[9]

[Vol . 5. No. 3. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IULAIDH 18, 1896. No. 3.


Litir a Alba.

Bodachan aghàraidh
Cho friogadach, cho frogadach,
Bodachan aghàraidh
Cho frogadachs a bha e riamh.

MO BHALACH GASDA, —Tha seachdain no dha o nach dfhuair mi ùine air sgriobhadh ugad. Bha mi anabarrach trang on a thainig an samhradh. Bhan t-earrach cho fliuchs nach dfhuair mi an gàradh a ruamhar ann an àm. Mar a tha fhios agad fhein, chaneil e math don talamh a bhithga ruamhar ri sìde fhliuch. Bha mi fada gun na frasan a chur, agus an uair a thàinig an t-side bhriagha, bhlath oirnn eadar dha Bhealltainn, dhfhas na frasan ann an ùine anabarrach goirid. Agus cha biad na luibhean nàdurra dad bu mhaille gu fas. Is minic a bha mismaointean gur ann mar so a than t-olc a tha gu nàdurra ann an cridhe an duine: fasaidh e anabarrach bras, agus mur cumar fodha e gheibh e làmh-an-uachdar air amhath. Tha mi nis ùine mhath ri gàradaireachd, agus ghabh mi beachd gur e an dòigh as fhearr gus na luibhean nàdurra a ghlanadh as a ghàradh, an spionadh a rithist agus a rithist as an talamh, agus an sin an talamh a chabadh gu maths gu ro mhath leis an tobha. Ach ma chabar an talamh gun na luibhean a spionadh as an toiseach, fasaidh iad cho brass a rinn iad riamh, ma bhios an t-side tais blàth. Is ann mar sin a bha an t-side mar bu trice on a thàinig an t-earrach agus an samhradh.

Thachuis coltach gum bi gàraidhean na duthchadh so glé phailt anns gach seorsa meas, ach ùbhlan a mhàin. Tha daoine agabhail beachd gur ann abhliadhna abhios reothadh teann ann agheamhraidh as fhearr a dhfhasas na h-ùbhlan. Nach faodadh aon de na Gàidheil chòire, fhiosrach a tha eòlach air mar a tha na measan a fas ann an America a bharail a thoirt dhuinn anns aMHAC-TALLA mu dheidhinn na cùise so. Tha sinn anns an dùthaich so a faotainn mòran ùbhlan a America agus tha e air innseadh dhuinn, gu bheil iad cuid de bhliadhnachan moran nis pailte na tha iad bliadhnachan eile. Bu mhath leinn fios fhaotainn ciod is aobhar dha so. Chan eil teagamh nach eil fios an aobhair aig iomadh neach araon an so, agus thall agaibhse.

Mun ruig an litir so thu bidh am MAC-TALLA adol a steach anns a chòigeamh bliadhna de aois, agus tha mituigsinn gum bi e nis na bha e. Is ait leam an sgeul so a chluinntinn. Tha dòchas agam gu seas na Gaidheil air a thaobh, agus gun toir iad dha fàilte chridheil, chaoimhneil mar bu ghnàth leis na fìor Ghaidheil a thoirt do gach fear-dùthchadh treun, duineil, treibhdhireach a ruigeadh na dorsan aca. Ach, mo thruaighe, tha àireamh mhòr de Ghàidheil na dùthchadh so air fas anabarrach Gallda. Cùl mo laimhe ris na Gaidheil Ghallda. Cha tugainn boineid Neill bhàin orra. Tha gaol na sgillinn agus cleachdadh nan Gall air thuar gach caoimhneas is duinealas a bhannta gu nàdurra a chur buileach glan as an t-sealladh. An Gaidheal aig nacheil meas air cànain a dhùthchadh chan fhior Ghàidheal e. Faodaidh e dhol gu feill no gu banais ann an trusgan suaicheanta nan Gàidheal, agus toirt air fein a chreidsinn gur fior Ghaidheal e, ach is iomadh fear air am bheil fhileadh bheag is sporran donn is cota goirid anns achom a labhras gle thàireil ann an comunn nan Gall mun Ghaidhlig agus mu na Gaidheil. Tha eagal orm gu faodar a radh le fìrinn nacheil ann am moran diubh ach na sionnaich ann an craicionn nan caorach.

Biodh so mar a thogras e, feumaidh gu seas na fìor Ghàidheil air taobh an aon phaipear-naigheachd a tha aca anns an t-saoghal. Lean thusa romhad mar a tha thudeanamh, agus theid achùis leat. Tha na fàidhean bréige a bha cur air do mhanadh nach seasdh tu do chasan gus an diugh, a nisnan tosd, agus bhiodh e cho math leotha nach dfhosgail iad am beoil riamh mu dheidhein. Cha rachainn an urras nach biodh iad air àireamh do dhluth-chàirdean mun tig bliadhnon diugh. Is iomadh rud cho iongantach ris a thachair.

Chaneil guth no iomradh aig Gàidheil na h-Alba air paipear-naigheachd a chur air choisnam measg fhein. Ach o nacheil de dhuinealas annta na so, nach fhaodadh iad am MAC-TALLA a ghabhail? Na toir thusa guth air so, ach creid thusa mise nam faighinnsa cothrom air na bheil de Ghàidheil Ghallda ann an Alba, ghabhainn air a h-uile mac màthar dhiubh le taod fliuch. “Nam burrainn duit,” arsiadsan. Seadh, dìreach nam burrainn domh. Ach gu fortanach dhaibhsan chan urrainn domh. Nan deanadh dùrachd e bhiodh làrach an taoid air cliathach gach fir dhiubh. Is tric leam greiseag a thoirt air reusanachadh ris na Gaidheil a dhéisdeas ri reusan, agus tha dochas agam gum buadhaich mi air cuid diubh latha no latha eiginn.

Cluinnidh tu uam an ùine gun bhith fada.

Is mi dfhior charaid
BODACHAN AGHARAIDH.
Latha Fheill Peadair, 1896.


GRAMAR UR GAILIG. —Tha Gràmar ùr Gàilig air a chur a mach o chionn ghoirid leis an Dotair H. C. MacIlliosa ann an Lunnainn. Tha ena leabhar a tha sinn an dochas agus an dùil a bhios gle fheumail dhaibhsan a tha airson eòlas math a chur air cainnt nan Gàidheal. Tha e leantuinn ann an ceumannaibh Gramar an Stiùbhartaich, ach tha ecur soilleireachadh air iomadh puinc a bha leabhar an Stiubhartaich a fagail car dorcha. Tha e air asgriobhadh gu math agus gu pongail, agus air a chur an clo gu snasail. Tha sinn ag earbsa gu faighear creic mhath dha, agus gum bi ena mheadhon air moran de Ghàidheil òga bhrosnachadh gu bhi cur tuilleadh eolais air cainnt an sinnsir. Tha ena chomharradh soilleir air gu bheil ar cànain adeanamh adhartas, leabhraichean dhen t-seorsa so a bhig an cur a mach, Gheibhear GramarIcIlliosa air son tri tasdain us sia sgillinn (3s. 6d) bhoDavid Nutt, 270-272 Strand, London, England.


Tha dealbh-chuimhne Fionghal Dhomhnullach ri bhi air a chur suas ann an Inbhirnis an ùine ghoirid. Tha e ri bhi air a chur air Cnoc a Chaisteil, far am bi Fionghalsna bliadhnaichan ri teachd ag amharc ris an àirden iar farn do thog Prionnsa Tearlach a bhratach. Tha an dealbh acosg mile punnd Sasunnach; chaidh an t-suim sin a thoirt don bhaile le fear de luchd-daimh Fionghail, Caiptean Iain Henderson Domhnullach, a Lunnainn. Tha e gle iomchuidh gum biodh dealbh-chuimhne air a chur suas don mhnaoi-uasail threin so ann an ceanna-bhaile na Gàidhealtachd.


Chaidh fios a chur air falbh à New York o chionn ghoirid a chaidh ceithir-thimchioll an t-saoghail, a cheud fhios a rinn an turus sin riamh. Shiubhail e ochd mile fichead de mhiltean, agus ben ùine thug e air an t-astar sin a dheanamh, da fhichead mionaid sa h-ochd.


An ceòl air feadh na fidhle.

An ceòl gàire bhan uiridh aca, ’na cheòl guil am bliadhna.



[10]

[Vol . 5. No. 3. p. 2]

SILIS NIC-COINNICH.

SEAN SGEUL GHAIDHEALACH.

(Bho Bheurla Sheumais Hogg, Ciobair Ettrick.)

II.

Chriothnaich Silis, threig a misneach i, agus tharruing i air a h-ais on t-sealladh uamhasach; achn uair thug i fainear an dannarrachd a bha gu soilleir ri fhaicinn ann an gnuis gach aon de chach, chuir i roimhpe gun leanadh i iad; dhuin i a suilean agus ghreimich i gu teann ri gairdean a fir, agus ghabh iad an toiseach. Lean Carnach agus mac a bhrathar, Bar-a- mhuilinn, air an sail agus Achadh-na-sion agus Monar air dheireadh. Air meadhon na drochaid, ghlac Carnach agus Bar-a- mhuilinn Silis, agus ann am priobadh na sulthilg iad bharr na drochaid i. Bha an gniomh air a dheanamh cho grads nach robh uine aice air sgal no sgread a thoirt aisde, no eadhon a suileanfhosgladh; ann an tiota chaidh i as an t-sealladh; bha an sruth cho laidir as gun do ghiulain e air uachdar i cho aotrom ri iteig. Thuit i air a druimn a leth shuidhe, cha deachaidh i oirleach fodha, dhfhalbh i air uchd na tuil mar shaighead on t-sreing, agus ann an uine ro ghoirid chaidh i as an sealladh.

III.

CHA bu luaitha thilgeadh Silis bharr na drochaid-mhaide, na ghlac na maithean ud an ceann-finen an gairdeanan, agus ghiulain iad eatorra e air ais don Chaisteal. Chaidh e gu buileach as a chiall; bha e mothachail air a chall, ach cha robh beachd toinisgeil aige ciamar a thachair e, cha burrainn e a thuigsinn. Anns acheud dol a mach mhallaich e Barr-a- mhuillinn, agus bhoidich e gum faca e le a shuilean fein eg a putadh bharr na drochaid; ach bhoidich cach an aite sin, gur h-ann a thug Barr-a- mhuillinn ionnsaidh air greim a dheanamh oirren uair a mhothaich e i atuisleachadh leis an tuaineal a chaidhn a ceann, leis an t-sealladh uamhasach a bha air gach taobh dhi, agus a thug oirre leum bharr na drochaid; agus mun dthainig an oidhche, thug iad air a chreidsinn gur h-ann mar sin a bha chuis.

Cho grads a ghabhadh e deanamh, chuir iad eich agus gillean air falbh gu beul na h-aibhne, ann an dochas gum faighte corp Silis an oir amhuir-lain; fhuair iad bàtaichean agus iasgairean, len lìn agus le an greimichean ann an ordugh cho cabhagachs bu chomasach dhoibh; sgriob iad an cladach thalls a bhos gus an dthainig an oidhche orra, ach cha dfhuair iad Silis. Nuair a chuala am Moraire nach dfhuaradh i, chaidh a bhron thar cuimse, chaill e a chiall agus a bhreithneachadh gu buileach; chuir e roimhe gum feumadh e fein togail a mach air toir a Shilis ionmhuinn ionghradhach; stoirmeil dorcha mar bha an oidhche, an e gum fanadh esan fo dhion no fo fhasgadh gun fhios nach faodadh annsachd a chridhe a bhig a luasgadh ann an oir a mhuir-lan re na h-oidhche, gun duine a sealltuinn amach air a son; O! nam besan a bhiodh na h-aite, is i a Shilis ghaoil, nach leagadh a ceann ri cluasaig air an oidhche ud mar a bha a chairdean ag asluchadh air a dheanamh. Ri h-ùine, gheill e do chomhairle a chairdean; ach bha a bhron cho domhain agus nach e a mhain gun robh a chridhe fein an impis sgaineadh, ach gun robh a leithid de bhuaidh aige air cridheachan bruideil an-iochdmhor nam maithean uaibhreach ud, as gun do chriothnaich iad le uamhann agus le geur-aithreachas airson aghniomh aingidh, fhuiltich anns an robh an lamhan air an deargadh. ’N a aonarachd dheuchainnich, bha, a reir an aideachaidh, an comhfhulangas abu chaomhala aca ris acheann-fhine, chan fhagadh iad leis fein e; ach chan fhaodadh iad fuireach ro fhadan a chuideachd, agus air falbh bho an teaghlaichean fein; uime sin chomhairlich iad dha, e sgur da chaoidh cho ealamh as a burrainn e, oir ged a dhfhaodadh e bhi an aghaidh a thoil agusfhaireachduinn aig an am, gum be a dhleasdanascha bann a mhain air sgath a chinnidh chumhachdaich air an robh en a cheann— ’inntinn a dheanamh suas gun dail gu sealltuinn a mach airson ceile a bhiodh airidh air a laimh, agus air an inbhe aird agus chudthromaich anns an robh e air a shuidheachadh. Agus ged bha a chall agus aobhar a thrioblaid aig an amn a fhreasdal dorcha, co aig an robh fios nach bi toil an Uile-chumhachdaich gun tachradh e, gu bhi toirt as an rathad achuspair ud, uasal, aillidh agus ion-ghradhach ged bha i; ach a reir coslais, a bha seasamh eadar esan agus oighre dligheachfhagailn a dheigh gu bhi cumail suas ainm agus teaghlachathraichean, agus gu bhi tiorcadh a chinnidh o thuiteam nan traillean agusn an iochdarain fo neach do nach robh aon chuid, speis no urram aca. “Aidichidh miars am Moraire, “gum bheiln h-aobharan a chuir sibh fo mchomhair, cudthromach agus reusanta. Ged bha mi riamh mothachail gun robh mo chrannchur a reir toil agus ordugh an Tighearna, gidheadh, bha en adhoilghios dhomh. Ach chaneil na nithe so aig duine air bith, ’n a chumhachd fein, agus ged tha cuid ann, aig am bheil an cridheachan cho suidhichte air na nithe dan crioch am fein bhuanachd, as gum bheil am faireachduinnean agus an gniomharan air an riaghladh leo, chan e sin cor mo chridhe-se aig an am so. Ma thig an latha anns an urrainn mise mo chridhe briste a lubadh gu bean eile a ghabhail do mionnsaidh, ni mi sin, ach cuin a thig an latha sin orm, chan urrainn mi a radh. Ciamar is urrainn mise mo lamh a thairgseadh do mhnaoi eile fon ghrein? An gradh a thug mi do Shilis, cha toir mi gu brath do mhnaoi eile. Dhfhaodainn mo lamh agus mo bhoidean-posaidh athoirt dhi; achn uair a dhuisginn anns amhaduinn agus a gheibhinn a mach gur te air bith eile ach mo Shilis a choidiln am bhroilleach, chuireadh e a leithid de bhuaireas orm as gu r h-eagal leam gun cuirinn lamhn a beatha, agusn am bheatha fein mar an ceudna. A chairdean gradhach, calma, creidibh mi agus na cuiribh teagamh ann, —tha call mo Shilis fein, air a dheargadh cho domhain air mo chridhe as nach urrainn mi gu brath te eile a churn a h-aite. Ach mas comasach gun tig atharrachadh air mo chridhe, ge be uair a thig e, geillidh mi dur comhairle, ach gus an tig, cha gheill.”

Cha robh freagradh aMhoraire do chomhairle a chairdean idir cho fabharachs a bha fiughair aca; chuir e fo ghruaim agus fo amhladh iad; chrath gach aon dhiu a cheann le feirg agus le duil-bhristeadh. Thug iad fuil neo-chiontach air an cinn, gun achuis a dheanamh dad ni bfhearr, ach moran ni bu mhiosa. Cho fads a bha Silis beo, bha rudeigin de dhochas aca nach basaicheadh Eidirdeil gun oighre fhagailn a dheigh, oir mo chreach! ghearradh as i mun robh i ach gann naoi bliadhna fichead a dh-aois; bha a h-aite nis falamh, agus cuisean, a reir coltais, ni bu duirche na bha iad riamh. Bha cridheachan ardanach nam maithean uaibhreach ud a nis air am bioradh le geur-aithreachas.

Ma bha mi-fhortan aMhoraire gach latha, o mhoch gu anmoch, ’na chuis sheanchais eadar e fein agus a chairdean, cha bu lugha bha e mar sin am measg nan seirbheiseach shios an staidhir, ach bha mor easaonachd am measg nan seirbheiseach da thaobhgach aon fa leth dhiu de chaochladh barail mun doigh air an do thachair an sgiorradh craiteach ud leis an do chaill iad banmhaighistir a bha cho uasal, cho aoidheil agus cho so riaghlaichte. Am measg nam fineachan Gaidhealach bha gach diomhaireachd agus comh-chordadh am bitheantas aithnichte don iomlan dhiu, ard as iosal, ach dhoibhsan an aghaidh am faodadh falachd no aimhleas a bhi air a dheilbh. Am measg an fhine so, gu sonruichte, gheibhte na h-iochdarain den aon bharail mu gach cuis ris na h-uachdarain. Bha na h-iochdarain cho trailleil agus cho eisimeileach as gum faodadh na h-uachdarain, gun eagal gun soradh, gach diomhaireachd earbsadh riutha. Re ioma bliadhna, cha robh antlachd agus mi-run nan uaislean do Shilis, ’n an diomhaireachd do neach sam bith ach dhi fhein a mhain; cha do smuaintich ise riamh gun robh i ann an cunnart. Bha geur-amharus aig na seirbheisich gun robh lamh aig na maithean cuilbheartach ud, air doigh eigin, ’n a bas, achn an traillealachd dhiblidh, chan aidicheadh iad e; ciod air bith barail a bhaig aMhoraire agus aig a chairdean shuas an staidhir mun chuis, bi sin am barail-san mar sn ceudna. Ach bha caileag og, thapaidh, bhiorshuileach am measg nan seirbhiseach, dam bainm Oighrig Nic-Coinnich, a bhan a comhdhalta do Shilis; agus dan robh mor speis aice. Bha Silis lan-earbsach a dilseachd Oighrig anns na h-uile ni, agus bha Oighrig



[11]

[Vol . 5. No. 3. p. 3]

da-rireadh airidh air a muinghinn. Bi barail Oighrig gun robh na maithean ud ciontach do bhas na ban-mhoraire, agus cha beagal leatha a h-amharusan aideachadh an lathair neach air bith, coma co e. Bha a h-amharus laidir air seann fhear Charnaich, mar cheann agus mar fhear-stiuraidh do chach; bha i lan-dearbhtan a beachd fein, agus cha beagal leathachur as a leth, gun athadh, gun soradh, gun do mhoirt e a bhan-tighearna, agus gun robh e amealladh aMhoraire, a chionn gun robh deagh fhios aige gur h-e fein a bfhaisge ann an daimh don cheann-fheadhna, agus nam basaicheadh am Moraire gun oighre fhagailn a dheigh, gun tuiteadh an tiodal agus an ceannas-cinnidh air fein agus air a theaghlach, do bhrigh nach geilleadh am fine gu brath do Nagaar. Ged a bha na seirbheisichga breugnachadh agus amaoidheadh gun casaideadh iad i mur cumadh i a droch theanga fo smachd, a dh-aindeoin gach bagraidh, sheasadh Oighrig gu calma ris na thubhairt i; bha i coma co a chluinneadh e. Chuir i na seirbheisich fo eagal agus fo bhuaireas le a danachd neo-sgathach; chruinnich iad ma timchioll acrathadh an cinn, asplèucadh agus adur-shealltainn an aodannaibh a cheile. “Tha mi lan-dearbhtaarsa Oighrig.— “Is math is aithne dhomh na bha de innleachdan diomhair, cuilbheartach air an deilbh le maithean suarach, drochmhuinte ur cinnidh, an aghaidh ur deagh bhan-mhaighistir, uasal, aobhach, neo-choireach mar bha i; ach gu sonruichte leis an t-seann nathair lùbach ud, Carnach, a bha air ceann chaich, mar shealgair air ceann lothainn chon-luirge, afeuchainn gach innleachd gu cur as dhi; mo chreach agus mo dhiubhail gun deachaidh leis; ach beiridh dioghaltas airsan gun dail. Thig fianuis don Chaisteal mun teid moran laithean seachad, a dhearbhas a chionta; tha mi lan-chinnteach as, oir chaidhfhoillseachadh dhomhsa bho an duthaich tha taobh thall na h-uaigh nach fada gus am faic mi a sheann chorp mosach, gun deo gun anailn a shineadh air bearradh na creige eadar an abhainn agus an Caisteal, lefheoil air a reubadh agus a chnamhan air am bristeadh.”

(Ri leantuinn.)


COMHRADH.

EADAR MURACHADH BAN AGUS COINNEACH CIOBAIR.

MUR. —A dhiulanaich mo ghraidh, ciod ris am bheil thu mar so, le dchaibe mor, le dgheimhleig fhada, agus le dphiocaid gheur? Ann an ainm an aigh, ciod is obair duit, agus ciod is ciall don toll mhor, fharsuing a tha thu acladhach air achomhnard so?

COIN. —Gleidh mise! Am bheil mo shuilean acur an ceill na firinn, no am bheil iad ga mmhealladh le faoin-sgailibh luaineach, no le taibhs’ -shealladh air mo charaid runach? Is tusa thann, fhir mo ghaoil, is tu a thann gun teagamh. Ochan! ochan! tha sòlas an diugh mar chaomh-sholus na greine aboisgeadh anns gach ionad agus oisinn mun cuairt, do bhrigh gun do nochd thu thu fein gun fhios gun aire, gun dail gun dochas riut. Is mairig a their nacheil brigh ann am bruadar. Chunnaic min am chadal an raoir thu, agus thubhairt mis amhaduinn ri Seonaid, “Chan fhada gus am faic sinn Murachadh Ban,” —agus nach bfhior e! Ochan, a Righ!

Is i do bheatha don Ghoirtean-Fraoich,
S aighearach, aobhach an diugh mi:
A Mhurachaidh, thig, ’s dean suidhri mthaobh,
Dhfhag dfhaotainn balbh gun ghuth mi.

Tha Seonaiddannsadh air an raoin,
Than Goirtean-Fraoich gu cridheil;
Gach beag as mor aglaodhaich mar aon
Tha Murachadh Ban air tighinn!”

MUR. —Ben t-ioghnadh e, a Choinnich, ben t-ioghnadh caraid fhaicinn a chunncas leat gu tric roimhe, a chunncas leat o cheann ghoirid, agus a chithear leat fathast gu tric ma bhios cothrom agus comas nan cas aig seann Mhurachadh Bàn. Ach tha moran agam ra fhoighneachd mun ghne oibre a thagad os laimh an sin; mun bhardachd a rinn thu a dh-altachadh mo bheatha aon uair eile don Ghoirtean-Fraoich, agus mu chor Seonaid a thadannsadh air na raontibh mas fior a deagh chompanach. Tha eagal orm, gidheadh, nacheil anns an dannsadh sin ach aon de na dealbhaibh luaineach a shuidhich na Ceolraidhean anns an inntinn innleachdaich aig Coinneach Ciobair. Ach biodh sin mar afheudas, cha dinnis thu riamh dhomh gun robh gride na bardachds a chlaigeann chruaidh sin agad, agus cha do smuainich mi riamh gun robh thu air do dheasachadh le spiorad nan ceolraidh, gus an cual mi na rannan ud a rinn thu air ball, an uair a thainig mi ort gun fhios gun aire dhuit. Tha deagh fhios agam gum bheil thu taghta air na h-oranaibh ged nach robh comas agam aig am sam bith do chluinntinn. Ach cluinnidh mi an deigh so caileigin den rannaireachd air am bheil thu gun teagamh co ro ghleusda. Aig an am so, gidheadh chaneil uinagam ra bhuileachadh air na nithibh sin, dhaindeoin co taitneachs a bhitheadh iad.

COIN. —Nach minic a chual thu, aMhurachadh, “gur luaithe deoch na sgeul!” Air don chuis a bhi mar sin, fagam an toll mosach, salach so, far am bheil mi, mar a tha thufaicinn, co bog, fluich, tartmhor, sgith, agus rachamaid a choimhead air Seonaid, air am bheil fadal gu leoir, gu dfhaicinn, agus feuchaidh sinn ciod a dhfheudas a bhis an t-searraig-dhuibh, oir tha e cinnteach gum bheil feum nach beag agad-sa air boinnes air bonnach an deigh do thurais; agus cha mhiste mi fein an t-suil a fhliuchadh an deigh maornagain agus mo luidridhs an t-sloc dhuibh ud. Tiugainn ma ta, thugamaid an tigh oirnn, oir co cinnteach ris an airgiod bhaistidh, tha Seonaid air call a foighidinn.

MUR.— “Co cinnteach ris an airgiod bhaistidh,” an e thubhairt thu, aChoinnich choir. Bhan la sin ann, ach am measg nithe eile, dhfhalbh e. Chaneil guth an diugh air airgiod baistidh, achn a aite bheirear seachad mir mor paipeir co leathann ri dorus amhuillinn, air am bheil gach ni mun leanaban air a chur sios; ach is tu fein as eolaiche air so a chleachd e. Air mo shon-sa dheth, than la sin seachad, ach cha deirich sin duit-sa, fhir mo ghraidh. Ciod, gidheadh, is ciall don t-sloc uamhasach sin anns am bheil thu acladhach?”

COIN. —Is comadh leam sin, aMhurachadh, agus chan ann a thoirt droch fhreagairt ortsa; ach cha chuireadh e mor-dhuilichinn orm, ged dheanadh e leabadh re seachdain don fhear as coireach ri bhi gadheanamh.

MUR. —Seadh, ach co e am fear sin?

COIN. —Co, ach Sir Seumas an aigh! So mar a bhan gnothuch. Bhruadair e air oidhch araidh gun robh am fearann aige lan guail, agus nach robh an gual ach beagan shlat sios o bharr na talmhainn, anns acheart aite far am bheil mi acladhach. Uime sin, dhorduich e dhomhsa cumadh an tuill a ghearradh a mach, agus a bhicriomadh ris mar a dh fhendas mi, gus an cuir e comunn laidir gaoibreachadh air an ath sheachdain. Theid e sios, tha eg radh, gu doimhneachd thri no ceithir fichead aitheamh; ach ged a rachadh e sios gus an tig e a mach air taobh eile pheileir na talmhainn, chan fhaigh e smad guail.

MUR. —Cha chual mi a leithid riamh! An e so aobhar abhurachaidh a tha thu adeanamh, a charaid? Than obair mor, ach chaneil i taitneach, agus gu cinnteach, mar a thubhairt thu, cha bhi i tarbhach.

COIN. —A reir mo bheachd-sa, a Mhurachaidh, than gnothuch mar sochaneil teagamh agam annaguss e sin, gum bheil bruaillean iongantach ann an eanchainn Shir Seumas riamh on dhealaich e ris an tuath mhor aige, agus on ghabh e na fearannan a laimh fein. Gach la on am sin, bha e cosmhuil ris abhuideal a bha cas-ruidhleadh leis an leathad, gun arcan ann, agus a bha sìor chur nan car dheth, ach cha robh car ach car gu call. Mar sin, dheirich do Shir Seumas. Bho am an dealachaidh so, cha robh tlachd no rath air ni sam bith a bhuineadh dha. Ghabh e searbh aithreachas, ach chan aidich se e. Dhfhas e co frionasach, crosda, greannachn a nadur ri cearc-Fhrangach, agus cha robh efaotuinn foisn a inntinn fein a la no dh-oidhche. Cha do fhreagair an spreidh Eireannachs an tir so idir. Chaidh na h-uiread de na h-eich a dhith air, agus iadsan nach deachaidh, dhfhas iad co caol, cruaidh ri bulas na poite. Chaill an crodh na laoigh, shearg na caoraich as leis aghalar-greidh, agus chaneil ach mi-shealbh air gach ni on la dheistinneach sin air an

(Air a leantuinn air 6 taobh.)



[12]

[Vol . 5. No. 3. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, IULAIDH 18, 1896.

Tha MAC-TALLA air tòiseachadh air bliadhneile, an coigeamh bliadhna debheatha. Le cuideachadh nan càirdean airn do chuir e eòlas re nan ceithir bliadhnachaidh seachad, càirdean a tha nise araon lionmhor agus dileas, tha en dòchas gum bi e air abhliadhna so fad air thoiseach air mar a bha e bliadhna sam bith eile. Tha àireamh mhath de dheagh sgriobhaichean air a chulaobh a chumas sgeulachdan, eachdraidhean, litrichean, agus seanchas math eile ris, nach urrainn ach a bhi taitneadh ris an luchd-leughaidh. Cha ruig sinn a leas gin dhiubh ainmeachadh, oir tha iadsan a tha leughadh a phaipeir o sheachdain gu seachdain eòlach orra uile. Ach tha iad air fad agealltuinn gun dean iad air abhliadhna so, mar a rinn iads na bliadhnaichean roimhe, gach cuideachadh is urrainn daibh a thoirt dhuinn air sgàth am paipear Gàilig a chumail suas. Tha sinn an dòchas gum bi iadsan a thaga leughadh dhen aon rùn, agus nach e mhàin gun déilig iad ris cho mathsa bàbhaist daibh a dheanamh ach moran nas fhearr. Ma theid na tha de fhior Ghàidheil afaicinn MHIC-TALLAna chuairtean seachdaineach an guaillibh a chéiles gun cuir iad rompa deagh theachd-an-tir a chumail ris, chan eagal dha. Tha làn earbsa againn á duinealas us dilseachd nan Gàidheal, agus tha làn dhòchas againn gun cuir iadnar comas am MAC-TALLA thoirt troimhn bhliadhna so nas fhearr na thainig e troimh bhliadhna fhathast.


Litir a Ontario.

FHIR-DEASACHAIDH: —Tha e air a radh ruds an teid dàil gun teid dearmad. Cha mhor nach ann mar sin a tha mise; than ùine cho fada bho nach do sgriobh mis gu bheil mi nis air fàs mar gum bann suarach mu sgriobhadh idir. Ach coma co dhiu, mar thuirt fear roimhefeuchaidh sinn a ris e.” Cha a bhi mig innsetha fios aig a h-uile h-aon a dhfheuch enuair nach bi duine ann am fonn sgriobhaidh nach bi ann ach obair suas am bruthach.

Tha gach duine nise air socrachadh bhon chaidh an Taghadh seachad, agus gu cinnteachs iomadh duine gòrach a bha deanamh amadain dheth féin air sgath a phàirtidh ge be de phairtidh dam buineadh e. Ach coma co aca, tha mhuinntir a bha roimhe so air an taobh lag a nise air an taobh làidir, tha iadsan a bha stigh fad nan ochd bliadhna deug a chaidh seachad a nise air an cur a mach agus iadsan a bha mach air an cur a stigh. Tha sinn an dòchas gun tig na timeannan nas fhearr a nis, agus ma thig gu cinnteach tha sinn feumach orra.

Rinn na leumadairean feòir cron mor air abhàrr anns an àit so; tha cuid ann aig nach dfhàg iad mir feòir no corca gun ithe. Ach thainig frasan mathuìsge o cheann beagan lathaichean agus than t-ionaltradh air fàs gorm a ris, agus chan eil iad cho dona a nis. Tha mifaicinn nach robh an t-side cho tioram agaibh ann an Ceap Breatunnsa bha i againnsan àite so fad Mhai us Iùn. Tha i nis air reir coltaisdol a bhi fliuch ri àm an fheòir. ’S e chluinnear a nis aig moran, “O nach i sin an t-side tha fliuch!” Roimhe so cha chluinnte aca ach, “Nach in t-side tha tiòram; bfhearr gun tigeadh an t-uisge.” Le bhi cluinntinn aghearain a bhios air cuid a dhaoine air uaireans ann a shaoileas tu a bhios iadfaotainn coire dan cruithfhear air son a dheiliginn riutha. Achs math nach ann aig daoine tha riaghladh na side, oir nam bann bhiodh an saoghal gu math neònach. Bhiodh am feur a frasadh air fearann an duine fhuair a chuid feòir a stigh tioram, agus aghrian adearrsadh le neart air fearann a choimhearsnaich aig a bheil a chuid fheòir a muigh fhathast.

Tha biadh cruidh air reir coltais dol a bhi gu math gann aig cuid am bliadhna rithist, ach tha biadh duine gu math saor. Flùr cruithneachd air $3 .50 am barailte. Bha am buntàta a creic air 15c. agus 25c. am poca fad na bliadhna, ach tha e beagan nas daoire nis on tha e fàs gann.

Tha mi faicinn gu bheil MAC-TALLA gu bhi air a mheudachadh gun dàil. Soirbheachadh math leis anns an àm ri teachd! Feuchaidh sinn ri Gailig a chumail ris an dràsdsa rithist mar as fhearr is urrainn duinn. Bfhearr leam gun tòisicheadh tuilleadh air sgriobhadh uige. Chan fhaic mi aon á Ontario a sgriobhadh ach mi féin, agus chan eil an onair a dhith ormsa air fad. Feuchadh cuid-eigin eile agus bidh mi fadana chomain.

Bha moran tinneis anns an àite so bhon thainig an samhradh, ach tha pàirt dhiubh a faotainn nas fhearr. Tha mi smaoineachadh gu sguir mi a nis, oir tha gu leòr cho math ri féusd agus moran nas fhearr.

Bhur Caraid,
IAIN MAC ILLEASBUIG.
Priceville, Ont., 10, 7, ’96.


Amadan aig deich ar fhichead, amadan am feasd.

An cliù a ghaibh duinena òige, is e as docha leantuinn ris.


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .,
SIDNI, - - C. B.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, B. P. I.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.


Siosal & Crowe.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


So a Mhic!
Ciamar a tha dUaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, their e gu
Rhodes & Gannon,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c., Mainspring , 75c.An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.


STOR UR TAILLEARACHD.
ANN AN
StorW . E. Peters.

Aodaichean Mathadhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.

Theid sinn an urras air an obair.
MacCoinnich & Co.
Sidni, C. B.



[13]

[Vol . 5. No. 3. p. 5]

NAIDHEACHDAN

Tha tigh mor ri bhi air a chur suas ann am baile Halifax air an t-samhradh so, agus chan eil clach ri bhi ann ach marbal. Tham marbal ri bhi air a thoirt á Beinn a Mharbail, an Ceap Breatunn.

Chaochail Caiptean Aonghas Mathanach aig a dhachaidh anGrand Riverair an t-seachdain sa chaidh. Bu bhràthair e do Ioseph Mathanach, a thana fhear-pàrlamaid do shiorrachd Richmond.

Tha ban-phrionnsa Maud, nighean do Phrionnsa Wales, ri bhi air a pòsadh ri Téarlach, Prionnsa Lochlunn, Di-ciaduin sa tighinn. Tha a Bhan-righ gu bhi aig a phòsadh, agus tha achàraid òg dol troimh Lunnainn gus am faigh an sluagh air fad cothrom air fàilte chur orra.

Tha moran de na muillean cotain ann amFall River, Mass. ,air sgur a dhobair, agus than luchd-obrach uilenan tàmh. ’N am measg bha àireamh mhor de Fhrangaich á mor-roinn Chuibeic, agus tha iad sin uile air tilleadh dhachaidh dhan dùthaich fhéin.

Tha an t-side air fàs anabarrach teth o chionn seachdain, agus iadsan a bhagearain gu mor air an fhuachd o chionn dha no tri sheachdainean, tha iad a nise cheart cho briathrach agearain air abhlàths. ’S duilich cuid a dhaoine rin toileachadh. ’Nuair a bhios am fuachd anns fhearr leotham blàths, agusnuair a thig am blàthss fhearr leotham fuachd.

Tha an t-Easbuig Camaran, á Antigonish, an dràsd air chuairt ann an Ceap Breatunn. Bha e anns a Bhaighn Ear deireadh na seachdain sa chaidh, ann an Sidni Di-domhnaichs Di-luain, agus tha e uaithe sin ann an caochladh aitean an ceann a deas na siorrachd. Tha edol tuath gu Ingonishs Ceap Nor toiseach na seachdain sa tighinn, agus bidh e air ais ann an Sidni Tuath Dior-daoin.

Chaidh fear Fionnladh Mac Suain a mharbhadh ann a mèinn aReserve Di-sathairne sa chaidh, le tòrr guail a tuit airse aigobair. Bha e marbh mus dfhuaireadh an gual a thoirt dheth. Dhfhàg e bean agus dithis chloinne. Bàbhaist dha bhifuireach air Caribou Marsh, ach bha eg obair anns amhèinn o chionn àireamh bhliadhnaichean. Bha ena dhuine a bha gle mheasail am measg na bha eòlach air. Bha e mu thri fichead bliadhna dhaois.


Tha coithional Amhuinn Dhennis us Mhalagawatch an deigh gairm a chur dhionnsuidh an Urr. Iain Ròs, a than drásda suidhichte ann an cearna de dhOntario, agus tha sinn acluinntinn gu bheil en deigh an gairm a ghabhail, agus nach fhada gus am bi e tighinn. Bha Maighstir Ròs àireamh bhliadhnaichean ann aHogamah ach o chionn cheithir bliadhna chaidh e dhOntario. Bidh a chàirdean uile toileach fhaicinn ann an Ceap Breatunn a rithist.


Thaghail an soitheach-smuide Hope aig abhaile air an t-seachdain so, air a turus gu Greenland le Lieutenant Peary a tha nise an t-siathamh uair a cur aghaidh air an àirde tuath. Ghabh an soitheach luchd guail a stigh aig New Campbellton, agus chuireadh moran bidh us nithean feumail eile air bòrd ann an Sidni. Tha dùil aca dhol cho fada tuath ri Bowdoin Bay. Tha àireamh mhor air bòrd, agus fuirichidh grunnan beag dhiubh an sids an so air cladaichean na fuar-thir sin gus an till an soitheachs an toir i leatha dhachaidh iad. Bidh dùil aig an t-soitheach a bhi air ais an so mu dheireadh September. Am measg nithean iongantach eile a bhios aice tighn dhaichaidh, bidh dreug (meteor) a thuit aig Cape York, agus a thomhaiseas da fhichead tunna.

Chaidh tri mile giomach beò a chur a mull gu Columbia Bhreatunnach á Nova Scotia, o chionn ghoirid air son iad a bhi air an cur a dhuisgeachan aChuan Chiùin far am bheilear a smaoineachadh gun siolaich iads gu fàs iad cho maths ged a bi sin an dùthaich màdarra. Rainig iad an ceannuidhe gun dhochann sam bith a bhi air a dheanamh orra.

Tha mèinnean òir Cholumbia Bhreatunnach a tarruing moran aire aig an àm so. Tha e coltach nach eileas ach afaotainn a mach am beairteis. Tha Mr. Pritchard á Lunnainn, duine tha gle sgileil air mèinnean, air feadh na dùthcha o chionn da mhios, agussi bharail-san gu bheil an t-òr anabarrach pailt, a cheart cho pailt, mur eil nas pailte na tha e ann an ceann a deas Africa.

Chaochail an t-Urr. Padruig Domhnullach, ministeir Eaglais St. Andrews ann am Boston, Diluain sa chaidh. Bha dùil aig am bail fhagail Dimàirt gu tighn air sgriob do Cheap Breatunn. Shearmonaich e tri uairean air la na Sàbaid, agus thatar a deanamh mach gun do ghreas sin a thinneas. ’S e tinneas a chridhe a thug a bhàs. Fhuair e àrach ann an Ceap Breatunn, faisg air Hogamah, far a bheil achuid mhòr de chairdean a fuireach. Cha robh ann ach duinòg, agus a rèir coltaìs ann an deagh shlàinte.


Iadsan a Phaigh.

Cailean Domhnullach, Round Island.
Tearlach Buchanan, Sidni Tuath, 50c
Iain D. Mac Leoid, Gut-a- Deas, $3 .00
An t-Urr. Calum MacLeoid, Baile-nan-Gall.
Domhnull Mac Cuthais, Seana Bhridgeport.
Domhnull Domhnullach, Gleanngarraidh.
An t-Urr. Uilleam Grannd, Port Morien.
Uilleam Patterson, Forks Shidni.
Domhnull Mac Amhlaidh, Meinn Reserve.
Ruairidh Moireastan, Whitney Pier.
Bean Alasdair Mhic Rath, Sidni.
E. D. Nic Amhlaidh, Amhuinn Dhennis.
Raonull Domhnullach, Kempt Road.
A. N. Mac Gillfhaollain, Dunbheagain, $3 .00
Iain Mac Illembaoil, Loch Mhic Adhaimh.
I. W. A. Mac Neacail, Oban.
Iain C. Mac Neìll, Narrows Mhora,
A. I. Mac Fhearghais, Caribou Marsh.
Caitriona Nic Iomhair, Beinn an t-Sealgair.
Iain Mac Odrum, Sidni.
Niall Mac-a- Phearsain, Sidni.
Seumas A. Mac Ille Mhaoil Eileanan Coille, E. P. I.
A. D. Mac Leoid, Kinross, E. P. I.
Iain R. Mac Leoid, Darlington, E. P. I.
Donnacha Mac Leoid, Halifax, N.S.
Iain Ros, (Clachair) Iron Rock, N.S.
An t-Urr. A. Mac Gillebhràth, Lismore. N.S.
Alasdair Domhnullach, Braigh na h-Aibhne Deas.
Domhnull Mac Ille-ghlais, Stellarton, N.S.
Eachunn Mac Fhionghain, Stellarton, N.S.
Bean IainIc Gilleain, Eilean Phictou, N.S.
Iain T. Smith, Quesnelle, B. C.
I. W. Siosal, Douglas, Alaska.
Bean Iain Dhughlaich, Mooreton , N. Dakota.
Iain L. Brower, New York.
Iain N. Peutan, Hamilton , Mont.
Iain G. Mac Eachuinn, Woburn , Mass.
Murchadh Mac-an-t- Saoir, Gaylord , Mont.
I. S. MacIlle-dhuibh, Pomona , Ont.
Calum S. Mac Amhlaidh, Southampton , Ont. 50c
Domhnull Mac Leoid, Southampton , Ont. 50c
Niall Mac Leoid, Duneideann, Alba.
Domhnull Mac Coinnich, Glascho, Alba.
C. L. Domhnullach, Scéabost, Alba
M. B. Mac Coinnich, Waipu, New Zealand.
Murchadh Domhnullach, Alba, C.B. 25c
A. R. Domhnullach, Barrachois, C.B. 25c
D. S. Mac Fhionghain, Shunacadie, 25c
Padruig Mac Raing, Mabou, 25c
Domhnull Moireastan, Blues Mills, 45c


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.
SIDNI, - - - C. B.


F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC

An aon fhear dhe sheòrsa thair Eilean Cheap Breatunn.

Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.

Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dhas coir dha toghal air.

Tha stoc math de speuclaireans de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.

Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c , &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.

THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHANEUREKAair a cheart phris air am beilearg an creic aig na muillin.

Tha Factoridh Eureka air aon den fheadhain as fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar adeanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.

Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.

Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Illemhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitches Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd lathan deigh a chlòimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.



[14]

[Vol . 5. No. 3. p. 6]

(Air a leantuinn o 3 taobh.)

dthainig eadar e fein agus na tuathanaich cheanalta a bhag àiteachadh an fhuinn aige. Cha sugradh mi-ghean agus droch-ghuidhe an duine bhochd. Chaneil teagamh nach iomadh mallachd a ghuidheadh dha leo-san a chuireadh air imirich, gun fhios aca cait an rachadh iad. Agus is iad na feidh, na gearain, agus na cearcan-fraoich bu choireach ri sin. Bu cho maith, tha mi an duil, le Sir Seumas urchur a losgadh air a chuid cloinne agus a losgadh le tuathanach air na h-eoin-ruadha, no air na coilich-dhubha, a bhiodh amilleadh nan adag, agus asaltairt air an arbhar fon cosaibh. Bu chruaidh a bhi gam faicinn mar sin a milleadh toradh na talmhainn, agus gun chridhe bhi aig neach ite a chur asda le fudar agus luaidh, no le innleachd sam bith eile. Chaneil mi gamheasn a pheacadh idir, a Mhurachaidh, urchair a ghabhail ma gheibhear i gun fhios; agus cha ruig duine a leas a bhi fo rugha-gruaidhe ged a bheireadh e crann á coille, bradan à sruth, no fiadh à fireach. Ach than t-am air teachd chum gum biodh na nithe sin air an socrachadh le lagh na rioghachd. Tha uachdarana-fearainn mar dhaoine air bhainidh a thaobh na seilg. Tha iad caoin-shuarach, coma, ciod an diomhail a ni na creutairean sin air pòr an tuathanaich, agus a dh-aindeoin na ni iad de chall, cha mhaithear aon sgillin ruadh air a shon, air an la anns an togair na màil.

MUR. —Chual mi gach lide a labhair thu, aChoinnich. Tha mi ag aontachadh leis gach ni a chuir thu an ceill, agus tha duilichinn orm gum bheil Sir Seumas co fada, fadan a sholus fein, agus co dian an aghaidh soirbheachadh nan daoine ceanalta a rugadh agus a dharaicheadh air an fhearann aige. An aite sin, bu choir uaill a bhi air, air son muinntir co treun, cliuiteach, gaisgeach a bhin a fhochair, agus ann an seadh a bhi leis fein. Is mor am milleadh agus am mi-shuaimhneas a than sealg sin adeanamh. Tha seann oran ag radh:—

Is aoibhneach an obair an t-séilg,
Is mairg nach faigh comas air.”

Ach cha meas na tuathanaich bhochdan a ni ro aoibhneach e, a bhi faicinn nan raon aca air am milleadh leis, an deigh gach cosdais a than an lorg. Chaneil e furas do Shir Seumas seasamh an aghaidh nan nithe sin, oir than calldach mor agus dorranach, —agus cha lughaid e idir nach ruig a leas duil a bhi aige ri co’ -fhulangas sam bith fhaotainn uatha-san a ta mun cuairt da. Their iad:— “Tha chead aigethoill e gu leir eis maith an airidh gum faigheadh e a cheannsachadh, oir cha drinn e baigh ri ard no iosal air an oighreachd aige. Cha sugradh gaoir an duine bhochd.”

COIN, —Is mise tha sgith dhe bhi cluinntinn seanachais den ghne sin gach la tha mig eirigh agus agluasad, agus o bheul gach neach a dhfhosgaileas am bilean mun chuis. Tha eagal mor orm gum bheil na nithe sin uile acur bruaillein ann an ceann an ridire oir tha eg orduchadh gum biodh sud agus so air a dheanamh gun fhios idir carson. Nach amaideach an obair so fein, a bhicladhach tuill ann an aite far nach faigh e gu brath fiach na sgillin ruaidh air son a shaothaireach?

MUR. —Chaneil thu fad am mearachd, a Choinnich, agus cha mhinic a bha, ach fhads a bhitheas tu ri sin cha bhi thu ri ni eile, agus chaneil comas agad air.

COIN. —Gle cheart, ach is fhad on chual sinn gurcruaidh a bhibreabadh an aghaidh nan dealg.”

MUR. —Tha ughdarras againn gum bheil sin ceart, ach an deigh sin, a Choinnich, tha thusa cosmhuil ris aghiullan Ileach a bhabreabadh agus abualadh a bhroige ri creig, an uair a ghlaodh e gumbu mhiosa don chreig na dhi.” Mar sin, tha do chuid bhrog-sa abualadh nan dealgn an smuir, gun dochunn sam bith a dheanamh air do bhrog.

COIN. —Tha mi ga dthuigsinn gu ro maith, ach chan fhuras idir do dh-fhuil agus do fheoil pheacach giulan leis na nithibh sin. Tha e air innseadh dhuinn, gidheadh, gum faigh foighidinn furtachd, agus air an aobhar sin, feumar foighidinn a ghnathachadh gun fhios cuin a chuireascuibhil an fhortaincar dhi.

MUR. —Is maith nacheil fios againn air na nithibh a ta chum teachd,oir nam biodh, cha bhiomaid sona re aoin la; tha iad gu glicagus gu trocaireach air an ceiltinn uainn. Ach than t-am agam-sa, aChoinnich, an gnothuch a thug air car so mi, a chur du ceill duit.

COIN. —Ma ta, Mhurachaidh, chan fhurast do Choinneach Ciobair mar dean e spairn chruaidh chum do thoil-sa a dheanamh a reir a chomais. Ach, a charaid, ciod a thair daire? oir chan ann gun ghnothuch a thainig thusa don chearnadh-sa, gun fhios gun aire dhuinn.

MUR. —Innsidh mi mo ghnothuch ann am beagan bhriathraibh, a Choinnich, aguss e so; tha duil aig Seonaidachaileag is sine againnri posadh; agus do bhrigh gur ì acheud aon dhen teaghlach a chaidh a mach air an doigh sin, tha sinn acur romhainn beagan de na cairdibh a thoirt cuideachd, agus crioman beag bainnse a bhi againn; agus thubhairt abhean agam nach biodh rath air aghnothuch mar biodh Coinneach Ciobair, agus a dheagh-bhean, Seonaid maille ruinn. Dhfheudainn litir a chur ad ionnsaidh, agus dhfheudadh tusa an litir a dhiultadh; ach an aite sin thainig mi fein, oir air gnuis bheirear breith, agus cha ghabh mi diultadh, chaneisd mi ri diultadh, agus cha bhi diultadhs aghnothach idir.

COIN. —Dean air do shocair, a charaid, dean air do shocair, agus na tig co ro chas orm. Guidheam ort, thoir cead smuaineachaidh agus labhairt dhomh. Sgeul an aigh! Seonaid og gu posadh! Tha i òg da-rireadh, coimh-aois Dhomhnuill againn ach aon tri laithean. Ach co tha ifaotuinn? —achaileag cheanalta agus, bu dual mathar di sin! —co tha i faotuinn?

MUR. —Tha geadh dhuine, duine siobhalta, duine ionraic, agus duine cothromach, eadhon Seumas, aon mhac fir Ach-an-t- seilich.

COIN. —Oganach ceanalta, tapaidh, tlachdmhor. Fhads a chi suilean dhaoine, tuitidh Seonaid òg air a cosaibh an la sin, agus gu robh buaidh agus piseach aleantuinn nighean a h.athar agus a mathar, uile laithean a cuairt! Ach cuin than la taitneach sin atighinn, no am bheil e air a shonrachadh fathast?

MUR. —Ud! Ud! ’s e thatri seachdain o maireachs e sin acheud Dimairt den ath-mhios; ach bithidh duil agam riutsa agus ri Seonaid air deireadh na seachdain roimhe sin, gun ath-sgeul, gun leisgeul sam bith.

COIN. —Ma bhios Seonaid agus mise ann an slainte, ged than uidh fada, cha diobair agus cha treig sinn ar deagh chairdeann am an solais agus am mor thoilinntinn. Ud, ud! cha treig; oir le falbh trath ni an t-each dubh an gnothuch air mun tig an oidhche. Is mor an t-aobhar taingeileachd a ta aig fear agus aig bean-na-bainnse maraon, gum bheil an athraichean beo, slan, fallain, oiris lom tigh gun bhunait;” no mar thubhairt an t-oran:

Chaneil tlachd sam bith mun tigh,
Chaneil tlachd no sealbh;
Gean no gaire cha bhi stigh,
Is fhear-mo-thighair falbh.”

MUR. —Gu ma h-aighearach dhuit, a Choinnich! dhaithnich mi gum bu bhard thu, agus a nis thug thu dearbhadh dhomh gum bheil fonn, cail, agus ceols acheann sin. Feumaidh mi an ath-ghoirid an t-oran sin a chluinntinn o thus gu deis, agus a nis feuch gum bi e air mheothair agad.

COIN. —Ma tha sin chum toileachadh dhuit-se, a Mhurachaidh, ni mi mo dhichioll air an oran sin a ghabhail.

MUR. —Buaidh leat! rach air daghaidh, ma ta.

COIN.—

SEISD.

Chaneil tlachd sam bith mun tigh,
Chaneil tlachd no sealbh;
Gean no gàire cha bhi stigh,
Is fear-mo-thighair falbh.

S am bheil làn chinnt gur fior an sgéul,
Gum bheil e fallain, slàn?
Bhur cuibhle tilgibh uaibh gu grad;
Chan àm gu sniomh an t-snàth,
Cha neil tlachd, &c .

An àm gu sniomh no obair so,
I s Cailean dlùth air làimh?
A nuas mo bhreacan, ’s théid don phort,
Gufhaicinn tighinn gu tràigh.

Greas, sguab dhomh taobh an teallaich glan,
Phoit shomalta cuir air,
A chòta Domhnach do dh-Iain beag,
S a frogan sròil do Cheit.

Am brog biodh dubh mar airneagaibh,
An stocaidh bàn mar shneachd,
Gach aon nithoileachadh mo chiall,
S em faicinn briagh a thlachd.



[15]

[Vol . 5. No. 3. p. 7]

Tha chearc reamhar anns achrò,
A bhiadhadh mios as còrr;
Grad-shniomh am nuineals cur air doigh,
Gu cùilm dhas blasda sògh.

Is cuirnnich bòrd gu h-eireachdail,
Le h-eilein as le dealbh,
Chur furain failtair fear mo ghraidh,
A bha cho fad air falbh.

O, fair an so mo bhoineid dhomh,
Mo rogha gùin den t-siòd’;
S do bhean aBhàillen innis mi
Mu Chaileanthighinn gu tir?

Mo bhrògan biorach cuiream orm,
Mo stocnais fiamh-ghorm fann,
A los gun toilich fear mo ghaoil
Sheas fion a ghaol gun fheall.

Gur binn a ghuth, gur min a ghloir,
Mar àileadhanail caoin;
Tha fuaim achoss e tighinn a steach,
Mar èun-cheol àit nan craobh.

Gach fead-ghaoth fhuaraidh gheàmhradail,
Mo chridhe taom a chraidh,
Air séideadh seach’, ’s e tearnt am ghlaic,
S cha dealaichach am bàs.

Achd e chuir dealachadh am cheann?
S maith dhfhéudtgur fad en céin;
An t-àm ri teachd chan fhac aon neach,
An t-àm tha làthairs leinn fein.

Biodh Cailean slàn, ’s lan thoilichtmi,
Cha n iarr min còrr gu brath;
S ma bhios mi beò air son a leas,
Gur sona misthair chàch.

An e gun cluinn mighuth a rìs!
Gum faic mighnùis gun smal!
S anntha tuaineal inntinn orm,
S min-impis dol a ghal.

Chaneil tlachd sam bith mun tigh,
Chaneil tlachd no sealbh,
Gean no gaire cha bhi stigh,
Is fear-mo-thighair falbh.

MUR. —Mile taing dhuit, a Choinnich, air son an orain thaitnich sin dan drinn thu fior-cheartas gasheinn. Is minic a chual mis aBheurla e, ach am bheil fios fon ghrein co a dheadar-theangaich air mhodh co grinn e?

COIN. —Cha chual mi riamhs aBheurla e, agus ged a chluinneadh, cha mhor a dheanainn-sa dheth; ach tha e anmoch a nis, aMhurachaidh, rachamaid le beannachd an Ti as airde gu tamh, agus na bi mar chearc air groideil theth, ag eirighs amhadainn. Direach fuirich ad leabaidh gus an duisg mise thu. Fhir mo ruin, deagh chadal duit. Beannachd leat.

MUR— (Anns a mhadainn) —Failte na maidne dhuit, a Choinnich! Ma dheirich thu gu moch, cha dthainig thu gu mochn am char-sa. Tha e fadas an la. Mo nair orm fein! bu choir domh a bhi leth na slighe dhachaidh.

COIN. —Cha bhiodh tu sin ged dhfhalbhadh tu an uair a thug thu do leabaidh ort, aMhurachaidh chòir. Gabh an gnothuch air do shocair. “Chan ann na h-uile la a bhios mod aig Mac an Toisich, “agus cha bfhearr gum biodh.

MUR. —Cha dean e an gnothuch idir, a Choinnich, oir bu choir domh a bhi dhachaidh air airde au fheasgair. Tha liubhairt agam ri ghabhail mochs amhaduinn am maireach á deich fichead caora cheannaich mi air Feill-Chalamain, gu stoc a chur air aite nam molt air Beinn-a- Chlaiginn, agus feumaidh mi mo chasan a thoirt as.

COIN. —Ciod nach dean fear an airgid, a Mhurachaidh? Ach chan fhalbh cnaimh dhiot gus an teid thumach a dh-fhaicinn abheagain cruidh a bhuineas domh-sa.

MUR. —Rachamaid, ma ta, dhionnsaidh na buile a dh-fhaicinn abheagain a thagad, mas fior thu.

COINBeagan da-rireadh, an coimeas ris amoran a thagad-sa thalls a bhos; ach tha thu ag iomairt gu cruaidh chum do chuid a mheudachadh; agus is minic a chual sinn— “Cha chaills abhuinnig, am fear nach cuir a chuid an cunnard.” A nis, a Mhurachaidh, am bheil thu afaicinn na riabhaich ud?

MUR. —Is mi a tha, agus is maith i. Cha tric a chithear a leithid.

COIN. —Tha laoghn a cois; tha deagh bhainne aice; tha i cho soilidh ri uain; air a ceud laogh; agus chaneil i na ceithir bliadhna a mach. Tha mi gasonrachadh mar chuspair comain do bhean-na-bainnseSeonaid ogagus bithidh i na toiseach piseach dhi, le mile beannachd o Choinneach Ciobairn a cois.

MUR. —Tha chomain s mor; ach chi sinn, mar a thubhairt an dall; agus mu chairdeas Seonaid, chan abair mi, ach a mhain— “gur misebha thalls a chunnaic.”

ALASDAIR RUADH.


C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


AN CRANN TARA

(Am Fiery Cross. )

PAIPEAR MIOSAIL AIR SON ALBANNAICH CANADA, anns am bheil air a chlo-bhualadh Dealbhan agus Beath-Eachdraidhean Gaidheil Chanada; Eachdraidh nam Fineachan agus dealbhan an snaicheantais; Ceol, Bardachd, asus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu iomadh ni eile. Pris: — $1 .00sa bhliadhna, no sia miosan air son 50c. Sgriobh us cuir airgead guT . D. MACDONALD, 2591 St. Catherine Street, Montreal.


Bathar Tioram.

20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir.
Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3 .25.
Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na thagainn gle shaor.
IAIN A. Mac COINNICH & CO.


Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


CARADH
Uaireadairean.
Glanadh, $0 .50
Mainspring, .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar uthcha thanar beachd


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.



[16]

[Vol . 5. No. 3. p. 8]

MARBHRANN.

DO BHAILIDH EACHAINN, INBHIR-FEOTHARAN, MAC FEAR LEITIR-IUGH.

AIR FONN—“ ’S mim shuidhemonar. .”

Os truagh an sgeula than diugh ri fheutainn,
Thug gal air ceudan a measg an t-sluaigh,
Mu Eachainn gleustabha fearail, feumail,
Gun da ghlac an t-eug thu a threun-laoich cruaidh:
S mor bron do Chinnidh, mar eoin na tuinne,
Than cronan duilichs an ullaidh uath,
S bho nach duisg an gair thu, ’s nach cluinn thun gailich,
Se chlaoidh do chairdean do bhàs cho luath.

Tha do chairdean cianal, tha bron dan lionadh,
Than inntinn pianail bhon ghlac thum bàs,
S iad a ghnath fuidh thiorachd, ’s nach faigh iad sgial ort,
Ach thu bhi iosal an ciste chlar.
Bu tu ceann na riaghailtus lamh na fialachd,
A sheoid gun fhiaradh, gun ghiomh, gun sgath,
Sa nis bhon thriall thu, ’s sinn lan dha diargan,
S nach eils na criochan fear a lionas dait.

Bha daite miaghails gach cas an iarrtthu,
A reir mo sgiala bu teirc do luach:
Bha thu pairteach, briathrach, ri ards ri iosal,
Gun chas gun dioghaltas air an tuath.
Bha foghlum Iarlagad, ’s ciall fear riaghlaidh,
Bu mhor an diobhail nach da liath do ghruag,
S ann a bhàrc an t-aog ort mas dthainig aois ort,
A ghnuis bha faoilteach air chaochladh snuaidh.

Bha do shnuadh cho aillidhs nach fhaodainn saireamh,
Mar ròs a gharaidh ri maduinn dhriuchd,
Bu chuachach, fàineach, do ghruag an càradh
Mar theudan clarsaich aninneal ciuil
Do ghruaidh dhearg dhathte, do chuil mar dhearcag,
Fuidh ghnuis na maise bu tapaidh sùrd
Rasg aotram, geanach, bhom bfhaoilteach sealladh,
Beul muirneach tairis, ’s deud thana dhluth.

O! ’s dluth bha buaidhean a stri mun cuairt duit,
Cha beol dhomh suairceas nach robhdo chrè;
Bha thu ciallach, narach, ’s tu briathrach, pairteach,
S tu rianail, daimheil, ri dchairdean fhein:
Bu tu firean, fallain, bha rioghail, geanach,
Sa leoghann tapaidh bu ghlaine beus;
Bhiodh mìnus gairgort, bhiodh sithus fearg ort,
Nuair chitair falbh thu bhiodh colg na dcheum.

Se do cheum bu bhrisge, ’s bu shubailt diosgaid,
Bha moran ghibhtean ri dleasraidh fuaight.
Bu tu glas nan Gaidheal, bho mhuir gu braighe,
Gu crioch Chinntailes na tha bho thuath.
O! ’s lionmhor oigfhear than diugh gu bronach
A fàsgadh dhorn, ’us ruith-dheoir le ghruaidh,
Bhiodh dana, sgaiteach, gun sgath gun ghealtachd,
Nam bu namhaid pearsbheireadh Eachainn bhuainn.

Bha thu mor an onair, bu mhor do mholadh,
Bu mhor do shonas, ’s tu gun dolaidh gibht
Bu mhor a bfhiach thu, bu mhor do riaghailt,
Bu mhor do mhiagh ann an ciad s an tuigs’,
Bu mhor do churam, bu mhor do chuisean,
Bu mhor do chliu ann an cuirtsa meas,
Bu mhor do stata, ’s bu mhor do nadur,
S cha mhor nach dfhag thu na Gaidheil brist,’

O! ’s priseil, laidir, a ghibhtedh-fhag sinn
S miosda Ghaeltachd bàs an t-seoid,
Tha Mhachair tursach bho nchaidh an uir ort,
S tu dh-fhuasgladh cuis daig gach cuirt mu bhoid,
BhaGhalldachd deurach ri cainnt mu ddheighinn,
Gu ruig Dun-eidin nan steuds nan cleoc,
S cha ghabhainn gealtachd, air son a chantuinn,
Gur call do Bhreatuinn nach eil thu beo.

S tu chraobh a baillidh bhan tus a gharaidh,
S i ùr a fas ann fuidh bhlaths fuidh dhos,
O! ’s truagh a dh-fhag thu ma thuath na Gaidheil
Mar uain gun mhathair nin sgath ri frois,
S tu burran tearnadh bho chunnart gabhaidh,
S an curaidh laidir, chuireadh spairn na tost,
Than tuath gu craiteach, ’s na h-uaislean càsail,
S bhon chaidh am fad orts truagh gair nam bochd.


IOMRADH AIR MO THURAS DO CHEAP BREATUINN.

(Air a leantuinn.)

Dhfhàg sinn Antigonish, agus ann an uine nach robh fada chaidh sinn seachad cùl Rudha Phorcupine a tha seasamh suas le sròin aird agus aghaidh air Ceap Breatuinn thall ma choinneamh air taobh eile chaoil. Tha Caol Chanso seachd mile deug a dhfhad agus eadar mile agus da mhile air leud, a riuth eadar Nuadh Albainn agus eilean Cheap Breatunn. Tham bata-aiseig afeitheibh rinn aig Mulgrave aite-stad a charbaid air an taobh so; agus am beagan mhionaidean tha sinn air ar giulain tharais gu Rudha Thuppair taobh eile chaoil. Tha carbad Cheap Breatuinn gar gabhail a stigh ann sin agus a falbh leinn tre ghlinnus chòmhnardan an eilean bhoidheich sin. Mar tha sinn adol air aghaidh tha an sealladh adol nis maisiche. Gu sònruichte an nuair tha uisgeachan aBhradOir atighn am follais than sealladh neo-chumantaluinn. Neach air bith leis an aill Nàdur fhaicinn ann an iomadh caochladh dreach, garbhus min, ard us iosal, rachadh e cuairt do Cheap Breatuinn.

Rainig sinn an drochaid mhor mun deach aghrian fodha. Than drochaid so air a togail air áite cumhang far am beil an rathad-iaruinn adol gu taobh eile an loch agus as a sin a dol air aghaidh gu Sydney. Dhfhàg mise an carbad an sins ghabh min smuid-shaoitheach gu Baddeck. Bhan t-uisge a dòrtadhs a ghaoth a séideadhnarn aghaidh. Bha sinn rudeigin coltach ris an t-seòladair nuair thubhairt e, “Dol timchioll Rudha Mhic Iolain bha uisge morus ceo ann, ‘sa Righ! bu fhliuch mo chota nuair thug i sròn don fhairge.” Bha sinn ni bfhaide air an t-slighe na bàbhaist. Bhan oidhche air dorchadh nuair rainig sinn Baddeck, ceann-bhaile siorrachd Victoria. Tha e so na bhaile boìdheachs tha e sior-fhàs. Tha e na aite-tuineachaidh aig moran de dhuaislean nan Staitean teas an t-samhraidh. Dlùth air a bhaile so thaBeinn Bhriagha,” cnoc àrd naiseach, le uisge a BradOir, ga chuartachadh air a thri taobhan,agus mullach corrach aChnuic Mhoirag éiridh suas air a chùl. Ann a so tha an Professor Bell a deanaibh a dhachaidh gach samhradh. Chan ionghrnadh leam sin; àite a bàillidhe bu duilich dha fhaotuinn thall no bhos. Than duine so iomraiteach anns gach àite dhethn t-saoghal do bhrigh gur e fhuair a mach an t-innleachd ùr ud an Telephone. Tha e cho bearteach ri Iùdhach, ach cho iriosal ri aon de shluagh chumanta an àite. ’S leis fhéinBeinn Bhriaghá grunnd, agus gu bhi nochdadh dhuibh gu bheil taobh aige ris a Ghàidhligs e fhéin a thug an t-ainm Gaidhealach so air an àite.

C. C.

(Ri leantuinn.)


An cleas a bha aig Niall, bha e riamh ris.

Am facal a thig a i frinn, is e a gheibh mas e a bheir.

An cliù a gheibh duinena òige, is e as docha leantuinn ris.


MacDonald Hanrahan & Co,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co
Mai 4. ’95;


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wentworth

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bhil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhea gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MHAC-TALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean.

titleIssue 3
internal date1896.0
display date1896
publication date1896
level
reference template

Mac-Talla V No. 3. %p

parent textVolume 5
<< please select a word
<< please select a page