[241]

[Vol . 5. No. 32. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, FEBRUARAIDH 13, 1897. No. 32.


Litir a Manitoba.

A DHUINE CHOIR,— ’S ann againne a bha an aimsir choirbte, fhuar, chruaidh, dhosguinneach, bhon uair mu dheireadh a bha sinn a conaltradh. An uair a bha ceud mios na bliadhna agabhail beannachd leinn chrath e earball luideach ann ar naodann. Am prabaire mosach! dhfhàg sin ioma gille bochd an diugh le sròn mhor, sùilean prabach, agus cluasan cutach. Thainig stoirm air muin stoirme, doirionn a deigh doirionn, agus a h-uile te mar a thigeadh, a toirt bàrr air càch. Sud far an robh an ùpraid am measg nan dùilean! Gaoth a séideadh, a nullaich agus a bùrach; sneachda air iomain, air a thionals air a luasgadh a null agus a nall, aruithsa ruagadh cho luath ri gille-mirean, agus a brùchdadh a steach muin air mhuin do na bothain le ioma ciorram agus galar. Thug e an déideadh chum nam boirionnach, lòinidh chum nam fear, agus tinneas-goile air beag us mor, ògus aosda.

Is ioma seadh, mar is maith a tha fios agad féin a dhuine urramaich, anns am feum an searbh teachd air toiseach air a mhilis; ni-headh, cha burrainn duinn eòlas na blas fhhaotainn air a mhilis as eugmhais eòlas air an t-searbh mar an ceudna. Carson a tha biadhus blàths cho ion-mhiannaichte ann ar sealladh? Tha, direach airson gu bheil eòlas againn air fuachdus acras. Agus carson a chosgas neach a mhaoin uile ri lighichean an tòir air slaintes neart, ach airson saorsa fhaotainn bhon eu-slaint agus an laigse a rinn greim air. Ach ni air nach robh eòlas no faireachdainn aig neach roimhe, agus ni nach fhacas nach cuala e aig muinntir eile, ’s cinnteach nach rachadh e idir air a thòir. “An rud nach cluinn cluais cha ghluais cridhe.” Ma tha so uile fior, cha leig e leas ioghnadh a chur air neach sam bith ged a theireamaid gu bheil sùrd agus gean nuadh air a h-uile mac màthar againne, chionn gu bheil na neoil, fadheoidh air an sgapadh, ’s gu bheil grian nan speur gu miog-shuileach ag amharc oirnn, ’s atilgeadh a gathain bhlath cho miodalach ri òigfhear ag iarraidh a rithist gean-maith agus gaol na caileig, air an do sheall e re tamuill cho ro-ghruamach; aguss cinnteach nach leig mi leas innse do dhaoine a thuigeas a Ghailig, gur math a bfhiach dhoibh a dhol rud beag troimhe chéile airson féin-fhiosrachadh an t-sòlais a thainig ann an lorg na réite; gidheadh se mo bharail nach eil e sàbhailte an cuilbheart so a chleachdadh os cionn aon uair. Ach gu teachd a rithist a dhionnsaidh mo sgeòil. Than aimsir air fàs ciùin, tha na fir a h-uile latha anns achoille, agus tha na mnathan air an déideadh a sguabadh a mach maille ris an luaithre chum na sitig. Agus ma bhios sinn beò chan fhada aig am faod sinn a radh, ann am briathran duine a bha glé ghlic agus tuigseach eadhon ged a thug na boirionnaich an car as, (no mar a bfhearr a dhfhaodamaid a radh, ged thug iad car ann): “Feuch than geamhradh seachad. “ Be mo dhùrachd do uile chàirdean a MHIC-TALLA gum bitheadh so air a choimhlionadh don taobh anns an t-seadh as airde.

Is mo do charaide dileas,

MAC DHOMHUILL BHREABADAIR.
Ceud-mhios an earraich.


Litir a Ontario.

Tha mi cinnteach gu bheil luchd-leughaidh MHIC-TALLA anns abhaile so an dùil gun do chuir mise cùl ruibhnuair a tha mi cho fada gun sgriobhadh ugaibh. Ach bfhearr leam gun tòisicheadh pàirt de na daoine còire sin iad fhéin air sgriobhadh, agus gheibheadh iad a mach gu de cho furasdasa tha e suidhe sios agus naigheachd a chur an òrdugh air son paipear, agus fhios aige cho lionmhorsa tha iadsan a gheibh coire dhi mur bi i air a cur an òrdugh gu math, ’s cho fiorsa tha e, mar a thuirt am fear roimhe, gun saoil fear a bhios na thàmh gur e-fhéin as fhearr làmh air an stiùir. Bha Dùghall Mac Gilleain a faoighneachd dhiom an la roimhe cuin a sgriobh mi mu dheireadh. Bha eg ràdh rium gum bfhearr gun tòiseachadh idir, ma bha mi air sgur cheana. Ach bha e toirt breith ro luath, oir chan eil romham sgur fhathast. Tha mi gu dearbh agabhail nàire air son na tha de Ghàidheil againn anns an àite so, agus nach eil aon diubh a chuireas do dhragh orra fhéin na chuireas litir an dràsd agus a rithist dhionnsuidh a phaipeir a thacumail suas na Gàilig cho math seachdain an deigh seachdain. Chan urrainn do fhear-deasachaidh paipear math a chur a mach mur bi daoine as gach cearnasgriobhadh uige gu riaghailteach. Tha mi faicinn gu bheil gach cearna de Chanada adeanamh nas fhearrs an doigh sin ri MAC-TALLA na Ontario, ged is iomadh Gaidheal mor a thann aig a bheil an deagh sgoil Ghailig, moran nas fearr na thagamsa, oir cha do sheall duine facal Gàilig dhonhsa riamh, ach mar a dhiunnsaich mi-fhéin, agus mar is trice chan eil am féin ionnsachadh ri mholadh. Achnuair a bheir duine sachad Beurla no Gàilig mar a tha i aige, chan urrainn en còrr a dheanamhs cha chòir a bhiga agairt.

Bha an t-side gu math fuar againn an so fad che’ -la-deug, ach tha i nise fas coltach ri side bhog a rithist. Chan eil an sneachd ach mu shia òirlich a dhoimhneachd. Cha robh sleigheadh againn gu meadhon Ianuaraidh. Tha prisean afantuinn gu math iseal, tha biadh cruidh gann ann an àiteachan, ach tha gu leòr againn anns a choimhearsnachd so.

Tha fear Iain Caimbeul ann am Proton faisg air an àite so a thainig a àite-eigin faìsg air Sidni. Tha e fhéins abhan-righ an aon aois, ach ged a tha e cho sean sin, thig e, cha mhor na h-uile Sàbaid, astar ochd mile gu Priceville a dheisdeachd an t-searmoin Ghàilig. ’Se duine gu chùl a thann.

Chaidh Domhnull Mac Mhuirich a thaghadh gu bhinr cheann air an Sgoil Shàbaidsan eaglais Chléirich. ’Se duine òg a thann agus maighstir-sgoile. Tha e faotainn MHIC-TALLAs mas math mo bheachd gheall e dhomhsa gun sgriobhadh e rud-eigin ga ionnsuidh gun dàil, agus tha fhios agam nach toir eghealladh seachad gun a choilionadh.

Chaochail bantrach Alasdair Mhic Eachainn o chionn seachdain, tri fichead us sia bliadhna deug a dhaois. Thainig i don àite so o chionn da fhichead bliadhnasa ceithir, ’nuair a bha e gle dhuilich feum a dheanamhsa choille mhoir. Chan eil moran de na seann daoine beò a nis; tha aon an deigh aon diubh afalbh, agus cha bhin ùine fada gus am bi an ainmean air diochuimhn. Ach ro-phriseil aig an Uile-chumhachdach tha bàs a naoimh, agus cha teid an ainm air diochuimhn air a chaoidh.

Tha Aonghas Domhnullach air a gheamhradh so a cumail sgoil-sheinn anns an tigh-sgoile faisg orm. Tha moran òigridh a cruinneachadh; tha cuid dhiubh a tha ag ionnsachadh, agus cuid eile nach eil, ach bu chòir dhaibh sin an cothrom a ghabhail fhadsa gheibh iad e.

Tha mi asmaoineachadh a nise gun sguir mi, oir tha àm cadail ann. ’Se so a cheud latha de Februaraidh, agus bu latha briagh e. Tha mi an dòchas gun ruig so thu ann an deagh àm. Sgriobhaidh mi an ùine gun bhi fada rithist, ma bhios mi mar bu mhath leam. Is mi ur caraid,

IAIN MAC GILLEASBUIG.
Priceviile , Ont.



[242]

[Vol . 5. No. 32. p. 2]

SGEULACHDAN ARABIANACH.

V. —EACDHRAIDH AN IASGAIR.

O chionn fadan t-saoghail bha iasgair bochd ann aig an robh bean is triuir chloinne. A dhaindeoin cho dichiollachs gun robh e, bha e cruaidh gu leor air e fheins a bheans a chlann a chumail suas. Gu math moch a h-uile madainn bha edol a dhiasgach; agus bha e mar chleachdadh suidhichte aige, nach cuireadh e na lin ni bu trice na ceithir tursan a h-uile latha. Air madainn araidh dheirich e mun deachaidh aghealach fodha, agus an uair a rainig e an cladach, chuir e dheth achuid aodaich, agus chuir e na lin. An uair a tharruinn e gu tir iad, dhfhairich e anabarrach trom iad, agus shaoil leis gu robh iad luma-lan eisg. Rud nach bioghnadh, bha e anabarrach toilichte. Ach an ceann tiotaidh, an uair a thug e na lin gu tir, ciod a bhaige annta ach closnach aiseil. Chuir so mi-ghean gu leor air. Bha na lin air an stracadh. Cho luaths a chairich e na lin, chuir e iad an dara uair. Am am a bhithg an tarruinn dhfhairich e gu robh iad gle throm, agus bha duil aige gu robh iasg gu leor annta. Ach an uair a thug e gu tir iad, cha robh annta ach seana chliabh lan puill is eabair. Thug so a mhisnech uaithe gu mor. “O fhortain.” arsesan, “na bi cruaidh orm, agus na bicur cul rium buileach glan. Is duine bochd, truagh mi aig nacheil doigh eile gus mi fheins mo theaghlach a chumail suas ach a bhith, mar as fhearr a dhfhaodas mi, asas ann an iasgach. Agus a dhaindeoin na bheil mideanamh de shaoithreachadh, is gann a theid agam air biadh a chumail ri mo theaghlach. Ach cha bu choir dhomh bhithcur coire ort. Tha thugabhail tlachd ann a bhith gle chruaidh air daoine bochda, onarach, agus tha thuleigeadh an toil fhein do na daoine a tha ann an suidheachadh ard, inbheach, am feadhs a tha thu nochdadh iomadh fabhar dhoibhsan a tha eucorach agus fo dhroch ainm.”

An uair a sguir e den ghearain so, thilg e uaithe an cliabh le feirg. Nigh e na lin on pholls on t-salchar, agus chuir e an treas uair iad. An uair a tharruinn e gu tir iad cha robh deargadh eisg aige annta. Is gann gum burrainn an duine bochd cainnt a chur air an t-suidheachadh-inntinn anns an robh e. Cha mhor nach robh e as a chiall. Ach an uair a thoisich an latha ri soilleireach, chaidh e dhurnuigh mar bu ghnath leis, agus thuirt e:— “A thighearna, tha fhios agad nacheil mise acur nan lion ach ceithir uaireans an latha; chuir mi mar tha iad tri uairean, agus cha dfhuair mi dad. Tha midolg an cur aon uair eile, agus tha miguidhe ort gun toir thu air amhuir a bhith fabharach rium mar a rinn thu do Mhaois.”

An uair a sguir an t-iasgair a dhurnuigh, chuir e na lin an ceathramh uair. An am dhabhithg an tarruinn gu tir dhfhairich e gu robh iad gle throm. Ach an aite eisgs e bhannta soitheach copair, a bha cho troms gun do shaoil leis gun robh e lan de stuth fiachail air choireiginn. Thug e an aire gu robh an soitheach air a dhunadh le luaidhe, agus air a sheulachadh. Thug so toileachadh dha.

Reicidh mi e,” arsesan, “agus gheibh mi air a shon na cheannaicheas tomhas eorna.”

Sheall e air an t-soitheach ma-thimchioll, agus chrath e e, feuch an robh dadna bhroinn a dheanadh fuaim; ach cha chuala e dad. Ach on a bhan soitheach air a dhunadh le luaidhe agus air a sheulachadh, thuirt e ris fhein, gum feumadh gun robh ni eiginn luachmhorna bhroinn. Thug e am mach an sgian as a phocaid, agus dhfhosgail e e. Chuir e a bheul fodha, ach cha dthainig dad as. Chuir so ioghnadh mor air. Chuir ena shuidhe e, agus anns amhionaid thoisich ceo tiugh ri tighinn as, a thug air ceum no dha a thoirt air ais. Chaidh an ceo suas gu ruige na neoil, agus sgaoil e e-fhein ri cois achladaich. Ghabh e ioghnadh mor an uair a chunnaic e so. An uair a chaidh an ceo gu leir am mach as an t soitheach, chruinnich e ri cheile, agus dhfhas ena mheall cruinn, tiugh, agus chaidh ena fhathach a bha anabarrach mor. An uair a chunnaic an t-iasgair cho mor sa bha e, agus an aognaidh a bhair, ghabh e eagal mor. Ach ged a bha toil aige teicheadh, cha robh de luths ann na chairicheadh as an ionad an robh e.

Ghrad ghlaodh am fathach, “A Sholamh, a Sholamh, fhaidh mhoir, thoir dhomh mathanas. Cha chuir mi gu brath tuilleadh an aghaidh do thoile. Bidh mi umhail do duile aitheantan.”

An uair a chual an t-iasgair na briathran so ghlac e misneach, agus thuirt e ris, “A spioraid uaibhrich, ciod a tha thu ag radh? Tha corr is ochd ceud deug bliadhna on a dheug Solamh. Innis dhomh deachdraidh, agus cia mar a thachair dhut a bhith air do dhruideadh a staigh anns an t-soitheach so.”

Sheall am fathach air an iasgair le gruaim eagallaich, agus thuirt e, “Feumaidh tu bruidhinn riumsa nis modhaile na sin; tha e gle dhana dhut a radh gur e spiorad uaibhreach a thannamsa.”

Ceart gu leor,” arsan t-iasgair, “an labhair mi riut nis modhaile, agus an abair mi riut gur tu eun an fhortain?”

An cluinn thu so,” arsam fathach, “labhair riumsa nis modhaile, ar neo marbhaidh mi thu.”

Car son a mharbhadh tu mi? Nach dthug mi dhut an drasda fhein do shaorsa, agus an do dhi-chuimhnich thu e mar tha?”

Cha do dhi-chuimhnich mi idir e,” arsam fathach, “ach cha chum sin mi gun do mharbhadh. Cha toir mi dhut ach aon fhabhar.”

Ciod e am fabhartha sin,” arsan t-iasgair.

Bheir mi dhut do rogha doigh air do chur gu bas,” ars am fathach.

Ach ciod e an doigh anns an dthug mi oilbheum dhut,” fhreagair an t-iasgair. “An e sin an duais a tha thutoirt dhomh air son na rinn mi de mhath dhut?”

Chan urrainn domh nis fhearr a dheanamh riut,” arsam fathich; “agus a chum so a dhearbhadh dhut, eisd ri mo naigheachd:—

Is mise aon de na spioradan eas-namhail a bhacur an aghaidh toil neimh. Bha na spioradan eile atoirt geill is umhlachd do Sholamh, am faidh mor. Bu mhise agus Sacarnar n-onar an dithis leis nach bfhiach gnothach cho suarach a dheanamh ri umhlachd a thoirt dha. A chum dioghaltas a dheanamh oirnn chuir Solamh, Asaph, mac Bharachiais, an t-ard chomhairleach, ga mghlacadh-sa. An uair a ghlac e mi, thug e mi le ainneart an lathair na righ-chathrach. Thug Solamh, mac Dhaibhidh, ordugh teann dhomh an uair sin, mi ghrad sgur den obair a bhagam, agus mi bhith umhail dha. Chuir mi gu laidir an aghaidh a bhith umhail dha, agus thuirt mi gum bfhearr leamfhearg a chosnadh na striochdadh dha mar a bha eg iarraidh orm a dheanamh. Gu dioghaltas a dheanamh orm, chuir e anns an t-soitheach chopair so mi. Agus gus a bhith cinnteach nach fhaighinn as, dhuin e beul an t-soithich le luaidhe, agus, le a lamhan fhein, chuir e seula air an luaidhe air an robh ainm mor Dhe sgriobhte. Thug e an soitheach a dhaon de na fàthaich a bha umhail dha, agus dhaithne dha a thilgeadh anns achuan.”

Fad acheud choig fichead bliadhna, mhionnaich mi, gun deanainn anabarrach saoibhir duine sam bith a leigeadh as an t-saoitheach mi; ach chaidh na coig fichead bliadhna seachad, agus cha dthug duine sam bith fuasgladh dhomh. Re an dara ceud bliadhna thug mi mionnan, gu nochdainn far an robh uile ionmhas na talmhainn do neach sam bith a bheireadh dhomh saorsa; ach cha dfhuair mi saorsa ni bu mho. Re an treas ceud bliadhna gheall mi gun deanainn righ cumhachdach de dhuine sam bith a bheireadh saorsa dhomh, agus gum bithinn a ghnath dluth dha, agus gun tugainn dha a h-uile latha tri nithean sam bith a dhiarradh e; ach chaidh an ceud bliadhna so seachad mar a chaidh an da cheud a bha rompa, agus bha mise far an robh mi roimhe. Mu dheireadh, air dhomh a bhith glan as mo chiall le feirg a chionn a bhith cho fad ann am priosan, mhionnaich mi, nan tachradh do dhuine sam bithna dheigh sin mo leigeadh as an t-soitheach, gun cuirinn gu bas e gun trocair, agus nach deanainn a dhfhabhar ris ach gun tugainn dha a rogha doigh bais a thaghadh e. Agus air an aobhar sin, on a thug thusa saorsa dhomh an diugh, bheir mi dhut do rogha bas.”

Rud nach bioghnadh, chuir so eagal anabarrach air an iasgair. “Nach bu mhi ceann achruaidh fhortain,” arsesan, “an



[243]

[Vol . 5. No. 32. p. 3]

uair a thainig mi an so idir a dheanamh math do dhaon a tha cho neo-thaingeil riut. Smaoinich, tha miguidhe ort, air an eucoir a tha thu air thuar a dheanamh orm, agus na cum ri do mhionnan mi-reusanta. Thoir dhomh mathanas, agus bheir Dia mathanas dhutsa. Ma leigeas tu mo bheatha leamsa, gleidhidh Dia do bheatha dhutsa.”

Tha mi suidhichte air do chur gu bas; roghnaich an doigh bais as fhearr leat,” arsam fathach.

An uair a chunnaic an t-iasgair gun robh am fathach suidhichte air a chur gu bas, bha e fo thrioblaid-inntinn ro mhor, cha bann uile gu leir air a shon fhein, ach air son a mhnas a thriuir chloinne. Rinn e caoidh mhor air son na trioblaids na h-eise a bhabhas gus a thoirt orra. Dhfheuch e cho maths burrainn da ris an fhathach a thoirt gu siths gu ciuineas, agus thuirt e ris, “Och! mas e do thoil e, gabh truas dhiom air sgath na h-obair mhath a rinn mi dhut.”

Dhinnis mi dhut mar tha,” arsam fathach, “gur e sin acheart aobhar air son am bheil midol gad mharbhadh.”

Tha sin gle iongantach,” arsan t-iasgair; “am bheil thu suidhichte gun drinn mi math dhut? Than sean-fhacal ag radh, ‘Am fear a ni math do neach nacheil airidh, gum bi e air dhroch phaigheadh.’ Tha mi ag aideachadh gu robh mismaointean nach robh an sean-fhacal so fior; oir chan aithne dhomh ni sam bith as fhaide an aghaidh reusain, no an aghaidh cleachdadh dhaoine cearta na e. Ach air a shon sin, tha mi nis afaicinn gu bheil e fior gu leor.”

Na bicur seachad na h-uine,” arsam fathach; “cha chum do chuid bruidhne mise o dheanamh an ni a chuir mi romham. Greas ort; innis dhomh ciod e an doigh anns an fhearr leat am bas fhulang.”

Mar a than sean-fhacal ag radh, thig innleachd ri aimbeirt. Thoisich an t-iasg air ri dhol fosmaointean feuch cia mar a bheireadh e an car as an fhathach; “On a dhfheumas mi am bàs fhulang,” arsesan ris an fhathach, “bidh mi umhail do thoil Neimh; ach mun roghnaich mi an doigh air an cuirear gu bas mi, tha mig ad mhionnachadh air an ainm mhor a bha sgriobhte air seula an fhaidh Solamh, mac Dhaibhidh, gun toir thu freagairt fhirinneach don cheisd a tha mi dol a chur ort.”

(Ri leantuinn.)


I Chalum-Chille.

EARRANN II.

Is tiamhaidh muladach na smuaintean a dhùisgear anns an inntinnnuair ghluaisaar tre nan làraichean aosmhor. Is firinneach a labhair esan aig an robh an cridhe gu so a thuigsinn, agus achaìnnt a bu shnasmhoire guchur an céill. “Bha sinn a nis,” a deir an t-Ollamh Sasunnach, “a seasamh air an eilean ainmeil sin, a bard-lochran fad linntean do Ghàeltachd na h-Alba; as an dfhuair Cinnich fhiadhaich, agus ceatharna bhorb sochairean eòlais, agus beannachdan na saorsa. Cha bu chomasach, ged a dhfheuchta ris, an inntinn a thogail o na smuaintibh a dhùisg an t-àite so, agus bamaideach an oidheirp, ged a bhiodh e comasach. Ge be ni a thàirngeas sinn air falbh o chumhachd ar ceud faithean; ge be ni a bheir do na tha seachad o chian, no do na tha fathast ri tachairt, làmh-an-uachdar air na thalàthair, tha so ag àrdachadh ar n-inbhe mar bhithibh tuigseach. Gu ma fada uamsa agus om chàirdibh an fheallsanachd reòta a dhaomadh mi gu gluasad gu caoin-shuarach eutrom thairis air aon àite a dhfhàgadh urramaichte le gliocas, le fearalachd, no le maise. Cha chulaidh-fharmaid an duine sin nach mothaicheadh a ghràdh ga dhùthaich air a neartachadh air bhlàr catha Mharathoin, no a chràbhadh ablàthachadh am measg làraichean briste Iona.” Agus co esan a bha riamh san àite so, agus aig an robh cridhe, nach do mhothaich so. Thachuid is mo de na leachdaibh a nis gu dearbh air am folach fon ùir; ach tha gu leòr fathast ri fhaicinn chum gliocas a tharruing uatha. Chi sinn an oidheirp a a thug daoinuaibhreach gu an ainm a chumail sir chuimhne; ach, mo thruaighe! chan in eachdraidh a tha air a deargadh air lic-lighe, a choisneas an clùi nach teid as, no a dhfhàgas an t-ainm neo-bhàsmhor: ’s iad na h-ionracain a mhàin a chumar ann an cuimhne shiorruidh. Is coma cait an càirear cuirp nan daoine sin, aig am bheil an ainm sgriobhta air nèamh; co dhiubhsin leac-lighe riomhach, no fòid ghorm a chuirear thairis orra. Feudaidh daoinan di-chuimhneachadh; ach bithidh iad ann an cuimhne shiorruidh fa chomhair Dhé. ’Se so a choisneas an cliù nach searg. Chan eil gach cuimhne thalmhaidh ach gearr: bithidh gach teanga aluaidheas ar cliù ann an latha no dhà balbh. Na litrichean a tha air an gearradh air achloich is buaine, no air an deargadh le peann iaruinn air a charaig is maireannaiche, ann an linn no dha, cha bhi ann an comas na sùil as géire an leughadh: tuitidh an leacna smùr, agus fàilnichidh a chreag féin; ach cliù agus ainm nan naomh, a chaoidh cha chaochail.

Nan luidhe sachladh so, ’s cinnteach mi gu bheìl moran a bha suarach ma chéile fhads a bha iad beò; seadh, a bha acomhstris a cath an aghaidh a chéile; cinn-fheadhna thréun, len ceatharnaich ghaisgeil, a sheas air an aon bhlàr-chatha, agus theagamh a thuit le claidheamh nan ceart dhaoina tha nis nan luidhe san ùir ran taobh. ’S i so, gu deimhinn, thubhairt mi, Tir na di-chuimhn’, far nacheil othail no stri. Ma bha leapaichean na h-uaighe riamh tosdach, sàmhach, ’s ann an uaigneas fàsail Iona!

Tha lag as làidir, beag as mòr,
Co’ -shìnten so la chéil’;
Tha naimhdean sàmhach taobh ri taobh,
Is luchd na comh-stri réidh.

Co’ -ionnan coidlidh iad air fad,
Fo ghlasaibh teann a bhàis,
Gun uair a ghairmear iad le Dia,
Na fhianuis abhràth.

O chionn ioma linn bha n t-eìlean ainmeil so far an robh a choilion duine naomh, agus diadhair urramaichte, agus a chopàirtich solus an t-Soisgeil do dhùthchannaibh agus do rioghachdaibh eile, airfhàgail e féin gun eaglais, gun fhear-teagaisg suidhichte, no tigh-aoradh follaiseach, ged a tha àireamh mhor sluaigh a chòmhnuidh ann. Bu chianail an t-atharrachadh so do I, ’s bu neo-chliùiteach e ri aithris; ach tha linn as fearr ateachd mun cuairt. Tha e airinnseadh gun dubhairt Calum-Cille, tamull beag roimh àm a bhàis,

I mo chridhe, I mo ghràidh,
An àite guth Manaich bidh géum :
Ach mun tig an saoghal gu crich,
Bithidh I mar a bhà.”

Thàinig a cheud chuid don fhàidhearachd gu h-eagnaidh mun cuairt, ach co dhiubh a bhios I gu bràth co urramaichtes a bhà i, tha e deacair a ràdh. Ann an atharrachadh an t-saoghail chaochlaidich so, co is urrainn innseadh ciod a dhfheudas tachairt; ach ge nacheil e ro-chosmhuil gum bi I gu bràth mar a bha i ann an linn Chalum-Chille; gidheadh, is sòlasach ri thoirt fainear gu bheilsa cheart àm so eaglais a risga togail ann an I, agus ann an ùine ghèarr gum bi neach a searmonachadh ann an I Chalum-Chille! ’Se dùrachd manama gum bi esan, agus gach aon a tha saoithreachadh san obair cheudna, anns na cearnaibh gràdhach sin, ’nan giùlan cosmhuil ris-san air an dainmicheadh an t-eilean so; air a lasadh le gràdh do Dhia, dileas do Chriosd, dùrachdach airson math anam. Nach mòr an t-aobhar taing a thagainn leis an obair bheannaichte a tha nis adol air aghaidh saGhàeltachd agus ann an Eileanaibh na h-Alba. Chan eil gleann tiorail no innis uaigneach anns nach bi fuarain fhionnar do uisge beò air am fosgladh. Air a shon so ni am fàsach gàirdeachas, agus bithidh lionmhoireachd nan eilean ait.

Canaibh don Tighearn òran nuadh;
Airainm biodh luadhs gach àit’;
Air muir, air tir, ’an innsibh cian,
Biodh moladh Dhé gu baàth.

A chathair mhòr! is fhàsaich fhaoin!
Molaibh araon ar Dia;
Samhachair thugaibh moladh dha,
S na bheilnur tàmh feadh shliabh.

Seinnibh gach sluagh gu h-aon-sgeulach,
Glòir ionmholtDhé bhith-bhuain;
S don chaithream aoibhinn agus throm,
Co’ -fhreagraidh fonn as cuan!

Leabhar nan Cnoc, 1834.


Ma tha thu air son a bhi fada beò, dean do dhachaidh aìr an dùthaich. Gheibhear daoines mnathan air an dùthaich a tha fada thairis air ceud bliadhna, achs ann gle ainneamh a tha duine rinn a dhachaidh anns a bhaile o laithean òige, a ruigheachd ceithir ficheadsa deich.



[244]

[Vol . 5. No. 32. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton


SIDNI, FEBRUARAIDH 13, 1897.

Tha e coltach gu bheil Breatunn fad air deireadh air Canada a thaobh stuaime. Tha sinne ann an Canada abruidhinn am bliadhna air cothrom a thoirt don luchd-taghaidh air a cheist a fhreagairtAm bi no nach bi creic na dibhe làidir air a bhacadh?” agussi bharail choitchionn gun abair a mhor chuid gum bi, agus ma their iad sin tha gealladh a Phriomhair againn gum bi an lagh-bacaidh air a dheanamh gun dàil. Ach tha e coltach gun ruith treis a dhuine mun smaoinichear air a leithid sin anns an t-sean dùthaich. Chan eil ach beagan bhliadhnaichean on chaidh Mr. Gladstone agus a phàirtidh a chur á dreuchd air son e dhfheuchainn ri beagan tuilleadh cise chur air deoch-làidir. Agus an la roimhe chaidh bill a thoirt fa chomhair na pàrlamaid air son na taighean-òil a chumail dùinte air la na Sàbaid, achnuair a chaidh bhòtadh air, se seachd ficheadsa naodh na thog an guth air a thaobh, agus bha da cheudsa naodhna aghaidh. Cha fads is aithne dhuinn chan eil mor-roinn an Canadasam bheil an lagh aceadachadh do na taighean-òil a bhi fosgailte a Shàbaidsa sheachdain.

Beagan bhliadhnaichean air ais cha robh e na ni ùr no annasach sam bith daoine chluinntinn ag radh gum bu ghlic an ni do Chanada i-fhéin a sgaradh o Bhreatunn, agus a dhol a stigh ris na Stàitean, no cur suas air a laimh fhéin; ach an diugh cha chluinnear a bheag sam bith dhen t-seòrsa bruidhne sin. Tha eachdraidh nam bliadhnaichean mu dheireadh a nochdadh gu soilleir nach biodh buannachd sam bith aig Canada ann a dhol an lùib nan Stàitean, agus gum biodh ena chall mor dhi dealachadh ri Breatunn. Aguss ann a tha e nisefàs coltach gum bi Canada agus Breatunn air an tarruinn nas dlùithe da chéile na bha iad riamh roimhe. Tha malairt eadar an da dhùthaich a sior dhol am meud gach bliadhna, tha Canada ro-luachmhor air iomadh dòigh an sùilean Bhreatuinn, agus fhad sa bhios Canada an ceangal ri Breatunn chan eagal dhi ri àm cogaidh no sithe. ’S i bharail a thaig na daoines glices an dùthaich an diugh gur en aon ni as fhearr do Chanada a dheanamh a bhi ann an dlùth-chàirdeas do Bhreatunn, mar bu duals mar bu chòir.

ThanGlengarry News,paipear naigheachd a thatar acur a mach ann an Alexandria, an Ontario, o chionn còrr us bliadhna aclo-bhualadh roinn mhath de Ghàilig. Tha mirean beaga de Ghàilig le eadar-theangachadh Beurla, anns gach àireamh, agus gu trics ann á MAC-TALLA tha na mirean sin air an toirt. Tha so ro-fheumail dhaibhsan leism bu mhiann Gàilig a leughadh, agus tha e iongantach mur eil àireamh mhor de Ghàidheil òga Ghlinngaraidh an diugh comasach air cainnt an dùthcha a leughadh gu fileanta. ’S aithne dhuinn co tha ris an deagh obair so, ged nach eil cead againnainmeachadh, agus gu ma fada beò e.

Tha bill air beulaobh pàrlamaid stàit Mhassachusetts an drasda air son còir a thoirt do na boirionnaich air bhòtadh cho math ris na firionnaich, agus tha e gle choltach gun deanar lagh dheth. Faodaidh na fir a bhibruidhinn an aghaidh bhi buileachadh nan sochairean so air na mnathan, ach chan eil dad as cinntiche na gu faigh na mnathan, a lion beagan us beagan, gach sochair a than dràsda air am mealtuinn leis na fir. Agus carson noch fhaigheadh?

Thusa tha air son moran naigheachdan fhaicinnsa MHAC-TALLA, nach biodh ena dheagh dhòigh dhuit, nuair a thachras dad neo-àbhaisteachnad choimhearsnachd, sgriobag bheag de litir a chur ugainn, ag innse na thachair agus ma a thachair e. ’S ann uair gle ainneamh a chuireas sinn cùl ri leithid sin, co-dhius ann an Gàilig nom Beurla tha e air a sgriobhadh, mas es gu bheil iad firinneach agus goirid.

Tha ceannairc air bristeadh a mach ann an cearna de Bhrasil. Beagan bhliadhnaichean air ais, chuir sluagh na dùthcha sin air falbh Dom Pedro, an righ a bhaca fad còrr us tri fichead bliadhna, agus ghabh iad dòigh-riaghlaidh coltach ris mar a thacas na Stàitean, ach cha mhor gu bheil bliadhna uaithe sin nach eil ceannairc anns an dùthaich. ’S olc an iomlaid a rinn iad.

Bha Newfoundland o chionn còrr us seachdain air a chuartachadh leis an deigh mhoir. Fad sia no seachd a lathaichean cha robh innleachd aig soitheach air dol a mach no stigh á acarsaid St. Johns, ach Di-ciaduin sa chaidh, ghluais an deigh a mach. Than deigh an deigh i fhèin a nochdadh ri Ceap Breatunn cuideachd.

NA BAIRD GHAIDHEALACH. —Cuirear an leabhar so gu duine sam bith a chuireas airadhart 35c., no tri airson dolair.


STOR UR TAILLEARACHD,

Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.

Theid sinn an urras air an obair,
MacCoinnich & Co.
Sidni, C. B.


F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC

An aon fhear dhe sheòrsa thair Eilean Cheap Breatunn.

Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.

Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dhas coir dha toghal air.

Tha stoc math de speuclaireans de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.

Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c , &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.

THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHANEUREKAair a cheart phris air am beilearg an creic aig na muillin.

Tha Factoridh Eureka air aon den fheadhain as fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar adeanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.

Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.

Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitches Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd lathan deigh a chloimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.



[245]

[Vol . 5. No. 32. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Tha dùil ri pàrlamaid Nobha Scotia a sgaoileadh air an fhicheadaibh latha dhen mhios.

Chaidh fear dom bainm Smith, Sasunnach, a mharbhadh ann an àite ris an canar White Oak, an Ontario, air an t-seachdain sa chaidh, le craobh a thuiteam air.

Thatar a glacadh moran truisg troimhn deigh ait lochan a Bhras dOir air a gheamhradh so. Gheibhear pris mhath air an iasg anns na bailtean agur air feadh na dùthcha.

Bhatar a taghadh fheara-pàrlamaid ann an tri siorrachdan an Ontario Dior-daoin sa chaidh, am Brant a Deas, an Ontario Tuath, agus an Simcoe an Iar. Fhuair na liberals a stigh am Brants an Ontario, agus conservative ann an Simcoe.

Tha paipear ann am Moncton, N. B., ag radh gun dthug moran de na fianuisean a bha air taobh Shullivan, mionnan-eithich aig a chùirt feuch am burrainn daibh a shaoradh. Ma tha sin fior. cha bu chòir an leigeadh as gun am peanaisteachadh.

Fhir nach do phàigh, am bheil thu dol a dheanamh do dhleasanais? Ma tha, greas ort. Than dàil a tha thu curs a chùis adeanamh iomadh cron nach saail thu. Dean do dhleasanas; thoir lamh air do sporans abair riut fhein, “Ma tha dith no deireas gu bhi air MAC-TALLA, cha bhi dad dhen choire agamsa,” agus cuir air adhart na thagad ri phaigheadh.

O chionn treis a bhliadhnaichean, leis cho aotromsa bham bàrr air an taobh eile dhen eilean, bha na muillean bleith cha mhor gu buileachnan tàmh, ach air a gheamhradh so tha iad gu math trang. Bha an corcas gach seòrsa eile glé phailt, agus thatar a deanamh moran mine us flùir anns an dùthaich, barrachdsa chaidh a dheanamh innte o chionn iomadh bliadhna.

Bha ionnsuidh air a thoirt le luchd-lagha Bhram ann am Boston, air son cùirt ùr a shuidheachadh gus fheuchainn, adeanamh a mach nach dfhuair e ceartas aig a chùirt a dhit e. Ach chan eil an t-sochair sin ri bhi air a thoirt dha idir. Rinneadh a mach gun dfhuair e gach ceartas a dhiarradh e, agus chan eil a nise ri bhi air a dheanamh da thaobh ach binn a bhàis a thoirt a mach.

Than Dotair Nansen ag radh nach eil roimhen tuilleadh oidhearp a thoirt air ceann a tuath an t-saoghail a ruigheachd. Tha e coltach gun dfhuair e a leòr dhen taobh tuath, agus nach eil toil aige nochdadh ris tuilleadh. Fhuair e na bfhaisge air a cheann-uidhe na fhuair duine riamh roimhe, ach tha e nise toileach leigeadh le cuideigin eile dhol nas fhaide na chaidh esan. Tha e an dràsda an Lunnainn; tha en deigh leabhar a chur a mach ma thurus don fhuar-thir, agus tha e deanamh moran airgeid air.

Tha duine ann am baile Halifax an dràsda a thagabhail air gun teid aige air daoine leigheas o gach eucail a bhios a cur orra lecreideamh.” Chan eil aig duine bhios air son leigheas fhaotainn ach creidsinn agus bidh e slàn. ’S es ainm don duine so, Sylvester Domhnullach, aguss ann a mhuinntir Eilean aPhrionnsa tha e. A reir a sgeòil fhéin tha aona bliadhndeug on thug aingeal àithne dha e dhol a mach a leigheas dhaoine, ach an toiseach cha robh e umhail, agus cha dthug e ionnsuidh air leigheas a dheanamh gus an dfhuair e rabhadh uair us uair on teachdaire cheudna. Bha e fad àireamh bhliadhnaichean abearradaireachd ann aHalifacs, ach toiseach agheamhraidh so, leig e acheaird sin uaithe, agus on uaìr sin chan eil egabhail gnothuich ri dad ach leigheas a mhàin.

Chaidh fear Calum Mac Fhionghain a ghoirteachadh gu dona ann am mèinn Chaledonia a sheachdain gus an diugh.

Bha crith-thalmhainn aca ann an Stàit Mhaine air an t-seachdain sa chaidh a chrith na dorsans na h-uinneagan anns na taighean, ach cha drinneadh call sam bith leatha.

Tha fios á Manitoba ag innse gu bheil an t-uisge ann an Loch Winnipeg anabarrach àrd, agus gu bheil eagal air muinntir a bhaile gu bheil i dol a chur tuil air am muinnuair a thig aiteamhan an earraich.

Chaidh stòr a bhuineadh doA . Kirk & Co. ,a losgadh ann an St. Andrews, an siorrachd Antigonish, ’sa mhaduinn Di-dònaich sa chaidh. Bfhiach an stòrs na bhana broinn ochd mile dolair. Bha ceithir mile dolair de dhairgead-urrais orra.

ThaSir Herbert Murray,Riaghladair Newfoundland, a nise ann an Canada, ’s e air a thurus gu Ottawa. Thatar ag radh gu bheil coinneamh gu bhi aige fhéins aig Riaghladh Chanada feuch ciod an còrdadh a ghabhas deanamh a thaobh Newfoundland aonadh ri Canada.

Thatar acur cruinn airgeid anns abhaile air son cuideachadh leis an t-sluagh bhochd anns na h-Innsean. A bharrachd air na thatar acur cruinn air dòigh eile, tha na h-eaglaisean adeanamh na dhfhaodas iad. Chan eil teagamh againn nach teid suim mhath a chur cruinn anns abhailes air an dùthaich cuideachd.

Tha luchd-riaghlaidh nan sgoilean ann a Halifacs air son sgoil-chòcaireachd a chur air chois, agus tha iad an deigh coig ceud dolair a chur air leth air son tòiseachadh. O nach dean daoinen gnothuch gun bhiadh, bu chòir dhaibh fhaicinn gum biodh e air a dheagh dheasachadh. Chan eil teagamh nach lean bailtean eile an ceumannaibh Halifacs an ùine gun bhi fada.

Tha ceud mile sluaighnan eiginn ann an Stàit Louisiana air tàilleabh na tiormachd a bhanns an dùthaich an uiridh. Loisg an tiormachd gach ni a bha fàs anns an stàit sin, air chors nach eil a nise dòigh aig an t-sluagh air a bhi beò mur deanar cuideachadh a chur gan ionnsuidh le muinntir eile. Ach tha na Stàitean beairteach, agus chan teagamh nach dean iad cobhair orra gun dail.

Tha soitheach-smùide dom bainmState of Georgiaair chall o chionn treis a dhùine, agus thatar adeanamh a mach gun deach a call faisg air cladach Newfoundland. Chunnacas soitheachna h-éiginn ann an sin o chionn ghoirid le sgiob iasgairean. Bha aon duine deug air fhichead air bòrd anState of Georgia;bhuineadh iad uile do Obaraidhean, an Alba. Tha e ro-choltach gun deach an soitheachs na bhair bòrd don ghrunnd.

N uair a chaidh Nobha Scotia maille ris na mor-roinnean eile a stigh do cho-fhlaitheachd Chanada, bha àireamh mhor de stampaichean litreach air Riaghladh na mor-roinn so, agus on thainig stampaichean Chanada a mach air ball, cha robhn còrr feum orra, agus bha iad air an tilgeadh air cùil ann an Ottawa nar ni nach bfhiach. Ach o chionn beagan bhliadhnaichean air ais, thòisich daoine air cruinneachadh sheann stampaichean, agus bha stampaichean Nobha Scotia a measg chach, a faotainn deagh phris. Chuir so cuideachd cheannaichean air lorg na bha ann an Ottawa, agusse bhann gun do cheannaich iad an t-iomlan, a pàigheadh ochd mile deug dolair air an son. Tha mor-roinn Nobha Scotia mar sin an deigh suim mhor aigeid fhaotainn á àite as nach robh dùil ri sgillinn fhaotainn.


C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


THA D. J. Domhnullach air son rum a dheanamh do bhathar an earraich, agus tha ecreic na thaige de bhathar geamhraidh gle shaor. Reicidh e ni sam bith a thasan stor, ach a mhain brogan, 20 p. c. nas isle na bha iad roimhe so. Rud air am pàigheadh tu $1 .00 roimhe so, cha chosg e dhut an drasda ach 80c. Cha mhair so ach mios. Thig trath agus faigh bargan.


NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B.
Tha e na fhear-gnothuich don MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha.



[246]

[Vol . 5. No. 32. p. 6]

Sgiala Muladach.

Air an latha mu dheireadh do Ianuari anns a bhliadhna 1820, dhfhalbh còmhlan pòsaidh eireachdail á Maliger air an Taobh-Sear do Thròtairnissan Eilean Sgithanach, do Cheannsaleire. Be Aonghas mac-Chalum-òig fear-na-bainnse, (bi sin a bhanais mhuladach) agus piuthar do Dhomhnull-Bàn-òg bean na bainnse. BeLachluinn Mhairaseadaram fear coimhideachd; chan eil cuimhnagam air ainm na bean-choimhideachd, ach bha Domhnull-Ban-ògsa chuideachd. Thionndaidh an latha mach fiadhaich le flin us uisge nach fhacas a shamhail fad iomadh bliadhna. ’Nuair a chaidh am posadh a dheanamh, chuir na laoich an aghaidh dhachaidh; chuir iad rompa air monadh an Taobh-Sear gus an do thearn iad Bealach Uige.

Anns a mhonadh mu mhile gu leth on dachaidh, aig ceann tnath Loch Thoreasgil dhfhàs fear-na-bainnse ao thinn, ’s cha burrainn e dol na bfhaide. Thug na fir a chomhairlair na boirionnaich cumail rompa dhachaidh, ’s dhfhan an dithis fhear maille ris an duine thinn. Ma mheadhon oidhche chaochail Aonghas, agus chuir Dòmhnull-Bàn air falbh Lachluinn a dhiarraidh dhaoine, ach mo thruaighe cha drainig iad. Dhfhan Domhnull aig a chorp gu bial an latha, ’s e mar ionadh nach do bhàsaich e fhéin. Rainig e Mailigirs bha na boirionnaich an sin ach chan fhac iad Lachluinn. Chaidh en sin do Mhairaseadar ach, mo thruaighe, cha robh en sin. Fhuaradh marbh e. Cha robh e cairteal a mhile on chorp eile. Innsidh an da chàrn far an robh iad gus an lathan diugh.

Bha naodhnar bhràithrean an teaghlach Mhairaseadar, ach cha robh aon dhiu cho maiseach ri Lachluinn. Chuala mi moran ag radh nach robh Gàidhealan Alba cho laidirs cho dreachmhor ris; cha robh a bhràthair Martuinn Mor na dhuine faisg cho làidir ris. Cha robh e ach fichead bliadhna dhaois.

Nise be Domhnull-Bàn-òg, mar a thuirt mi, brathair bean-na-bainnseathair RuairiIc Leòidagus seanair an Urr. D. B. Mac Leòid á ceann Orwellsan eilean so. Beòlach mis air Domhnull còir; biomadh duine bochd us beairteach a ghabh tràth aig a bhòrd.

Phòs a bhanntrach òg a rithist: tha dithis mhac dhi air an eilean sonan daoine measailDr. Ruairi Mac Neill agus an t-Urr. Domhnull Mac Neill. Rinn am Bàrd Seathach òran tiamhaidh don ni thachair; chan eil e agam uile, ach bheir mi dhuibh na rainn a leanas.—

AIR FONNThan oidhche seo le h-aighearachd.”

Is an am mios na faoilleach
Fhuair mi sgeul nach faoin ri luaidh;
Mar tha clann nan daoine
Cho caochlaideachnan tuar:
Nuair tha cuid dhiu smaoineachadh
Gu faigh iad saoghal buan,
S a liuthad cùrsa mhillidh
Tha gan giorrachadh gu uaigh.

N taobh an ear a Thròtarnis
A dhfhalbh an còmhlan grinn,
Is ann a dhionnsaidh pòsaidh
Mar thair òrdachadhs gach linn;
Bha uisge mor us ceò aca
Nuair thaine neòil na h-oidhch’,
S bhàsaich dithis còmhladh dhiu
A dhfhuasgail deòirus caoidh.

Tha clann Ic Ille-Mhàrtuinn
Air an lot mar tha gu trom
Chan eil aobhar gàirac’.
Thuit a bhearna gu làr lom,
A chraobh a bàille blàth
A bhanns a ghàrrdh air a bonn,
Sgathadh sios cho tràth i,
S dhaithnich càch gun drinn sin toll.

Than teaghlach air fàs tanac
Ann a Mairaseadar thall;
Is e bhig ionndrain Lachluinn
A chuir iomadh rasg gu call;
Sgeula nach bu mhath leo
Gadchur a mach roimhn àm
Bu tlachd ar cinneadh dathar
Bhi gadamharc air an ceann.

Tha do mhàthair airtnealach,
Tha h-astar air fàs mall;
S tric deòir aruith orasgaibh,
Oir thataicen diugh air chall,
Acuimhneachadhur cleachdaidhean
On dhaltrum i a chlann,
S gun dhatharrrich iad cairtealan
Mun ghlasaich air an ceann.

Nise nam faigheadh am MAC-TALLA neach thall no bhos a bheireadh a chuid eile dhen òran dhuinn, bhitheamaid na chomain.

MURCHA CAM.

Bailan Tobair, E. P. I.


Bho GhilleGhobha.

“ ’S ge h-iomadh canan,
O linn Bhabel fhuair
Asliochd sin Adhamh,
S i Ghailig a thug buaidh.”

S fior so, oir ann an aoissam pailteas tha i air toiseach air gach canan. Ach chan e so eadhonthagar fagal cho deidheil oirre. ’S i a bhaig ar sinnsearachd ann an Tir nam Beann, agus a dhionnsaich ar màthraichean dhuinn an uair a bha sinn nar maothrain fon sgeith. Leis asins coir dhuinn gach urram anochdadh dhi. Chan eil moran ùine agamsa air Gàilig a sgriobhadh; ’s cha sgoilear mi. Tha mi gach maduinn air mo ghairm don cheardaich mun tachais amhuc i fhein. Bidh tuagh neo amall, geinn neo slabhraidh, ri chàradh. Bith failire ri cruidheadh aig fleasgach a tha na chabhaig chruaidh; agus ma fheudte gur a thann air toir searrag uisge beathatha edol airson a ribheid a ghleusadh gu briodal rileannan. Ged nach faighainnsa uinair mo shron a sheideadh fo mhaduinn gu h-oidhche, chan fhaod uireas a bhi orrasan. Chan eil do sholas agam achnuairthìg Domhull Og a steach. ’S fior Ghaidheal Domhull, ’s daonnan cuiridh e failte chridheil ormsa chanan bhlasda sin. Tha e na leubhadair math Gailig, agus tha speis mhor aige don MHAC-TALLA.

Dhinnis e dhomh an de mar a chuir Domhull an t-eagal air Mairi, agus bheir mi dhiubh e: Bha Domhull na ghille sunndach, cridheil, ’s bu tric leis oidhchechur seachad ri mànrans aighear maille ri comunn mireagach gun chaogadh air a shùil, ged a bhitheadh e meirgeach alar- na-mhaireach. An deigh oidhche dhiubh sochur seachad thainig air dol a rathad a bha Mairi. Bha ise na leith sheana bhoirionnach acumail taighe, am bicheantas na h-aonar, ann an aite uaigneach mu mhile fo thigh, agus e air a chuartachadh le coille. Feumar innse gu robh i, mar a tha, ’sa bha, iomad maighdean urramach, gealltach. Bha in droch rùn do choigrich, agus bhiodh baothaire ro-fhaisg oirre nam biodh e idirs an sgireachd.

Rainig Domhull, ’s chaidh esteach. Bha gach ni gu dòigheil: an t-ùnnlar air a sguabadh, gealbhan bòidheachs an luidhear, ’s na leapannan air an càradh àrd; ach cha robh sgeul air Mairi. Bha i ableodhan achruidh. Be socothrom Lachuinn aìr areithele Domhull, agus ghabh e e. Shin e e-fheins an leabaidh, tharruinn ead thairis air a shùilean, agus ann an ùine ghearr bha e na throm-chadal. ’Nuair arainig Mairi an tigh, stad i gu grad oir dhfhairich i srann oillteil astigh roimpe. Chrith i le eagal oir bha neach eigin a steach, agus cha robh teagamh nach robh e gorach. Dhamhairc i troi sgars chunnaic i afleasgach so gu dana na leabaidh. Dhfhag im bainne sidas ghreas i don tigh a bfhaisg oirre airson cuideachadh fhaighinn gus an trusdar a chur air falbh, oir ghoideadh e gach nibha stigh. Thill i le feachd bhoirionnach, gach aon air a h-armachadh le cuaille mor. Ach gu mi-fhortanach do Mhairi bha Domhull air dusgadh agus e gu h-aoidheil agabhal toit. Bu mhor an t-ioghnadh leis a ghruaim bhagarach a bhair Mairi, agus a sgiamh a bhan gnuis chaich. Dhinnis e mar thachair da, ach gus an lan diugh cha do chreid Mairi nach e te do chuilbheartan Dhomhuill a bha so.

Frith BhaileChaochain, Feb., 8, ’97.


ATubhadh a Thaighe Fhein.

Tha duin-uasal àraidh ag innse sgeul mu dhuine a bha aon oidhche gle anmoch anns an tigh-òil, agus a chuala bean an òsdair ag radh ricéile, “Thoir air an duinud a dhol dhachaidh; tha e fàs anmoch.” “Leig leis,” ars an t-òsdair, “ ’se fear dhen fheadhain a tha tubhadh an taighe dhuinn.” Rinn na briathran sin greim air inntinn amhisgeir bhochd, agus cha dthainig en còir an taigh-òil fad shia miosan. Aon latha thachair an t-osdair air, agusdhfheòraich e dheth car son nach robh e taghal a thaighe mar a bàbhaist, agus ag iarraidh air tighinn a rithist. “Moran taing dhuit,” arsam fear a bha roimhena mhisgeir, “chan urrainn domh tighinn. Tha mi aig an àm so atubhadh mo thaighe fhéin.”


Tha doimhneachd uamhasach anns a chuan Atlantach eadar Africas na h-Innsean an Iar. Tha aiteachan ann a tha 19,000 troigh a dhoimhnead; dhfhaodte a bheinn as àirdes an Roinn-Eorpa a chur fodhann.



[247]

[Vol . 5. No. 32. p. 7]

An Comunn Gaidhealach agus a Ghailig.

Tha sinn a toirt na litreach aleanas as a Highland News. Cha do leugh sinn am freagairt a thugadh air ceud litirChabar-Feidh,” ach tha e soilleir nach eil an Comunn Gaidhealach idir cho Gàidhealachsa dhfhaodadh e bhi. Chan eil teagamh co-dhiu nach dean an connsachadh a than so feum nach beag don Ghàilig agus da teagasg anns na sgoilean.

FHIR-DEASACHAIDH, —Tha mifaicinn nach drinn mi soilleir doC. M. P.” an ni a bha nam bheachd nuair a sgriobh mi thugaibh o chionn seachduin no dha. Roimh dhomh oidhirp eilethoirt air so a dheanamh faodaidh mi radh gur duilich leam a bhifaicinn an spioraid a tha etaisbeanadh nuair tha e ag radh gu sgeigeilgur ioghnadh leis gun do shoirbhich an Comunn Gaidhealach as meugmhais.” Saoil sibh an i cainnt den t-seorsa so a tharruingeas cairdean a dhionnsaidh achomuinn?

Tha e ag radh gur i a dhoigh-san— “a lion beaganus beagan mar a dhith an cat an sgadan” —achs e a baobhar do mo ghearan-sa nach robh am beagan fein ri fhaicinn. Ged bu mhath leam-sa na gnothaichean gu leir fhaicinn air an giulan air an aghaidh anns aGhàidhlig, chaneil mi cho aineolach air nithe den t-seorsa sins nacheil fhios agam nach urrainnear sin a dheanamh fhathast, ach is cinnteach gum faodadh rian a bhi air a dheanamh airbeagande ar cainnt a chleachdadh, ged nach bitheadh ann ach oraid on cheannsuidhe. Is aithne dhomhsa an Lighich Mac Griogair agus cha chreid mi gum bitheadh idir urrad a dheagal air roimh luchd na sgeigearachds a tha airC. M. P.”

Cha do chuir mi acheisd riC. M. P.” co-dhiu a tha e-fein no mise comasach air a bhinar fir-riaghlaidh air aMhòd. Faodaidh gach fear dhinn a bheachd fein a bhi aige mun chùis sin, ach is cinnteach nach dthainig an latha sin fhathast air aGhaidhealtachd nacheil duine-uasal ri fhaotainn eadar a da cheann is urrainn cainnt a dhùthcha a chleachdadh anns an dreuchd urramach so le cliù dha-feinus dhi-se.

ThaC. M. P.” ag radh nach robh buill achomuinn lionmhor aig àm air bith. Faodaidh gum bheil aobhair airson sin. Cha luaithechuala mise gu robh an comunn gu bhi air a chur air chois nachuir mi mainm agus mairgead a dhionnsaidh an rùn-chleirich, agus ann am paipeir a sgriobh mi airson a chiad mhòid thug mi comhairle no dha seachad a dhfhaodadh a bhi feumail don chomunn nan robh suim sam bith air a gabhail diubh. Ach fhads nach do ghluais am Mòd as an Oban, agus fhads a bha duine-uasal na cheann-suidhe air aig nach eolas air ar cainnt, bha e soilleir domh nach tigeadh e gu moran feum. Tha cùisean air an atharrachadh ann an tomhas a nis, agus is e sin is coireach gum bheil ni-eigin de dhòchas agam as a leth.

ThaC. M. P.” ag aideachadh gu robh an Comunn air tùs den aon bheachd rium-sa mu dheidhinn teagasg na Gaidhlig anns na sgoilibh. Ciod, mata, a thug orra am barail atharrachadh? An e nach robh an leabhar a chuir iad-fein a mach freagarrach?

Tha mise coma de an leabhar a bhitheas air a chleachdadh fhads a dhionnsaicheas a chlann achainnt a labhairt, a leughadh, agus a sgriobhadh. Tha àireamh àraidh a dol troimh lamhan an fhir-cheasnachaidh cheana, agus is e tha uam-sa gum bitheadh an àireamh so gu mor air a meudachadh. Ma ni anTreoraicheaigC. M. P.” so nis fhurasda chaneil neach sam bith a bhitheas nis toilichte fhaicinn na mise.

Chan e mo rùn an dràsd a bhi deasbaireachd ciod an dòigh is fearr air achainnt ionnsachadhgun ghrammair no le grammairno co-dhiu is fearr leabhar Mhic Pharlain no fear Mhic Ill-Iosa. Tha cunnart ann gum beil sinn a caitheadh cus ùine air cùisean den t-seorsa so an aite a bhideanamh oibre tharbhaich airson ar cainnt agus ar dùthcha.

Tha mi an dòchas gun tuigC. M. P.” a nise ciod a bhanam bheachd nuair a dhiarr mi oirbh-se, Fhir-deasachaidh, an tional so a dheanamh airson nam maighistearan-sgoile, agus gun cuidich e leibh anns aghnothach.
Is mise bhur caraid,

CABAR-FEIDH.

Lunnainn, 6, 1, ’97.


Tha MAC-TALLA fadan comain nan càirdean a tha bho àm gu àm acur phaipearan-naigheachd uige á caochladh chearnan den t-saoghal. Tha iad mar sin gu tric adeanamh cuideachadh nach beag leinn, agus tha sinn gle thaingeil dhaibh.


CARADH
Uaireadairean
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar uthcha thanar beachd


D. A. Mac FHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.


Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .,
SIDNI, C. B.


Eagle Parlor” Matches
Tha iad gle mheasail air smocairean, agus aig mnathan-taighe.
Tha iad gle thaitneach rin ùisneachadh oir chan eil faileadh dhuibh idir.
THE E. B. EDDY Co LIMITED
HULL, MONTREAL, TORONTO.



[248]

[Vol . 5. No. 32. p. 8]

Bean Bhochd ann am Manitoba.

LE EACHANN N. MACILLEATHAIN.

AIR FONN: Horo tha mi muladach.

Is mise thair mo leònadh
An duthaich Mhanitoba,
G am chiùrradh leis an lòinidh
Us deud mo bheòil air fuasgladh.

Tham fuachd cho mòrs an dùthaich so
S nach dfhàg e neart no lùths annam,
Oir ged than fhiarag dùbailte
Gun dreothadh cùl mo chluasan.

Tha madaidh-alluidh gharga
Mar ghainneamh tràigh na fairge
Adonnalaichs an anmoch
Cur farbhas oirnnus uamhas.

Tha Innseanaich ro-iargalt
Gach oidhchus cur fiamh oirnn;
Cho dubh ri sùith tham bian ac
S cha chuir an siopunn snuadh air.

Thaghaoth cho cruaidhnuair shéideas i
Chan fhàg i brat no bréid againn,
Bidhn darach cruaidh agéilleadh dhi
S an tigh gu léir aluasgadh.

Bidh dealanaichus tàirneanaich
Abualadh bhuarus chapullan,
Abùrach thollus làraichean
S atruiseadh bàrr nan cluaintean.

Bidh falaisgean ro-eagalach
Alosgadh feòirus phreasaichean
S gur gann a gheibheadh teicheadh as
On teas, an t-each as luaithe,

Bidh nathraichean glas lùbach
Fo bhonn ar casg am phùcadh,
Mar chudaigean cho siùbhlach
Nuair bhios an liùthg an ruagadh.

Tha cuileagan cho lìonmhor ann
Chan fhàg iad bàrr no biadh againn;
Nuair thig am blàths bidh ceudan dhiu
A sàs gu dianam ghruaidhean.

An uair thig teas an t-samhraidh oirnn
Chan fhàg e càil no sannt againn;
Chan iarr sinn biadh no annlann
S gur gann a sinn gluasad.

S e bannsa leam bhin dràsda
An tir nam beanntan àrda
An Caragraich nan sàr laoch
Nach deanadh tair air truaghan.

Gidheadh tha agam càirdeas
Nach ceannaich òr na ban-righ:
Cha toir am bròn am bàs dhomh
Is Niall Iain Bhàin cho suairce.


Am Millenium.

Tha Mìle na Sàmhchair
A nis air teachd oirnn;
Iubilé na Slainte
Ri tighnn am faisg oirnn,
S am bi glòir an Ard-Righ
Acòmhdachadh gach cearna,
S a lionadh gach tìr fhàsail
A bha gun taisbean;
S lionaidh gràsan pailte
N crìdhle gràdh ro laiste,
A seinn gu binn nan dannsadh,
Air cliù saor ghràis le h-aiteas.

S theid gach crìdh’ ’bha calma
Gu dealbh gach droch-bheirt
A sgoltadh na sgealban
Gu anma chosnadh,
S leaghar iad le h-aithreachas,
S le gaol don Uan a mharbhadh,
A dhòirt dhoibhfhuil gun teaneadh
Bhon fheirg bha goirt dha;
S cuiridh e gu socair
Ioc-shlainte rin lotaibh,
Ghlanas iad on salchar,
A bha ro shearbh ra nochdadh.

S cha bhi sannt no farmad
Nach teid a dhochann;
S cha chluinnear fear feargach
A bhios ri trodan;
S theid an fhèinnabalbhan,
S chan éisdear ra cuid ana-ghlòir,
Oir gheibh i buile mharbhteach,
Bheir seargis clos oirr’;
S theid gach àrdans sodal
Suas, le tàir, a chrochadh;
Sgriosar gaoid gach ana-meinn,
Is cealg theid a throimh-lotadh.

S bidh bilean nam balbhan
An sin gam fosgladh,
S len teangaibh binne labhrar,
Gun cheilg nam focal;
Ni gach aon diubh searmoin,
Le spiorad na h-ath-ghinmhinn,
Len dùisgear suas na marbhaibh,
Bha seargtair grodadh;
Eiridh bacaich bhochda,
S crioplaich air an cosaibh,
S leumaidh iad le h-aoibhneas,
Ri fuaim ro bhinn an t-Soisgeil.

N uair chluicheas na leanaban
Ri toll na nathrach,
Bidh gach aon diubhsealbhachadh
Dearbh-bheachd anaim;
Ban-rìghrean lan orcheis,
Ag altrum clann ath-ghinminn,
S gach rìgh na oide-tèruuinn,
Neo-fheargach, tairis;
S bidh aonachd co-cheangailt’,
Measg gach tréubh is teangaidh,
S bidh Iudhaich is Gréugaich
Nan treud aig aon mhainnir.

Cha bhi rìgh no prionnsa
No Diùc air thalamh,
Nach biseinns ag ùrnaigh,
S mar thùis bidhn anail;
S riaghlaireans gach dùthaich,
Gu sìochainteach, làn ciùine;
S gach searmonaichs achùbaid,
Fo dhrùchd nam beannachd;
S ìochdarain gu ceanalt’,
Riaghailteach, gun charraid,
G altrum an fhìor-chùraim,
Le tlachd is dùrachd anaim.

Cha bhi cuirp na anman
Ann an ainnis;
Bidh beannachdan aimsireil
Ann gun ghainne;
Bidh toraidhean na talmhainn
Nis pailte gu ro shaibhir,
S bidh gach gleann is garbhlach
Lan arbhair falaicht’;
Sruthaidh mil on charraig,
S a làn fìon’ ’s an dabhaich,
S cha bhi buar air sléibhtean,
No tréud, nach toir am bainne.


Bidh ola á croinn ùrail
Bhios cubhraidh, fallain;
Fìgean is glan sùgh,
Ubhlan is pomgranait;
S cruithneachd bhios ro shòghmhor,
S spìosraidh is glan bòltrach,
S gach bhios math gu lòn doibh,
S gun chòmhdach thairis;
Teichidh gruaim is gearan,
S cha bhi luaidh air aimbeirt,
S cha bhi miann no cìocras
Nach riaraichear le beannachd.


BEAG ACH MOR

Is beag an ni botul de K. D. C. a thaobh meudachd, achnuair a ghabhas tu na bhios ann air son tinneas-stamaig, chi thu cho morsa tha e.

IS E LEIGHSEAS GACH SEORSA DE THINNEASAN-STAMAIG.

Tha daoine mora agus matha Americag a mholadh, oir chuir iad deuchainn air. Nam biodh botull dolair de K. D. C. air a dheanamhna stuth tana lionadh e càrt: mar sin tha e math agus tha moran ann dheth. Cuir a dhiarruidh sampuill.

ThaK . D. C. Pillsanabarrach math air tinneasan cuim.

K . D. C. COMPANY, Limited,
New Glasgow,Nobha Scotia. —agus127 State St., Boston, Mass.


NUAIR THEID THUBHADDECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram, Bathar Cruaidh
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile.
An seorsas fhearrs aphris as isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.


Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


McDonald Hanrahan & Co,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95

titleIssue 32
internal date1897.0
display date1897
publication date1897
level
reference template

Mac-Talla V No. 32. %p

parent textVolume 5
<< please select a word
<< please select a page