[Vol . 5. No. 28. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IANUARAIDH 16, 1897. No. 28.
Litir a New Zealand.
“KAURIE GUM.”
’N uair a sgriobh mi ugaibh mu ’n iasg, bha e ’nam bheachd tuilleadh a sgriobhadh uime, ach smaoinich mi gu robh iasgach na dùthcha so cho beag diu ’s nach b’ fhiach e ’n t-saothair a bha mi ’cosg ag innse mu dheibhinn. Cha bhi mi toirt an còrr iomraidh air an dràsda; sguiridh mi a sgriobhadh nithean mi-choltach mu ’n iasg; dh’ innis mi gu leòr mar tha.
Bheir mi dhaibh beagan cùnntais air “Kaurie Gum” an ceann tòisich na litreach so. Tha an stuth so a’ sileadh bho’n chraoibh Kaurie, na sheòrsa ròiseid mar a bhios a tigh’nn bho’n ghiuthas. Ma tha gearradh no bristeadh sam bith air cairt na craoibhe, tha e ’ruith a mach na bhidh, cho geal ri bainne, ’sa ruith dh’ ionnsuidh an talamh. Tha e ’cruadhachadh an ùine gle ghoirid, agus bidh e air fhalach leis gach duilleach us stùir a bhios a’ tuiteam bhar nan craobh. ’Se so an toiseach aige, ’s tha e na stiallain mora geala ris na craobhan, coltach ri geir coinnle. Cha’n eil faoighneachd sam bith air ’nuair a bhitheas e mar so. ’S ann a bhios féill air ’nuair a tha e air a chladhach as an talamh; uairean a gheibhear e gle fhaisg air uachdar na talmhainn, agus uaireannan eile bidh e àireamh mhor throighean fodha, gu sònruichte far am bheil an talamh bog. Tha e ’na mhill air a h-uile cumadh, agus dhe gach meudachd; uaireannan tha cnapan dhe cho mor ’s gu’n tomhais iad ceud punnd, ach tha e na’s pailte na mhirean beaga. Cha’n eil e air fhaotainn ach a mhàin anns an earainn so de ’n dùthaich anns am bheil na craobhan Kaurie a fas, agus tha ’chraobh sin daonnan ann an talamh bochd. Tha an gum air fhaotainn mar an ceudna ann an àiteachan a tha mi-fhreagarrach air son tuathanachais. Tha raointean air an cur air leith air feadh na dùthcha leis a’ Chrùn air son àite saor a bhi aig an luchd-cladhaich. Tha moran de ’n fhearann shaor sin aig an tuath ’s iad a pàigheadh màil air a shon gach bliadhna. Tha an gum gle dheiseil do fhear an fhearainn; ma bhios gainn’ airgeid air, theid e mach a chladhach, ’s thig e dhachaidh le eallach. Ged bha ’n gum an toiseach air uachdar an talamh, tha e ’na ni iongantach mar tha e a nis air fhaotainn cho domhainn ’san talamh, far am bheil e an tasgadh o chionn mhiltean bliadhna, ’s an liuthad atharrashadh a thainig air an t-saoghal anns an ùine sin. Tha e ’na ghnothuch diomhair a tha doirbh eadhon do dhaoine ionnsaichte a thuigsinn.
Tha ’n Kaurie Gum so air iomadh dath, gu bitheanta buidhe-ghlas le stiallan troimhe mar gu’m bitheadh e air a bhloigh-mheasgachadh. Tha gu tric moran dheth dubh, dearg, us geal. Tha na dathan so a’ tighinn le sùgh na cartach a bhi dol na mheasg ’nuair tha e bog bho’n chraoibh. Tha cuid dhe trid-shoillseach mar ghloinne, coltach ris an omar. ’Se ni aluinn a th’ anns an t-seorsa sin, agus gheibhear pris mhor air. Loisgidh e gu bras le cop air uachdar, ach cha leagh e idir mar a ni ròiseid a ghiuthais. Cha dean olla sam bith feum air. ’Se stuth làidir an aon ni a cho’ -mheasgaicheas ris. Tha aon ni àraidh a thatar a’ deanamh dheth, ’se sin sliob-olla, no seorsa de “copal,” ni a thatar a’ cur am feum fad us farsuinn. ’Se aon àite th’ anns an dùthaich so anns am bheileas a deanamh na sliob-olla so. Ged ’s e ’n aon ghnè a th’ anns a ghum so, tha eadar dhealachadh mor ’na phris. ’S iad na Maories a bha ’n toiseach ’ga chladhach an uair a bha e faisg air uachdar na talmhainn. Ma dheireadh thòisich na daoine geala ri chladhach, ’nuair a dh’fhàs cosnadh eile gann. ’Si ’n acfhuinn àraidh a th’ aca air son na h-obrach so, sleagh mor air a cheangal gu tearuinte ri maide. Leis a so tha e ’brodadh na talmhainn gus am buail e an rud a tha dhith air. Tha sluasaid air sreing ’ga slaodadh na dheigh deiseil air son cladhach. Tha na daoine geala na’s fhearr air an obair a dheanamh na tha na Maories. An àite doigh na Maories tha aca nise sleagh mu cheithir no coig a throighean a dh’ fhad a theid domhain ’san talamh. Tha e air a chur ann an seann chas sluasaid air son a bhi deiseil d’a laimh. ’S anabarrach mor na plochdan a tha duine mar sin a tionndadh. Tha rithist cuid ri obair“paddocking; ” ’se sin a bhi tionndadh an raoin as a cheann gus na bhios ann a thoirt as. Tha cladhach a ghum gle mhi-chinnteach; cha bhi fhios aig duine cuin a thig e air, agus tha sin a’ cur sùrd air duine gus a bhi ’ga leantuinn, oir dh’fhaoide gur ann ’nuair a’s lugha shaoileas e a thachras meall dheth air. Thig e dhachaidh bho ’obair tràth feasgar, agus cuiridh e seachad a’ chuid eile dhe’n latha a’ glanadh na fhuair e dhe’n ghum. Bheir sin ùine dheth; tha h-uile mir dheth làn de dh’ eagan us do thuill, agus feumar iad sin a ghlanadh le gob sgeine. Tha tomhas math de thalamh a’ leantuinn ris. Tha bùth-bathair air a h-uile raon, far am bheil biadh us aodach, agus na h-uile ni feumail ’ga chreic. Tha am marsanta ceannach a ghum ’s ’ga chur air falbh ann am pocannan. Ma thig coigreach an rathad ag iarraidh obrach, ma tha e idir coltach ri deagh chosnaiche, bheir am marsanta cuideachadh dha. Gheibh e sleagh agus sluasaid agus biadh seachdain. Ma bhios e-fhéin idir gleusda cha’n eagal dha tuilleadh. Ach ma theid e ’s na fiachan, rud a tha tric a tachairt, bheir e start dha’n mharsanta, ’se sin bheir e ’chasan leis. Tha sin furasda dha dheanamh; cha’n eil aig ach a chuid an t-saoghal a thogail leis air a mhuin, agus air a mheadhon-oidhche an rathad-mor a thoirt air, agus cumail roimhe gus an ruig e raon eile. Tha na marsantan a creic a bhathair gle dhaor. Feumaidh iad sin mu’n dean iad suas na tha iad a’ call air luchd an startaidh. An toiseach ’se h-uile duine bu shuaraiche na chéile, misgearan ’us eile, ’bha ris an obair. An uair sin bha ’n gum pailt, agus dheanadh duine leisg sam bith beòlaind air, agus a bharrachd air sin bha gach fear dhiubh air a thoil fhéin, gun mhaighstir no fear-dreuchd sam bith os a cheann, agus cha robh ùmhlachd ’ga thoirt do dhuine sam bith. Is tric a tha ri fhaotainn daoine bhuineas dho chuideachd uasal, lan foghluim mar tha oifigich airm, dotairean, pearsachan eaglais, agus morairean, feadhain nach saoileadh duine, a’ cladhach an sid, air an toirt ann le deoch ’s le ’m mi-bheusachd fhéin. A nise tha ’n gum a’ fàs gann, cha dean feum ann ach duine tapaidh, agus tha na daoine leisge tuiteam air ais.
Tha mu dheich mile de shluagh na dùthcha so ris an obair so, agus o chionn beagan bhliadhnaichean tha sluagh air tighinn á rioghachd Austria, agus tha beagan diubh a tighinn na h-uile bliadhna. Tha nise mu mhile dhiubh anns an dùthaich. Tha iad so an cumantas a deanamh deagh chosnadh. Thatar a’ cladhach mu choig ceud tunna na h-uile mios, agus tha e air a chur air falbh gu Lunnainn ’s gu New York. An toiseach, cha robhas a faotainn air ach mu shia tasdain an ceud punnd, ach a nise tha e ’creic air ceithir fichead punnd Sasunnach an tunna. Tha so ’na airgead mor, agus tha e cur a chuid so dhe’n dùthaich fad air toiseach air cearnan eile dh’i.
Gabhaibh mo leisgeul air son mo litir a bhi cho fada. Bliadhna Mhath Ur dhuibh.
Is mi ur caraid,
IAIN ROTHACH.
Rudha Mharsden, N. Z., 25, 11, ’96.
[Vol . 5. No. 28. p. 2]
Blar na Brataich.
’N uair a chunnaic righ Alba gu’n robh nighean a pheathar air a cumail a mach o ’h-àite féin, rinn e air son dol a chogadh ri Stephen air los a thilgeadh bhàrr na caithreach. Rinn e mòran creachaidh da thurus ’an déigh a chéil’ air taobh tuath Shasuinn. Air an treas turus chaidh e co fada deas ri siorrachd Iorc. Bha ’leòr aig Stephen ri ’dheanamh aghaidh a chumail ri pàirtidh eil’ a thog Matilda na h-aobhar féin. Bha mar so an rioghachd fosgailt’, a réir coslais do righ Daibhidh, aig an robh sea mìle fichead saighdear ga leantuinn. Rinn Turstan, ard-easbuig Iorc, air son armailt a thional gus na h-Albannaich a choinneachadh. Chruinnich e na h-àrd-uaislean ’am baile Iorc, ’s shuidhich e là trasgaidh sòluimte. Dh’ àithn e do na h-uil’ a b’ urrainn armachd a ghiùlan, éiridh gus an eaglais a dhionadh o na borbanaich. Chuir e mach na sagartan air ceann muinntir nan sgìreachdan gus an treòrachadh ’s a’ bhlàr. Cha b’ urrainn e féin dol a mach a chionn e bhi tinn. Chuireadh suas a’ bhratach Shasunnach air monadh Chutoin, faisg air Northalerton. Chuireadh crann luinge ’na sheasamh air feun cheithir chuibhleachan. Chuir iad Crois-Chriosd’ mhòr air mullach a’ chroinn. Bha trì brataichean mòr eil’ a’ snàmh fo’n Chrois. An déigh caochladh oidhirpean air a’ ghnothuch a réiteachadh le sìth, thaìnig i d gu ionad tharruing lann; na h-Albannaich a’ glaodhaich an duan catha féin, “Albainn! Albainn!” Thàinig na trùpairean Sasunnach dheth an cuid each ’s chuir iad gu cùl an airm iad, ’s champaich iad féin timchioll na Brataich. Chumadh an cath suas air gach taobh ré dhà uair de thìm. Tha luchd-eachdraidh ag aithris mòran gaisg’ air gach taobh. Chaidh Prionns’ Eanruic, tàinistear rioghachd Alba, air ceann na buidhne ’bha e féin a treòrachadh troimh ’n bhuidhinn a bha fa chomhair de na Sasunnaich, mar gu’m bu lion an damhan alluidh a bhiodh fa chomhair; agus thug e garg ionnsuidh air taobh an nàmhaid. Ach bha buidheann lìonmhor do fhir bhogha ’s an arm Shasunnach a bha caitheamh shaighdean slaite-tomhais air fad a steach am measg nan Albannach leis an robh iad a’ deanamh mòran millidh. Fadheòidh thog saighdear Sasunnach ceann fir a thuit air bàrr a shleagha, ’s ghlaodh e mach, “Ceann rìgh Alba.” Sgaoil so mar le telegram, tre’n chuid de’n arm a bha ’san àm ri aghaidh teine, ’s thòisich iad a’ dol air ais. ’N uair thuig Daibhidh an ni a bh’ ann thug e ’n clogad dheth a cheann ’s thòisich e ga shealltuinn féin gu’n robh e beò slàn. Ach cha deanadh e’n gnothuch tuilleadh. Cha b’ urrainn a mheud ’s a bha tuigsinn a mhearachd, càch a chur ’an òrdugh. B’ éigin cùl a thoirt do’n nàmhaid. Chaill Daibhidh dà mhìle-dheug ’s a’ bhlàr fhuilteach ud, a fhuair “Blàr na Brataich” mar ainm. Chuireadh e air an dara là fichead de cheud mhios an fhoghair, 1138. Chaidh sìth a nasgadh an déigh so eadar an dà rioghachd. Ach ’s ann air cumhachaibh a bha fàbharrach gu leòir do Dhaibhidh, leis an d’ fhàgadh ’an làn-sheilbh air roinn mhòr de thaobh tuath Shasuinn e—Northumberland agus Durham. Cha tug Daibhidh claidheamh á truaill tuilleadh gu cogadh an aghaidh Stephein ’an aobhar nighean a pheathar, ged a lean mòran eil’ air sin car tamuill.
ALASTAIR III.
Cha robh Alastair III. ach ochd bliadhn’ a dh’aois aig àm bàis ’athar. Gun teagamh ’s ann a thaobh e bhi co ro òg ’s a bha e a tha luchd-eachdraidh a’ toirt uiread de chunntas air na nithibh a thachair aig a chrùnadh. Am measg nithe eile tha iad ag innseadh dhuinn gu’n do mhìnich a luchd-comhairle na mionnan crùnaidh dha ’an Laidean agus ’am Fraingis Normanaich. Agus tha e air a ràdh an uair a chuir easbuig Chill-Rimhinn an crùn air a cheann, ’an déigh ungadh le olaidh, ’s e ’na shuidh’ air Clach a’ mhanaidh (an Lia-Fàil) ’an eaglais Scoinne, gu’n d’ aidich a chuid thighearnan ùmhlachd dha air an glùinibh, agus a’ sgaoileadh an cuid brat fo a chosaibh. ’An sin gu’n tàinig Seanachaidh Gàelach air lom a thòisich, ’na chainnt féin, air innseadh a shinnsireachd do’n rìgh, air ais a dh’ ionnsuidh e’ cheud rìgh a theireadh iad féin a bha riamh air Alba, agus an uair a chrìochnaich am fiùdhalach so a dhuan le “Beannachd do rìgh Alba, Alastair Mac Alastair, Mhic Uilleim, Mhic Dhaibhidh, Mhic Challuim,” gu’n do leigeadh air falbh e luchdaichte le tiodhlacaibh luachmhor.
Thug iad air an rìgh so pòsadh mu’n robh e ach deich bliadhn’ a dh’ aois. B’ ann ri teaghlach rioghail Shasuinn a roghnaich iad cleamhnas a dheanamh. Bha Eanruic III. rìgh na dùthcha sin, air bhi ’na charaid aig Alastair II.; ach bha e ’na dhuine co suarra ach ’s gu’n d’ oidhirpich e air an òganach a thàinig gu bhi ’na chliamhainn dha aomadh gu rioghachd Alba thoirt suas d’a riaghladh féin, no co dhiubh gu’n aidicheadh e rìgh Shasuinn mar Ard uachdaran Alba, ’s gu’m biodh e féin a’ riaghladh fodha. Fhreagair an t-Albannach gu duineil, a réir aois, gur h-ann a thàinig e phòsadh bana-phrionnsa Shasuinn, ’s nach robh e ’dol a thoirt air aghart gnothuch fallaiseach air bith a bhuineadh do’n rìoghachd, ’s nach b’ urrainn ann e gun chomhairl’ ’us òrdugh a Phàrlamaid. Mar a bha Alastair a’ tuigsinn nam beachdan a bh’ aig athair-céile rinn e cumha uair ’s e air fhiadhachadh an déigh sud do Lunnuinn, nach feudadh co-labhairt air bith a bhi eatorra mu thimchioll gnothuichean stàite. Ach cha b’ e mhàin gu’n robh rìgh Shasuinn a’ gabhail brath air òigead rìgh Alastair, bha mòran de ’chuid ìochdarana féin a’ deanamh sin mar an ceudna. Fhuair an nì a thuirt Solamh coimhlionadh litireil a thaobh Alba fhad ’s a bha ’n rìgh fo aois. “Is an-aoibhinn duit a rioghachd ’nuair is leanabh is rìgh dhuit.” Ré nam bliadhnacha sin bha daoine mòra, air Ghalltachd ’us Ghàeltachd, a’ tolladh fo a chéile. Bha Morairean na Galltachd, cuid diubh, air an roinn ’n am pàirtidhibh ’an aghaidh a’ cheile, agus a’ goid an rìgh o chéile. ’S ann aig a’ phàrtaidh aig am biodh sealbh air pears’ an rìgh a bha riaghladh na rìoghachd fhad ’s a b’ urrainn iad a chumail. Tha e araon mi-thaitneach ’us mi-tharbhach a bhi ’leudachadh air na dòighibh ’s an robh na fiùdhalaich ud a’ caitheamh bhead air a’ chéile. Ann an aon de na caonnagan fuilteach a bha ’measg nan Gàel ’s an àm ud, ’nuair a dh’ eirich buidheann naimhdean ’an aghaidh Iarla Rois, chaidh seachdnar de oighreachan Foulis a mharbhadh còmhladh, ’s thàinig an oighreachd a dh’ ionnsuidh naoidhein a bha ’s a’ chreithil.
Ach ri ùine thàinig Alastair gu fearachas ’s gu bhi comasach air toigh a thoirt araon air féin ’s air a rioghachd. Bha iomadh ni air feadh Alba ’bha ’g agairt air an rìgh air àm dha teachd gu fearachas. Cuid diubh sin ag éiridh o neo-thioralachd nan Gàel ’s nan Gall ri ’chéile. Ach cha robh aon ni bu mhò ’bha cur Alba ’n cunnart na staid nan eileanan tuath ’us siar, a bha uile fo uachdranachd rìgh Lochluinn, o Arcu-chuain gu ruig an t-eilean Manaineach. Cha b’ ann còmhladh, ach a lion aon ’us aon a fhuair an Lochluinneach sealbh air na h-eileanaibh; agus ’s e ’s coslaiche gu’n robh iad uile air an cur fo chìs mu’n àm an d’ fhuair Coinneach Mac Alpuinn dà rioghachd Alba aonadh r’a chéile fo a riaghladh féin. Bha ’dol aig righrean Alba air na h-eilthirich ud a rotadh air falbh as na h-uil’ àite de ’n mhor-thir, a siar ’s a sear, air an robh iad a’ gabhail sealbh car greis. Ach mar nach robh càbhlach aig righribh Alba a dh’ fheudta idir a choimeas ri lionmhoireachd nan luingeas Lochlunnach, agus mar sin nach b’ urrainn iad smuaineachadh air aghaidh a thoirt doibh air muir, b’ éigin doibh na h-eileana fhàgail aca ré còrr ’us ceithir cheud bliadhna. Bha luchd-riaghlaidh a’ faotainn a mach air an costas gu’n robh e ’na ni ro chronail do ’n rioghachd na h-eileanan a bhi fo thighearnas nan coigreach ud. Cha robh uair sam bith a dh’ éireadh cogadh eadar Alba ’us Sasunn, nach robh e furasta gu leòir do ’n nàmhaid dheasach cuid de phrionnsachan nan eilean fhaotainn gu dhol air tìr le ’n luchd-leanmhuinn ’an àit’ eigin de ’n mhòr-thir, ’s na b’ urrainn iad a dheanamh de chall le togail chreachan, ’us marbhadh sluaigh, ’s mar sin an t-arm Albannach a chur eadar dha theine. Agus ged nach biodh cogadh ri Sasunn idir, ’nuair a rachadh fear no dithis dhiubh sud, le ’chuid dhaoine, a chòmhnadh aoin sam bith de na cinn-fheadhna chumhachdach a thogradh éiridh ’an ceannairc ’an aghaidh an righ; bheireadh iad an dùbhlan do armailt sam bith a chuireadh e ’n an aghaidh. Mar sin cha bu chomasach e gu’m biodh rìgh Alba gu bràth ’na mhaighstir air
[Vol . 5. No. 28. p. 3]
fhonn féin, fhad ’s a bhiodh àireamh co lionmhor de naimhdean ga chuairteachadh, agus co faisg a làimh.
Bha saorsainn aig Alastair III. o chogadh ri Sasunn ’na latha féin, a chionn e bhi ’n cleamhnas ri rìgh na tìre sin; ’s ghabh e ’n cothrom air na h-eileanan a thoirt fo ’ùghdarras féin. Chuir e càbhlach ’us armailt ’an aghaidh nan eileanach a lion aon ’us aon. Bha e ’sgiùrsadh air falbh na h-uile ceann-feadhna nach robh deònach air e féin ùmhlachadh do ùghdarras rìgh Alba. Tha e coslach gu’n robh baide maith dhiubh sin ann. Thog iad an cùis gu rìgh Lochluinn, a bha iad ag aideachadh a bhi ’na àrd rìgh dligheach air na h-eileanaibh. Rùnaich Haco, a bha ’s an àm sin air caithir Lochluinn, làn dhioghaltas a dheanamh orrasan a bha ’fuadachadh a chuid phrionnsachan air falbh as an fhearann a bha e ’n dùil a bhiodh am feasd ceangailte ri crùn Lochluinn. Dh’ uighimich e càbhlach lionmhor luingeas air son briseadh a stigh air Alba le sùil ris an rioghachd a cheannsachadh gu h-iomlan da féin. Dh’ fhàg e Lochlunn gu maith tràth air an t-samhradh le ’chuid luingeas luchdaichte le saighdearaibh, ’s gach gnè armachd a bha cleachdta ’s an là sin ’an cogadh mara no tìre. Fhuaradh a mach gu maith trà ’an Alba gu’n robh an t-eascaraid so a’ tighinn a thoirt ionnsuidh orra, agus bha luchd-riaghlaidh na rioghachd a’ deanamh gach ullachaidh a b’ urrainn iad air son làn di-bheatha ’thoirt da, ’s an t-seadh an àbhaist do aon nàmhaid sin a thoirt do nàmhaid eile, co luath ’s a thigeadh e. Cha smuainicheadh iad air aghaidh a thoirt da air a’ mhuir; ach shuidhicheadh buidheann thearc shaighdearan ’an sud ’s an so, aig gach ceann fearainn timchioll air an rioghachd, far an robh e coltach gu’m feudadh e tighinn air tìr; ’s bha iad gu comharadh a dheanamh ri ’chéile le teintibh, na’m faiceadh iad e ’dlùthachadh ris an fhearann, agus oidhirpeachadh gach grabadh a b’ urrainn iad a chur air gus an tigeadh feachd na rioghachd ga choinneachadh. Bha e mu mheadhon ceud mhios an fhoghair ’nuair a fhuair càbhlach Haco, anns an robh ochd fichead long, seachad air Maol Chinntire, ’s a steach do chaolas Chluaidh. Bu sheann laoch Haco, a bha dà fhichead bliadhna ’s a sea ’na rìgh air Lochlunn. Cha robh Alastair III. leth sin a dh’ aois; ach thug an laoch òg an car, gu sgiobalt’ as an t-seann laoch. Bha fios aig fear Alba gu’m bu bhuannachd dha féin, ’s gu’m bu chall do Haco, na h-uile là b’ urrainn e ’cheann a chur seachad gun tòiseachadh air a’ chògadh. Chuir e sagartan cos-ruisgte air bòrd do luing Haco gu còrdadh ris mu na cumhachaibh air an tugadh e seachad an rioghachd dha féin, mur faighteadh sìth air sheòl eile. Lean na teachdairean-cùirt so air dol air ais ’s air aghart leis gach lethsgeul a gheibhte ’mach, gus an do tharruing an ùine car fada. Ré na h-ùine sin uile bha Alastair a’ deanamh gach ullachadh a b’ urrainn e air son a’ chogaidh, le bhi ’tional shaighdearan as gach cearna de’n rioghachd, ’s ga ’n cur ’n am buidhnibh beaga mu’n cuairt do’n oirthir mu choinneamh nan luingeas; ’s a thuilleadh air sin bha gun teagamh sùil aig Alastair ris na h-eileamaidean féin a thighinn ga chòmhnadh ’an ùine ghoirid. B’ amhuil a thachair: air an oidhche mu dheireadh de dhara mìos an fhoghair, sheid stoirm co uamhasach ’s co obunn ’s gu ’n do shaoil na Lochlunnaich gu’m b’ iad na ban-druidhean Albannach a bha ’togail na gaoithe. Bh’ an luingeas a’ leantuinn air a bhi reubadh air falbh thar an acraichean, ’s a’ ruith suas an caolas roimh ’n ghaoith, ’s a’ briseadh air na cladaichibh, no ’sgailceadh ri chéile ’s an oidhche dhùdlaidh, dhuirch, ’s a’ sioladh leis na bh’ annta. ’Nuair a’ shoilleirich a’ mhaduinn bha na cladaichean làn de luingeas bhriste, ’s na seòladairean ’s na saighdearan timchioll orra, ag oidhirpeachadh air an dìon o ’n tuath-cheathairn a bha air dol fo ’n armachd ’s a’ gabhail nam fàth air na Lochlunnaich a chreachadh, ’s a mharbhadh mar a b’ urrainn iad. Lean an doinlonn ré an là sin ’s na h-oidhche; ach air an ath mhaduinn thàinig ni-eigin de lasachadh oirre, ’s chaidh Haco ’s a chuid shaighdearan air tìr gus na b’ urrainn iad a shàbhaladh de ’n cuid. Ach cha b’ e sin a bh’ aca r’a dheanamh. Cha bu luaithe fhuair iad an casan air tìr na chunnaic iad an t-arm Albannach, a bha nis air tional as gach cearna, ag iadhadh mu’n timchioll gu neo-sgàthach, colganta, ’s righ Alastair féin air an ceann. Sguab iad na h-eilthirich sios rompa gu beul na mara leis a’ cheud bhuille. Ach thilg na Lochlunnaich iad féin ’an cruth cruinn, ris an abair luchd-airm, cearcall, leis an tàinig am feachd gu h-iomlan gu bhi coslach ann an cumadh ri gràineig mhòir, còmhdaichte air gach taobh le sleaghaibh fada stàilinn, troimh an robh e eucomasach briseadh a steach. Timchioll air a’ chearcall so bha ’mhire-chath a’ dol air aghart fad an latha. Ach mu fheasgar lagaich a’ ghaoth, a bh’ air bhi glé bheò roimhe sin, ’s fhuair an t-arm Lochlunnach gu h-iomlan air tìr, ’s mar sin chaidh ac’ air na h-Albannaich a chur suas o ’n chladach; ach tuilleadh cha d’ rinn iad. Chuir an oidhche crioch air saothair an luchd-còmhraig sgìth, a thug an là fhoghair air slachdadh a’ chéile. Fhuair na Lochlunnaich air bòrd an cuid luingeas fo sgaile na h-oidhche ’s dh’ fhoghainn sud féin leò de chogadh. Bu bhuidhe le Haco uaibhreach fosadh iarraidh gu a chuid mharbh adhlacadh, ’s ’nuair a fhuair e ’n dleasnas sin crìochnaichte, chuir e ’chuid shaighearan, slàn ’us leònta mar a bha iad, air bòrd an tearc de luingeas a dh’ fhàgadh slàn aige ’s thog e air gu falbh dhachaidh; ach dhachaidh cha robh e gu dol. Dh’ fhàs e tinn air an an rathad ’s chaidh e air tìr an Arcu, far an do bhàsaich e leis an t-sàrachadh a fhuair e ’n ceann a’ ghnothuich thuaireapaich ud, ’s leis an deamhadas air son an dòigh anns an do chriochnaich e. Bha e ’g aideachadh air leabaidh a bhàis gur h-i làmh Dhé chaidh a mach ’na aghaidh-san, ’s mur b’ e sin nach b’ ann air an dòigh ud a philleadh e.
B’ e Làirg, baile beag an siorrachd Ara, ainm an àite ’s an do choinnich na h-Albannaich ’s na Lochlunnaich a’ chéil’ aig an àm ud. Their luchd-eachdraidh Blàr Làirg ris. Tha làthraichean a’ bhlàir ri ’m faicinn fathast air na cladaichibh ud. Chithear an sud na torran mòra chlach fo’m bheil an fheadhainn a chaidh a mharbhadh ’s a’ bhlàr air an adhlacadh, ’s gheibhear fathast ann mirean de innealan cogaidh de gach seors’ a bh’ air an cleachdadh ’s na linnibh ud. Feudar a ràdh gu’n do chuir an aon bhlàr an gnothuch an dara taobh a choidhch tuilleadh, a thaobh eileanan Innse Gall a bhi air an reubadh o na Lochlunnaich. Ach tharruing e ’dhà no thrì bhliadhnachan ’an déigh sud mu’n do naisgeadh cùmhnant eadar Magnus, mac Haco, agus Alastair III. leis an d’ aontaich an Lochlunnach na h-eileanan uile a lìbhrigeadh do Alba, ach Arcu agus Sealtuinn, a chum e beagan ni b’ fhaide.
Bha Alastair glé ghniomhach ann a bhi ’frithealadh ceartais a’ measg a chuid iochdaran o cheann gu ceann deth ’n rioghachd. Air son an aobhar so bha e ’n ’a chleachdadh aig’ a bhi deanamh cuairt bhliadhnail air feadh na rioghachd o cheann gu ceann. Bha buidheann thaghta dheth ’chuid ridirean ’us àrd-uaislean, ’us mar an ceudna àrd-bhreitheamh na rioghachd, a’ marcachd còmhladh ris do gach cearna fa leth. Thòisich Alba ri bhi air a roinn ’na Siorrachdaibh ri linn righ Daibhidh; ach b’ ann goirid roimh an àm air a bheil sinn a nis a’ labhairt a thugadh na Siorrachdan a dh’ ionnsuidh na meudachd ’s nan ainmean a th’ aca gus an là an diugh, no glé fhaisg air sin. Bha Siorraimh gach cearna fa leth, maille ri feachd cogaidh nan crìochan, a’ coinneachadh an rìgh aig iomall na Siorrachd, agus a’ toirt coimheadachd dha gu iomall na Siorrachd a b’ fhaisge air sin, far an robh coimheadachd de’n ghné cheudna a’ feitheamh gu gabhail ris. Bha na h-uile gearan a’ faotainn éisdeachd, agus gach anaceartas air a leasachadh gun dàil. Bh’ an rìgh, mar an ceudna, a’ toirt eisimpleir ’us misneachd do’n t-sluagh ann an tuathanas. Bha mòran de’n chuid a b’ fhearr a dh’ fhearrann na tìre fathast ’na choilltich. Ach bha mòran dith air a thoirt a steach ri ’linn-san, mar a bha sìth ann air gach taobh an déigh fuadachadh nan Lochlunnach. Bha pailteas a’ measg gach inbhe fa leth dheth ’n t-sluagh gus ithe, òl, ’s a chuir umpa, agus rud maith ri ’sheachnadh air son mhargaidhean rioghachdan eile. Bha béin’ us sithionn ’am pailteas, ’us ainmhidhean de gach seorsa ga’n cur gu tìribh céine air son an reic. Ach feudar a ràdh gu ’n tàinig crioch, car ùin’, air an t-soirbheachadh so le bàs a’ phrionnsa ghlic agus chomasaich ud, a
(Air a leantuinn air taobh 214.)
[Vol . 5. No. 28. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ‘Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, IANUARAIDH 16. 1897.
Co rinn Oran na Spàinntich
Chunnaic mi anns a MHAC-TALLA bhi a faighneachd co a rinn an t-òran bàrdail ud. Cha b’ ann ’san Eilean Sgiathanach na’n Earaghaidheal a rinneadh e idir; b’e fear Dònull MacLeòid de mhuinntir Asaint a rinn e.
B’e an t-aobhar airson an d’ rinn e ’n t-òran, gilie òg a bha na nabachd, aig an robh leannan ach a bha car mall mar shuiridhiche, is leis a mhaille, mar is tric a thachair, chaill e i; phòs i fear eile. B’e Ruairi a b’ ainm d’a h-athair, agus bho sinn ge bu taitneach cleamhnas Ruairi, ’nuair a chunnaic an gille òg gu’n do chaill e nighean Ruairi cheannaich e ’n Spàinnteach, is cha robh mor eòlas aige air gunna obrachadh; ach bha MacLeòid na Shealgair ainmeil ’na latha ’s na dhùthaich féin, is ged a thogadh cis far Alba leis an Fheòladair cha d’thug sin air an Leòdach an gunna ’leigeil uaithe. Ach coma riamh, ’sann a thug Dònull ’sa nàbuidh ri beinn la de na laithibh. Bha na féidh pailt ’san àm sin; cha robh iad fada gus an d’thàinig damh cabrach ’nan rathad. Leag Dònull am fiadh; beagan an déigh sin thainig mang an àite urchrach dhoibh. Thug Dònull cothrom na Feine dha; loisg a chompanach air a mhang, is o bi cheud uair a loisg e urchair á gunna cha deach a chùis leis gle mhaith. Nuair a dh’fhairich e darrach a ghunna ’s i tabhairt breab da ’sa ghualain, chaith e as a lamhan an spàinnteach, ’s ’nuair a thog ceò an fhùdair bha am mang á sealladh, is gu beag an Spainnteach.
B’e sin an t-aobhar air an d’ rinneadh an t-òran snasail. Cha chuala mi ’n còrr mu ’n Leòdach, ach gu’n robh cliù aige mar dhuine taitneach. Ma rinn e ’n còrr bàrdachd cha chuala mi. Is ann eadar fichead is coig bliadhna fichead an deigh Latha mi-shealbhach Chuilfhodair a rinneadh an t-òran.
AONGHAS MACAOIDH.
Providence , R. I. ,28, 11, ’96.
P. S. Is e Calum MacMhaoilein bho Ardnamorchuan a rinn an t-òran, “Gruagach òg an òr-fhuilt ghrinn.” A. McA.
Tha Breatuinn agus na Stàitean an deigh tigh’nn gu còrdadh a thaobh Venezuela; ’se sin, tha na h-uaislean a bh’ air an cur air leth o’n da Riaghladh air aontachadh mu’n chùis. Bha an còrdadh a rinn iad air a chur air beulaobh Morair Salisbury, Priomhair Bhreatuinn, agus thug esan aonta dha. Rinn Cleveland an ni ceudna anns na Stàitean, ach tha e fathast ri dhol fa chomhair an t-Seanaidh agus tha daoine car teagmhach a thaobh ciod a nithear ris ann an sin. Tha ’n Seanadh air a dheanamh suas de dhaoine aig am bheil barail mhor orra fhéin ’s air an dreuchd agus cha bhiodh e idir iongantach ged a chuireadh iad maille air a chuis direach air son a leigeil fhaicinn gu’n teid aca air sin a dheanamh. Ach cha dean math a bhi toirt breith orra roimh’n àm; dh’ fhaoidte nach eil ’nam beachd dad cearr a dheanamh, ach bhiodh e ’na chall mor na’n cuireadh iad stad air an deagh obair a tha dol a dhaighneachadh na sith eadar Breatuinn agus na Stàitean, ni bu chòir a bhi, agus a bhiodh na dheagh eiseimpleir do rioghachdan eile an t-saoghail.
Bha an Caiptean MacIsaic á Charlottetown, E. P. I., anns a bhaile an dé air a thurus dhachaidh á St. John ’s Newfoundland. Chaidh e sios le luchd soithich de choirce, buntata, ’s feòil-muice, agus an deigh an luchd a chreic dh’fhàg e an soitheach shios gus an tigeadh an t-earrach. Thainig e gu Louisburg air a Choban. Buinnidh an Caiptean do Cheap Breatuinn, agus tha moran de chàirdean a fuireach fhathast ann am Margaree.
Bha an Caiptean MacIsaic ag innse dhuinn gu’n d’ thainig e air tir ann an Louisburg sia bliadhn’ deug air fhichead air ais, agus e air son a dhol gu ’dhachaidh ann am Margaree. Dh’ fheuch e ri duin’ fhastadh gus a chur a stigh gu Sidni le each us carbad, ach cha ghabhadh duine faotainn. B’ fheudar dha a mhàlaid a thoirt leis air a dhruim agus an t-astar a dheanamh dh’a chois. Thug sin latha dheth, agus b’fheudar dha feitheamh latha eile ann an Sidni mu’n d’fhuair e ’n t-aiseag gu Sidni Tuath. Cha robh guth air bata-smùide eadar an da bhaile an uair sin. Bha bata-smùide ruith eadar Sidni Tuath us Baddeck, ach air do’n chuan a bhi car garbh, bha aige ri feitheamh da latha mu’n cuireadh i a h-aghaidh ri fairge. Thug e latha eile a’ ruigheachd Bhaddeck, agus fhuair e eadar Baddeck us Margaree ann an carbad, a’ paigheadh coig dolair do’n fhear do ’m buinneadh e. Bithear a ’gearan air cho doirbh ’sa tha e astar a dheanamh ann an Ceap Breatuinn eadhon gus a nise, ach tha e furasd’ fhaicinn gu bheil adhartas mor air an dùthaich anns an dòigh sin seach mar a bha i. Is suarach na doirbheadasan a thachras ri fear-siubhial an diugh an taca ris an ànnradh a gheibheadh e ’s na h-amannan ud.
NA BAIRD GHAIDHEALACH. —Cuirear an leabhar so gu duine sam bith a chuireas air adhart 35c., no tri airson dolair.
STOR UR TAILLEARACHD,
Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.
Theid sinn an urras air an obair,
MacCoinnich & Co.
Sidni, C B.
F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn.
Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.
Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air.
Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.
Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c , &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.
THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin.
Tha Factoriah Eureka air aon de ’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.
Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.
Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D.D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitche’s Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh, Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.
[Vol . 5. No. 28. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Tha Comhairle na siorrachd cruinn air an t-seachdain so, mar a tha Comhairle gach siorrachd eile am mor-roinn Nobha Scotia.
Aithnichear air an fheasgar gu bheil an latha fas gu math na’s fhaide. Tha na feasgair a nise mu fhichead mionaid na’s fhaide na bha iad aig Bliadhn’ Uir.
Tha muinntir Shidni Tuath a’ bruidhinn air ainm a bhaile atharrachadh gu “Port Cabot.” O’n is i so an ceathramh ceud bliadhna an deigh do Chabot an dùthaich so fhaighinn a mach, bhiodh e ’na ni gle fhreagarrach am baile ainmeachadh air.
Cha’n eil a phris gle mhath air bian nan ròn air an fhoghar so. Tha féill bhian gu bhi ann an Lunnainn an ùine ghoirid, agus mur teid na prisean na’s àirde aig an àm sin na tha iad, tha moran de na soithichean nach teid a mach idir. Tha coig soithichean fichead ann a Victoria a feitheamh gus am faigh iad fios.
Tha coinneamh mhor gu bhi aig muinntir nan comunnan stuamachd ann a Hogamah air Di-mairt an darra latha dhe’n ath mhios. ’S iad naGood Templarsa tha cur mu dheibhinn na coinneamh, ach tha sùil ris na comunnan eile bhi comhla riutha. Gheibhear gu Hogamah á Sidni, agus air ais an latha sin, air $1 .86.
Oidhche Di-luain air an t-seachdain s’a chaidh, ann an cearna de shiorrachd King’s, ann an New Brunswich, bhatar a’ cur a stigh fear Deòrsa Gay mar phost-mhaighstir. Chaidh e mach a chur air falbh gillean a bha deanamh gleadhraich mu’n tigh; thuit e air an deigh, agus chaidh a mharbhadh leis a bhuille fhuair e.
Chaidh soitheach do’m b’ aimn Warwick a long-bhristeadh faisg air St. John, N. B., mu Nollaig, agus aig a chùirt a bh’ aca air son fhaotainn a mach ciod a dh’ aobharraich an sgiorradh, fhuaireadh a mach gu robh an sgioba uile gu léir air an daoraich aig an àm ’s gu’m b’e sin bu choireach ri call an t-soithich, Tha an sgiobair co-dhiu a dol as àicheadh sin, agus ag radh nach robh ’n daòrach air duine bh’ air bòrd.
Tha cùirt ’na suidhe bho Dhi-màirt s’a chaidh ann anDorchester , N. B. ,a’ feuchainn IainShullivan air son mort Mrs, Dutcher agus a mic, agus ionnsuidh a thoirt aig a cheart àm air an nighinn bhig a mharbhadh. Tha an nighean a nise air a dhol am feobhas, agus bidh i comasach air fianuis a thoirt. Tha fear-lagha ’Chrùin ag radh gu’n dean a fianuis-se Sullivan a dhiteadh. Tha e gle choltach gur h-e tha ciontach.
Tha daoine beairteach Ontario a’ cur moran airgeid ann am mèinnean òir Cholumbia Bhreatunnaich Cheannaich aon chuideachd a th’ ann an Toronto mèinn ann an Rossland an la roimhe, agus phàigh iad ochd ceud gu leth mile dolair oirre. Tha a’ mhèinn so cho beairteach ’s gu’n cuir i mach fiach leth-cheud mile dolair ’sa mhios, a bharrachd air an obair a phàigheadh, agus cha’n eil i air a h-obrachadh gle mhath fhathast.
Ré àireamh mhor bhliadhnaichean bha seann chrois aca an an Oil-thigh Harvard, ’s na Staitean, ris an canadh iad Crois Louisburg. Thatar ag radh gu’n d’ fhuaireadh i ann an eaglais Louisburg ’nuair a chaidh a ghlacadh o na Frangaich an toiseach, o chionn ceud gu leth bliadhna air ais. Bha i ann an seòmar-leabhraichean an oil-thigh gus o chionn beagan us bliadhn’ air ais, ’nuair a chaidh a goid, ’s cha robh fhios ciod a dh’ éirich dh’ i. An la roimhe chaidh a cur air ais air an doigh ’s an d’ thugadh air falbh i, gun fhios co rinn e. Cha robh ni ’san oil-thigh air am mò bha iad a’ cur de luach na air a chrois so, agus tha aoibhneas gu leòr orra air son a faotainn air ais.
Tha coig piosan fearainn ann an stàit New York air a chur air leth air son nan Innseanach; agus tha e air a radh nach eil aon làn-Innseanach anns an stàit air fad.
Tha seana chàraid Fhrangach a mhuinntir Chanada a fuireach ann an St. Paul’s, Minn., a tha pòsda o chionn cheithir fichead bliadhna, ’S e Louis Darwin is ainm do’n duine; tha e ceud bliadhna ’sa seachd a dh’ aois, agus tha ise ceud ’sa h-aon.
Tha pàrlamaid Chuibeic air sgaoileadh. Tha pàrlamaid ùr ri bhi air a taghadh mu’n cruinnich i rithist. Cha ruigear a leas innse gu bheil làn dhùil aig an da thaobh ris a chuid a’s fhearr a bhi aca dheth. ’S iad na Conservatives a bha ann an dreuchd roimhe so.
Chaidh duin’ òg a mhuinntir Eilean a’ Phrionnsa, d’ am b’ ainm Gallant, a mharbhadh air an rathad-iaruinn ann am Maine o chionn ghoirid, Bha e tigh’nn bhar a’ charbaid agus thuit e fodha. Chaidh a dha chois a ghearradh dheth. Cha robh e ach tri bliadhna fichead a dh’ aois.
Chaochail mathair Professor Bell ann am baile Washington a sheachdain gus an Di-màirt s’a chaidh. Bha i gle shean, agus cha robh i tinn ach mu sheachdain mu’n do chaochail i. Bha i fhéin ’sa fear cuideachd leth-cheud bliadhna ’sa dha. Bha a bhanais òir aca air a Bheinn Bhriagh am Baddeck ’san t-samhradh 1894.
Chaidh duine dubh a chrochadh gu mi-laghail ann an cearna de Charolina a’ Deas air an t-seachdain s’a chaidh. Bha amhrus ac’ air gu’n do chuir e sabhal ’na theine, agus chaidh a thoirt gu cùirt, ach cha d’ fhuaireadh fianuis sam bith ’na aghaidh. An ath mhaduinn chaidh a thoirt as a’ phriosan le buidheann dhaoine, agus a chrochadh.
Chaidh seann duine da’m b’ ainm Sprigg, a bha fuireach faisg air Halifax, do’n choille aon latha deireadh na seachdain ’sa chaidh a ghearradh fiodha. Cha do thill e ’nuair a bha dùil ris, agus chaidh a chàirdean ’ga iarraidh. Fhuair iad ’ad air an deigh air loch a bha faisg air a dhachaidh. Cha d’ fhuaireadh a chorp ’nuair a thainig am fios toiseach na seachdain so.
Rainig soitheach-smùide Boston an la roimhe, agus an deigh dhi ruigheachd fhuaireadh a mach gu robh an sgiobair, do ’m b’ ainm Taylor, an deigh tigh’nn ri ’bheatha fhéin air an turus. O chionn che’ -la-deug, bhuail an soitheach aige ann an soitheach beag eile, agus chaidh dithis de na bh’ oirre sin a bhàthadh. Bha Taylor na sgiobair o chionn dheich bliadhna fichead, agus cha do thachair sgiorradh dha riamh roimhe. Dh’ oibrich sin air an inntinn aige cho dona ’s gu’n do chuir e crioch air fhéin.
Tha aig na bailtean ri bhi taghadh luchd-comhairle air son bliadhn’ eile, a cheud Di-màirt dhe’n ath mhios. Ann an Sidni tha Mr. Walter Crowe agus Mr. Wallace Richardson a ruith an aghaidh a’ chéile air son dreuchd a mhayor. Cha’n eil a ruith air son luchd-comhairle, ach Nelson Muggah anns a cheud earainn dhe’n bhaile, Isaac Greenwell anns an darra earrainn, agus Domhnull Domhnullach agus Seumas Gordan anns an treas earainn. Mar sin cha bhi bhòtadh ri dheanamh air son fear-comhairle ach a mhàin anns an treas earainn.
Tha moran de chàirdean MHIC-TALLA an deigh an cuid dholar a chur ’ga ionnsuidh, agus tha sinn fada ’nan comain, ach tha moran o nach cuala sinn fhathast, Tha sinn an dochas co-dhiu nach eil iad sin a’ dol a chur an còrr dàil anns a’ chuis, agus gu’m bi an cuid airgeid againn an ùine ghoirid. Cha’n eil ach aon dòigh air paipear a chumail air a chasan gu math, agus ’se sin an luchd-gabhail a bhi ga phàigheadh gu riaghailteach. Tha fhios againnn gur e dùrachd gach aon a tha ’gabhail MHIC-TALLA gu’n soirbhich leis gu math, agus tha sinn an dòchas gu’m bi an gniomh a réir an dùrachd.
THA sinn a creic gach seorsa de dh’ aodaichean Deante. Cha’n eil aite ’sa bhaile ’sam faigh thu bargain cho math. Taghail againn agus faic.
D. J. Domhnullach.
C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B,
Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha.
[Vol . 5. No. 28. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 211.)
thachair gu truagh do Alba, ’n uair a bha e fathast; an tréin’ a neart.
Bha an rìgh air thurus o Dhunéidean gu àite tàimheachd a bh’ aige ann am Fiofa. B’ ann rathad Port na Bàn-righ a ghabh e le tearc de luchd-coimheadachd. Thàing dorchadas na h-oidhch’ orra faisg air àite ris an abrar Cinghorn. Bha ’n luchd-coimheadachd air son an oidhche ’chur seachad far an robh iad, ’s an turus a ghabhail ri solus an là. Ach cha robh an righ idir air son stad, ’s ghabh iad uil’ air-aghart. ’N uair a bha iad a’ dol seachad aig ceann creig àird a bha rompa, shleamhnaich an t-each a bha fodha, ’s chaidh an t-ainmhidh ’s am marcach còmhladh leis a’ chreig. ’N uair a ràinig a luchd-leanmhuinn an t-àit’ an robh e aig bonn na creige bha e marbh. Bha sin mu mheadhon dara mios an earraich, ’s a’ bhliadhna 1286. Rinneadh caoidh mhòr air a shon an Alba. ’S iad na marbh-rainnean a rinneadh dha sgriobhuidhean co sean ’s air ’bheil iomradh ’s a’ chainnt Albannaich. Seallaidh sluagh na dùthcha an dearbh àit’ ’s an deachaidh an rìgh as an rathad ged tha corr ’us sea ceud blìadhna o thachair an call.
Cuairt do Eilean a’ Phrionnsa.
LEIS AN FHEAR DHEASACHAIDH.
’S fheudar dhomh iomradh mo chuairt do Eilean a Phrionnsa a thoirt gu crich. Bha na h-uiread de nithean eile air laimh gus an cur ’sa MHAC-TALLA ’s nach robh rùm ann do na bh’ agamsa ri radh. Ach ’se mo bharail nach dean an luchd-leughaidh gearan sam bith a thaobh sin.
An deigh dhomh beannachd fhàgail aig mo dheagh charaid, Seumas A. Mac-Ille-Mhaoil, chuir mi m’ aghaidh air Valleyfield. Air an t-slighe an sin bha agam ri dhol troimh Bhelfast, sgireachd fharsuing anns am bheil moran de Ghàidheil, agus iad uile gu math air an doigh. ’S ann an sin t tha ’n t-Urr. A. MacGilleain Sinclair a saoithreachadh. Bha romham taghal air an duin’ -uasal chòir sin, ach bha e ann an Nobha Scotia aig an àm, agus mar sin cha’n fhaca mi idir e. Chaidh mi gu Valleyfield, agus an sin ga Heatherdale. Cha’n eil an so ach Gàidheil air fad, agus ma’s math mo chuimhne ’se Sgiathanaich a th’ anns a’ chuid a’s motha dhiubh. Bha iad aig an àm so gu math trang ris a bhuain, ach cha robh iad a faotainn air adhart gle mhath leatha. Bha an t-uisge tighinn gu math tric, agus cha robh an t-arbhar a faighinn cothrom air tiormachadh. Le e bhi air a cheangal ann an sguaban bheir e barrachd mòr ùine a’ tiormachadh na bheir e air an dòigh a thatar a gabhail dha air an eilean so. Ach bha ’n t-seachdain an deigh dhomh an t-Eilean fhàgail gle thioram, agus tha mi tuigsinn gu’n d’ fhuaireadh an t-arbhar a chur fo dhion, gun dolaidh sam bith a thighinn air. Mar anns gach cearn eile dhe’n eilean tha ’n sluagh a’ deanamh am beolaind air toradh na talmhainn, —a togail bàrr trom de choirce, de chruithneachd, ’s de bhuntata, agus ’ga chreic far an fhearr a gheibh iad pris air. O chionn treis a bhliadhnaichean air ais, cha robh na prisean ach dona, agus mar sin cha’n eil cor cuid de na tuathanaich cho math ’s bu mhath le duin’ fhaicinn. Ach an deigh sin tha iad uile gle chomhartail, gun dith no deireas orra. Cluinnear gun teagamh gearan ’nam measg, ach cha’n fhaighear sluagh an àite sam bith nach bi ri bheag no mhor dhe sin. Tha e fior gu leòr gu bheil camadh ’sa chrannchur aig gach neach, biodh e bochd no beairteach, iseal no uasal.
Chuir mi seachad a dha no tri lathaichean toilichte ann a Heatherdale. Thachair mi an sin air moran de mo chàirdean, agus ged nach fhaca sinn a chéile riamh o’n dh’ fhàg ar seanairean Eilean a Cheò, cha b’ fhada gus an robh sinn eòlach air a chéile. “Coinnichidh na daoine ged nach coinnich na cnoic,” agus ’nuair a choinnicheas ni iad furan ri chéile. Chuir mi a chuid bu mhotha dhe ’n ùine seachad air aoidheachd aig mo charaid Adhamh MacFhionghain, a nochd moran caoimhneis rium. Cha robh fhios agam riamh roimhe gur h-ann de Chloinn Fhionghain a bha Adhamh, ach feumaidh gur ann, neo cha bhiodh ’ainm ’nam measg gus an latha ’n diugh.
Tha an sluagh ann a’ Valleyfield agus ann a Heatherdale cho Gàidhealach tha mi creidsinn ’sa gheibhear ann an àite sam bith an Canada. Tha a Ghàilig ’ga searmonachadh gach sàbaid us seachdain leis an Urr. Ruairidh MacGilleain, air am bheil eòlas aig cuid a mhuinntir Cheap Breatuinn, agus a tha saoithreachadh anns an sgireachd so o chionn àireamh bhliadhnaichean. Cha’n eil ach gle bheag anns a’ choithional nach tuig Gàilig, agus nach eil gle mheasail oirre. Tha tri no ceithir de choithionalan eile timchioll air Valleyfield anns nach eil a bheag sam bith ach Gàidheil. Thug mi fa-near ann an Eilean a’ Phrionnsa, mar a dh’fhaodar a thoirt fa-near air an eilean so fhéin, gu bheil àiteachan ann anns am bheil na Gàidheil an deigh an cuid Gàilig a dhiochuimhneachadh, no mur eil tha iad a deanamh an uile dhichioll air a bhi ga cleith. Tachraidh daoine ort air an aithnich thu gun dragh sam bith gur i Ghàilig a’s fhearr a th’ aca, ach cha bhruidhinn iad aon lide dhi riut mu toir thu orra dh’ an aindeoin. Aig cloinn na feadhnach sin, cha’n eil facal de chainnt an sinnsir, agus faodar gu fior an cur am measg nan daoine mu’n d’thuirt am bàrd, “Chaill iad a’ Ghàilig ’s na b’ fhearr cha d’fhuair iad.” Agus a Bheurla th’ aig moran dhiubhsan a ni tàir air a Ghàilig! cha bhiodh i agam air son na chunnaic mi riamh, na’n gabhadh i idir seachnadh dhomh. Thachair corra fhear dhe’n t-seòrsa ud orm ann an Eilean a’ Phrionnsa, ach cha do chuir iad ioghnadh sam bith orm. Dh’ fhaodainn a ràdh riutha mar a thuirt am fear roimhe ris a bhochdan ’nuair a thainig e ’na rathad, “Teann a laochain; chunnaic mise do leithid roimhe.” Ach cha bhi mi taruinn an còrr ùine ’bruidhinn mu’n t-seors’ ud. Cha b’ ann riutha bha mo ghnothuch air Eilean a’ Phrionnsa, agus ge b’e càite ’n do thachair iad orm cha do thachair gin dhiubh orm ann a Valleyfield no ann a Heatherdale. Cha’n eil duine an sin, dhe’n fheadhain òga co-dhiu, aig nach eil Beurla gu leòr, agus cha’n eil ach gann duine nach labhair a’ Ghàilig gu glan, fileanta.
Dh’ fhàg mi beannachd aig na càirdean ann a Heatherdale ’sa mhaduinn Di-luain. Thainig Adam leam gu Drochaid Mhontague; as a sin ghabh mi am bàta gu Baile-Sheòrais; agus as a sin ghabh mi air an rathad-iaruinn gu Baile-Shearlot. ’Sa mhaduinn Di-mairt dh’fhalbh mi air an St. Lawrence, a rinn mo chur gu sàbhailte ann am Pictou. An sin cha robh ach a dhol air an rathad-iaruinn a rithist, agus mar a tha fhios agaibh o chionn fhada fhuair mi dhachaidh gu sàbhailte.
Chòrd mo thurus do Eilean a Phrionnsa rium gle mhath. Cha robh aithreachas orm air son a dhol ann; ’s ann a bha mi duilich an ùine bhi cho fior ghoirid ’s nach d’ fhuair mi dhol air fhsadh mar bu mhiann leam. ’S iomadh uair a chuala mi bhi moladh an eilein àluinn so, agus an deigh dhomh fhéin fhaicinn, tha fhios agam nach robhas ’ga mholladh tuilleadh ’sa chòir, ach gur math is airidh e air an ainm a thugadh dha “Gàradh a Ghulf.” Bha an sluagh a thachair orm cho caoimhneil ’s cho càirdeil ’s ged a b’ ann air mo sheann eòlas a bhithinn, an àite bhi ’nam choigreach mar a bha mi. Dh’ fhàg mi an t-Eilean an dòchas nach biodh an ùine fada gus am faighinn cothrom air a dhol ann a rithist, agus a’ guidhe dhaibhsan d’ an dachaidh e, sith, sonas, agus soirbheachadh, an latha chi ’s nach fhaic.
Am measg nan Negritach, nàisinnich nan Eileanan Phillipach, ’nuair a tha càraid ri bhi air am pòsadh, tha ’n treubh uile air an tional còmhladh, agus tha acasan a tha gu bhi air am pòsadh ri direadh am bàrr da chraoibh a tha fàs faisg air a chéile. Tha na seann daoine an sin a lubadh nan craobhan gus an tig cinn na càraide cuideachd agus ’nuair a nithear sin tha ’m pòsadh deanta, agus tòisichidh cridhealas us aighear na bainnse.
Ann an dùthchannan na h-àird an ear tha na boirionnaich a deanamh a mhaistridh air an aon dòigh air an robh an sinnsearan ’ga dheanamh o chionn cheudan bliadhna air ais. ’Se ’n crannachan a th’ aca craicionn gabhair air fhuaigheal air dòigh ’s gun cum e ’n t-uachdar a cheart cho sgiobalta ’sa chumas crannachan fiodha. Crochaidh iad an cranachan sin ri gobhlaig agus tulgaidh iad a null ’sa nall e gus an tig an t-im air.
Tha còig ceud, ’s ceithir fichead us seachd canain air a labhairt anns an Roinn-Eòrpa. Tha còrr us tri mile cànain air an t-saoghal.
[Vol . 5. No. 28. p. 7]
Freasdal De.
Tha ’ghrian ghlòrmhor air dol gu clos san iar: tha drùchd an anmoich a’ braonadh gu làr: tha ’n aile bha teith air fàs fionnar: tha na blàithean a’ pasgadh an duileagan riomhach; tha iad ’ga ’n cruinneachadh féin suas, ag aomadh an cinn gach aon air a chois mhaoth.
Chruinnich a’ chearc a h-àl fo a sgiathan; tha iad aig fois; tha mhathair-ghuir aig clos mar an ceudna.
Phaisg na h-eòin bheaga ’n ribheid; sguir an ceileirean binn; tha iad ’nan codal air na geugaibh, gach aon ’s a cheann fo ’sgéith.
Cha chluinnear srann nan seillein mu ’n chòinneig, no am measg nam blàithean milis: chriochnaich iad an obair, agus tha iad ’nan luidhe gu dlù ’nan seòmraichibh céire.
Tha na caoraich fo thàmh air an rùsgaibh tlà, agus cha chluinnear an àrd-mhèilich ni’s fhaide air a bheinn.
Cha chluinnear fuaim nan ioma guth, no sùgradh na cloinne-bige, no dian-thailmrich chos, no co’ -ghairm sluaigh a null ’s a nall.
Cha chluinnear òrd a ghobha air an innein, no tuireasg an t-saoir le ’thoirm sheirbh.
Tha gach aon sìnte air a leabaidh thàimh, agus tha an eaoidhein ’na shuain air broilleach a mhàthar.
Tha dorchadas air aghaidh nan speur, agus tiugh-dhorchadas air an talamh: tha gach sùil dùinte, agus gach làmh gun ghluasad.
Co tha gabhail cùram do ’n t-sluagh, am feadh a tha iad ’nan trom-shuain; an uair nach urrainn iad iad féin a dhion, no cunnart fhaicinn a tha dlùthachadh?
Tha sùil ann air nach aom suain; tha sùil ann a chi annan dorchadas na h-oidhche, mar air àird a mheadhon-là.
An uair nach ’eil solus gréine no soillse gealaich ann; ’nuair nach ’eil lòchran san tigh, no aon reull ruiteach ag amharc amach troimh dhuibhre neòil; chi an t-sùil sin anns gach ionad, agus tha i do ghnà a faireadh thairis air uile theaghlaichean an domhain.
’S le Dia an t-sùil nach coidil; tha a làmh do ghnà mu’n cuairt duinn.
An uair a bha sinn sgith, dh’ath-bheothaich e sinn le codal na h-oidhche. Chruthaich e ’n oidhche chum fois a ghabhail ann an sith.
Mar tha ’mhàthair chaomh a’ gluasad gu sèimh sàmhach feadh an taighe, a’ cur cosg air gach fuaim, mu’n dùisgear am maothran as a shuain; mar tha i le sgàil a’ dùnadh a mach an t-soluis o shùilibh maoth; mar sin tha Dia a’ tarruing ciar-bhrat an dorchadais m’ar timchioll; agus ag àithneadh sàmhchair agus fois, chum gu’n coidleadh a mhòr theaghlach féin ann an sith.
Sibhse, dhaoine, a tha air ur claoidh le saothair, agus a leanaba òga, agus gach creutair a’s faoine agus a’s laige, coidlibh gu sàmhach; tha Dia a’ faireadh thairis oirbh.
Feudaidh sibhse codal, oir cha choidil esan: dùinibhse ’ur sùilean ann an tearuinteachd, oir tha a shùil-san do ghnà fosgailte chum ’ur dion.
’Nuair a theid an dorchadas thairis, agus a bhriseas an òg-mhaduinn air ’ur sùilibh, tòisichibh an là le moladh Dhé, a ghabh cùram dhibh trid dorchadas na h-oidhche.
A bhlàithean àillidh, an uair a dh’fhosglas sibhse a mach as ùr, sgaoilibh ’ur duileach, agus thugaibh ’ur fàile a’s cùbhraidh mar mholadh d’a ainm.
Eòin is moiche ’dhùisgeas, tairgibh dhàsan ’ur ceileirean taingeil air geugaibh nan craobh! seinnibh dhà-san mu’n seinn sibh ’ur n-òran gaoil.
Biodh moladh Dhé air ’ur cridheachaibh ’nuair a luidheas sibh sios, biodh a chliù air ’ur bilibh ’nuair a mhosglas sibh gu moch. —Leabhar nan Cnoc.
Bha stoirm mhor uisge ann an ceann a tuath Stait Illinois o chionn che-la-deug, agus thatar ag radh gur h-i stoirm bu mhiosa bh’ ann o chionn àireamh bhliadhnaichean. Shil an t-uisge gun stad fad thri latha. Ann an àiteachan iseal bha ’n t-uisge cho domhain ’s gu’m b’fheudar a bhi ’g ùisneachadh bhàtaichean.
Cha’n eil righ no iompaire anns an Roinn-Eòrpa aig nach eil airgead-urrais air a bheatha ach Sàr Ruisia a mhàin. Tha a bheatha-san ann an cunnart cho mor ’s nach eil cuideachd-urrais ri fhaotainn a ghabhas gnothuch ris.
Chaochail duin’ uasal ann am Vienna o chionn ghoirid, agus ’na thiomnadh dh’aithn e d’a dhi[ ? ]eabaich da lampa electric a chumail laiste, té anns an uaigh aige agus te eile am broinn na ciste—fad bliadhna an deigh a bhàis.
CARADH
Uaireadairean
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar uthcha tha ’nar beachd
D. A. Mac FHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.
Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .,
SIDNI, C. B.
“Eagle Parlor” Matches
Tha iad gle mheasail air smocairean, agus aig mnathan-taighe.
Tha iad gle thaitneach ri ’n ùisneachadh oir cha’n eil faileadh dhiubh idir.
THE E. B. EDDY Co LIMITED
HULL, MONTREAL, TORONTO.
[Vol . 5. No. 28. p. 8]
Dan Gaoil.
Am chadal chunna mi ’n raoir
Oigh mo ghaoil ’s i sìnte leam;
Las m’ anam le sòlas a suas;
Ochoin! gar bruadar a bh’ ann.
Cadal cha ’n fhaigh mi no suain;
Aighear cha ghluais mi no ceol,
Mo leigheas cha ’n ’eil aig leigh,
Ach agad fhein, a mhaighdean òg.
’Mhaighdean òg gur tu mo leigh;
Amhairc ort fein ’s dean a choir.
Na leig dhomhsa bhi ’dol bàs,
Is furtachd do ghràdh ’s do phòg.
An ann gus mise chur eug
’Rinneadh do bheul corcra ciuin;
Do ghruaidh tha mar chaorann nan geug,
Do lamh gheal reidh ’s do dhreach ur?
Do shuil ghorm fo d’ chaomh rosg?
Do chas gheal nach dochainn brog?
Ged nach faighinn—s’ thu gu brath
Dh’ iarrainn dhuit gach agh ri d’ bheo.
Eibhinn dhuit, a mhaighdean òg,
A’s millse pog ’s a’s gille deud,
Buinidh moladh dhuit ’s gach doigh,
’S tu flùr nan oighean gu leir.
Thug thu barrachd air gach te
A chunnaic ri m’ ré mo shuil,
Mur tu nighean righ na Greig’
Cha ’n fhidir mi-fein co thu.
Oran Gaoil.
[So an t-òran air an d’ thug “Mac Dhomhnuill Bhreabadair” iomradh anns an àireamh mu dheireadh. ]
Och mar tha mi is mi a’m ònar,
’S cianail tha mi ri cumha Flòraidh;
Mo chheann air liathadh ri cronan cianail
’S a Chléir neo-thiarail a dion a phòsaidh.
Nach truagh mo chàradh le inntinn luaineach,
Gun dreach, gun tuar, bho Dhi-luain na còisridh,
Mar uan gun mhàthair ’dol aog air àiridh,
Nach taobh ri càch, ’s nach dean tàmh le shaòrsa.
Och mar tha mi, etc.
Cha b’ fhada ’n ùine bha sinn le chéile,
Ach ’s goirt an eucail a thug e dhòmhsa,
’Tha ’n diugh cho deurach ag altrum chreuchdan
Cho fad o ’n te dheanadh leigh do m’ dhòruinn.
Ged theid mi chadal ’s ann bhios mi bruadar
Gu bheil thu luaidh air a chluasaig comhl’ rium,
Mo lamh fodh n chuailean tha disneach, dualach,
Gun dragh gun uallach bho ’n fhuair sinn còmhladh.
’Nuair thig a mhaduinn gu’n teich mo shùgradh
Mar nial a shiùbhlas, no driùchd air neònan,
Ni sud mo chiùradh, ’s mo chridhe sgrùdadh
A caoidh an dùsgaidh a spuill mo shòlas.
’Se fath mo mhighean a rinn mo leireadh
Gun dearsa gréin a bhi ’n speur mo dhòchais,
Ach neòil ro ghruamach gu mall a’ gluasad
A ghaoth a nuallaich, ’s an cuan a bòilich.
Cha chluinn mi smeòrach ’s a mhaduinn chéitein,
No uiseag éibhinn ’cur séisd air òran;
Tha cheòlraidh tùrsach gun cheòl gun sùgradh,
’S a chruit air tùchadh le dùrdan brònach.
Tha mo chàirdean an dùil nach buan dhomh,
Ag radh gur buamastair truagh gun dòigh mi,
’Toirt gaol mi chiallach do chaileig sgiamhaich
’Nuair dh’ fhaodas ceud bhi ga h-iarraidh còmhladh.
Nach mi bha gòrach ’nuair thug mi gaol dhuit
’Us cach a saoilsinn nach faod sinn còrdadh,
’S gun mis’ ach truaghan gun chrodh, gun chruachan,
Gun mhaoin, gun bhuannachd, a chumadh doigh ort?
Ach bi mi ’n dùil aig a faic mi chaochladh
A chaileag ghaolaich na maoth-shùil bòidhich,
Nach dùilt thu àite dhomh measg do chàirdean
’S gun gabh thu gradh uam an àite stòrais.
’S beag an t-ioghnadh ged thug mi spéis dhuit,
A chruinneag éibhinn nan ceuman còmhnard;
Tha stuam ad’ ghiùlan ’s do bheusan cliùiteach,
Gun char gun lùb o do chrùn gu d’ bhrògan.
Gur tiarail, caoimhneil, do shùil a boisgeadh
Le gean us aoibhneas nach toill a m’ òran,
Mar ghrian ag éiridh air cùl an t-sléibhe
Le solus sèimh cur gach beud air fògradh.
B’e mo mhiann a bhi leat am’ aonar
’S gum faighinn daonnan uat saors’ us sòlas,
Bhiodh eòin an t-sléibhe nan tosd ag éisdeachd
’Nuair rachadh m’ eudail chur séisd air òran.
’S tu shiol nam fiùram bha tùrail, treubhach,
Bu tric rinn euchd ann an streup ’s an còmhraig;
Bha “Duart” ainmeil le ’dhaoine calma,
Cho deas fodh ’n armachd, ’s gun chearb ’an còmhstri.
Leugh ar càirdean litir “Chabair-Feidh,” anns an àireamh mu dheireadh, agus mar a bha e ’g iarraidh suim airgeid a chur cruinn air son a bhi ’ga roinn mar dhuaisean air na maighstirean-sgoile a b’fhearr a bha teagasg na Gàilig air feadh na Gàidhealtachd. Chuir fear-deasachaidh a phaipeir dh’ ionnsuidh ’n do sgriobhadh an litir(The Highland News)ainm sios air ball air son gini, agus cha’n eil teagamh againn nach eil moran eile air an ainmean a chur sios roimhe so. ’Se ar barail gu’m bi na duaisean so ’nam meadhon air daoine dhùsgadh suas gu bhi toirt am barrachd aire do theagasg na Gàilig anns na sgoilean. Tha “Cabar-Féidh” dileas d’a chànain. Gu ma fada beò e!
Bha cruinneachadh aig na Sgiahanaich ann am baile Ghlascho o chionn ghoirid. Thuirt fear dhiubh-san a bha làthair, ann an òraid a liubhair e, ged nach b’ urrainn do Shasuinn no do dh’ Alba ainmeachadh orra fhéin ach da bhana-bhàrd, gu’n do dh’ àraich an t-Eilean Sgiathanach dhiubh na lionadh darra taobh an taighe leotha fhéin.
LEIGHEAS BUAN.
Sgriobh an t-Urr. Hy . Carter, Maddock, Springfield, P. E. I. ,mar a leanas, ann an Iun, 1895:— “Cha’n urrainn do m’ mhnaoi labhairt tuilleadh us math mu K. D. C. an deigh na rinn e air a son. Dh’ fhuiling i le droch stamaig, agus bha i ann am pian mor, cho mor ’s nach b’ urrainn dhi a cuid aodaich a chumail uimpe, agus smaoinich mi gu’m faighinn K. D. C. dhi. Cha robh turas a ghabhadh i e nach robh e ’deanamh feum dhi, agus fada mu ’n do chuir i crioch air da bhotull bha i air a leigheas, agus theid aice nis air rud sam bith ithe.”
Tha an litir so a nochdadh an éifeachd a th’ ann an K. D. C. agus tha ’n té a leanas ag innse gu bheil an leigheas buan. Sgriobh Mr. Carter Iulaidh 31, 1896, còrr us bliadhna ’n deigh so, “Chuir mi roimhe so litir ugaibh ag innse mar a leighis K. D. C. mo bhean. Tha i fhathast slàn, ’s gu’n a seann eucail a cur dragh sam bith oirre.” Sibhse tha tinn feuchaibh e. ThaK . D. C. Pillsanabarrach math air son tinneasan cuim.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MHAC-TALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean.
NUAIR THEID THU ’BHADDECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram, Bathar Cruaidh
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile.
An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.
Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.
McDonald Hanrahan & Co,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;
title | Issue 28 |
internal date | 1897.0 |
display date | 1897 |
publication date | 1897 |
level | |
reference template | Mac-Talla V No. 28. %p |
parent text | Volume 5 |