[233]

[Vol . 5. No. 31. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, FEBRUARAIDH 6, 1897. No. 31.


Oran do Mhac-Talla.

AIR FONN: —E ho ro mo run an cailinn.

On tha ghaoth a muigh a srannraich,
G iomain an t-sneachda thar bheannta,
Suidhidh mi stigh, mar is annsa,
S theid an rann so gu MAC-TALLA.

Gu ma slàn don òigeir uasal
A rinn fàsna nadar suairce;
Tha do Ghàilig glan gun truailleadh,
Fallain, fuaimneachsa MHAC-TALLA.

S iomadh aon nach fhaca riamh thu,
Tha ri iomradh ort am bliadhna,
A gabhail eòlas math is miadh ort,
Tre do bhriathransa MHAC-TALLA.

Feoraichidh iad ainm an uaisail
S ciod an dùthaich asn do bhuaineadh,
S e bu duthchas dha Strath-Shuardail,
Nam beann fuaras a MHAC-TALLA.

Tha na Gàidheil dhuit cho dileas
Stha iad lìonmhor anns an tìr so,
Snuair a ni iad uilen dìchioll,
Cha bhi dith air a MHAC-TALLA.

Chan eil ait air feagh an t-saoghail
Anns nach eil na suinnga [ ? ]
Deas us tuath thar chuan us aonach,
S uallach, aotrom am MAC-TALLA.

Fhir a thuigeas brith mo bhriathran,
Nuair a sheinnear dhuit le rian iad,
Cuir do dholar gormga iarraidh
S gheibh thu bliadhna den MHAC-TALLA.

Cuirga iarraidh mar is còir dhuit,
S cuiridh na Gàidheil ort eòlas,
Nuair a chi iad t-ainm an clò
Air duilleag bhoidheach a MHAC-TALLA.

Na bu diù leat a bhi spiocach;
Na leugh e idir an iasad;
Fosgail do sporan gu fialaidh,
S cur a dhiarraidh a Mhac-Talla.

Fhir a fhuair es nach dthug dioladh,
Pàigh a null le sunnd am bliadhna,
S mor an comharradh air siochair
A bhim fiachan do Mhac-Talla.

Cha bu bheag leam fhin an tàmailt,
Gum biodh éis don phaipeir Ghàilig,
S nach eil aon fon ghréin a làthair
Ann ar cànain ach Mac-Talla.

AN CIARAN MABACH.


Posadh aCheaird.

LE FIONN.

N uair a bha an Eaglais Easbuigeach air a cuir sìos ann an Albainn, cha robh comas pòsaidh no baistidh aig na ministeirean a bhuineadh dhi, gun chunnart a bhi air an tilgeil ann am priosan, agus ùladh trom a leagail orra. Bha duine tuigseach fiachail, deas-chainnteach den t-seòrsa so agabhail an rathaidsa Ghàidhealtachd, agus choinnich e buidhionn cheàrd air an rathad mhor. Dhaithnich iad gu math co e. Chuir iad stad air. Dhinnis iad dha gun robh càraid ògsa chuideachd aig an robh toil pòsadh, ’s gun robh iad air tòir ministeir. Cha robh math dha diùltadhchuartaich iad e, agus thuirt iad ris nach faigheadh e ceum air aghart gus an ceangladh e an t-snaim. “Càita bheil a chàraid òg?” ars esan; “Seasadh iad suas.” Le so thàinig balach òg, robach luideagachgun bhoineid gun chaiseartseòrsa de luideig stròichte, bha uaireigin na chota-geàrr, air a dhruim; agus luireach bhroineagach de sheana bhriogais nach ruigeadh a ghlùn. Ach na dhéigh sin uile, bha ena bhalach aoidheil, iasgaidh, luaineach; agus bean-na-bainnse cho coltach ris féin air gach doigh, ’sa dhfhaodadh a bhicaileag òg mu thuaiream ochd-bliadhn’ -deug a dhaoisa falt fada, co dubh ri it an fhireìn, a sios ma guaillibh, ’s air a h-uchd na dhuala troma sùil mar dhearcag an tuima h-aodann air a losgadh leis a ghréin agus làn bhreacasionain. Seòrsa de chota-bàn oirre nach robh toirt moran fasgaidh dhi on fhuachd no on ghaillinngun bhròg gun osan, ach chois foidhpe, agus aobrain cho cuimir sgiobaltasa lùb feòirnein.

Phòs am ministeir iad ann an làthair fhianuiseanam pàrantan, am bràithreans am peathraicheansan làthair. ’N uair a bha am pòsadh seachad, thàinig an seana cheard mòr, righ na cuideachd, air aghaidh, agus thug e, ann an ainm nan ceards nam bana-cheard, mile taing don mhinisteir. “Ach,” arsesan, “tha tri nithe fhathast ra dheanamh, agus chan fhaodar leibh an diultadh. An toiseach thugaibh dhuinn fo ar laimh, teisteanas gun do phòs sibh a charaid òg, air eagal gun abair iad na dheigh so nach robh iad idir air an ceangal ra cheile le pears’ -eaglais.” Cha robh e comasach don mhinisteir so a thoirt dhaibh air an dòigh chumanta, agusainm a chur ris; ach thug e mach paipeir agus peann, agus thug e dhaibh an teisteanas a leanas:—

Tha misen sonam shuidhe air cloich
Apòsadh Esan ri Ise, ’s Ise ri Esan,
Chaneil leud mo bhoise de dhaodach air Ise,
S chan eil falach a mhàis air Esan;
Ach fòghnaidh Esan do Ise, agus Ise do Esan.

Chuir eainm ris an teisteannas so, agus bhan ceard mor toilichte.

Ciod tuille tha dhith ort?” arsam ministeir, “nach leig thu leam triall a nis ?” “Cha leig,” ars an seana cheard, “cha bhiodh sin sealbhach, gun òl air a chàraid òig.” Cha ghabhadh an ceard diùltadh, agus beiginn don mhinisteir sgaile dramaghabhaìl, agus greim den bhonnach-bainnse; agus theagamh nach robh sona chruadal mor air monadh Gàidhealach.

A nis,” arsan ceard, “mo mhile, mile taing! Seid suas do bholgEachainn Ruaidh.” ’se smeideadh air giullan beag a bha dlùth dha, agus piob foachluis. Sheas achuideachd gu taobh. “Ciod so a nis?” arsam ministeir. “Chaneil ach aon ni eile, a dhuine ghaolaichgun imir sibh naTulacheana dhannsa le ban-righ nan ceàrd.’ “N e mise?” arsam ministeir. “Da riribh, sibh fein a dhimreas sin a dheanamh,” arsan ceàrd. “Fosglaidh mi féin an dannsa le bean-na bainnsebean mo dheagh mhic; agus so agaibh màthair fir-na-bainnse, mo bhan-righ fein, agus chunnaic mi latha nach amhairceadh pears’ -eaglais feinsios oirre.” Rinn am ministeir ni burrainn da chum dol as on dannsadh, ach cha robh math dha bhi bruidhinn. Thòisich an ceòl, dheirich an ceard mor agus bean-na-bainnse, agus thainig an t-seana bhana-cheard, agus thog i am ministeir, lechasaig dhuibh. Cha do chum iad fade adannsadh, ach coma co dhiu, chuir an t-seana bhana-cheard mun cuairts mun cuairt e, gus an robh tuainealaichna cheann, agusanail na uchd.

Fhuair e as mu dheireadh agus fhad’ ’s bu bheò e, cha robh uair a thainig na ceàird an rathad, nach do thaghail iad, agus nach dfhàg iad leth-dusan do na spàinean a bfhearr a burrainn iad a dheanamh, aig a mhinisteir chòir. Is iomadh latha a dhinnis e fein an sgeul, acall a lughais le gàiricich. —Highland News.


MIONNAN SINEACH. —Chaidh Sineach a chur air a mhionnan ann an cùirt am baile Lunnainn, agussen dòigh a ghabh e, fhuair e coinneal laiste, agus le oiteag deanail chuir e as i. Bha sin aciallachadh gu robh e deònach, mur innseadh e an fhirinn ghlan, gum biodh anam air a chur as mar a chuir e-fhein as achoinneal.


Tha còrr us mile soitheach, de gach seòrsa agus meud, adol troimhn Chaol Shasunnach, (English Channel), a h-uile latha dhen bhliadhna, aguss gann a tha mionaid dhen latha nach eil mu dha cheud aig Ceann-Tire(Lands End), a dol a stigh no tighnn a mach as a Chaol.



[234]

[Vol . 5. No. 31. p. 2]

Sean-fhocail.

CUM AN FHEILL AIR AN LATHA.

(Air a leantuinn.)

Ann an Gaidhealtachd na h-Alba, creididh mi gum fàsamaid neo-shuidhichten ar doighean ged nach biodh abhuaidh dual dhuinn mar Shluagh. Chuidicheadh gnè na Tìre, agus gu h-araid ar n-Eachdraidh, inntinn luasganach a ghintinn, no co-dhiu a neartachadh, annainn. moran uine bha caithe-beatha an t-Sluaigh agus am beatha fein cho neo-chinnteachs gum biodh e eucomasach gum faigheadh riantan steigheil aiten am measg. Chaneil teagamh nacheil agus nach bi sinne iomadh latha fathasd ag itheadh de shearbhadas nan linntean buaireasach a chaidh, taing don Fhreasdal, thairis. Agus ged tha sinn a nis o chionn iomadh bliadhna amealtainn sith, agus nam miltean beannachd a thig an lorg na sochair ro-luachmhoir sin, tha agus bithidh iomadh nin ar crannchur anns aGhaidhealtachd a dhfhagas e fior dhuilich dhuinn leasan an t-Sean-fhocail iunnsachadh, agus an comhnuidh a chuimhneachadh. “Cum an fheill air an latha;” —is furasda radh, agus ann an iomadh aite chaneil e ro dhoirbh a dheanamh. Ach ann an Tìr neo-thorach, le siantan caochlaideach, le monaidhean sgith, le aisig chunnartach, leis gach goireas a dhith ort, is beag nach fanoid an earail. An ann á fearann a tha dearbsa? Mo chreach! is beag do choir air. Agus ged shaoithrich thu cho goirtus ged a bhiodh cinnt agad nach rachadh do mhàl ardachadh no do thigh a chur ma sgaoil aig ceann na bliadhna, nach tric a ni latha fliuchs an fhoghar obair na bliadhna chur a dholuidh. Abheil beo-shlainte do theaghlaich an crochadh ris amhuir? Chaneil sgoil fon ghrein cho eifeachdach, ann an rathad, a dhiunnsachadh foighidinn, dichill, saothair bhunailteach cho math ri bàta iasgair. Faic e le ramh no le seol atoirt a mach calaidh, no acur fodha rudha; a nis abuidhinns a rìs acall; a bheatha an crochadh ra nearts ra sheoltachd; agus gheich thu leasan air stri bhuan agus dhian nach faigh thu ach ainmig. Ach an uair a than rudha seachad, ’s an caladh fo shroin, theid an leasan a dhi-chuimhneachadh gus an toir fein-fhiosrachadh cruaidh a chrannchuir fa chomhair an iasgairs an ath ghàbhadh e. ’S e neo-sheasmhachd na gaoith, an t-sruth, ’s na fairge, agus neo chinnteachd abheatha fein an co-cheangal riu a ghleidheas aite an inntinn an iasgair, agus a niCum an fheill air an latha” ’n a eubh fhaoinn a chluais-san.

Tha e nas feumaile air doigh no dha dhuinne a bhi gleidheadh teagasg an t-Sean-fhocail air chuimhne na tha e do mhoran. Chaidh, ma dhfhaodte, a chur mar coinneamh air aon doigh no doigh eile gle thrath. So achumadh air an dfhuair mi fein e: Procrastination is the thief of time.Air achumadh so, leughus sgriobhus litrichus bhr[ ? ] ficheadan uair. Co-dhiu a lughdaich an t-saothair mairneal no mheudaich i dichioll ann am chrè, chan fhios domh; ach bhiodh en a pheacadh an aghaidh gach riaghailt theagaisg an leasan a thoirt domh air dhoighs gun tuiginn e. ’N ar Sean-fhocail Ghaidhealach gheibhear an teagasg ceudna gu minic agus ann an caochladh cainntus samhladh. Tha son a dhearbhadh soilleir gun robh meas cubhaidh aig ar n-Aithrichean air an fhirinn, co-dhiu bha no nach robh iad an comhnuidh dileas di.

Ach bhiodh e mealltach a bhi saoilsinn gun robh na seann daoine, eadhonn an teagasg, a ghnath iomlan. Bha iad acur luach ard agus cubhaidh air sonas, ach chaneil mi cho earbsach gun damais iad daonnan air mathair-aobhair an t-sonais dan robh an tlachd cho mor. Theireadh iad: “Is fearr a bhi sona na bhi saoithreachail;” “Is fearr a bhi sona na bhi crionna;” —ach saoilidh mi gun do dhi-chuimhnich iad nach faighear, ’s an t-saoghal so co dhiu, an sonas is airde a bheir e seachad sgartebho shaothair; agus nach mair sonas ard no iosal ro fhada sgartebho chrionntachd. Chaneil teagamh nach robh meas mor aca air foiss air socair, agus nach dthug iad seachad teagasg mearachdach an co-cheangal ris na staidean so a than an aite fein ionmholta. Cia be air bith an rùn leis an do chuireadh ri cheile iad, chaneil teagasg nan Sean-fhocal a leanas air aon chor fallain: “Cha dith na coin an aimsir;” “Am fear a dhimich an cruinne, cha bfhios da co-dhiu bfhearr luathas no moille” (saoilidh mi nacheil fios fathasd ciod a thug dha a thigh fhagail); “Is maith an saoghal so ma mhaireas e;” “Tha iasgs a mhuir cho maiths a thainig riamh as;” “An neach nach cinnn a chodal, cha chinn en a fhaireach;” “Treabhaidh na daois cha dean na saoi ach treabhadh. “Chaneil teagamh nach ann on bhaigh so ri fois a dheirich an Sean-fhocal, “Is fearr a bhi tamh na obair an nasguidh;” oir cha robh meas air leisg,— “Am fear a bhitheasn a thamh, cuiridh en cats an teine;” “Is leisg le leisgein dol a luidhe, is seachd leisge leis eirigh.” ’S e na taillearan a thug seachad an Sean-fhocal leibideach so, agus airson teagasg cronails gann a dhamais a leithid orm; “Greim fada, ’us grad bhi ullamh.”

Tha teagasg nan Sean-fhocal so mearachdach; agus chaneil teagamh nach robh agus nacheil achumhachd air fhaireachduin a chum na cuid is measan ar measg. Ach ged tha na Sean-fhocail a tha air an taobh chlì nas lionmhoire na bu mhaith leinn; chaneil an àireamh ach gann ann an coimeas ris na gheibhear amoladh aghartais, dichill, ’us seasmhachd. Bha ar n-Aithrichean lan dearbhta nach faighear maith gun dragh. Tha focal an maith deas aig na h-iasgairean a tha teagasg na firinn so: “Chane gogadh nan ceann a nin t-iomram.” So aon bho na sealgairean: “Cha drinn theab riamh sealg.” Agus cha robh na buachaillean air deireadh: “Cha dean corag mhilis ìm.” Chaneil teagamh nach e ceannaiche a dheisd iomadh uair ri leth sgeul air a deagh labhairt a thuirt; “Cha diol toileach fiach.” Den aon teagasg than radh: “Cha drinn thugam ceums cha do chailleadh theab.” Agus cha burrainnear rabhadh a bu chumhachdaiche na so a thoirt seachad an aghaidh leisg, mairneil, ’us cion suim: “Chan fhaighear an diugh air ais an .”

Airson ceartaisus coir a ghleidheadh eadar duine agus duinefiachan a dhioladh agus geallaidhean a cho-ghealladh, cha ghabhadh a bhi na bfhearr na na Sean-fhocail. Theirte gun teagamh: “Cha teid gad air gealladh,” agus chaneil teagamh nach robh iomadh aons aGhaidhealtachd cho maith ri aitean eile a dhfhairich firinn an radh; ach chan e so air aon chor teagasg nan Sean-fhocal. “Chaneil fealladh ann is mo na gealladh gun a cho-ghealladh;” “Is fearr a bhi leisg gu ceannach na righinn gu paigheadh;” “Is fiach duine na gheallas e;” agus a rìsfoill,” cia be air bith mar thig i, air a diteadh air dhoighs gun saoil thu gur e Daibhidh tha labhairt: “Cha mhair sliochd fir foille.” Co-dhiu bha no nach robh ar luchd-duthcha comharraichte air son am firinntheir ar coimhearsnaich gu tric nach robhcha robh an teagasgs an rathad so an deigh-laimh. Than dearbhadh soilleir anns na briathran anns abheil gloine, onoir, firinn, ’us breugan a ghnath air an ainmeachadh Firinn an smuain, an cainnt, ’s an gniomh; ’s e so gun teagamh teagasg nan Sean-fhocal, ’g a sparradh ort an comhnuidh mar do dhleasdanas agus mar do bhuannachd.

Am measg nan Sean-fhocal a tha moladh aghartais us gniomhachais, chithear gu bheil meas mor air moch-eirigh. Their Lighichean gu bheil achleachduin maith airson slainte achuirp a chumail suas; agus their Sgoilearan gur e mhaduinn is fear nan oidhche airson iunnsachaidh. Cha mhor dhaoine is cuimhne leam a bhuidhinn cliu ard dhoibh fein nach do chleachd eirigh trath; agus chi sinn gun robh beachd cothromach aig na seana Ghaidheil air achleachduin cheudna. Thuirt aon diubh, gun teagamh, a bhacreidsinn gu laidir ann am fortan tur sgarte bho dheanadas fein: “Is fearr an t-àdh na moch-eirigh.” Ach chan e so ach teagasg aoin. Theireadh na Druidhean, “Bi gu subhach, geamnuidh, moch-thrathach, mosgaileachs an t-samhradh.” A rìs, theirear: “Is meamnach gach moch-thrathach;” “ ’S i mhoch-eirighluain a nin t-suainmhairt;” agus a rìs, mar gum be Lighiche theireadh e: “Is fearr eirigh moch na suidhe anmoch.”

Tha aon ni a tha ro chomharraichte mu na Sean-fhocail Ghaidhealach a tha buntainn ris an earail a tha far comhair an traths; aguss e sin ameas tha air a chur air saothair chinnteach, sheasmhach, os cionn neart an uair nacheil dichioll maille



[235]

[Vol . 5. No. 31. p. 3]

ris. Chunnaic sinn roimhe an luach a bha ar n-Aithrichean acur air cruinnealas, ged bha iad comharraichte air son am fialaidheachd. Air a cheart doighn an obair. Tha firinnus onoir eadar duines duine air a mholadh. Tha moch-eirigh air a mholadh. Tha bhin a àm an ceann do ghnothuich air a mholadh— “Am fear a ni obairn a àm, bithidh en a leth thamh.” Tham fear a thoisicheas obair air a neartachadh leis an radh— “Is trian obair toiseachadh.” Agus tha saothair chriochnaichte gun teagamh a faotainn na duais a thoill i; “Am fear a cheanglas, ’s e shiubhlas;” “Am fear is fearr a chuireas, ’s e is fearr a ghearras;” “An rud a nithear gu maith chithear a bhuil.” Ach os cionn moch-eirigh, os cionn toiseachadh, ’s os cionn criochnachadh, tha obair chinnteach, leanailteach air a moladh, mar a dhearbhas na Sean-fhocail a leanas gu soilleir: “Chan emuileann nach bleth, ach an t-uisge nach ruith;” “Ge be nach beathaich a choin, cha bhi iad aige latha na seilge;” “Is ann on bheagan a thig am moran,” “Chan ann leis acheud bhuille thuiteas achraobh;” “Gabhaidh connadh ùr le bhig a sheideadh;” “Am fear a theid aghnath mach le lìn, gheibh e eoin air uairean;” “Cha bhi dichioil air deireadh;” “Beiridh am beag tric air a mhor ainmig;” “Is fearr greim caillich na tarruing laoich.”

Is teagasg fallain, ionmholta air gach doigh an teagasg so; agus chan urrainn dhuinn a bhi ro thaingeil dar n-Aithrichean air a shon. Bfhearr leam gum faicteadh na tri Sean-fhocail mu dheireadh a dhainmich mi, ann an litrichean òir, air balla gach tigh-sgoil anns aGhaidhealtachd. Chaneil mi gun amhurus nach paigheadh an leasan nam biodh e air a dheagh iunnsachadh, eadhon don Mhaighstir-sgoil latha cheasnachaidh, cho maith ri leughadh blasda nach tuig achlann; agus tha mi dearbhta nach faigh achlann leasan a bhitheas cho feumail dhoibh fein, dan cloinn, ’s do chlann an cloinne bho Mhaighstir-sgoil fon ghrein. Is eigin aideachadh gun dfhuair mi barrachd toilinntinn on teagasg so, a chionn nach robh sùil agam ris. ’S e barail mhorain nach dthug ar Sluagh moran geill do chomhairlean den t-seorsa so; agus feudaidh cuid bhi mar bha mise acreidsinn nach dthugadh na comhairlean ro thric riamh orra. Chan ann mar dhuine dichiollach, aghartach, acur earbsa a obair chinnteach a lamhan fein, daonnan am bun a ghnothuich a bhreithnicheas coigrich air Gaidheal an latha diugh; —chan ann, —ach ri sgiathalaich air ais agus air aghaidh, an diugh ag oibreachadh na croit, a maireach ag iasgach, ’s air an ath sheachduin adrobhaireachdlatha no leth latha diomhanach eadar gach atharrachadh obair, ’n a sheasamh le aon no dha de chompanaich, le lamhan gu maith domhainn a phocaichean, ’s le cutag phiobn a phluic, acumail suas le shlinnein oisinn taighe, ’s a tighinn air a choimhearsnaich. Co beachd a tha fior, bhiodh e duilich, ma dhfhaodte, cunnartach, a radh. Creididh mi gur e chuis gu bheil iad araon fior ann an tomhas; co-dhiu chaneil an Gaidheal fathasd cho dichiollachs gum feud e leasan an t-Sean-fhocail a dhi-chuimhneachadh.

Cluinnidh sinn gu tric feartanus cliu ar Sluaigh air an dearbhadh le eisempleirean air bunailteachds air soirbheachadh on tigh, agus coire gach ni tha air deireadh aig an tighg a chur air an àite, —air ni sam bith ach na daoine. Chaneil mi smuaineachadh gu bheil am beachd so uile gu leir fior, aguss e mo bharail gun deachaidh na tha de fhirinn ann a sheirm tric gu leoir. Tha sinn ro dheas gus achoire a chur dhinn fein, ma ghabhas e idir deanamh. Saoilidh mi, thuilleadh air so, gu bheil sinns aGhaidhealtachd acur barrachd den choire air droch cothrom na tha freagarrach. Is tric a chuala mi nan saoithreachadh an Gaidheal aig an tigh cho dichiollachs cho dians a shao thricheas e on bhaile gum biodh e na bfhearr dheth. Ach tha e cosmhuil gum feum crioch na saothair a bhin sealladh ar Sluaigh mun oibrich iad len uile dhurachd. Agus cha mhiste iad Gall no Sasunnach a bhi ran taobh a bhitheas abagairt dol rompa. Shoirbhich gu mor ler luchd-duthcha an America, agus dheirich cuid diu gu inbhe ard; ach theirear gu bheil an soirbheachadh nas fearr far abheil Goillus Gaidheil measgta, na tha e far an Gaidheil iad uile gu leir. Ma tha so fior, nacheil pairt den t-seann nadur aleantuinnn ar Sluaigh thar achuain; agus nacheil dearbhadh laidir againn gur sinn fein na coirich air son moran den mhi-shoirbheachadh air abheil sinn cho tricn ar fianuisean aig baile. Tha e fior nach faod sinn, ’s an rioghachd so non rioghachd eile, gun chunnart, earail an t-Sean fhocail a dhearmad, D. MK.


I Chalum-Chille.

Buinidh an t-eilean ainmeil so do sgireachd an Rois Mhuilich. Tha e trì mìlair fad, agus mìlair leud. Chaidh sinn gu tìr aig Camus-nam-Mairtireach, an t-àit anns am bàbhaist doibh cuirp nan daoine a dhadhlaiceadh san eilean so a chur air tìr. Beagan os ceann aphuirt so, tha àit air a chuairteachadh le seann bhalla cloiche, ris an abair iad Clachan-nan-Druidhneach, far am bu ghnàth do na Druidhibh a bhi air an adhlacadh ri linn dhoibh an t-eilean so bhi aca; mun dthàinig Calum-Cille, ’s a luchd-leanmhuinn aca; oir ann an seann eachdraidh Eirinn, ’s e Eilean-nan-Druidh a bainm dha. Ghabh sinn air ar n-aghaidh a dhionnsuidh tighe nan Cailleacha-dubha. Bhan eaglais aca so ochd-troidhe-deug agus da fhichead air fad, agus fichead troidh air leud. Tha leachd-lighe na mna-Aba a bha mu dheireadh san eilean so ra faicinn a stigh air ùrlar na h-eaglais: thacruth air a shnaidheadh air a lic; tha aingeal air gach taobh fo thaic a cinn: air ceann eile na lice, tha dealbh na h-Oighe Muire, le coron air a ceann, an naoidhean IOSAna gàirdeanaibh, aghrian agus aghealach os a ceann, ’ga comharrachadh a mach mar bhan-righ nèimh; agus than ùrnuigh so air a sgrìobhadh aig a cosaibh ann an Laidinn, “A Mhuire naoimh, Guidh air mo shon.” Mun cuairt air an lic tha air a chur sìos sachainnt cheudna, “ ’Na luidhe an so tha Ban-tighearn Anna ni-mhic-Dhòmhnuill- ’ic-Thearlaich, a bàrd bhan-Aba ann an I, ’s a chaochail anns abhliadhna 1511: a h-anam tha sinn atiomnadh don Ti is àirde.” —Tha leachdan nan Cailleacha-dubha eile air taobh a muigh na h-eaglais; agus astar beag uatha, ann an cùil leatha féin, tha piuthar bhochdna luidhe nach do sheas dileas da bòid.

Air an t-slighe chum na h-eaglais àirde, tha crois Mhic- ’Illeathain, clach eireachdail air a snaidheadh gu h ìnnleachdach. Bha ena chleachdadh cumanta anns na linnibh sin, croisean don t-seòrsa so a thogail, ’s math a dhfheuidte chum an ainm agus an cuimhna chumail suas; agus is dòcha mar thaisbeanadh air meud an urraim, dhàsan a cheusadh air achrann. Tha e air a radh, gun robh trì cheud agus trì fichead dhiubh so aon uair san eilean; ach gun do mhilleadh achuid a bu mhò dhiubh le òrdugh àrd-sheanaidh Earra-Ghàidheal, agus achuid nach do mhilleadh mar so dhiubh, thugadh air falbh, agus chìthear iad gus an n diugh ann an iomad àite feadh na rìoghachd.

Ràinig sinn Réidhlic-Orain, cladh farsuing làn do leachdaibh-lighe, fom bheil righrean agus cinn-fheadhna, agus ceatharnaich a bha cumhachdach agus ainmeilnan latha féin, acadal taobh ri taobh ann an suain abhàis. Ann an so than t-àite ris an abair iad Iomaire-nan-righ, far am bheil ochd agus fhichead do righribh na h-Alba; cearthar do righribh na h-Eirinn; ochdnar do righribh Lochluinn; agus a h-aon no dhà do righribh na Frainge. Air cuid do na leachda, tha ainm nan daoine tha fòdhpa saGhailig, mar air lic Dhòmhuill fhad-chosaich. Air cuid eile dhiubh, tha na h ainmean sachainnt Eirionnaich, mar air lic Mhurchaidh-a- Ghuinn. ’S in eaglais bheag a than Réidhlic-Orain acheud tigh a thog Calum-Cille san eilean so. Aig ceann na h-àirde deas dhith, tha crùiste Lachuinnic-Ionmhuinn, athar an Aba; agus leachd Aonghuis òigic-Dhòmhuill, tighearn Ile agus Chinntìre, an triath urramach sin a chuir an cath le buaidh le Raibeart de Bruce, air blàr ainmeil Bhanocburn. Dlùth dha so tha uaigh agus leachd Ailein-nan-sop, ceatharnach do Chloinn-an-Leathain, on dthàinig teaghlach Thorloisg. Tha leac Thighearna Chola an so mar an ceudna, lechlogaids lelùirich; ’s Mac- ’Illeathain Dhubhairt agus Lochabuidhe, Mac-Guaire Ulbha, agus Iain Beaton, an t-Olla Muileach, len suaicheantass an airm-chatha os

(Air a leantuinn air taobh 238.)



[236]

[Vol . 5. No. 31. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton


SIDNI, FEBRUARAIDH 6, 1897.

Tha a phlàighsa ghort anns na h-Innsean a sior sgaoileadh. Bha riaghladh na dùthcha sin an dùil an toiseach gu robh iad fhéin comasach air cobhair a dheanamh air an t-sluagh bhochd, ach fhuaireadh a mach nach robh, agus a nise tha fios air a chur troimhn Impireachd Bhreatunnach air fad ag iarraidh cuideachaidh. Chuireadh fios gu Ard-riaghladair Chanada, agus troimhe-san gu riaghladairean nam mor-roinnean, ag guidhe air an t-sluagh an uile-dhichioll a dheanamh air son cuideachadh len co-chreutairean a tha fulang. Tha sinn an dòchas gun dean muinntir na dùthcha so mar bu chòir dhaibh, agus gun cuir iad gu fialaidh cuideachadh dhionnsuidh nan daoine bochda dom bheil acras agus plàigh a cur as anns an dùthaich fhad-as ud. ’Nuair a tha sinnemealtuinn slàinte, agus pailteis bidh againn, cha bu chòir dhuinn iadsan a tha fulang le cion an da bheannachd mhor sin a dhiochuimhneachadh.

Dhiarramaid aire ar leughaidearan a thoirt gu toiseach na h-àireamh so, far am faigh iad òran bòidheach don MHAC-TALLA. Agus bu chòir dhaibhsan nach do phàigh, rabhadh a ghabhail anns na ceathrannan mu dheireadh. ThanCiaran Mabacha cheart cho comasach air aoireadhsa tha e air moladh, agus ma gheibh e mach an ceann treis a dhùine gu bheil cuid nach do ghabh a dheagh chomhairle, “Paigh a null le sunnd am bliadhna,” cha rachamaid an urras nach cluinn iad uaithe ann am briathran a bhios fada o bhi min. ’S en duine glic a ni dhleasnasna àm.

Tha e air innse gun do thog fear de dheasbuigean na h-Eaglais Shasunnaich tigh-aoraidh am measg nan Escimòthach a tuath airHudson Bay.Chan eil bior fiodha ri fhaotainn anns an dùthaich sin, agus rinneadh an eaglais air aisnean mhuca-mara air an còmhdach thairis le béin Walrus. Bha an eaglais cho mors gun toilleadh ceithir fichead duine na broinn; ach dhfhàs na coin acrach, agus dhith iad suas i.


Fhuair sinn an litir a leanas á Ceap Nòr:—

Fhir-deasachaidh ghaolaich: —Faigh anns an litir so dolair air son a MHIC-TALLA. Tha mo léirsinngam fhàgail gu mor, agus tha e doirbh leam a dheanamh a mach an e leughadh MHIC-TALLA (gun a phàigheadh) non en aois is coireach ris. Is mi do charaid dileas,
IAIN RUADH.

Faodaidh sinn a radh ri ar caraid nach eil teagamh sam bith againn nach en aois is aobhar do e bhicall a léirsinn, oir cha drinn e dearmad riamh air MAC-TALLA. Ach tha sinn an dòchas gum buin an aois fhéin gu fàbharrach ris, agus nach teid a fhradharc nas fhaide air fhais na tha e. Gu ma fada beò e!


Chan eil duine ann an Africa as tranga na Kruger riaghladair an Transvaal. Aig leth-uair an deigh ochd, ’nuair nach bi righrean agus riaghladairean eile ach afàgail an leapannan, thaOom Pòl,” mar a theirear ris, aigobair agus tha gu leòr aige ri dheanamh. Agus chan eil eadhon fois na Sàbaid aige air uairean, oir latha sam bith a bhios am ministear tinn, no air falbh on tigh, gabhaidh Kruger dhan chùbaid, agus ni i searmon.


Tha boirionnach, Clara Brett Mhàrtuinn, a nise na bean-lagha ann an Ontario. Fhuair i an cleòca o chionn ghoirid, agus tha i nise deiseil air son càsan a thagradh aig cùirteana cheud bhoirionnach a fhuair an dreuchd ann an Canada riamh.


Chaidh trosg a reic ann an Sidni Tuath air an t-seachdain sa chaidh a bha naodh troighean us deich òirlich a dhfhad. Chaidh a ghlacadh ann an loch a Bhras dOir.


A Antigonish.

A MHIC-TALLA GHEADHAICH: —Ged nach eil moran ùr no annasach agam ri chur an ceill, gidheadh bu mhath leam còmhradh beag a dheanamh rìbh ged nach biodh ann ach fàilte na BliadhnUire a chur oirbh.

Sann le mor eibhneas a chunnaic mi an cùnntas a thug sibh air an oidheirp a thaCabar Feidh” ’s luchd na Gàidhligsan t-seann dùthaich adeanamh airson inbhe na cainnt aosmhor àrdachadh. Thaleithid so na aobhar toil-inntinn do shliochdTir nam Beann.” Gu ma math a theid dhaibh! ’S i dùrachd mhath na bheil agam fhéin risheachnadh an dràsd.

Chruinnich na gillean araoir mars àbhaist dhaibh gach seachduinn, agus chaitheadh an tim gu h-aighearrach. ThaComunn an Fhraoichgu beò, smiorail, agus chan eil teagamh nach faigh iomadh neach air a thàilleabh eòlas air cainnt agus cleachdannan a shinnsribh a bhios gu buannachd dhasan àm ri tighinn.

Bho na thainig an geamhradh chithear gach beagus mor le caman na dhorn, ’s gun ni acur air ach nach fhaigh em ball iomain cho trics bu mhath leis.

S mi do charaid,

AONGHAS.
Oil-thigh Nmh. F. X., 2, 2. ’97.


STOR UR TAILLEARACHD.

Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.

Theid sinn an urras air an obair,
MacCoinnich & Co.
Sidni, C. B.


F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC

An aon fhear dhe sheòrsa thair Eilean Cheap Breatunn.

Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.

Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dhas coir dha toghal air.

Tha stoc math de speuclaireans de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.

Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c , &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.

THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHANEUREKAair a cheart phris air am beilearg an creic aig na muillin.

Tha Factoridh Eureka air aon den fheadhain as fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar adeanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.

Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.

Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D.D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitches Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd lathan deigh a chloimh a chur air falbh, Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.



[237]

[Vol . 5. No. 31. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Tha Ard-Phàrlamaid Chanada ri bhi air a gairm cruinn, gu gnothuichean na dùthcha a chur air dòigh, air an 11mh latha dhen Mhàrt.

Chaidh fear Domhnull Domhnullach, a mhuinntir Antigonish, a reothadh gu bàs an an Rossland, B. C, a sheachdain gus an Di-màirt sa chaidh, ’se dol dhachaidh bho chuirm.

Bha tuathanach agus a bhean, adol tarsuinn air an rathad-iaruinn ann an cearna de Ontario an la roimhe, agus rug an carbad orras chaidh am marbhadh le chéile. Chaidh na h-eich a bhaca mharbhadh cuìdeachd.

Chaidh seann duine dom bainm Ruairidh Domhnullach a mharbhadh le sgiorradh ann am Bay St. George, Newfoundland, mu mheadhon a mhios a dhfhalbh. Bhe e anns achoille agearradh connaidh, agus thuit craobh air, ’ga mharbhadh air ball. Bha e tri fichead bliadhnasa seachd deug a dhaois; fhuair ebhreith us àrach ann an Ceap Breatunn.

Tha cuid adeanamh gur e dhaobharaich an sgiorradh a thachair aig Dorchester air an t-seachdain sa chaidh, gu robh sia tunna de bhuinn chopair (sentichean) air bòrd fear de na carbadan, agus air dhaibh a bhis an darna ceann, gu robh sin a fagail acharbad gun a bhi cothrom. Ach tha cuid eile ag ràdh nach deanadh sin an carbad a chur bhar an rathaid idir.

Chaidh seana bhean, Nic Dhiarmaid, air chall ann an Cantley, an Ontario, o chionn ghoirid. Fhuaireadh i aig bonn craoibhesa choille, agus i a réir gach colthais marbh. Chaidh a giùlan dhachaidh agus a deanamh deiseil air son adhlacaidh, achnuair a bhatarga h-aire, dhéirich ina suidhe. Chaidh gabhail aice gu math an sin, agus an diugh tha i cho slànsa bhi i riamh.

Chaidh garg ionnsuidh a thoirt air beatha fir Kaulback, ann a Halifax Di-màirt sa chaidh, le fear Handley. Bha Kaulback na fhear-teagaisg ann an Oil-thigh Whiston agus Frazee, agus be Handley mac na mna a bhiodh a glanadh an taighes ga chumail air dòigh. Chaidh an dithis bhar a chèile mu rud-eigin, agus tha e coltach gun do bhuail Handley am fear eile le tuagh, oir fhuaireadh e aig bonn na staidhre agus gearradh gnàdana cheann. Bhatar an dùil nach robh dòigh aige air a bhi beò, ach an deigh dha dhol fo laimh nan dotairean, chaidh em feobhas, agus tha h-uile coltais air gun tig e uaithe. Chaidh Handley a chur an greim gu grad. Chan eil ann, a reir sgeòil, ach duine gun a bhi ro thùrail, agus dhaidich e-fhéin gu robh e treis a dhùine anns an tigh-chaothaich. Tha e mu choig bliadhna fichead a dhaois. Tha Kaulbackna dhuine gle mheasail.

Bha coinneamh mhor aig luchd-na-stuamachd ann a Hogamah Di-màirt. Bha àireamh mhor cruinn as gach cearna de shiorrachdan Inbhirnis, agus Victoria, maille ri beagan a siorrachdan Richmond us Cheap Breatunn. Bha roinn mhath de dheagh luchd-labhairt aig a choinneamh agus chaidh gach aon a bhag an éisdeachd dhachaidh toilichte. Chuir càirdean na stuamachd ann an Inbhirnis tagradh gu comhairle na siorrachd air a mhios a dhfhalbh, ag iarraidh orra duine thuarasdalachadh air son sealltuinn as deigh na feadhnach a tha bristeadh an lagha le bhi creic stuth làidir, ach bhachuid bu mhotha de bhuill na comhairlean aghaidh sin. Tha càirdean na stuamachd a nise dol a dhfhastadh duine iad fheins adolga phàigheadh air son na h-obrach, mar sin a nochdadh nach eil iad idir acall am misnich. ’S e Mr. Seumas Calder as a Bhaighn Iar a tha gu bhi aca, agus is duine a ni a dhleasnas gu dileas. Bha esan obair cheudna an uiridh agus a faotainn tuarasdail bhon chomhairle.

Chaidh taighean an Riaghlaidh Stàit Phennsylvania a losgadh gu làr Di-màirt sa chaidh. Bha pàrlamaidna stàite cruinn aig am àm, agus bfheudar do na buill teicheadh lem beatha. Chaidh moran de sgriobhaidhean luachmhor a chall. Than call uile air a meas aig muillein dolair.

Chan eil achòmhstri ann an Springhill thairis fhathast. Tha luchd-seilbh na méinnean agus an luchd-obrach le chéile cho diannam barail fhéins nach eil moran de cholthas na réite air a chùis idir. Chan eil iad ach gle bheag nas fhaisge air còrdadh na bha iad a cheud latha sheas na daoine mach.

Anns an àireamh so gheibhear ainmean na phàigh air son a phaipeir on bhaIadsan a Phàighann roimhe. Ma rinn sin dearmad air neach sam bithse dhleasanas fios a chur ugainn gun dàil. Agus neach sam bith nach eil am paipear a ruigheachd gu riaghailteach, bhitheamaidna chomainnan cuireadh e fios ugainn, oir cha bu mhath leinn duine bhiga chall.

Bha Mr. Crowe air a thaghadh mar mhayorsa bhaile Di-màirt, le ceud us ceithir bhòt a bharrachd air na fhuair Mr. Richardson. Anns an treas earann, fhuair Domhnull Domhnullach a stigh mar fhear-comhairle, le ochd bhòtaichean a bharrachd air Murchadh Moireastan. Fhuair N. E. Muggah agus Isaac Greenwell, a stigh anns a cheuds an darra h-earann, gu h-aon-ghuthach. Ann an Sidni Tuath bha Uilleam Purves air a chur a stighna mhayor, agus bha Rudderham, Hacket, Musgrave, agus Tobin air an cur a stighnan luchd-comhairle.

Chaidh fear Frank Butler, a ghlacadh ann an San Francisco, Di-màirt sa chaidh air amhrus gu bheil e ciontach de mhort tri no ceithir-filte. ’S ann an Astralia a rinneadh na moirt, agus bha esan air tighnn direach as an dùthaich sin air soitheach air an doibrich efharadh mar sheoladair. Bha roinn mhath de dhimrich aige, agus fhuaireadh àireamh nithean air a shiubhal a dhearbhas a chionta. Cha robh fhios aig sgiobair an t-soithich co bhaige gus an deach innse dha le sgiobair soithich eile a thachair air air a chuan. An deigh sin chum e sùil air a mhortair, ach cha do leig e ris dha gu robh amhrus sam bith aig air, agus tha eg radh gum be seòladair a bfhearr a bhair bòrd. ’SeLee Welleran t-ainm a thug Butler seachad, ainm fear den fheadhain achaidh a mhort.


Iadsan a Phaigh.

Niall D. Mac Iomhair, Graniteville , Vt.
Iain D. Mac Gilleain, Avalon , Cala.
Aonghas Mac Gill-fhinnein, Boston , Mass.
Domhnull Mac-a- Phearsain, Providence , R. I.
D. I. Mac Dhomhnuill, Greenfield , Ont.
H. A Mac Ille-mhaoil, South Finch, Ont.
Alasdair Buchanan, Braidalbainn, P. E. I.
An t-Onarach Uilleam Ros, Halifacs, N, S.
C. D. Domhnullach, Halifacs, N. S.
Dr. A. H. Mac Aoidh, Halifacs, N. S.
An t-Onarach Aonghas Mac Gillebhrath, Antigonish
An t-Urr. Iain I. Siosal, sagart Phictou.
Seumas I. Mac Gilleain, Woodbine , C. B.
Iain Domhnullach, Ceap Nor.
Domhnull Moireastan, Ceap Nor.
Gilleasbuig Mac Neill, Cape Dauphin.
Ceit C. Dhomhnullach, Grant , South Cove.
A. I. Mac Coinnich, Christmas Island.
Iain K Mac Rath, Boulardarie Centre.
Ceit M. Dhomhnullach, Broan Cove Marsh.
Iain MacIlle-mhaoil, Horn ’s Road.
Aonghas òg Mac Gill-fhaollain, S. W. Margaree.
A. R. Mac Neacail, Barrachois Harbor.
Lachuinn Mac Ille-mhaoil, Loch Ainslie.
Iain Dillon, Round Island, Mira.
Mairi B. Nic-a- Bhiocair, Enon.
Iain Mac Fhionghain, Rosedale .


C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


THA D. J. Domhnullach air son rùm a dheanamh do bhathar an earraich, agus tha ecreic na thaige de bhathar geamhraidh gle shaor. Reicidh e ni sam bith a thasan stor, ach a mhain brogan, 20 p. c. nas isle na bha iad roimhe so. Rud air am pàigheadh tu $1 .00 roimhe so, cha chosg e dhut an drasda ach 80c. Cha mhair so ach mios. Thig trath agus faigh bargan.


NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B,
Tha e na fhear-gnothuich don MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha.



[238]

[Vol . 5. No. 31. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 235.)

an ceann. A bharrachd orrasan tha àireamh mhòr do laoich thréun leis am bu mhiann an ainm a bhi air chuimhne; ach bham beatha mar shlighe na saighde on spear, a shiùbhlas gu luath seachad, agus air ball a tha air a dhruideadh suas. ’San iar-thuath o dhorus na h-eaglais so, tha leac mhòr anns am bheil dòirneagan cruinne ris an abair iad clacha-bràth, a babhaist doibh ann an làithibh an dorchadais a thionndadh mun cuairt air mhodh araid, gu h-amaideach acreidsinn nach tigeadh latha-bhràth no deireadh an t-saoghail gus am biodh an leac sin air a caitheamh gu buileach troimpe.

Than eaglais àrd taobh na h-àirde tuath don chladh so; tha i cùig-troidhe-deug agus cùig fichead air fad, agus trì-troidhe-fichead air leud. Tha tùr àrd dreachmhor ag éiridhna meadhon, agus tha na h-uinneagan air an snaidheadh gu h-ealanta. Air cuid do chlachaibh barra-bhallan tighe so, tha dealbhan agus cuid do eachdraidh aBhìobuill air an gearradh gu ro-ìnnleachdach. Bha altair do mharmor geal aon uair san eaglais so; ach bhriseadh i, agus thugadh gu buileach air falbh i, leis an fhaoin smuain gun robh buaidh agus éifeachd àraid fuaighte ris amhir a bu lugha dhi. Làimh ris an altair tha uaigh an Aba Mhic-Ionmhuinn, air am bheil leac a thug bàrr air gach aon eile ma timchioll. Air ùrlar na h-eaglais tha leac Mhic-Leòid Dhunbheagain, agus iomad aon eile air nacheil eachdraidh againn. Air cùlthaobh na h-eaglais so, tha làrach tighe nam manach, far am bheil na clacha dubha a bha aon uair co ainmeil ann an Gaeltachd Alba, air am bàbhaist da h-uaislibh an cùmhnantan a nasgadh le mionnaibh os ceann uaigh Chalum-Chille. Dlùth do thigh nam manach tha tigh an Easpuig, far an do ghabh Easpuigean Earraghael còmhnuidh, an déigh don eilean Mhanach a bhi air a dhealachadh uaithe. Tha ri fhaicinn an so iarmad nan lios a bhaig na Manaich far an robh mòran do luibhibh ìocshlainteach. Tha làrach amhuilinn agus na h-àtha fathast air an comharachadh a mach: than t-àite san robhn linne-mhuilinn a nis gun uisgann, aguss ann aisde tha iad a nis atilgeadh na mòine tha iad alosgadh. Tha e cosmhuil gun robh callaid àrd chloiche mu thimchioll na h-aitreabh naoimh so, gu h-àraid aig an taobh mu thuath, chum au dion on luchd-creachaidh a thàinig orra on àirde sin, aig nach robh ach beag suim do dhiadhachd no do dhaoinibh matha bha thàmh san àite sin. —Leabhar nan Cnoc.


Urnuigh Oisein.

Oisein.
Aithris sgeul, a Phàdruig,
An onair do leughainn,
Am bheil nèamh gu h-àraidh
Aig Fiannaibh na h-Eirinn?

Padruig.
Bheireamsbriathar dhuitse,
Oisein nan glonn,
Nacheil neamh aig tathair,
Aig Oscar, no aig Goll.

O. ’S olc an sgeul, a Phàdruig,
A thagad dhomhs’, a chléirich;
Cuimam bithinn-sa ri cràbhadh,
Mureil neamh aig Fiannaibh Eirinn?

P. Nach dona sin, Oisein,
Fhir nam briachra boile,
S gum bfhearr Dia aon uair’,
Na Fianna Eirinn uile?

O. Bfheàrr leam aon chath làidir,
A chuireadh Fionn na Féinne,
Na Tighearn achràbhaidh,
Agus thusa, chléirich.

P. Ge beag achuil chrònanach,
Agus mònaran na gréine,
Gun fhios don Righ mhòralach,
Cha teid fo bhila sgéithe.

O. ’N saoil thum bionnan es MacCumhail,
An righbhagainn air na Fiannaibh?
Dhfhaodadh gach neachbha air thalamh,
Doln a thalla-san gun iarraidh.

P. Oisein! ’s fada do shuain,
Eirich suas is éisd na sailm,
On chaill thu nis do lùths do rath,
S nach cuir thu cath ri garbh.

O. Ma chaill mi mo lùths mo rath,
S nach maireann cath a bha aig Fionn,
Do dchléirsinneachd is beag mo spéis,
S do cheòl éisdeachd nim fiach leam.

P. Cha chual thu co math ri mcheòl,
O thùs an domhaìn mhòir gus a nochd;
S tha thu aosda an-ghlic liath,
Fhir a dhioladh cliar air chnoc.

O. ’S tric a dhiol mi cliar air chnoc,
Ille Phadruig as olc rùn,
S eucoir dhuitsechàin mo chruth,
O nach dfhuair thu guth air thùs.

Chualas ceòl os cionn do cheòil,
Ge mòr a mholas tu do chliar;
Ceòl air nach luidh leth-trom laoich,
Faoghar cuile aig an Ord Fhiann.

N uair a shuidheadh Fionn air cnoc,
Sheinneamaid port don Ord-Fhiann,
Chuireadhn an codal na slòigh,
S ochòin bu bhinne e nachliar.

Smeòrach bheag dhubh o Ghleann Smàil,
Faoghar nam bàrc ris an tuinn,
Sheinneamaid an leithida phuirt,
Is bha sinn féins ar cruit ro bhinn.

Bha tri gaodhair dheug aig Fionn,
Leigeamaid iad ri Gleann Smàil;
S bu bhinne glasghairm ar con,
Na do chluigs’, a chléirich chàidh.

Cuide ruinne Fionn ar dia,
A riar char agus sgoil
Thug e air bronnadh òir
S an ath air meaghar chon.

P. Aig meudfhiughar ri meaghar chon,
S e dioladh sgoil gach aon ,
S aig lughad eisimeil ri Dia,
A nis tha Fionn nam Fiann an làimh.

O. ’S gann a chreideas mi do sgeul,
A chléirich le dleabhar bàn,
Gum bitheadh Fionn, no cho fial,
Aig duine no aig Dia an làimh.

P. Ann an ifrinn tha en laimh,
Fear len sàth bhi bronnadh òir,
Air son a dhimeas air Dia,
Chuir iad en tigh pian fo lèon.

O. Nan robh Clanna Morni steach,
Is Clanna Baoisgne, na fir threun’,
Bheireamaid-ne Fionn a mach,
No bhiodh an teach againn féin.

P. Coig choigeanna na h-Eirinn ma seach,
S air leat-sa gur mòr am feum,
Cha tugadh sin Fionn a mach,
Ged bhiodh an teach agaibh féin.

O. Nach math an t-àite ifrinn féin,
A chléirich dhan léir an sgoil?
Nach co math is flaitheas ,
Ma gheibhear inntféidh is coin?

Bha mise air sliabh Bhòid,
Agus caoiltebu chruaidh lann.
Bha Oscar ann is Goll nan sleagh,
Dòmhnull nam fleadh isfraoch on ghleann;
Fionn Mac Cumhail, borb a bhrigh,
Bha en a righ os ar cionn.

Tri maca àrd-righ nan sgiath,
Bu mhor am miann air dol a shealg,
A Phàdruig nam bachall fiar,
Cha leigeamaid Dia os ar cionn.

Bu bheag leam Diarmad ODhuinn,
Agus Fearrghasbu bhinne glòir,
Nam bu chead leat mi don luaidh,
A chléirich nuaigh a theid don Ròimh.

P. Cuimnach cead leam thu don luaidh,
Ach thoir t-aire gu luath air Dia?
On tha nis deireadh air t-aois,
Sguir do dbhaois, a shean-fhir léith.

O. A Phàdruig, ma thug thu cead,
Air beagan a labhairt duinn,
Nach aidich thu, mas cead le Dia,
Flath nam Fiann a ràdh air thùs?

P. Cha dthug mise comas duit,
A shean-fhir chiùrt, agus thu liath,
Bfhearr Mac Muire aon
Na duine a thàinig rìamh.

O. Nior robh math aig neach fon ghréin
Gum bfhearr e féin na mo thriath;
Mac mùirneach nach déitich cliar
S cha leigeadh e Dia os a chionn.

P. Na comhaid thusa duine ri Dia,
A shean-fhir léith, na breithnich e;
Is fada on thainig a neart,
Is mairidh a cheart gu bràth.

O. Choimhaidinnse Fionn nam fleadh
Ri aon neach a shealls aghréin;
Cha diarr e riamh ni air neach
S cha mhò dheur e neach mu ni.

Bheireamaid seachd cathan fichead, an Fhiann,
Air sithean Druim Cliar a muigh;
Cha tugamaid urram do Dhia,
Nocheann cliar a bha air bith.

P. Seachd cathan fiichead dhuibhse, ’n ar Féinn,
Cha do chreid sibhn Dir nan dùl;
Cha mhaireann duine dor sliochd,
S cha bheò ach riochd Oisein ùir.

O. Chan e sin bu choireach ruinn,
Ach turas Fhinn a dhol don Ròimh,
Cumail cath Ghabhra leinn féin,
Bha e claoidh ar Féinn gu mòr.

P. Chan e sinchlaoidh sibh uile ann
A mhic Fhinn, on geàrr gu d;
Eisd ri ràdh Righ nam bochd,
S iarr thusa nochd nèamh dhuit féin.

O. Comraich an abstol deug,
Gabhaidh mi dhomh féin a nochd;
Ma rinn mise peacadh trom,
A chur an cnoc nan tom a muigh.



[239]

[Vol . 5. No. 31. p. 7]

Prionnsa Tearlach an Deigh dha Breatunn Fhagail.

Ged bu ghann a fhuair Teàrlach as lebheatha an deigh blàr Chùil-fhodair, cha robh smuaineachadh sam bith aige féin no aig na lean e don Fhraing an cogadh a thoirt thairis: Beagan làithean an deigh dol air tir dhiarrus fhuair e cothrom air Liuthais XV., righ na Frainge, fhaicinn. Ghabh an righ ris gu subhach, ’s rinn e òraid ghoirid, a moladh aPhrionnsair son a mhisneachds a threubhantais. Bha, réir coslais, eagal mòr air luchd ùghdarais Bhreatuinn gum biodh Liuthas ro chaoimhneil aig an àm so ri Teàalachgun tugadh e armailt dha gu thighinn air ais còmhladh ais na Gàeil, gus an ath dheannal a thoirt air an arm dhearg. Agus mar sin chum iad na bha dharm am Breatunn gun dol gu tir-mòr na h-Eòrpa, ged a bhan cogadh asior dhol air aghartan sin eadar iad féins an Fhraing. Agus air an aobhar sin fhuair an Fhraing buaidh air Sasunns a luchd cuideachaidh aig an àm ud. Ach fhuair cùirt Shasuinn a mach achuids achuid, nach robh am Frangach glé dheònach air armailt a thoirt idir do Theàrlach; agus mar sin, chaidh an t-arm a chur a null far an robh feum mòr dha. Rinn sin ni bu ro dhoirbhe don Fhrangach cuideachadh le aobhar nan Stiùbhartach. Bha righ na Frainge gle dheònach air a bhi cho cairdeil do Thearlachs a burrainn e. Rinn e solarachadh saibhir air son nan uaislean a lean e null as Alba. Chuireadh suim mhor airgid air leth air son a bhi ga roinn orra sin gach bliadhna, réir an inbhe; agus rinneadh dithis diubhnan ceannardaibh air réiseamaids an arm. Achn uair a thuig Tearlach nach robh e dol a dhfhaotainn achòmhnaidh air an robhinntinn suidhichte, bu mhòr a chràdh cridhe, ’s bhachion foighidin a réir sin. ’Null a thug e don Spàin an sin, a dhfhaicinn ciod a dheanadh righ na tire sin air a shon. An déigh beagan caitheamh bhead a dheanamh airan ceann-bhaile na Spàinne, thuig e nach bfhearr Spàinneach na Frangach, ’s phill e air ais do Phàris.

Ach fadheòidh, mu thoiseach na bliadhna 1747, thàinig e gu bhi soilleir gun robh na Frangaich afàs sgith den chogadh. Ged a bha iad acosnadh mir fearainnan àites an àite, bha iad air call an cuid luingeas cogaidh, cha mhor gu h-iomlan; agus bha call ro mhor a dol air an cuid malairt. Be righ na Frainga thairg cumhachan sith an toiseach; agus ann am mios deireannach an earraich, chum na righ-theachdairean, aig an robh cumhachd an t sith a nasgadh, coinneamhan aite ris an abrar Aix la-Chapelles a Ghearmailt. Leugh Tearlach an t-eagaln uair a chual e iomradh air sith eadar Breatuinnsan Fhraing; agus sgriobh e Protest, a chuir e dhionnsuidh gach fir-ionaid rioghachd aig an robh gnothuch ris an t-sith a dheanamh, a togail fianuis an aghaidh iad a dheanamh ni sam bith nach robh co-sheasmhach riathair-san aideachadh mar righ nan eileanan Breatunnach. So na burrainn Tearlach a dheanamh. Rinnathair an ni ceudnair a shon féin. Ach cha do chuir luchd deanamh na sith mor shuimam Protest nan Stiubhartach. Chaidh bann na sith a sheulachadh leis na rioghachdaibh fa leth, gun tuilleadh a chur ris, air an t-seachdamh de mhios deireannach an fhoghair.

Am measg nithe eile ris an daontaich righ na Fraingair sgàth sith, beigin da gealltuinn nach feudadh Tearlach Stiùbhart fuireachan àite sam bith an taobh stigh de chriochan na Frainge. Chaidh so innseadh do Thearlach. Ach cha robh ecur suim sam bith ann. Bha eseasamh air comh-chòrdadh eila bheadar e féins Luthais mun deachaidh e dhAlba, gum biodh iad a ghnàthan comh-bhoinn richéilan aghaidh Shasuinn. Cha burrainn Luthais seasamh ri so, ’s fhuair Tearlach iomadh rabhadh gus an Fhraing fhàgail. Chuireadh paipear bàn da ionnsuidh leis an righ gus e féin a chur sios suim sam bith a thogradh e iarraidh, ’s gum pàigheadh an Fhraing sin dhas e dhol do àite sam bith eila thogeadh e. Ach cha ghabhadh Tearlach sin. Bha e air son fantuinnam Pàris air gach aon chor. Chuir Luthais teachdair’ ’us litir don Ròimh thun aChebhalier de St George, agearan air do lùbaidheachd Thearlaich. Chuir an Cebhalier litir air ais thun an righ, ’s eile gu Tearlach aguidheadh air comhairlan righ a ghabhail. Ach bha Tearlach cho ragsa bha e roimhe.

(Air a leantuinn air taobh 240.)


CARADH
Uaireadairean
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar uthcha thanar beachd.


D. A. Mac FHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.


Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .,
SIDNI, C. B.


Eagle Parlor” Matches
Tha iad gle mheasail air smocairean, agus aig mnathan-taighe.
Tha iad gle thaitneach rin ùisneachadh, oir chan eil faileadh dhuibh idir.
THE E. B. EDDY Co LIMITED
HULL, MONTREAL, TORONTO.



[240]

[Vol . 5. No. 31. p. 8]

(Air a leantuiun o thaobh 239.)

Cha ghiùlaineadh ministeirean Luthais le Tearlach ni bfhaide. Chuir iad thun an righ gu barantas a sheulachadh gu Tearlach a churan làimh. Air maduinn an deicheamh de mhios meadhonach a gheamhraidh thug duinuasal rabhadh do Theàrlach, mur teicheadh e gum bitheadh e air a chur an làimh an sin féin. Ach cha do chuir e suim sam bith an sin. Rinn e air son dol don tigh chluich an oidhche sin. ’N uair a theirinn e asinneal-siubhail aig dorus an tigh chluiche, ’am beul na h-oidhche, bha seisear oifigeach ga fheitheamh; rinn iad greim air, ’s ghiùlain iad e do chùirt na lùchairt rioghail a bha dlùth air làimh. Thugadharmachd uaithan sin, ’s cheangladh a làmhan le còrd làidir sioda, ’s chuireadh air falbh ean inneal-siubhail, fo gheàrd làidir gu Caisteal Uicennes. Chuireadh a steach do sheòmar beagam mullach achaisteil e gun duine còmhladh ris ach Nial Mac Eachainn, gille frithealaidh Fionghaill Dhòmhnullaich, a lean e as Alba. Fhuair e beagan saorsainn a ris gu ceum sràideachd a ghabhail timchioll achaisteil. Agus air achuigeamh deug, air dhaghealladh a thoirt nach pilleadh e air ais don Fhraing, fhuair e cothrom falbh gu ruig Avignon, a bhuineadh don Phàp aig an àm sin, ged a tha em meadhon na Frainge.

Feudar a chuid de eachdraidh Thearlaich a thachair an déigh sud, co fads a bhuineas sin do Bhreatuinn, innseadh am beagan bhriathraibh. Cha robh e ùine sam bith an Avignon an uair a thug e cheann fodha, ’s cha robh fios cait an deachaldh e. Fhuaradh a machna dhéigh sin gun deachaidh e air ais don Fhraing gu folchuidh, gun còmhladh ris ach aon duine, ’s gun robh em Pàris toiseach an t-samhraidh. Ach chaidh e ris air chall, ’s cha robh fios càitan robh e fad còrrus bliadhna. Bha PrionnsEanruic, a bhràthair, air a dheanamhna Chàrdinal leis aPhàpa goirid roimhe so, ’s thug sin air Teàrlach cùl a chur ris; chan fhuilingeadh e fhaicinn. Ach bha e gu tric asgrìobhadh guathair. Bannan Lunnuinn a rinneadh an ath lorgachadh air Teàrlach, ann am mios meadhonach an fhoghair, 1750. Chuir a chàirdean a bhair tìr-mòrna cheann tighinn a nall a dhfhaicinn an robh na Seumasaich Shasunnach ullamh gu éiridh air a thaobh. Ach cha dfhan en Lunnuinn ni bfhaide na coig làithean, an uair a thuig e nach robh ullachadh air bith ga dheanamh. An déigh falbh á Lunnuinn air an turus ud thuit e dhionnsuidh nan dòighean folchuidh a bhaige roimhe. Fhuaradh an ath shealladh dhethan eilean Mhidelborg ann am mìos meadhonach an earraich, 1752. Tha cuid asmuaineachadh gun do thaghail en Lunnuinn an ath bhliadhna. Ach chaneil dearbhadh sam bith air sin, no fòs air gun robh en Lunnuinn aig àm crùnaidh Sheòrais III. Bha e call a mhisneachd a lion cuidus cuid an déigh sìth Aix-la-Chapelle, agus acall a mheas mar an ceudna. Chuir a chàirdean Sasunnach teachdairean da ionnsuidh caochladh uairean ga chomhairleachadh air son cuid a rudan a bha dol air aghartna theaghlach. Ach chan fhuilingeadh e chluinntinn gun gabhadh a chuid iochdarana orra esan a chomhairleachadh; ’s thàinig iad mar sin gu bhi fàs leth choma dheth. Bha e còmhnuchadhan Avignon an déigh so gu bàsathar, thachairam mìos meadhonach agheamhraidh 1766s an Ròimh, far an dadhlaiceadh e le greadhnachas rìoghail. Dhfhàg athair mòran sheudan luachmhor, ’us cur a stigh cuibheasach aig Teàrlach, a thog ionad còmhnuidhan Albànos an Eadailt. Goirid an déigh sin phòs e ban-Phrionnsá teaghlach Gearmailteach ris an abras Stolberg Guediran. Ach thionndaidh e mach gu bhina phòsadh -fhortanach, mar theirear. Cha robh e féins abhan-Phrìonnsa réidh, ’s dhealaich iad ri chéile, ’s bha esan an déigh sin atuiteam ann am meas gus an do bhàsaich eair an mu dheireadh den gheamhradh 1788, trì fichead bliadhnas a seachd a dhaois. Dhadhlaiceadh ean eaglais Frescàti air an robh a bhràthair, Càrdinal Iorc, ’na Easbuig. Cha robh duina làthair a nis de theaghlach nan Stiùbhartach gus an crùn Breatunnach a thagradh ach an aon Phearseaglais so. Agus mar a eig esan deth na h-uile smuain air dragh sam bith a chur air teaghlach Hanòbhair, shuidhich rìgh Shasuinn ceithir mìle Punnd Sasunnachs abhliadhna de phàigheadh air a bheatha. —Eachdraidh na h-Alba.


Tha am bathar aig D. J. Domhnullachga chreic gle shaor. Cùmhnaidh duinairgead le bhi ceannach uaithe. Tha en dràsdacreic ghalaisean is fhiach 25, 50, 75c, agus $1 ,00, air 18c am paidhir. Agus tha cotaichean-uachdair aige air $2 ,80. Taghail aige. Tham bathar aige an còigeamh cuid nas saoire na aig marsanta sam bith eile.


AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leigsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD.
Cuir a dhiarraidh sampuill, teisteannais us urrais.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia. —agus—127 State St., Boston, Mass.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MHAC-TALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean.


NUAIR THEID THUBHADDECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram, Bathar Cruaidh
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile.
An seorsas fhearrs aphris as isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.


Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


McDonald Hanrahan & Co,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95

titleIssue 31
internal date1897.0
display date1897
publication date1897
level
reference template

Mac-Talla V No. 31. %p

parent textVolume 5
<< please select a word
<< please select a page