[Vol . 5. No. 25. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, DESEMBER 26, 1896. No. 25
Ioghnaidhean an t-Saoghail.
BEANNTAN-TEINE.
Mo chàirdean òga, chaidh iarraidh ormsa beagan innse dhuibh mu na nithean iongantach a tha anns an t-saoghal so ’s am bheil sinn a fuireach. Tha iad cho lionmhor, agus cho iongantach, agus, co dhiubh sheallar air uachdar no an iochdar na talmhainn, gu faicear anns gach àite dhiubh làmh an Ti a chruthaich iad uile, agus a tha mar Athair gràdhach, ag iarraidh oirnne, mar a chuid cloinne féin, amharc orra agus tlachd a ghabhail anns na nithean a rinn e.
Tha mi ’dol a dh’ innse dhuibh mu na beanntan-teine. Tha beinn-teine nuair a tha i “na teine” a’ brùchdadh a mach as a mullach ceò, luath, griosach, clachan teithe, agus sruthan de stuth leaghte ris an abrar labha. Aig amannan nuair a tha a bheinn-theine mar gu’m b’eadh ’na cadal, agus nach eil ri fhaicinn ach ceò beag ag éiridh as a mullach, cluinnear rùchdail mhor, crithidh an talamh, agus tilgear still dhearg-theith ceudan troigh dh’ an athar. Tha iadsan a chunnaic beinn-theine mar sin ag ràdh nach urrainn ni sam bith eile tigh’nn suas ri morachd agus maise an t-seallaidh.
Ann am Mecsico tha beinn mhor d’ an ainm Popocatepetl, “a bheinn chethach.” Anns na làithean ’san robh Mecsico air a cisneachadh leis na Spàinntich, bha a bheinn so anabarrach beothail. Bha i o shean air a meas na dia, agus bha nàisinnich na dùthcha ag radh ris na daoine geala nach b’ urrainn do neach sam bith ionnsuidh a thoirt air a direadh agus a bhi beo. Aon uair bha am fùdar gu teirgsinn air na Spàinntich, agus bha pronnasg a dhith orra air son tuilleadh a dheanamh. Chuir coignear dhaoine treuna rompa a bheinn a dhìreadh agus pronnasg a thoirt o’n chrater, an t-ainm a th’ aca ’sa Bheurla air an toll as am bi an teine a’ brùchdadh suas. Ghabh iad air an adhart, suas troimh mhachraichean gorma feoir aig a bun, troimh fhàsach tioram, cruaidh, leth-chomhdaichte le labha, gus an d’ rainig iad cho àrd ’s gu ròbh an sneachda ’na laidhe ann a h-uile latha dhe’n bhliadhna, agus an sin thainig iad gu oir an tuill theinntich. Smaoinichibh, a chlann, ma’s urrainn duibh, air slochd uamhasach, mile troigh a dhoimhneachd, agus corr us tri mile mu’n cuairt! Nach bu bheag an t-ioghnadh ged a thigeadh crith uamhais air an fhear bu treine nam measg ’nuair a dh’ amhairc e sios dh’an t-slochd sin agus a chunnaic e na lasraichean anns an doimhneachd fodha. Bha taobhan an tuill air an comhdach le pronnasg, agus cha robh fhios aig fear seach fear dhiubh ciod a mhionaid a dh’ fhaodadh e bhi air a thachdadh le ceo a phronnaisg sin. Bha bascaidean agus ropan aca, agus cha robh aca ri dheanamh a nise ach fhaotainn a mach co rachadh sios. Thilg iad croinn, agus thainig an crann air an ceannard, d’am b’ ainm Francisco Montano. Chaidh an duine treun sin sios ceithir cheud troigh, an coinneamh nan teintean uamhasach. Bha a bhascaid a tulgadh a null ’sa nall, agus bha ’n rop a criothnachadh, ach ge b’e ciamar a bha a smaointin, cha do nochd e gu robh eagal sam bìth air. Lion e a bhascaid le cnapan de’n phronnasg, thug e caismeachd d’a chompanaich, agus tharruinn iad suas e. A rithist agus a rithist chaidh e sios, a cur a bheatha ann an cunnart gach uair. ’Nuair a thionail iad gu leor theirinn iad uile sios a dh’ ionnsuidh a chomhnaird.
O chionn faisg air ceithir fichead bliadhna air ais, bha beinn ann an eilean Java air a còmhdach bho bhonn gu mullach le coille mhoir. ’Se b’ainm do’n bheinn sin Galung Gung. Timchioll air a bonn bha moran bhailtean arms an robh dorlach sluaigh. Bha uìllt bheaga ’ruith a nuas leis na cnuic, a dol ’nan aimhnichean, agus á sin a sruthadh dh’ an chuan mhor.
Bha an sealladh timchioll air a bheinn anabarrach briagha, bha an talamh torach, agus na nàisinnich agus luchd-àiteachaidh as an Roinn-Eorpa gu trang a’ togail spìsridh agus coffi. Anns a mhios Iulaidh, ’sa bhliadhna 1822, dh’ fhàs te dhe na h-aimhnichean salach, agus dh’ fhàs an t-uisge teith, agus tri miosan an deigh sin, gun rabhadh sam bith, bha brùchdadh uamhasach ann. Chualas fuaim mor, chriothnaich an talamh, agus bha mill mhora de pholl ’s de dh’ uisge goileach, luath agus clachan air an tilgeadh suas bho mhullach na beinne. Bha na glinn mu’n cuairt air an lionadh le tuiltean loisgeach, agus gus gnothuichean a dheanamh na bu tur-mhiosa, chuir na h-aimhnichean thar am bruachan, agus sguab iad air falbh an sluagh bochd a bha feuchainn ri teicheadh.
Bha am poll goileach agus a ghriosach air an cur a mach le leithid de neart ’s gu’n do thuit moran de’n da sheorsa ann an àiteachan a bha da fhichead mile air falbh.
Ceithir latha an deigh sin, bha brùchdadh eile ann, moran na bu ghairge na cheud te. Bha crith-thalmhainn mhor ann, agus thuit barr na beinne agus an darra taobh dh’i a stigh. Dh’ éirich cnuic far nach robh gin roimhe, agus dh’ atharraich aimhnichean an cùrsa, agus ann an aon oidhche bhàthadh faisg air da mhile pearsa. Astar beag o’n bheinn bha amhuinn a ruith troimh bhaile mor, agus b’e cheud fhios a fhuair an sluagh air an sgrios uamhasach so cuirp dhaoin’ agus ainmhidhean fhaicinn a falbh le sruth na h-aimhne. Anns an sgiorradh uamhasach so, cha bu lugha na ceud us ceithir bailtean deuga a chaidh a dhith-làrachadh, agus chaidh ceithir mile sluaigh a mharbhadh.
(Ri leantuinn.)
Duanag Ghaoil.
LUINNEAG.
Cha ’n ioghnadh na gillean, na gillean na gillean;
Cha ’n ioghnadh na gillean ’bhi sireadh do phog,
’S tu ’nianag a ghrinnis; do ghruaidh tha mar shiris,
’S do bheul tha cho mìlis ri bilibh an ròis.
’S i m’ ailleagan nasal ni ’n òg a chuil dualaich;
Bu chaomh leam do ghluasad ’s do bhuadhan o m’ oig’,
’S an gaol ’thug mi beag dhuit cha chaochail e ’m feasda,
Tha e ’cinntinn gun teagamh ni ’s treise gach lo.
Tha iomhaigh a h-ailleachd ’n am chridhe gun fhagail;
’S e dh’ fhag mi mar tha mi bhi ’ghnath air a toir,
Mar àile bho ghàradh tha anail mo ghraidh-sa;
Bu leasachadh slainte suidh’ lamh ris an oigh.
Gur pisntach mo staid dheth ’s mi ’g iarraidh do chaidrimh;
Is bliadhn’ leam gach seachduin ’s an tachair thu ’m choir,
Mo shlainte agus m ’eislean tha d’ laimhsa le cheile;
’S tha ’n t-ordagh dhuit reidh mi ’dhol eug no bhi beò.
Cha ’n eil atharrachadh sam bith air cùisean ann an Armenia. Tha ’n Turcach air a chead fhéin fhathast, agus ged tha e gealltuinn ’sa sior-ghealltuinn deanamh na’s fhearr, cha’n eil moran dhe choltas air. Tha ’san ainm gu bheil Breatuinn ’s an Fhraing us Ruisia a’ deanamh deiseil air son gabhail aig an t-Sultan, ach co-dhiu is firinn no breug sin tha e doirbh a ràdh. Tha cho liutha sgeul dhe’n t-seòrsa sin a tighinn ’s nach dean math a bhi toirt moran creideis dhaibh.
Ann an cearnan araidh de Norway, ’nuair a theid duine bhàthadh, theid coileach a chur ann am bàta agus iomradh air ais ’s air adhart mu’n àite ’san do thachair an sgiorradh. Tha iad an dùil gu’n goir an coileach an uair a bhios am bàta direach os cionn a chuirp.
[Vol . 5. No. 25. p. 2]
Gearr Chunntas mu Chuid de na Fineachan bu Lugha ’s an Eilean Sgiathanach.
LEIS AN URR. NIALL GRANND, GLEANNDAIL.
Bho shean bha daoine treuna a’ gabhail còmhnuidh ’s an eilein Sgiathanach araon ann an dùthaich Mhic Leòid agus ann an dùthaich Mhic Dhòmhnuil. Bha sealbh aca sin air an dùthaich mu ’n d’ fhuair Clann Dòmhnuil no Clann Mhic Leòid còraichean sgriobhte oirre. Fhuair na Dòmhnullaich, no clann Huisdean mar theireadh iad, cead tuineachadh ann an Sléibhte ’s a’ cheathramh linn deug. Bha iad a’ sgaoileadh gu ceann tuath an eilein mar a b’ fheàrr a dh’ fhaodadh iad, gus an d’ rinn iad mu dheireadh greim daingeann air Sléibhte, agus air Tròtirnish. Cheannaich am Morfhear Dòmhnullach an Strath no duthaich Mhic Ionmhuinn ’an 1778. Bha sealbh aig na Dòmhnullaich mar sin air taobh an ear an eilein bho thuath gu deas. Bha Tròternish ré uine fhada na cnàimh còimhstrith eadar na Leòdaich agus na Dòmhnullaich siol Tormaid a mach á Tròternish. Is iomadh cath gailbheach agus còmhrag ghuineach a chuireadh eadar an da fhinne thréin ud mu ’n do thachair sin. Bha teine agus claidheamh a’ sgrios agus a’ fàsachadh na dùthcha, gus nach mòr nach deach’ an sean luchd-àitich a ghearradh as gu tur. Ach thàinig lasachadh air a chùis mu ’n bhliadhna 1528, an uair a fhuair na Dòmhnullaich le còmhnadh siol Torcuil a chuid a b’ fhearr de na Leòdaich. Agus mu dheireadh anns a’ bhliadhna 1539 chaidh siol Tormaid fhuadachadh gu tur a mach a Tròternish agus ghabh Mac Dhomhnuil nan Eilean sealbh air caisteal làidir Dhuntuilm, agus ghabh e còmhnuidh ’n sin.
’Nis na mhair beò de de ’n t-seann luchd-àitich ann an Tròternish, bha iad umhal do Mhac Dhòmhnuill agus chog iad fo bhrataich bho sin a mach le bann-màil duine(bond of manrent). Gidheadh thàinig cuid de ’n mhair beo de ’n muinntir sin gu cliu agus àirde agns ainm a chosnadh dhoibh féin. Anns a chunntas a leanas, cha ’n ’eil a rùn orm ach geàrr iomradh a dheanamh air cuid de na fineachaibh a ghabh còmhnuidh ’s an Eilein Sgiathanach.
I. ANN AN DUTHAICH MHIC DHOMHNUIL.
(1) Clann Mhic ’Ille Mhàrtuinn.
(2) Clann Mhic Cuinn.
(3) Clann Mhic Neacail.
II. ANN AN DUTHAICH MHIC LEOID.
(1) Clann Mhic Ascuill.
(2) Clann Mhic Suibhne.
(3) Clann Mhic Raild.
ANN AN DUTHAICH MHIC DHOMHNUIL.
I. CLANN MHIC ’ILLE MHARTUINN.
Bha Clann Mhic ’Ille Mhàrtuinn bho cheann ùine mhòr a gabhail còmhnuidh ann an ceann tuath an Eilein Sgiathanaich. Bha ’n còmhnuidh san-air an taobh ’n ear de Thròternish, ann am Flodigearridh Stéinsheal, Màligeir agus ann am Marishadder. Tha e air aithris mu ’n deaghain, gu ’n robh iad ’nan daoine làidir, curanta, treuna, gaisgeil. Theirteadh sgir Chille Mhartui n ris an taobh ’sear de Thròternish agus sgir Chille Mhuire ris an taobh ’siar de ’n dùthaich sin. Tha sin a leigeadh ris gu ’n robh na Martuinnich ro chumhachdach air an taobh ’sear de Thròternish. Is ann gu Uilleam Màrtuinn, duine uasal a bha chòmhnuidh air taobh ’s ear Thròternish a sgriobh Uisdean Mac Ghilleasbuig Chléirich an litir a chuir e gu tubaisdeach gu Dòmhnull Gorm mòr, mac bhràthar athar, ni leis an d’ fhuair mac bhràthar athar, a mach feall Uisdein. Dh’ iarr Uisdean cuideachadh bho Uilleam Màrtuinn air son cur as do Dhòmhnull Gorm mòr. Chuir Uisdean an litir a sgriobh e gu Dòmhnull Gorm mòr, gu Uilleam Martuinn. Anns an litir sin cha robh ni, ach ùmhlachd, agus gràdh, agus modhalachd. Chaidh Uisdean truagh a ghlacadh ’na lion féin, agus a chur gu bàs an-iochdmhor a dhith bidh agus dibhe. Is ann do thaobh ’sear Thròternish a bhuineadh an duine uasal foghlumaichte sin Màrtuinn Màrtuinn a sgriobh mion chunntas mu na h-eileanan a tuath (Arcabh agus Sealtuinn) agus mu ’n eilein fhada agus mu na h-eileanan an iar, eadhon mu ’n Eilein Sgiathanach, Muile, Ile, &c ., mu ’n cuairt de ’n bhliadhna 1695. Tha na leabhraichean de ’n cheud chlo-bhualadh a nis gle thearc r’ am faotainn. Tha aon de leabhraichaibh an dara clo-bhualaidh 1716 ann an laimh an neach a ta sgrìobhadh nam briathran so. Shiubhail e féin troimh na h-eileanaibh mu ’n do sgriobh e mu ’n timchioll. Bha e air son aire nan Sasunnach a tharruing gu iasgach mara, agus gnothaichean eile a chur air adhart anns na h-eileanaibh sin. Bha e air son aire an luchd-riaghlaidh a tharruing gu gnothaichibh maithe a chur air chois mar an ceudna. Tha chùis an diugh a’ nochdadh gu’n robh e ceart ’na bharail. Ach co anns an Eilein Sgiathanach nach cual’ iomradh air Màrtuinn Mòr a Bhealaich, duine uasal ainmeil a bha chòmhnuidh air an taobh ’sear de Thròternish mu àm cogadh Phrionnsa Teàrlach. Bha Màrtuinn Mòr eireachdail ’na phearsa agus ’na dhuine làidir treun. Ach gus an gearr iomradh so a thoirt gu crich ainmichidh mi teaghlach Mharishadder. Bha ’n teaghlach bho ’n tàinig fear Mharishadder ’n an teaghlach ainmeil air son fialuidheachd agus aoidheachd. Tha òran a rinn duine bochd a bha ’na éigin, a nochdadh so. Cha ’n ’eil air mo chuimhne ach beagan bhriathran dheth:—
“Thog mi orm gu h-aithghearr
Gu fear Mharishadder shuas,
B’e sud righ nan ceannaichean,
’S mo bheannachd-sa dha buan;
’S ma bhios mise maireann,
Cha bhi esan falamh duais.”
Tha so coltach d’ a thaobh an duine bhochd so, an uair a dhiùlt gach duine e, gu ’n t-fhuasgail Màrtuinn mòr air. B’e ’n t-Urramach Maighstir Aonghas ministeir sgire Shnisort bràthair Mhàrtainn mhòir. Bha e ’na shearmonaiche comasach, blath agus deas. Bha dithis eile de ’bhraithribh ’nan lighichibh, Dòmhnull agus Neacal, dithis a choisinn cliu mòr anns an dreuchd sin. Bha ’n t-Ollamh Dòmhnull ’na dhuine uasal ainmeil anns an diadhachd, agus ged nach ’eil gràs a’ ruith ’s an fhuil thàinig falluing athar a nuas air a mhac-san an t-Urramach Maighstir Dòmhnull Màrtuinn, ministeir na h-eaglais saoire ann an Steòrnabhagh. Bha ’n t-Ollamh Neacal ’na dheadh uachdran fearrainn, agus is tric a thug e cuid de a mhaoin seachad ann an cungaidhibh leighis, maille ri chuid eòlais do dhaoinibh truagha. Bha dithis eile de’n teaghlach ainmeil so mu nach urrainn mi cunntas a thoirt, Alastair a bha ’n tir chéin agus a dh’ fhàg teaghlach còir ceanalt as a dhéigh, agus Somhairle a bhàsaich òg. Bha am peathraichean san ’nan suidheachadh féin, ainmeil anns an diadhachd agus a cur maise air an aideachadh. Guidheam saoghal fada agus sonas buan do na bheil fathast beò de shliochd nan daoin’ uaisle so, oir tha mi fo chomain do ’n uachdran òg cheanalt Neacal Màrtuinn Husboist nach ainmich mi ’s an àm so.
II. CLANN MHIC CHUINN.
Cha ’n ’eil teagamh nach robh an treubh thapaidh so, air an suidheachadh bho cheann; ùine mhòr ann an Tròternish. Bha ’n Digg agus Toteròme aca so. Cha ’n ’eil e soirbh a dheanamh a mach co uaithe a thàrmaich iad so. An ann bho Chonn ceud-chathach a thàinig iad? Tha na Domhnullaich iad fèin a cumail a mach gu ’n tàinig iad o ’n ghaisgeach dhiamhair sin. Ach co dhiubh, their mi gu ’n d’ éirich daoin’ ainmeil de threubh Clann Mhic Chuinn, anns an Eilein Sgiathanach gu airde agus cliu ann am foghlum agus ann an misneach. Co air nach cual iomradh air Mac Chuinn beag a bha ’n Digg, mu’m bheil e air aithris gu ’n robh e pòsda air nighean Mhic Dhòmhnuill Duibh, Ceann-Cinnidh nan Camshronach. Tha beul-aithris ag innse dhuinn gu ’n do chuir Mac Dhòmhnuill Duibh ceist air a nighinn, bean Mhic Chuinn bhig le tàire air son cho bochd ’s a bha Mac Cuinn; “An fhiach do mhulchag sgillin?” Ach leig Mac Cuinn fhaicinn gu ’n robh araon spréidh agus fir chogaidh aige mar an ceudna. Bha Gilleasbuig Mac Cuinn Thoteròme ’na dhuin’ uasal eireachdail. Bha e posda ri nighinn mhic ’Ille Chaluim Raasa; agus bha Iain Mac ’Ille Chaluim posda ri Nic Cuinn Thoteròme. Mar sin bha cleamhnas mòr eadar teaghlach Raasa, agus Clann Mhic Cuinn, ni a tha nochdadh gu ’n robh Clann Mhic Cuinn ’nan daoinibh uaisle cumhachadh. Fhuair an t-Ollamh Mac-Iain(Dr. Johnson)daoine fòghluimte ’s an Eilein Sgiathanach an uair a bha e air chuairt ’s na h-eileinibh an iar. ’Na ’measg so, bha ’n t-Urramach Domhnull Mac Cuinn agus a bhrathair. Bha ’n t-Ollamh Mac Cuinn agus e ’na mhinisteir ann an sgir Chille Mhuire, agus cha robh an Gaidhealtachd na h-Alba neach a b’ fhoghluimte mar an robh an t-
[Vol . 5. No. 25. p. 3]
Ollamh Iain Mac-a- Phearsain Shléibhte ann. Bha ’n dithis sgoileirean ainmeil so ann an cleir an Eilein Sgiathanaich ’s an àm so. Bha ’n t-Ollamh Dòmhnull Mac Cuinn ’na shearmonaiche soisgeulach. Sgriobh e litrichean cothromach mu eachdraidh Alba leis an fheallsanach Hume; agus mar an ceudnadh ’eadartheangaich e coig leabraichean Mhaois gu Gailig, agus sgriobh e litrichean air cleachdaidhibh shean treubhan, a chuir e gu Maighstir Stiubhart an Lus. Chaochail e ’n Raasa ’s a’ bhliadhna 1785. Tha Boswell ag innse dhuinn gu ’n d’ innis brathair Mhaighstir Mhic Cuinn dha gu ’m b’ e fein an ceathramh glùn de ’n teaghlach a bha leantuinn ’na ’m ministeiribh ann an sgir Shnisort. Tha so a nochdadh gu ’m bu daoin’ uaisle cothromach iad. Bha mac an Ollaimh Mhic Cuinn ’na mhinisteir ann an sgir na Comraich an siorramachd Rois agus mac eile dha ’na lighich’ ann an Norfolc ann an Sasunn, agus nighean dha pòsda ris an Urramach Ruairidh Mac Leòid a bha na mhinisteir ann an sgir Bhracadail roimh Mhr. Iain Shaw. Bha moran againn eòlach air an Urramach Maighstir Mac Cuinn Shrontain a bha searmonachadh ’s an eaglais iarainn ’s an sgir sin. Bha e’ ris ’na mhinisteir ann an Deibhidh dluth air Inbhirnish. Cha robh anns a Ghaidhealtachd ’s an linn so, neach bu mhilse a bheireadh an soisgeul seachad na Maighstir Mac Cuinn. Bhuineadh e do Uige ann an Tròternish. Tha ’mhac ’na mhinisteir ann an sgir Chill-tighearn an siorramachd Rois, agus nighean dha pòsda ris an Urramach Maighstir Camshron a Bhac an Leodhas. Chumadh e ro fhada sinn a nochdadh mu chuid de ghniomharaibh tapaidh cuid eile de ’n treubh dhuineil so; ach tha so na ’s leor gu nochdadh gu ’m bu daoine treuna ainmeil iad. Bha iad a cogadh fo bhrataich Mhic Dhòmhnuill mar a bha na Martuinnich.
III. CLANN MHIC NEACAIL.
Bha ’n treubh so ’gabhail còmhnuidh bho cheann ùine mhòr ’s an Eilein Sgiathanach. Bha iad a chòmhnuidh ann an bràighe Thròternish, agus suas mu dheas do Phortrigh. Bha teaghlach ainmeil dhiubh ann an Scorabreac fad cheudan bliadhna. Tha ’n sgeir ris an abrar sgeir Mhic Neacail dluth do Phortrigh. Thainig iomadh gaisgeach treun a nuas bho theaghlach Mhic Neacail Scorabreac; bu mhaith leinn cunntas a thoirt orra na ’m b’ urrainn sinn. Co dhiubh a thainig an treubh so ’nuas a Earraghael anns am faigh sinn treubh Mhic Neacail? (Mac-Nicols)cha ’n urrainn sinn a radh. Ach tha so cinnteach gu ’n robh Clann Mhic Neacail ’s an Eilein Sgiathanach bho cheann còrr agus sea ceud bliadhna. Chi sinn gu ’n robh aon de na longaibh a bhuineadh do Righ Haco, air a riaghladh le Aindreas Mac Neacail anns a bhliadhna 1263. Bha ’n t-Urramach Domhnull, no Daniel Mac Neacail ’na mhinisteir sgire Chille Mhuire an Tròternish mu ’n bhliadhna 1690. Bha e ’na dhuine foghluimte anns an là ’s an robh e beò. A ris bha ’n t-Urramach Iain Mac Neacail ’na mhinisteir sgire Phortrigh tuilleadh agus dà fhichead bliadhna. Chaochail e mu ’n bhliadhna 1803. Dh’ fhàg e £140 aig bochdaibh Phortrigh. Bu duine uasal, coir, fiadhluidh e, agus bha e de nàdur deirceil. Tha e air aithris mu ’n Urramach so leis an Fhear-lagha Alastair Camshron (a sgriobh moran mu ’n Eilein Sgiathanach) gu ’n robh am Morair Domhnullach ag eisdeachd searmoin bho Mhac Neacail ann an eaglais Phortrigh. “C’arson nach d’ ainmich thu mise ’n a’ d’ ùrnuigh,” ars am Morair. “Dhùin mi steach thu,” ars Iain, “am measg nam peacach air son an robh mi tagradh.” Thainig moran de Chloinn Mhic Neacail air adhart gu maith anns an linn a dh’ fhalbh a bha ainmeil mar dhaoine uaisle clìutach. ’Nam measg so bha Calum Mac Neacail, no Calum Husaboist athair an duine uasail chliutaich agus an sgoileir Ghailig ainmeil sin an Siorram Mac Neacail. Bha Calum Mac Neacail ’na uachdran air oighreachd Husaboist far an d’ rugadh Alastair a mhac. Bha Calum Husaboist na dhuine geur-chuiseach, agus pòsda ri Mòrag Ghrannda, nighean do ’n duine uasal sin Domhnull Grannda Uillinish. Bha moran agaibh eolach air an t-siorram Alastair coir, ann an Grianaig. Fhuair e deadh oideachadh an tigh athar. Bha ’athair ann an deireadh a laithean ’na dhuine diadhaidh, agus is tric a thug e fasgadh agus fardach do shluagh an Tighearna. ’Nuair a bha Alastair ’s an Oil-thigh bha ’shuil ri tighinn a mach ’na mhinisteir ach dh’ atharraich e ’inntinn agus thionndaidh e gu bhi ’na fhear-lagha. Bha spiorad na bàrdachd aige ann an tomhas mòr. Bha gradh mòr aig an t-siorram chòir cheanalta so d’ a dhùthich, agus do na Gaidheil ann an coitcheantas. Sgriobh e moran mu ’n Ghailig agus chuir e cruinn mòran Shean-fhocal no ghnath-fhocal agus tha ’n leabhar sin measail aig mòran. Tha Clann Mhic Neacail gu math lionmhor fathast ’s an Eilein Sgiathanach agus mòran dhiubh ann an doigh mhaith, agus is maith leinn gu bheil iad mar sin. Bha iad bho thùs a’ cogadh fo bhrataich Mhic Dhomhnuill nan Eilean.
II. AN DUTHAICH MHIC LEOID.
I. CLANN MHIC ASCUILL.
Their mi nis beagan mu ’n treubh ainmeil so, treubh nach robh ni bu tréine a réir an àireamh ann an Gaidhealtachd na h-Alba. Tha Mac Ascuill a ciallachadh ac Asgailt, no Mac Achlais a ciallachadh do réir mo bheachdsa, ni a ta nochdadh cho dluth ’s a bha ’m fear so air cridhe an neach a dh’ àraich e. Bha ’n treubh so a chòmhnuidh ann am Minginish agus ann am Bràcadal agus ann an Rudha-an-Dunain ann an dùthaich Mhic Leòid. Gheibhear Gleann Mhic Ascuill ann an sgir Bhràcadail agus bha Mac Ascuill Eboist pòsda ri piuthar Mhic ’ic Thormoid Ghesto. Tha e air aithris nach mòr nach deach an treubh so a ghearradh as gu h-iomlan anns a bhlàr fhuileachdach a chuireadh eadar na Domhnullaich agus na Leodaich mu ’n bhliadhna 1601 air taobh beinn Chuthillin, dluth air Coire na Creiche, far am bheil e air aithris gu ’n do mharbhadh naoi naoinear (81) de chlainn Mhic Ascuill. Bha teaghlach Rudha-an-Dunain air cunntas ’nan teaghlach cho treun, ’s cho tapaidh ’s a gheibhte anns an Eilein Sgiathanach. Chaidh Domhnull an Rudha, no Domhnull Mac Ascuill, am fear mu dheireadh de ’n teaghlach uasal ainmeil so, air imrich do Nuadh-Sealain, far an do chaochail e bho cheann aireamh bhliadhnachan. Ma dh’ fhàg e teaghlach cha ’n fhios dhomh, ach cha ’n eil ach beagan bhliadhnachan o ’n chaochail piuthar dha. Bha Dòmhnull an Rudhna air a chunntas ’n a dhuine cho treise, agus cho dreachmhor ’na phearsa ’s a gheibhte ann an Gaidhealtachd Alba.
’Nuair a dh’ fhàg na Leodaich Talascar fhuair Eoghan Mac Ascuill, no Eoghan Mòr (mar ’theirte) sealbh air an àite sin. B’ fhior dhuine còir fialuidh Eoghan Mòr agus Coinneach a bhràthair. Chuir iad so a phoit-dhubh air dòigh, agus bha uisge-beatha Thalascair iomraideach do bhrigh ’s gu ’n robh e air a tharruing le smior na mòine. Co air nach cual iomradh air an Ard-Sheanalair urramach ghaisgeil sin Sir Iain Mac Ascuill, K. C. B., mac an Dotair Mhic Ascuill a bha ’s an t-Struthan? Bha piuthar an t-seanalair, Seònaid nighean an Dotair ré ùine mhòr a fuireach ann an tigh mòr Bhatarstein le clann an Urramaich Maighstir Uilleam Beaton, ministeir sgire Dhuirinish ’sa ’n àm àm sin. Is ann as an Eilein Sgiathanach a chaidh Clann Mhic Ascuill do Leòdhas agus do Ghleann-eilg. Tha cuid aca so na ’m ministeribh soisgeulach fileanta, mar a ta ’n t-Urramach Murchadh Mac Ascuill ann an Inbhirfeothrain, agus Iain Mac Ascuill am Baile a’ Chaolais. Tha e air aithris mu dheadhain Clann Mhic Ascuill, gu ’n robh iad an cumantas de mheudachd mhòir; laidir an corp agus an inntinn. Chog iad so gu duineil fo bhrataich Mhic Leoid. B’ iad so luireach mhaileach Mhic Leoid; mar a bha Clann Mhic Rath do chloinn Choinnich. Bha iomadh meanglan de ’n treubh so ’n an còmhnuidh ann an sgir Dhuirinish, mar a bha Clann Ailein Mhòir Harlaish, daoine-uaisle foghluimte, gu h-àraidh Maighstir Aonghas Mac Ailein. Bha clann Phadruig Dhotair nan daoinibh treuna laidir. Cha ’n eil mi dol a dh’ aithris an tràth so mu shliochd fuainn nan ìnean, no c’ar son a fhuair iad an t-ainm sin. Air uairibh gheibhear caora dhubh am measg treud de chaoraich gheala. Mar sin cha chuir so ball-dubh air Clann Mhic Ascuill thréin urramach. Bu mhaith leam tuilleadh rannsachaidh a dheanamh mu ’n treubh so, ach gabhaidh sinn a nis ar cead dhiubh ’s an àm so.
(Air a leantuinn, air taobh 190.)
[Vol . 5. No. 25. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ‘Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton
SIDNI, DESEMBER 26,1896.
Mu’n tig àireamh eile dhe’n MHAC-TALLA mach, bidh a bhliadhna 1896 air ar fàgail, agus bidh sinn le cridhealas a’ cur fàilte air bliadhn’ ùr eile. Tha MAC-TALLA an dòchas gu’n do chuir a chàirdean uile seachad NOLLAIG chridheil; agus tha e a’ guidhe dhaibh BLIADHNA MHATH UR.
Leis a chabhaig anns an robh sinn air ar cumail a thaobh an Nollaig a bhi tigh’nn cho faisg, tha àireamh dhiubhsan a chuir a dh’ iarraidh an leabhair “Na Baird Ghàidhealach” gun fhaighinn fhathast. Ach tha sinn a gealltuinn dhaibh gu’n ruig an leabhar iad air an t-seachdain s’a tighinn.
Ma tha neach sam bith de luchd-gabhail a phaipear nach eil ’ga fhaotainn cho riaghailteach ’s bu chòir, bhitheamaid ’nan comain ’nan cuireadh iad fios ugainn, a chum ’s gu’m faigh sinn a mach ciod a tha cearr. Cha’n eil toil sam bith againn gin de luchd-leughaidh MHIC-TALLA a bhi as ’aonais seachdain dhe’n bhliadhna, agus cha bhi iad mar sin ma’s urrainn dhuinne ’chuideachadh. Aireamh sam bith a chaillear, feuchaidh sinn r’a chur air adhart cho luath sa gheibh sinn fios.
Tha an cogadh a sior dhol air adhart ann an Cuba. A reir gach coltais tha Maceo, ceannard nan Cubach, marbh, ach cha’n eil fios cinnteach ciod a ghnè bàis a dh’fhuiling e. Cuid a their gu robh e air a mharbhadh le foill, mar a dh’ innis sinn air an t-seachdain s’a chaidh; cuid a their gu’n deach a phuinnseanachadh, agus cuid eile, na Spainntich, a their gu’n do thuit e ann am blàr. Cha’n eil teagamh nach eil e marbh, ach ged a tha, agus ged a b’e duine bu tapaidhe a bh’ aig na Cubaich air an taobh, cha’n eil iad gun dhaoine eile a lionas àite, agus a chumas an cogadh air adhart. Tha Weyler ag radh gu’n cuir e crioch air a cheannairc an taobh a stigh de mhios eile, ach cha’n eil duine creidsinn sin; tha i nise ann cho fada ’s air fàs cho laidir ’s nach gabh i cur fodha an uine gle ghoirid.
Anns an ath àireamh, tha sinn an dùil tòiseachadh air àireamh de “Sgeulachdan Arabianach” a chlo-bhualadh. Tha iad air an sar sgriobhadh, agus cha’n urrainn iad gun chòrdadh riutha-san a leughas iad, agus ged a tha cuid dhiubh nach eil air an stéidheachadh air firinn, cha’n eil aon dhiubh nach eil a teagasg gliocas no firinn eiginn a bhios feumail do na h-uile. Tha moran gliocais agus foghluim ri fhaotainn bho sgeulachdan nach faighear air dòigh sam bith eile, agus ged a gheibheadh nach biodh a faisg cho furasda ’n cumail air chuimhne. Tha ’n àite féin aig sgeulachdan ann an litreachas gach sluaigh, agus tha iadsan a chuireadh as daibh a cur call orra fhéin agus air muinntir eile. Tha na Sgeulachdan Arabianach so, ris an abrar anns a BheurlaThe Arabian Nights,iomraiteach anns gach dùthaich, agus bha iad air an eadar-theangachadh gu iomadh cànain. Cho fad ’s is aithne dhuinn ’se so a cheud oidhearp a thugadh air an cur ann an Gàilig, agus tha sinn cinnteach ’nuair a chi ar luchd-leughaidh iad ’sa MHAC-TALLA, gun abair iad gu bheil an obair air a deagh dheanamh.
Gheibhear air a cheud duilleig dhe ’n àireamh so, cunntas aithghearr air aon de ioghnaidhean an t-saoghail, ’se sin beanntan-teine. Tha e ri bhi air a chriochnachadh anns an ath àireamh, agus an deigh sin bheirear seachad cùnntas ghoirid air cuid eile de dh’ ioghnaidhean an t-saoghail, mar a tha crithean-talmhainn agus an leithide sin. Tha iad so air an sgriobhadh gu sònruichte air son na h-òigridh, ach tha sinn a’ creidsinn gu’m bi iad taitneach do mhuinntir eile cuideachd.
Tha a dha uiread gu leth sluaigh ann am Mecsico ’sa tha ann an Canada. Cha’n eil Mecaico cho farsuinn ri Canada, ach bha i air a h-àiteach fada roimh Chanada. A rithist tha ’n t-side gle bhlàth, tha gach pòr a’ fàs gu pailt, agus mar sin tha e soirbh do dhaoine bhi beò innte.
Tha tuathanaich Mhanitoba ’s an Iar-Thuath a deanamh am fortain air a gheamhradh so. Tha ’n crithneachd anabarrach pailt, agus thatar a faotainn pris mhath air. Bha am bàrr fad air ais anns na h-Innsean agus ann an dùthchannan eìle a b’ àbhaist a bhi togail moran crithneachd; tha sin ’ga fhàgail gann, agus a toirt pris mhath air dhaibhsan aig am bheil e.
Chaochail Rob Mac Coinnìch, bràthair do ’n Onarach Alasdair Mac Coinnich a bha na Phriomhair air Canada, ann an Sarnia, an Ontario, o chionn ghoirid, ’se tri fichead bliadhna ’sa naodh deug a dh’ aois. Bha seachdnar bhraithrean anns an teaghlach, agus cha ’n eil gin dhiubh beò an diugh ach aon fhear d’ an ainm Tearlach.
Tha muinntir Shidni Tuath gu dian air sailtibh luchd-reic deoch làidir. Cha’n eil ach ùine ghoirid o’n thòisich iad, ach ged nach eil, tha roinn mhath aca air an cur an sàs cheana, agus tha cuid dhiubh air am faotainn ciontach, Bha aon fhear air fhaotainn ciontach an darra uair, agus chuireadh cain leth-cheud dolair air.
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
SIDNI, - - - C. B.
F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn.
Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.
Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air.
Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.
Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c , &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA, C. B.
Tha e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin.
Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.
Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.
Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Illemhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitche’s Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.
[Vol . 5. No. 25. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Ann am Brockville, an Ontario, an taobh a stigh de che’ -la-deug, chaochail a h-uile duine bh’ ann an teaghlach fir Fred Bramley—e- fhein ’sa bhean ’s dithis chloinne, leis an anhaich ghoirt.
Tha ’n coirce creic ann an Eilean a’ Phrionnsa air 25c. am buiseal; am buntata air 20c. gu 22c.; fiar, $7 .50 gu $8 .50 an tunna; ìm, 18c, gu 20c. am punnd; agus uibhean 16c. gu 18c. an dusan.
Chaidh fear Micheil Cathcart a ghoirteachadh cho dona aig Meinn Victoria a sheachdain gus an dé ’s gu’n do chaochail e. Thuit e air an rathad-iaruinn agus chaidh na casan aige a phrannadh. Chaochail e Di-luain.
Chaidh tigh le fear Fearchar Cochrane ann aWentworth , N S. , ’na theine air an t-seachdain s’a chaidh, agus a dhithis chloinne, aois da bhliaadhna ’s ceithir bliadhna, a losgadh gu bàs ann. Bha na pàrantan air falbh o’n tigh aig an àm.
Chaidh am bàta-smuide Hygeia an àm a bhi falbh á Sidni ’sa mhaduinn Di-ciaduin, a ghearradh cho dona leis an deigh, ’s gu’m b’ fheudar a ruith gu tir gus a cumail o dhol fodha. Bha an oidhche roimhe sin gle reòta, agus bha ’n deigh gu math làidir.
Chaidh sia ceud mile dolair a dhiultadh air meinn òir ann an Rossland, an Columbia Bhreatunnach. ’S e cuideachd Shasunnach a thairg an t-suim sin oirre; tha cuideachd á New York a’ tairgse seachd ceud mile oirre, agus ’se ’s docha gu ’n teid a creic air a sin.
’S e fior dhroch stoirm a bh’ ann air an t-seachdain s’a chaidh. Bha i aca anns gach àite eadar so us Boston. Thuit meall mor sneachda ach leis mar a chath e, tha na ròidear gle dhona. Ann an àiteachan tha citheacham mora, agus an àiteachan eile tha ’n talamh rùisgte.
Chaidh an soitheach Annie Roy, a bha air a turus eadar Louisburg us Halifax a bhristeadh aig Acarsaid Isaic oidhche Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh. Fhuair an sgioba gu tir sabhailte an deigh moran fhulang leis an fhuachd, ach cha do shàbhail iad ni dhe na bha air an t-soitheach.
Tha luchd-siridh an òir ag obair gu trang ann an Cheticamp. Tha am fearann cha mhor uile air a ghabhail, agus tha piosan air am bheil barrachd us aon duine ’tagairt còir, agus tha iad air a dhol a’ lagh mu ’n timchioll. Tha eagal oirnn gu ’n caill cuid dhiubh air an lagh barrachd ’sa ghleidheadh iad air an òr, ged a gheibheadh iad e.
Tha ’n Dotair Dùghlach, ann amParrsboro , N. S. ,air ainmeachadh leis na Conservatives gus feuchainn ri faighinn do phàrlamaid Nobha Scotia air son siorrachd Chumberland. Tha an Dotair Dùghlach a mhuinntir Hogomah; is mac e do Lachuinn Dùghlach a bha àireamh mhor bhliadhnaichean ’na cheannaiche ’sa bhaile sin.
Chaidh fear Caiptean Hayes, a mhuinntir Souris, E. P. I., a bhathadh faisg air Drochaid Mhontague feasgar Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh. Bha an soitheach aige mu dha mhile fo’n drochaid am meadhon na h-aimhne. Chaidh e stigh do’n bhaile, agus dh’ fhuirich e ann a dha no tri dh’ uairean, agus an sin dh’ fhastaidh e duine gus a chur dh’ ionnsuidh na laimhrig. Dh’ fhàg an duine sin e air an laimhrig eadar naodh ’sa deich a dh’ uairean ’san oidhche, ’se dol dh’ an bhàta. Cha’n fhacas tuilleadh beò e. Bha deigh a tig’nn air an amhuinn, agus thatar a deanamh a mach gur ann a feuchainn ris a bhàta chur troimpe bha e ’nuair a thuit e mach. Fhuaireadh am bàta agus ad a chaiptein anns an deigh feasgar Di-satharna, agus Di-luain fhuaireadh a chorp mu fhichead slat bho thir.
Thug sinn iomradh air an t-seachdain s’a chaidh air bàs aithghearr an Dotair I. R. MacGilleain ann an Amherst. Mu’n deach a thiodhlacadh thainig fios á Boston gu robh bràthair eile dha marbh. ’S e tigh’n ri bheatha fhéin a rinn am fear sin. Bha e ’na dhotair-fhiacal, agus air a mheas na dhuine gle thapaidh. Bha e 44 bliadhna dh’ aois, agus na dhuine stuama, measail. Cha’n eil fhios ciod a thug air cur as da fhein.
Bhreith Chriosd.
’Nuair bha uisgeachan Iordain,
Gu còmhnard fo phràmh,
Is air sliabh maiseach Shìoin
Bha sàmhchair na tàmh;
’N uair bha buachaillean Bhetle’m
A’ faireadh nan tréud,
Ri solus nan rionnag;
’S ga ’n dìon o gach béud;
Feuch, fuaimean neo-thalmhaidh,
Gu h-àrd os an ceann,
Do chual iad o chian astar
Dorcha nam beann,
A’ dlùth’chadh le ceòl
Agus moladh ro bhinn—
Ghrad lìonadh an crìdh’chan
Le aoibhneas ’bu ghrinn.
Air amharc a suas dhoibh
Ghrad chlisg iad gu leir,
Oir le gathan ùr’, boillsgeach,
Las gorm-bhrat’ nan spéur;
Dhòirt na nèamhan a mach
Troimh an geatachan òir,
Sluagh gun àirimh de dh’ ainglean,
’S iad sgeadaicht’ le glòir.
Air carbadan dealrach
’S sgiathan geal mar an sneachd,
A nuas air an oidhche
Ghrad thùirling am feachd;
Chual’ na nèamhan a b’ àirde
A’ chaithream ’s an toirm,
’N uair bhuail iad an clàrsaichean,
’S ’sheinn iad le foirm:
“O Shìoin, le subhachas
Tog suas do shùil;
Tha an t-àm a nis faisg
Ris am b’ fhad bha do dhùil;
Tha nàdur uil’ aoibhneach
’S fiamh-ghàir’ air a gruaidh;
Prionnsa Shàleim tha tighinn
Gu rìogh’chadh le buaidh!
“Fèuch, Tròcair tha dòrtadh
A soireachan òir,
Do luchd-caoidh sruithean sòlais
Gu fialaidh ’s gu leòir;
Tha i ’ceangal le cùram
Gach cùirraidh is leòin
A th’ air crìdh’chan gun dòchas
Na dream tha fo bhròn.
“A chur misnich ’s na crìdh’chan
Làn geilt, tha e ’teachd;
A thoirt buaidh air an Diabhul,
E fhéin ’s a chuid feachd;
Theich an duibhre roimh aghaidh
Réul oirdhearc an là;
Rìs tha doireachan Edein
Gu h-ùrar fo bhlàth.
“O Shìoin, le subhachas
Tog suas do shùil;
Tha an t-àm a nis faisg
Ris am b’ fhad’ bha do dhùil;
Tha nàdur uil’ aoibhneach,
’S fiamh-ghaìr’ air a gruaidh;
Prionnsa Shàileim tha tighinn
Gu rìogh’chadh le buaidh!”
D. A. Mac FHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B,
Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha.
[Vol . 5. No. 25. p. 6]
(Air a leantuiun o thaobh 187.)
II. CLANN MHIC SUIBHNE(MACSWEEN) .
Bha ’n treubh aosmhor so a tàmh ann an Roag dluth do Dhunbheagain. Cia as an t-àite bho ’n tàinig iad do ’n Eilein Sgiathanach cha ’n fhios dhomh. Tha ’n t-ainm Suibhne coltach ri ainm Lochlunnach, ged gheibhear an t-ainm Suibhne no Suibne ’s an t-seann chànain Eirionnach, mur ann a Earraghael a thàinig iad? Ann an Cnapdal tha caisteal Suibhne agus Loch Suibhne, ged nach fhaigh sinn an diugh aon de ’n treubh anns an àite sin. Tha so cinnteach gu ’n robh Mac Suibhne ann an Roag bho cheann tuilleadh a’ s ceithir cheud bliadhna. Cha ’n urrainn sinn ach gle bheag a ràdh mu ’n treubh so a bha cho dluth an dàimh do Mhac Leòid Dhunbheagain. Gheibh sinn an t-Urramach Maighstir Mac Suibhne ’na mhinisteir ann an Diùra bho cheann còrr agus dà cheud bliadhna 1690. Tha e soilleir gu ’m bu Sgiathanach e. Bha ’m fear mu dheireadh de chloinn Suibhne Roag, no Fear Roag (mar a theireadh iad) ’na fhior dhuine uasal. Is e teaghlach nighean a dh’ fhàg e. Bha Marsali posda aig Mac Ille Léith. Coltach ris an amadan a bha ’m baile na h-Aithne, bha e toirt a chreidsinn air féin, ga ’m bu leis gach long a chitheadh e ’gabhail seachad. Dh’ fhàg ’athar-céile am fearann aige, ach cha b’ fhada gus an do strùidh e le gòraiche. Bha Carstiona aon eile dhiubh so, pòsda ri Caiptean Iain Mac Leòid, Bharcasaig. Bha teaghlach Bharcasaig ’na ’n teaghlach cho cliutach ainmeil ’s an arm, agus a dh’ éirich rimah ’s an Eilein Sgiathanach na ’n àite ’s am bith eile, saor bho theaghlach Scalpaidh a mhàin. Bha mòran dhe’n teaghlach so ’n an ard ofigich ’s an arm Bhreatunnach, mar a bha Sir DomhBnull harcasaig, &c ., &c .
Dh’ innis Carstiona Roag dhomhsa an uair a bha mi gle òg, nach d’ fhuair i mòran de thoil-inntinn bho Chaptean Iain. Is ann an sin a thubhairt i rium, gu ’m b’ ise, nighean fir Roag, ogha fir Roag, iar-ogha fir Roag, agus dubh-ogha fir Roag. Dh’ innis mi do ’m phàrantaibh an uair a thàinig mi dhachaidh gu ’m faca mi nighean fir Roag, ogha fir Roag, iar-ogha fir Roag, agus dubh-ogha fir Roag. “Is tu chunnaic an sealladh” thubhairt iadsan. Agus co bh’ ann ach an aon te—Cirstuidh Roag. Tha beagan de chloìnn Suibhne fathast ann an Roag, ach is daoine cumanta iad, ged tha iad gleusda gu leor anns an t-suidheachadh a th’ aca.
III. CLANN MHIC RAILD.
Tha Eachdraidh ag innse gu ’m bu Lochlunnaich iad so, agus gu ’n do thuinich iad ann an Dunbheagain, mu ’n d’ fhuair na Leodaich sealbh air an dùthaich. Phòs Mac Leoid nighean Mhic Raild an Ridire Lochlunnach, agus fhuair e mòran fearainn leatha. ’Nuair a fhuair Mac Leoid sealbh air an dùthaich, dh’ fheuch e ris na h-uile cumhachd a thoirt bho Chlainn Mhic Raild a bh’ aca roimhe so. Dh’ fheuch e ri’ chuideachd féin a thogail gu inbhe, agus Clann Mhic Raild a’ leagadh cho iosal ’s a b’ urrainn e. Is e sin an t-aobhar nach ’eil cunntas air mòran de ’n fhine sin a bhi an àrd-inbhe bho cheann ùine mhor, agus nach ’eil iad ann ’s an linn so, mar an ceudna. B’ aithne dhomh an lighiche ainmeil sin, Domhnull Mac Raild, neach a bha ’na dheadh sgoileir Ghailig, Laidinn, agus Gréigis. Rugadh e ann an Hàrlaish agus dh’ fhoghlumadh e le Maighstir Aonghas Mac Asguill, brathair a mhathar gus an deach’ e do ’n Oil-thigh. Dh’ fhag an lighiche Mac Raild bantrach agus teaghlach ann an Grianaig, far an do chaochail e bho cheann beagan bhliadhnachan. Bha ’n lighich’ ainmeil so bàigheil ri muinntir an Eilein Sgiathanaich, agus is tric a chosd e’ shaothair agus a mhaoin air son feum dhoibh.
A nis tha clann Mhic Raild ’gan sloinneadh fein air na Domhnullaich, mar a tha Clann Mhic Cuithein, agus moran fhinneachan eile. Cha ’n eil an sin ach ni faoin, oir cha bhuin lan idir do Chlainn Raonail, am meanglan cumhachdach sin de Chloinn Domhnuill. B’ e Mac Araild(Harold’s son)an t-ainm so bho thùs. Chaidh Mac Araild atharrachadh air son fuaim freagarrach(for euphony’s sake)leis a cheud litir “A” a bhuntainn as agus is so Mac Raild a nis. Tha sinn a leughadh mu Ghodfri Mac Arailt duine cumhachdach a bha beo bho cheann fada. Bu Lochlunnaich iad so, agus mar sin bha iad eadar-dhealaichte bho Chlainn Raonaìl. Is ann an duthaich Mhic Leoid a chàmpuich Clann Mhic Raild, agus is ann fo bhrataich Mhic Leoid a chog iad. Cha d’ rinn Clann Raonail sin riamh ach is tric a chog iad an aghaidh Clann Leoid. Ann an co-dhùnadh a ghearr-chunntais so, tha ’n sgriobhaiche duilich nach d’ fhuair e mor-rannsachadh a dheanamh ni bu mhionaidiche. Ach tha e ’n dochas gu ’n gluais so cuid de sgoileiribh foghluimte Eeilean-a- Cheo, gu iomradh a dheanamh air seann luchd-àitich an eilein bhoidhich a dh’ àraich og iad.
Farsuingeach a Chruthachaidh.
Cha’n eil ni air talamh a bhos, no air aghaidh nan speuraibh shuas, o nach feud duine gliocas fhòghlum, agus eolas a ghabhail air cumhachd agus glòir an Ti àrd agus naomh a chruthaich iad gu leir. Tha uile oibre a làmh a’ taisbeanadh a bhuaidhean àrda, ann an cainnt a tha soirbh r’a thuigsinn leò-san a tha ’gan toirt fanear gu ceart. Tha na spéuran, gu h-àraidh a’ ghrian, a ghealach, agus lionmhorachd nan rionnag agus nan réull a’ seinn a chliù. Tha na nèamhan, a deir an Salmadair, a’ foillseachadh do ghlòire, tha na speuran a nochdadh gniomh do làmh. Cha’n ’eil e comasach do’n duine ’s aineolaiche, agus is neo-fhoghluimte, beachdachadh air aghaidh na h-iarmailte, ann an oidhche shoilleir gheamhraidh, gun bhi air a dhùsgudh gu smuaintibh, agus gu fheòraich dheth féin, Cò’n làmh a chruthaich na tha mi san àm so a’ léirsinn? Co chroch na lòchrain àrd os mo cheann? Cò tha toirt doibh an uile àilleachd agus dhreach? Cò is fear-iùil doibh, a’ treòrachadh an ceuma àrd? So ceistean a dhùisgeas gu nàdurra ann an cridhe gach aoin aig am bheil tùr no toinisg nàduir, as eugmhais sgoilearachd no foghluim. Ach mar is eòlaiche tha daoine air reultaibh nan speur, agus air gach ni a fhuaradh a mach mu’n timchioll anns an linn ionnsuichte so, ’s ann, gun teagamh, is dùgh dhoibh am barrachd mothachaidh a bhi aca air gliocas agus cumhachd an Ti sin a chruthaich gach solus neamhuidh, agus a tha a’ freasdal doibh fa leth. Tha fios cinnteach againn a nis gur gann a tha aon reull san iarmailt uile co beag ris an t-Saoghal so air am bheil ar còmhnuidh. Tha e air a dheanamh a mach gu beachdaidh, gu bheil na mìltean diubh gu mor ni ’s mò. Trid nan gloineachan innleachdach a tha nis aig na speuradairibh, tha nithe ùr agus iongantach air am faotainn a mach o bhliadhna gu bliadhna mu thimchioll nan reull. Tha cumhachd nan gloineachan sin air a mheudachadh o àm gu h-àm, agus mar tha’n cumhachd so a’ meudachadh, tha iongantais ùra air an leigeil ris, air chor ’s gur duilich a ràdh c’àit an stad an t-eòlas a tha daoine ’faotainn, ma theid iad air an aghaidh rè mile bliadhna gu teachd, mar chaidh iad ann an ceithir fichead bliadhna do na chaidh seachad.
Ge nach biodh eòlas againn air a bheag do na reultaibh, ach na tha ann an càirdeas ris an t-saoghal so, agus a tha dol mu’n cuairt air an aon ghréin ruinn féin, bheireadh eadhon so dhuinn beachd àrd air mòralachd ugus farsuingeachd rioghachd an Uile-chumhachdaich. Tha cuid do na reultaibh so féin naoi ceud uairean ni ’s mo na ’n saoghal so; agus tha a h-aon diubh, nach ’eil ’nar beachd-ne ach mar rionnaig bhig ruiteich, os ceann ceithir-cheud-deug uair ni’s mò na’n saoghal. Ach tha a ghrian againne, agus gach reull a tha gluasad maille ruinne mu’n cuairt dhi, gun ach astar beag uainn, ann an coimeas ris an astar do-thuigsinn tha eadar sinne agus na reultaibh eile. Tha uidh eadar sinne agus na reulta suidhichte, a tha’n taobh a muigh do chumhachd na gréine againne, a ghabhadh am peileir a’s luaithe a thàinig riamh a mach a beul gunna-mhòir, deich ceud mile bliadhna g’a shiubhal. Tha daoine foghluimte am barail, gur grian dhealrach a tha anns gach aon do na reultaibh suidhichte sin, le’n saoghalaibh fein a’ gluasad mu’n cuairt doibh, a’ tarruing an soluis agus am blàthais uapa. Feudar mu mhile dhiubh so fhaicinn leis an t-sùil luim ann an oidhche shoilleir gheamhraidh; ach le innleachd ghloineachan chithear ceithir fichead mile a bharrachd air na’s urrainn an t-sùil a thogail. Tha ’n speuradair ainmeil sin, Hereschel, ag inns-
(Air a leantuinn air taobh 192, ).
[Vol . 5. No. 25. p. 7]
A Margaree.
A MHIC-TALLA RUNAICH: —Bho’n a bha mo litir roimh air a meas cho math ’s gu’n d’ fhuair i àite air do thaobh prìseal, smaointich mi gu’n cuirinn beagan fhacal eile ’gad ionnsuidh ma’n toisicheadh misgearachd na Nollaig orm. Tha’n side air an taobh so de’n Eilean, am bitheantas briagha, le gle bheag sneachda, agus droch ròidean. Tha sinn an dòchas nach fhada gus an tig beagan sneachda a ni ròidean matha, feuch am faigh daoine gluasad fho’n tigh. Ged ’s i ’n dachaigh àite a’s fhearr a th’ ann, feumair a aideachadh gu fàs daeine car sgith dhi air uairibh.
Tha’n Nollaig a tighinn dlùth oirnn aon uair eile, agus ’s ioma fear agus te ’bha gu slàn, beò o chionn bliadhna, a tha’n diugh a cnamh ’san uir. Tha mi tuigsinn nach eil a faisg urad de chaothach ’s de dh’ ùpraid mu fheiltean na Nollaig an drasda ’sa bhiodh ann anns na bliadhnaichean bho shean. Tha mi ’n duil gu’m bheil sin fhein cho math. Bu truagh an gnothach daoine sean agus òg a bhi na’n laidhe air an daoraich an dìg an rathaid mhoir air féiltean àraid mar tha ’n Nollaig ’s a Bhliadhn’ Ur. Bhitheadh a h-uile fear cho pròiseil le teas an ruma, agus na’n abradh tu drannadh, gheibheadh tu stràc de’n bhata dharaich tarsuinn an ceann.
Ach am faca sibhs’ an Lighiche? B’ esan an duine anns an robh a mheud-mhor, an dòigh no dha ma’s fior e fhein cha’n ’eil a leithid eile de lighiche an àite sam bith fo’n ghréin. Cha’n eil fhios agam nach eil e ceart cuideachd. Chi sibh e; cha d’ fhàg e an duthaich fhathasd. ’S fheudar dhomh sgur aig an àm so m’ am bi mo litir tuilleadh us fada. ’S mi do charaid,
AONGHAS BEAG.
S. W. Margaree, 17, 12, ’96.
DAOINE GLICE. —Bha sid ann uair duine aig an robh aona bharailte deug buntata ri chreic, agus bha e ’g iarraidh coig dolair air. Thairg nàbuidh dha 48c. am barailte air, ach sid cha ghabhadh e. “Gheibh mi,” ars’ esan, “coig dolair air, no fanaidh e far am bheil e.” Cha do thuig e idir gu robh a charaid a tairgse barrachd us coig dolair dha. Bha duin’ eil ann, a chuir laogh gu pastar air fearann duin’ eile, agus an uair a bha ’n geamhradh a tighinn chaidh e dh’ fhoighneachd ciod a bh’ aige ri phàigheadh, “Tha seachd dolair agam ort,” ars am fear eile, “ach ma dh’ fhàgas tu ’n laogh agam, cha bhi sian agam ort.” “ ’S mi nach fhàg,” “ ars esan, “tha sin tuilleadh us beag air a shon; ach innsidh mi dhuit ciod a ni mi. Beathaich thusa an laogh dhomhsa ce’ -la-deug eile, agus an sin faodaidh e bhi agad fhéin.” Co bu ghlice, am fear aig an robh am buntata no ’m fear aig an ròbh an laogh?
’S ann aig an Fhraing a tha ’Pharlamaid a’s cosgaile ’san Roinn-Eòrpa. Tha i ’na da earrainn mar a tha Pàrlamaid Bhreatuinn, agus tha i ’cosg muillein gu leth dolair s’a bhliadhna.
BREITH CHOTHROMACH. —Bha sgliatair Turcach latha ’g obair air mullach taighe, agus air dha tuiteam sios do’n t-sràid, bhuail e air seann duine beairteach a bha ’dol seachad, agus mharbh e e, ach cha d’ rinneadh dochann sam bith air fhéin. Chuir mac an t-seann duine an sgliatair an greim, agus rinn e gach ni a b’ urrainn da a dheanamh air son binn-bàis a thoirt a mach air. Fhuair am breitheamh an sgliatair bochd neo-chiontach, ach cha deanadh sin an gnothuch leis an fhear eile; dh’ fheumte a chur gu bàs. Thug am breitheamh an sin òrdugh gu’m biodh an sgliatair air a chur ’sa cheart àite ’san deachaidh an seann duine a mharbhadh, “agus theirig thusa,” ars esan ris a mhac, “air mullach an taighe, tuit a nuas air muin an sgliatair, agus marbh e ma’s urrainn duit.”
Tha iad ag radh gu bheil mi ’fàs sean, a chionn gu bheil m’ fhalt liath, ’s gu bheil preasan ’n am aodann, agus nach eil mo cheum cho uallach no cho aotron ’sa bha. Ach tha iad am mearachd. Cha’n iad sin mise idir. Tha na glùinean lag, ach cha’n iad na glùinean mise. Tha m’ aodann preasach, ach cha’n e m’ aodann mise. Cha ’n eil an so ach an tigh anns am bheil mi fuireach. Ach tha mise na’s òige—na’s òige na bha mi riamh roimhe—Guthrie.
Tha duine bha ’dol dh’an sgoil ann am Minot, baile beag ann an Stàit Mhaine, o chionn leth-cheud bliadhna ’sa tri air ais, ag innse rud a tha gle iongantach. Tha am maighstir-sgoile a bha ann an uair sin agus a h-uile h-aon de na sgoilearan beò fhathast. Ré na h-ùine sin cha d’ thug am bàs leis duine dhiubh.
Re nan deich bliadhna fichead mu dheireadh chaidh 66,377 soitheich a bhristeadh timchioll air na h-Eileanan Breatunnach, agus chailleadh 22,312 duine leotha.
McDonald Hanrahan & Co,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;
CARADH
Uaireadairean.
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.
Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar uthcha tha ’nar beachd.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.
Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .,
SIDNI, C. B.
[Vol . 5. No. 25. p. 8]
(Air a leantuinn o thaobh 190.)
eadh dhuinn, ann an àite air an do shocraich e a ghloine, gu’n robh sèa ceud reul aige san amharc còmhla, agus gu’n atharrachadh as an àine sin, gu’n deachaidh, ann an cairteal na h-uaire, coig ceud mile reull seachad air. Agus an déigh so uile, is làn-chinnteach sinn nach ’eil an àireamh a’s mò air am feud innleachd dhaoine ruigheachd, ann an coimeas ris na tha fad’ as an t-sealladh, ach mar bhraon drùchd air bharr cuiseige, ann an coimeas ris gach braon uisge ann an cuantaibh mìle saoghal. Tha farsuingeachd gun chrioch, gun tomhas ann an oibribh Dhé, nach h-urrainn do inntinn chruthaichte a thuigsinn; agus tha’n fharsuingeachd so, agus gach saoghal a tha air ’fheadh, agus gach ni anns gach saoghal fa leth, làn do mhaitheas an aoin Dé a chruthaich agus a dhealbh iad air fad, agus an ann-dànachd dhuinn a ràdh gu bheil na n-uidheachan mora sin air an àiteachadh le sluagh, mar tha’n saoghal so? gu bheil carthannachd, dàimh, agus coimhearsnachd air an tuigsinn ’s na h-ionadaibh sin; gu bheil moladh air a thogail suas do Dhia; gu bheil a theampuill agus ’iobairtean aige, anns am bheil saoibhreas a bhuaidhean àrda air an sàr thuigsinn le luchd-aoraidh diadhaidh agus geur-chuiseach. Tha thusa, O Dhé! a’ lionadh siorruidheachd. Is mòr thusa, a thighearna, agus is mòr do chumhachd; co is urrainn t’àrd cheuma a lorgachadh? Cha d’ fhuair sinne cainnt no coimeas chum meud oibre Dhé a chur an céill. Ann an smuaineachadh air a so, ’si cainnt an Sgriobtuir a fhreagras duinn. Is leatsa, O Thighearn! an cumhachd, a’ ghlòir, agus a mhòralachd; oir is leatsa gach ni air nèamh agus air talamh. Cò dh’fheudar a choimeas riut, O Thighearna? cha’n ’eil oibre ann cosmhuil ri t’oibribh-sa. —Leabhar nan Cnoc.
A Chailleach.
LE AILEIN DALL.
Oran mar gun deanadh duine òg e, agus e posda ri caillich.
LUINNEAG.
O hi, o ha, gur cruaidh a chailleach,
O hi, o ha, gur fuar a chailleach,
Ho re, ho ra, ’s i ’ghrain a chailleach
’Dh ’fhag mise ’nam amadan gorach.
Ma theid mi gu feill, gu feisd, no banis,
Bi’dh ise làn eud ’s i fein aig baile,
S ma bheir mi le sùgradh suil air caileig
Gur diumb is falachd sud dhomhsa.
Ma ni mi s taigh-òsda stop a cheannach,
No suidhe aig bord ’s gun òl mi drama,
Theid faileadh ’na sroin ’s an dorn an tarruinn,
’S bi’dh muinntir a bhaile ri mod oirnn.
Mur ceannaich mi tì cha n-fhiach mi m’ fharrid,
A leigheas a cinn ’s i tinn a gearan,
Cha dean i rium sith, ach strith is carraid,
’S ri canran teallich an comhnuidh.
O, bhidhinn gu h-eibhinn, eutrom, aighearach,
Aigeannach, gleust’ a leum ’san Earrachd,
Nan deanadh an t-Eug bho cheil air sgaradh,
’S gan carinn am falach fo ’n fhoid i.
Chan airgiod, chan òr, cha stor, ’s cha thrusgan,
’Chuir mis’ air a toir ri moran cuirteis,
Ach dalladh fo sgleo le eolas buidseachd;
’S ann agams’ ’tha ’n t-uirsgeul air Seonaid.
Gun d’ innis mo mhath’r dhomh ’chail ’n robh ise,
Gun d’ thainig a la mu ’n d’ ar’cheadh mise,
’S ann orm a tha ’n nair’ gan àireamh ’n nise,
Tha deich bliadhna fichead is corr ann.
’Nuair ’thig mi bho ’n chrann am àm an earrich,
Le fuachd air mo chad ’s mi ’n geall mo gharradh,
Cha ’n fhaod mi no taing dol teann air ’n teallach,
Mu ’m buail i gu h-ealamh le broig mi.
Cha dean i dhomh feum ’s cha ghreidh i aran,
Cha ’n araich i feudail, spreidh, no leanabh;
A laighe ’s ag éiridh ’g eigheach ’s a gearan,
’S gun reicinn gu deimhinn air grot i.
Tha cuaimhean cho cruaidh ri cuaille darich,
A craiceann ’s a tuar cho fuar ri gaillinn,
Cha dean baraile gual aon uair a garadh,
Gun dusan sac gearrain de mhoine.
Gun fhiacail na ceann ’s car cam na peirceall,
’Nuair ’thogadh i greann an am an fheasgair
Gu ’n teicheadh gach clann, gach crann, ’s gach seisreach,
Aig meud an eagail roimh ’groigeis.
Ged bhiodh agam deante ceud punnd Sas’nach,
Cha dioladh an riadh re bliadhn’ tombac’ dh’ i,
Bha caitheamh gun riaghailt riamh ’cur as domh
Bho ’n chiad la ’thachair sinn comhla.
Anna Dhonn agam Fein.
LE CALUM DUBH MAC-AN-T- SAOIR.
Anna dhonn agam fein
Tha mi trom as do dheidh;
Bi’dh mo shuil anns gach àit’
’Dh ’fheuch co dha ’bheir thu speìs.
Ma ’s e figheadair do run,
’S gur h-ann ris ’tha do dhùil,
Feuch nach pòs thu fear breun
’Chumas deur air do shuil.
Cha ’n eil càs idir ann,
Ged bhiodh cach orm gann;
Gheibh sinn fearann ri ar beo,
Bho Dhuic Gordan air gleann.
NA BAIRD GHAIDHEALACH. —Cuirear an leabhar so gu duine sam bith a chuireas air ’adhart 35c., no tri airson dolair.
NUAIR THEID THU ’BHADDECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram, Bathar Cruaidh
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile.
An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.
STOR UR TAILLEARACHD
ANN AN
StorW . E. Peters.
Aodaichean Matha dhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.
Theid sinn an urras air an obair.
MacCoinnich & Co.
Sidni, C. B.
Bheir mi NEAPACAIN BRIAGHA SIODA
An Nasguidh
Do gach aon a cheannaicheas fiach DOLAIR de bhathar uam. Thig gun dail agus
FAIGH FEAR DHIUBH
THA AM BATHAR CHO SAOR ’SA GHABHAS
Bathar Math Faighinn.
D. J. DOMHNULLACH.
title | Issue 25 |
internal date | 1896.0 |
display date | 1896 |
publication date | 1896 |
level | |
reference template | Mac-Talla V No. 25. %p |
parent text | Volume 5 |