[193]

[Vol . 5. No. 26. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE IANUARAIDH 2, 1897. No. 26.


Ioghnaidhean an t-Saoghail.

BEANNTAN-TEINE.

(Air a leantuinn.)

Gu faisg air deireadh na h-ochdamh linn deug, bha gach eòlas a bhaig daoine air beanntan-teine, agus air an obrachadh fon talamh, air am faotainn bho na bha iad a faicinn air da bheinn an ceann a deas na h-EadailteBhesubhius agus Etna.

Bha beinn Bhesubhius, a bha brùchdadh gu math tric, a reir aithris nan seann sgriobhaichean, ’na beinn àrd bhiorach agus àite còmhnard air a mullach anns an robh gleann cruinn làn feòir us fionain. Timchioll air a ghleann so bha creagan casa, agus na bfhaide sios bha taobhan na beinne air an còmhdach le coilltean eireachdail. Bha bailtean soirbheachail aig a bonn, agus ged a theabadh fear dhiubh a sgrios le crith-thalmhainn cha robh daoinetuigsinn ach gle bheag mun t-slochd mhealltach a bhana mullach. Ach gu h-obann, anns a bhliadhna 79 A. D., bhruchd meall uamhasach de cheòs de smùids de theine á mullach na beinne. Bhan darra taobh dhen ghleann air a sheideadh a mach, agus bha na creagan, agus meallan mora de luathainns de chlachan teithe air an tilgeadh don athar. Sgaoil iad an sin a mach nan nial mor, agus thuit iad fad us farsuinn. Fad ochd lathas ochd oidhche chaidh sin air adhart. Bha baile a bha sia mile air falbh air a sgrios le tuiteam nan clach, agus bha dha eileHerculaneum agus Pompeiia lion beagan us beagan air an lionadh leis an tuil a bha sruthadh leis a bheinn, agus fa-dheòigh air an còmhdach thairis gu h-iomlan. Anns a bhliadhna 1711, bha tuathanach a cladhach tobair, agus fhuair e mirean de mharmor briagha; thug sin air daoine tòiseachadh air cladhach, agus fhuaireadh seana bhaile Herculaneum anns acheart suidheachadh anns an robh enuair a chaidh a thiodhlacadh le cur a mach na beinne. Fhuaireadh làrach Phompeii mu mheadhon na h-ochdamh linn deug.

Tha Etna, beinn-theine mhor Shicili, tri fichead milesa tri mun cuairt, agus gle fhaisg air aona mile deug troigh a dhàirde. Tha muinntir Shicili fhéinga roinnna tri earannan, an t-iochdar, am meadhon, agus am bràighe. Tha an t-iochdar làn de dhfhion-liosan agus de dhachaidhean arbhair, agus an sids an so tha bailtean beaga agus mora; tha am meadhon còmhdaichte le frithean anns am bheil craobhan daraich, geanm-chno, giuthais, agus seòrsachan eile; tha a bràighena fhàsach fiadhaich, neo-thorach, agus tha a fior mhullach a ghnath còmhdaichte le sneachda ach a mhàin an sids an so far am bheil an sneachda air a chòmhdach thairis le luathainn.

An do leugh sibh riamh ma Empedocles? Bha an duine sona fheallsanach, ’na bhàrd, agusna fhear-eachdraidh. Bha e còmhnuidh an Agrigentum an Sicili mo choig ceud bliadhna mun drugadh Criosd. Tha e air a radh, leis an toil a bhaige beul teinnteach Etna fhaicinn gnn deach e tuilleadh us faisg air agus gun do chaill e a bheatha anns na lasraichean. Tha cuid de na seann sgriobhaichean a fàgail air gu robh e air son daoine bhi deanamh aoraidh dha mar dhia, agus a chums nach cluinneadh neach sam bith mubhàs guu do dhirich e a bheinns gun do thilg e e-fheinsan t-slochd. Ach thilg a bheinn a mach te dhebrogan, agus mar sin dhearbhadh dan t-saoghal nach robh ann an Empedocles ach duine.

Tha eilean anns a Mhuir Mheadhonach, direach a mach bho chladach Shicili, ris an canar Volcano, “abheinn-theine.” ’S em fear as fhaide deas de Eileanan Lipari, agus chan eil ann dheth ach aon bheinn-theine mu mhile mun cuairt, agus mu cheithir cheud slat a dhoimhneachd. Tha mar an ceudna Strombali, am fear as fhaide tuath de na h-eileanan so, comharraichte air son cho tricsa bhios teine brùchdadh troimhe.

Dhen aon nàdar ris na beanntan-teine tha tobraichean de dhuisge teth a tha gu tric a bristeadh a mach, mar a than Geyser mor no anspùtanann an Iceland. Ann an America Mheadhonach agus anns na h-Eileanan Phillipeach, tha ainm air leth aig na nàisinnich don da sheòrsa, “beanntan-teinteach,” agusbeanntan-uisgeach,” na beanntan-uisgeach aciallachadh nam beann as am bi uisge teth air a spùtadh a mach, air a leantuinn le crithean-talmhain mora.

Tha clar-chomhnard Christo an ceann a deas America a tha cuartaichte le beanntan àrda, air ainmeachad le Humboldt mar raon a tha uile gu leir teinnteach. Tha an teine asiubhal fon talamh bho thuath gu deas, uair a bristeadh a mach air aon bheul agus uair air beul eile. Tha Cotopacsi beul ri bhi naodh mile deug troigh os cionn na fairge. Chan eil anns a chuid is motha de dheileanan a Chuain Chiuin ach seann bheanntan-teine, no tha iad air an deanamh air creagan a bha air tùs air an tilgeadh a mach á beanntan-teine. Tha iad ag eiridhnam biorraidean mora á doimhneachdan a chuain, agus tha am barran, a tha direach a ruigheachd bàrr an uisge, mar as trice air an cuartachadh le coireal, agus a thaobh sin theirear eileanan coireil riutha. Air uairibh tha na h-eileanan so ag eiridh àirde mhath os cionn na mara, agus air uairibh theid iad fodha gu buileach. Tha so uileg innse gu bheil cumhachd mor eigin ag obrachadh fo ghrunnd na fairge am meadhon na talmhainn, agus gu bheil an cumhachd sin den aon ghnè ri boilnam beanntan teine.

Anns gach dùthaich mar as fhaide theid sinn sios dhan talamhsann as mothan teas. Mar as doimhnemhèinns ann as teothan t-àile. Tha na beanntan-teine acomharrachadh cuid de na fosglaidhean troimhm bheil stuthan leaghte agus teithe air an tilgeadh á broinn na ta mh[ ? ]

Tha eilean Hawaii, am fear as motha de Eileanan Sandwich, comharraichte mar àite anns am bheil teinntean daonnan ag obrachadh fon talamh. Tha aon bheinn ann dan ainm Kilauck, a bhios a bristeadh a mach gle thric le neart mor.

Nuair a bha seann bhaile Phompeii air fhosgladh ri solus an latha aon uair eile, bha gniomharan mu dheireadh an t-sluaigh gu tric air an toirt am follais. Aig aon tigh, leig an spaid ris cnamhan duine faisg air a gheata, agus iuchairna laimh, agus ri thaobh taosg airgid a bha e a reir gach coltais agiulan leis. ’Na shineadh ri thaobh bha cnamhan fir eile aig an robh àireamh de shoithichean airgeid. Tha e coltach gun dthug iadsan a bha làidir ionnsuidh air teicheadh, agus gun do dhfhalaich iadsan a bha lag iad fein anns na selleirean fo na taighean. Ann an aon seileir fhuaireadh fichead craimhneach air an tiodhlacadh ann an luath mhin, agus uile gu leir bha cnàmhan còrr us seachd ceud air am faotainn. Nach buamhasach an t-àm sid, ’nuair a thòisich an luath ri tuiteam, ’sa bha na clachan a bristeadh troimh mhullach nan taighean, agus a bhan sruth de labha leaghte tighinn na bfhaisges na bfhaisge, agus na daoine truagha gu diomhain afeuchainn ri teicheadh o bhàs oillteil? Nach eil e iongantach ra smaoineachadh air, gu faod sinn a nise coiseachd troimh shràidean Phompeii, agus gu faic sinn na claisean a rinneadh annta le cuidhlean nan carbad o chionn còrr us ochd ceud deug bliadhna?



[194]

[Vol . 5. No. 26. p. 2]

SGEULACHDAN ARABIANACH.

I. —AN DAMH AGUS AN T-AISEAL.

O chionn fadan t-saoghail bha marsanta anabarrach beairteach ann, aig an robh staidean agus taighean-comhnuidh ann an caochladh aiteachan den duthaich. Agus bha moran spreidhe de gach seorsa aige. Bliadhna de na bliadhnachan chaidh e fheins a bheans a theaghlach a ghabhail comhnuidh air te de na staidean, a chum gu faiceadh e cia mar a bha gach obair a bha edeanamh air an staid adol air aghart. Bha ena dhuine anabarrach fiosrach, foghluimte, agus bha e comasach air cainnt gach ainmhidh fon ghrein a thuigsinn; ach nan innseadh e gu robh an t-eolas so aige, cha bhiodh an tuilleadh saoghail aige. Agus thug so air nach dinnis e do dhuine riamh aon lideadh de na chuala e na h-ainmhidhean ag radh.

Bha damh agus aiseal aige ann an cuil, an t-aon taobh ri taobh, anns an stabull; agus air latha araidhs e na sheasamh aig dorus an stabuill, chuala e an damh agus an aiseal abruidhinn richeile mar so:— “Is ann agad fhein,” arsan damh ris an aiseal, “a tha saoghail an aigh dheth. Bu tu an ceann fortanachgad bhreith. Smaoinich fhein air acheartas a thagad, agus air cho beags a tha thudeanamh a dhobair! Tha thu air do nigheadhs air do chireadh gu maths gu ro mhath a h-uile latha; tha thu air do dheadh bheathachadh le siol air a dheadh ghlanadh, agus gheibh thu do dheoch den uisge ghlan, fhionnar, mar a thig e as an tobar. Chaneil car agad ri dheanamh as truime na do mhaidhstir a ghiulan an uair a theid e air cheann turuis sam bith; agus mur be sin, cha bhiodh car no cuirean agad ri dheanamh latha deugs abhliadhna. Chan ionnans mar tha mise, chaneil agam ach fior dhroch ceartas ann am biadhs an obair. Mun gann a shoilleiricheas an latha tha mi air mo chur a tharruinn achroinn-treabhaidh, agus bidh dubh-bheul na h-oidhche ann mun leigear as mi. Bidh mi cho sgith a h-uile beul oidhches gur gann a theid agam air coiseachd dhachaidh. A bharrachd air sin, cha teid fois air an treabhaiche ach agabhail orm le bata cruaidh, cnuachdach, anns am bheil togail do laimhe. An aite braighde is siolachan is sintean a chur orm gus an crann a tharruinn mar bu choir dhaibh a dheanamh, is ann a tha crann air a cheangal ris an earball agam, agus, mar a dhfhaodas tu fhein fhaicinn, chaneil leobadh craicinn air mearball. Agus an uair a bheirear dhachaidh mi anamochs an oidhche, chan fhaigh mi ri itheadh ach droch fhodar, agus beagan de phonair chruaidh, thioram gun ghlanadh. Mas e sin fhein e, cha ghabh iad an dragh mo leabadh a ghlanadh ach gle ainneamh. Feumaidh mi laidhe anns achuil fhluich, shalaich so fad na h-oidhche.”

Cha dubhairt an t-aiseal guth fhads a bha an damh adeanamh a ghearain ris. Mu dheireadh thuirt e ris:— “Tha iadsan a their, gur e creutair amaideach a thannad ag innseadh na firinn. Tha thu tuilleadh is faoin an uair a tha thuleigeadh leotha bhithgabhail brath ort mar a tha iad, gun bhith cur gu laidirnan aghaidh. Aig acheart am, ciod e am math dhut a bhith leigeadh do leith-mharbhadh mar a tha thudeanamh. Tha thug ad mharbhadh fhein a chum socair is toil-inntinn is buannachd a thoirt do mhuinntir nach toir taing no duais dhut air a shon. Ach nam biodh do mhisneach cho mor ri dneart, cha deanadh iad ort mar a tha iad adeanamh. An uair a theannas iad ri dcheangal anns achuil, car son nacheil thucurnan aghaidh? Car son nacheil thug am bualadh le dadhaircean, agus anochdadh dhaibh gu bheil fearg ort, le bhithsgriobadh air an talamh le do chasan-cinn? A dhaon fhacal car son nacheil thucur nan cridheachan aca air chrith le buirean? Tha thu comasach gu leor air daite fhein a sheasamh, nan togradh tu fhein, ach cha dean thu sin. An uair a bheir iad dhut droch fhodar, agus deannan de dhroch phonair, cuir do shron orra, agus na blais iad. Ma ghabhas tu mo chomhairle-sa, chi thu an ùine gun bhith fada, gum bi thu moran nis fhearr dheth na tha thu, agus gum bi h-uile aobhar agad air a bhith fadanam chomain-sa.”

Chord comhairle an aiseil anabarrach math ris an damh, agus dhaidich e, gu robh e fadana chomain air a son. “Mo Shunndachan gaoil,” arsesan, “ni mise gach ni a dhiarr thu orm a dheanamh, agus chi thu gun teid mi ann an ceann mo ghnothaich gle sgoinneil.” Cha robh an tuilleadh comhraidh eatorra aig an àm. Chualam marsanta a h-uile guth a thubhairt iad, ach cha do leig e dad air.

An lar- na-mhaireach, gu math moch, thainig an treabhaiche a thoirt leis an daimh a threabhadh mar a babhaist da. Cheangail eearball ris achrann, agus dhfhalbh e leis. Bha cuimhne aig an damh air achomhairle a thug an t-aiseal air, agus bha e fad an latha anabarrach doirbh ri cheannsachadh. Anamoch feasgair, an uair a thug an treabhaiche dhachaidh es a thoisich e richeangal anns a chuil, an aite a cheann a chumail gu socrach fhads a bhithteadhg a cheangal, mar a babhaist da dheanamh, is ann a bha eleum a nulls a nall, agus afalbh an comhair a chuils abuirean. An sin thug e ionnsuidh air an treabhaiche a tholladh leadhaircean. A dhaon fhacal, rinn e a h-uile dad a chomhairlich an aiseal dha a dheanamh. An ath latha, thainig an treabhaiche, mar a babhaist, gus an damh a chur a dhobair; ach bhan damh na laidhes a chuils a chasan sinntes e romhanaich mar gum biodh e air thuar a bhith grad mharbh. Sheall e anns a phrasaich, agus chunnaic e nach do chuir an damh beul air achonnlaich no air aphonair a thug e dha an oidhche roimhe sin. Ghabh e truas ris, air dha saoiltinn gu robh e tinn, agus gun dail sam bith chaidh e far an robh am marsantas dhinnis e dha mar a bha. Thuig am marsanta gle mhath gun do ghabh an damh an droch chomhairle a thug an aiseal air, agus thuirt e ris an treabhaiche an t-aiseal a chur a threabhadh, agus e bhith cinnteach, gun oibricheadh e gu math e gu rann dubh-bheul na h-oidhche. Rinn an treabhaiche mar a dhiarradh air. Bfheudar don aiseal a bhith treabhadh gu trang fad an latha; agus o nach robh cleachdadh aige air obair thruim, bha e anabarrach sgith am beul na h-oidhche. A bharrachd air sin, agus fhuair e de dhochann on treabhaiche rud a thug air gu robh e an impis tuiteam as a sheasamh an uair a thill e dhachaidh.

Aig acheart àm bhan damh cho toilichtes a burrainn a bhith. Dhith e a h-uile greim a bhanns achuil, agus leig eanail fad an latha. Bha e toilichte a chionn gun do ghabh e comhairle an aiseil. Thug e mìle beannachd dha air son na deadh chomhairle, an uair a thainig e dhachaidh on treabhadh.

Cha dubhairt an aiseal aon fhacal ris, oir bha e air a thamailteachadh air son an droch dhiol a rinneadh air. Ach thuirt e ris fhein, “Is ann le mo ghoraiche fhein a thug mi am mi-fhortan so orm fhein. Bha beatha gle shocrach agam. Bha mi cho sonasa bhan latha cho fad. Cha robh ni sam bith a dhith orm. Is e mo choire fhein go bheil mi an diugh anns an t-suidheachadh thruagh anns am bheil mi. Agus mur urrainn mi doigh fhaotainn air tighinn as na croisean anns an deachaidh mi chan fhada bhios mi beo.” An uair a thubhairt e so, bha a neart air failneichadh cho mors gun do thuit e far an robh e, mar gum biodh e leith mharbh.

Bha fhios aig amharsanta gu robh an aiseal ann an droch staid, agus bha toil aige an comhradh a chluinntinn. Air an aobhar sin, an deis dhashuipear a ghabhail, chaidh e mach ri solus na gealaich, agus shuidh e far an cluinneadh e iad, agus shuidh a bhean comhladh ris.

Cha robh e fadana shuidhe an uair a chuala e an aiseal ag radh ris an damh, “A chompanaich, innis dhomh, guidheam ort ciod a tha run ort a dheanamh am maireach an uair a thig an treabhaiche le biadh ugad?”

Ciod a tha run orm a dheanamh!” arsan damh. “Leanaidh mi air a bhith deanamh mar a dhiarr thu fhein orm a dheanamh. Bheir mi ionnsuidh air a tholladh le madhaircean, mar a rinn mi an de. Leigidh mi orm gu bheil mi tinn, agus dluth air abhàs.”

Cha be mo chomhairle dhut,” arsan aiseal. “Ma ni thu sin, cuiridh tu lion do mhillidh mu dchasan fhein. An uair a bha mi air tighinn thun an taighes an fheasgar, chuala mi am marsanta ag radh rud eiginn mu do thimchioll a chuir uamhas orm.”

Mo chreach! ciod a chuala tu?” arsan



[195]

[Vol . 5. No. 26. p. 3]

damh. “A Shunndachain mo ghaoil, na ceil orm aon fhacal de na chuala tu.”

So mar a chuala mise ar maighstir ag radh ris an treabhaiche: —O nacheil an damh ag itheadh a bhidh, no comasach air obair a dheanamh, marbhaidh sinn am maireach e, agus bheir sinn an fheoil aige mar dheirc do na bochdan. Bidh an t-seice feumail dhuinn fhein, an uair a chairtear i. Na dichuimhnich thusa fios a chur air an fheoladair gu math moch am maireach. Sin agad na chuala mise,” arsan aiseal. “Than curam a thagam mu do bheatha, agus an cairdeas a thagam riut, atoirt orm so innseadh dhut, agus comhairle ur a thoirt ort. Cho luaths a bheirear achonnlach agus aphonair a dionnsuidh, grad eirich, agus toisich ri itheadh cho sunndachs a rinn thu riamhn adbheatha. Saoilidh ar maighstir gu bheil thu air a dhol am feobhas, agus gun teagamh sam bith, cha mharbhar idir thu. Ach mur dean thu mar a tha mise acomhairleachadh dhut, theid do mharbhadh gun teagamh sam bith.”

Chreid an damh a h-uile facal a thuirt an aiseal ris. Chaidh e air chrith leis an eagal, agus thoisich e ri buirean aird a chlaiginn.

An uair a chualam marsanta an comhradh a bha eadar an damhs an aiseal rinn e lasgan mor gaire. Ghabh a bhean ioghnadh mor an uair a chuala igaireachdaich e, agus gun aobhar gaire aige, cho fads a bfhiosrach i. “Innis dhomh,” arsise, “ciod a thug ort a bhithgaireachdaich air an doigh ud?”

Coma leat, a bhean,” arsesan, “ciod a thug orm a bhith gaireachdaich.”

Cha choma leam idir,” fhreagair i, “feumaidh mi air a h-uile cor fios an aobhair fhaotainn.”

Chan urrainn dhomhsa ni sam bith innseadh dhut, ach gun drinn mi gaire an uair a chuala mi na briathran a thuirt an aiseal ris an damh. Chan fhaod mi ciod a thubhairt iad ri cheile innseadh do dhuine beo.”

Car son nach innis thu dhomhsa e,” arsise.

Ma dhinnseas mi dhut e, cha bhi an tuilleadh saoghail agam,” arsesan.

Chaneil thu ach afanaid orm,” arsabhean; “chan urrainn gu bheil thu ag innseadh na firinn domh. Mur grad innis thu dhomhsa cion a thug ort gaire a dheanamh, agus ciod a thuirt an damh agus an t-aiseal ri cheile, tha mimionnachadh air neamh nach laidh mis an aon leabaidh riut ri do bheo.”

An uair a thuirt i so, thug i an taigh oirre. Bha i gu stracadh le feirg. Shuidh i an oisinn an t-seomair, agus lean i air caoineadh fad na h-oidhche. Bha am marsantan a laidhes an leabaidh na onar fad na h-oidhche. An uair a chunnaic es amhaduinn gu robh i anns acheart staids an robh i fad na h-oidhche, thuirt e rithe gur ibha gorachg a cur fheinna leithid de staid air son ni nach mor a bfhiach; agus ged nach deanadh e math sam bith dhise fios fhaotainn air an diomhaireachd, gun deanadh e cron mor dhasan nan innseadh e i. “Air an aobhar sin,” arsesan, “tha miguidhe ort gun smaoineachadh tuilleadh air.”

Bidh mismaoineachadh cho mor airs nach sguir mi chaoineadh gu brath gus an innis thu dhomh e,” arsise.

Ach tha miseg innseadh dhuit gu saor, soilleir,” arsesan, “gun caill mise mo bheatha ma bheir mi geill do dghoraiche-sa.”

Biodh sin fior no na bitheadh,” arsise, “tha mise ag radh riut gu feum thu innseadh dhomh.”

Tha mifaicinn,” arsam marsanta, “gu bheil e neo-chomasach tur a chur annad; agus on a tha mifaicinn roimh laimh gun toir do raigeann fhein am bas dhut, iarraidh mi air achloinn tighinn a steach gad fhaicinn mum faigh thu am bàs.”

Uime sin dhiarr e air achloinn tighinn a steach far an robh i, agus chuir e mar an ceudna fios air a h-athairs air a mathairs air na cairdean eile. An uair a thainig iad agus a chualiad an t-aobhar air son an do chuireadh fios orra, rinn iad na burrainn daibh a chum a dhearbhadh oirre, gu robh i fada cearr; ach bha ise cho fadana barail fheins a bha i riamh. Thuirt i riutha, gum bfhearr leatha am bàs fhaotainn na gu striochdadh i do dhfhear a taighe. Labhair a h-athairs a mathair rithe, agus gun anns an t-seomar ach iad fheinn an triuir, agus thuirt iad rithe, nach deanadh am fiosrachadh a bha i ag iarraidh feum sam bith dhi. Ach cha gheileadh i dhaibh air chor sam bith. An uair a chunnaic achlann nach burrainnear a toirt as a beachd, thoisich iad ri càoineadh gu goirt. Bha am marsanta fhein mar gum biodh duine a bhiodh glan as a chiall, agus cha mhor nach robh e deas gus a bheatha fhein a chur an cunnart a chum a beatha-se a shabhaladh.

A nis, bha leith-cheud cearc, agus coileach, aig amharsanta; agus mar an ceudna, cu a bha toirt fanear gach ni a bhatachairt. Agus an uair a bha am marsantana shuidhe am muigh, agus esmaointean ciod a bfhearr dha a dheanamh, thug e an aire gu robh an coileach acleasachd ris na cearcean, mar is minic a bha e. Ruith an cu far an robh an coileach, agus thuirt e ris:— “A choilich, tha mi cinnteach gun dthig breitheanas ort gun dail air son do chuid aotromais. Bu choir naire a bhith ort air son na h-obrach a thagad an diugh.”

Sheas an coileach air a chorra-biod, agus chuir e an colg sin airs fhreagair e, “Car son nach fhaod mise a bhith acheart cho mears a babhaist domh?”

Mureil fhios agad car son, innsidh mise dhut e,” arsan cu. “Tha ar maighstir an diugh ann an trioblaid-inntinn ro mhor. Thabhean acur roimpe gun toir i air da aindeoin, gun innis e dhi diomhaireachd shonraichte. Ma dhinnseas e an diomhaireachd so dhise, no do neach sam bith eile, cha bhi tuilleadh saoghail aige. Tha nithean air tighinn gu leithid a dhairdes gu bheil aobhar eagail gum buadhaich i air. Tha gradh aige dhi, agus tha ecur dragh anabarrach air a bhithg a faicinn a sior chaoineadh; agus is docha gun caill e a bheatha air a tailleamh. Tha sinn uile air ar clisgeadh mun chuis; agus tha e cur dragh mor oirnn a bhithgad fhaicinn-sa cho mears cho sunndach am measg nan cearc, ’s a tha thu.”

Fhreagair an coileach, agus thuirt e, “Am bheil thu ag radh rium gu bheil ar maighstir cho beag tuirs gum biodh e mar sin? Chaneil aige ach an aon bhean, agus chan urrainn da a cumail fo smachd! Ged a tha leith cheud bean agamsa, bheir mi orra gun gabh iad mo chomhairle. Deanadh e a ghnothach mar dhuine reusanta, agus theid mi an urras nach bi e fadag a cur fo smachd.”

Cia mar?” arsan cu. “Ciod e is coir dha dheanamh?”

Innsidh mi sin dhut,” arsan coileach. “Glasadh e an dorus, agus gabhadh e dhi gu maths gu ro mhath le deadh bhata; agus theid mise an urras gun toir sin gu rathad i. Agus rud eile dheth, sguiridh ibhithfaighneachd dheth mu nithean ris nacheil gnothuch sam bith aice.”

Cha bu luaithe a chualam marsanta na briathran a labhair an coileach na ghrad ghabh e steach far an robh a bhean atuireams acaoineadh anns an t-seomar, agus bata math, cnuachdach aigena dhorn. Dhuin e an dorus; chuir e cars an iuchair, agus ghabh e dhi leis abhata, gus mu dheireadh an dubhairt i, “An ainm an aigh leig leam, leig leam. Cha tig an lathas cha chian an trath a chuireas mise ceisd ort mu ni sam bith nach buin domh.”

An uair a chunnaic e gun do ghabh i aithreachas a chionn a bhith cho rags cho mi-mhodhails a bha i, sguir eghabhail oirre leis a bhata. An uair a dhfhosgail e an dorus, chaidh na cairdean gu léir a steach don t-seomar far an robh i, agus an uair a chunnaic iad gu robh i air tighinn gu sith agus gu reusan, bha iad anabarrach toilichte. Thug iad mile taing don mharsanta a chionn e bhith cho smaoineachails cho tapaidhs gun do cheannsaich e i.


Tha nithean Gàidhealach a sior fhàs fasanta. Tha fear-deanamh phioban ann an Dun-Eideann an deigh òrdugh fhaotainn bho cheannard buidhne anns an arm Fhrangach ag iarraidh àireamh phioban a dheanamh dha. Ma shoirbhicheas le chuid dhaoine ann an cluich na h-inneil, cuiridh e dhiarraidh tuilleadh dhiubh. Chualan duine so na piobairean Gàidhealach acluich na pioba agus ghabh e leithid de mheas air a cheòls nach fhoghnadh leis ach a cur air ghleusna dhùthaich fhéin.



[196]

[Vol . 5. No. 26. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton


SIDNI. IANUARAIDH 2, 1897.

Bliadhna Mhath Ur.

Tha sinn a nise air tòiseachadh air bliadhneile. Shiubhail an t-seann bhliadhna gu tir na diochuimhnagus chan fhaicear tuilleadh i. Ghiulain i leatha iomadh neach a bha slàn, fallain, ’nuair a thàinig i steach, agus chàraich i iad fo fhòd a ghlinne, far am bheil iadnan laidhe ann an cadal trom abhàis. Ghiùlain i air falbh mar an ceudna iomadh dòchas a bha daoineg altrum, agus thainig ionadh ni gu crich ris nach robh dùil da mhios dheug roimhe so. Chan eil midol a dhfheuchainn ri iomradh a thoirt air na nithean bu chudthromaiche a thachair air feadh an t-saoghail na bliadhna; faodaidh gach neach amharc air ais agus fhaicinn dha fhéin; ach bu chòir dhuinn uile cur romhainn a bhuil as fhearr is urrainn duinn a dheanamh den bhliadhnùir. Dhfhalbh an t-seana bhliadhna, agus chan eil an còrr againn ri dheanamh rithe; ach a bhlìadhnur, tha i romhainn, agus thanar comas moran uile us math a dheanamh fhadsa bhios i againn. Ma ni sinn gu math bidh cuimhne na bliadhna so gle thaitneach leinnsna bliadhnaichean a thigna deigh, ach mas ann gu h-olc a ni sinn, chan urrainn duinn amharc oirre an deigh laimhe ach le grain agus fein-dhiteadh. An dochas gur ann air an dòigh as fhearr a ghabhas deanamh a chaitheas sibh féin agus luchd-leughaidh MHIC-TALLA an da mhios dheug a tha rompa, tha mise le muile chridhe aguidhe BLIADHNA MHATH UR dhuibh uile, agus moran dhiubh! Is miur fior charaid, an lathachis nach fhaic,

A Bhliadhn Ur, 1897.
OSCAR.


Tha ena chleachdadh aig moran mun àm so dhen bhliadhna a bhibòideachadh gu bheil iad a dol a dheanamh moran feuma air a bhliadhna air am bheil iad air tòiseachadhnam bàbhaist dhaibh a bhi ri nithean nach robh ceart, sguiridh iad dhiubh, agus ma bha iad ri nithean a bha math annta féin, ni iad an tuilleadh dhiubh. Ann an aon fhacal, tha iad adol a chur seachad na bliadhna so mar nach drinn iad aon riamh roimhe chur seachad. Achs tric a thachras nach bi a bhliadhnur seachdain a dhaoisnuair a bhios na bòidean sin uile air am bristeadhs air an leigeil á cuimhne, agus cha bhi iad air an ùrachadh tuilleadh gus an tig an ath bhliadhnùr. Tha fhios againn gur ann mar sin a dhéirich do mhoran, agus theireamaid riutha aig an àm so, gum bfhearr gu mor gun ghealladh sam bith a thoirt seachad na a thoirt agus an deigh sin a bhristeadh. Ach ma thug iad an gealladh seachad, tha e mar fhiachaibh orra an dichioll a dheanmh air a choilionadh , agus na bitheadh e mar na lòineagan sneachda a laidheas air bhàrr na géige, agus a dhfhalbhas leis a cheud oiteig. Duine sam bith a gheallas deanamh nas fhearr, bu chòir dhabhi cho seasmhachs gum biodh e air a chuid bu lughatoirt ionnsuidh air na gheall e a choilionadh.

Tha còrr us ceitheir mile deug saighdear Spàinnteach ann an Cuba tinn le galairean a tha buailteach do dhaoine ann an dùthchannan teithe. Tha taighean-ceannachd air an tionndadh gu bhinan taighean-eiridinn, agus tha na dilleachdain air an cur as na taighean a bha toirt fasgaidh dhaibh, agus saighdearan euslan air an curnan àite. A reir gach sgeòil tha na Spàinntich afaighinn tilleadh air muin tilleidh ann an Cuba, ach mar a tha cùisean, chan eil fhios co-dhiubh tha no nach eil gach sgeul a tha tighinn fior.

Tha cuirt a dol air adhart ann am Boston o chionn còrr us seachdain mun mhort a rinneadh air bòrd an t-soithich Herbert Fuller as t-samhradh sa chaidh. Chaidh fear de na bhair bòrd, Monk, a leigeil ma sgaoil, agus tha dithis eilegam feuchainn an drasda. A reir coltais cha teid aca air Bram fhaotainn ciontach, agus tha cuid de na dotairean adeanamh a mach gu bheil an treas fear, Brown, as a rian, agus ma tha sin mar sin cha chuirear peanas sam bith airsan. ’Se càs neònach a thann bho thoiseach gu deireadh.

Bha taosg de dhaoinòga a bhag ionnsachadh na dotaireachd afalbh air an rathad-iaruinn eadar da bhaile anns an Spainn. Air son spòrs dhaibh fein, chuir iad claigionn duine air bàrr bata, agus chuir iad suas e ri uinneig an t-seòmar a bfhaisge orra, agus iad fhein a ròmhanaich aig a cheart àm. ’Nuair a stad an carbad, fhuaireadh gu robh seana-bhean a bhanns an t-seòmar sin air bàsachadh leis an eagal, bha te eile air a dhol ann an nial, agus bha seann duine air a dhol as a rian.

Am bheil thu air son fhaighinn a mach co an duine roimhm mo bheil agad de reusan a bhi air dfhaicioll. Ma tha, amhaircsa sgathan, agus mur faic thu a dhearbh-choltas, tha mise air mo mhealladh.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.
SIDNI, - - - C. B.


F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC

An aon fhear dhe sheòrsa thair Eilean Cheap Breatunn.

Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.

Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dhas coir dha toghal air.

Tha stoc math de speuclaireans de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.

Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c , &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.

Tha e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHANEUREKAair a cheart phris air am beilearg an creic aig na muillin.

Tha Factoridh Eureka air aon den fheadhain as fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar adeanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.

Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.

Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Illemhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E, Clark, aigCross Roads Leitches Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd lathan deigh a chlòimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.



[198]

[Vol . 5. No. 26. p. 5]

Sealladh o Mhullach Beinne ann an Earra-Ghael, mu dhol Fodha na Greine.

On is cuimhne leam beathach no duine, be mo thlachd a bhi siubhal nam beann; agus is minic a ghabh mi sealgaireachd mar leisgeul, chum an srath fhàgail, agus farsuingeachd amhonaidh a ghabhail fo mcheann. Tha toileachas-inntinn ri fhaotainn air mullach beinne àird, leis an t-sealladh fharsuing a tha uaithe air muir agus air tìr-mòr; nach feud gun àrdachadh inntinn a dhùsgadh a tha air dòigh àraidh taitneach agus tarbhach. ’S ann uaithe so tha e tachairt, gu bheil spéis mhòr aig gach aon don bheinn is dlùithe don àite san dfhuair e àrach, —bàigh a leanas ris fhads is beò e; agus thigeadh e dhachaidh á Innsibh na h-àird an ear non iar, cha bhi e sachoimhearsnachd gun togradh a dhionnsuidh an àite anns an dfhuair e, air leis, acheud bheachd air farsuingeachd an t-saoghail; agus bidh e déigheil mar an ceudna aireòlas ath-ùrachadh air gach glac agus coire a bàbhaist da thaghallna òige, ’nuair bu lùthmhor a cheum, agus a bu bheag a bhan saoghal a cur air a chridhe do chùram. Bàluinn an ann an céitein an t-sàmhraidh, ’nuair a dhfhalbh mi gun duine maille rium, le rùn fior mhullach na beinne a ruigheachd, agus sealladh fhaotainn air dol fodha na gréine. Bhan san àm sinna fhadsna bhlathas: bha gach eun aseinn aig beinns aig baile, agus obair na cruitheachd fo shòlas. Dhìrich mi o ghuala gu guala, o choise gu coire, gus an dràinig mi an t-àite san robh an àiridh ri mcheud chuimhne: bha làraichean nam bothan fathast ram faicinn; bha crò nam meannna tholman uaine, an t-sòbhrachs an neòinein afàs air. Baighearach an sùgradh a bàbhaist a bhin so moch-thrath agus feasgaran àm bleodhann na spréidhe. Bhan t-alltan beag asiubhal gu seimh troimhn àilein, le torman co tùchanachs bu ghnàth leis. Shuidh mi car tamuill air abhruaich ag iarraidh fionnachdna bhraonaibh tlàtha. Cha deach mi seachad air aon tobar a chaisg ìota mòige gun fheuchainn, no air eas no leum-uisge gun seasamh air an cùl a dhfheuchainn an robh co liutha bogha-frois ri fhaicinnsa bàbhaist. Mar so chaidh mòran don latha seachad, ach ràinig mi fa dheireadh mullach na beinne. Shuidh mim fasgadh an liath-chùirn a bhair a mullach, agus dhamhairc mi air an dùthaich mun cuairt,

Bàluinn a beinneans a srathan;
Béibhinn dath a gleanntan.

Bha tìr-mòr na dùthcha ri mchùl, ach bha mach calg-dhireach mam choinneamh achuid bu mhò do Innse-Gall, an cuan mòr lechaoils leloingeas, agus aghrian ghlòrmhor féin atearnadh o àirde nan speur ann an àilleachd an fheasgair.

Cha robh eilean eadar Caol-Ile mu dheas, agus an Caol-Sgiathanach mu thuath; cha robh sliabh eadar Beinn-an-òir an Diùra agus a Chullainn ann an Eilean-a’ -Cheò, nach robh gu soilleir ambheachd. Bha Muile dorcha, lechaol mara mar amhuinn àluinn ag iathadh mun cuairt da, dìreach fo mshùil. Bha I nan Deòradh lelaraichibh briste, ann an uaigneas sàmhach ra thaic; Staffa ainmeil le uamh nan tonn mar dhùrdan beag a mach air an fhairge; Tirì ìosal an eòrna, —Cola creagach, —Eig, lesgòrr ri speur,— ’s an t-Eilean Sgiathanach, ban-righ an iomlain; agus a mach air an cùl gu léir, ann an iomall na rìoghachd, an t-Eilean-Fada mar mhìle sgeir, ag éiridh air aghaidh achuain, smùid ghàirdeachais ag éiridh o gach aon diubh, ’nuair bhaghrian asiubhal seachad os an ceann, ’gam fàgail mìle do mhìltibhna déigh. Bu dìomhain oidheirp a thoirt air achoilion smuain a bha taitneach, agus, tha dòchas agam, a bha tarbhach, a dhùisg suas leis an t-sealladh so. Air a leithid so a dhàm cha ruigear a leas an inntinn a chumail fo smachd. Bu shona a bhiodh daoine nan giùlaineadh iad, am measg ùinich agus othail na beatha so, càileigin don aigne mhaith sin, a tha uaigneas agus sàmchair a shamhuil so do àite a tàrmachadh. Oir, gu cinnteach, mar as mo a thàirngeas sinn air falbh o iorghuill an t-saoghail so, ’s ann as a ruigeas sinn air an fhonn spioradail sin, trid am bheil an t-anam air a chur air ghleus gu co’ -chomunn àrd a chumail rar n-Athair neamhaidh. Nam bu mhath leinn blasad air an aoibhneas so, cha bu neo-iomchuidh dhuinn air uairibh comunn an t-saoghail so fhàgail, agus a ràdh ris gach imcheist bhuaireasach a bhuineas dha, mar thubhairt Abraham ra òganaich, Fanaibhsean so, agus theid mise suas a thairgse na h-ìobairt.

Bhaghrian a téarnadh gu luath; bha dath an òir air aghaidh nan speur; bha a leadan àillidh cheana sachuan, agus an fhairge, mar gum bann, adùnadh mun cuairt dhi. Is blasdachainnt a chleachd bàrd na dùthcha so féin, ’nuair bhan sealladh so aige, ’s math a dhfheuidte, on mhullach cheudna. Ach bu dall sinne mur gabhamaid beachd a bàirde air an t-sealladh so, na dhfheudadh esan fhòghlum o thuigse nàduir. An ti nach mothaicheadh on t-sealladh so glòir an Ti naoimh a chruthaich aghrian, agus a sgeadaich an saoghal leuile àilleachd, bu bhochd, gu dearbh, a chor, agus cha chulaidh-fharmaid a chridhe; oir, gu deimhin, bu ghlòrmhor an taisbean a bhan so air cumhachd agus maitheas . A bhi mothachadh don ghàirdein thréun sin air am bheil an domhan crochta, afosgladh air an dara làimh dhiom dorsa na h-oidhche don ghréin, ’ga cur a mach a shoillseachadh taobh eilen t-saoghail, ’s a dhùsgadh nam mìltean as an suain: ’s a bhi faicinn aghàirdein cheudna atogail na gealaiche dhuinnena h-àite, an robh e comasach gun éigheach a mach, Is glòrmhor thusa, O Dhé uile-bheannaichte! tha neamh agus talamh làn do dghlòir, a Thighearna nam feart; tha thu toirt dhuinne gach beannachdna thràth, agus chaneil thu air àm sam bith, ’gar fàgail fo an-dòchas no dith! Chaidh aghrian fodha, agus shaoileadh tu gun robh an saoghal acaoidh: bhan drùchd tròm, mar dheòir na h-oidhchena déigh; abraonadh gu làr. Dhfhalbh aghrian, ach bha fathast àirde nan speur air an òradh le gathannaibh àghmhor, alubadh a nuas gu fann fathast air an t-saoghal, ’sga bheannachadh le eadar-sholus an anmoich. Bhan ceò asgaoileadh sios air an leachduinn, agus bhan t-àm dhomh nis am monadh fhàgail. Bu bheannaichtan t-sàmhchair a bha mach air feadh an domhain; bha còrr fhuaim ann, ach cha bu chulaidh-eagail no uamhais iad, —torman nan allt, mar bha iad a tuiteam leis an aonach o chraig gu craig, —sgriach na h-iolaire, ’s ig itealaich air bile na creachainn, ag iarraidh a h-àil air an aisridh chorruich; an fheadag ghuanach o thòm gu tòm; gogail achoilich-ruaidhgam dhoichioll on bheinn; a chearc agairm a h-àil fosgéith, agus miogadaich nan gabhar ag iarraidh am meann. O! cia lion mhor mile beò-chreutair air feadh an t-saoghail, smuainich mi, a bha, sacheart am so adol gu tàmh fo shùil-choimhead an Fhreasdail sin a bha faireadh thairis orra, agus a dhuidheamaich àite tàimh do gach aon aca fa leith. Tha sùilean nan uile ort, O! Dhé; tha thu toirt doibh gach sochairna thràth. Agus ma tha Dia mar so abuileachadh orrasan na h-uiread do chùram, an dean e dearmad air mac an duine? “Feuch,” a deir Criosd, “eunlaidh an athair; cha chuir iad, agus cha bhuain iad, agus tha Diagam freasdal; agus nach fearr sibhse gu mor na iadsan? Eisd so, O! thusa air bheag creideimh: giùlain na smuaintean so leat do dleabaidh; earb thu féin ri Dia, leis an dòchas a thag éiridh uatha, is bithidh do chadal taitneach. —Leabhar nan Cnoc.


Sgeul agus Oran.

Tha mi cur gur n-ionnsuidh beagan rannan a rinneadh le Calum MacLeoid, sgiobair luinge a bhafuireach aig Loch-nam-madadh ann an Uidhist. Bha Donull Mac-an-Rothaich dan rinneadh an t-òran, bliadhnaichean adeanamh a dhachaidh de thigh Chaluim. Cha robh a chiall uile aig Donull bochd, ach bha e na dhuine mor, trom, agus cho làidir ris an each, agus bha e cho leisg ris an lunndaire. ’S e anSpeireaga bhaca mar fhrith-ainm air, agus bhiodh corruich mhor air an uair a theirteadh an t-ainm so ris.

Thàinig e latha do thigh MhicLeòid an deaghaidh a bhi air falbh ùine mhor gun fhios càite, agus thuirt Calum ris:—

Dhfhalbh an Speireag air iteig don iarmailt,
S thug in taobh siar oirre dhiarraidh g lòin.
Tillidh i rithist mar shneachda gun iarraidh,
S gabhaidh i sios gu Calum MacLeòid.

Bha greann anabarrach air Dònull daonnan, ach laidh gruaim gu tur air a mhallaidh an uair a chual e an rann ud, agus thuirt e, “Cha dian mi car oibreach gu bràch tuille dhut a Chaluim.”



[197]

[Vol . 5. No. 26. p. 6]

NAIDHEACHDAN.

Chaidh fear Ian Mac Nimhein a mhuinntir Eilean aPhrionnsa a mharbhadh ann an coilltean New Brunnswich an la roimhe le craobh a thuiteam air.

Tha rathad-uisge St. Peters air a dhùnadh air son agheamhraidh, agus than soitheach-smuide Blue Hill a bàbhaist a bhi ruith eadar Caolas Chanso agus na Narrows Mhora an deigh a cairtealan geamhraidh a ghabhail ann am Baddeck.

Tha an t-Urr. Coinneach Mac Coinnich, a bha an t-samhraidhs an fhoghair a saoithreachadh ann an caochladh àitean air an eilean so, a nise air a dhol air ais gu Halifax far am bheil e o chionn àireamh bhliadhnaichean a deanamh a dhachaidh.

Chaidh mèinn Springhillna teine Di-satharna sa chaidh, agus bha eagal orra gu robh i gu bhi air a milleadh gu mor, ach cha deach e ro fhad air adhart agus cha robh an call cho mor. A chuid sin den mheinn a chaidhna theine, bha e ri bhi air a dhùnadh deireadh na bliadhna.

Nuair a bha Morair Obaraidhean adol troimh Winnipeg o chionn ghoirid, chaidh currachd béin a bhaige a ghoid, agus bfheudar dha am baile fhàgail as aonais. Beagan lathaichean an deigh don mhorair falbh, chaidh braidein a ghlacadh air an t-sràids an currachd ma cheann.

Chaidh fear Iain Batherson ann an Sidni Tuath fhaotainn ciontach an darra uair, air son creic deoch làidir; dhiult e a chàin a phàigheadh agus chaidh a chur dhan phriosan, far an do chuir e seachad Latha Nollaig, agus far am feum e a reir coltais na ceud lathaichean dhen BhliadhnUir a chuir seachad cuideachd.

Bha stoirm mhor shneachda ann am Manitobas anns an Iar-Thuath o chionn mios air ais, agus bha eagal air na tuathanaich gun cailleadh iad a chuid bu mho dhen spreidh, ach thainig side bhlath a rithist, agus cha bhi an call mor sam bith. Tha an t-siden drasda nas blàithe na bha i geamhradh o chionn fhada.

Thug an t-uisge air falbh a chuid bu mhotha dhen t-sneachda, mo mheadhon na seachdain. Bha sin fhéin cho math, oir mar a bha e cha robh ann ach fior dhroch ròidean. Ann an àiteachan bha citheachan mora dheth, agus an àiteachan eile bha talamh dubh ann. Tha na droch ròidean acur grabadh mor air reic us ceannach, oir leis mar a tha iad chan fhaigh daoine ach gann gluasad bho na taighean. Tha na marsantan agearan gu mor, agus tha na h-aobhair aca.

Fhuaireadh stuth dubh ann an Algoma an Ontario, air a gheamhradh so, agus tha caochladh bharailean am measg dhaoine thaobh ciod an stuth a thann. Tha cuid ag radh gur-a gual a thann, ach tha luchd-ealain ag radh nach e, gur e thann stuth ris an canar anthraxolite. Co-dhiu loisgidh e agus bheir e teas uaithe a cheart cho math ris aghual, agus, mar a tha aon de phaipearan Ontario ag radh, fhadsa ghabhas esa ghoileas e a phoit, faodar a bhi coma cainm a thair.

Tha pàrlamaid no Congress nan Stàitean air son toirt air an Spainn a saorsa thoirt do Chuba. Tha iad air comhairle clag Sgàinn, ma chual iad riamh i, a leigeil as an cuimhne, “An rud nach buin dhut, na buin dha.” Ach tha Cleveland comasach air stad a chur orra, ged nach eil e gu bhisan dreuchdsam beil e ach beagan us da mhios eile, agus rinn e sin. Cha mhor dhaoine nach dfhuair coire dha an uiridh air son cho teannsa chaidh e air cogadh a dhùsgadh suas eadar na Stàitean us Breatunn, ach air an turus so, cha mhor nach eilga mholadh air son an t-sith a ghleidheadh eadar na Stàiteans an Spàinn.

Bfheudar dhuinn ainmean na phàigh a chumail as aphaipear air an t-seachdain so, ach bidh iad anns an ath àireamh, agus tha sinn an dochas eadar so us Di-satharna sa tighinn gun dean moran eile an cuid dholair a chur a stigh, agus gum bi an ainmean air an cur an clò còmhla ri càch.

Air an t-samhradh sa tighinn tha soitheach-smùide gu bhi ruith eadar am port so agus Port au Basque air taobh siar Newfoundland, far am bheil ceann an rathaid-iarunn ùir. Tha an soitheachga togail ann an Glascho, agus cosgaidh i mu chairteal muilein dolair. Ni i an t-astar eadar taobh siar Newfoundland agus Ceap Breatunn ri leth latha.

Chan eil aon de na soithichean-smùide a bàbhaist a bhi cur an cuairtean air a cheann so dhen eilein a nis air ghluasad ach am Peerless. Tha càch uile air a dhol mu thàmh air son a gheamhraidh. Bham Peerless fhein air a cumail na tàmh Di-màirts Di-ciaduin le pairt de h-inneal a reothadh oidhche Di-luain, achsa mhaduinn Dior-daoin bha i air a cuairt àbhaisteach a rithist.

Tha gorta mhor anns na h-Innsean. Tha duin’ -uasal àraidh asgriobhadh gu fear de na paipearan Sasunnach, agus ag innse gu bheil anns na mor-roinnean meadhonach na miltean abàsachadh gach latha le cion a bhidh. Tha Riaghladh na dùthcha adeanamh an dichill air biadh a riarachadh air an t-sluagh bhochd, ach cha mhor is urrainn daibh a dheanamh leis cho lionmhors a than sluagh.

Tha MAC-TALLA toirt mile taing dha chàirdean a rinn cuideachadh leis air a bhliadhna sa chaidh, agus tha en dòchas gun soirbhich gu math leotha air abhliadhnùir so. Tha e an dochas gun cuir gach aon roimhe gun dean edhichioll air bliadhna shoirbheachail a thoirt don MHAC-TALLA, air dhoighs mun tig crioch air 1897 gum bi e air fàs ann am meud, ’s ann am mathas, agus gum bi e sior fhàs measail aig a luchd-dùthcha.

Oidhche Nollaig thainig roinn de dhòigridh. Orangedale us Amhuinn Dhennis air chéilidh don mhansa ann am Malagawatch, agus thug iad aireamh de ghibhtean luachmhor don Urr. Iain Ròss da mhnaoi. An deigh sin chuireadh seachad am feasgar gu cridheil sunndach. ’S e so a cheud Nollaig do Mhaighstir Ròs an deigh tilleadh do Cheap Breatunn, aguss math leinn a chluinntinn gun do chuir e seachad i air dòigh cho toilichte.

Sen togalach fiodha as sine thair an t-saoghal, eaglais a thann am Borgund, an Norway; Chaidh a togail anns an aonamh linn deug. Bha i air a cumail o ghrodadh le bhi air a cumail còmhdaichte thairis le bìgh a ghiuthais.

Tha moran tinneis ann an cearnan de Eilean aPhrionnsa. Ann an aon àite, Rathad Murray Harbour, bha aon tigh anns an robh an duinesa bhean a stigh marbh aig an aon àm. Than t-side thann air a gheamhradh so glé mhi fhallain.

Air a bhliadhnan uiridh, cha bu lugha na 2893 pearsa a chaill am beatha anns na h-Innsean le beothaichean fiadhaich, mar a than tigear, an elephant, am panther, agus am mathan. Anns an ùine cheudna, chaidh 21,538 a chur gu bàs le nathraichean an lot. A bharrachd air call beatha dhaoine, chaidh 97,000 beothach càllaichte a mharbhadh leis na beothaichean-fiadhaichs leis na nathraichean.


D. A. Mac FHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.


C . P. MOORE.

THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B,
Tha e na fhear-gnothuich don MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha.



[199]

[Vol . 5. No. 26. p. 7]

Ud, a Dhònuill,” osa Calum, “cha be sid a bha miciallachadh ach so:—

S math thu fhein, a Dhònuill mhoir,
As do léine, as do léine;
S math thu fhein a Dhònuill mhoir,
As do léine phlangaid.

Bha Dònull bochd làn riaraichte leis an rann mu dheireadh, agus chaidh e dhobair gu sunndach.

Chaidh Dònull latha air chéilidh do thigh aon de na coimhearsnaich, agus shìn e e-fhein air beingidh a bha fa chomhair an teine, ’s tuitear nachadal, ’s rachar a làmhsan teine, agus loisgear i. Ruith e dhachaidhs e acaoineadh mar gum biodh leanabh. Chuir te de nigheanan an sgiobair cungaidh ris an laimh, agus an deaghaidh a ceangal suas chuir i meatag mhor leh-athair air. An ceann tacain chrìn chual i Dònull ag caoineadh a rithist.

Carson a tha thu a caoineadh a nis, a Dhònuill?” os an nighean.

O, chan iongantach dhomh bhi caoineadh,” osa Dònull, “agus te dhe mmheòir ag goil na poit-bhuntataan tigh ar coimhearsnaich.”

Sheall an nighean air laimh Dhònuill a rithist, agus chuunaic i mar a bhachuir i dithis de na meòir aige an aon mhiar na meataige, agus mar sin bha fear de na meòir falamh. “Is math, a dhuine bhochd gun dthug thu an aire dha,” os ise; “ach gheibh mise am miar dhut agus cuiridh mi ort e, agus bidh e cho maths a bha e riabh.” Chuir i a mheatag ceart, agus bha Dònull lan chinnteach gun deach i dhiarraidh a mheoir don teine, agus gun do chuir i air e a rithist.

Bha Dònull mar a tha moran dhaoine is glicero throm air an tombaca. Uair a bha sid a thainig MacLeòid dhachaidh bhar turuis fhada, thachair Donull airs an dorus, aguss i chiad fhàilte a chuir e air, “Am bheil tombaca agad domh, a Chaluim?” Bha mu phunnd aig an duine chòir dha nalaimh, agus thilg e air e. Leig Donull e fhein sios gu faiceallach air an ùrlar ag gabhail air gun robh e marbh, agus thòisich Calum air an rann a leanas a dheanamh dha mar mharbhrann:—

Righ gur mistha dheth brònach,
A h-uile lathas Di-dònaich,
Bhon a chuir iad thu, Dhònuill,
An ciste bhòrda gu teann.
Ga dghiùlan aig fearaibh,
A dhfhalbh leat do Sgeallair;
Sgeul ar cràidh bhi ga aithris,
Thu gun aithne, gun chainnt.

Nam bann am baiteal non còmhraig,
A rachadh do leònadh,
Gur a h-ioma laoch dòrn-gheal
A dhianadh striòceadh le lann;
A thigeadh gar còmhradh,
A dhioladh do thòrachd
Bho Chaisteal ud Fòlais
Len cuid sròiltean ri crann.

Thigeadh Rothaich nan ceudan,
Mar bheum tuile le sléibhtean,
Luchd a dheanamh an euchd ud,
N uair a dhéightan adbhanns.
Ann am blar Chlach-na-h- aire
S mor an cliù fhuair na feara,
Dhfhàg na Frisealaich ainneamh,
Ged bham barrachd dhiubh ann.

Gur h-ioma laoch treubhach,
A dhfhàg iad gun èirigh,
Call am fala bhon créuchdan
As gach féith a bha annt
S nam biodh tusann le déideadh
Le dchlaitheamhs le dsgéithidh,
Cha robh laoch anns an Fheinne,
A dhianadh dfheum air an ceann.

Bha mo ghréidheir-sa làidir,
Bu mhath gu feumus gu stàth e,
Na beòlaich air àiteach,
Mu na bàigh cha robh ann.
Foghar, geamhradh, ’us céitein,
Bhiodh tug àrach na spréidhe,
Bhiodh tu muigh air na sléibhtean,
Air an déigh anns gach am.

Tighinn bho shiubhal an aonaich,
S ann ort fhein bhiodh an fhaoilte,
Fiamh a ghàire bhiodh daonnan
Air an aodann gun sgraing.
Bhiodh mo thigh air dheagh chòmhdach,
Air dheagh-ghréidheadh mo mhòine,
S mor an call a thann dòmhsa.
Gun deach am fòd air do cheann.

Cha robh Dònull bochd an uair sin ach a leigeadh air a bhi marbh; ach beagan bhliadhnaichean an deaghaidh sin fhuair e bàs cruadalach. Babhaist do Chalum Mac-Leòid a bhi ga chur le h-airgead astar á Loch-na-madadh, agus bha fios aig daoine air sin. Turus a bhasin chaidh echur seachad na h-oidhcheam bothan mnatha-eòlais. Mharbh abhaobh ean duil gun robh airgead air a shiubhalchuir i an clobha muamhuichs e nachadal agus thachd i e! Than sgiobair còir a nise fon ùir mar an ceudna, agus thar leam gur bochd na rannan a leigeadh air di-chuimhne. Uime sin uasail cheanalta, bhithinn ad chomaine, nan tugadh tu, uair no uairigin, cearb a dbhreacan daibh. —Mairi NicEalairsa Ghaidheal.


McDonald Hanrahan & Co,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4.; ’95


CARADH
Uaireadairean.
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.


Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais,
Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar uthcha thanar beachd.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.


Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .,
SIDNI, C. B.



[200]

[Vol . 5. No. 26. p. 8]

Failte don Bhliadhn’ -Uir.

LE NIALL MAC LEOID.

Failtes furan don bhliadhn’ -ùir,
Letrusgan geal is sunntach greann,
Dhùisgeas aiteas anns gach gnùis,
A sgaoileas fleadh mu bhùird le fonn.
Ged nach fhaigh sinn a bhi dlùth
Dor luchd-comuinn rùins an àm,
S echiad làn a théids achuaich:—
Slàinte bhuan do Thìr nam beann.

Tàmh am baile-mòr nan tùr,
Cha bu dùthchas dhuinnbhi ann,
Far nach fhaic sinn fiadh air stùc,
No bradan ùrg a thoirt á allt;
Far nach cluinn sinn pìob air cluain,
No gillean-Callainn shuas an gleann
Ach cuiridh sinn mun cuairt achuach,
Dianamh luaidh air Tìr nam beann.

Tìr amhànrain, tìr achiùil,
Tìr nam fiùran nach robh fann;
Gedthan sliochdg an car air chùl
Dhianamh rùim do chlann nan Gall
S iomadh fàrdachtha gun smùid,
Farm bu shiùbhlach fonn nan rann;
Ach bidh an aigne blàth gach uair
Ni iad luaidh air Tìr nam beann.

Saoghal fada, maoin, ’as cliù,
Dor luchd-dùthchabhosus thall;
Dòirteadh bheannachdan mar dhriùchd,
Gach bliadhn’ -ùrthig air an ceann.
Ged a sgaradh sinn ri luaths,
Bidh ar càirdeas buans gach àm;
S òlaidh sinn le caithream cruaidh,
Làn na cuaichair Tir nam beann.


Thug mi Gaol don Fhear Bhan.

Fhir a dhealaich rium Di-luain
S tu mo luaidh am measg chaich;
S do ghruaidh dhearg mar na caoran
Ri taobh nan beann ard’.


LUINNEAG.
Thug mi gaol, thug mi gaol,
Thug mi gaol don fhear bhan;
Thug mi gealladh dhuit a ghaol,
S o chan fhaod mi bhi slan.

Chunnacas soitheach anns a chuan
Toirt an nuas nan seol ard;
Snuair a dhiult idhol mun cuairt
Bha mo luaidh-sair an t-snamh.

Chaneil leannan fo na ghrein
Agam fein ach a dha;
Fear an reiseamaid a chrùin,
S fear san tiuir air nach traìgh.

Bha thu deas is bha thu tuath,
Bha thun Clusidh uair no dha,
Gealladh cha dthug mise bhuam
Bhon a fhuair mi do lamh.

Tha do litir ann am phoc’,
S gealladh posduair no dha;
S mur h-eil piuthar agad fein,
S mi bu deuraich na cach.

S e do ghaol a rinn mo lot,
S a chuir spiochd orm an drast,
Guth do bheil a rinn mo leon,
S e bu cheol dhomh goch la.

Bha mi bruadar ort an raoir,
A bhin caoimhneas mo ghraidh;
Achnuairdhuisg mi as mo shuain
Bha mi fuar, falamh, fas.

Cha dthug mise gealladh riàmh
Dhan fhear liath gun bhi slan;
Bannsa leam an t-oigear donn
Thogadh fonn am measg chaich.


Cadal chan fhaigh Mi.

S misa thug an gaol
S paor a rinn micheannach;
Bhuail e misan taobh
Far nach faod mighearan.


LUINNEAG.
Cadal cha dean mi,
Cadal cha dean mise,
Cadal cha dean mi
Cuimhneachadh na cruinneig.

Bha min raoìr air bàl,
Ma bha cha bann toilicht’;
Shuidh mi air do ghluin,
S dhiult thu misa mhionaid.

Bha min raoir air bàl
An taigh ard nan uinneag;
S greusaiche nam brog,
Phog e thu le furam.

Tha do ghruaidh mar ròs,
Tha do phog mar ubhall;
S tu as guirme suil,
S tu mo runs mo roghainn.

S e mo cheist do shuil,
S e mo run do chridhe;
Faileadh an t-subh chraobh
Dhe tanail chaoin a tighinn.

Mairi air a bheinn,
Mairim bun a bhruthaich,
H-uile Mairithann
Tha min geall orruile.


Ann an aon de na beanntan mora teine a tha air Eileanan Sandwich, tha loch mor de làbha leaghtena mullach nuair a tha i sàmhach. Tha an làbha so air a deanamh suas de chreagan dhe gach seòrsa a bha air an leaghadh am broinn na talmhainn, agus tha i ri amharc oirre eadar a bhi gorms a bhi dubh.


Faigh a mach ciod a bharall a thaig do naimhdean ort, oir gu tricsi bharail as fhaisge air a bhi ceart; cha ghabh iadsan do leisgeul air son ni sam bith mar a ni do chàirdean.


Tha àireamh de leabhraichean NeillIc Leòid, “Clarsach an Doire,” againn rin creic. Cuiridh sinn an leabhar so leis a phosta, air son dolair.


NA BAIRD GHAIDHEALACH. —Cuirear an leabhar so gu duine sam bith a chuireas air adhart 35c., no tri airson dolair.


AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leigsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD.
Cuir a dhiarraidh sampuill, teisteannais us urrais.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia. —agus—127 State St., Boston, Mass.


NUAIR THEID THUBHADDECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram, Bathar Cruaidh
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile.
An seorsas fhearrs aphris as isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.


THA SO AIR A CHUMAIL DO
D. J. DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.


STOR UR TAILLEARACHD.
ANN AN
StorW . E. Peters.

Aodaichean Matha dhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.

Theid sinn an urras air an obair.
MacCoinnich & Co.
Sidni, C. B.

titleIssue 26
internal date1897.0
display date1897
publication date1897
level
reference template

Mac-Talla V No. 26. %p

parent textVolume 5
<< please select a word
<< please select a page