[Vol . 5. No. 29. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IANUARAIDH 23, 1897. No. 29.
An Ceol Gaidhealach.
Tha mi toilichte fhaicinn gu bheil thu feuchainn ri clarsach nam beann a dhùsgadh á suain, agus a téudan meirgeach a’ ghleusadh as ùr, ann a bhi toirt dhuinn bho sheachduin gu seachduin, cuid dhe na luinneagan gaoil, agus na duanagan faireachail, a bha air an cur ri cheile, agus air an seinn air feadh nan srath agus nan gleann, le cridheachan blàth nan gaisgeach treun a dh’ fhalbh agus nach pill.
Agus ma tha ni air bith is mo na cheile, a tha cur neul dorch air spiorad Gaidheal an la ’n diugh, ’se cho beag suim sa tha iad a sa tha iad a gabhail do cheòl, do bhàrdachd, agus do chainnt an duthcha. Oir se sin na tri sruthanan bho ’n urrainn sinn eòlas coimhlionta fhaotainn air cleachdadh agus eachdruidh ar sinnsir.
Bha moran coire aig cuid do mhinistirean na Gaidhealtachd ann a bhi cur bachdadh air, mar a their iad, orain dhiomhain. Cha’n eil teagamh nach ann le deadh rùn, agus air son maith an t-sluaigh a bha iad a deanamh sin. Ach tha iomadh diomhanas ann ar la agus ann ar linn, a tha pailt cho cronail do chorp agus do dh’ inntinn, ’sa bha e anns na laithean a dh’ fhalbh do mhaighdein no do dh’ òganach, an cridhe fhosgladh le duanag ghaoil a sheinn air araidh a ghlinne, no ann an doire na smeòraich. Saoil co ’s fallaine suidheachadh inntinn moran do dh’ òigridh an la ’n diugh a tighinn dhachaidh air a mheadhon oidhche, bho thaighean cluich agus òil, na suidheachadh inntinn an òganaich Ghaidhealaich, a sniomh a dhuanaig air a chrann, na g-ualach na spréidhe, a seinn air gaol na h-oighe da ’n d’ thug e spéis an la roimhe sin.
Mo roghain ’s mo rùn a chunnaic mi n de,
Gu’n taghainn dhomh fein gun stòras i,
Mo roghain ’s no rùn a chunnaic mi ’n de.
Latha dhomh ’s mi falbh na fuar-bheann,
Thachair gruagach bhoidheach rium.
Mo roghain, &c .
Bha i fodha gu da ghualain,
’S i ri buain a logaire.
Mo roghainn, &c .
Shuidh mi air an tolman ghrianach,
’S dh’ iarr mi ’n iasad pòg orra.
Mo roghain, &c .
Tha barail mhor aig daoine an diugh air am buadhan agus an tapachd fein thairis air na linntinn a bha air thoiseach orra, ach cha chreid mi gum bu mhisde sinn beagan tuilleadh a bhi againn dhe ’n tairisneachd, agus dhe na spiorad chàirdeil agus bhlàth, bha aig na seann Ghaidheil dha cheile. C’ ait am faighear òigfhear an diugh a caoidh a leannain le faireachadh cho beò agus cho blàth, ’s a bha aig an òganach Ghaidhealach a rinn an t-òran ciatach, air a bheil ceòl cho tiamhaidh agus cho binn, ’s a tha sa chànain Ghàilig?
Oh! bu toigh leam thu nighneag;
Bu ro thoigh leam thu nighneag,
Mo sgeula dubhach ri innse,
Thu bhi na ’d shineadh fo’n fhòd.
’S trom do chadal ’s gur buan e;
’S lom do leabaidh ’s gur fuar i,
Cha ’n eisd thu ri m’ dhuan-sa;
’S cha ghluais thu ri m’ cheòl.
Oh! bu, &c .
Tha gach ròs anns a ghàradh,
’S iad a sgaoileadh am blàthan,
Ach tha ’m fear so dhiubh bhàsaich,
Greis mu ’n tainig trath neoin.
Oh! bu, &c .
Cha ’n e mhàin gaol agus cumha, ach cha ’n eil suidheachadh inntinn am biodh an Gaidheal, co dhiubh ’s e aighear no bròn, soirbheachadh no doirbheachadh, nach e duanag orain am plàsta chuireadh e ris an leòn aige.
Cha ’n e gu bheil fior bhàrdachd ann am mòran dhe na duanagan so; ach tha e leigeadh fhaicinn inntinn gheur agus bheò aig ar sinnsir, agus an luach mor a bha iad a cur air ceòl agus bàrdachd. Ma bha ni air bith airidh air a chumail air chuimhne, dh’ fheumadh e bhi ann a rainn; cha ’n eil dosguinn a thachradh, thall na bhos, air féill na banais, nach feumadh duanag a bhi air. Se ’n spiorad sin a bhrosnaich gu bàrdachd am bodach còir a chaidh thun na féile leis an each “odhar” agus a dh’ òl e mun d’ rainig e dhachaidh, agus ged nach robh na h-eich odhar cho daor an trath sin sa tha iad an diugh, cha ’n eil teagamh nach faca ’m bodach gun tug mac-na-braiche a char as, agus firinn an t-sean-fhacail a thuirt, “ge milis am fion ri òl, ’s daor ri phaigheadh e” nuair a chuir e ri cheile an duanag cheòlmhor dhe’n toir mi rann na dha.
Sud mar bhuilich mi ’n t-each odhar,
Thug mi thun na féille fodham,
Nuair a shaoil mi chuir air teadhair,
’S ann a gheibhinn dram dhe.
Greiseag mu’u tainig an latha,
Sheall mi mach gu ceann an taighe,
Chunnaie mi ’n talamh ’s an t-athar,
’S balla ’n taighe dannsa,
Cha robh agam far na féille,
Dhe m’ghearran a b-àird a leumadh,
Ach tri facail do dhroch bheurla,
’S bha mi fein an call dhe.
Tha na ciadan fathast air feadh na dùthcha do dh’ òrain luaidh, òrain seilg, agus iomaraidh, agus moran do thaladh chloinne, air a bheil ceòl anabarrach ciatach, nach robh riamh an clò, agus mar a teid an tional, a bhios an ùine ghearr far a bheil iadsan a chuir ri, cheile iad, ann an tir na di-chuimhn.
Faodaidh cuid a bhi ’g radh nach eil ann a bhi dùsgadh na nithe so ach faoineis, agus faodaidh sin a bhi ceart, nach eil iad ach faoin annta fein. Ach cha mheasair mar fhaoineis iad le siol nan sonn a chaidh fhuadach bho thir nam beann, agus a tha air an sgapadh bho cheile feadh rioghachdan céin. Dùisgidh iad iomadh cuimhneachan blàth na ’n com-san air glinn an òige, far a bheil duslach an aithrichean na suain, duslach nan laoch treun a sheasadh cliù agus onair an dùthcha ri àm a chruadail. ’S tric a chog iad fo baratach na h-Alba, leis an d’ fhàg iad an dùthaich saor agus an eachdraidh gun truaileadh. Ged
Tha sliochd air a fuadach bho’n tir,
’S bho na fardaichean inntinneach pailt,
Far na labhradh a Ghailig gach linn,
Ann a ranntachd gun mhi-run nam beachd.
Tha na h-ùghdair a shaoraich i suas,
ir an dùnadh fo uaine na’n leap’,
’S tha Ghailig mar bhantraich gun treòir,
Air a fàgail na deòiridh gun taic.
’S iomadh gaiseach bu smachdaile greann,
Chaidh fhuadach thar beanntan ’s muir,
Gu rioghachd nam fineachan borb,
Nach do dhearmaid a chainnt gu tur,
Ged a dh’ fhògradh iad fada bho’n tir,
Bi’dh am buadhan a direadh le meas,
’S fhad sa chuairticheas gaineamh an tràigh,
Bi’dh a Ghailig ’ga h-àrach na measg.
—N. M‘LEOID, ’san Ard-Albannach.
Tha muinntir Shina a’ roinn an latha na dha earainn dheug, da uair anns gach earainn. Tha na h-Eadailtich a’ cùnntas nan uairean bho aon gu ceithir air fhichead an àite da dha-uair-dheug mar a ni sinne.
Tha na h-uile a’ gearain air giorrad na beatha, agus an déigh sin, tha na h-uile a’ caitheadh barrachd ùine ann an amaideachd, na tha iad a’ cur gu féuma.
NA BAIRD GHAIDHEALACH. —Cuirear an leabhar so gu duine sam bith a chuireas air adhart 35c., no tri airson dolair.
Is minic a tha nàir air mòran an fhìrinn innseadh, a chionn nach ’eil fios aca ciamar an i iad e.
[Vol . 5. No. 29. p. 2]
SGEULACHDAN ARABIANACH.
III. —EACHDRAIDH AN T-SEANN DUINE AIG AN ROBH AN EILID.
“Eisdibh rium le aire, tha mi ’guidhe oirbh,” ars’ an seann duine, “agus innsidh mi dhuibh m’ eachdraidh. Is i an eilid so nighean bhrathar mo mhathar, agus is i mo bhean mar an ceudna. Cha robh i ach da bhliadhna dheug an uair a phos mi i. Agus faodaidh mi radh, gu ’m bu choir dhi amharc arm, cha ’n ann a mhain mar a fear-daimh agus a fear-posda, ach mar athair mar an ceudna.
Ged a bha sinn fichead bliadhna posda cha robh duine de theaghlach againn. Ach ged a bha so mar so, bha mise cho measail oirre ’s cho caoimhneil rithe ’s a b’ urrainn fear a bhith. Le h-aonta fhein cheannaich mi banoglach o ’n robh aon mhac agam, air dhomh a bhith toileach clann a bhith agam aig am fagainn mo chuid de ’n t-saoghal an deis dhi fhein ’s dhomh fhein am bas fhaotainn. Bha mo mhac anabarrach tlachdmhor anns gach doigh, agus bha h-uile coltas gu ’m biodh e ’na dhuine glic, tuigseach, deanadach, agus ro mhaiseach an uair a ruigeadh e aois fearachais. Ach ghabh mo bhean grain an uilc air fhein ’s air a mhathair, agus chum i so an cleith ormsa gus an robh e tuilleadh is anamoch.
An uair a bha mo mhac mu dheich bhliadhna dh’ aois, thainig ormsa falbh air turus fada o ’n taigh. Dh’ earb mi rithe mu ’n d’ fhalbh mi, curam a bhith aice de ’n bhanoglaich agus de m’ mhac fhad ’s a bhithinn air falbh. Cha robh smaointean sam bith agam gu ’n deanadh i cron air a h-aon aca, ged a bha agam ri bhith o ’n taigh fad bliadhna. Cha bu luaithe a dh’ fhalbh mi na chaidh i do ’n sgoil-duibh, far an d’ ionnsaich i draoidheachd. An uair a bha i lan-ionnsaichte, thug i leatha mo mhac a dh’ aite fasail, agus le buille de ’n t-slacan-draoidheachd rinn i laogh de mo mhac. Thug i do ’n aireach e, agus dh’ iarr i air a bhiathadh gu math ’s gu ro mhath a chum gu ’m biodh e deas ann an uine ghoirid air son a mharbhadh. Thuirt i ris an aireach, gur e cheannach a rinn i. Cha d’ fhoghainn so leatha, ach rinn i mart de ’n bhanoglaich, agus thug i do ’n aireach i mar an ceudna, a chum a reamhrachadh gu math air son a marbhadh.
An uair a thill mi dhachaidh bhar mo thuruis an ceann na bliadhna, dh’ fheoraich mi cia mar a bha ’bhanoglach agus mo mhac.
“Fhuair a’ bhanoglach bas beagan an deis dhut falbh; agus mu dheidhinn do mhic, cha ’n eil fhios agamsa ciod a dh’ eirich dha, no c’aite am bheil e. Cha ’n fhaca mi e o chionn da mhios,” ars’ ise.
Chuir bas na banoglaich dragh gu leor orm, agus bha dragh orm mu m’ mhac mar an ceudna; ach o ’n a thuirt i rium nach d’ rinn e ach falbh as an aite, bha dochas agam gu ’n tilleadh e dhachaidh ann an uine ghoirid. Chaidh ochd miosan seachad, agus cha chuala mi guth air. An uair a thainig latha na feisd bhliadhnail am fagusg, chuir mi fios thun an aireich e thoirt a’ mhairt a b’ fhearr ’s bu raimhre a bh’ agam do m’ ionnsuidh gus a marbhadh aig an fheisd. Rinn e so. B’ i am mart a thug e do m’ ionnsuidh, a’ bhanoglach—mathair mo mhic. Cheangail mi i, agus an uair a bha mi ’dol g’ a marbhadh, thoisich i ri ranaich gu cianail. Thug mi an aire gu robh na deoir a’ struthadh as na suilean aice. Chuir so ioghnadh mor orm. Agus ghabh mi a leithid de thruas rithe ’s nach b’ urrainn domh an sgian a chur innte. Dh’ iarr mi air an aireach mart eile a thoirt thugam.
Bha mo bhean an lathair aig an am, agus bha i anabarrach feargach rium, a chionn nach do mharbh mi am mart. Thuirt i, “Ciod a tha ’n ad bheachd? Marbh am mart a thug an duine g’ ad ionnsuidh. Cha ’n ’eil mart eile agad cho freagarrach air son a marbhadh rithe.”
Gus ise ’thoileachadh, chaidh mi rithist ann an dail a’ mhairt gus a marbhadh; ach thoisich i ri ranaich air a leithid a dhoigh ’s nach leigeadh mo chridhe leam an sgian a chur innte. An sin dh’ iarr mi air an aireach e g’ a marbhadh e-fhein.
Bha ’n t-aireach ni bu chruaidhe cridhe na mise, agus ghrad mharbh e i. An uair a dh’ fheann e i, cha robh greim air a cnamhan, ged a bha i coltach ri bhith gle reamhar mu ’n do mharbhadh i. Thuirt mi ris e g’ a toirt air falbh as mo shealladh, agus an rud a thogradh e ’dheanadh rithe. Thuirt mi ris mar an ceudna, ma bha laogh math, reamhar aig, e ’g a thoirt do m’ ionnsuidh. An uine ghoirid thainig e ’s an laogh aige. Ged nach robh fhios agam gu ’m b’ e an laogh mo mhac, cha leigeadh mo chridhe leam lamh a chur ann gus a mharbhadh, an uair a chunnaic mi an suidheachadh truagh, cianail anns an robh e. Cha bu luaithe a chunnaic e mi na thug e oidhirp air tighinn dluth dhomh. Bhrist e an cord a bha mu ’amhaich, agus ruith e far an robh mi. Laidh e aig mo chasan, agus rinn e gach ni a b’ urrainn da, a chum gu ’n tugadh e orm truas a ghabhail dheth, agus gu ’n tugadh e orm a thuigsinn gu ’m b’ e mo mhac.
Chuir a dhoighean barrachd ioghnaidh orm ’s a chuir am mart. Cha b’ urrainn domh gun truas mor a ghabhail ris a’ chreutair bhochd, an uair a chunnaic mi an staid anns an robh e. Thuirt mi ris an aireach, “Thoir leat an laogh sin dhachaidh; gabh curam math dhe, agus thoir an so laogh eile.”
Cha bu luaithe a chuala, mo bhean mi ’g a radh so na thuirt i rium, “Ciod e air an t-saoghal is ciall do ’n obair a th’ ort? Gabh mo chomhairle, agus marbh an laogh ’s a’ mhionaid.”
“A bhean,” arsa mise, “cha mharbh mi idir e. Na bi thusa ’g iarraidh orm a leithid a dheanamh.”
Bha ’n droch bhoirionnach coma co dhiubh bhithinnsa toilichte no nach bitheadh, nam faigheadh i a droch nadar fhein a chur an ceill. O ’n a bha grain an uilc aice air mo mhac, cha robh a dhith oirre ach a chur gu bas. Air ghaol a toileachadh, nam b’ urrainn dhomh idir, cheangail mi an creutair bochd, agus an uair a bha mi ’dol a ghearradh an sgornain aige leis a’ chuirc, sheall e orm cho cianail, agus na deoir a ruith o na suilean aige. Chuir a choltas a leithid do thruas orm ’s nach duiriginn a mharbhadh. Thilg mi bhuam a’ chorc, agus thuirt mi ris a’ mhnaoi, gu robh mi am muigh ’s am mach an aghaidh a mharbhadh; ach gus a toileachadh, gheall mi dhi gu ’m marbhainn e aig an ath fheisd, an ceann bliadhna. Mharbh mi fear eile de na laoigh an latha ud ’n a aite.
An la’r- na-mhaireach, chuir an t aireach fios do m’ ionnsuidh, gu robh toil aige beagan comhraidh a bhith aige rium far nach biodh duine ’g ar n-eisdeachd. An uair a chaidh mi bhruidhinn ris, thuirt e rium. “Thainig mise le naigheachd do d’ ionnsuidh a bheir toileachadh gu leor dhut. Tha nighean agam aig am bheil eolas math air draoidheachd. An uair a chaidh mi air m’ ais an de leis an laogh nach robh sibh toileach a mharbhadh, thug mi an aire gu ’n d’ rinn i gaire an uair a chunnaic i e. Ach an ceann tiotaidh thoisich i air caoineadh. Dh’ fheoraich mi dhith c’ ar son a bhi i ’gaireachdaich ’s a’ caoineadh aig a’ cheart àm.
“Athair,” ars’ ise, “is e an laogh so mac ar maighstir. Rinn mi gaire le aoibhneas an uair a chunnaic mi beo e; ach ghuil mi an uair a chuimhnich mi gur i a mhathair a mharbhadh an de. Bha fuath mor aig bean ar maighstir dhaibh le cheile, agus le draoidheachd rinn i mart is laogh dhiubh.” Sin agad mar a chuala mise o m’ nighinn, agus thainig mi a dh’ aon ghnothuch g’ a innseadh dhut.
“Smaoinich fhein a nis, a Phrionnsa nam fathach,” ars’ an seann duine, “air an ioghnadh a ghabh mi an uair a chuala mi so. Gun dail sam bith chaidh mi bhruidhinn ri nighean an aireich. Ach mu ’n do bhruidhinn mi rithe chaidh mi do ’n bhathaich far an robh na laoigh. Bha mo mhac an sin; ach ged nach b’ urrainn da bruidhinn, dh’ fheuch e ri leigeadh ris dhomh cho math ’s a b’ urrainn e gu ’m b’ e mo mhac.
Thainig nighean an aireich far an robh mi do ’n bhathaich. “Mo chaileag mhath,” arsa mise, “an urrainn thusa mo mhac-sa a chur a rithist anns a’ chruthachd anns an robh e an toiseach?”
“Is urrainn,” ars’ ise.
“Ma ni thu sin, bheir mi dhut mo chuid de ’n t-saoghal,” arsa mise.
Thainig fiamh gaire air a h-aghaidh, agus thuirt i, “Is tusa ar maighstir, agus tha fios agam gle mhath gu bheil sinn fada ’na d’ chomain. Ach cha ’n urrainn domhsa do mhac a chur a rithist anns a’ chruthachd anns an robh e roimhe, mur geall thu gu ’n toir thu dhomh an da rud a dh’ iarras m’
[Vol . 5. No. 29. p. 3]
ort. Is e a’ cheud rud a tha mi ag iarraidh gu ’n toir thu dhomh do mhac ri ’phosadh, agus is e an darra rud, gu’n toir thu dhomh cead peanas a dheanamh air an neach a rinn laogh dhe do mhac.”
“Bheir mi dhut a’ cheud rud a dh’ iarr thu le uile dhurachd mo chridhe; agus a bharrachd air sin, tha mi ’gealltainn gu ’n toir mi dhut cuid mhath de m’ mhaoin, a chorr air na bheil mi gus a thoirt do m’ mhac. A dh’ aon fhacal, chi thu gu ’m paidh mi gle mhath thu air son de shaoithreach. A thaobh mo mhna, tha mi ’toirt lan chead dhut peanas a dheanamh oirre; oir is math an airidh peanas trom a leagadh air neach sam bith a rinn gniomh cho eucorach ’s a rinn i. Ach tha mi ag earbsadh riut gun a beatha a thoirt air falbh.”
“Tha mi,” ars’ ise, “a’ dol a dheanamh oirre direach mar a rinn i fhein air do mhac-sa.”
“Tha mi toirt cead dhut sin a dheanamh, ma gheallas tu gu’n cuir thu mo mhac anns a’ chruthachd ’s an robh e roimhe,” arsa mise,
Dh’ fhalbh i am mach as a’ bhathaich agus ann an uine ghoirid thill i air a h-ais agus soitheach lan uisge aice. Labhair i beagan fhacal os cionn an uisge nach do thuig mi, agus thuirt i ris an laogh— “A laoigh, ma bha thu air do chruthachadh le ard-uachdaran uile chumhachdach an t-saoghail mar a tha thu, fan mar sin, ach ma ’s duine thu, agus gu’n d’ rinneadh laogh dhiot le draoidheachd, bi air d’ atharrachadh gu do chruth nadarra le cead a’ Chruithfhir.”
An uair a labhair i na briathran so dhoirt i an t-uisge air an laogh; agus ann am priobadh na suil bha e ’na dhuine.
“Mo mhac, mo mhac graidh,” arsa mise, ’s mi ’cur mo lamhan mu ’n cuairt da ’s ’g a theannachadh ri m’ uchd, agus mi cho aoibhneach ’s nach robh fhios agam gu ro mhath ciod a bha mi ’deanamh. “Is e ni math fhein a chuir a’ mhaighdean og so ’nar rathad a chum gu ’n togadh i dhiot na geasan fo ’n deachaidh do chuir le draoidheachd, agus a chum dioghaltas a dheanamh air an te a rinn an t-olc ort fhein agus air do mhathair. Cha ’n ’eil teagamh agam nach gabh thu i mar do bhean, mar phaigheadh air son gu ’n do thog i dhiot na geasan; oir gheall mise dhi gu ’m posadh tu i.”
Dh’ aontaich mo mhac gu toileach gu ’m posadh e i. Ach mu ’n do phos iad, rinn i eilid de m’ mhnaoi; agus is i a th’ ann an so mu ’r coinneamh. B’ e so an cruth anns am bu roghainniche leam i bhith, a chum nach biodh i ’na cuis-eagail do’n teaghlach.
O chionn uine tha mo mhac ’na bhantraich, agus dh’ fhalbh e a shiubhal an t-saoghail. Tha bliadhnachan o nach cuala mi iomradh air. Tha mi ’falbh o aite gu aite feuch an tachair e rium, no am faigh mi a mach co dhiubh tha e beo no marbh. Agus o nach robh mi deonach mo bhean earbsa ri duine sam bith gus an tillinn dhachaidh, smaoinich mi gu ’n tugainn leam i a h-uile taobh a rachainn. Sin agaibh m’ eachdraidh fhein agus eachdraidh na h-eilid. Tha i cho iongantach ri eachdraidh a b’ urrainn a bhith.
“Tha mi ag aideachadh gu bheil,” ars’ am fathach, “agus air an aobhar sin, tha mi toirt mathanais do ’n mharsanta ann an trian de ’n olc a rinn e.”
An uair a chriochnaich a’ cheud sheann duine a naigheachd, labhair an seann duine aig an robh an da chu dhubh ris an fhathach, agus thuirt e ris:— “Tha mi ’dol a dh’ innseadh dhut mar a thachair dhomh fhein agus do ’n da chu dhubh so, a tha thu ’faicinn comhladh rium, agus tha mi cinnteach gu ’n aidich thu gu bheil mo naigheachd moran ni ’s iongantaiche na ’n naigheachd a chuala tu an drasta. Ach an uair a dh’ innseas mi i, tha mi an dochas gu ’m bi thu toileach mathanas a thoirt do ’n mharsanta anns an dara trian de ’n olc.”
“Ni mi sin, ma bhios do naigheachd-sa ni ’s iongantaiche na an naigheachd a chuala mi mar tha,” ars’ am fathach.
Call a’ Bhata d’am b’ainm Mairi o Iona.
Cha’n ann chum deur a tharruing o’n t-sùil, no osna bhròin o’n chridhe, a tha ’n eachdraidh chianail so air a sgriobhadh; ach ann an dòchas gum feud i bhi tarbhach chum leas spioradail na muinntir a leughas i a chur air aghaidh, le iadsan aomadh gu eòlas tràth a ghabhail air Dia, mothachadh ceart a bhi aca air buntuinneas a fhreasdail, truas altrum ’nan cridheachan airson fulangas an co-chreutairibh, agus iad fein a bhrosnuchadh chum uidheamachadh tràthail a dheanamh fa chomhair uamhas bàis agus breitheanais a tha ’feitheamh òirnn air fad, ’s nach eil ’s math a dh’ fheuidte, fad air falbh.
Ann am fior thoiseach an fhogharaidh dh’ fhàg an soitheach beag so a’ Ghaeltachd le sea ’s dà fhichead pearsa air bòrd; agus an uair a bha i mar uidhe thri no ceithir do mhiltibh o Ghrianaig, ceann-crìch a turuis, tamull beag roimh mheadhon oidhche, thàinig a h-aon dò na soithichibh ùra innleachdach sin a th’air an gluasad le neart teine, gun suim do ràimh no shiùil, da ’m b’ ainm an Hercules, a nuas oirre ’na làn-chumhachd, agus o dhorchadas na h-oidhche, leis an t-siubhal a bha roimpe, cha do mhothaich iad d’a chéile, gus an robh iad co dlùth ’s nach robh tilleadh, no seòl-seachnaidh comasach. Cha luaithe bhuail an Hercules an soitheach beag eile na rinn i dà bhloid dh’ i. Is usa gu mor a smuaineachadh na chur sios ann am briathraibh, na thachair anns an àm so. Ghlac cuid diùbhsan a bha innte greim air crann agus acfhuinn a bhata, fhad ’s a shnàmh i; ach cha robh sin fada, oir lion i gu luath, agus chaidh i fodha. Thuit cuid do na buanaichibh bochda fo chuibhlichibh eagallach na luinge a chuir as doibh, leis an robh iad air an liodairt air an dòigh bu deistinniche smuaineachadh air; ach chaidh a’ chuid bu mhò dhiubh, gun chomas air oidhearp san bith a thoirt chum iad féin a shàbhaladh, gu grad sios ’an coinneamh a bhàis sin a thàinig orra air mhodh co uamhasach. As am measg air fad cha do thèarnadh ach cearthar, —dà fhirionnach agus dà bhoirionnach; agus chaochail a h-aon diubh sin féin ann an ùine ghearr. Ma bha aon ni a dh’ fheudadh an calldach so a dheanamh ni bu diùbhalaiche na chéile, ’se ’n dlù-dhàimh san robh iad. Chaill a h-aon diubhsan a fhuair gu tir, a bhean, a mhàihair, agus a phiuthar-chéile; chaill a h-aon eile dhiubh a mac agus a nighean: ’s an treas duin’ a fhuair gu tir, a bhràthair agus a phiuthar; air chor ’s gu’n robh fir-phòsda agus am mnathan, pàrantan agus an cuid cloinne, bràithrean agus peathraichean, an so a’ dol fodha le chéile ann an glaic a’ bhais, agus na h-uisgeachan gu là bhràth a’ dùnadh thairis orra.
’S e’n ni àraidh a bha ’m beachd nan daoine sin a’ fàgail an dùthcha air an àm so, cosnadh fhaotainn ré an fhoghraidh air machraichibh nan Gall. Bu shùnndach a bha iadsan ag amharc rompa chum an là anns am pilleadh iad air ais a cho-pàirteachadh le comunn an gaoil toradh an saoithreach: ach so cha’ do dheònaich Dia. Dhoibhsan chaidh am fogharadh gu grad seachad, agus bha’n samhradh gu h-obann air a chrìochnachadh. Chaidh a’ ghrian fodha orra gu bràth, agus ghearradh air falbh iad ann am meadhon an dòchais. Cia anfhann gearr-fhradharcach clann nan daoine! ’s beag a tha fios aca ciod a bheir la mu’n cuairt. Tha ar làithean, gu deimhin, mar leud boise: gu firinneach tha mac an duine ’na staid a’s fearr, ’na dhìomhanas. Tha e ’teachd a mach mar bhlàth, ach seargaidh e; teicheadh e mar sgàile; cha bhi e ni’s faide r’a fhaotainn.
Sop as gach Seid.
Tha cuid ann aig am bheil cumhachd gu bhi ’g ràdh mòran ann am beagan bhriathraibh, an uair, air an làimh eile, tha cumhachd aig cuid eile chum beagan a ràdh ann am mòran bhrìathraibh.
Innis an fhìrinn, agus cuir nàir air an Droch-fhear. Tha moran ann a chuireas nàir furasta gu leòir air an Droch-fhear, ach aig nach ’eil innleachd air an fhirinn a chur idir an céill.
Is i mo chomhairle dhoibhsan a tha ’cur rompa tòiseachadh air turas na beatha, gréim a dheanamh air an cridhe fein ann an aòin laimh, agus air camain anns an làimh eile.
Tha ’n duine sin a theagaisgeas dìchioll d’a chloinn fein, a’ deanamh solair air an son, ni’s fearr na ged a bhuilicheadh e orra mòran saibhreis. “Ni lamh nan dìchiollach beartach.”
Feudar ath-leasachadh a dheanamh air gach ni fo’n ghréin, ach air an fhìrinn, ach cha’n ’eil innleachd no cumhachd ann, chum an fhìrinn ath-leasachadh.
[Vol . 5. No. 29. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ‘Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton
SIDNI, IANUARAIDH 23, 1897.
Tha a Ghearmailt agus dùthchannan eile anns an Roinn-Eòrpa o chionn àireamh bhliadhnaichean a toirt duais do luchd-deanamh an t-siùcair na’n criochaibh féin air son gach punnd siùcair a reiceas iad ann an dùthchannan céin. Leis a sin tha siùcar nan dùthchannan sin a lionadh a mhargaidh ann am Breatuinn, agus a dùnadh a mach siùcar nan Innsean an Iar. Tha muinntir nan eileanan sin, de’m buin moran do Bhreatuin fhéin, a’ gearan gu mor air a chall n th’ air a chur orra-san air an dòigh sin, agus tha an gearan gle cheart. Cha’n eil a bhi duaisneachadh luchd-deanamh an t-siùcair na bhuanachd mhor sam bith do’n Gheàrmailt no do’n Fhraing, oir cha’n eil e toirt atharrachadh sam bith air pris an t-siùcair a chuireas iad fhéin am feum. Tha a’ bhuanachd uile gu leir aig sluagh Bhreatuinn, agus mar a tha ’sann a tha Ghearmailt ’s an Fhraing a’ pàigheadh moran airgeid gach bliadhna air son siùcar saor a chumail ri muinntir Rhreatuinn. Tha iad a toirt ana-ceartas dhaibh féin agus a deanamh eucoir air muinntir nan Innsean an Iar, a tha deanamh am beòthachd air fad air togail an t-siùcair. Ach ’se ’s dòcha nach lean na cùiseaan so mar a tha iad moran na’s fhaide.
Tha sinn toilichte chluinntinn gu bheil Gàidheil Halifacs an deigh Comunn Gàilig a chur air chois. Tha an t-Onarach Uilleam Ros, an t-Oilear A. H. MacAoidh, agus cuid eile de dhaoine inbheach a bhaile na’m buill ’sa chomunn. Bha a’ cheud choinneamh bhliadhnail aca oidhche Dior-daoin s’a chaidh. Tha MAC-TALLA a’ cur fàilte air a chomunn ùr so agus a guidhe saoghal fada soirbheachail dha.
Litir a Amaguadies.
A MHIC-TALLA RUNAICH: —Gu de dh’ eirich dh’an fheadhainn a b’ àbhaist a bhi sgriobhadh g’ ad ionnsuidh o àm gu àm as gach cearna dhe’n Eilean so. Bha an cuid naigheachdan a toirt moran toileachaidh dh’ad luchd-leughaidh, ach gu h’àraid dh’an càirdean an “Tir nam Beann.” Tha mi an dòchas nach do chaill iad an dillseachd no idir am misneach gu bhi cuideachadh leat an cainnt mhathaireil a chumail a’n cleachdadh ’s air chuimhne. Ma dh’fhaoidte gu bheil cùram orra nach taitneadh an seanachas ri d’ luchd-leughaidh. Cha’n fhaod sin a bhith. Cha dean neach sam bith ach a dhichioll, agus ’nuair a ni neach a dhichioll cha ’n e coire is còir fhaotainn dha, ach meas agus cliù. Tha leisgeul eile aca a shaoras iad, agus ’se sin nach eileas ’ga cleachdadh no ’ga foghlum ann an sgoiltean na dùthcha. Air an aobhar sin ’s airidh a h-uile Gàidheal air meas agus cliu a tha toirt oidheirp air do chuideachadh anns an obair chudthromach a ghabh thu gu misneachail os laimh a chur an gniomh—a Ghàilig a chumail beò ’s an cleachdadh. Gu de ’n cridhealas nach eil e toirt dhuinn a bhi cluinntinn bho “Bhodachan a’ Gharaidh,” ’s e h-uile uair cho friogadach ’s cho frogadach ’s a bha e riamh Togaibh misneach ma ta a Ghàidheil mo run, agus gach seachduinn na deanaibh diochuimhne air naigheachd ur na annasach a thoirt do MHAC-TALLA a sheinneas e gu finealta ’sa labhras e gu h-ealanta le ceilearadh ceòlmhor binn air feadh gach cearna de cheithir ranna ruadh an t-saoghail a tha e siubhal, agus a nochdas do dhuthaich nan sonn, ’s na’n gaisgeach a dh’ altruim an Cànain ’sna linntean a chaidh seachad, nach eil an càirdean air an taobh so dhe ’n chuan ’ga leigeil air diochuimhne gu buileach.
A guidhe deagh Bhliadhn’ Ur sgus saoirbheachtdh math de MHAC-TALLA a’s d’a chàirdean uile—gu h-àraidh do Bhodachan a’ Ghàraidh. Is mi do charaid dileas an latha ’chi ’s nach faic,
Amaguadies, 5, 1, ’97.
A. S.
A Cobh nan Eirionnach.
FHIR-DAEASACHAIDH UASAIL:— ’S fhada o’n a bha dùil agam sgriobhadh ugad, ach cha robh mi airson sgriobhadh gus a faighinn dòigh air do chuid fhèin a chur g’ad ionnsuidh. Gheibh thu dolair anns a’ litir so airson MHIC-TALLA; gach rud ach am paipeir Gàilig a bhi gun phàigheadh, am paipear seach gin do phaipearan an domhainn a tha toirt ugainn an ceann gach seachdainn naigheachd ùr air cliù agus gaisge na’n daoine bho’n d’ thainig sinn.
Tha biadh spréidhe gu math pailt anns a chearna so dhe’n eilean am bliadhna.
Tha duine ’san àite seo dh’an ainm “Iain Glas;” tha e ’na dhuine gle stuama modhail na dhoigh. Bha e na sheoladair o’n a bha mathas air, agus gu dearbh ’s iomadh tonn bàrcach air an deach e thairis eadar Sasuinn agus Maol Chinntire. B’ éibhinn a bhi faicinn an t-seann laoich a dealbh na inntinn mar a chuireadh e air doigh na slatan ’s na siùil, ’s a bhi ag éisdeachd ris ag innse gu pongail a ch’ uile cunnart us gabhadh troimh ’n deachaidh e.
Air eagal ’s gu bheil mo litir tuilleadh us fada, bidh mi sgur le bhi guidhe Bliadhna Mhath Ur dhuibh. ’S mi ur caraid,
1, 16, ’97. ALASDAIR CARRACH.
STOR UR TAILLEARACHD.
Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.
Theid sinn an urras air an obair,
MacCoinnich & Co.
Sidni, C. B.
F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn.
Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.
Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air.
Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.
Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c , &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.
THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin.
Tha Factoridh Eureka air aon de ’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.
Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.
Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitche’s Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh, Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.
[Vol . 5. No. 29. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Tha a’ bhean-uasal a bha gus o chionn bheagan bhliadhnaichean ’na ban-righ air eileanan Hawaii, a nise air chuairt ann an Canada ’s anns na Stàitean.
Chaidh tigh dhilleachdan a losgadh ann am baile d’ an ainm Dallas, ann an Texas, air an t-seachdain s’a chaidh, agus chaidh sia deug de na chloinn a losgadh gu bàs ann.
Bha acarsaidSt . John’s, Newfoundland,air a lionadh leis an deigh mhoir deireadh na seachdain s’a chaidh. Tha an deigh a tigh’nn a deas, agus gun teagamh cha bhi fada gus am bi i againn ceithir-thimchioll an eilein so fhéin.
A sheachdain gus an dé bha àireamh iasgairean a mach air an deigh ann an Loch Mhichigan ’nuair a thainig stoirm a sguab an deigh a mach o’n chladach. Bha coignear dhiubh nach d’ fhuair gu tir, agus tha e ro-choltach gu robh iad air an call.
Chaidh deich mile ’s sia ceud gu leth mort a dheanamh anns na Stàitean air a bhliadhna a dh’ fhalbh, agus thainig còrr us sia mile gu leth ri ’m beatha fhéin. Tha so na ghnothuch uamhasach. Cha bu chòir beatha duine bhi cho suarach sid ann an dùthaich coltach ris na Stàitean.
Bha gle fhaisg air muillein acaire fearainn (999, -598) fo chrithneachd ann am Manitoba air a bhliadhna s’a dh’ fhalbh, agus thug gach acaire bhar a chéile seachad còrr us ceithir buiseil dheuga. Tha ’m bàrr na ’s lugha na bha e ’n uiridh, ach tha a’ phris moran na’s àirde agus mar sin tha an dùthaich na’s fhearr dheth na bha i o chionn roinn de bhliadhnaichean.
Tha e coltach gu bheil Eirinn a’ fàs na’s sitheile na b’ àbhaist dhi bhi. Tha ’n Riaghladh Breatunnach a cur rompa air a bhliadhna so deanamh le na’s lugha de mhaoir-sithe na b’ àbhaist daibh. Tha ’n àireamh ri bhi air a lughdachadh gu mor—da mhile duine ri bhi air a chur as—agus cùmhnaidh sin mu fhichead mile punnd Sasunnach ’sa bhliadhna dhaibh.
Tha ’n t-side air fàs na’s fuaire. Tha deigh a nis air an acarsaid, agus tha na bàtaichean-aiseig air a dhol gu ’n tàmh geamhraidh. Tha ’n carbad-iaruinn a ruith eadar so us Sidni Tuath da uair ’san latha, Di-luain, Di-mairt, Dior-daoin, ’s Di-satharna, a’ fàgail a bhaile so air naodh uairean ’s a mhaduinn, ’s air da uair feasgar, agus a’ fàgail Shidni Tuath mu uair an deigh sin.
Mar a thug sinn iomradh roimhe, tha na h-Innsean a’ fulang le gainne bidh. Tha an sgeul air tighinn a nise gu bheil plàigh a’ leantuinn an luirg na gorta. Bhrist i mach gu dona ann am baile Bhombay, agus tha mu leth an t-sluaigh air teicheadh as. Tha na h-àitean-adhlacaidh air an lionadh, agus tha moran de na cuirp gun an tiodhlacadh, oir cha laimhsich eadhon an càirdean iad air eagal gu’m buail a phlàigh iad féin. Tha suas ri da mhile gu leth air bàsachadh leis a phlaigh ann am Bombay leis fhein, agus cha’n eil dad de choltas lasachaidh oirre.
Tha fios as an Transvaal ag radh gu bheil Riaghladh na dùthcha sin a’ dol a chur mu choinneamh an Riaghlaidh Bhreatunnaich da mhuillein punnd Sasunnach a phàigheadh air son an ionnsuidh mhi-shealbhach a thug an Dotair Jamieson agus a chuideachd air an dùthaich sin a thoirt fo chis. Ma thig air Breatunn sin a phàigheadh, faodaidh i radh gu fior gu’m bu daor an ceannach e. Tha Cecil Rhodes an dràsda air a thurus gu Breatunn far am bheil aige ri cùirt a sheasamh mar a bh’ aig Jamieson. Tha moran dhe’n bharail gu robh esan air cùl a ghnothuich bho thoiseach, agus ma ghabhas sin dearbhadh air, ’s coir a pheanaisteachadh cho math ri càch.
Tha boirionnach ann an Stàit Chalifornia a tha na h-ard-riaghaladair air comunn urrais, agus tha i faotainn mar thurasdal deich mile dolair ’sa bhliadhna.
Chruinnich Pàrlamaid Nobha Scotia Dior-daoin. A reir coltais cha’n eil fior mhoran aca ri dheanamh air an turus, so ach a mhàin gnothuichean a chur air dòigh air son riaghladh na mor-roinn fad bliadhn’ eile.
Anns a choig latha deug roimh ’n choigeamh latha dhe’n bhliadhna so, bhrist ochd bancaichean fichead anns na Stàitean. Caillear còrr us muillein air fhichead dolair orra air fad. Tha bancaichean a’ bristeadh anabarrach tric anns na Stàitean o chionn beagan bhliadhnaichean air ais.
Tha duine anns a phriosan am Boston nach fhaca solus an latha o chionn da bhliadhn’ air fhichead. Chuireadh a stigh e ’nuair a bha e coig bliadhn’ deug air son mort gràineil a rinn e, agus tha aige ri bhi ann ri bheò. Cha mhor nach d’ fhuair e teicheadh orra o chionn ghoirid le tolladh troimh bhallachan a’ phriosain.
ThaLieutenant Pearya cur roimhe ionnsuidh eile a thoirt air ceann-a- tuath an t-saoghail a ruigheachd. Thug e an ionnsuidh cheudna uair us uair roimhe, ach dh’ fhairtlich air, mar a dh’ fhairtlich air gach fear a dh’ fheuch ris roimhe. ’S iomadh cunnart agus gàbhadh troimh ’n deachaidh e, ach a dh’ aindeoin sin tha e coltach gu bheil e deonach a dhol trompa a rithist air sgàth na h-onair a gheibh e ma ’se ’s gu ’n teid aige air a chùis a dheanamh.
Thaghail bana-charaid oirnn beagan romh ’n Bhliadhn’ Uir, agus phàigh i air son MHIC-TALLA, “air eagal,” ars ise, “gu’n caill mi mo fhradharc ma leughas mi e gun phàigheadh a air a shon. Cha do leugh mi àireamh dhe’n MHAC-TALLA nach bu leam fhéin riamh ach a cheud fhear a chunnaic mi. Leugh mi am fear sin an iasad, ach chuir mi g’a iarraidh dhomh fhéin gun dàil, agus tha e pàighte agam riamh uaithe sin.” B fhearr leinn gu’m b’ urrainn do ar leughadairean uile so a radh. ’S urrainn do mhoran diubh a radh, ach tha feadhain ann nach urrainn. Tha sinn an dochas co-dhiu gu ’n cuir iad uile rompa air a’ bhliadhna so nach leugh iad facal dheth gus am bi e ’n toiseach air a phaigheadh.
Iadsan a Phaigh.
D. J. Mac Asguill, L’Ardoise Iseal.
Padruig Mac Amhlaidh, Glace Bay, $2 .40.
Alasdair Mac-an-t- Saoir, Gabarus.
Niall I. Domhnullach, Cobh nan Eirionnach,
Domhnull Caimbeul, Eilean nan Ian.
Donnacha Moireastan, New Harris.
Ailean Camaran, Amhuinn Dhennis.
Iain Mac Aonghais, Allt nam Breac, Mira.
Iain I. Gillios, Meadows , Sydney Forks,33c.
M. T. Mac Neill, Cul a Phòin Mhoir, $1 .45.
Ios. A. Mac Neill, Glengarry Valley.
Domhnull Domhnullach, (Gobha) Amhuinn Dhennis.
Donnachadh Mac Leoid, Baddeck Mhor.
Iain I. Sutharlan, Kerrowgare , N. S.
An t-Urr. D. B. Mac Leoid, Orwell , E. P. I.
Alastair Bell, Garfield , Orwell, E. P. I.
Dughal Mac Gilleain, Priceville . Ont.
Calum Mac-Gille-mhaoil, Princeville . Ont.
Domhnull Mac-Gille-mhaoil, Princeville . Ont.
Donnacha Mac Aonghais, McIntyre , P. O. Ont.
Caorstaidh Nic Aoidh, Ripley , Ont.
Aonghas Peutan, Fairmede , Assa.
Iain Murray, Marsboro , Que. 25c.
Tormoid Mac Leoid, Steornobhagh, Que.
Murchadh Mac Laomuin, Quincey , Mass.
Domhnull Calder, Bute Mont, $5 .00.
Iain Caimbeul, Eaglais Bhaoghasdail, 25c.
Iain A. Domhnullach, Glenville , 25c.
An t-Ard-Urramach Alasdair Domhnullach, Easbuig Alexandria, Ont., $3 .00.
C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
THA sinn a creic gach seorsa de dh’ aodaichean Deante. Cha’n eil aite ’sa bhaile ’sam faigh thu bargain cho math. Taghail againn agus faic.
D. J. Domhnullach.
NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B,
Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha.
[Vol . 5. No. 29. p. 6]
Na Caoirich-Cheannriabhach.
Goirid an deaghaidh Chuilfhodair, bha Gall àraid—Séumas Yule, ’an Alloa, faisg air Sruibhla, aig an robh gabhail mhor mheanbh-chruidh. Bha an t-àite ro bhuailteach do’n bhragsaidh, air chor ’s gu’n robh an Gall an impis a chreach leis. Cha robh fios aige ciod a dheanadh e, ach smaoinich e gu’n tugadh e diachainn do atharrachadh-fiaraich. Is e bh’ ann, ma ta, ’s a’ bhliadhna 1759, gu’n do ghabh e geamhrachadh Chambusmere faisg air Calasraid. Chuir e ceithir chiad ann; agus cha d’ fhalbh a bheag sa bith dhiubh. An uair a chunnaic luchd-ghabhalaichean eile gu’n do thionndaidh an geamhrachadh a mach cho math do Sheumas Yule, thòisich iad fhéin air a chleas chiadna. Réitich so an rathad do na Goill agus do
“Na caoirich cheannriabhach
Rinn aimhreit feadh an t-saoghail”
Mu’n bhliadhna 1764, thòisich na Goill air gabhalaichean a ghabhail ’s a’ Ghàidhealtachd. ’S e fear d’am b’ ainm Lacroyne, a ghabh a chiad té, agus sin ’an Còmhal, ’an siorrachd Ionaraora. Air a luirg-san thainig dithis d’am b’ ainm Murray—fear dhiubh do Ghleann-Fallach, agus am fear eile do Ghleann-Dochart; agus cha b’ fhada na’n deaghaidh-san gus an d’thàinig Lindsay do Cheann-Locheura. Bha iad, tuille, a tighinn cho dlùth ris na cadha-dubha.
Roimh ’e àm so (1764), bha na Gàidheil, mar bu trice, ’an iarraidh mhath air an dòigh. A bharrachd air ni-dubh, bhiodh gràinnein chaorach ’us ghobhar aig gach fear air aghaidh fhéin, agus criomag thalmhann gu àiteach. Bha am monadh aig gach baile an comhchoir; ach bha cm fearann-treabhaidh air a roinn na ’chodacha-fia. Ma bha an t-aran car gann na ’uaireannan, rud gu’n robh, eadar bainne chaorach ’us ghobhar us cruith, cha bhiodh gainne annlainn orra ’s t-Samhradh, agus bhiodh am am pailteas feòla ’us éisg ’us sithne aca ’s a’ Gheamhradh. Chichear ’s “A’ Chaora Cheanainn,” stàth nan caorach-beaga dh na Gàidhil; agus co nach cuala—
A’ CHAORA CHROM.
A’ chaora chrom air an leacainn,
Da uan aice fo ’sgéith,
Chuireadh e le fead a sròine,
’Madadh ròmach air a dhruim.
Uan aig na caoraich uile,
Uan aig na caoraich uile,
Uan aig na caoraich uile,
’S paidhir aig a’ chaoraich chruim.
Huile h-uan cho mor ri gamhainn,
Huile h-uan cho mor ri gamhainn,
Huile h-uan cho mor ri gamhainn,
’S iad cho reamhar ris an ìm.
Bainn’ aig na caoraich uile,
Bainn’ aig na caoraich uile,
Bainn’ aig na caoraich uile,
’S gallan aig a’ chaoraidh chruim.
Bha gaoir chruaidh aig an tuath ’an aghaidh nan gabhlaichean-mòra—rud nach b’ioghnadh—is iad a chur sgapadh annta. Ach ach b’ e ’n tuath a mhàin a bha na’n aghaidh. Na’m biodh ùine again dh’fhaodainn teisteanas mhoran de Chélir Ghàidhealaich an ama a thoirt seachad mar dhearbhadh air sin; ach, gun ghuth a thoirt air Urramaich aimeil mar a bha ministeir na Comaraich, ministeir Chille-Mhàillibh, agus ministeir Ghlinn-Urchaidh, gabhaidh mi, ’s an ’am, le teisteanas ministeir Shrath-Churra agus Shrath-Lachainn; freagraidh e do’n Ghaidhealtachd uile thair a cheile.
Tha’n t-Olla Stiùart, ma tà, a sgribh ’s ’a bhliadhna 1791, a toirt a’ chunntais a leanas air cor a sgireachd: “An taobh-stigh de’n deich bliadhna fichead so chaidh, gu sonraichte bho’n a thòisich na gabhalaichean meanbh-chruidh, thug mòran de mhuinntir na sgìreachd so, a’ mhuir orra; ach tha e soilleir gur h-i an éiginn ’s nach e an ro-dhèigh-san oirre ’bu choireach. Le dithis, no tri, no ceithir, de bhailtean a chur cuideachd gu aon ghabhail a dhianamh, b’eudar, bho dhà-dhaig gu sia-diag de theaghlaichean a chur bharr na h-aon làraich. Cha robh atharrachadh aca so ach dol ’am mèinn ’an dubh-chosnaidh. Gillean òga, tapaidh, thug iad a’ mhuir orra; na seann daoine a b’urrainn obair a dhianamh, ghabh iad tigh-tioram, agus am pàidheadh-latha. Thug mòran am baile-mòr orra—agus tha ’bhlath—an t-sìde nach do chleachd iad, ghiorraìch i saoghal an t-seann shluaigh, agus rinn i deoraidhnean de’n òigridh. Ri linn nan caorach thàinig caochladh mòr air nàdur an t-sluaigh. Gus an d’thàinig na caoirich cha bi a’ mhuir ’s an robh an ùidh. Is ann a bha an aire gu sin air trèubhantas agus air gaisge. An deaghaidh an obair latha a chur seachad, ’s a shuidheadh iad timchoill a’ ghealbhain, b’e am fearas-chuideachd, dànachd na Fèinne, a bhi ’luaidh air gnìomhannan daoine trèuna, agus air cruadal nan daoine bho’n d’thàinig iad. Thug sin air an òigridh gach fàth ’us cothrom a gabhail air iad fhéin fiachainn ’s a dhearbhadh ri uchd cruadail ’us gàbhaidh. Bha iad ag cur thairis le fearas-duthcha—an gaol ’s an deòthas cho mòr mu’n ionad ’s an d’rugadh iad, agus gu’m bu cho math leotha ionann’s an cur air fògradh ri ’n cur do sgireachd eile. Cinneadalachd, ach thair gach nì, dìlse do’n ceann-cinnidh agus eud mu a chliù ’s mu ’onoir, b’e, leothasan, a’ chiad phuing de’n lagh. Bha e air a dheargadh air cridhe na h-òigridh, agus le ’bhi ga ’chur daonnan ’an cleachdadh, bha e ’sior-chinntinn ’an neart ’s an deòthas, agus cha robh gin idir as aonais. Na’n tuiteadh do’n triath fhèin, no do fhear de’n teaghlach, dol do’n arm, dh’èìreadh an òigridh gun obadh leis mar bu dual daibh bho’n athraichean. Ach dh’fhalbh sin. An diugh tha’m fearann air dol fàs: b’èudar do’n t-sluagh an dùthaich—an aon larach far an d’rugadh ’s na thogadh iad—làraichean an seanairean, fhàgail. Thàinig mùthadh mòr air nòs agus air beusan na feadhnach sin, agus tha fior nàdur an t-Seana-Ghàidhil air a chur aog. Far am faighteadh bho chòig-diag gu sia-diag de theaghlaichean ’s ’na thogadh ioma lasgaire cruadalach, ullamh gu tilleadh a thoirt à nàmhaid, ’s a chumail suas cliù a dhùthcha, cha’n fhaighear an diugh ach Gall ’us dà chìobair! Guth cha’n ’eil air an àm bho shean: is caoirich ’us ollann is culaidh-sheanchuis dhaibh. An aon fhacal, ma leanas na cùisean ach goirid, cha bhi urad’s cuimhne air nàdur an t-Seana-Ghàidhil. Mur robh móran àillis ’us soighneis aig na Gàidhil Bho-Shean, bha iad toilichte le’n cor. Is ann a b’uaill leotha acras, ’us allaban fhulang. Bha iad air am buaireadh mu cheòl ’s mu òrain. Ri tighinn do’n anmoch chuireadh an ceòl ’s an dannsa an sgìos dhiubh agus an airteal. An diugh is ann ainmig a chithear pìob, ’s cha chluinnear port; agus bho’n a thréig am fàth ’s an nòs bha a dùsgadh ’s ag altrum na bàrdachd, chaidh a’ ghlas-ghuib air an fhilidh. Dh’fhàg am fiadh am fireach. Frìdh mhór a bha ’s a’ choimhearsnachd, ’s am faighteadh na ciadan diubh, nach ann tha i na ’gabhail chaorach!”
An uair a chuir an t-ùghdar, Ailean Dùghallach, a mach “Oran nan Ciobairean Gallda,” 1798, bha còrr ’us tri fichead mile meanbh-chruidh ’an sgìreachd Chill-Monibheig fhéin, far an robh e ’fuireach ’s an am; agus mu chòig bliadhna roimhe sin (mu’n d’thàinig “Oran nam Balgairean” a mach) bha mu fhichead mile ceann ’an Gleann-Urchaidh. Mu’n àm sin (1791) b’e tuarasdal cìobair a bhiodh air tigh dha fhéin—dà mhart, cumail chaorach (tri fichead ’s a deich), agus cur buntàta.
D. C. M.
Bard na Leadaige.
Tha Iain Caimbeul na Leideige ’na dhuine còir, ionraic, agus urramach ’san àite anns an aithnichear e gu pearsanta. Tha a chàirdean lìonmhor; agus thòg iad tigh dha—tigh glé eireachdail ’s e th’ann. Cha ’n ’eil fhios agam co dhiù tha an tigh so ’na theisteannas air a ’mheas a tha a chàirdean a’ cur air mar dhuine no mar bhàrd. Theagamh gur e an da chuid. Ach ’s e duais a th’ann a tha glé fhreagarrach do’n duine mar bhàrd; oir ’s e bard-taobh-an-teallaich a th’ann. Tha e ’na ni comharraichte air sean bhàrdachd na Gàidhlig gur gann a tha dàn no òran innte mu’n dachaidh, no mu nithean comh-cheangailte rithe. ’S ann anns an linn so a thòisich na bàird Ghaidhealach air bhi ’tionndadh an aire rathad an taighe agus an teaghlaich agus faighinn aobhar bàrdachd annta. B’ ìad gaol agus cogadh bu trice bh’aca mar aobhair seinn roimhe so. Ach dìreach mar a’s mù a leugh iad de bhàrdachd na Beurla Shasunnaich, agus a fhuair iad de sgoil agus de fhoghlum an latha ’n diugh, ’s ann a’s dlùithe thàinig iad do’n dachaidh air toir aobhar bàrdachd; agus ’s ann a’s mo, cuideachd, a bhitheas iad a’ sealltainn a stigh air smaointean agus faireachdainnean an duine a chum an cur gu feum bàrdachd. Is éiginn do no bàird so a dheanamh cho fad ’s a tha ’n uachdranachd aig a’ Bheurla
[Vol . 5. No. 29. p. 7]
Shasunnaich. Cho fad ’s a bhitheas a’ chlann air sn teagasg anns a’ Bheurla Shasunnaich agus ’ga cleachdadh mar chainnt, bithidh moran de spiorad litreachais nan Sasunnach agus nan Gall a’ faighinn greìm orra; agus cha ghabh e sàsachadh le bàrdachd anns nach ’eil gnè de ’n spiorad cheudna. Is fada bhuam-sa a bhi ’cur an aghaidh spiorad litreachais na Beurla Shasunnaich a bhi ’tighinn a stigh do bhàrdachd nan Gaidheal. Ach thugamaid an aire ’n uair a leigeas sinn a stigh e nach leig sinn leis a’ Ghàidhlig a bhi ’call a blais fhéin. Cia b’e air bith gnè nan smaointean, cuireamaid an Gàidhlig iad. Tha so duilich ri ’dheanamh, air uairean, leò san nach tuig cia meud a tha air fhilleadh ann; ach nochdaidh mi, ’n uair a thig mi gu bhi ’g iomradh air eadar-theangachadh, gur urrainnear dreach Gàidhlig a chur air smaointean Sasunnach, nach eil idir cearbach. Bheìr mi fa chomhair an leughadair deagh eiseimpleir agus droch eiseimpleir air an ni cheudna. Aithnichear air ball air bàrdachd Iain Caimbeal gu’n do leugh e bàrdachd nan Gall ’s nan Sasunnach, gun facal a leughadh de ’bhàrdachd fhéin, ach direach le bhi ’leughadh clàir-innsidh an leabhair a chuir e an clò, agus le beachd a thoirt air na h-aobhair bàrdachd a roghnaich e. Bheir mi mar eiseimpleir air aobhar a tha gann am bàrdachd no Gaidhlig, òran fo’n ainm “Taobh mo theinne féin.” Chuir am bàrd ri fonn “Auld Lang Syne,” e, agus mar sin cha bhi e air a sheinn a chaoidh—air neo faighear fonn ùr dha. Cò a tha ’dol a sheinn òrain eile na “Auld Lang Syne” do’n fhonn a tha cho dlùth-fhuaighte ris!
TAOBH MO THEINE FEIN.
SEISD—
’S e taobh mo theine dhòmhsa, chlann;
’S e taobh mo theine féin;
Gu’m b’e siod àite blàth mo ghaoil,
Aig taobh mo theine féin.
RANN—
’Nuair thig mi dhachaidh anns an oidhch’,
’S mi fann ’us fliuch ’us sgith—
An saoghal cosmhuil ri bhi ’n gruaim,
Co duaichnidh bidh gach ni—
’S a chì mi ’n solus ’tighinn gu m’ shùil
Troimh ’n uinneig dhùint’, mar reul,
Gu’n tog mo chridhe suas le su und,
Bhi dlùth do m’ theine féin.
’N uair chì mi ’n lasair dheàrrsach, dhearg
’S gath àite sguabte grinn,
’Us fiamh a ghàir ’s gach aghaidh ghràidh
’S gach aon ’toirt fàilte bhinn,
O, c’ àit’ bheil sonas cosmhuil ris
An saoghal so a’ bhròin?
Cha tugainn taobh mo theine féin
Air mile bon de ’n òr.
’N uair gheibh mi comunn caomh mo rùin,
’S iad dlùth dhomh air gach taobh,
Gach aon ’toirt bàrr an tlus ’s am bàigh,
’S bann gràidh ’gar ceangal dlùth,
Mo bhean ’s i ’cur gach nì ’na àit’,
,S mo phàisdean air mo ghlùn,
Cha suaipinn taobh mo theine féin
Air sonas righ ’na chùirt.
Cha ’n eil an t-òran so ’na eiseimpleir mhath air bàrdachd Iain Caimbeul no eadhon ’na eiseimpleir mhath air mar a b’ urrainn da òran a dheanamh air an aobhar cheudna. ’So agaibh òran eile fo ’n ainm— “Mo dhachaidh” ris nach ’eil fonn air a chur leis a’ bhàrdach fhreagradh e ri fonn air choireiginn a tha ’nam smaointean nach urrainn domh ainmeachadh—theagamh gu’n deanadh “Gille mo ruin” a chuala mi aig Sgitheanaich ’ga sheinn, an gnothach.
ORAN DO M’ DHACHAIDH.
Mo bhothan beag, lurach
Am fasgadh a’ bhruthaich,
O, ’s mise nach d’ thugadh air stòras e;
Ged gheibhinn-sa saoibhreas
’Us tigh mòr na h-oighreachd
Cha ’n fhaighinn-s’ an sonas tha chòmhnuidh ann.
’N uair a bhios mi o’n bhaile,
’S mi sgith a’ tighinn dachaidh
Mi fadalach, airsneulach, ònarach,
’N uair ruigeas mi m’ fhàrdach
’S a chì mi mo pháisdean,
Gach aon a’ ruith ann am chòmhdhail diubh.
Is tric a tha ’n saoghal
’Toirt eallaich r’ a shlaodadh,
’Us cùram nach faoin a’ dol comhla ris;
Ach siod leis a’ ghaoith
Gach cùram ’san t-saoghal
’N uair thig iad le faoilte ’thoirt pòige domh.
Mo bhean ’us i romham
Le aoidh anns an dorus
A’ sealltainn an deighidh a’ chròilian ud;
Ged ’s fhada an ùine
O ’n sheòl i air tùs leam,
Ar gaol tha cho ùr ’s nuair a thòisich e.
’N uair dheàrrsas an t-sàbaid
Le sith ’us le sàmhchair,
Làn taing tha ar cridhe ’san uair sin
Do ’n Ti thug sinn sàbhailt
Troimh ’n t-seachdain a dh’fhag sinn,
’S a mhaitheas a ghnàth tha ’gar cuairteach.
An so tha ar làithean
’Dol seachad mar sgàile,
’S an fhàsaich co fhad ’s tha ar cuairt ann;
Gus ruig sinn an t-àite
Nach till sinn gu brath as
’S am faigh sinn an dachaidh bhios buan duinn.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar uthcha tha ’nar beachd
D. A. Mac FHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.
Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .,
SIDNI, C. B.
“Eagle Parlor” Matches
Tha iad gle mheasail air smocairean, agus aig mnathan-taighe.
Tha iad gle thaitneach ri ’n ùisneachadh oir cha’n eil faileadh dhuibh idir.
THE E. B. EDDY Co LIMITED
HULL, MONTREAL, TORONTO.
[Vol . 5. No. 29. p. 8]
A CEAP NOR.
A CHARAID: —Tha mi ’cur an òrain so, a fhuair mi o charaid dhomh, d’ur n ionnsuidh a chum a chlo-bhualadh cha luath ’s a fhreagras sin. Cha’n eil naidheachdan agam féin a chum an sgriobhadh an dràsta, ach ’n uair a bhitheas, theagamh gu’n sgriobh mi a rithist.
Tha mi toilichte gu bheil a dol ri àireamh luchd-gabhail a MHAC-TALLA gun tàmh. Guidheam “bliadhna mhath ùr dhuibh, agus moran dhiubh.” Is mi mar is àbhaist,
Do charaide dileas,
MURCHADH DOMHNULLACH.
Oran Ur air Sean Fhonn.
“CLACHAN GHUNN-DA-RUAIL.”
Tha iomadh bliadhn’ a dh’ ùine
Bho ’n là chùlaich mi le gruaman
An dachaidh anns an d’ àraicheadh,
Gu fallain, blath, gun ghruaim, mi.
Bho sin gu so neo-chaochlaideach,
Na h-uile taobh a ghluais mi,
Bha Freasdal caomh dhomh fàbharrach,
A iomadh càs ga m’ fhuasgladh.
Cha d’ dhi-chuimhnich mi ’n cròileagan,
Le ’n robh mi òg gun uallach,
A fàs gu geanail àbhachdach,
Gun aithn’ air cràdh no cruaidh-chas.
Ach faic an diugh a mùthadh so
’Rinn ùine thoirt mu ’n cuairt oirnn;
Chaidh sgapadh anns an àlach ud,
’S tha cuid a tàmh ’s an uaigh dhiubh.
Is gearr an ùine a dh’ fhairich sinn,
A dh’ fheud sinn fantuinn suaimhneach
Am fasgadh blàth a chéile,
Far nach d’ èirich dragh no tuasaid.
’S ged fhuaradh dachaidh shiochail leam,
Is teaghlach rianail suairce,
’N’ur measg bidh ’n inntinn shiubhlach so
Gu tric, am dhuisg ’sam bruadar.
’S ged ’s fhad’ o cheile a stiuireadh sinn
’S ged ’s fhad’ an ùine ’o’n uair sin
Cha sgaoil an daimheachd dhlighach so
Gu ’n sguir ar cridh’ a bhualadh.
Tha iomadh ni a caochladh dhuinn
’S tha ’n aois a faighinn buaidh oirnn;
A tanachadh ar ciabhagan
’S a preasadh sias ar gruaidhean.
Thoir soraidh ùr an drasda bhuam
A null gu sàil na fuar-bheann.
Mo dhùrachd do no dh’ fhágadh ann
Gu mair dhaibh slàinte ’s suaimhneas.
Achasan an Deideidh.
A DEUDACH DHOMHNUILL FHRISEIL.
Le Uilleam Ros.
Mile marbhaisg ort a dhèididh,
Thar gach galair,
’S duilich leam mar dh’ fhàg thu
M’eudail dheth na fearaibh,
Bheir gach tinneas eile dhuinne fànadh
’S fàth furtachd.
Ach ’se bheir thus’, a bhruidear mhilltich,
Ionnsuidh mhort oirnn:
Cha’n àill leat gun d’theid deoch no drama,
Steach fo’r carbad.
Ach gabhail dhuinn as ar claigeann
’S ar grad mharbhadh.
Cha luaithe dh’ éirich Domhnull Friseil
As a’ chuartaich,
Na chuir thusa do nimh ’an ìre
Gus a thruailleadh;
Cha’n fhoghnadh leat na rinn an teasuch
Air an truaghan,
Ach thu fein a dhroch bhuill deis’
A dhol ’ga thuairgneadh,
Bha cnaimhean a chinn, a’s eudann
’Sa dheud uile,
Mar gu’m biodh muill’ear ’ga riasladh
Fo chloich mhuilinn:
No mar gu’m biodh gobha Gallda
Ga theann sparradh,
An glamaire teannta, cruaghach
Do chruaidh stàilinn.
Ach thig do dhriug mur ’eil mi meallt’
Ma chluinn Mac-Shimidh,
An diol a rinn thu, a thrudair bhrùideal,
Air fhear-cinnidh,
’S esan a loisgeas an dù’ -thuill ort,
’S cha sinne uile!
Bhir e ’n t-arm dearg a Sasunn
Gu do sgiursadh,
Le peileirean dearga, lasrach,
A’s neart fùdair—
Grain ort nach do ghabh thu trudar
No fear doicheil,
Ach an duine fiughantach, fialaidh,
Chur o chosnadh,
’Sa liughad cailleach sgaiteach, bheur’,
A’s reabhair caile
Tha feum an carbad ’s an deudach
A leir sgaradh;
Edar Irt, a’s Peairt, a’s Ile
’S tìr Mhic-Ailein,
No ge do thogradh tu sineadh,
Aig a’ bhaile.
CARADH
Uaireadairean.
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.
AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leigsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD.
Cuir a dh’ iarraidh sampuill, teisteannais us urrais.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia. —agus—127 State St., Boston, Mass.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MHAC-TALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean.
NUAIR THEID THU ’BHADDECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram, Bathar Cruaidh
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile.
An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.
Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.
McDonald Hanrahan & Co,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95
title | Issue 29 |
internal date | 1897.0 |
display date | 1897 |
publication date | 1897 |
level | |
reference template | Mac-Talla V No. 29. %p |
parent text | Volume 5 |