha an aon
DOCHAS
againn. Tha’n saoghal a faicinn nan uachdaran ann an seilbh, air an daighneachadh ann leis na laghan a rinn iad fein. Tha e ’faicinn nan slòigh, le cinn rùist’, a cromadh sios ann an umhlachd dhoibh. Air a shon sin cha’n eil dùil no dòchas aige gu’n caill iad a chaoidh an greim a fhuair iad. Air a shon sin ’s e glaodh an t-saoghail— “Cha’n ’eil righ againne ach Caesar.” Ach againne tha dochas gu’n eirich fathast òigridh thapaidh a bheir blàr do na spùineadairean agus le buaidh a dh’ aisigeas am fearann a chuir iad fàs, do’n t-sluagh air son an do chruthaich Dia e.
Tha maighstir-sgoil Gàidhealach coltach ri banarach a bhitheadh a’ beathachadh da laogh, laogh Gallda agus laogh Gàidhealach. Tha ’darna làmh agus a ghogan ’ga cumail ris an laogh Ghallda, agus slat ’san laimh làimh eile. Tha an laogh mòr Gallda agus a bhus fo chobhar, a’ crathadh earbaill; agus an laogh eile seang ’san deireadh agus caol ’san amhaich, agus balg mor air mar mhàla pioba, cha’n ann làn de bhainne ach làn gaoithe agus ged a bheir an truaghan bochd oidhearp air a bhus a chur anns an t-soitheach gheibh e sguidse de’n t-slait. Cha’n ’eil fodha ach a theanga chur a mach a dh’ imlich a bheòil, a miannachadh a ni nach faigh e. ’S cha’n e a mhàin sin ach is ann a bhitheas a’ bheist mhòr, a’ purradh a chreutair bhig, ni a tha toirt mòr riarrachadh do’n bhanaraich; ach coma leibhse nam faigheadh an creutair beag a dhiol mar am fear eile, cha’n e a mhàin gu’n rachadh e gu guineach na charamh ach chuireadh e an teicheadh air a’ bhoganach mhor Ghallda mar an ceudna. —An t-Urr. Gilleasbuig Mac Fhearchair, 1873.
Tha duin’ -uasal a mhuinntir na Gàidhealtachd, Sir Daibhidh Hunter Blair, o chionn àireamh bhliadhnaichean ’na mhanach, agus chuir e seachad treis a dh’ ùine ann an tigh mhanach ann am Brazil. Tha nise oighreachd a shinnsearan air fhàgail aige, agus tha e tigh’n dhachaidh, ach tha e ’na cheist an ceadaich a bhòidean mar mhanach dh an t odal a tha ’n ceangal ris an oighreachd a ghabhail.
[Vol . 5. No. 24. p. 2]
CEUD LAITHEAN AMERICA.
Nuair a fhuair Columbus a mach America bha sluagh na duthcha aineolach air iarunn; ach chunnaig na Spainnich mailleagan òir ’n an cluasaibh agus thuig iad gun d’ thainig an t-òr bho thir gu deas. Uime sin stiuir Columbus gu deas; agus an uine ghoirid, an deigh iomad eilein beag fhaicinn, rainig e innis mhor Chuba. Sheol e sear an sin gus an d’ rainig e ceann shios an eilein. Fhuair e mach gun robh òr air an eilein ach gun robh e na bu phailte an eilein eile taobh na h-aird an ear. Chaidh e air tòir an eilein so; agus fhuair e mach Haiti a dh’ ainmich esan Hispaniola (an Spainn Bheag) ris an abrar an nise San Domingo. Bha na h-Innseinich a teicheadh uapa le eagal; ach an deigh do na Spainnich fear dhiu a theasraiginn bho bhàthadh, ghlac iad misneach agus chuairtich iad na longan ’n an sgothaibh. Fhuair na Spainnich meas us òr uapa am malairt airson mirean de ghloin dhaite agus nithean eile air bheag brìgh.
Stiùir Columbus an sin sear, agus an uine ghoirid bhuail an Santa Maria air sgeir, agus chaillear i; ach shaorar e fhein ’s a dhaoine; agus chaidh iad air bord na Nina. Thog e an sin daingneach le fiodh na Santa Maria anns an d’ fhag e ochd fir dheug air fhichead agus dh’ fhalbh e air a thurus dhachaidh le beagan Innseineach ’n a chuideachd. An deigh e bhi am mòr chunnart bho ainneart cuain, rainig e Palas am meadhon a Mhàrt. Ghabh iad ris an sin le mòr aighear; agus air a thurus gu baile-mor Bharselona, far an robh a chùirt ’s an am sin, bha sluagh a ruith as gach taobh g’ a fhaicinn. Dh’ aithris e do ’n righ ’s do’n bhan-righ gach ni a thachair; agus dh’ fheuch e dhaibh na h-Innseinich agus an t-òr a fhuair e. Bha iad ro aoibhneach gun do shoirbhich a chuis; agus dhaingnich iad da gach coir a’s urram a thug iad da air tùs.
Chaidh cabhlach de choig longan deug uidheamachadh a nis leis an do sheol e bho phort Chadis mu mheadhon an fhogharaidh, ’s a bhliadhna 1492, marrai coig ceud deug pearsa a bha dealasach air òr a’s cliù. Sheol e gu deas air cursa a cheud turuis; agus toiseach a gheamhraidh, chunnacas eilein do ’n tug e an t-ainm Dominica, cheann gum b’ ann air an Domhnach a fhuair iad a mach e. Stiuir iad an sin gu tuath; agus aig eilein Ghuadalupe, chunnaig iad le h-uamhas, feoil dhaoine ‘ga rosdadh airson cuirm. B’ iad na Caribean, daoine ro bhorb, alluidh, a bha ’g aiteachadh nan eileinean sin, anns an do sgaoil iad bho thir-mor America-mu-Dheas.
Sheol iad a nis gu Hispaniola far an d’ fhuair iad a mach gun do loisg na h-Innseinich an daingneach agus gun do mharbh iad gach neach a dh’ fhag Columbus ann. B’ iad eucoir a’s ainneart na Spainneach fhein aobhar an sgrios. Thog e an sin baile air an d’ thug e ainm na ban righ, teann air beinn Cibas, far an robh moran òir, a reir aithris.
Chaidh e uise gu Cuba; agus sheol e astar mor suas air taobh deas an eilein. Bha e a faoineachd mu òr; agus fhreagair daoine na tire le comharaibh, gum faighear sin an duthaich fharsuing gu deas. Uime sin stiuir iad air an t-slighe sin; agus an uine ghoirid, chunnaig iad eilein mor Jamaica, le bheanntaibh arda, gorm ’s a choilltibh aillidh. Bha an sluagh n’ a bu cholgaire na gu tuath; agus bha sgothan aca air an dealbh a aon chraoibh deich troidhean fichead air fad. Ach cha d’ fhuaras òr ’s an eilein. Uime sin thill iad gu Cuba; agus sheol iad suas mar air tus. Bha Columbus am barail gum b’ ann de thir-mor Asia Cuba, gu latha a bhais. Cha robh fios aige riamh gun d’ fhuair e mach saoghal ur, agus gun robh cuan mor farsuinn eadar e a’s Asia. Bha e ’n duil gun rachadh aige air an Roinn-Eorpa a ruigheachd le seoladh siar air an airde sin. Ach chaill a dhaoine am misneach agus bha a longan an cunnart dol nan sgealbaibh; agus b’ eiginn tilleadh, nuair a bha e teann air ceann shuas an eilein.
Thog cruadal agus iomaguin trom-ghalar a nise do ’n cheannard, air dhoigh ’s gun robh e dluth do ’n bhas. Ach nuair a rainig e Hispaniola thachair e air a bhrathair, Parlan, duine tapaidh, misneachail: agus thug so faochadh dha; agus fhuair e slainte. Ach cha robh a chor sona. Bha neart de na thainig a mach mar ris an duil gum faigheadh iad pailteas òir agus gach ni fiachail gun dragh no saothair; agus nuair a fhuair iad a mach nach robh a chuis mar sin chuir iad a choire air Columbus; agus sheol cuid diu sin gu diomhair do ’n Spainn, far an d’ rinn iad casaid chruaìdh ris a chuirt ’n a aghaidh. Uime sin chaidh duine d’ am b’ ainm Iain Aguado a chur a mach chum a chuis a rannsachadh. Bha an duine so ’n a namhaid do Cholumbus; agus thug e cluas do gach ni a chaidh agairt ’n a aghaidh. Uime sin thill Columbus mar ris do ’n Spainn.
Nuair a rainig e a chuirt bha cuid a labhairt ’n a aghaidh, agus a deanamh tàir air a ghniomhaibh. An sin fhuair e ubh, agus dh’ iarr e orra an t-ubh a chuir ’n a sheasamh air a cheann. Nuair a dh’ fhaillnich orrasan sin a dheanamh, ghabh esan an t-ubh, agus thug e gnogag dha, agus mar sin chuirear an t-ubh air ball ’n a sheasamh air a cheann. “ ’S urrainn do neach air bith sin a dheanamh,” ars iadsan. “An deigh dhomhsa a dheanamh,” ars esan. Dh’ fheuch e an sin do ’n chuirt aobhar an draigh agus an doigh ’s am bu choir buntuinn ris na daoine a chaidh mach, air chor ’s gun do chuir e eascairdean ’n an tosd.
An ceann da bhliadhna dh’ fhalbh e air a threas turus, le sea longaibh. Stiuir e nise fada gu deas; agus uime sin fhuair e mach tir-mor America-mu-Dheas, agus amhuinn mhòr Orinoca. Bha esan am barail gum b’ i sin amhuinn Gihon an gàradh Eden. Sheol e ’n sin gu tuath; agus nuair a rainig e Hispaniola bha cuisean ro aimhreiteach; agus ’s e thainig a sin gun do chuirear esan do ’n Spainn ’n a phriosanach fo gheimhlibh. Nuair a chualas so air feadh na rioghachd, bha daoine gu mor a coireachadh mar a chaidh buntuinn ris; agus chaidh a chur gu h-aithghear fo sgaoil. Ach chuir Ferdinand fear-dreuchd eile ’n a ait, agus cha d’ fhuair e ceartas gu latha a bhais. Dh’ eug e am baile Bhalladolid air an fhicheadamh latha de ’n Mhaigh ’s a bhliadhna 1506, aosmhor agus bochd, mar a bha e ’g asluchadh am facail nan Salm, “Ann ad laimhse tiomnam mo spiorad: saor mi, a Thighearna Dhe na firinn.”
’S a’ bhliadhna 1497, sheol Iain Cabot, mar ri mhac Sebastian, á Bristol, an Sasunn le da long agus tri chead maraich, fo ughdarras Eanric a Seachd, Righ Shasuinn. B’ Eadailteach Cabot, ach bha è a’ tuineadh am Bristol. Air a’ cheathramh latha fichead de mhios a’ Chéitein, chunnaig iad eilein mòr Newfoundland. Sheol iad an sin siar; agus an uine ghoirid rainig iad tir-mòr America mu Thuath, bliadhna mus am faca Columbus tir-mòr America mu Dheas.
Stiuir iad a nise gu tuath, gus an d’ rainig iad an talamh reòta. Bha iad a’ runachadh Asia a ruigheachd: ach o’n nach fhac’ iad caolas troi an seoladh iad, thill iad gu deas, agus lean iad oirthir America mu Thuath, gus an d’ rainig iad tir-thiorail. On a bha am biadh a’ teannadh gu deire, agus na maraichean a’ fas ceannairceach, thill iad an sin do Shasunn; agus rainig iad Bristol toiseach an fhaoghair.
An toiseach na bliadhna 1517, sheol Fransis Cordobha á baile mòr Habhana, an Cuba, le tri longuibh, —agus fhuair e mach mòr-roinn Iucatan. ’N uair a bha e dol air tìr, thainig coig bàtaichean de shluagh na tìre da ionnsuidh. Chuir iad sin ionghnadh air na Spainnich: oir bha iad air an cluthachadh an aodach cotain, agus bha ’n sluagh a chunnaig iad roimhe ruisgte. * Sheol iad an sin sear, gus an d’ rainig iad Campitsi, far an deach beul ri leth-cheud diu a mharbhadh leis na h-Innseinech ’n uair a bha iad air tìr air son uisge: agus chaidh Cordobha fhein a leonadh gu trom. Uime sin thill iad do Chuba, far an d’ eug Cordobha bho lotaibh.
Beagan roimhe sin, ’s a’ bhliadhna 1512, dh’ fhalbh Iain Ponse Leon bho eilein Phorto Rico, far an robh e ’n a fhear-riaghlaidh, le tri longaibh, air toir “Tobar na h-Oige,” air an robh mor iomradh. A reir na h-aithris, bheireadh uisge an tobair sin neart agus ath-nuadhachadh oige do gach neach. Sheol e am measg innsean Bahama; ach cha d’ fhuaras an tobar. Stiuir e ’n sin sear; agus an uine ghoirid, chunnaig e, a reir a bheachd, eilein mòr, air an d’ thug e Florida mar ainm, on a bha ’n talamh
* Chunnaig Cabot Innseinich Newfoundland, roimhe sin, air an eideachadh le bianaibh fhiadh-bheothaichean, mar a bha sluagh nan duthchannan fuara gu tuath: ach cha robh eolas aig na Spainnich orrasan.
[Vol . 5. No. 24. p. 3]
gorm agus lan dhìtheinibh earraich. * Fhuair e mach an caolas eadar Florida agus Cuba; agus sheol e am measg innsean Phortùga: ach cha d’ fhuair e sgeul air bith mu ’n tobar, ’cheann nach robh e idir ann. Cha n ’eil ’s cha robh a leithid de thobar air thalamh. Uime sin thill e do Phorto Rico. Thug an t-Iompaire tighearnas dha air Florida; agus dh’ orduich è gun aiticheadh Ponse an tìr. Uime sin thill è ’s a bhliadhna 1521, le da long, a runachadh baile a thogail. Ach shàs na h-Innseinich orra gu garg: chaidh moran de na Spainnich a mharbhadh, agus fhuair Ponse lot bàis.
An earrach na bliadhna 1518, fhuair Iain Griochalbha, le cabhlach cheithir longan, a mach oirthir Mhechico (ris an abair na Sasunnaich Mecsico,) bho Iucatan gu Tampico, agus thug e “an Spainn Nomha” mar ainm air an dùthaich. Thug a dhaoine air ais mill òir, agus cunntas mu rioghachd mhòr bheirteach, Mhecsico.
An ath-bhliadhn’ rannsaich Albhares Pinedo, le tri longaibh, an oirthir, bho Rudha Florida gu Tampico, coig ceud deug mile: agus fhuair e mach an amhainn mhòr Misisipi, aig am bheil cùrsa a tha corr a’s ceithir mile mhiltean agus ceithir cheud mile air fad, bho bhraighe na Misuri, a tha a sruthadh innte.
’S a bhliadhna 1519, chuir Diego Bhelascas, uachdaran Chuba, Ferdinand Cortes, le aon long dheug, a rannsachadh agus a cheannsachadh Mhecsico. Bha sluagh na tìr fharsuinn sin lionmhor agus garg: ach cha robh iarunn no umha aca; agus bha cuid diu fo chis aig Montesuma, an righ. Dh’ eirich iad sin leis na Spainnich; agus an deigh cogadh fuilteach sgrathail, anns an do bhasaich Montesuma, ghlac Cortes baile-mòr Mhecsico toiseach an fhaoghair, ’s a bhliadhna 1520; agus an uine ghoirid an deigh sin, gheill an tir gu leir dha. Roimhe sin chaidh Cortes fhein a ghlacadh; agus bha na h-Innseinich a’ dol g’ a iobradh d’ an diathaibh; ach thiorc cuid de na Spainnich e. Anns a’ chogadh so fhuair iad eòlas air a chuid mhòr de Mhecsico; bho chuan gu cuan.
An toiseach na bliadhna 1524, rannsaich Iain Bherrasani, Eadailteach, a bha seoladh fo ughdarras Righ na Frainge, oirthir America mu Thuath, bho ’n amhuinn Savanah, air crìch Charolina, gu ceann tuath Newfoundland, còrr a’s da mhile de mhiltean. B’ e a chuideachd na ciad daoine geala a chunnaig na h-Innseinich mu dheas. Bha iad dorcha mar na Mùirich, air an cluthachadh le bianaibh, agus itean riomhach am falt laidir dubh, gun dual, gun chaisreig. Ghabh iad gu caoimhneil ris na coigrich; agus theasraig iad seoladair, a bha ’n cunnart bàthaidh; ach mar phàidhe air a chomain, thug na Frangaich oidhearp air cuid diu a thoirt air falbh le ainneart.
Mar a bha e a’ seoladh gu tuath, bha ’m
* Is pairt do thir-mòr Florida, ach tha i coltach ri eilein.
fearann na bu bhoidh’che; agus bha na coilltean arda, gorma, a’ sgaoileadh bola cubhraidh air gach taobh. Fhuair e a mach an baile farsuinn, taitneach far am bheil a nise baile mòr New York; agus dh’ fhan e ceithir-la-deug an cala mòr Newport, an Eilein na Ròid. Bha na h-Innseinich ’n an daoine mòra, cuimir, agus ro chairdeil riutha; ach bha iad co aineolach ’s nach do thùr iad feum innealan iaruinn. ’N uair a thainig e faisg air Newfoundland, bha sluagh na tìre fiata coimheach; agus anns a’ mhalairt a bha eadar iad fhein ’s na Frangaich b’ e sgeanan a’s buill-acfhuinn staillinn a bha iad a rùnachadh. Bha iasgairean nan trosg, bho oitiribh Newfoundland, air a bhi’ ’n am measg, a dh’ fheuch ri cuid diu a ghoid airson thraillean.
Thill Bherrasani do ’n Fhraing; agus rainig e Diepe mu mheadhon an t-shamhraidh, far an do sgriobh e cunntas mu thurus, airson Righ Fransis. Thug e “an Fhraing Nomha” mar ainm air an tir; agus mhair an t-ainm sin, car iomadh linn, air a phàìrt ’s an do ghabh na Frangaich seilbh.
An earrach na bliadhna 1534, chuir Fransis a mach Seumas Cartier, á Port Saint Malo, le da long agus sia fichead maraich. An ceann fhichead latha, rainig e Newfoundland. An deigh cuairt gu tuath thill e gu deas, agus stiuir e siar gus an d’ rainig e ’m bagh a dh’ ainmich e bho theas na h-aimsir, “Bai des Chaleurs” (Bàgh an Teas). Sheol e ’n sin gu tuath, mu’n cuairt do Ghaspè: agus fhuair e mach amhuinn mhòr Chanada. Chaidh e suas an aghaidh a sruth, gus am faicear tìr air gach taobh: * ach on a bha e nise toiseach an fhaoghair, agus nach robh doigh aig Cartier air fuireach gu h-earrach, thill e do ’n Fhraing; agus rainig e Saint Malo an ceann deich latha fichead.
Toiseach an ath shamhraidh, sheol Cartier a rithisd, le tri longaibh, agus na h-uibhir de uaislibh na Frainge, measg mor aighir. Rainig e ’n càmus mòr taobh an iar Newfoundland air latha Naomh Labhruinn—an deicheamh latha de cheud mhios an fhaoghair. Uime sin thug e “Saint Laurent” (Naomh Labhruinn) mar ainm air a chamus; agus fhuair an amhuinn a’ cheart ainm, gus an latha ’n diugh. Chaidh e air aghart taobh tuath eilein Antecoste, gus an d’ rainig e cala, an eilein boidheach, anns an robh mòran fhionainean. Uime sin thug e “Eilein Bhacchuis” mar ainm air. So an t-eilein ris an abrar an nis Eilein Orleans, fo Chuibec, a tha comharraichte airson a mheas math.
Ghabh na h-Innseinich ris na Frangaich gu fialaidh; agus dh’ innis iad dhaibh gu’n robh an amhuinn co fada suas ’s nach fhac iadsan riamh duine a bha aig a braighe. Uime sin dh’ àitich Cartier a longan ’s a chala, agus chaidh e suas am bàtaichibh, gus
* Tha an amhuinn so corr a’s coig mile fichead air leud aig a beul.
an d’ rainig e baile ris an abrar Stadacona no Canada,— ’s e sin, ’n an cainntse, “am baile.” Bho sin thug Cartier Canada mar ainm air an dùthaich, —ainm a mhair agus a sgaoil. Labhair Donnacona, an triath Innseineach, òraid do na Frangaich, agus chaidh bann cairdeis a dheanamh eatorra. Thog na h-Innseinich an sin an gaoir-chatha oillteil, air dhoigh ’s gu’n do ghabh na Frangaich eagal: ach ’s e greadhnas a bh’ air an aire.
Dh’ innis iad mu bhaile Hoiselaga, a bha fada shuas, faisg air an amhuinn; agus chuir Cartier roimhe gu’n reachadh e suas; ach cha robh na h-Innseinich toileach, agus dh’ oidhearpaich iad air a bhacadh. Thug iad air tri daoine, air an sgeadachadh gu h-alluidh, tighinn thun nan longaibh (a thug Cartier suas gu Stadacona), agus sriutach a labhairt. Dh’ fhalbh iad an sin ’s a chanù, an sgoth Innseineach, ’s an d’ thainig iad. Thubhairt na h-Innseinich gum bu teachdairean iad sin bho ’n dia Cudruaigné, a thainig a dh’ innseadh gu’n robh moran deigh a’s sneachd shuas an dùthaich, air doigh ’s gu’m bàsaicheadh na Frangaich na’n reachadh iad suas. Ach chaidh Cartier air aghart, air sruth mòr, riomhach na h-aimhne; agus bha muinntir na tire buileach caoimhneil ris.
An ceann ceithir-la-deug, rainig e eilein agus baile Hoiselaga troi fhearann aillidh, torail, air nach robh sneachda no deigh. * Bha am baile sia mile air ais bho ’n amhuinn, teann air tulaich bhoidhich air an d’ thug e Mont Real (am monadh rioghail) mar ainm—agus bho sin thainig ainm ùr an eilein agus baile mòr Mhontreal gus an latha ’n diugh. Bha ’n sealladh bho mhullach na tulaich co aillidh, le uisge ’s beanntaibh a’s coilltibh, ’s gu’n robh duil aig Cartier gu’m biodh ard-bhaile na duthcha an sin—mar a thachair. Dh’ innis na h-Innseinich dha mu na coig luich mhora a bha shuas; ach b’ eigin tilleadh gu Stadacona; far an d’ fhuirich e gu h-earrach. Bha an geamhradh fada cruaidh; agus bhàsaich coig fir fhichead de na Frangaich leis an tachas-thioram, agus chaidh an adhlac’ ’s an t-sneachda, o’n nach b’ urrainn each uaighean a chlaodhach dhaibh ’s an talamh reota. † Thill Cartier leis na bha lathair; agus rainig e Saint Malo mu mheadhon an t-shamhraidh, le Donnacona agus cuid eile de na h-Innseinich ’n a chuideachd. ’S ann eadar foill a’s ainneart a chaidh iad sin mar ris.
An aithris Chartier tha a chiad chunntas a fhuaras ’s an Roinn-Eorpa mu ’n tombaca, luibh a thainig á America air tùs. Dh’ fheuch na Frangaich ris; ach cha do thaitinn e riutha ’s an am sin.
P. MAC-GRIOGAIR.
* Ged tha sneachda trom an Canada ’s a’ gheamhradh, falbhaidh e gu h-ealamh, fo ghrian bhlath an earraich.
† Bhasaicheadh tuille dhiu leis a’ ghalar so—ris an abrar ’s a’ Bheurlascurvy ;ach dh’ fheuch na h-Innseinich craobh dhaibh; agus leighis sugh na cairt ’na bha tinn dhiu.
[Vol . 5. No. 24. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ‘Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton
SIDNI, DESEMBER 19. 1896.
Thainig sgeul toiseach na seachdain so ag innse gu’n do mharbhadh Maceo, ceannard nan ceannairceach ann an Cùba, ach tha e doirbh a radh le cinnt gu bheil sin fior. Thainig sgeula-bàis a cheart dhuine caochladh uairean roimhe, ach cha robh i fior uair seach uair. Ach air an turus so tha barrachd de choltas na firinn air an sgeul, agus ged a tha moran nach eil ’ga creidsinn, tha a chuid mhor am barail gu bheil i fior gu leòr. Tha aon sgeul a thainig ag innse gur ann le foill a chuireadh gu bàs e; gu’n d’ thug na Spàintich cuireadh dha tigh’nn far an robh iad air son còrdadh a dheanamh, agus ’nuair a thainig esan ’s buidheann bheag de ’luchd leanmhuinn comhla ris, gu’n do loisg na Spàinntich orra, ’gan tilgeadh gun rabhadh sam bith a thoirt daibh. Ma tha sin fior, theid e gu mor an aghaidh nan Spàinnteach fhéin, oir caillidh iad am beagan meas a bh’ aca an sùilean sluaigh rioghachdan eile, agus cha b’ iongantach a chùis ged a thigeadh orra an saorsa thoirt do na Cubaich pailt na bu luaithe na bhiodh aca ri dheanamh nan robh iad air fuireach bho leithid sid de ghniomh fhoilleil. Ach tha sinn an dochas, ma’s e ’s gu bheil Maceo marbh, gu’m faighear am mach nach ann air an dòigh bhrùideil ud a chuireadh crioch air. Tha an cogadh olc gu leòr gun a dhol ’ga dheanamh na’s tur-mhiosa le bhi deanamh mort.
Tha e air innse gu’n do mharbhadh deichnear de bhràithrean Mhaceo anns a chogadh a’ feuchainn ri Cuba a shaoradh. Ma tha sin fior agus gu’n deach e fhéin a mharbhadh air an turus so, bidh an sin aona duine deug as an aon teaghlach a leig sios am beatha air son saorsa an duthcha.
Thatar a meas nam biodh saoibhreas nan Stàitean air fad air a chur còmhladh ’s an sin air a roinn air an t-sluagh, gu’m biodh mile dolair ann do gach duine, bean, us pàisde ’san dùthaich.
Deireadh an earraich s’a chaidh, chuir an Dotair Mac Illiosa, ann an Lunnainn, a mach Gràmar Gailig. Tha e nise ’n deigh leabhar eile a chur a mach(The Gaelic Class Book) ,a tha air a sgriobhadh gu h-àraid air son muinntir a tha tòiseachadh air a chainnt ionnsachadh. Tha e ’na leabhar a bhios gle fheumail dhaibhsan a tha ’g ùr-thòiseachadh air a Ghàilig. Tha an Dotair còir an deigh na Gàidheil a chur fo chomain mhor dha cheana, agus a reir coltais cha’n eil e ach air tòiseachadh, oir tha an leabhran so ri bhi air a leantuiun le dha eile. Tha sinn an dòchas an ùine gun bhi fada gu’m bi ’nar comas an òraid a liubhair e aig fosgladh a Chlass Ghailig toiseach a gheamhraidh so, a thoirt d’ ar luchd-leughaidh. Bheir i, mar a thuirt fear roimhe, sùilean dhaibhsan d’ an àbhaist a bhi deanamh tàir air cainnt an dùthcha.
BLAR WATERLOO. —Tha ceithir fichead bliadhna ’sa h-aan o’n bha blàr Waterloo air a chur. Cha’n eil a nise duine de na bha ’sa bhlàr iomraiteach sin beò. Th iadsan a thuit anns a bhlàr, eadar chàirdean us naimhdean, nan laidhe taobh ri taobh air an làraich, ’s am fiar gorm a fàs os an cionn; agus iadsan a fhuair as le ’m beatha ’n latha sin, tha’n uaghannan ri ’m faotaìnn anns gach duthaich fo’n ghréin. Ach ged a tha na daoine treuna bha anns a chath a nise air triall gu tir na Di-chuimhne, theid iomadh bliadhna ’s linn seachad mu’n sguirear a bhi toirt iomradh air euchdan an latha sin, leis an deachaidh cumhachd fear-millidh na Roinn-Eòrpa a bhristeadh.
Tha paipearan Gàidhealach a thainig ugainn o chionn ghoirid ag innse gu bheil an t-Urr. Gustabhus Ard, D. D., ministear Chraoich, an deigh an sgìreachd a leigeil uaithe an deigh dha bhi innte riamh o’n thainig an Eaglais Shaor a mach. Tha e nise ’na-sheann duine, còrr us ceithir fichead bliadhna dh’ aois, agus bha ’n obair a’ fàs trom air. Tha e dol a chur a chuid eile de ’laithean seachad comhla ri mac a bhràthar ann am Manchester, an Sasunn.
Anns an ath àireamh bheir sinn d’ ar luchd-leughaidh paìpear a chaidh a leughadh aig Comunn Gàilig Ghlascho o chionn ghoirid leis an Urr. Niall Grannd, á Gleann-dail ’san Eilean Sgiathanach. ’Se ’s ainm do’n phaipear, “Gearr chunntas mu chuid de na fineachan bu lugha ’s an Eilean Sgiathanach.” Tha e air a dheagh sgriobhadh, agus tha moran fiosrachaidh ann a bhios gle lionmhor ann an iomadh cearna de Chanada.
Thatar a pàigheadh barrachd cise air an tombaca na thatar a pàigheadh air ni sam bith eile. Re nan seachd bliadhna fichead mu dheireadh, chuir an tombaca mile muillein dolair ( $1 ,000,000,000.) ann an cis a stigh do ionmhas nan Stàitean.
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
SIDNI, - - - C. B.
F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn.
Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.
Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air.
Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.
Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c , &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.
Tha e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin.
Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.
Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.
Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Illemhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E, Clark, aigCross Roads Leitche’s Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.
[Vol . 5. No. 24. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Sgaoil na sgoilean an dé air son na Nollaig ’s na Bliadhn’ Uire. Bi’dh iad a’ fosgladh air a’ cheathramh latha dhe’n bhliadhna.
Tha cuirt na siorrachd na suidhe fhathast, agus tha e coltach gu’m bi gus an deigh na Bliadhn’ Uire. Tha moran de chasan cudthromach ri ’m feuchainn.
Tha dithis bhoirionnach ann am baile New York a tha faotainn, té dhiubh tri mile dolair ’sa bhliadhna, agus an te eile ceithir mile ’s coig ceud, air son a bhi seinn ann an coisir-chiùil eaglais.
Bhrist tuil a stigh air meinn ghuail ann a Wales o chionn ghoirid, agus chaidh sianar dhaoine a bhàthadh. Bha ruas ri sia fichead duine anns a mhèinn aig an àm, ach fhuair iad as le ’m beatha ach an t-sianar ud.
Dh’ fhaoite nach fhaigh Caiptean Delisle cuibhteas an lagh au deigh a h-uile rud. Tha fios air tighinn gu bheil Riaghladh Newfoundland a’ dol a ghabhail a ghnothuich os laimh ’sa dol a chur a chàis air beulaobh Ard-Chuirt Chanada.
Thainig bàs gle aithghearr air fear Eobhan Gillios, clachair, ann an Louisburg Di-luain s’a chaidh. Bha e ’g obair faisg air an tigh, agus thainig e stigh a’ gearain nach robh e gu math. Beagan ùine ’n deigh dha dhol a stigh thuit e marbh.
Bha dithis dhaoin’ ùra air an cur dh’ an t-Seanadh air an t-seachdain s a chaidh, Iain Lovitt, á Yarmouth, N. S., agus Deòrsa King, á King’s, N. B. Cha’n eil a nise aon àite falamh anns an t-Seanadh. Chaidh seachdnar a chur ann o’n fhuair Laurier air an stiùir.
Chaidh duin’ òg a mhuinntir Bhaddeck, Mac Coinnich, a mharbhadh ann am Boston o chionn ghoirid. Bha e ’na shaor, agus ’se tuiteam bhar mullach taighe air an robh e ’g obair a thug a bhàs; cha robh e beò ach beagan ùine ’na dheigh. Chaidh a chorp a thoirt dhachaidh gu bhi air a thiodhlacadh.
Is aingidh am baile Chicago. Eadar feasgar Di-satharna s’a chaidh, agus feasgar Di-dònaich, rinneadh tri moirt ann, agus chaidh triùir eile a leònadh le urchraichean air dhòigh ’s nach bi iad beò; a bharrachd air sin chaidh fear a stobadh. Tha cuid diubhsan a rinn an cron ann an lamhan an lagha, ach tha ’n dithis a’s miosa gun a bhi air an glacadh fhathast.
Chaidh bàthadh muladach a dheanamh ann an Aspy Bay la na Sàbaid s’a chaidh. Bha ceathrar chloinne, dithis ghillean us dithis nighean, le Daibhidh Domhnullach, fear-na-cuspuinn, a feuchainn ri dhol thairis air an deigh aig Young’s Cove, agus bhrist i fopa. Chaidh dithis dhiubh a bhàthadh. Bha an deigh gle thana, agus bha e doirbh an ruigheachd. Chaidh an dithis bu shine, gille agus nighean, a shàbhaladh. Ghreimich an nighean a b’ òige air bòrd, agus chum i a greim gus an d’ rainig iad i le bàta, ach cha robh i beò ach ùine glé ghoirid.
Chaochail an t-Urr. Simon Gibbons ann am Parrsboro, N. S., Di-luain s’a chaidh. B’ Escimòth e, agus chaidh fhoghlum ann an Sasunn air chostas an Easbuig Field, an Newfoundland. Bha e ’na mhinistear de’n Eaglais Shasunnaich, agus bha e roinn mhor de bhliadhnaichean a’ saoithreachadh ann an Newfoundland. An deigh sin bha e ann am Baddeck, agus air dha an t-àite sin fhàgail, chaidh e gu Parrsboro, far an robh e gu àm a bhàis. Chaidh a ghoirteachadh le tuiteam as a charbad o chionn thri seachdainean, agus thatar a’ deanamh a mach gu’m b’e sin a dh’ aobharaich a bhàs. Bha e air ceann na seirbheis anns an eaglais an latha mu’n do chaochail e.
Di-satharna s’a chaidh, am feadh ’sa bhatar a luchdachadh soitheach-smùide le gual ann a Louisburg, thuit fear de’n luchd-obrach, da’m b’ ainm Iain Mac-an-Tòisich, dh’an toll, agus chaidh a ghoirteachadh gu dona. Chaidh e gle fhaisg air a bhi air a mharbhadh. Tha e còrr us tri-fichead bliadhna dh’ aois.
Tha e coltach gu bheil an geamhradh air tighinn. Thainig stoirm shneachda oirnn a mhair bho fheasgar Di-ciaduinn gu oidhche Dior-daoin, agus a chuir dòrlach mor sneachda ma seach. Cha’n eil nar comas a radh aig an àm so ciamar a dh’ fhàgadh na ròidean, ach cha’n eil teagamh nach eil iad dona gu leòr an àiteachan.
Tha a ghrian a’ dol fodha na’s anmoiche nise na bha i air an t-seachdain s’a chaidh, agus tha’m feasgar mar sin a’ fàs na’s fhaide. Achs tha mhaduinn a’ fàs goirid fhathast; cha toisich a ghrian ri éiridh na’s tràithe gus an còigeamh latha de’n bhliadhn’ ùir. Toisichidh an latha ri fas beagan na’s fhaide Di-luain no Di-mairt s’a tighinn.
Ann an Oil-thigh na Ban-righ’nn, an Kingston, Ontario, thatar a toirt duais seachad na h-uile bliadhna air son sgoil Ghàilig. Tha an duais so, tri fichead dolair, air a bhuileachadh air an oilthigh le Mr. M. C. Camaran, fear-pàrlamaid Huron. Thugadh a mach an duais air a gheamhradh so le Mr. A. D. Mac Fhionghain, foghlumaich a mhuinntir Loch Ainslie.
Thainig bàs gle aithghearr air an Dr. Seumas R. Mac Gilleain, ann an Amherst oidhche Shatharna s’a chaidh. Bha e tinn o chionn treis a dh’ ùine, ach cha robh dùil aig duine gu robh a bhàs cho faisg air laimh. Bhatar gle eòlach air ann an Ceap Breatunn, far am b’ àbhaist dha tighinn sgriob a h-uile bliadhna. Bha e da fhichead bhliadhna ’sa h-ochd a dh’ aois. Bu bhràthair e do Mhac-Gillean an dotair-fhiacal a tha ’sa bhaile so.
Tha an deigh gle mheallta fhathast, agus bu chòir do mhuinntir fuireach dhith gus am fàs i na’s làidire. Chaidh ceathrar chloinne troimhpe aig Orangedale aon latha air an t-seachdain s’a chaidh, agus cha robh dad ann ach gu’n deach an sabhaladh. Bha aon diubh, nighean Sheumais ’Ic Phàrlain, anns an uisge treis a dh’ ùine, agus bhiodh i air a bàchadh mur biodh Niall Mac Néill, a leum dh’ an uisge ’sa thug gu uachdar na deighe i. Bha treis mhath mu’n ainichteadh gu robh i beò.
Mar a chaidh innse aig an àm dh’ fhalbh àireamh theaghlaichean á Cuibeic air an t-samhradh s’a chaidh, air son an dachaidh a dheanamh ann am Brazil, an ceann a deas America. Tha e coltach, an uair a rainig iad, nach d’ fhuair iad cùisean idir cho briagha ’sa bha iad an dùil, agus tha iad a nis, moran dhiubh, ann am bochduinn. Tha iadsan a tha feumach dhiubh ri bhi air an toirt air ais do Chuibeic, agus tha an Riaghladh a’ dol a phàigheadh am faraidh. B’ fhearr dha na daoine bochda nach d’ fhàg iad an dachaidhean riamh.
Iadsan a Phaigh.
Iain E. Mac Leoid, Ingonish .
Ruairi H. Mac Coinnich, Forks Shidni.
Alasdair Seathach, Cobh an Fheòir.
Donnacha Mac Coinnich, Milton .
Deorsa Mac Coinnich, Drochaid na h-Aibhne Tuath.
Coinneach I. Mac ’Illinnein, St . Esperit.
Iain Mac Thearlaich, Gut-a- Deas.
Iain Moireastan, Gut-a- Deas.
An t-Urr. A. Mac Coinnich, Meinn Victoria.
Aonghas Gillios, Orangedale .
Iain A. Domhnullach, Baddeck.
Micheil D. Caimbeul, Eaglais Bhaoghasdail.
“Caraide na Gailig,” $1 .00.
D. R. Domhnullach, Barrachois Bhaoghasdail.
Donnacha Mac Griogair, Amhuinn a Deas, N. S.
Eachunn Mac Gilleain, Bridgetown , N. S.
Aonghas Mac Gille-mhaoil, Laggan , Ont.
Alasdair Friseal, Dunbheagain, Ont.
Calum Deòra, Dunbheagain, Ont.
D. A. Mac FHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B.
Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha.
[Vol . 5. No. 24. p. 6]
MU’N TAIBHSEARACHD.
(Bho ’n Bheurla.)
Bha mi daonnan ag cluinntinn mu’n taibhsearachd, ach cha d’thug mi mòran croideis d’ i; a dh’ aindeoin sin, a chionn gu’n robh daoine fìrinneach ag aideach i bhi aca, chuir mi romham, a’ bhliadhn’ ud (1652) a bha mi ’m cheatharnach-coille ’s an Taobh-tuath (leis na réubaill Shasonnach), mion-rannsachadh a dheanamh mu’n chùis. Duan gach duine gu’n robh mòran da na Gaidheil, gu h-araid na h-Eileanaich, aig an robh an dà-shealladh; fir, a’s mnathan, a’s clann gu ’m bu chomh-dheis; gu’n robh clann ann aig am bitheadh i, ged nach biodh i aig am pàrantan. Air uairibh, gu’m faicteadh seann-sluagh aig am biodh i, ged nach biodh i aca an uair a bha iad òg; agus nach b’urrainn gin diubh innseadh cia mar a fhuair iad i. Gu’n robh i na trioblaid do gach aon a bha buailteach dh’ i; agus gu’n cuidhticheadh iad i gu toilichte na ’m biodh e na ’n comas sin a dheanamh.
Cha’n fhaic iad an taibhseach fhad ’s a chumas iad air an sealladh. An fheadhain aig am bheil cridhe làidir, is àbhaist daibh dùr-bheachd a ghabhail, los sealladh fhaotainn oirre na’s fhaide; ach an fheadhainn a tha gealtach, cha’n fhaic iad ach plathadh dh’ i: priobaidh air an sùil mu’n gann a chi iad i. Is iad na taibhsean is trice leo fhaicinn—taibhsean sluaigh, a’s bheathaichean, a’s bhàtaichean a’s aodaichean, agus eile. Cha’n fhaic iad taibhse duine-mhairbh idir; ach ciod sa bith a chi iad, cha’n eil teagamh nach tachair e gu riochdail, mar a chunnaic iad e, agus anns a’ cheart àite ’s am fac iad e. Cha’n urrainn daibh innseadh ciod a’ cheart ùine theid seachad gus an tachair a’ chùis; ach tha riaghailtean àraid aig an fheadhain is sean-eòlaiche dhiubh, leis an toir iad geur-bharail air. Mar shamhladh air sin: ma chi iad an leine-bhàis air duine, bheir iad barail air an ùine bhios e beò, a reir na bhios i còmhdach dh’ e. Is tric gu’m faic iad an càirdean (ged bhiodh iad cho fada uapa ri America) na’n suidhe, no na’n seasamh, no ag coiseachd ’san àite a thuiteas dhaibh fein a bhi; agus cha bhi teagamh sa bith aca, ach iad ga ’m faicinn, nach bi iad fhathast amhuill ’s mar a chunnaic iad iad, agus anns a cheart àite ’s am fac iad iad. Ma bhios té ann aig am bi leannan, is abhaist daibh fhaicinn na sheasamh lamh rithe; agus breithnichidh iad miad an deothais, air an astar a bhios eatarra ’s an àm. Duine tha’n galar a bhàis, chi iad a riochd ’s an t-anart-bàis ga chòmhdach uile.
Is taibhsearan cneasda firinneach, fo shàr-chliù aig an coimhearsnaich, a thug dhomh am fiosrachadh so mu’n chùis; oir rinn mi roghainn, a dh’ aon-ghnothach, air daoine còire ciallach, de’n t-seòrsa. Agus a thaobh gu’n robh, a reir innse-sgeòil, tuilleadh thaibhsearan an Leoghas, an Uidhist, agus anns na h-Earradh na bha ’n duthaich sa bith eile, chuir mi fios gu Sir Séumas (nach mairionn), agus gu Sir Tormoid MacLeòid, agus gu Mr. Moiriosan (tha iadsan le cheile làthair), iad a thoirt cùnntas dhomh mu’n dà-shealladh so. Thug iad sin domh le làn-dearbhadh air gach sgial a thug iad seachad. Agus bha gach fear dhiubh air an aon seanchas ri m’ urrainnean fhéin. Ach ged is daoine ainmeil iadsan an céill ’s an onair, mar is fiosrach gach duine, is annsa leam, seach e ’bhi ri ràdh nach ’eil agam ach seanachas feadhnach eile, cunntas a thoirt an tùs air cùisean a bha mi fhéin fianuiseach orra.
Bha mi turus air chuairt anns a’ Ghàidhealtachd agus mo chuid ghillean comhla rium, mar is gnàth le uaislean na duthcha sin. Dh’ fhalbh fear dhiubh air thoiseach orm, ’s ràinig e le cabhaig dorus tighe ’s an robh mi dol a chur seachad na h-oidhche gu dol a stigh, ach thug e léum air ais ’s leig e glaodh as, agus tachrar clach air a chois, a’s tuitear anns an stuirsnich. Bha fior-choltas an eagail air, agus dh’ fharraid mi dn ’e ciod a dh’ fhairich e. Ghrìos e orm gu stòlda, gun chairtealan a ghabhail ’s an tigh ud, nach b’ fhada gus an tigeadh ciste-mhairbh amach as; gu’n do thachair i airsan, agus dòmhladas sluaigh ga giùlan, an uair a leig e ’n glaodh as. Cha d’ thug mi feairt air agus ’s e bh’ ann gu’n d’ fhuirich mi. Thuirt esan ri feadhain de na gillean gu’n robh e cur iomaguin air, nach robh teagamh aige nach éireadh amach mar, a chunnaic e, agus sin an ùine ro-ghoirid. Cha robh duine euslainteach a stigh an uair a ràinig mi; ach mu’n d’ fhalbh mi, thàinig paisean air fear-an-tighe, Gàidheal fallain, làidir, agus dh’ éug e ann.
Anns a bhliadhna 1653, bha mi fhein ’s Alastair Munro a bha ’n deaghaidh sin ’n a Chòirneal air Reiseamaid Dhunbreatuinn a’ sràid-imeachd air dail bhig am bun beinne caise an Ullapull, an Taobh Loch-Bhraon. Bha gille ag obair le sluasaid air a’ cheum romhainn agus aghaidh ris a bhruthaich. Mu’d d’ ràinig sinn e leig e ’n t-slusaid as a laimh air an làr, agus sheall e suas ris a bheinn. Chaidh sinn seachad làmh ris ach cha d’ thug e ’n aire dhuinn. Thug mi fhein sùil air, ach leis mar a chunnaic mi e spliachdadh, smaoinich mi gu’n robh an da-shealladh aige, agus ghlaodh mi air. Thug e clisgeadh as agus rinn e snodha-gàire. Dh’ fharraid mi dh’e ciod a bha e ’deanamh. Thuirt e gu’n robh e faicinn rud glé neonach—trùp Shasonnach an ceann an cuideach a’ tearnadh na beinne, agus cuid de na h-eich ag itheadh an eòrna a bha fàs air an dàil aìg bun na beinne. Bha so air a cheathramh là de’n Chéitein, ceithir no còig de lathaichean mu’n deachaidh sìlein de’n eòrna ’chur. Dh’ fharraid Muurò dh’e cia mar a bha fhios aige gu’m bu Shasonnaich iad. Thuirt e gu ’n robh a chionn gu’n robh iad a’ falbh an ceann nan each, ’s gu’n robh adan orra—rud nach biodh air Gàidheil an sid. Cha do ghabh sinn suim de ’n t-sealladh; ach bha sinn a’ dùrachdainn na Sasonnaich a bhi ann, bha an t-àite cho doirbh air son each, agus sinn a bhi cogadh riutha ’s an àm. Mu Liùnastainn thainig air Middleton pàirtidh s chur do’n Ghàidhealtachd. Chuir e an t-arm roimh Ionar-Lawell, agus an fheadhainn a theirinn an toiseach dhiubh, thòisich iad air ithe an eòrna air an fhaich bhig aig bun na beinne. Chuimhnich Munrò air seanachas an taibhseir, agus ghrad-sgriobh e ugamsa gu Loch-Sìne far an robh mi aig an àm.
Bha mi uair aig còdhail àraid, agus thuit gu’n robh taibhsear anns a’ chuideachd, agus thug ni guth e—is àbhaist dhomh dol daonnan ’nan cnacas. “Am faic thu ’bhain-tighearna ud thall,” osam fhein ag cur diachainn air. “Chi,” os esan. “An innis thu dhomh am bheil leannan aice?” “Tha,” os esan, “ach cha’n eil mi ’ga aithneachadh.” Fad an da latha bha e ’na cuideachd, bha e faicinn duine-uasail ’na sheasamh làmh rithe ’s a cheann air a gualainn. Bu chomharradh sin gu’m pòsadh e i, agus amhuill sin nach biodh e cho fada saoghal rithe. Bha so ’sa bhliadhna 1655. Dh’ iarr mi air a choltas innse dhomh. Rinn e sin cho ro mhion ’s gu’n do thuig mi co b’ e an leannan ged nach robh guth aca air a chéile—cha robh gu da bhliadhna an deaghaidh sin. B’ Eileineach an taibhsear so; agus thuit dhomh bhi ’s a’ bhliadhna 1657 còmhla ris an duin’ -uasal a dh’ innis e choltas dòmh agus thug mi guth an taibhsear ciadna, agus dh’ fharraid mi dh’e an robh e ag aithneachadh an duin’ -uasail ud. Thuirt e nach robh, ach gu’m b’ e an ceart fhear a chunnaic e da bhliadhna roimhe sin air gualainn na baintighearna ’s e ’ga h-ainmeachadh; agus gu’m fac e an sin fhein iad glaic air ghlaic. Bha so mios mu’n do phòs iad. Mar a b’ fhior dh’ eug esan, ach tha ise fhathast beò.
An t-aon sgial so fhathast. Chuir e urad iongantais orm ri gin idir air an robh mi fhéin fianuiseach. Deireadh a’ Gheamhraidh 1652, bha mi fhein ’s Coirneal Munrò, a dh’ ainmich mi muthrà, an tigh Uilleim Mhic Leoid, Ferinlea, an Siorrachd Rois. Bha fear an tighe agus sinn fhein ’n ar suidhe ’n ar triùir, aig taobh an teine agus da Eileineach, càirdean do dh’ fhear-an-taighe, a thàinig an oidhche sin fhein air chéilidh air. Bha fear dhiubh a’ bruidhinn ri Munrò, ach thugar an aire do’n fhear eile a’ sealltainn car neonach an taobh a bha mi fhein. Smaoinich mi agam fhein gu’m b’ Eileineach e, agus gu’n robh an dà-shealladh aige, agus farraidear dh’e ciod air an robh e coimhead. B’e ’n fhreagairt a thug e dhomh, iarraidh orm éirigh as a chathair, nach robh e seannsail dhomh. An sin dh’ fharraid mi dh’e carson. Thuirt e rium gu’n robh a chionn gu’n robh e faicinn duine-mhairbh ’s a’ chathair a bha làmh rium. “Ma ’s ann ’s a’ chathair a tha làmh rium a tha e, nach coma, sin dhomhsa? Ach co ris a tha e coltach?” “Is duine mor e,” os esan, “còta-mor glas air, agus bòtuinnean; an dalla cas aige tarsuinn air làmh na cathrach, a cheann an crochadh
(Air a leantuinn air taobh 184.)
[Vol . 5. No. 24. p. 7]
Sgeulachd Bheag mu Dheidhinn na Gaidhlig.
“Chlann nan Gaidheal bithibh cuimhneach
Air ur cainnt a chur an cleachdadh.”
Bha Comunn ann ann uair‘ a bha air a steidheachadh a chum a’ Ghaidhlig a chumail suas, agus bha na buill anns a’ bheachd gu’m b’ e teagasg na h-oigridh ’nan cànain fhein, agus gach fear a bhi bruidhinn innte e fein, na dòighean a’s fearr airson an rùn sin a ghiùlan a mach, agus air an aobhar sin dh’ aontaich iad gu ’n deanadh iad uile ghnothaichean a’ chomuinn anns a’ Bheurla. Thagh iad mar fhir-comhairle, maighstirean sgoile nach do theagaisg riamh facal Gaidhlig anns na sgoilean fo an curam, daoine a bha suarach mu dheidhinn na Gaidhlig, agus daoine eile a bha direach ’na h-aghaidh. Bha iad cinnteach gu ’n deanadh na daoine so an dichioll airson na Gaidhlig, agus chaidh cach a chadal gu latha na coinneimh mòire. Uair-eiginn an deidh so, bha Co-chruinneachadh aca, ann am baile àraidh, agus bha duaisean air an toirt airson bardachd, ciuil, seinn, agus litreachais nan Gaidheal. Cha robh ach beagan Gaidhlig aig luchd na farpuis, agus cha robh facal idir di aig na breitheamhna, agus mar sin bu mhòr an cliu fhuair a’ Ghaidhlig air an latha ud. Bho ’n a bha an Comunn anns a’ bheachd gu’m bu e teagasg na Gaidhlig anns na sgoilean a ’chiad cheum a chum litreachas na dùthcha a leasachadh, cha do thairg iad duais sam bith do mhaighstirean sgoile a bha ’ga teagasg. Rinn ceann-fhear na coinneimh mòran fala-dha de ’n chuideachd a chionn nach do chuala e ach a ’Bheurla air a labhairt ’nam measg, ged a bha daoine an lathair aig an robh pailteas Gaidhlig. Cha robh e a’ tuigsinn gu’m b’ ann a chum ’s gu’m bitheadh a Ghaidhlig air a cumail suas, a bha na gnothaichean uile air an deanamh anns a’ Bheurla. An deidh sin thàinig duine glic á dùthaich cein, agus thoisich e air a’ Ghaidhlig a mholadh agus bu i a’ Bheurla a ghabh e a chum sin a dheanamh. Thuirt e nach robh i air a leughadh no air a sgriobhadh mar bu choir, agus le sin gu ’n robh i dol as an t-sealladh, agus gu’m bu i an dòigh a b’ fhearr gu so a leasachadh gun iad duais sain bith a thoirt airson leughaidh aig an ath choinneamh. Bha oraidean air an liubhairt anns a’ Bheurla le daoine foghluimte eile a mhol do ’n choinneamh an ni nach cuir iad féin ann an cleachdaidh. Le sin dh’ fhàs an sluagh seachd sgith de ’n ghnothach gu leir, agus sgaoil iad, an dara cuid a’ gabhail feirg, agus a’ chuid eile a’ deanamh fanaid agus gaire. An deidh do ’n Chomunn a bhi aig an uiread so de shaothair airson na Gaidhlig bha iongantas orra nach robh an luchd-dùthcha buidheach dhiubh, agus mar sin thoisich iad air dol a mach air a cheile, agus dh’ fhàg sinn an sid iad.
L. L.
Tha aig na còig cinnich a’s cumhachdaiche a tha ’san Roinn-Eorpa, 2310 soitheach-cogaidh, agus 88,209 gunna, agus iad uile deiseil gu dhol a dh’ obair.
DEICE NITHEAN MATHA. —Tha deich nithean ann air son nach robh agus nach bi an t-aithreachas air duine. ’S iad sin: —math a dheanamh do na h-uile; gun labhairt gu h-olc mu neach air bith; éisdeachd mu’n toir thu breith; smaoineachadh mu’n labhair thu; do theanga chumail an uair a tha corruich ort; a bhi caoimhneil riuthasan a tha bochd; mathanas iarraidh air son gach eucoir a rinn thu; a bhi foighidneach ris na h-uile; do chluasan a dhùnadh ri luchd-aithris an tuaileis; agus gun a bhi creidsinn gach droch sgeul a chluinneas tu.
’S ISE BU DEONAICHE. —Bha Seochd Mac Thòmais na dhuine car faoin na dhòigh; ach co-dhiu bha e ’dol a phòsadh, agus chaidh e far an robh am ministeir air son am pòsadh éigheach ’s an eaglais. Bha fhios aig a mhinistear ciod an seòrsa duine bh’ ann an Seochd, agus dh’ fhaoighnich e dheth an robh am boirionnach deònach a phòsadh. “Gu dearbh,” arsa Seochd, ’s e toirt crathadh air fhéin,” ’si tha; moran na’s deònaiche na tha mise.”
Bathar Tioram.
20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir.
Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3 .25.
Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na th’ againn gle shaor.
IAIN A. Mac COINNICH & CO.
McDonald Hanrahan & Co,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;
CARADH
Uaireadairean.
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.
Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar uthcha tha ’nar beachd.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.
Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .,
SIDNI, C. B.
[Vol . 5. No. 24. p. 8]
(Air a leantuinn o thaobh 182.)
marbh ris an taobh eile agus a làmh ’n a cliob ri chùlaobh mar gu’m biodh i briste. Bha feadhain de’n trùp Shasunnaich ’s a’ choimhearsnachd ’s an àm, agus le reobhadh a thàinig an deaghaidh aiteamh mhòir bha ’n dùthaich ’na stòlaichean deighe. Mu dhà uair a thìm an deaghaidh an t-seallaidh so, bha ceathrar no coignear de ’n trùp a dol seach an tigh. Bha sinn ’n ar suidhe aig an teine ’s chuala sinn tartar mor a mach. ’Dé bha ’so ach na trùpairean agus na gillean, agus fear aca ’ga thoirt a stigh, eatorra ’s e ’n deaghaidh tuiteam fhaotainn, ’s a ghàirdean briste, agus e bho phaisein gu paisein. Thug iad a stigh do’n t seòmar e agus chuir iad e air a cheart chathair ’s am faca an taibhsear a thaibhse, ach cha d’ éug e.
Is ann bho Shir Tormaid a fhuair mi an sgial a leanas. Bha duine àraid ’s an dùthaich ’s cha robh teagamh aig na taibhsearan nach rachadh saighead ’n a shliasaid mu ’m faigheadh e am bàs. Ach dh’ eug e ’s cha deachaidh. Bha iad ag innse so cunntas bhliadnaichean mu’n d’ eug e do Shir Tormaid. Thuit do Shir Tormaid a bhi air an tiodhlacadh aige an cladh Robhadail. ’S a’ cheart àm bha giùlan eile ann. Dh’ eirich cònsachadh eadar na càirdean co-dhiubh giùlan a rachadh an toiseach fo’n ùir, agus bho’n chònsachadh ’s e bh’ ann gu’n deach iad an dàil a chéile. Bha fear dhiubh aig an robh bogha-shaighead agus thilg e saighead air am feadh( ’s an eilein thathas a’ tiodhlacadh gach aon an ciste-chloiche, ’s cha’n eileas ag cur ciste leotha do’n chìll,) An uair a chuir Sir Tormaid siochaint orra, fhuaradh an t-saighead sàs an leas a’ chuirp. Bha Sir Tormaid e fhein fianuiseach air so.
Tha Mr. Moiriston ag innse dhomh gu’n robh nighean òg ’s an sgireachd aige a bha an impis dol as a ciall le bhi faicinn a riochd ’s a chulaobh rithe, gach uair a rachadh i mach. Thug e ceithir no còig de bhliadhnaichean ’g a leantuinn mar so, ach tha e ’g innse gu’n do chuidhtich e i.
Nighean Mhorair Ullin.
EADAR, BHO’N BHEURL’ AIG TOMAS CAIMBEUL,
LE MURCHADH MAC RATH.
Dh’ eigh Ceann-feadhn’ do’n Bhraighe triall,
“Fhir-iuraich, na dean maille,
’S bheir mi punnd airgeid dhuit gu fiall,
Ach aisig sinn gu calla.”
“Thar sàil Lochguil, co sibh tha’n dùil.
A dhol ’san stoirm ’s a ghaillinn?”
“Air eilean Ulbha ’s mi ceann-iùil,
’S seo nighean Mhorair Ullin.
“Bho dhaoin’ a h-athar, comhla, teann,
Tri làithean rinn sinn teicheadh,
’S ma ghlacas e sinn ann ’s a ghleann,
Bi’dh m’ fhuil san fhraoch—dean greasad.
“Tha ’mharcaichean na’r deigh a’ ’reis—
An tòir oirnn, ’s iad na’n deannal;
Co thogas fonn air bean mo spéis,
Ma chuirear as dha ’leannan?”
’N sin thuirt an Gàidheal dàna gasd’,
“Mo cheannard! tha mi deiseil,
Cha’n iom’rinn airson duais an nochd,
Ach ’sgàth bean uasal dhreachail.
“Mo ghealladh-sa, a smeorach dhonn,
Cha bhi an imcheist fada,
Ged ’s geal tha chean àrd nan tonn.
Bheir mise dhuibh an t-aiseag.”
Shìn tàsg a chuain ri ranail chruaidh,
’S bha annradh doirbh a tighinn,
Is dh’ fhàs an iarmailt iarghalt’ dubh—
’S gach aodann— ’s iad a bruidhinn.
Ach mar a b’ airde ’sheid an stoirm,
’S an oidhche ghruamach, rapach,
A’ nuas an gleann gu’n cluinnte toirm—
’Us armachd each a tartraich.
“O, cabhag! cabhag!” ghuidh’ an òighe,
“Ged ’s gàbhaidh ’n uair dha ’n eithear,
Choinnichean buaireasan nan neòil,
’S cha choinnich corruich m’ athar,”
’N sin dh’ fhalbh am bat bho’n stoirm air tìr,
’S a mhuir na còp fo guaillibh,
Grad dh’ éirich doinionn air a chuan,
’S cha toireadh spionnadh buaidh air.
Tre chathadh-mara ’s iad ga cur,
Bha stuadhan tròm ’gam gàthadh,
’Nuair ràinig Morair Ullin muir,
Chaidh fhearg le bròn a thràdhadh,
’S e oillteach sgìth, ’feadh stoirm is sian,
Chunnacas leis a leanabh,
Aon ghàirdean àill gu cobhair sinnt’,
’S a h-aon mu’n cuairt d’a leannan.
“Thig dhachaidh!” ghlaodh e, “dhe na chuan,
Bho’n doireann deanaibh tighinn,
’S an Gàidheal mathanas gheibh bhuam.
Mo nighean! O, mo nighean!”
Ach b’ fhaoin a ghlaodh—sgiùrs tuinn an tràigh,
A bacadh dol na pilleadh;
Chuir barcibh borb fo’n cas am pàist’,
’S gur goirt tha dheoir ’s a silleadh.
NA BAIRD GHAIDHEALACH. —Cuirear an leabhar so gu duine sam bith a chuireas air ’adhart 35c., no tri airson dolair.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MHAC-TALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean.
NUAIR THEID THU ’BHADDECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram, Bathar Cruaidh
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile.
An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.
STOR UR TAILLEARACHD,
ANN AN
StorW . E. Peters.
Aodaichean Matha dhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.
Theid sinn an urras air an obair.
MacCoinnich & Co.
Sidni, C. B.
Bheir mi NEAPACAIN BRIAGHA SIODA
An Nasguidh
Do gach aon a cheannaicheas fiach DOLAIR de bhathar uam. Thig gun dail agus
FAIGH FEAR DHIUBH.
THA AM BATHAR CHO SAOR ’SA GHABHAS
Bathar Math Faighinn.
D. J. DOMHNULLACH.
title | Issue 24 |
internal date | 1896.0 |
display date | 1896 |
publication date | 1896 |
level | |
reference template | Mac-Talla V No. 24. %p |
parent text | Volume 5 |