[Vol . 5. No. 27. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IANUARAIDH 9, 1897. No. 27.
Litir a Manitoba.
FHIR-DEASACHAIDH GHAOLAICH:— “Ruigidh each mall muileann mu’n ruig each a bhriseas a chas.” Na’m bitheadh fios agads’ a dhuine chòir air a h-uile maille a chaidh a chur air do charaid a’ bogadaidh chum nan iosgaidean ann an sneachda domhainn dùmhail a’ sireadh làn a ghlaice de’n bhrogach luathaireach aimlisgeach ud a rinn an t-òran do’n òigh NicIlleathain, bhiodh ioghnadh ort gu’n d’ fhuair mi an so cho aithghearr. Ach coltach ris an allaban a gheibh fear a dol a choimhead air a leannan ’nuair a bhios an gnothuch a’ soirbheachadh leis, cha bhi iomradh air, aig am pòs e agus an tòisich an dithis ri bhi còmhstri mu ’n uachdranachd, a tarruing na slat rioghail bho aon a chéile. Sin direach mar a dh’ eirich dhomhsa a’ ruith an amadain ghlic, ach gu cinnteach ma labhras mi an fhirinn faodaidh mise agus am bàrd a dhol troimhe chéile fathast airson slat cho oirdhearc agus air an an do dhùin dòrn righ na tighearna riamh; agus faodaidh deòir an aithreachais a bhi deanamh claisean am ghruaidhean airson mo shaothair san àm so. Ach tha mi coma co-dhiu; rinn am bard ni nach robh an comas domhsa a dheanamh. Fàgaidh mi uime sin e-féin agus òran fuidh bhreitheanas MHIC-TALLA chòir nach d’ rinn eucoir air bochd no beartach riamh.
Tha mi fad an comain an duine shuilbhir, Aonghas MacAoidh. ’Sann leam bu mhiann a bhi tacan ’na chòmhradh ’s cha chreid mi nach abrainn an t-altachadh arg Eachann Hamara, ’nuair bha e measg nam ministirean a bha ’còmhradh anns a Bheurla,— “Moladh dhuit a Thighearna gu’n tuig thu Gàilig.” Ach Eachainn Hamara chòir na’m bitheadh tu ’sa cholainn an diugh chluinneadh do chluasan slaodairean mosach aig nach b’ abhaist min a bhi air a bhrochan ag àicheadh nach robh Gàilig aca riamh, agus a labhairt cainnt nach faod a bhi aon chuid taitneach le Dia na le daoine. ’S tric a bhios iad sud a toirt a’m chuimhne briathran duine chòir a bha sgith de nitheigin:
“Cuid dhe na Ghàilig ’s pairt dhe na Bheurla
Sa chuid nach tuig càch dhe bheir e gàir air fear Ghesto,”
Is mi do charaide dileas,
MAC DHOMHUILL BHREABADAIR.
[Bidh an t-òran a tha air ainmeachadh anns an litir so anns an ath àireamh. Thàinig e tuilleadh us anamoch airson na h-àireamh so. Tha sinn toilichte cluinntinn o “Mhac Dhomhnuill Bhreabadair,” agus tha sinn an dòchas gu’n cluinn sinn uaithe gu tric air a bhliadhna so. ]
Mu Bhreugan. —Earail do’n Oigridh.
Tha e anabarrach feumail, mo chàirdean, gu’n labhair sibh do ghnàth an fhirinn. Ma tha sibh co sona ’s gu’n do ghnàthaich sibh an cleachdadh so an àm na h-òige, is dual da gu’n lean e ribh an deigh làimhe; ach ma ghnàthaicheas sibh san àm so breugan agus mealltaireachd, ciod ris an ion fiughar a bhi ach gu’m fàs sibh ni’s cealgaiche mar theid sibh an aois.
’Nuair a dh’ éireas duibh aon olc a dheanamh, theagamh gur math leibh a chleith le breug innseadh do’r pàrantaibh no do’r maighstiribh; ach bithibh air ’ur faiceall roi’ a leithid sin do cheilg. Cha bhiodh ann ach aon chionta chur ri cionta eil, agus mar sin bhiodh ur giùlan ni bu mhiosa na bha e roimhe. Ach ma ni sibh aideachadh saor, soilleir, ’s dòcha gur lughaid an aire bheirear do ’ur mearachd; ach ma gheibhear a mach gu’n d’rinn sibh coire, agus [ ? ] d’ oidhearpaich sibh a chleith le breig, ’s du gu’m bi ’ur peanas ni’s truime. Ma b’ àill leibh a bhi saor o bhi cleith ’ur lochdan le breugaibh, thugaibh oidheirp air a bhi co neo-lochdach ’s a dh’ fheudas sibh. Bithibh cùramach m’ar foghlum agus mu’r n-obair. Seachnaibh droch cleasachd agus giùlan mi-shuairce, agus bithibh cùramach gu bhi ùmhal do’r pàrantaibh agus do’r maighstiribh.
Ma tha bhur còmpanaich olc agus mi-bheusach, theagamh gu’n iarr iad oirbh am mearachdan a chleith le breugaibh innseadh, agus mur dean sibh e bheir iad beum dhuibh, agus their iad ribh luchd innse-tuaileis. Ma dh’éireas duibh a bhi ann an tigh far am bheil seirbhisich, theagamh gu’n oidheirpich iad a thoirt oirbh a shaoilsinn gur ciatach an ni am mearachdan a chleith le breug innseadh. Gun teagamh is neo-fhiachail agus mi-chiatach a thig e bhi do ghnàth air ’ur faicill gu mearachdan fhaotainn a mach, ’s an uair a gheibhear a mach iad, a bhi ro-dheònach air an leigeil ris; ach ’nuair a dh’ fheòraichear dhibh mu ghiùlan dhaoin’ eile, ’s còir dhuibh a bhi ’nur tosd, no an fhirinn shoilleir innseadh umpa. Ma theirear luchd innse-tuaileis ribh air a shon sin, cha’n ’eil àrach air. Bithidh do thoileachadh agaibh a smuaineachadh nach do thoill sibh sin a ràdh ribh; agus gur mor a’s tàire bhi ’g innse’ bhreug na bhi ’nur luchd innse’ -sgeòil.
A dh’ aon fhocal, ge b’e ni a bhrosnaicheadh sibh gu breug aithris, na géillibh dha. Is comharradh air inntinn mhiuthair agus neo-fhiachail a bhi ’g aithris bhreug. Ged a dheanadh e air uairibh ’ur dion o anagoireas, agus theagamh càileigin do bhuanachd a chosnadh dhuibh, cha b’ fhiach an gnothuch an dragn. ’S éiginn gu’m faighear a mach an ùine ghearr luchd aithris bhreug, agus an sin cha toirear creideas doibh. A thuilleadh air so, tha breugan ’nam màthair-aobhair air ioma droch-bheart eile; tha iad a’ fàgail a’ ghiùlain gu h-iomlan mi-mheasail; agus chuireadh iad fodha sibh mu dheireadh ann am beag toirt agus mi-chliù.
Air an làimh eile, thugaibh fa ’near a’ bhuaidh a tha’n lorg a bhi labhairt na firinn; an toileachadh a bheir e do’r n-inntinn fein. Nach taitneach an ni dhuibh a chuimhneachadh nach robh sibh ciontach do ni co mi-chliùiteach ri bhi ’g aithris bhreug? Tha gnùis a bhreugaire ’ga bhrath; tha a shealladh iosal, tha e fo iomaguin; tha sgàth air do shùil a choinneachach [ ? ] air fad a’ leigeil ris co iomaguineach ’s a tha e, agus cia fiosrach ’s a tha e air a chionta. Ach cha ruig an neach a labhras an fhirinn a leas eagal a bhi air; agus tha sòlas air a chridhe a chionn gu bheil e fiosrach air a threibhdhireas. Nach taitneach ma ta an ni meas fhaotainn o chàch? agus ciod a’s luachmhoire na ’n fhirinn? Ciod a’s urramaiche ’s urrainn duinn a ràdh mu ghille no mu nionaig òig, mu dhuine no mu mhnaoi, na ’nuair a their sinn, Is aon so a dh’fheudar a chreidsinn anns gach ni, agus leis nach b’fhiu breug a dheanamh?
Tha sibhse fhathast òg, agus theagamh nach h-aithne dhuibh an sòlas agus an t-sochair a tha ’g éiridh o dheagh chliu; ach feudaidh sibh mo chreidsinn, ma bhitheas tre bheannachd Dhé, an stéigh air a suidheachadh gu bhi ionraic agus firinneach ann ur giùlan, trid ’ur cuairt sa’ bheatha so, bithidh aobhar agaibh gàirdeachas a dheanamh, gu’n deachaidh gu tràthail a theagasg dhuibh tàir a dheanamh air a’ bhréig agus gràdh a thoirt do’n fhirinn. —Leabhar nan Cnoc.
GLE STOIRMEIL. —Bha da mhinisteir ann am bàta air loch ’san t-seann dùthaich, agus thòisich i ri séideadh gu gailbheach. Chualas fear de na bh’ air bòrd ag ràdh gum bu chòir do na ministearan a dhol a dh’ ùrnuigh. “Gu dearbh cha teid,” arsa fear na stiùire, “faodaidh am fear beag a dhol ann ma thogras e, ach feumaidh am fear mor tòiseachadh air iomaradh.
[Vol . 5. No. 27. p. 2]
SGEULACHDAN ARABIANACH.
II. —AM MARSANTA AGUS AM FATHACH.
Bha marsanta mor ann aon uair aig an robh staid mhath fhearainn, buth mor, agus suim mhor airgid. Bha àireamh mhor de luchd-riaghlaidh agus de sheirbhisich de gach seorsa fo ’laimh. Bha aige ri dhol o àm gu àm air turasan fada, a chum gu faiceadh e cia mar a bha gach aon de ’n luchd-riaghlaidh a bha fo ’laimh a’ deanamh gach gnothaich a bha air earbsadh riutha. Air latha araid b’ fheudar dha ’dhol air astar gle fhada, air cheann gnothaich a bha co cudthromach ’s nach deanadh duine sam bith e ach e fhein. Thug e leis each fodha, agus bha aran is cnomhan aige anns a’ mhaileid a bha ’n crochadh air a dhruim; oir bha aige ri dhol troimh fhasach mor far nach robh greim bidh ri fhaotainn. Rainig e ceann a thuruis gu sabhailte, agus an uair a rinn e gach gnothach a bh’ aige ri dheanamh, rinn e deas air son tilleadh dhachaidh.
Air a’ cheathramh latha ’s e air an t-slighe dhachaidh, dh’ fhas an t-side cho teith ’s gu ’m b’ fheudar dha bristeadh bhar an rathaid, agus a dhol a steach do ’n choille a bha dluth dha gus anail a leigeadh, agus fionnachd fhaotainn, gus an cromadh a’ ghrian gu math. An uair a rainig e iomall na coille chunnaic e tobar boidheach aig bonn creige; agus an uair a thainig e bhar an eich ’s a cheangail e an t-srian ri craoibh, shuidh e aig an tobar, agus thoisich e ri itheadh an arain ’s nan cnomhan a bh’ aige ’s a’ mhaileid. Agus mar a bha e ag itheadh nan cnomhan, bha e ’tilgeadh nan sligean air gach taobh dheth. An uair a bha e ullamh dhe ’bhiadh nigh e a lamhan, agus aodann, agus a chasan, agus rinn e urnuigh. Mu ’n robh e ullamh a dh’ urnuigh, chunnaic e fathach mor a’ tighinn dluth dha, agus a cheann geal le aois. Bha claidheamh ruisgte ’na laimh, agus labhair e le guth uamhasach, ag radh,— “Eirich a sin, a chum gu ’n grad mharbh mi thu leis a’ chlaidheamh so, o’n a mharbh thu fhein mo mhac-sa.” An uair a thuirt e so leig e sgriach eagallach as.
Chuir a chruth agus a choltas a cheart uiread a dh’ eagal air a’ mharsanta ’s a chuir na bagraidhean uamhasach a rinn e air, agus air dha bhith air chrith le eagal, thuirt e, “Och! mo dheadh thighearna, cha d’ rinn mise ni olc riamh ort, agus c’ar son a tha thu ’g iarraidh mo bheatha ’thoirt air falbh?”
“Marbhaidh mise thusa, o’n a mharbh thusa mo mhac-sa,” ars’ am fathach.
“Gu sealladh ni math ort,” ars’ am marsanta, “cia mar a b’ urrainn mise do mhac a mharbhadh? Cha’n fhaca mise riamh e, agus cha mho na sin a chunnaic esan mise.”
“Nach do shuidh thu ann an so an uair a thainig thu?” ars’ am fathach. “Nach robh thu ’g itheadh chnomhan, agus an uair a bha thu ’g an itheadh, nach robh thu ’tilgeadh nan sligean air gach taobh dhiot?”
“Tha mi ag aideachadh gu ’n d’ rinn mi a h-uile dad a tha thu ’g radh,” ars’ am marsanta.
“Ma tha sin fior,” ars’ am fathach ’s e ’freagairt, “tha mise ag innseadh dhut gu ’n do mharbh thu mo mhac. Agus so mar a mharbh thu e: an uair a thilg thu sligean nan cnomhan uat, bha mo mhac a’ dol seachad; bhuail thu te dhiubh air anns an t-suil, agus mharbh thu e. Air an aobhar sin marbhaidh mise thusa.”
“Ah! mo thighearna, thoir mathanas dhomh,” ars’ am marsanta.
“Cha ’n fhaigh thu mathanas no trocair uamsa. Nach eil e ceart gu leor duine a mharbhadh, ma mharbh e-fhein duine eile?” ars’ am fathach.
“Tha mi ’cur m’ aonta ris a sin,” ars’ am marsanta; “ach gu cinnteach ceart, cha do mharbh mise do mhac riamh: agus ged a thachradh dhomh a mharbhadh, cha b’ ann d’ am dheoin; air an aobhar sin, tha mi ’guidhe ort thoir mathanas dhomh, agus leig mo bheatha leam.”
“Cha leig, is mi nach leig,” ars’ am fathach. Feumaidh mi do mharbhadh, o’n a mharbh thu fhein mo mhac-sa.”
An uair a thuirt e so, rug e air a’ mharsanta ’n a chroig, agus thilg e air a bheul ’s air a shroin air an talamh e, agus thog e an claidheamh gus ag ceann a chur dheth.
Thoisich am marsanta ri sileadh nan deur ’s ri fasgadh nan dorn. Bha e sior radha gu robh e neo-chiontach, agus bha e ’guidhe le uile dhurachd air an fhathach a bheatha leigeadh leis air sgath na mna ’s na cloinne.
Bha am fathach ag eisdeachd ris gle fhoighidneach, ach aig a’ cheart àm bha a lamh an togail gus an ceann a sgudadh dheth leis a’ chlaidheamh. Mu dheireadh thuirt e ris, “Cha ’n ’eil stath sam bith ’nad chuid caoidh is ochanaich; ged a thuiteadh na suilean asad a’ caoineadh, cha chum sin mise gu ’n do mharbhadh, o’n a mharbh thu fhein mo mhac-sa.”
“Am bheil ni sam bith idir air an t-saoghal a bheir ort do run atharrachadh? Am bheil thu suidhichte as is as air beatha duine bhochd neo-chiontaich a thoirt air falbh?” ars’ am marsanta.
“Tha mi lan-shuidhichte air,” ars’ am fathach.
An uair a chunnaic am marsanta gu robh am fathach a’ dol ’ga ghrad mharbhadh, ghlaodh e aird a chlaiginn, agus thuirt e ris, “Air sgath neimh, cum air ais do lamh! Leig dhomh aon fhacal a radh. Bi cho math ’s gu ’n dean thu beagan foighidinn rium. Leig dhomh a bhith beo beagan uine gus an gabh mi mo chead de m’ mhnaoi ’s de m’ phaisdean, agus gus an dean mi mo thiomnadh, a chum gu fag mi mo chuid de ’n t-saoghal aca. Cha bu mhath leam gu rachadh iad gu lagh mu ’n dileab an deigh mo bhais. An uair a chuireas mi gach ni a bhuineas dhomh ann an ordugh cho math ’s is math leam, thig mi air ais do ’n cheart aite so, agus faodaidh tu an uair sin an rud a thogras tu a dheanamh rium.”
“Ach ged a bheirinn dhut an uine a tha thu ag iarraidh, is docha nach till thu air ais gu brath tuilleadh,” ars am fathach.
“Ma chreideas tu mo mhionnan, bheir mise mo mhionnan air neamh ’s air an talamh, gu ’n tig mi air m’ ais ’s gu ’n coinnich mi thu ann an so,” ars’ am marsanta.
“Ciod an uine a tha thu ’g iarraidh, ma ta,” ars’ am fathach.
“Tha mi ag iarraidh bliadhna,” ars’ am marsanta. “Cha ’n urrainn domh mo ghnothaichean a chur an ordugh gu ceart, agus mi fhein a dheasachadh air son a’ bhais ann an uine ni ’s lugha. Ach tha mi ’gealltainn dhutsa, gu ’n tig mi air m’ ais an so bliadhna o ’n diugh.”
“Am bheil thu ’gabhail neimh mar fhianuis gu ’n cum thu ri d’ ghealladh?” ars’ am fathach.
“Tha, agus tha mi ’boideachadh gu ’n dean mi mar a tha mi ’gealltainn. Faodaidh tusa mo bhoidean a ghabhail,” ars’ am marsanta.
An uair a chual’ am fathach so, chaidh e as an t-sealladh, agus dh’ fhag e am marsanta aig an tobar.
Bha ’n cridhe air chrith aig a’ mharsanta fhad ’s a bha am fathach a’ bagradh a bheatha ’thoirt dheth; ach cha bu luaithe a chaidh am fathach as an t-sealladh na ghabh e misneach, agus gun dail sam bith leum e air muin an eich, agus thug e ’aghaidh air an taigh. Ged a bha e toilichte gu ’n d’ fhuair e á lamhan an fhathaich, gidheadh bha bron is cradh air a chridhe an uair a smaoinicheadh e air na boidean a thug e.
An uair a rainig e dhachaidh ghabh a bhean ’s a chlann ris le mor-ghairdeachas. Ach an aite bhith aoibhneach an uair a chunnaic e iad, is ann a thoisich e ri gul gu goirt. An uair a chunnaic iad an staid mhuladach anns an robh e, dh’ aithnich iad gu ’n d’ thainig mi-fhortan mor air choireiginn ’n a rathad air a thurus. Dh’ fheoraich a bhean dheth c’ar son a bha e cho mor fo bhron ’s fo lionn-dubh. “Bha sinn uile ro aoibhneach an uair a thainig thu,” ars’ ise, “ach tha sinn a nis fo eagal mor mu d’ dheidhinn. Innis dhuinn, guidheam ort, aobhar do bhroin.”
“Och, mo leireadh! a bhean ’s a chlann mo ghaoil,” ars’ esan, “is mor aobhar mo bhroin. Cha ’n ’eil de shaoghal agam ach aon bhliadhna eile.” An sin dh’ innis e dhaibh mar a bh’ eadar e-fhein ’s am fathach, agus mar a thug e a mhionnan gu ’n tilleadh e air ais an ceann na bliadhna gu bhith air a chur gu bas.
An uair a chual’ iad so bhuail iad uile na basan ’s thoisich iad ri gul ’s ri caoidh gu muladach. Bha glaodh na mna os cionn glaodh chaich. Thoisich i air spionadh na gruaige aisde fhein. Bha ’n aon ghlaodh ann an ceann gach aon de ’n chloinn. Cha b’ urrainn am marsanta cumail air fhein ni b’ fhaide, an uair a chunnaic e an staid anns an robh a bhean ’s a chlann. Cha b’ urrainn
[Vol . 5. No. 27. p. 3]
teaghlach a bhith nì bu bhronaiche na bha iad air an fheasgar ud.
An la’r- na-mhaireach chuir am marsanta mu dheidhinn gach ni a bhuineadh dha a chur ann an ordugh. Phaigh e a h-uile sgillinn fhiach a bh’ air. Thug e airgiod is nithean luachmhor eile do gach aon de ’chairdean. Thug e suim mhath airgid do na bochdan. Roinn e a chuid de ’n t-saoghal gu cothromach, eadar a bhean ’s a chlann; agus chuir e airgiod na cloinne a b’ oige ann an lamhan luchd-riaghlaidh, a chum gu faiceadh iad ceartas aca. A dh’ aon fhacal, chuir e gach ni a bhuineadh dha ann an ordugh cho math ’s a ghabhadh deanamh.
Mu dheireadh thainig deireadh na bliadhna, agus b’ eiginn da falbh a choinneachadh an fhathaich mar a gheall e. Chuir e an leine-bhais anns a’ mhaileid; agus rinn e gach deisealachd eile a bha feumail dha air son a thuruis. Ach ma bha bron is caoidh anns an teaghlach an latha a thainig e, is ann a bha ’m bron ’s a’ chaoidh ann an uair a bha e ’gabhail a chead de ’n mhnaoi ’s de ’n chloinn, agus gun duil sam bith aca taobh air thaobh gu faiceadh iad a cheile gu brath tuilleadh anns an t-saoghal so. Bha iad cho fad an aghaidh dealachadh ris ’s gur ann a bha iad a’ cur rompa gu leanadh iad e, eadhon gu’m bas. Ach an uair a thainig an t àm dha dealachadh riutha, thuirt e, “A bhean, agus a chlann, mo ghaoil, tha mise ’toirt umhlachd do dh’ ordugh neimh an uair a tha mi ’dealachadh ruibh an diugh. Leanaibh an t-eisimpleir a tha mi ’cur romhaibh. Le deadh mhisnich cuiribh suas leis gach eiginn is trioblaid a thig ’nur rathad, agus thugaibh fanear gu bheil e air orduchadh do na h-uile dhaoine am bas fhulang.”
An uair a thuirt e so, dh’ fhalbh e, as an sealladh ’s as an eisdeachd. Rainig e an t-aite anns an do gheall e am fathach a choinneachadh air a’ cheart latha ’gheall e. Thainig e bhar an eich, agus shuidh e aig an tobar gus an tigeadh am fathach; agus mar a dh’ fhaodar a thuigsinn, bha e ann an suidheachadh cho bronach ’s a b’ urrainn duine a bhith.
An uair a bha e gu muladach a feitheamh gus an tigeadh am fathach, chunnaic e seann duine liath, air an robh fior choltas siobhalta, a’ tighinn an rathad a bha e, agus eilid aige air rop. An deis dhaibh failte a chur air a cheile, thuirt an seann duine ris, “A bhrathair, am faod mi ’fheorach dhiot, c’ar son a thainig thu do ’n aite fhasail, iomallach so? Tha ’n t-aite so lan de dhroch spioradan, agus cha ’n ’eil e sabhailte dhut a bhith ann. Shaoileadh duine le sealltainn air na craobhan so gur aite e anns am bheil daoine a’ gabhail comhnuidh; ach is e th’ ann fasach anns nach ’eil e sabhailte do dhuine sam bith fuireach fada.”
Dh’ innis am marsanta dha a h-uile ni mu ’n aobhar air son an robh e anns an aite ud. Dh’ eisd an seann duine ris le mor-ioghnadh, agus an uair a chuir e crioch air na bh’ aige ri radh, thuirt an seann duine ris, “Is e so ni a’s mo a chuir a dh’ ioghnadh orm a chuala mi riamh. Tha thu gle cheart seasamh ris na mionnan a thug thu do ’n fhathach. Ach fanaidh mise maille riut gus am faic mi cia mar a theid dhut.”
Shuidh e ri taobh a’ mharsanta, agus thoisich iad ri comhradh.
Am feadh a bha iad a’ comhradh, chunnaic iad seann duine liath a’ tighinn an rathad a bha iad, agus da chu dhubh aige. An uair a chuir a failte orra dh’ fheoraich e dhiubh ciod a bha iad a’ deanamh anns an aite ud. Dh’ innis an seann duine aig an robh an eilid dha a h-uile ni mar a bha eadar am marsanta agus am fathach. An uair a chual’ e mar a bha, thuirt e, gu ’m fanadh e mar an ceudna, gus am faiceadh e cia mar a dh’ eireadh do ’n mharsanta. Agus shuidh e comhladh riutha aig an tobar. Mu ’n gann a shuidh e chunnaic iad an treas seann duine liath a’ tighinn an rathad a bha iad, agus e h-uile buille a cheart cho coir ’s cho siobhalta ann an coltas ris an dithis eile. Cha bu luaithe a thainig e far an robh iad na dh’ fheoraich e dhiubh, c’ar son a bha am marsanta fo bhron ’s fo lionn-dubh. An uair a dh’ innis iad dha mar a bh’ eadar am marsanta ’s am fathach, ghabh e ioghnadh mor, agus thuirt e, gu ’m fanadh e gus am faiceadh e cia mar a dh’ eireadh do ’n mharsanta. Shuidh e aig an tobar mar a rinn an dithis eile.
An ceann beagan uine chunnaic iad meall ceo a’ tighinn dluth dhaibh ’s e ’dol mu ’n cuairt mar gu ’m biodh e air a ghiulan le ioma-ghaoith. Ann an tiotadh chaidh an ceo as an t-sealladh, agus bha am fathach ’n a sheasamh air am beulaobh. Bha claidheamh ruisgte ’na laimh. Rug e air ghualainn air a’ mharsanta, agus thuirt e, “Eirich gu grad ’s gu marbhainn thu, o’n a mharbh thu fhein mo mhac-sa.”
Ghabh am marsanta ’s an triuir sheann daoine a leithid a dh’ eagal ’s gu ’n do thoisich iad ri gul ’s ri caoidh gu goirt. Ach an uair a chunnaic an seann duine aig an robh an eilid gu robh am fathach a’ dol a ghrad mharbhadh a’ mharsanta, thilg e e-fhein aig a chasan, agus thuirt e, “A Phrionnsa nam fathach, guidheam ort, dean de dh’ fhabhar gu ’n eisd thu rium car tiotaidh. Innsidh mi dhut eachdraidh mo bheatha, agus eachdraidh na h-eilid so a th’ agam air an rop; agus ma shaoileas tu gu bheil i ni ’s iongantaiche na eachdraidh a’ mharsanta a tha thu ’dol a mharbhadh, tha mi ’n dochas gu ’n toir thu mathanas do ’n duine thruagh anns an treas cuid de ’n olc a rinn e.”
Smaoinich am fathach air a’ chuis car uine, agus mu dheireadh thuirt e, “Tha mi ag aontachadh leat.”
Tha duine saoibhir ann an ceann a deas Africa ag aideachadh gu saor nach fiach e ri pòsadh ri bheò, agus ’s e ’n reusan a th’ aige air sin gu bheil e cho gnàda ’s gu bheil e cinnteach nach gabhadh té sam bith gnothuch ris mur biidh a chuid airgeid.
Gaidheil Ghlascho.
CEILIDH COMUNN GAIDHLIG NA SGOILE.
Bha tigh na Ceilidh làn gus an dorus air feasgar Dhi-Sathuirne so chaidh (Dec. 5). Bha an Ceann-suidhe, Mr. Donnachadh Mac-illeruaidh, anns a chathair. B’e Mr. Iain A. MacNeacail, ministeir Chillemhealart a b’ òraidiche. Roghnaich am fear-labhairt mar chuspair “Géiread agus gliocas nan Seanfhacal.” Thubhairt e gun robh na sean-fhacail a taisbeanadh dhuinn mòr-ghliocas na muinntir sin a dhealbh iad; agus ma’s miann leinn a bhi ’rannsachadh cor nan Gàidheal ’us na Gàidhealtachd anns na linntean a dh’ fhalbh nach urrainn dhuinn na’s fearr a dheanamh n a bhi a beachdachadh air na sean-fhacail, agus ma ni sinn so gu’m faigh sinn luach ar saothair. Thugadh taing do Mr. MacNeacail airson na h-òraid thaitneach a thug e seachad. Mu’n do sgaoil a chuideachd, dh’ ainmich fear-na-cathrach gu ’n robh leabhar-lann na Céilidh a nis fosgailte, gu’n cuirteadh air chuairt na leabhraichean air an ath Dhi-Sathuirne. Air Di-Sathuirne so tighinn an dara là deug de’n mhios so gheibhear òraid Ghàidhlig air “Bride” bho an bhean-uasal E. Nic-illemhicheil á Dùn-Eideann.
CEILIDH NAN GAIDHEAL
Choinnich a’ Chéilidh ann an 7mh seomar Talla na h-Aithne( “Athensæum”) aig an uair àbhaisteach (7.30) air Di-Sathuirne seo ’chaidh. Bha làn chuideachd ann. B’ e Murchadh Màrtuinn fear na cathrach.
Thug an Urr. Iain Mac Caluim òraid air Seann Chleachdaidhean Gàidhealach. Thug e fa-near Cleachdaidhean (1) an àm cogaidh, (2) an àm pòsaidh, agus (3) an àm tiodhlacaidh.
1. —Bheachdaidh e nach b’ urrainn cogadh bhi air a ghairm anns a’ Ghàidhealtachd o shean, ach le aont mòr-chuid an t-sluaigh, agus gu’m b’ e ’n crann-tarra a bh’ air a chur a mach airson tionail an t-sluaigh gu cath.
2. —Gum b’ e comharradh sònruichte na bainnse o shean gu’n robh na coimhearsnaich uile air an gairm, ’s gu’n robh a’ bhanais air a cumail an àird ri seachdain.
3. —Gum b’ e na gnàthan sonruichte bhatar a coimhead aig àm bàis, gu’n robhtar a’ bròn, agus a dannsa, ri gail agus ri caoidh uair mu seach aig a chaithris; agus gu’n robh an tiodhlacadh air a chomharrachadh le ’bhi a’ seinn shalm agus ag òl uisge-beatha—agus gu leòr dheth.
Lean deasbaireachd air an òraid mar is gnàth. Fhuair an t-òradaiche làn taing chridheil bho ’n chuideachd.
Chaidh cach de ’n fheasgar a chur seachad gu sunntach le ceòl agus òrain. Bheir Nial Ros òraid do ’n Chéilidh air an fheasgar so (Di-Sathuirne). ’S e a’ chuspair a bhitheas aige, An Dòigh a’s fhearr air son cumail suas na Gaidhlig.
BLAR COGAIDH.
Cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA.
[Vol . 5. No. 27. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ‘Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton
SIDNI, IANUARAIDH 9. 1897.
Thug sinn inmradh roimhe so air sgeul a thainig á Cuba ag innse gu robh Maceo, ceannard nan ceannairceach, marbh, agus gur ann le foill a chuireadh gu bàs e. Air an t-seachdain so thàinig sgeul gu bheil e beò fhathast; gu’n d’ thug a chàirdean leotha a chorp marbh mar a shaoil iad, agus an deigh dhaibh an campa ruigheachd gu’n d’ fhuair iad gu robh an anail ann. Faodar a bhi cinnteach gu’n d’ fhuair e deagh aire uapa, agus tha e nise beò gun teagamh sam bith, ged nach eil e fhathast, ’s nach bi a cheud-treis, comasach air dad a dheanamh as leth a dhùthcha. Thatar ag radh gu bheil na Cubaich a cur rompa cho luath ’sa bhios e làidir gu leòr, a chur air chuairt do na Stàitean a chum gu’m bi fhios aig an t-saoghal gu bheil e beò. Tha a cheannairc a’ dol air adhart. Tha Weyler ag ràdh gu’n cuir e crioch oirre an ùine ghoirid, ach tha ’n duan sin ’na bheul cho tric ’s nach mor a chreideas e. ’Se ’s docha gu ’n teid i air adhart gus an bi Cuba saor.
Cha’n eil cùisean ach car an-shocrach anns an Roinn-Eòrpa. Ged nach cluinnear a bheag an drasda mu chogadh, gidheadh cha ’n eil e ro choltach gu bheil an t-sith air aire cuid de na rioghachdan. Tha sinn a leughadh an dràsda ’sa rithist gu bheil an Fhraing no a’ Ghearmailt no Ruisia ’ga neartachadh féin agus a’ cur gu mor ri àireamh a h-armailtean. Cha’n eil ni a cumail nan rioghachdan mora o bhi gabhail mu chùl an Turcaich ach cho fior an-earbrach ’sa tha iad as a chéile.
Tha fhios againn gu robh moran d’ ar leughadairean a’ fuireach air ais o phàigheadh gus an tigeadh a Bhliadhn’ Ur. Tha sinn an dòchas nach cuir iad sin an còrr dàil anns a’ chùis ach gu’n cuir iad air adhart e gu’n dàil. Far am bi dàil bidh dearmad, agus tha eagal oirnn ma chuireas iad an tuilleadh dàil ann am pàigheadh MHIC-TALLA, gu’n dean iad dearmad air gu buileach.
Ma chluinneas tu duine sam bith—Gàidheal no Gall—ag radh gu bheil a Ghàilig a’ dol bàs, cha’n eil ann ach duin’ aineolach aig nach eil fhios ciod a tha ’n saoghal a’ deanamh. Da fhichead no leth cheud bliadhna roimhe so, bhiodh tomhas de’n fhirinn aig duine a theireadh a leithid. Anns an àm sin bha Gàidheal aig am biodh Beurla ’ga mheas fhéin na sheòrsa de dhuin-uasal, agus cha leigeadh e le ’chloinn facal de chainnt an dùthcha a labhairt; cha robhtar ’ga meas ach gann mar chainnt idir. Ach an diugh tha car eile anns a chùis; Gàidheal no mac Gàidheil aig nach eil Gàilig, no aig am bheil i ’s nach labhair i, nithear tàir air eadhon leis na Goill. Tha iadsan a bhiodh a deanamh tàire air a Ghàilig air a dhol as an fhasan.
Tha an t-Urr. Domhull L. Domhnullach, sagart Sandy Point, Newfoundland—a cheud fhear-gabhail a bh’ aig a MHAC-TALLA air an eilean sin riamh—ann an litir a sgriobh e ugainn o chionn ghoirid ag radh gu bheil air taobh siar Newfoundland, far am bheil e-fhéin a’ saoithreachadh, taosg mor de Ghàidheil. Chaidh iad a null ann air tùs á Ceap Breatuinn, agus tha ar caraid Urramach ag radh gu bheil an cuid Gàidhlig, —eadhon aig oghachan nan daoine ’shuidhich ann an toiseach—a cheart cho glan ’sa tha i n àite sam bith air an eilean so fhein.
A Columbia Bhreatunnach.
FHIR-DHEASACHAIDH: —Faigh anns an litir so dolar airson bliadhna eile dhe na MHAC-TALLA agus 35c a dh’ iarraidh an leabhair, “Na Bàird Ghàidhealach.” Cha’n eil fios agam cuin a bha ’n ùine mach air son na phàigh mi, ach ’s fhearr an dolar anmoch na gun e g’ad ruigheachd idir. Cha’n eil mi a faighinn paipeir a tha mi cho toilichte dheth ris a MHAC-TALLA- Tha atharrachadh mor air tighinn air ann am meudachd agus ann an grinneas bho na thòisich mi air fhaighinn an toiseach.
Tha moran anns an àite so a thainig á Ceap Breatuinn agus gu àraidh á Hogomah an t-àit anns na rugadh agus na thogadh mi, (ann an Roseburn), agus feadhainn dhiu a leubhas Gailig gle mhath ged nach aithne dhomh gu bheil a h-aon dhiubh a faighinn MHIC-TALLA.
Thainig an geamhradh gle thràth oirnn an so; tha sneachda gu leòr againn air son deagh rathad sleighe o chionn deich no dusan latha agus tha an t-side gle fhuar air son na dùthcha so. Ach mar a’s mo am fuachd ’sann a’s fhearr a bhios an obair anns na mèinnean guail; cha’n eil moran de dh’ obair eile dol air aghart ann an so. Tha sinn a cluinntinn moran fuaim mu na bheil do mhèinnean òir anns an dùthaich so. Cha ’n eil a reir coltais teagamh sam bith nach eil feadhainn dhiubh gle bheairteach ged is cinnteach sinn nach eil iad a leth co math ’s a tha ’san ainm.
’S fheudar dhomh a nise sgur. Na’m bithinn a’m sgoilair Gàilig ’s mi nach bitheadh leisg air sgriobhadh ugad. Is mi do charaid dileas a tha guidhe dhuibh uile Nollaig Chridheil agus Bliadhna mhath ùr.
DOMHNULL MACNEACAIL.
Wellington , B. C.
STOR UR TAILLEARACHD.
Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.
Theid sinn an urras air an obair,
MacCoinnich & Co.
Sidni, C. B.
F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn.
Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.
Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air.
Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.
Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c , &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.
Tha e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin.
Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.
Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.
Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Illemhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitche’s Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.
[Vol . 5. No. 27. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Bhrist fear Aonghas Mac Aonghais a chas ann am Port Morien, a sheachdain gus a bhòn-de, le cnap de ghual a thuiteam air.
Tha sàcramaid na suipeir ri bhi air frithealadh ann an Eaglais St. Andrew’s am màireach. Bha na seirbheisean àbhaisteach anns an eaglais ré na seachdain.
Tha muinntir Vancouver air an clisgeadh romh bhruidheann de robairean a tha anns a’ bhaile, agus a tha toirt air daoine an cuid airgeid a liubhairt dhaibh air a mheadhon latha.
Ma’s fior an sgeul, tha ceannardan an airm ann a Halifacs ag radh gu bheil an Riaghladh Breatunnach, an ùine gun bhi fada, ’dol a thogail daingneachdan làidir ann an Louisburg.
Chaidh duin’ òg d’ am b’ ainm Pàdruig Dùghlach a mharbhadh ann am mèinn Victoria ’sa mhaduinn Di-luain s’a chaidh. Chaidh a bhualadh le té dhe na tubaichean, agus bha e marbh air ball. Cha robh e ach naodh bliadhn’ deug a dh’ aois.
Chuir an t-Onarach Deòrsa Murray, Priomhair Nobha Scotia, an Nollaig ’s a Bliadhn’ Ur seachad aig a dhachaidh ann an Sidni Tuath. Thug e sgriob do Bhaddeck ré na h-ùine sin, agus bha e uair no dha ann an Sidni. Chaidh e air ais do Halifacs Di-mairt.
Bha uisge trom ann fad dha no tri lathaichean air an t-seachdain so. Thug e air falbh an sneachda gu buileach, agus bha na ròidean anabarrach dona. Bho oidhche Dhi-ciaduin, bha reothadh ann, agus tha ’n talamh a nise cruaidh, tioram, ach cha ’n eil dad a choltas sneachd air an t-side.
Fhuair an t-Urr. Ruairidh Mac Aonghais, sagart na Meinn Uire, sporan anns an robh ceud dolair de dh’ òr mar ghibht bho òigridh a pharaiste latha na Bliadhn’ Uire. Tha so a’ nochdadh gu bheil Maighstir Mac Aonghas gle mheasail aig an t-sluagh am measg am bheil e ’soithreachadh.
Chaidh dotair Frangach a dh’ fhuireach ann an Algeria, agus an deigh dha bhi ann àireamh bhliadhnaichean, thionndaidh e ’na Mhahomedanach. Thill e do ’n Fhraing, agus an la roimhe chaidh a thaghadh gu bhi na fhear-pàrlamaid—a cheud fhear de chreud Mhahomed a fhuair do phàrlamaid na Frainge riamh.
Chaidh drochad mhor a thogail thairis air an amhuinn Danube air a bhliadhna s’a dh’ fhalbh, air son an t-slighe eadar Lunnainn us Constantinople a dheanamh na ’s giorra. Tha i naodh mile dh’ fhad, agus ’si drochaid rathaid-iaruinn a’s fhaide th’ air an t-saoghal. ’S ainmeil an drochaid a tha thairis air an amhuinn Tay an Alba, ach tha i so mile troigh na ’s fhaide na i.
Tha còrr us deich bailtean fichead ann an Ontario anns am bheil an curfew mar lagh: tha clag air a bhualadh aig àm àraidh gach oidhche, agus an uair sin, tha aca-san uile tha fo aois chòig no shia bliadhn’ deug ris na taighean a thoirt orra. ’S aithne dhuinn baile no dha anns an cuirte feum air a leithid sid de lagh, agus cha ’n eil teagamh nach bi e aca mu’n ruith moran bhliadhnaichean.
Chaochail boirionnach ann anRiver John,an siorrachd Phictou, o chionn ghoirid, a bha ceithir fichead bliadhna ’sa dha dheug a dh’ aois, agus a bha ann an seadh, air a fàgail leatha fhéin o chionn aireamh bhliadhnaichean. Shiubhail a bràithrean ’sa peathraichean, a fear pòsdr, agus a h-uile h-aon de ’cloinn roimhpe; ach a dh’aindeoin sin, bha i gu deireadh a làithean striochte ri crannchur, agus eadhon toilichte ’na h-inntinn. Bha i pòsda aig fear Deòrsa Gordon, a chriochnaich a thurus àireamh mhor bhliadhnaichean roimhpe.
Tha moran de bhuinn airgeid a’ dol mu ’n cuairt anns an duthaich so a tha air am milleadh le bhi air an gearradh no air an tolladh. Cha ’n eil buinn a tha mar sin ’nan airgead laghail, agus duine sam bith a gheibhear ciontach de bhi milleadh airgeid air an dòigh sin, faodar a phriosanachadh.
Thainig a chùirt a bh’ ann am Boston a feuchainn nan daoine air an robh amhrus a thaobh a mhoirt a rinneadh air bòrd an t-soithich Herbert Fuller, gu crich air an t-seachdain so, agus fhuaireadh am meat Bram ciontach. Cha robh an jury uile gu léir aon-ghuthach mu’n chàs agus tha e coltach gu’m feumar fheuchainn fhathast.
Tha na daoine ’s eòlaiche air staid Armenia ag radh nach lugha na leth-cheud mile duine cloinne a bha air am fàgail ’nan dilleachdain le lamh nan Turcach air a bhliadhna so dh’ fhalbh. Iarrar fuil pàrantan na cloinne sin orra-san a cheadaich do ’n t-Sultan a dhol air adhart a’ sgrios nan neo-chiontach gun bhacadh sam bith a chur air.
Iadsan a Phaigh.
Padruig Mac Fhionghain, New Canada. $2 .00.
Domhnull Mac Fhearghais, Caribou Marsh.
Alasdair N. Domhnullach, Port Morien.
M. R. Mac Neill, Benacadie Pond.
Iain Mac-a- Phi, Seana Bhridgeport.
Ailein D. Mac Eachairn Sidni. 50c.
Domhnull Mac Cuthais, Bridgeport .
Coinneach Mac-an-Toisich, Bai ’n Iar.
Aonghas Mac Ritchie, Baile nan Gall.
Bean Raonuil Dhomhnullaich, M . B. Road.
Somhairle Mac Neacail, an Amhuinn Mheadhonach.
Cailein Caimbeul, an Amhuinn Mheadhonach.
An t-Urr L, I, Mac-a- Phearsain, D’Escousse.
An t-Urr Uilleam Calder, Marion Bridge. $3 .00.
A. B. Domhnullach, Meat Cove.
Eobhan Mac Fhionghain, Rosedale .
Iain Mac-a- Bhiocair, Catalone .
R. Mac Citheagain, Gut Chatalone.
Mor A. Nic-Gilleain, Loch Ainslie.
Mor Nic-an-Toisich, Orangedale .
Domhnull Mac-Gill-Fhinnein, Boulardarie .
Somhairle Mac Gilleain, St . Esperit.
Calum Mac Fhearghais, St . Esperit
Ruairidh Mac Gilleain, St . Esperit
Seumas R, Dùghlach, Grand Mira, 50c.
Mairi Cheanadach, Alba, 50c.
Eachunn Mac Neill, South Bar,50c.
Donnacha I, Gillios, Hawthorne ,25c.
Ceit I. Nic Neill, cùl Iona, 25c.
A. I. Moireastan, Joggins Mines,25c.
Calum Gillios, Blue ’s Mills.
An t-Oilear A. G. Domhnullach, Truro , N. S.
Domhnull Domhnullach, Ashdale , N. S.
Seumas Mac Rath, Marshy Hope, N. S.
Frank Anderson, Niagara Falls, Ont.
Bean Iain Mc ’Ille-Mhaoil, Gleann Sandfield, Ont.
D. I. Friseal, Vankleek Hill, Ont.
A. J. Mac Dhiarmaid, Ottawa , Ont.
D. Mac Cuthaig, Ottawa , Ont.
Tigh nan Cumantach, Ottawa , Ont.
Seumas Mac Gille-Mhaoil, South Finch, Ont.
Aonghas Mac Fhearghais, Port Hammond, B. C.
Domhnull Mac Neacail, Wellington , B. C.
Domhnull Mac Fhionghain, Earlswood , N. W. T.
Seumas N. Mac Fhionghain, Moosomin , N. W. T.
Seumas Gillios, Gagetown , Mich.
Am Breitheamh Domhnullach, Calumet , Mich.
Griogar Mac Fhionghain, Arthur , N. Dakota.
Nial Shà, Rosebury, Manitoba .
An t-Urr. D. L. Domhnullach, Sandy Point, Nfld.
Andra Mac Gille-chriosd, Burnbank ,Alba.
BAS.
Aig 286 Sraid Anna, Ottawa, Ontario, air an 17mh la de Dhesember, 1896, Donnachadh Eoghainn Christie Mac Diarmaid, treas mac Aonghais Mhic Diarmaid, 26 bliadhna agus 5 miosan a dh’ aois. Chaidh a chorp a thoirt air a’ charbad-iaruinn gu Maxviile, ’s as a sin gus an Amhuinn a Tuath teann air Baile-Mhartuinn faa an deach a thiodhlacadh.
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.
C. P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B,
Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha.
[Vol . 5. No. 27. p. 6]
Alba ’san Naodhamh Linn Deug.
’An déigh bàis Challuim thug a bhràthair, Dòmhull Bàn, tàmhadh air a’ chrùn. Agus feudar beachd a thogail air an staid ’s an robh an rioghachd o’n cheud Achd a rinn an rìgh ùr. B’ e sin na h-uil’ eilthireach no neach nach buineadh do ’n rioghachd g’ a grad fhàgail. Tha so a’ cur ni éigin de sholus air mar a bha àrd uaislean na rioghachd air am brosnachadh leis an struidhealachd a bha Callum Ceann-mòr a’ gnàthachadh ann a bhi ’buileachadh fearann Alba air na deirleanaibh a thàinig á Sasunn an déìgh ban-righ Mairearait. Roinn Uilleam am Buadhair fearann Shasuinn ’na thrì fichead mìl’ earrann, ’s bhuilich e ’m fearann a réir na h-oifig a bh’ aca ’s an arm. Cha robh e ’foighneachd cò aig an robh còir air roimhe sud, no aig nach robh. Ghabh e sealbh air an rioghachd mar a dheanadh fear-reubainn air tigh a ghlac e. Rinn e tràillean de ’n chuid mhòr de shluagh na tìre, a bha na h-oifigich ud a’ reiceadh ’s a’ ceannach maille ris an fhearann, mar gu ’m bu stoc spréidh iad. Agus a’ chuid de nach d’ rinn e tràillean bha iad ’an daorsa le seirbhis chruaidh. Dh’ fheumadh iad a bhi ’n ceann gach seirbhis bu chruaidhe, ’s bu tàireile na chéile. Rinn am Buadhair Normanach sin air son an rioghachd a dheanamh cinnteach dha féin ’s da shliochd. B’ e ’n cumha air an d’ fhuair na h-oifigich ud am fearann, gu ’m biodh iad fein ’s na bha de shluagh air an fhearann ullamh gu éiridh a mach a chogadh leis an rìgh uair sam bith a thogradh e fios a chur orra. Bha na h-àrd oifigich ud a’ toirt an fhearainn do oifigich bheaga fodhpa féin air a’ chumha cheudna. Bha mar so an sluagh uile ceangailte mar shaighdearaibh aig na Normanach. Rinn esan sud gu glic ’na ghinealach féin, ach gu h-ain-tighearnail ’s gu fòirneartach, ged a ghiùlaineadh leis car ùine. Agus feumar a bhi ’g aithris droch ghnìomharan an uile-bheist ud ’an eachdraidh Alba air son da aobhair. An toiseach, a chionn gu’n d’ fhuadaich sud mòran de àrd-uaislean Shasuinn a mach as an rioghachd. Rinneadh orra féin a nis mar a rinn an aithrichean air seann luchd-àiteachaidh na tìre. Agus a rìs, a chionn gu ’n d’ rinn rìghrean eile na Roinn-Eòrpa, ’s rìgh Alba mar aon diubh, an dearbh ni so ri fearann ’us sluagh nan dùthchanna aca’ féin fa leth. Agus mhair an rian so ré cheudan bliadhna an Alba mar ’an tìribh eile. Agus dh’ fheudta iomadh eisimpleir mar dhearbhadh air sin ainmeachadh ’an eachdraidh Alba. Nis an uair a fhuair agus a ghabh an creachadair Normanach an cothrom ud air Sasunn, bha na daoin’ -uaisle o’n robh e ’toirt an cuid fearainn a’ tighinn ’n an sruth a nail do Alba, le’n làmhaibh mu ’n ceann gu ’n gearan a dheanamh ri ban-righ Mairearat. Dh’ iarradh is’ air an rìgh, ’s bheireadh esan do na h-eilthirich stiallag mhaith fhearainn an so ’s an sud air feadh Alba, air a’ chumh’ ud mu ’n robh sinn a’ labhairt. Agus ’s ann do na teaghlaichibh ud a bhuineas roinn mhaith de Mhorairean ’s de Ridirean Galltachd Alba gus an là ’n diugh. Agus o nach robh pàrlamaid anns na h-amaibh ud bha cothrom aig an rìgh a thoil féin a dheanamh fhad ’s bu bheò e. Feudar a bhi cinnteach ma ta, nach bu ni taitneach le seann luchd-fearainn na Galltachd a bhi faicinn nan Sgaothach ud a’ dòmhlachadh a steach air gach làimh dhiubh. ’S gun teagamh bha Domhull Bàn a’ tuigsinn sin an àm dha bhi deanamh air son leum a thoirt do’n righ-chaithir. Ach o nach do sheas an rioghachd air a thaobh, agus gur coslaiche nach robh iad idir air a shon, bha na tighearnan Sasunnach a bh’ air ùr-theachd do ’n tìr ro chruaidh air a shon, ’s dh’ éirich iad ’na aghaidh. Agus le ’n comhnadh-san fhuair Donnachadh, mac bu shine an righ mu dheireadh, agus a bha ’s an àm sin na oifigeach ’s an arm Shasunnach, sealbh air an righ-chaithir. Ach cha b’ fhad a mheal e’n onair sin. Chaidh a mharbhadh beagan mhìosan an déigh sin, mar tha cuid ag ràdh, le brathadair a chuir Domhull Bàn uaithe. ’S e ’s coslaiche gu ’m bu mhac diolain Donnachadh, oir tha e glé dhuilich a dheanamh a mach gu’n robh Callum Ceann-mòr pòsda da uair. Fhuair Domhull Bàn an crùn mu ’cheann aon uair eile an déigh bàis Dhonnachaidh. Ach mu ’n cuairt do dha bhliadhn’ an déigh sin chuir Edgar, am mac bu shine ’bha làthair de ’n t-sliochd rioghail, dheth’n chaithir e, chuireadh a shùilean a mach, ’s chuireadh ’an gainntir e ré a bheatha. Rioghaich Edgar naoi bliadhna, ’s thàinig a bhràthair a b’ fhaisge, Alastair, a dh’ ionnsuidh na caithreach. Cha ’n ’eil mòran r’a innseadh mu rioghachadh an fhir a chaidh roimhe. Bha e anabarrach tighearnail ’na mhodh déiligidh ris na h-ull’ a thigeadh fagus da. Theireadh iad “Alastair an Gairgean” ris mar fhar-ainm. Chuir e sios gu h-ath-ghoirid aon troimhe chéile dh’ eirich ’s an taobh Mhuireach ’na rioghachadh, ’n uair a dh’ eirich Aonghas, ogha do Lùlaoch, suas an aghaidh an ùghdarrais rioghail ’an dòchas gu’m faigheadh e féin thun na righ-chaithreach. Ged a chuireadh am Muireach sios aig an àm sin, dh’ éirich e rìs deich bliadhn’ an déigh sin ’n uair a chuireadh sios e gu buileach air sheòl ’s nach d’ éirich e tuilleadh. Bhàsaich Alastair an Gairgean gun chloinn an déigh sheachd bliadhna deug de rioghachadh, agus thàinig Daibhidh a bhràthair a b’ òige a dh’ ionnsuidh na caithreach, ’s a’ bhliadhna 1124. Thàinig mar so triùir mac ban-righ Mairearait gu bhi nan rìghribh, agus am fear mu dheireadh gu bhi air thoiseach a thaobh urraim ’us cumhachd. Bha aon phiuthar aige d’ am b’ ainm Maud, a phòs Eanruic Beau-clerc rìgh Shasuinn. B’ e Eanruic so mac a b’ òig’ Uilleim a’ Bhuadhair. Phòs e nighean ban-righ Mairearait a bha de sheann sliochd rioghail Shasuinn, ’an dùil gu’n neartaicheadh sin a ghreim féin air a’ chrùn. Tha e oillteil ri innseadh an dòigh ’s an do laimhsich an righ ud a bhràthair bu shine na e féin, agus a b’e oighre dligheach a’ chrùin, a réir a’ ghné dlighe ’bha ’s an teaghlach ud. Bha Richard thall ’am Palestin ’nuair a bhàsaich Uilleam Rufus, an ceud aon de na bràithrean a rioghaich. Ghabh Eanruic sealbh dha féin air an rioghachd, cbuir e ’n teich air Richard ann am blàr ’an Normandi, ’s ghlac e mar phriosanach e ’s chuir e mach a shùilean, ’s chum e ’na phriosunach e déich bliadhna fichead. So mar a bha na mic a’ mealtuinn buaidh an ’athar. Bha mac ’us nighean aig Eanruic o bhan-righ Maud. Bhàthadh am mac so air an t-slighe tighinn as an Fhraing. Mar so thàinig an nighean air an robh ainm a màthar gu bhi ’na ban-oishre air crùn Shasuinn. Bha i air pòsadh Geofri Plantagenet, diùc Anjou. ’Nuair a bhàsaich Eanruic ’s a’ bhliadhna 1135, thug e air a chàirdean mionnachadh gu’n cuidicheadh iad a nighean a dh’ ionnsuidh na caithreach. Bha mac peathar aige d’ am b’ ainm Stephen, a thàinig fo na h-aon bhòidibh ri càch. Ach ’n uair a fhuair e ’chathair falamh, agus greim air iuchraichibh nan tighean ionmhais, sgap e ’n t-òr a’ measg nan àrd uaislean, ’s fhuair se e féin air éigheach ’na righ. —Eachdraidh na h-Alba.
Am Mod agus a’ Ghaidhlig.
(Highland News)
FHIR-DEASACHAIDH, —Tha neach ’us neach a toirt duinn am barail fein air a mhòd ach tha aon ni air nach fhaca mi iomradh sam bith air a dheanamh, agus is e sin cho beag Gàidhlig ’s a bha ri cluinntinn aig a chruinneachadh sin. Gun teagamh bha na h-òrain gu leir anns a’ Ghàidhlig ach bha uile ghnothuichean na coinneimh air an giùlan air adhart ann am Beurla chruaidh nan Gall. Ged a tha pailteas Gàidhlig aig an Lighich MacGriogair a bha anns a’ chathair cha chuala mi facal di tighinn as a cheann; ni mo chunnaic na Rùn-chleirich no an luchd-dreuchd eile iomchuidh feum sam bith a dheanamh de ’n chainnt air sgàth an robh iad a gabhail na h-uiread de dhragh. Eadhon an t-altachadh a chaidh a radh roimh ar tràth-noin is ann sa Bheurla a bha e.
Anns an “Naigheachd Ghaidhealach” air an t-seachdain a chaidh seachad bha “C. M. P.” a faotainn coire do’n Lighich Mac Ill-Iosa airson nach ’eil e a sgriobhadh ni ’s mò anns a’ Ghàidhlig na tha e deanamh, ach de th’ aige ri radh mu dheidhinn a Chomuinn Ghàidhealaich? Faodaidh an Lighich Mac Ill-Iosa a bhi ag oibreachadh anns an dòigh a shaoileas e fein is fearr agus cha ’n ’eil cunntas aige ri thoirt do neach sam bith ach do ’chogais fein, ach so agaibh comunn a bha air a chur air chois a dh’ aon ghnothuch gus a’ Ghàidhlig a chumail suas, agus nuair a theid mi do ’n mhòd bhliadhnail gheibh mi na h-uile ni air a dheanamh anns a’ Bheurla. Ach cha ’n abair mi an còrr air a chùis so an drast.
’S e an t-aon ni mòr a tha dhith oirnn an
[Vol . 5. No. 27. p. 7]
diugh gu ’m bitheadh a chainnt air a teagasg anns na sgoilibh, agus is i mo bheachd fein (agus cha ’n ’eil mi na m’ aonar innte) gur i an aon dòigh air so a thoirt mu ’n cuairt, duaisean matha a thoirt do na maighstearan-sgoile a chuireas an àireamh a’s mo troimh lamhan an fhir-cheasnachaidh, a gabhail cunntas de ’n aireamh a th’ anns an sgoil gu leir. Nis, tha am Mòd gu bhi ann an Inbhirnis an ath bhliadhna agus dh’ iarrainn oirbhse, Fhir-dheasachaidh, gu’m bitheadh sibh cho math agus gu’n gabhadh sibh cùram de airgead sam bith a chuireadh bhur leughadairean chugaibh airson duaisean de’n t-seorsa so a dheanamh suas, a bhitheadh air an tairgseadh comh-cheangailte ris a Mhòd. Cha’n ’eil teagamh sam bith agam nach ’eil iomadh neach air feadh na Gaidhealtachd agus an àitean eile a bhitheas deònach air beagan airgid a chur chugaibh airson an aobhair so.
Bu choir do luchd-comhairle a’ Chomuinn Ghaidhealaich latha a’ Mhòid a shuidheachadh gun dàil agus fios a thoirt duinn air ball air gach comh-dheuchainn airson am bheil iad air bheachd duaisean a thairgseadh. Tha mi cinnteach gu’n oibricheadh so airson math a Chomuinn.
Cha’n urrainn domh crioch a chur air mo litir gun a bhi toirt taing duibh airson an tomhas mor Gàidhlig a thug sibh dhuinn anns a’ phaipeir mu dheireadh. Cha’n fhaca mi riamh paipeir-naigheachd Albannach a cloth-bhualadh na h-uireid aig an aon àm. Gu ma fada beo sibh gu bhi cumail suas “ar cànain aosda, blasda, binn.”
Is mise bhur caraid,
CABAR-FEIDH.
Lunnain, 28, 11, ’9g.
Litir a Eilean a Phrionnsa.
Bliadhna mhath ur do chairdean a MHIC-TALLA— ’n-ear ’sa ’n-iar, tuath is deas.
Tha mise 74 bliadhna dh’ aois agus mo fhradharc air falbh gu mor ’s bu mhaith leam beannrchd a chur a dh’ ionnsuidh cairdean MHIC-TALLA uile—gu sònruicht’ a luchd-sgriobhaidh agus gu ro shònruicht’ a chuid dhiu ’tha ’n taobh thall do ’n chuan mhor a tha cho cuimhneachail oirnn—mar tha Iain coir agus Bodachan a Ghàraidh. Ghabh mi eagal aon uair gu robh iad a dol a chur bearn as an cuid chliathan; b’e sin an call, oir tha meas mor agam air an cuid litrichean. B’fhearr leam gu robh Bodachan a Ghàraidh a bhos greis an seo fiach an cuireadh e as do dhroch luibhe ’th’againn ris an abair iad gu baeugach Daisy; far am bi e cha mhor gu’m bi ann ach e féin. Far am bi bàrr gràin cha nochd e e-féin cho mor, ach an uair a bhios an talamh a mach fo i fhiar bidh an raon co geal ri currag.
Bha duin’ àraidh ann an àite sònruicht’ a sgriobh da litir “o Chreag an Fhithich,” agus gu dearbh bha iad math, ’s mar do chuir am fitheach leis a chreig e b’ fhearr leam gu’n cuireadh e tuilleadh a nall. Agus “Cabar Féidh” còir, ’sann a tha eagal orm gur ann a chuir iad a chròic dheth; ach mur do chuir cluinnidh am MAC-TALLA uaithe ’n ùine gun bhi fada. Tha duine còir eile ann a R. I. —Aonghas—duine cumhachdach ’san fhirinn, ’s cha’n ioghnadh sinn ’s e cho cumhachdach ’sa Ghàidhlig; mar a thuirt an duine còir roimhe—creideimh gun Ghàilig cha mhor a bheirinn fhin air a shon.
Tha moran eile do dhaoine gleusda air an taobh so de’n chuan a’ sgriobhadh a dh’ ionnsuidh a MHIC-TALLA. Tha sinn bho fhiachaibh dhoibh, ach cha’n urrainn mi luaidh orr’ an dràst’.
Bha a h-uile seòrsa barra gu math air an eilean am bliadhna ach am buntata, ach tha prisean bochd air gràn ’s air feòil, air chor ’s gu bheil moran againn (seadh a chuid a’s bochda dhe’n tuath) ga fhaotainn doirbh gu leòr an creideas a sheasamh.
Bha daoine gle mhath dheth air an eilean bliadhnaichean air ais—bha ’n t-airgiod pailt ’s prisean àrd—ach cha robh sinn cho glic ri Ioseph. Cheannaich daoine moran do nithe a dhaoidte deanamh as an aonais; ach an uair a thionndaidh an roth an rathad eile tha e nise gle dhoirbh sealltuinn ’san aodann air na ceannaichean. Ach se daoine còire truasail a th’ anns na ceannaichean ’s tha fhios aca gu faigh iad an cuid fhéin le ríadh ge do thigeadh e gu h-aon ’s gu dha, seadh gu groigean an lagha. Tha pailteas do bhiadh airson duine a’s ainmhidh air an eilean so an diugh; ’sann ris bu chòir a radh, “ ’Se eilean a’s maisich’ ’s a’s pailt’ ann am biadh.”
Chuir a Phàrlamaid beagan cis oirnn ach bhuinn iad gle shuairc ruinn. Thug iad cead do gach duine a chuid fearainn fhéin a mheas agus seòrsa eile an ionmhais, ach leag iad a chis cho aotrom, cha chuireadh e grainne air a bhalgam na snaithne san fhiacail dhe na dh’ fheumadh iad.
Ach an deigh sin uile c’ait a bheil àit a’s fhearr na seo. Dòcha gu’n can cuid gur e cleas faoileag an droch cladaich a th’ againn, gur e ’n cladach aice fhein cladach is fhearr air an t-saoghal.
Na biodh ro churam oirnn. “ ’Nuair is tinne ’n taod ’sann as dual da bristeadh.”
Faodaidh sibh seo a ridleadh ’s ma tha dad ann as fhiach, thugaibh dha’n MHAC-TALLA e. Is mi ur caraid a ghnàth,
MURCHA’ CAM.
Bail’ an Tobair, E. P. I., 1, 1, ’97.
P. S. Tha ’n da iarunn dhiag san teallach aig “C. C.” ach tha e mar a bha ’n taillear san sgeulachd, “Chi mi sin ’s fuailidh mi seo.” Tha ’shuilair MAC-TALLA, ach an uair a gheibh sibh rud uaithesan bidh e trom, tarbhach.
M. C.
Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notairean &c . &c .
SIDNI, C. B.
CARADH
Uaireadairean
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.
Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar uthcha tha ’nar beachd
McDonald Hanrahan & Co,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4.; ’95
[Vol . 5. No. 27. p. 8]
Dan an Uisge-Bheatha.
Cha ’n fhaod mi ris fuireach, ged phaighte dhomh chruinne,
’S e faoin-fhear a shluigeadh an dubhan gu chall,
Na dh’ oladh an drubhag á caochan na duuach,
’S ma ’n tràigh thu e buileach, bi ’n tubaist ’s a’ cheann.
Biodh teas na biodh fuachd ann, cha bhi e g ’ar buannachd,
Cha ’n ’fhag e sinn uallach ach truagh luideach fann,
’S ann a dh’ fhògras sinn bhuainn e mar phlàigh a ni sguabadh;
’S e puinnsean an uamhais gach uair tha ’s an dram.
Mar neòil maduinn chéitein a mùthadh na gréine,
Ar ’n inntinn gun géill da, ma theid sinn na chòir;
’S an teanga bu ghéire gu’n leòn e gu gleusd’ i;
Theid sgleò air do léirsinn, cha léir dhut do bhròg.
Leann-aobhair gach eucoir ’s ciùrte na chéile,
Gach gras-an ni threigsinn fear-éibhach nan stòp.
’S an cumhnanta breun ann ’s dubh aogas a’ sheul e,
’S e ùine agus céille bheir reusan ’na chòir.
Fear aon-sùil na faillinn gun aithnich air fàireadh
’M poitear air straid gu de bhlàth anns an àm,
A mhala bi gearrte, sùil dhùinte neo dha dhiu,
Mar bhriathran ag radh riut, “mo ghradhsa se ’n dram.”
’Cur seachad a shaoghail an dachaidh na daorsna,
Ni fheannadh ’s a rùsgadh ’s gun chaomhalachd ann;
Ach ’s miosa na chùis sin bi’dh ’anam gun diù dheth,
’S gun bheatha ri faotainn ’s an taobh ach gu chall.
Bidh ’aodach na shròichdean, cha ’n fhaod e bhi leòmach,
Cha teid e ’na chòmhlan Di-dònaich ’se gann,
Ach iarr dan tigh-osd’ e ’s cha ’n ionndrainn e còta,
Bréid-sgùraidh ni leòr dha ’s an dreòis ud ’na cheann.
Na casan bha lùthmhor gu siubhal an aonaich,
Cha dian iad a ghiùlan ’s an lùths air a chall;
Ged ’s tric air a ghliun è, cha’n ann ris an ùrnuigh,
’Toirt aoradh da’n liunn’ ni e lùbadh ’s an àm.
Dh’ an leabaidh ’n uair theid e mu ghlasadh ann speuran,
Bi ’fheòil troimhe chéile ’s cha ’n eibhinn a chainnt,
A’ ghrian ’nuair a dh’ éireas, a buadhan cha léir da,
Ach bruaillean ’no éibheach, “mo leireadh, mo cheann!”
Gun smaointean an tràth sin cho caol ’sa tha snàthlain,
’S cho faoin ’sa tha ’n àit’ bheil a shàiltean ’s an àm,
’S gu faodar a smàladh mar chrùisgean nach dearrsadh,
Mar chraoibh am biodh faillinn an gàradh nam plannt.
Cha ’n òl sinn a ghrùid ud a thairneadh d’ an stùr sinn,
Na ’s isle na brùid bi gach ann theid na champ:
’S e uisge na ’n aonach dh’ fhàg nàdur mar chùnnradh,
’S e dh’ fhàgadh sinn aotrom ’s a dhùisgeadh fear fann.
Cha taobh sinn ’s a chùil e ’s cha ’n àill leinn air bhùird e,
’S gun bhuaidh air ri chùnntas, ’s ann chaochail na bh’ ann;
Gur sgrios air na daoin’ e mar theine gun mhùchadh,
Mar bheitheir a rùsgadh air aodann nam beann.
Cha chum e rium slàinte gach cùis tha ’ga smàladh,
Gun aon dhiu na fhàbhar s gun sàbhaladh ann,
Cha dirich fear àradh na buannachd gu brath leis,
Cha bhuannaich e àirde ach tearnaidh e trang.
S. N. MAC FHIONGHAIN.
Crodh Chailein.
Gun dugadh crodh Chailein
Dhomh bain’ air an fhraoch,
Gun bhuarach, gun ghogan,
Gun bhoiceann, gun laogh;
Gun aon ni fo ’n domhan
Ach suidhe r’ an taobh.
Cha dèid mise Ghleann-Falaich
Far nach h-aithnich iad mi;
Cha dèid mis’ an Ghleann-uaine
Far an uamharra ’n t-sid;
Far an trom an laigh’ ghaillionn
’S nach bi bain’ aig an ni.
Is glic agus ceart a runaich baintighearn araidh roimh so mu theagasg a cuid nighean fein. Thubhairt i, “Feuch gu’m faigh gach caileag, biodh i uasal no iosal, deagh eolas air ceaird, no obair air choreigin. Seadh, ionnsaicheadh i le curam an ni sin d’am mo am bheil do spéis aice, ge b’e ciod e. Cuireadh i a lamh ris gach gniomh feumail air feadh an taighe air a shuaraichead; cha tig an la anns an gabh i aithreachas.
Ann an Ruisia mur a pòs duine mu’m bi e ceithir fichead, cha’n fhaod e pòsadh tuilleadh, agus cha’n fhaod neach sam bith pòsadh barrachd us còig uairean.
Mar creideamaid ach na nithe sin a mhain a ta sinn a’ tuigsinn, bhiodh ar n-eòlas a thaobh gach cùise araon beag agus cuibhrichte; agus cha bhiodh e ’nar comas gnothuichean an t-saoghail a ghiùlan air an aghaidh.
NA BAIRD GHAIDHEALACH. —Cuirear an leabhar so gu duine sam bith a chuireas air adhart 35c., no tri airson dolair.
AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leigsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD.
Cuir a dh’ iarraidh sampuill, teisteannais us urrais.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia. —agus—127 State St., Boston, Mass.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MHAC-TALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean.
NUAIR THEID THU ’BHADDECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram, Bathar Cruaidh
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile.
An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.
THA SO AIR A CHUMAIL DO
D. J. DOMHNULLACH,
SIDNI, C. B.
“Eagle Parlor” Matches
Tha iad gle mheasail air smocairean, agus aig mnathan-taighe.
Tha iad gle thaitneach ri ’n ùisneachadh oir cha’n eil faileadh dhuibh idir.
THE E. B. EDDY Co LIMITED
HULL,
MONTREAL,
TORONTO.
title | Issue 27 |
internal date | 1897.0 |
display date | 1897 |
publication date | 1897 |
level | |
reference template | Mac-Talla V No. 27. %p |
parent text | Volume 5 |