[Vol . 5. No. 30. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IANUARAIDH 30, 1897. No. 30.
Mu Bhas Mathar.
Is muladach do mhuinntir òg, os ceann aon ni eile, bàs màthar; bàs na bana-charaid sin a’s dlùithe, a’s dìlse a bh’ aca air thalamh, ris am bu chleachdadh dhoibh amharc suas leis an urram a b’ àirde, d’ am b’ àbhaist doibh an iomaguin innseadh, an cridheachan fhosgladh, agus air ’n do chàirich iad an làn-earbsa gun eagal gun sgàth. Cha’n eil deuchainn eile is uarainn teachd an rathad muinntir òig do’n dù barrachd bròin a dhùsgadh na bàs màthar chaoimh. Tha so soilleir ma bheir sinn fainear nach ’eil gràdh san t-saoghal a dh’ fheudar a choimeas ri gràdh màthar d’a sliochd. Feudaidh foill a bhi anns gach càirdeas eile, ach foill cha robh ’s cha bin sa’ chàirdeas so. Feudaidh gràdh muinntir eile bhi blàth, ach cha’n fheudar a choimeas n blàthas a’ ghràidh sin a tha ann an uchd na màthar. Is suarach leatha-se fois agus tàmh, suain na h-oidhche, agus saothair an là air sgàth a cloinne. Ma tha iadsan ceart, tha ise toilichte. Nach dù do’n leanabh a bhi brònach le bàs na màthar! Bu taitneach leamsa, a deir e, ’s e ’ga caoidh, cainnt a caoimhneis agus iorghoill a gràidh; ach ’s fuar an nochd anns an ùir an cridhe leis am b’ ionmhuinn mise; agus na gairdeanan leis an tric a dh’ altrum i mi le gràdh: tha na bilean sin as am minic a thàinig comhradh a chaoimhneis, agus comhairle na céile, a nis ’nan tosd ann an suain a bhàis.
Ann am bàs màthar tha clann a’ call a’ chùraim fhaicillich nach motahich iad am feasd tuillidh. Cha’n ’eil e comasach an imcheist a tha màthair a’ fulang airson a cloinne a thuigsinn, ach leò-san a dh’ fhiosraich e. Am bheil, gu dearbh, ann aobhar imcheist aig màthair ach a teaghlach; agus cha’n iomaguin thulgach a bhios aice, ach a là ’sa dh’ oidhche fhad ’s is beò i, agus gu tric ann an glaic a’ bhàis, anns an osna leis am bheil an deò a’ fàgail a’ chuirp, tha ’h-ùrnuigh dheireannach a’ dol suas as an leth. ’Nuair dh’ fhalbhas ise an ioghnadh iadsan a bhi fo bhròn! Co ris a nis a chuireas iad an comhairle ann an là na h-airc; agus co bheir dhoibh misneach ann an àm am bròin? Dh’ fhaibh ise a rinn faire orm mar aingeal frithealaidh; dh’ fhalbh i air an t-slighe as nach pill i. ’S nàdurra dhoibh, uime sin, gu’n ionndrain iad a bàigh. ’An àm tinneis, co bha cho furachir? An robh làmh eile ann a laimhsicheadh a’ chreuchd gun a leòn, mar dheanadh ise? Cò a cheartaichear a’ chluasag air adhart leabaidh na h-euslainte mar dheanadh ise? Rìamh cha d’ thug i suas a dùil: ged a bha ’suil a’ sileadh, cha chualas a gearan. Ged a thigeadh a’ chlann gu bochduinn cha’n fhaicte caochladh air a gnùis. Roinneadh i riu an greim mu dheireadh: ge nach biodh aice ach làn an dùirn do mhin, bu leòsan e fhad ’s a mhaireidh e. Ged a bheireadh teanga a mhi-ruin beum dhoibh, cha’n éisdeadh i ri tuaileas, agus cha chreideadh i droch sgeul.
Ann am bàs màthar tha muinntir òg a cail na comhairle a’s priseala. Tha clann òg aineolach mu’n t saoghal, agus mu chuilbheairtibh an t-sluaigh: tha iad gach àm ann an cunnart a bhi air am mealladh le baoth-chàirdeas mi dhileas; ach cealg cha’n eil ann an comhairle màthar. Cha ruigear a leas ni sam bith a chleith uaipe; agus bheir i a comhairle ann an caoimhneas cainte le caomhalachd agus bàigh. Nach d’ fhiosraich cuid agaibh so ann an laithibh ’ur n-òige; agus nach brònach ri smuaineachadh, nach ’eil a gliocas ni ’s faide agaibh? Co a stiùir sibh gu cathair nan gràs ’nur leanabas? Co a theagaisg dhuibh an glùn a lùbadh, ’s a chuir briathran freagarrach ’nur beul? Co labhair ribh mu ghràdh ’ur n-Athar nèamhaidh, a dh’innis duibh mu Chriosd, agus a dh’ aom sibh gu cobhair agus stiùraidh Spioraid nan gràs asluchadh? A chaoidh cha’n fheòraich i dhibh tuillidh, An do chuimhnich sibh an diugh air Dia? Cha tog i leibh tuillidh an laoidh: cha teid i tuillidh roimhibh do thigh Dhé: cha suidh sibh tuille leatha a dh’éisdeachd an fhocail. Tha ’n t-àit am b’àbhaist di suidhe aig bòrd a’ chomanaich, —am Biobull as am bu ghnàth leatha focal na slaint a leughadh, —an leaba as an do chuir i suas a choilion ùrnuigh air mo shon, air an do ghabh mi a cead deireannach, nach di-chuimhuich mi a chaoidh; tha so uile a’ toirt ann am chuimhne na chaill mì: gu’n tugadh Dia comas domh feum iomchuidh a dheanamh dheth.
A’ Chailleach ’s an Clamhan.
O chionn da fhichead bliadhna bha a’ fuireach ’n am choimhearsnachd seana bhean mu cheithir fichead bliadhna dh’ aois, a bha ’cumail taighe maille ri nighean dhi. Bha an nighean moran na b’ òige na i. Bha tigh beag aca aig bonn beinn’ àird, allt beag a ruith seachad air a chùl, agus rathad mor an righ air a bheulaobh, agus gle fhaisg air. Cha robh ach gle bheag de thalamh réidh timchioll air, ach bha moran de chraobhan àrda ann, agus coille dluth mu’m bonn.
Cha robh aca ach gle bheag de spréidh—aon ghobhar aig am faighte bainne na ti, agus treud de chearcan, a bheireadh uidhean dhaibh gus an ti a cheannach. Air son am beòlaint, cha bhiodh dith orra no gainne, agus pailteas de gach seòrsa aig na coimhearsnaich.
Ann am mullach craoibh mhoir, àird, air gualla na beinne, bhiodh nead aig clamhan na h-uile bliadhna, agus bha sin na dhragh mor do na cearcan ’s do na chaillich. ’S iad na h-eòin bu lugha b’ fhearr leis a chlamhan na na seann chearcan, ach ’nuair a theirig na h-eireagan b’ fheudar dha toiseachadh air na seana chearcan, fhad sa mhaireadh iad.
Bha ’n obair so a cur moran mullaid air a’ chaillich. Cha d’ fhuair i riamh de dhioghaltas a dheanamh air a’ chlamhan ach clachan us maidean a thilgeadh air, agus a chàineadh gu math ann an Gàilig ’nuair a bhiodh e goid nan isean.
Air latha àraid mu thoiseach an fhoghair, dh’ fhalbh an nighean mar a b’ àbhaist air chuairt do ’n choimhearsnachd, agus cha robh aig an tigh ach a’ chailleach fhéin. Bha i ’na suidhe air furan [ ? ] chas aig an dorus, gu dian a’ fighe stocain, agus i gle shocrach na h-inntinn.
Chual’ i sgread am measg nan cearc, agus air dhi sùil a thoirt a mach chunnaic i an clamhan a’ sàs anns a’ choileach. Ghrad éirich i agus rinn i greim air a bhata bha daonnan faisg oirre, agus rinn i cabhag gu dhol ’san eadraiginn. Gu fortanach thuit fear de ’còtaichean dhith, thog i leatha e agus leum i air a h-aghaidh. Mu ’n robh fhios aig a’ chlamhan gu de bha ’tachairt, chaith a’ chailleach an gùn m’a chean agus i-fhéin air muin sin. Thòisich an cath agus an uine gun bhi fada fhuair i an coileach a leigeil m’a sgaoil. B’e so àm na caillich air son dioghaltas a dheanamh. Bhuail i an gùn le h-uile neart, buille air muin buille, gus nach robh aice dhe’n bhata ach na bha na dòrn; bha ’n còrr air falbh ’na spealgan.
An uair a fhuair i a h-anail agus a chunnaic i nach robh gluasad aig an fhear a bha fo’n ghùn, thog i an gùn agus fhuair i e ann an staid anns nach cuireadh e dragh oirre fhéin no air a cuid chearcan a chaoidh.
GILLEASBUIG.
Chosg e ochd fichead us coig mile dolair do bhaile New York na sràidean a ghlanadh o shneachda an deigh na stoirm a bh’ ann o chionn ghoirid.
[Vol . 5. No. 30. p. 2]
A’ MHAIGHDEANN LOCHLUNNACH.
Bhasaich clann Alastair III. uile roimhe féin. Bha a nighean, Mairireat, air bhi posd’ aig Eiric, mac righ Lochluinn, air lorg còrdaidh a rinneadh eadar an dà rioghachd ’an àm nasgaidh na sìth’ an déigh blàr Làirg. Thàinig Eiric an déigh sin gu bhi na rìgh air Lochlunn. Ach bi aon nighean a bh’ aig ban-righ Mairireat air an robh a h-ainm féin. Bhàsaich Prionns’ Alastair, mac an rìgh an déigh tighinn gu fearachas, agus ged a bha e pòsda cha d’ fhàg e duine cloinne. Cha bu luaith’ a chual a phiuthar, ban-righ Lochluinn mu ’bhàs na ’dh ’fhàs i féin tinn, ’us bhàsaich i goirid an déigh sin. Cha robh, mar so, duine beò dheth ’n teaghlach rioghail ’n uair a dh’ fhalbh an rìgh ach an aon ogha nighinn a bh’ aig’ an Lochlunn. Chaidh a’ bhan-phrionnsa sin éigheach ’na ban-righ Alba gun dàil an déigh bais a seanar, ’s gun i ach ochd bliadhn’ a dh’ aois. ’S i ’Mhaighdeann Lochlunnach, a theirear rithe mar is tric’ ’an eachdraidh. Chuireadh luingeas ’an òrdugh air son a toirt a nall gu rioghachd a sinnsir. Bha Sir Michel Scot, duine ro chliùiteach, ’na aon de na cùirt-theachdairean a bha ga coimheadachd a nall thar chuan.
Aig an àm so bha duine ro “shaoghalta, dàn’” air righ-chaithir Shasuinn, Eideard I. B’ esan bràthair na ceud ban-righ a bh’ aig Alastair III. agus bràthair seanar Maighdeinn Lochluinn. Bhiodh e ’n tràths ’us a rìs a’ tilgeadh sùil dhéigheil a nall air Alba. Bha ’cheud oidhirp a thug e air Alba a cheangal ri ’rioghachd féin, laghail gu leòir na’m biodh e air soirbheachadh leis; b’e sin cùmhnant pòsaidh a dheanamh eadar a mhac féin agus ban-righ òg Alba, agus i fathast ’s an tir ’s an d’ rugadh i. Ach ’s e bha ’n sud cùmhnantachadh dhaoine, ’s ged bu daoine cumhachdach iad, cha robh cumhachd ac’ a bheireadh an rùintean gu crìch. Ged bu leanabh rioghail, agus ri mhùirneach ’s an àm ud a’ bha ’n Lochlunn, bha i co buailteach do thrioblaid ri leanabh eile. Chaidh gach ni gu math leis na teachdairean Albannach gus an d’ ràinig iad Arcu a tighinn air ais. Dh’ fhas a bhan-phrionnsa tinn, ’s bhàsaich i ’n sin. Bha rioghachd Alba gun oighre, ach feadhainn a bha fad as, ’s e’ àit a nis an robh cumhachan rìgh Shasuinn. Shaoileadh daoine gu’n leigeadh Eideard dheth a dhùil ri Alba fhaotainn tuilleadh. Ach cha b’ e sin fear a bh’ ann. Tha e air a shamhlachadh le cuid de luchd-eachdraidh ris an rìgh air a bheil an Sgriobtur a’ labhairt, “A mheudaicheas a mhiann mar ifrinn, agus a tha mar am bàs, agus nach urrainn a bhi air a shàsachadh, ach a chruinnicheas thuige féin na h-uile shlòigh.” Bha e, goirid roimh sud an déigh na Ueilsich a cheannsachadh, agus an rioghachd bheag ac’ a chur ri rioghachd Shasuinn. B’ iadsan sliochd ceud luchd-àiteachaidh Bhreatuinn a deas, a bh’ air am fuadachadh leis na Sacsonaich do oisinn an iar-dheas na dùthcha, mar dh’ ainmicheadh cheana, agus a chuir suas prionnsa dhiubh féin os an ceann, ’s a sheas mar rioghachd, le ’n laghannaibh ’s an seana chainnt féin ré còrr is ochd ceud bliadhna, gun an do chuir Eideard so ’n a cheann an ceannsachadh. An déigh dha buaidh fhaotainn orra ’an cogadh, dh’ fhàisg e uatha cumhachan cruaidhe; agus an ùine ghoirid dh’ éignich e iad le fòirneirt gus na cumhachan sin a bhriseadh, agus eiridh ’an ceannairc ’na aghaidh. Chaidh e ’n sin a mach nan aghaidh le feachd cumhachdach leis an do sgap e o chéil’ an armailt-san. Fhuair e ’n làimh ’us chroch e Liu-ellen, am prionnsa, agus rinn e ’ni ceudna air a’ mheud de’n cuid bàird ’s air an d’ fhuair e greim, a chum ’s nach biodh iad le ’m bàrdachd a’ cumail suas misneachd an luchd-dùthcha, le bhi seinn gniomharan euchdaidh an sinnsireachd. O ’n àm so tha Ueils aonaichte ri crùn Shasuinn, agus theirear prionnsa Ueils ri tànisteir rioghachd Shasuinn. Ach air a shon so uile ghléidh iad an seana chànain féin gus a nis, ’s tha caochladh phaipeirean naigheachd, ’us eòlasan eile de gach seòrs’ air an craobh-sgaoileadh innte. Theirear Gàeltachd Shasuinn ri Ueils, mar eadar-dhealaichte o Ghàeltachd Alba.
Bha Eideard ’na dhuine làidir ’am pearsa. Theirteadh an Fad-luirgneach ris, a thaobh co àrd ’s a bha e. Bha e mar an ceudna co seòlta ’s a bha e co fuilteach. B’ aithne dha crùbadh sìos roimh dha leum air a’ chreich, cosmhuil ris an liopard, a bha e ’giùlan mar shuaicheantas air a sgéith. ’N uair a chuir àireamh maith, mu’n cuairt do dhusan, de na tighearnan Albannach còir-thagraidh a steach air a’ chrùn, mar mhuinntir a bha ’n dlùth chàirdeas ris an teaghlach rioghail, cho-aontaich iad, air sgàth dòirteadh fola ’sheachnadh, an còraichean a chur fa chomhair rìgh Shasuinn, mar an coimhearsnach bu chumhachdaiche a bh’ aca, ’s a bhi riaraichte leis a’ bhreith a bheireadh e. Chuir e mar chumh’ orra gu’m feumadh iad e féin aideachadh mar àrd-thighearna, no uachdaran na rioghachd. Chuir an t-agartas so iongantas ’us uamhas air an àireamh de àrd mhaithean, ’s de luchd-eaglais na h-Alba, a bh’ air tional gus a choinneachadh aig a’ chrìch Shasunnaich, agus dhiùlt iad freagradh sam bith a thoirt gus am biodh ùin’ ac’ an comhairl’ a chur ri ’cheil’ air leth. “Ach,” ars’ esan le speuradh uamhasach, “air Naomh Eideard, d’ am buin an crùn a th’ air mo cheann, bheir mi mach mo choir cheart, no caillear mi ’s an oidhirp.” Aig an àm cheudna sgaoil e ’n comh-chruinneachadh Albannach, a’ toirt doibh trì seachduinnean de dhàil gu iad féin a thoirt a nuas a dh’ ionnsuidh an ni a bha e ’g iarraidh.
Bha ’n rioghachd co mòr air a roinn le àireamh co lionmhor de luchd comh-shreip a bha ’sealltuinn air son a’ chrùin s’ gu ’m faca na bha dhaoine glic’ innte nach robh coslas sam bith air gu ’m b’ urrainn iad aghaidh a chumail ris an nàmhaid chuilbheartach ud, a bha ga chromadh féin sios gu grad leum orra aig a’ cheud chothrom a gheibheadh e. Dh’ fhàg iad an gnothuch gu h-iomlan eadar e-féin“ ’s an dusan.” Agus ’nuair a thàinig an ceann là, choinnich an dà fhear-dheug sin Eideard a rìis, ’s mar a bha gach fear ’an dùil gu’n cuirte comain air an aon a b’ ullaimh a bhiodh gus am breitheamh a thoileachadh, dh’ aidich iad uile, fear ’an déigh fir, gu’n robh iad deònach air a’ chrùn a ghabhail o làimh Eideaird mar àrd-thighearna na tìre! !! Bha fios aig Fad-luirgneach gu math co dheth ’n deanadh e atharrais rìgh. Ach ’nuair a fhuair e iad uile mar sud gu ’dhòigh féin, thòisich e le mòr shòluimteachd, ma b’ fhìor, air rannsachadh còir gach aoin fa leth dhiubh air a’ chrùn. Chunnacas gu h-ath-ghoirid gu ’n robh ’chòir a’ seasamh eadar Raibeart Brus, Morair Annandail agus Iain Bailiol, triath Gha obhaigh. B’ iad sin da rìreadh a b’ fhaisg’, a thaobh càirdeis, air an teaghlach rìoghail a dh’ fhalbh. B’ e Bailiol ogha Maireireit, nighean bu shine Dhaibhidh, Iarla Huntington, bràthair Uilleam an Leòmhan, mar a chaidh ainmeachadh cheana, agus mar sin b’ e brathair seanar Alastair III. Thug Eideard an crùn do Bhailiol. Fhuair e cothrom tighinn gu ruige Scoinne gu bhi air a chrùnadh, ach b’ éigin da dol a rìs do Shasunn a dheanamh ùmhlachd do Eideard. An déigh an allabain so uile thàinig e air ais do cheann bhaile na rioghachd gu suidh’ air rìgh-chathair Alba ’bha glé dheilgneach.
B’ e ’n rian a ghabh Eideard air son fàth fhaotainn gu ’thilgeadh thar na caithreach, a bhi ga shior-shàrachadh le fanoid ’s le fòirneirt, gus an éignicheadh se e gu éiridh ’an ceannairc. Na ’m biodh neach sam bith ’an Alba mi-riaraichte leis a’ cheartas a bha Baliol a’ deanamh dha, bha Eideard a’ fiadhachadh gach aon dhiubh sin gus a chùis a thogail gu ’chùirt féin. Bha e mar bu trice mar so a cur an neo-bhrigh gach cùis-bhreith a bha Baliol a’ toirt ’an Alba, ’s a deanamh cùis-mhagaidh dheth am fianuis a chuid iochdarana féin. Na’n gabhadh e dhànadas air gearan sam bith a dheanamh air deanadas Eideard, bha ’n smachdachadh air a dheanamh mòran ni bu mhiosa.
Fadheòidh, leis gach gonadh ’us tàmailt a bha e faotainn, rùnaich Bailiol còmhnadh iarraidh air righ na Frainge gus a’ chuing Shasunnach a thilgeadh dheth; agus sgriobh e dh’ ionnsuidh Eideard nach robh e gu bhi ni b’ fhaide ’na eisimeil ’an ni sam bith. “Ah!” ars am Fad-luirgneach, “an dàna leis an leth-chiallach ud gniomh co amaideach a dheanamh; o nach ruig e sinne, mar is dleasdanach dha, théid sinne far am bheil esan.” Chruinnich an Sasunnach feachd lìonmhor air ceann an do thriall e do Alba. Chuir e ’n ruaig air Bailiol ’am blàr a chuireadh aig Dunbhàr. Mar a bha Bailiol ’na dhuine meath-chridheach leig e seachad an còmhrag. Thàinig e gu h-umhal ga thoirt féin suas do Eideard, ag aideachadh gu ’m b’
[Vol . 5. No. 30. p. 3]
ann le droch comhairle muinntir eile ’bha e air a bhrosnachadh gu ceannairc ’an aghaidh an neach a b’ e ’àrd-thighearna; agus ag aiseag air ais do Eideard rioghachd Alba, leis gach dligh’ a bhuineadh do ’n chrùn, chaidh a rùsgadh an sin de gach inbh’ ’us onair a bh’ aige, agus a leigeadh air falbh, ’an déigh beagan prìosanachaidh, mar chreutair gun diù, ’an déigh ainmeachas rioghalachd a mhealtuinn ré chùig bliadhna.
Fhuair Eideard a nis an rud a bha e ’miahnachadh ’s ag iarraidh o cheann fada, cion-fàth no leth-sgeul air son Alba thoirt gu h-iomlan fo a chomannda féin, gun uiread ’us faileas rìgh no uachdarain a bhi seasamh eadar e ’sa thoil fèin fhaotainn deant’ o cheann gu ceann de’n eilean Bhreatunnach. Thriall e troimh Alba air cheann feachd chumhachdaich, a’ toirt air an t-sluagh anns gach inbhe fa leth e féin aideachadh mar an rìgh dligheach uaithe sud a mach. Lion e daingnichean Alba gu h-iomlan le freiceadainibh de shaighdearan Sasunnach. Dh’ òrduich e Iarla Mhuireidh ’na fhear-dìon Alba, ’s shuidhich e Sasunnaich ’an àrd dhreuchdaibh stàtail na rioghachd. Thug e leis crùn agus slat rioghail Alba, agus eadhon clach a’ Mhanaidh, an Lia Fàil, air am b’ àbhaist a bhi ’cur rìghrean na h-Alba ’n an suidh’ aig àm a bhi ga’n crùnadh. Tha ’Chlach iomraiteach sin air lorg fathast ’an Lunnuinn, agus a’ deanamh suas pàirt de’n chaithir air am bi righ Shasuinn a’ suidhe ’n àm a bhi ga chrùnadh. Tha cuid de luchd-eachdraidh ag ràdh mar an ceudna gu’n tug Eideard air falbh còraichean sgrìobhta nan tighean Mhanach, agus na h-eachdraidhean bu shine ’fhuair e annta gus am milleadh e na h-uile dearbhadh sgrìobht’ air gu ’n robh Alba roimhe sud ’na rìoghachd shaoir. ’An déigh na h-uile nithe chur ’s an òrdugh a thogair e fèin, phill e dhachaidh le buaidh chaithream, a’ giulan nan seudan bu ro luachmhoir’ a bhuineadh do ’n rioghachd ud a bha e nis an dùil bu leis féin ’s le ’shliochd uaithe sud a mach.
SGEULACHDAN ARABIANACH.
IV. —NAIDHEACHD AN T-SEANN DUINE AIG AN ROBH DA CHU DHUBH.
“A Phrionnsa nam fathach,” ars’ an seann duine, “is triuir bhraithrean mi fhein ’s an da chu dhubh so. An uair a dh’ eug ar n-athair, dh’ fhag e mile bonn airgid an t-aon againn. Dh’ fhosgail sinn ’nar triuir buth eadrainn, agus thoisich sinn ri marsantachd. An ceann beagan uine is e an smaointean a bhuail ann an ceann mo bhrathar bu shinne, gu ’n reiceadh e a chuid, agus gu’ n rachadh e leis an airgid a shiubhal an t-saoghail ’s a dheanamh tuilleadh fortain. B’ ann mar so a rinn e.”
An uair a bha e bliadhna air falbh, bha mi latha anns a’ bhuth, agus thainig duine bochd a steach far an robh mi, agus shaoil leam an uair a chunnaic mi e gur ann a dh’ iarraidh deirce a thainig e.
“Gu ’n cuidicheadh Dia leat, a dhuine bhochd,” arsa mise.
“Gu ’n cuidicheadh Dia leat fhein,” ars’ esan; “cha ’n fhaod e bhith nach ’eil thu ’g am aithneachadh?”
An uair a thuirt e so, sheall mi ni bu gheire air, agus dh’ aithnich mi e.
“Ah, bhrathair,” arsa mise ’s mi ’deanamh greim air gu teann ’n am ghairdeanan, “cia mar a b’ urrainn domhsa d’ aithneachadh ’s tu cho truagh coltas ’s a tha thu?”
Thug mi air tighinn a steach do ’n taigh, agus dh’ fheoraich mi dheth cia mar a bha e ’na shlainte, agus cia mar a shoirbhich leis air a thurus.
“Cha ruig thu leas a bhith faighneachd cia mar a tha mo shlainte, no cia mar a shoirbhich leam; foghnaidh dhut sealltainn orm, agus tuigidh tu mar a thachair dhomh. Ged a dh’ innsinn dhut a h-uile car mar a dh’ eirich dhomh o’n a dh’ fhalbh mi, cha deanadh e ’dh’ fheum dhutsa agus dhomhsa ach mo bhron ’s mo dhoilgheas a mheudachadh,” ars’ esan.
Gun dail sam bith dhuin mi a’ bhuth, agus dh’ fhalbh mi leis do ’n taigh-fharagaidh, agus an uair a nigheadh ’s a ghlanadh e gu math ’s gu ro mhath, chuir mi deise ur aodaich uime. Beagan uine ’na dheigh sin, an uair a rinn mi suas mo chunntasan, fhuair mi am mach gu’n robh da mhile bonn airgid agam, agus thug mi dhasan an dara leith de na bh’ agam.
“Ni an t-airgiod sin suas do chall, a bhrathair,” arsa mise.
Ghabh e an t-airgiod uam gle thoileach, agus bha e fuireach comhladh rium mar a bha e mu ’n d’ fhalbh e.
An ceann uine ’na dheigh so, bhuail e anns a’ cheann aig mo bhrathair eile—fear de na coin so—gu ’m bu choir dha fhein a chuid de ’n t-saoghail a reic, agus falbh a shiubhal an t-saoghail ’s a dheanamh tuilleadh fortain. Ged a bha mise agus mo bhrathair bu shinne fada, fada an aghaidh dha so a dheanamh, cha ghabhadh e ar comhairle. Chuir e roimhe am muigh ’s am mach gu ’m falbhadh e. An uair a chunnaic sinn nach robh feum dhuinn a bhith bruidhinn ris, leig sinn leis a thoil fhein a dheanamh. Reic e gach ni a bh’ aige, agus cheannaich e gach seorsa bathair a shaoileadh e a fhreagradh ’s an duthaich do ’n robh e ’dol. An uair a fhuair e gach gnothach deas, dh’ fhalbh e comhladh ri marsantan-siubhail a bha ’dol do dhuthaich fad as. An ceann na bliadhna thill e, agus e a’ cheart cho bochd ’s cho truagh coltas ri ’bhrathair. Rinn mise ris mar a rinn mi ri mo bhrathair bu shinne—thug mi dha an dara leith de mo chuid de ’n t-saoghal.
An ceann bliadhna no dha, thuirt gach fear de m’ bhraithrean rium, gu ’m bu choir dhuinn ’n ar triuir falbh air turus-cuain a reic ’s a cheannach mar a bha iomadh duine eile ’deanamh. Thuirt mi riutha gur beag a bhuannaich iad fhein le cheile air a bhith air falbh, agus na ’n d’ fhan iad aig na taighean a’ toirt an aire air an gnothach mar a rinn mise, gu robh iad moran ni b’ fhearr dheth na bha iad. “Co theid an urras dhuibh,” arsa mise, “gu ’m bi sibh ni ’s fhearr dheth le falbh ria bhios sibh le fuireach?” Ach a dh’ aindeoin na theirinn riutha cha b’ urrainn domh thoirt orra a’ chuis a leigeadh as an ceann. A dh’ aindeoin na rinn iad de chomhairleachadh orm, sheas mi am mach ’nan aghaidh fad choig bliadhna. Mu dheireadh thall, thug mi m’ aonta dhaibh. Ach an deigh dhomh mo chuid uile a reic ’s mi ’dheanamh deiseil air son falbh, fhuair mi am mach nach robh bonn de ’n airgiod a thug mi dhaibh nach do chosg iad. Cha dubhairt mi gu ’m b’ olc riutha. An aite sin, o’n a bha sia mile bonn airgid agam, thug mi dhaibh mile bonn am fear. Chum mi mile bonn eile agam fhein. “Mo bhraithrean,” arsa mise, “falbhaidh sinn leis na tri mile bonn airgid, agus ni sinn ceannach agus reic leotha. Ach air eagal nach soirbhich leinn cho math ’s bu mhath leinn, cuiridh sinn na tri mile bonn eile ann am falach an aite sabhailte gus an till sinn. Chuir mi na tri mile bonn am falach fo ’n urlar ann an oisinn an taighe. Thuarasdalaich sinn long eadrainn, agus luchdaich sinn i leis gach seorsa bathair a shaoileamaid a b’ fhearr a ghabhadh reic, agus sheol sinn.”
Fhuair sinn soirbheas cho fabharach ’s a dh’ iarramaid. An ceann da mhios rainig sinn gu sabhailte am baile-puirt anns an robh sinn gus am bathar a chur a mach. An uair a chuireadh am mach am bathar, fhuair sinn reic dha cho math ’s bu mhiann leinn. Is mise a b’ fhearr a rinn; oir rinn mi air a’ bhathair a dheich uiread ’s a chuir mi ann. An uair a cheannaich sinn luchd na luinge de bhathar a bha sinn gus a thoirt leinn air ais, rinn sinn deas air son falbh.
Tiotadh mu ’n deachaidh sinn air bord, bha mi ’n am sheasamh air bruaich a’ chladaich. Thainig bean uasal far an robh mi, agus ged a bha i gle mhaiseach ri amharc oirre, cha robh uimpe ach droch earradh. Cha bu luaithe a thainig i far an robh mi na phog i mo lamh. Ghuidh i orm ann am briathran anabarrach durachdach mi ’g a posadh ’s a toirt leam. Cha robh mi deonach so a dheanamh. Ach lean i air bruidhinn rium ’s air mo chomhairleachadh gus a posadh. Thuirt i, ged a bha i cho bochd coltas ’na h-earradh, gu’n rachadh i an urras nach ruiginn a leas aithreachas sam bith a ghabhail air son a posadh. Mu dheireadh, leis a h-uile ’comhairleachadh a rinn i orm, dh’ aontaich mi gu ’m posainn i. Gun dail sam bith cheannaich mi aodach freagarrach dhi. Agus an deigh dhomh a posadh, chaidh sinn air bord, agus sheol sinn.
O latha gu latha, mar a bha mi ’fas ni b’ eolaiche air a’ mhnaoi, is ann bu mho ’s bu mho a bha mi ’gabhail de thlachd dhith. Aig a’ cheart am bha eud mor aig mo dhithis bhraithrean rium, a chionn gu ’n do
(Air a leantuinn air taobh 230.)
[Vol . 5. No. 30. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ‘Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton
SIDNI, IANUARAIDH 30. 1897.
Ann an àireamh dhe’n MHAC-TALLA a thainig a mach o chionn ghoirid, thug sinn do’r leughadairean litir a chuir ar caraid “Cabar-Feidh” dh’ ionnsuidh naHighland Newsag iarraidh suim airgeid a chur cruinn air son a bhi air a roinn mar dhuaisean air son teagasg na Gàilig anns na sgoilean. Tha sinn toilichte chluinntinn uaithe sin gu bheil àireamh dhaoine an deigh an ainmean a chur sios air son cuideachadh leis an aobhar sin; nam measg tha “Cabar-Feidh” fhéin agus “Lamh Laidir,” agus cha’n eil teagamh againn nach dean moran de na Gàidheil an deagh eiseimpleir so a leantuinn. ’S e ar barail gu bheil an gluasad so a dol a dheanamh feum mor do chainnt nan Gaidheal.
Tha a phlàigh anabarrach dona ann am Bombay, agus tha i a’ sior-sgaoileadh air iomadh dòigh. Tha ’n sluagh a teicheadh as a bhaile agus a’ giùlan na plàigh leotha do’n dùthaich. Tha mar an ceudna na radain ’ga gabhail ’s a bàsachadh nan ceudan. Tha na seangain ag ithe nan radan, agus tha iadsan a toirt na plàighe do na taighean, oir cha’n eil dòigh air an cumail a mach. Tha e mar sin coltach nach gabh stad cur air a’ phlaigh gus an sguir i leatha fhéin. Tha mu dha cheud pearsa ’san latha ’bàsachadh leatha ann am Bombay. Cha’n eil ach an treas earrann de na tha ’ga gabhail, beo as a deigh.
Ma tha e comasach do aon de leughadairean MHIC-TALLA cuid a dh’ òrain Sheumais Chaimbeil, a chaochail anns a Mhèin a Tuath mu mheadhon an t-samhraidh, 1891, a chur d’ ar n-ionnsuidh, bhitheamaid toileach am faotainn. Rugadh e an Uidhist a chinn a deas, agus thainig e òg do’n dùthaich so an cuideachd a mhuinntir. Bha e chòmhnuidh ùine mhor ann am Baoghasdal, agus an sin chaidh e le ’theaghlach do’n Mhèinn a Tuath. Rinn e iomadh òran ged nach eil moran dhiubh an diugh air chuimhne.
Cha’n e mhàin gu bheil Sàr Ruisia an còmhnuidh an cunnart a bheatha fhéin, ach tha gach aon a theid faisg air anns a chunnart cheudna. Thachair gnothuch mulladach ’na làthair o chionn ghoirid Smèid e air gàradair, a bha ’g obair ann am pàirce faisg air, tigh’nn far an robh e. Thainig an duine ann an cabhaig, ach air dhoibhsan a bha ’geard an urra rioghail fhaicinn, loisg iad air, an duil gu’m bu duin’ e bha airson tigh’nn ri beatha an t-Sàr. Chuir bàs an duine bhochd cràdh mor air an t-Sàr, agus cha b’ iongantach ge do chuireadh. Tha e soilleir gu leòr nach iad na daoine ’s airde ’s inbheiche ’san t-saoghal a’s motha sonas. ’S beag sonais a tha ’n Sàr bochd a mealtuinn.
Litir bheag a’ Baile ’Chaochain.
Ceud fàilte ort, fhir-dheasachaidh! cha ’n eil an ùine fada bho na rinn mi furan a chur ort ’sa Ghàilig ann ad thigh fhéin; ach goirid ’s mar a tha i, thainig iomad caochladh air an t-saoghal, agus ormsa mo chuid fhéin; Tha mi ’m bliadhna air mhuinntireas aig a ghobha, a caitheadh na h-aimsir ’sa cheardaich, agus air m’ fhacal, tha iomad àite ’san domhan moran na’s taitniche ’bhi ann na ’cheardach, gu sònraichte air latha cho fuar ris an lath’ -an-diugh. ’S ioma seòmar blàth, glan, uidheamaichte anns an do chuir mi seachad latha, ged tha mì ’n diugh gu m’ chluasan ann an deatach ’sa smùraich. Bha gach balg ’s clebha ’s innean ’s òrd cho fuar ris an reothadh fhéin. Thug mi taing do’n Fhreasdal ’nuair a ghairm iad mi dhachaigh. Cha’n eil dùil againn ri dad do dh’ obair an drasta beag, us tha mi smaointeachadh gu’m bi ùine gu leòr agam air “Na Baird Ghaidhealach” a leughadh ma chuireas sibh ugam e airson na sgillein ’ar fhichead a tha mi ’cur ugaibh leis a’ litir so. Slan leibh, ’s mise ’ur caraide dileas gach latha ’s oidhche,
Ian. 20. 1897.
GILL’ A GHOBHA.
Oran na Spainntich.
Anns a MHAC TALLA mu dheireadh chuir fear-eiginn ceisd co rinn Oran na Spainntich. B’ e Forsair Choir’ an t-Sith a rinn an t-oran sin a cheart cho cinnteach ’s a rinn Donnachadh Bàn “Molladh Beinn-Dorain,” agus b’e ainm an Fhorsair sin Gilleasbig Domhnullach (Gilleasbig mac Iain Bhàin). Bha gunna aige ’n toiseach ris an canadh e Nighean Ruairi, us b’i do ’n rinn e:—
’Sann air cùl Coir’ -a-chreachain
Dhiùlt Nighean Ruairi dhomh lasadh
Ri udliche cabrach nan cròc.
Fhuair e rithist an gunna ris an canadh e Spainnteach, ’s b’ ann rithe thuirt e:—
Ged bu taitneach bha Nighean Ruairi
’S teann mu ’s i na fhuair mi ’s tàire.
Anns a chumha rinn a bhean dha thuirt i—
Bho ’n a dh’fhalbh uam Gilleasbig
An t-òg gasda dh’fhas caoin.
Sin agaibh mar a fhreagras mise a cheisd, “Co rinn Oran na Spainntich?”
ALASDAIR AN RIDGE.
STOR UR TAILLEARACHD.
Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.
Theid sinn an urras air an obair.
MacCoinnich & Co.
Sidni, C. B.
F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn.
Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.
Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air.
Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.
Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c , &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.
THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin.
Tha Factoridh Eureka air aon de ’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.
Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.
Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitche’s Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.
[Vol . 5. No. 30. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Bha crith-thalmhainn mhor air eilean Kishma anns a Phersian Gulf o chionn ghoirin. Fhuaireadh ceithir cheud deug corp anns na làraichean an deigh dhi bhi seachad.
Chaidh an soitheach smùide Magnolia, a bha o chionn treis a bhliadhnaichean air acair ann am Muggah’s Creek, ’na teine ’sa mhaduinn Di-ciaduin. Cha ’n eil fhios ciamar a thoisich an teine.
Thatar a’ cruinneachadh airgeid ann am Montreal ’s am bailtem éile air feadh Chanada air son cuideachadh a dheanamh leis an t-sluagh bhochd anns na h-Innsean. Chuir Banca Mhontreal coig mile dolair air leth air an son.
Chaidh piuthar agus brathair do na Stàitean á Eilean a Phrionnsa o chionn ghoirid, agus thomhaiseadh iad le cheile coig ceud punnd. Bha esan da cheud ’s ceithir fichead ’us deich puinnd a chudthrom, agus ise da cheud ’sa deich.
Chaidh stòr le Domhnull Anderson, Harbour an Bouche, an siorrachd Antigonish, na teine a sheachdain gus a bhòn-dé. A bharrachd air fiach na stòr fhéin chailleadh fiach cheithir-mile dolair de bhathar. Cha robh airgead-urrais air idir.
Tha an t-side a’ cumail fuar gu leòr, ach cha ruigear a leas dùil a bhi ris a chòrr mu ’n àm so dhe ’n bhliadhna. Mur tig fuachd ’s an fhaoileach, ’s gann a thig e idir. Tha caitein math sneachda air an talamh, agus tha na ròidean gle mhath.
Thainig an cas aig Iain Sullivan air son mort Mrs. Dutcher, gu crich toiseach na seachdain so, agus fhuaireadh ciontach e. ’Se sin a bharail a bharail a bh’ aig na h-uile o chionn treis a dh’ ùine, agus dhearbh na fianuisean gu soilleir gur h-e rinn an gniomh. Tha e ri bhi air a chrochadh air an darra latha deug dhe’n Mhàrt.
Tha duine ann an Texas d’ an ainm Rowe an deigh aideachadh gu bheil e pòsda ri coig mnathan deuga. ’S e ’s docha nach meal e an comunn, oir cha ’n eil an lagh a’ ceadachadh do dhuine bhi aige ach aon bhean, agus ma phòsas e barrachd us sin gabhair cùram dheth ’sa phriosan no ’san tigh-obrach. ’S iomadh duine bochd aig a bheil ri dhol troimh ’n t-saoghal gun bhean idir.
Tha trioblaid ann am mèinnean Springhill a rithist, rud nach ainneamh leotha. Tha na daoine air seasamh a mach, agus tha fairthleachadh orra tigh’nn gu còrdadh ri maighstirean na mèinne. Tha trioblaidean dhe’n t-seòrsa so ann an Springhill cho tric ’s gu bheil daoine dhe’n bharail gu bheil rud-eigin gle chearr. A reir coltais tha ’n luchd-obrach ’s a mheinn ’nan daoine cho reusanta ’sa gheibhear an àite sam bith, agus feumaidh nach eil luchd-seilbh na mèinne a déiligeadh riutha cho math’s bu chòir dhaibh, neo cha bhiodh an aimhreit ann cho tric.
Thachair droch sgiorradh faisg air Dorchester, N, B., Di-máirt s’a chaidh. Chaidh an carbad bhar an rathad, agus caaidh e thairis. Bha lùb anns an rathad aig an àite sin, agus bha e ’dol thairis air banca corr us leth-cheud troigh a dh’ àirde. Bhrist fear de na rails fodha, agus chaidh an train leis a bhanca. Bha dithis air am marbhadh, Miss Patriquin a mhuinntir Dorchester, agus Mr. Edgecomb, a bha ’na chléireach posta air a charbad. Chaidh àireamh mhor a ghoirteachadh, ’nam measg an t-Onarach Mr. Borden, ministeir an airm, ach bidh a’ chuid a’s motha dhiubh slàn gu lèor ann an ùine ghoirid. Bha uisge aig bonn a bhanca, ach gu fortanach chum an deigh gun bhristeadh. Na ’n robh i air bristeadh, bhiodh an call uamhasach. ’S e so sgiorradh cho dona ’sa thachair air an rathad ud (I. C. R. )o chionn iomadh bliadhna.
Chaidh soitheach-seòlaidh a Liverpool, N. S., a bhristeadh faisg air Fourchu air an 12 latha dhe ’n mhios so. Bha i air a turus gu St. Pierre le luchd fiodha. Bha an sgioba air an sàbhaladh.
Bha latha no dha gu math fuar againn air an t-seachdain s’a chaidh. Oidhche Di-màirt, bha e cho fuar ri 13° fo zero anns a bhaile so, agus tha sin fuar gu leòr. Ach ann an cearnan de Chuibeic bha e cho fuar ri 38° fo zero aig an àm sin. Cha’ n eil reusan gearain againn anns an dùthaich so idir.
Chaidh triuir dhaoine a mharbhadh air an rathad-iaruinn faisg air Ottawa an la roimhe, agus chaidh fear eile leònadh. Chaidh an carbad bhar an rathaid. Bha aon fhear dhiubh d’ am b’ ainm Seumas Casselman, agus b’e an ceathramh bràthair a chaidh a mharbhadh le sgiorradh dhe ’n t-seòrs’ ud ré nan ochd bliadhna chaidh seachad.
Thainig soitheach-smùide a stigh do St. John’s Di-ciaduin, agus àireamh dhaoine aic’ air bord a dh’ fhàg an dachaidhean an Cuibeic air an t-samhradh s’a chaidh, ’sa chaidh a shireadh am fortain do Bhrasil. Fhuair iad a mach nach eil am fortan moran na’s soirbhe dheanamh ’san dùthaich sin na tha e ’san dùthaich so fhein, agus b’ fheudar dhaibh tilleadh. Bha boirionnach us dithis chloinne air bòrd tinn leis a ghriùraich.
Tha fear-teagaisg eile ri bhi anns an Ard-sgoil an ùine ghoirid. Tha Bòrd na Sgoile air fhaotainn a mach nach gabh an obair cumail air adhart mar bu chòir gun fear-teagasg eile. Tha an duin’ ùr ri tòiseachadh air ’obair air an ochdamh latha dhe’n ath mhios, agus an deigh sin, bidh an obair a tha an drasda ’ga deanamh le dithis, air a roinn air triùir. Cha ’n eil teagamh nach dean sin Ard-sgoil Shidni a thoirt gu bhi na’s soirbheachaile na bha i riamh.
Di-mairt s’a tighinn bithear a’ taghadh mayor agus luchd-comhairle. Dh’ ainmich sinn roimhe so co bha ’g iarraidh a stigh, ach uaithe sin leig Seumas Gordon dheth, agus tha Murchadh Moireastan a ruith ’na àite. O chionn beagan us mios ’s e corra dhuine theireadh nach robh e coma co bhiodh stigh no muigh, ach an diugh bha iad air atharrachadh sin. Tha gach fear cho deonach air a dhuine fhein a chur a stigh ’s ged a b’ ann do ard-pharlamaid Chanada a bhiodh e ’dol.
Chaidh fear Dàidh Caimbeul a ghlacadh ann am Parrsboro o chionn ghoirid air son a bhi ’goid bathair á stòraichean anns a bhaile sin. Chaidh a thoirt gu cùirt, agus fhuair e seachd bliadhna dhe ’n tigh-obrach. Chaidh triùir dhaoine a chur dh’ an tigh-obrach á Charlottetown, air son a ghniomh cheudna, Francis Elesworth, Newman Hall, ’s Iain Mac Calum. Fhuair iad coig bliadhna ’m fear, agus fhuair dithis eile, Bernard Murphy, agus Uilleam Dole, ceithir bliadhna.
Tha sgeul air innse le fear de na paipearan gu ’n d’fhuair iasgair ann an L’Ardoise deud meallta ann am broinn truisg air an d’ rug e o chionn ghoirid, agus ged a bha choltas air a bhi ann an sin o chionn àireamh mhiosan gu robh na fiaclan cho slan ’s cho math ’sa bha iad riamh. Thatar ag radh gu’n do chaill duine mhuinntir Shidni Tuath deud mar sin ’se dol air turus gu Ingonish a’s t-samhradh s’a chaidh. Bhiodh e iomchuidh a nise fhaotainn a mach an e sin an deud a fhuaireadh am broinn an truisg.
Thainig fathunn mu’n cuairt o chionn ghoirid gu robh dùil aig an Riaghladh Bhreatunnach dainghneachdan laidir a chur suas ann an Louisburg air an t-samhradh s’a tighinn, agus tha e gle choltach gu bheil am fathunn sin fior. Ma tha, bidh moran obrach ’sa bhaile, agus ni sin timeannan matha dhaibhean a tha fuireach ann. Tha Louisburg ainmeil ann an eachdraidh, agus bidh muinntir an eilean so toilichte fhaicinn aon uair eile ’na bhaile làidir dainghnichte mar a bha e o shean ri linn nam Frangach.
C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
THA D. J. Domhnullach air son rùm a dheanamh do bhathar an earraich, agus tha e ’creic na th’ aige de bhathar geamhraidh gle shaor. Reicidh e ni sam bith a tha ’san stor, ach a mhain brogan, 20 p. c. na’s isle na bha iad roimhe so. Rud air am pàigheadh tu $1 .00 roimhe so, cha chosg e dhut an drasda ach 80c. Cha mhair so ach mios. Thig trath agus faigh bargan.
NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B,
Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha.
[Vol . 5. No. 30. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 227.)
shoirbhich leam air mo thurus ni b’ fhearr na iad fhein. Mu dheireadh thainig an droch nadar gu leithid a dh’ airde ’s gu ’n do shuidhich iad gu ’n cuireadh iad gu bas mi. Oidhche de na h-oidhcheachan, an uair a bha mi fhein ’s mo bhean ’n ar cadal, thilg iad a mach air a’ mhuir sinn.
B’ e aon de na mnathan-sithe a bh’ anns a’ mhnaoi agam, agus air an aobhar sin cha b’ urrainnear a bathadh. Ach air mo shonsa dheth, bha mi air a bhith dhith mur b’ e gu ’n do shabhail ise mi. Cha do tharr mi ach gann tuiteam anns an uisge an uair a thog i leatha agus chuir i air tir ann an eilean mi.
An uair a thainig an latha, thuirt i rium, “Tha thu nis a’ faicinn nach do chaill thu air a’ chaoimhneas a nochd thu dhomhsa. Is bean-shithe mise, agus an uair a chunnaic mi thu ’n ad’ sheasamh air bruaich a’ chladaich, mhiannaich mi gu laidir falbh maille riut. Bha toil agam deuchainn a chur ort feuch am faighinn am mach an robh mathas agus caoimhneas annad, agus thug sin orm mi fhein a nochdadh dhut ann an eideadh shuarach. Bha thu gle chaoimhneil riumsa, agus tha mi toilichte gu ’n d’ fhuair mi cothrom air do chaoimhneas a phaigheadh. Ach tha corruich mhor orm ri do bhraithrean, agus cha bhi mi riaraichte gus am faigh mi cothrom air an cur gu bas.”
Dh’ eisd mi le tlachd ris na thuirt a’ bhean-shithe rium. Thug mi taing dhi cho math ’s a b’ aithne dhomh air son meud a’ chaoimhneis a nochd i dhomh. Ach thuirt mi rithe, “A bhean mhath, tha mi ’guidhe ort mathanas a thoirt do m’ bhraithrean. Ged a rinn iad olc mor ormsa, cha bu toil leam an cur gu bas.”
Dh’ innis mi dhi mu gach caoimhneas a nochd mi dhaibh; ach is ann a mheudaich so a corruich ’n an aghaidh. Ghlaodh i am mach ag radh, “Feumaidh mi torachd a dheanamh air na mealtairean neo-thaingeil, agus dioghaltas a dheanamh orra gun dail. Cuiridh mi iad fhein ’s an long do ghrunnd a’ chuain.”
“Mo dheadh bhean,” arsa mise, “cha dean thu sin idir. Air sgath ni math, cuir casg air do chorruich. Cuimhnich gur braithrean dhomhsa iad, agus gur coir dhuinn math a dheanamh an aghaidh an uile.”
Leis na briathran so chiuinich mi i; agus ann an uine ghoirid thug i as an eilean mi ’s dh’ fhag i mi air mullach mo thaigh fhein, agus ann am priobadh na suil chaidh i as an t-sealladh.
An uair a thainig mi nuas bhar mullach an taighe, dh’ fhosgoil mi an dorus; thug mi na tri mile bonn airgid as an fhalach ’s an do chuir mi iad mu ’n d’ fhalbh mi. ’Na dheigh sin chaidh mi do ’n aite ’s an robh a’ bhuth agam. Dh’ fhosgail mi i; agus bha mo choimhearsnaich gle thoilichte an uair a chunnaic iad gu ’n d’ thainig mi air ais slan, fallainn. An uair a chaidh mi ’dh’ ionnsuidh an taighe, thug mi an aire do dha chu dhubh, a thainig dluth dhomh ann an doigh gle shimilidh. Chuir so ioghnadh orm; oir cha do thuig mi ciod bu chiall da. Ach ann an tiotadh, thainig a’ bhean-shithe ’n am shealladh, agus thuirt i rium, “Na cuireadh an da chu dhubh so ioghnadh ort. Is iad do dhithis bhraithrean.”
Chuir so dragh mor orm, agus dh’ fheoraich mi dhith ciod an cumhachd leis an robh iad air an cur ann an riochd chon.
“Is mise a rinn e,” ars’ ise; “a dh’ aon chuid, is mi a thug ordugh do m’ phiuthair a dheanamh. Chuir i an long do ’n ghrunnd aig a cheart am. Chaill thusa na bha de bhathar agad air bord, ach ni mise suas an call dhut ann an doigh eile. A thaobh do dhithis bhraithrean, tha iad gu bhith ’nan coin gu cionn choig bliadhna. Is math an airidh daoine a bha cho foilleil riutha air a leithid de pheanas.”
An uair a dh’ innis i dhomh far am faighinn a mach mu ’deidhinn, chaidh i as an t-sealladh. Tha na coig bliadhna a nis aig an ceann, agus tha mise air mo thurus feuch am faigh mi fios c’aite am bheil i. Agus an uair a bha mi ’dol seachad air an aite so, chunnaic mi am marsanta, agus an seann duine aig am bheil an eilid, agus shuidh mi comhladh riutha. So agad m’ eachdraidh, a Phrionnsa nam fathach. Nach ’eil i anabarrach iongantach?”
“Tha mi ag aideachadh gu bheil,” ars’ am fathach, “agus air an aobhar sin, bheir mi mathanas do ’n mharsanta anns an dara trian de ’n chionta a rinn e orm.”
Cha bu luaithe a chuìr an dara seann duine crioch air a naigheachd na thoisich an treas seann duine ri innseadh eachdraidh a bheatha fhein. Dh’ iarr e de dh’ fhabhar air an fhathach, gu’m mathadh e an treas trian de ’n chionta do ’n mharsanta, nam biodh a naigheachd na b’ iongantaiche na ’n da naigheachd eile a chuala e. Gheall am fathach gu ’n deanadh e so.
A nis cha ’n ’eil eachdraidh an treas seann duine air chuimhne idir. Ach tha e air aithris gu ’n do chord i anabarrach math ris an fhathach, agus nach bu luaithe a chuala e i na dh’ aidich e gu ’m b’ i moran a b’ iongantaiche na ’n da naigheachd eile. Thuirt e ris an treas seann duine, “Tha mi ’mathadh an treas trian do ’n mharsanta de ’n chionta a rinn e, air son an naigheachd a dh’ innis thusa dhomh. Tha e fad’ an comain gach aon dhibh air son a shaoradh as a’ chunnart anns an robh e; oir mur b’ e sibhse, cha robh e beo an drasta.” Agus an uair a thuirt e so chaidh e as an t-sealladh. Thug am marsanta mile taing do na seann daoine. Thill e dhachaidh a dh’ ionnsuidh a mhna ’s a theaghlaich, agus chaith e a’ chuid a bha roimhe de ’bheatha ann an sith ’s an samhchair.
Tha lighich ainmeil ann an Lunnain ag radh ma ruigeas duine deich bliadhna fichead gun droch euslaint sam bith a ghabhail, gu ruig e tri fiichead us tri bliadhn’ deug.
Sean-Fhocail.
CUM AN FHEILL AIR AN LATHA.
Tha chuid is lionmhoire de Shean-fhocail gach tir a cur an ceill firinn, no co-dhiu taobh de fhirinn, air an do chnuasaich daoine glice air thoiseach oirnn, agus ris a’ bheil sinne cleachdta r’ar n-aonta chur gu toileach. Anns a cheum so tha na Sean-fhocail Ghaidhealach cosmhuil ri Sean-fhocail dhuthchanna eile; agus gu ruig so, thug sinn ar n-eisempleirean gu h-iomlan o’n bhuidheann so. Ach tha buidheann eìle de’r Sean-fhocail a tha toirt f’ar comhair, cha ’n e, beachd no firinn a tha sinn ri chreidsinn; ach àithne, comhairle, no earail a tha sinn ri choimhead. ’N ar Sean-fhocail Ghaidhealach gheibhear a’ bhuidheann so na’s lionmhoire, a reir aireimh nan Sean-fhacal thar cheann, na gheibheor iad anns a chuid is mo de Shean-fhocail dhùthchanna eile. B’ iad na Druidhean, mar tha fios aig gach neach, priomh luchd-teagaisg ar Sluaigh; agus dearbhaidh moran de’r Sean-fhocail gus an la ’n diugh gur ann an uair a bha na Druidhean cumhachdach ’s an Tir a chuireadh iadsan ri cheile. Tha fios againn a ris nach fuilingeadh na Druidhean leabhraichean no sgriobhadh ’nam measg, air eagal, na’m b’ fhior iad fein, gu’m biodh cuimhne no meòdhair nam foghlumaichean òga air a lagachadh. Bha e feumail mar so gu’m biodh teagasg nan Druidhean air a thoirt seachad air doigh cho tarbhach ’s a bhiodh comasach, a los gun togadh ’s gun giùlaineadh a’ mheodhair moran foghluim ann am beagan bhriathran. Dh’ iunnsaich sinn leasan nan Druidhean, no co-dhiu cuid dheth, ro mhaith. Cha robh baigh ar Sluaigh ri leabhraichean no ri sgriobhadh riamh ro mhor. Theirear gun teagamh nach robh cothrom aca; ach nach beag so de’n fhior aobhar? C’arson nach d’ rinn iad an cothrom; agus c’arson nach eil iad g’a dheanamh mar nach eil iad? Ann an tomhas tha sinn ’s a’ Ghaidhealtachd car fortanach seach mar tha na Goill—air an adhlacadh le leabhraichean, agus fiughair gu’n leughar iad. ’Nam biodh Solamh beò ’n ar latha-ne, ciod idir a theireadh e mu leabhraichean agus mu leughadh? Is gann a gheibheadh e àite no cànain a fhreagradh air ach a Ghaidhealtachd agus a’ Ghaidhlig. Ach ged, ma dh’ fhaodte, tha cuid de leabhraichean air Galldachd ro phailt agus air an cur gu droch bhuil, cha’n ’eil teagamh nach ’eil leabhraichean anns a Ghaidhealtachd ro ghann, agus nach ’eil roinn de’n bheagan tha innte gun bhi air an cur gu buil idir, maith no olc. Anns an rathad so mar ann an an iomadh rathad eile lean sinn a’ chleachduin, ged thainig caochlaidhean air an t-saoghal mu’n cuairt dhuinn a dh’ fhàg a’ chleachduin neo-fhreagarrach air ar son. Gheibhear sinn gu tric a’ caoidh nan linntean a dh’ aom, agus tha mi smuaineachadh ged rachadh ar n-aiseag, a thiotadh, gu linn nan Druidhean nach cailleamaid a bheag Gheibhteadh uapa-san moran tuigse agus
[Vol . 5. No. 30. p. 7]
beagan cainnt; tha cuid a smuaineachadh gu’n do chuir an Saoghal car tuathal dheth o’n àm sin.
’S e mo bheachd gur e cion leabhraichean—cia b’e air bith an t-aobhar air son na goinne so; cho suarach agus a bha sinn mu’n bheagan leabhraichean a bh’ againn; agus ann an tomhas gnè nan leabhraichean sin fein a bu choireach gur ann ’nar Sean-fhocail, agus nach ann ’nar Bardachd, ’nar Sgeulachdan, no ’nar Sgoilean, a gheibh sinn na riaghailtean a tha freagarrach airson ar beachdan a shocrachadh ’s air giùlan a stiùireadh ’nar cuairt roimh ’n t-Saoghal. Tha iomadh leasan feumail agus cudthromach air an teagasg ’nar Bardachd agus ’nar Sgeulachdan, na’n iunnsaicheamaid iad; ach ’na dheigh so uile tha mi meas, a mach bho’r Biobull agus bho’r Sean-fhocail, gu bheil ar litreachas ann an Gaidhealtachd na h-Alba easbh’each anns an t-solus a tha i tilgeadh air beatha an duine, agus air an diomhaireachd a tha cuartachadh na beatha sin. Ach ’n ar Sean-fhocail gheibh sinn oidhearpan lionmhor air beachdan a chur an cainnt; a chum ar n-eòlas a mheudachadh agus ar creideimh a dhaighneachadh; agus a thuilleadh air so, moran dhleasdanais dhuinn fein agus d’ar co-chreutairean air an sparradh oirnn le comhairle agus le earail, a chum ar gluasad a leasachadh, agus cho fad ’s a tha sin comasach do’n duine, a dheanamh foirfe. Is e mo rùn aon no dha de na h-earailean so a shoilearachadh.
Tha teagasg an t-Sean-fhocail a ghabh mi mar steigh air a thoirt seachad ann an atharrachadh cainnt le Solamh, agus aobhar ’n a chois. “Ge b’e ni a gheibh do lamh ri dheanamh, dean e le d’ dhichioll; oir cha ’n eil obair no innleachd, no eòlas anns an uaigh, d’ am bheil thu a’ dol.” Cha ’n ann idir a’ cur an suaraicheas aobhar an t-Searmonaiche ghlic a tha mi an uair a tha mi ’ga thoirt thairis do Shearmonaichean comasach ar latha fein. Eadhon as eugmhais aobhar Sholaimh, tha mi meas gu’n aontaich gach neach gu bheil an teagasg cudthromach agus airidh air gach uile umhlachd. A reir mo bheachd tha ’n dleasdanas a tha ’n Sean-fhocal a’ sparradh oirnn dà fhilte. “Cum an fheill air an latha,” —is e sin ri radh, “Ge b’e ni a gheibh do lamh ri dheanamh, co dhiu is ann dhuit fein no do neach eile, dean e le d’ dhichioll, agus dean e ’na àm; na fàg obair an la diugh a feitheamh air an là màireach.”
Cha ’n fheudar aicheadh nach abrar gu tric gur iomadh Sluagh is fearr a bheir umhlachd do’n àithne so na Gaidheil na h-Alba. Cha chuirear, le firinn, leisg, an corp no ’n inntinn, á leth ar Sluaigh. Ann an coimeas ri Cinnich eile, tha ’n Gaidheal, ’na chorp ’s na inntinn, beò,eutrom, e sguidh, fuasgailte. Ach cha ’n e leisg uile gu leir a tha ’n Sean fhocal a diteadh, ni mo is e beothalachd a tha e ’g àithne. Their aon de’r Sean-fhocail fein, “Is easguidh an droch ghille air cuairt,” —a ciallachadh gu’m faighear an deagh ghille an còmhnuidh deas gu ghnothuch. Is e dichioll, buanachas, seasmhachd a tha ’n Sean-fhocal a’ moladh dhuinn. Feudaidh sinn a bhi easbhuidheach anns na feartan so, ged nach cuirear le ceartas leisg as ar leth. Fhuair ar Sluagh gun teagamh an t-ainm a bhi mùiteach, neo-sheasmhach a chionn iomadh bliadhna. ’S e so cliù a tha ’n Seanachaidh Romanach a’ toirt do shaighdearan Hanibal. Agus ged nach faighear saighdearan no seòladairean is calma ’s is seasmhaiche na Gaidheil na h-Alba an uair a tha iad air an iunnsachadh, agus ged nach faighear am measg Sluagh eile eisempleirean na ’s trice ’s na’s urramaiche na gheibhear ’nar measg fein air sior-bhuanachadh an aghaidh iomadh bacadh ’us grabadh; gidheadh ’s e cliu ar Sluaigh an diugh an cliù a fhuair iad o’n Romanach da mhile bliadhna roimhe so—gu bheil iad làidir, lùghmhor, ach caochlaideach, deas gu ni a ghabhail os laimh agus fhàgail gun chriochnachadh, easguidh ach neo-chinnteach.
Bha duine air an leth dhaoraich a coiseachd faisg air cladh ann an àit àraidh, agus a choltas air a bhi ’feitheimh ri cuid-eigin. Anns àn t-suidheachadh anns an robh e, cha robh e comasach dha seasamh direach, agus bha e daonnan a tulgadh a null agus a nall. An deigh dha bhi treis mar sin thuirt e ris fhein, “Nach eil so iongantach! O chionn tacan beag bha ’n cladh air mo laimh dheisach a nise tha e air mo laimh chli! Feumaidh gu’n d’thug e car mu’n cuairt! ’S fhada o’n chuala mi bhi ’g innse gu robh an saoghal a’ dol mu’n cuairt, agus a nis tha sin air a dhearbhadh mu choinneamh no dha shùil fhéin!
CARADH
Uaireadairean
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar uthcha tha ’nar beachd
D. A. Mac FHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.
Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .,
SIDNI, C. B.
“Eagle Parlor” Matches
Tha iad gle mheasail air smocairean, agus aig mnathan-taighe.
Tha iad gle thaitneach ri ’n ùisneachadh oir cha’n eil faileadh dhuibh idir.
THE E. B. EDDY Co LIMITED
HULL, MONTREAL, TORONTO.
[Vol . 5. No. 30. p. 8]
An Gobhainn.
Is glé ainmeil an dàn ud mu ’n “Ghobhainn” a rinn Henry Wadsworth Longfellow am Bàrd Americach, anns a ’chanain Shasunnaich. Cha mhòr a tha neach ann a fhuair beagan sgoil do nach aithne e. Is e dàn air leth taitneach a th’ ann. Ach a réir mo bheachd tha ’n t-eadar theangachadh a rinn Iain Whyte air, na ’s cumhachdaiche na facail a’ bhaird féin. Tha facail na Gàidhlig na ’s gairbhe no na ’s mine na facail na Beurla Shasunnaich a réir mar a shònruichear iad agus is glé choltach gur e so is aobhar do ’n dàn ’bhi taitinn rium na ’s fearr anns a’ Ghaidhlig no anns a’ chànain anns an do dhealbhadh air tùs e. Ach chi an leughadair an déigh dha a leughadh cia mar a thaitneas e ris féin.
AN GOBHAINN.
Tha ’cheardach bheag fo sgàil na craoibh
Tha ’cinntinn dlùth do ’n stuaidh;
Tha ’n gobhainn dreachmhor, làidir treun,
Le neul na slaint’ ’na ghruaidh;
’S a’ ghàirdean calma, feitheach mòr
Mar ghàd de ’n iarann chruaidh.
Tha ’fhalt dubh, fada, brisgeach, garbh;
Tha aodann donn mar bhéin;
Tha ’bhathais fliuch le fallus trom,
’S e ’n geall air ’obair féin,
Gu ’n sgàth fo shùil an t-saoghail air fad
’S gu ’n e ’n eismeil neach fo ’n ghréin.
O mhoch gu oidhch’, a ghnàths gun tàmh,
Cluinnidh tu ’bhuilg ri srann;
’Us slachdraich ghramail an ùird mhòir
Gu riaghailteach, socair, teann,
Mar bhuille cluig ’sa chlachan chiùin
Aig ciaradh feasgair fann.
Aig dorus na ceardaich, clann na sgoil,
Ged ’s aotrom, ait an ceum,
Seasaidh, le fiamh roimh ’n teine mhòr
’S na builg is toirmeach geum,
’S a’ coimhead nan sradan tha mar mholl
Air ùrlar bualaidh ’leum.
Di-domhnaich, an tigh-aoraidh Dhé,
’S a mhic ri ’thaobh le bàigh
Suidhidh e ’g éisdeachd Sgeul na sìth,
’Us cluinnidh e ’nighean ghràidh
A’ seinn gu binn ’sa choisir-chiùil
Us lìonaidh a’ chridh’ làn àigh.
Tha ’guth, ar leis, mar ghuth a mathar.
Am Pàras Dé a’ luaidh!
Eiridh i suas ’na bheachd a rìs
Ged tha i sint’ ’san uaigh,
’S le laimh chruaidh siabaidh e air falbh
Na deuran bhàrr a ghruaidh.
Gu saoithreach, aoibhneach, doilgheasach,
Tha ’bheatha ’ruith gun tàmh;
Ni ùr ’ga thòiseachadh gach moch,
’S e deas aig crìch an là;
Rudeiginn feuchte, rudeiginn réidh,
’S a dhuais—trom chadal tlàth.
Air son an teagaisg ’fhuair sinn uait,
Taing dhuit a’ charaid chaoin;
Mar so air teallach dhearg an t-saoghail
Oibrichear crannchur dhaoin;
’S air innean cruaidh na beatha fòs
Dealbhar gach gniomh ’us smaoin.
Oran.
LE PADRUIG CAIMBEUL, PARA PIOBAIRE,
Do Raonull Og na Ceapich, ’nuair a bha e an cogadh America.
Tha sinn gun cheannard o’n dh’ fhalbh thu bhuainn;
Bho ’n thug thu ’n t-sail ort, ’s gun tharr thu ’n cuan,
’S e cumha Raill a’s galair bais dhuinn,
’S a dh’ fhag du chairdean gu brath fo ghruaim.
Fhuair sinn sgeul ort an de Di-luain,
A dh’ fhag fo eislein mi-fein ri ’luaths,
Gun deach do reubadh fo chrios an fheile
’S a chruachan ghle-gheal ’s neo-eitidh ’s nuadh.
Mo chreach ’s mo dhiubhail thu bhi cho og,
’S gun d’ rinn thu tionndadh le sannt an oir;
Ach ’s beag an t-ioghnadh ’s a liuthad fin-fhear
A threig a dhuthaich ’s a thionndaidh cleoc’.
Mo cheist an cuirtear ’s e gnuis an aigh,
Le phearsa riomhaich ’dh fhas direach, ard;
Ur ghallan rioghail an toiseach inntrinn,
Mar chraoibh an fhiona lan mheas gu barr.
’S beag ioghnadh buaidh a bhi ort thar chaich,
’S tu ’shliochd nan uaislean ’bu chruaidh ’san spairn:
’S a liuthad fuaran de ’n fhior fhuil uaibhrich
’Tha ’g eirigh suas ann ad ghruaidh gu h-ard.
’S tu siol nam milidh ’bu direach gnàth,
’S tu siol nan righrean an nall bho ’n Spainn:
Siol Chuinn nach diobradh ’s an iarl’ a Ile
Do shloinneadh cinnteach gun spid, gun tair.
Thionndaidh Raonull Og na Phrostanach. Ach si’n fhirinn gun robh e coltach ri Rob Ruadh MacGrìogair, —nach robh e trom air creideamh sam bith.
Moladh Moraig.
LUINNEAG.
’S i luaidh mo chadail Morag,
Mo ghaol ’s mo chagar Morag;
Gum b’ ait leam agam Morag,
’S bu taitneach leam do chomhradh.
A Mhorag ghrinn nan dluth cheum,
Nan cotaichean ’s nan guintean,
’S nan ribinean bho bhùithean,
Mar d’ rinn mi mearachd cunntais,
Bu ro mhath ’n ceile diuc thu.
Tillidh ’n t-uisg’ ri sleibhtean,
’S bidh sneachda dubh air gheugan,
Mun caochail air mo speis dhuit—
’S tu m’ annsachd ’s mo dheo-greine,
’S cha diobair mi nam cheill thu.
Aig pòsadh a’ Choirneil Mhic Griogair (Surgeon-Colonel) agus Miss Mabel Parish ann an eaglais Naomh Mairi Abott an Lunnainn, bha àireamh de Ghàidheil a làthair air an éideadh anns an deise Ghàidhealach—agus nam measg fear-na-bainnse fhéin. Bha an Coirneal anns an arm ’sna h-Innsean fad fhichead bliadhna, agus fhuair e cliù ann an cogadh Bhurmah (1885- ’87). Tha e an deigh leabhraichean a chur a mach, tha meas anabarrach aig air a Ghàilig, agus tha e na bhall an àireamh de chomunnan Gàidhealach a bhaile.
Grace Darling
Leth-cheud bliadhna ’sa h-ochd air ais, air an 7mh de September, shabhailGrace Darlingagus a h-athair, le ’n tréine, naodhnar dhaoine o bhi air am bàthadh. Tha ’n obair sin, sàbhaladh-beatha a dol air adhart fhathast, agus tha K. D. C. a’ deanamh a chuid fhein. Is e bhi slàn an dòigh a’s fhearr air son a bhi fior shona.
Tha stamagan neo-fhallain a’ deanamh dhachaidhean agus dhaoine mi-shona, ge b’e àite ’n faighear iad. Gheibhear cuideachadh, faochadh, agus leigheas do stamagan neo-fhallain ann an K. D. C. Feuch e. Tha e air a shàr-mholadh.
ThaK . D. C. Pillsanabarrach math air son tinneasan cuim.
NUAIR THEID THU ’BHADDECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram, Bathar Cruaidh
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile.
An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.
Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.
McDonald Hanrahan & Co,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95
title | Issue 30 |
internal date | 1897.0 |
display date | 1897 |
publication date | 1897 |
level | |
reference template | Mac-Talla V No. 30. %p |
parent text | Volume 5 |