[Vol . 5. No. 33. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, FEBRUARAIDH 20, 1897. No. 33.
A Cheist, Iain.
LUINNEAG.
A cheist, Iain, teann rium fhin,
’S na bi strìth ri h-aimideachd;
Féumaidh mnathan uaisle tì,
’S gur goirt an cìnn mur faigh iad i.
Tiùndaidh rium, ceart-léugh a chòir,
Tha mise deònach teannadh riut;
’S ma ’s olc no math a bhios mo dhòigh,
Cha chluinn na h-eòlaich gearan uam.
Cha ’n iarr mi siucar, no tì,
Sròl no sìod’ a cheannach dhomh,
’S i obair mo dha laimhe fhìn
A’s cìnntiche mi ’leanailt rium.
Gabh thus’, Iain, am mor-làn
Mar phàtaran, ’s cha ’n aireach leat,
Air fhad ’s gan éirich e an àird’,
Gum faic thu ’n tràigh an eal’achd ann.
Sin mar bhitheas luchd na stràic,
Le ’n curraichdean àrd ’s le ’n cailico,
Nì ’m pòsadh bochd an toirt gu làr
Mar shneachda bàn na gaillinne.
An riomhadh cheannaicheas iad gu daor,
’S an saoghal, bheir an car asda;
Bi’dh gùn ’us gùn ’ga chur m’ a sgaoil
Gu h-aodach do na cailleagan.
Ged a théid iad chun na féill’,
’S gur gann duit té dhiubh aineachadh,
Gun searg iad as mar ròs air ghéig,
Ri teas na gréin a dh’ fhannaicheas.
Cadal féumaidh iad ’us tàmh,
Cha bhi iad slàn mur faigh iad e;
Cha ghearain té dhiubh thu bhi d’ thràill,—
Gur dòch i tair ’us fanaid ort.
Gun sloinn i suas, o bhun gu géig,
An tréubh o’n d’ rinn i failleineadh,
’Gad chur-sa sios mar mhith gun bheus—
’S gur mairg bheir speis mar leannan d’ i.
An uaisle bhochd gun chas, gun làmh—
Tha ’n dàn mar dh’ fhàg an sean-fhacal—
“Cha chuir i saluun air a chàl”—
Bi d’ fhaicill trà, mu ’m meal i thu.
Cha tugainnse do ’n uaisle béum,
Na h-àite féin ’s cha teannainn ris;
Ach ’s beag an cliù do dh’ fhear gun spréidh
Bhi fòirneadh té a dh’ aindeoin diubh.
Tha thusa ’s mise réir a chéil’,
Ar n-òr, ar spréidh, ’s ar seanairean,
’S ma gheibh mi each a ruith na réis,
Cho cruaidh riut féin gun lean mi ris.
’Nuair thig am bothan le chraos cam,
Am màl, a chlann, ’s an ceannach, ort,
Gur taitneach dhuit a bhean, ’s an àm,
A thàirneas ceann an amuill leat.
AONGHAS MAC CUARRAIG.
Mharbh boirionnach ann an Ottawa a fear-pòsda an oidhche roimhe, le tuagh a bhualadh air an cùl na h-amhach. Bha i as a rian aig an àm.
Comunn Gailig Lunnain.
ORAID LE MHR CAILEAN SISEAL, AIR DHA BHI GABHAIL NA CATHRACH MAR CHEANN-SUIDHE AIRSON NA BLIADHNA.
A CHAIRDEAN, —Tha mi toirt taing duibh airson an urram a chuir sibh orm le mo chur an so mar cheann-suidhe air a chomunn. Cha’n eil fios agamsa air urram sam bith a’s mo na so a b’ urrainn a luchd-dùthcha ’chur air duine, agus bho ’n a chuir sibh a leithid a dh’ earbsa annamsa tha mi an dòchas gu’n teid agam, le bhur cobhair agus bhur taic, air rud-eigin a dheanamh airson canain Gaidhealach ar dùthcha.
’Nuair a smaoinicheas mi air na daoine gasda chaidh romham—air Iain Camshron Mac-a- Phie, air Cailean Siseal, air an Leighich Ruairaidh Domhnullach, agus na daoin-uaisle eile ’tha fhathast maille ruinn (gum a fada beò iad, agus ceo an taighean) tha e ’cur feagal orm seasamh ’nan àite. Tha iadsan nach maireann air falbh ’s cha tig iad air ais, ach feumaidh sinn-ne an gnothach a chur air adhart mar is fhearr is urrainn dhuinn. Cha mhisde mise gu robh eòlas agam air na daoine coire a dh’ ainmich mi. Las iad teine ’nam chom nach teid as fhads a bhitheas an anail annam. Theagaisg iad dhomh gaol a thoirt do mo dhùthaich agus do chànain mo mhàthair. Tha pròis orm an diugh gu ’m b’ aithne dhomh na daoine so agus tha mi fior thaingeil airson a chobhair a fhuair mi uapa troimh Chomunn na Gàilig.
Is math a bha fios aig seann Chailean Siseal air neart a chomuinn. ’Nuair a bha troimh-cheile ’nar measg o chionn ghoirid sgriobh am bodach bochd chugam mar a leanas— “Na leig co-dhealachadh sam bith eadar thu fein agus Comunn na Gàilig. Na ’m bithinn-sa fuireach an Lunnain ’se rud-eigin uamhasach a bheireadh orm Comunn na Gàilig fhàgail.”
Nis, a chàirdean, bu mhath leam ni-eigin math a dheanamh re na h-ùine tha mi anns a’ chathair so, agus is e a chiad ni anns an iarainn bhur cuideachadh, a bhi ’gar cur fein an deagh òrdugh airson obair sam bith a ghabhas sinn os laimh a ghiùlan air adhart gu foghainteach. Feumaidh sinn ar taigh fein a chur an ordugh mu’n toir sinn oidhirp sam bith as leth cànain ar dùthcha.
Bu chòir dhuinn-ne ’bhi air thoiseach ann an gluasad sam bith airson math na Gàilig, agus tha fios agam gu ’m beil Gàidheil an taobh a mach de ’n Chomunn so a dh’ fheuchadh ri rud-eigin a dheanamh, ach tha iad a feitheamh an dòchas gu ’n cuir sinn-ne ar taigh an ordugh agus gu ’n labhair a mach le cumhachd; gu ’n gairm sinnn air càirdean ri cheile agus gu ’n teid sinn air adhart gu ceartas fhaicinn aig ar cànain ann an sgoilean na Gaidhealtachd. A reir na h-uile cùnntas cha d’ rinn sinn moran anns an rathad so o chionn iomadh bliadhna ach duaisean a thoirt do ’n chloinn. Tha sin gu math fhad’s a tha e dol ach cha leor e. Buinidh teagasg na dùthcha do ’n rioghachd agus bu chòir an t-ionnsachadh is fearr a tha ri fhaotainn a bhi air a chur an ceill anns na sgoilean. Cha ’n e obair aon duine no aon chomuinn a tha ’n so ach obair àraid na Parlamaid.
Tha ar Rùnair ag innseadh dhomh gu ’m beil moran de na maighstirean-sgoile a sgriobhadh chuige-san nach ’eil e leth cho draghail foghlum a chomh-pàirteachadh do ’n chloinn aig a bheil a Ghàilig ’s a tha e dhaibhsan nach tuig ach a’ Bheurla. Feumaidh sinn so a dhearbhadh air an luchd-riaghlaidh mu’n iarr sinn cobhair sam bith uapa. Feumaidh sinn a thoirt orra thuigsinn nach ’eil a’ Ghàidhlig a cumail neach air bith air ais ann a bhi ag ionnsachadh na Beurla ach gur ann a tha i na cuideachadh dhaibh.
Leigeamaid ris do ’n t-saoghal gu ’m beil sinn da rìreadh agus deanamaid ar n-uile dhichioll air a h-àite fein fhaicinn aig ar cànain ann an sgoilean na Gaidhealtachd. Ma theid leinn anns an oidhirp so cuiridh sinn comain air ar dùthaich agus dearbhaidh sinn do na h-uile nach ann gu diomhain a tha sinn air ar stéidheachadh mar Chomunn Gàilig.
Am Faigh a Ghailig Bas.
Tha Robert Chambers, ann an eachdraidh air Ceannairc Phrionnsa Tearlaich, ag radh nach robh an Alba aig an àm sin (1745) ach mu cheud mile de Ghàidheil. Bha so mu’n do chairich ach gann gin dhiubh as an dùthaich fhéin, agus faodar a radh mar sin nach robh de luchd bruidhinn Gàidhlig air an t-saoghal ach an ceud mile. An diugh tha mu thri cheud mile ’ga labhairt ann an Alba, agus ’s suarach sin seach na tha ’ga labhairt ann an dùthchanna eile, far am bheil Gàidheil a’ còmhnuidh. Tha barrachd mor de luchd Gàidhlig an Canada na th’ anns a Ghàidhealtachd.
Cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA.
[Vol . 5. No. 33. p. 2]
SGEULACHDAN ARABIANACH.
V. —EACHDRAIDH AN IASGAIR.
An uair a chunnaic am fathach gu ’n robh e fo fhiachan freagairt fhirinneach a thoirt do ’n cheisd a bha an t-iasgair gus a chur air, chaidh e air chrith, agus thuirt e ris an iasgair, “Cuir ceisd sam bith a thogras tu orm, agus greas ort.”
“Bu mhath leam fios cinnteach fhaotainn gu ’n robh thu anns an t-soitheach. An dana leat mionnachadh air ainm Dhe gu ’n robh thu ann?” ars’ an t-iasgair.
“Tha mi a’ mionnachadh air an ainm mhor sin gu ’n robh mi ann cho fior ’s a tha mi beo,” ars’ am fathach.
“A dh’ innseadh na firinn dut,” ars’ an t-iasgair, “cha ’n ’eil mi ’g ad chreidsinn. Cha rachadh aon te de d’ chasan anns an t-soitheach, agus cia mar a tha e comasach gu ’n rachadh do chorp gu leir ann.”
“Air a shon sin ’s gu leir,” ars’ am fathach, “tha mise a’ mionnachadh gu’n robh mi ann direach mar a tha thu ’g m’ fhaicinn mu do choinneamh. Cha ’n fhaod e bhith nach ’eil thu ’g am chreidsinn an deigh dhomh mo mhionnan a thabhairt.”
“A dh’ innseadh na firinn dhut, cha ’n ’eil mi ’creidsinn facal dheth; agus cha mho na sin a chreideas mi e gus an toir thu dhomh lan dhearbhadh gur i an fhirinn a tha thu ’g radh. Ma theid thu air ais do ’n t-soitheach, creididh mi thu; ach gus a sin, cha chreid.”
An uair a chual’ am fathach so, thoisich e ri dhol ’na mheall ceo, agus ri sgaoileadh am mach os cionn a’ chladaich agus a’ chuain; agus na dheigh sin chruinnich e e-fhein ri’ cheile. An sin thoisich e ri dhol beag air bheag air ais do ’n t-soitheach far an robh e roimhe. Cha bu luaithe a chaidh e buileach as an t-sealladh a steach do ’n t-soitheach na thuirt e ris an iasgair, “Seadh a nis, fhir gun chreideamh, tha mi uile gu leir anns an t-soitheach. An creid thu nis mi?”
An aite freagradh a thoirt air an fhathach, chuir an t-iasgair an ceann gu cruaidh, teann, anns an t-soitheach, agus thuirt e, “A nis, fhathaich, feumaidh tusa teannadh ri fabhar iarraidh ormsa, agus feumaidh tu innseadh dhomhsa ciod an doigh anns an fhearr leat am bas fhulang. Ach an aite do chur gu bas is ann is fhearr dhomh do thilgeadh do ’n chuan far an d’ fhuair mi thu. An sin togaidh mi taigh air bruaich a’ chladaich, far am bi mi ’gabhail comhnuidh a chum gu ’n cuir mi na h-uile iasgair a thig an rathad ’nam faireachadh air eagal gu ’n toir a h-aon aca gu tir thu agus gu ’n toir iad dhut do shaorsa.”
An uair a chuala am fathach na briathran so bha fearg anabarrach air, agus dh’ fheuch e cho math ’s a b’ urrainn da, ri faotainn am mach as an t-soitheach. Ach do bhrigh gu ’n robh seula Righ Solamh air beul an t-soithich cha b’ urrainn da. Mu dheireadh an uair a chunnaic e gu ’n d’ fhuair an t-iasgair lamh-an-uachdar air, thoisich e ri leigeadh air nach robh fearg idir air.
“Iasgair,” ars’ esan, agus e ’labhairt gu ciuin, siobhalta, “thoir an aire nach dean thu mar a tha thu ’g radh. Cha robh mise ach mar mhagadh an uair a bha mi ’maoidheadh do mharbhadh. Cha robh e ’n am bheachd cron sam bith a dheanamh ort.”
“Oh fhathaich,” ars’ an t-iasgair ’s e freagairt, “tiotadh roimhe so bu tu am fathach bu mno a bh’ air an t-saoghal, ach a nis is tu am fear a’s lugha dhiubh. Cha dean do bhriathran carach feum sam bith dhut. Theid do thilgeadh do ’n chuan. Ma bha thu cho fad anns a’ chuan ’s a tha thu ’g radh, tha e cheart cho math dhut fuireach ann gu latha ’bhreitheanais. An uair a ghuidh mise ort an ainm Dhe gun mo bheatha ’thoirt air falbh, cha tugadh tu cluas no geill dhomh. Ni mise a nis ort mar a rinn thu fhein ormsa.”
Rinn am fathach na b’ urrainn da a chum impidh a chur air an iasgair a leigeadh am mach as an t-soitheach.
“Fosgail an soitheach,” ars’ esan, “agus leig mo chead fhein dhomh, tha mi ’guidhe ort, agus tha mi ’gealltainn gu ’n toir mi dhut ni sam bith a dh’ iarras tu orm.”
“Cha ’n ’eil annad ach an dearg shlaoightire,” ars’ an t-iasgair. “Bu mhath an airidh ged a chaillinn-sa mo bheatha, na ’m bithinn cho amaideach ’s gu ’n cuirinn earbsa sam bith annad. Dheanadh tu orm mar a rinn an righ Greugach air Douban, an lighiche. Tha mi ’dol a dh’ innseadh dhut mar a rinn e air, agus ma dh’ eisdeas tusa ris an naigheachd cha mhisde thu e.”
“Bha righ ann am Persia aon uair air an robh an galair graineil sin ris an abrar, an luibhre, agus a dh’ aindeoin na rinn na lighichean a bh’ anns an rioghachd a chum a leigheas, cha b’ urrainn daibh feum sam bith a dheanamh dha. Anns an am thainig lighiche gle sgileil do ’m b’ ainm Douban do ’n luchairt rioghail. Bha e comasach air leabhraichean de na h-uile seorsa a bh’ air an t-saoghal a leughadh, agus air dha bhith ’na dhuine anabarrach foghluimte agus tuigseach, bha e comasach air brigh gach luibh agus gach cungaidh leighis a bh’ air an t-saoghal a thuigsinn. Cho luath ’s a chuala e mu ’n eucail a bh’ air an righ, agus a thuig e gu ’n d’ fhairltich air lighichean na rioghachd a leigheas, chuir e uime an deise aodaich a b’ fhearr a b’ urrainn da fhaotainn, agus fhuair e le fabhar cead a dhol a bhruidhinn ris an righ.”
“Le ’r cead a righ,” ars’ esan, “dh’ innseadh dhomhsa nach b’ urrainn do ’n luchd-sgile a th’ anns an rioghachd bhur leigheas o ’n luibhre. Ach ma chuireas sibh a dh’ urram ormsa gu ’n leig sibh leam feuchainn ri bhur leigheas, geallaidh mi gu ’n leighis mi sibh gu’n cungaidh-leighis ol, no cungaidh-leighis a shuathadh ri bhur craicionn.”
Dh’ eisd an righ ris na briathran a labhair e, agus thuirt e ris, “Ma theid agad air mise a leigheas mar a tha thu ’gealltainn, ni mi thu fhein agus do shliochd ’na d’ dheigh anabarrach saoibhir. A bharrachd air sin, bidh meas agam ort ni ’s mo na bhios agam air duine sam bith eile. Am bheil thu cinnteach gu ’n leighis thu mi gu ’n toirt orm ni sam bith ol, no ni sam bith a shuathadh ri m’ chraicionn?”
“Tha,” ars’ an lighiche; “agus le comhnadh Dhe, tha mi ’creidsinn gu ’n teid a chuis leam gu math. Feuchaidh mi ris am maireach.”
Thill an lighiche air ais do ’n aite anns an robh e ’fuireach. Rinn e plocan a bha fosgailte na bhroinn. Bha a’ chas a chuir e anns a’ phlocan fosgailte na bhroinn mar an ceudna. Chuir e na cungaidhean a bha gus an righ a leigheas anns a’ phlocan troimh an toll a bh’ anns a’ chois. Rinn e mar an ceudna ball a chum gu ’m buaileadh an righ e leis a’ phlocan. Anns a’ mhadainn an la ’r-na-mhaireach chaidh e far an robh an righ, agus an uair a thug e umhlachd is urram dha mar a bha dligheach dha dheanamh, thuirt e ris e mharcrachd do ’n aite anns am b’ abhaist da bhith aig cluicheadh le ball agus le plocan. Rinn an righ so, agus cho luath ’s a rainig e an t-aite, choinnich an lighiche e, agus am plocan agus am ball aige. Thuirt e ris an righ, “Le ’r cead a righ, bithibh a’ cluicheadh leis a’ phlocan ’s leis a’ bhall so gus an tig bhur fallus am mach gu math. An uair a ghabhas na cungaidhean a chuir mi ann an cas a’ phlocain blaths le teas bhur laimhe, theid iad air feadh na collan agaibh gu leir, agus cho luath ’s a bhios sruth falluis dhibh, marcachaidh sibh dhachaidh cho cabhagach ’s a theid agaibh air; oir bidh na cungaidhean an deigh feum a dheanamh dhuibh. Cho luath ’s a ruigeas sibh an luchairt, nighibh sibh-fhein gu math ’s gu ro mhath. An sin theid sibh do ’n leabaidh; agus an uair a dh’ eireas sibh am maireach bidh sibh cho slan ’s cho fallainn ri duine anns an rioghachd.”
Ghabh an righ am plocan as a laimh, agus thoisich e-fhein ’s na h-oifigich a b’ abhaist a bhith ’cluicheadh comhladh ris, ri cluicheadh leis a’ bhall mar bu ghnath leotha; agus an uair a thainig ’fhallus am mach gu math, tharruinn teas a laimhe na cungaidhean a bh’ ann an cas a’ phlocain am mach, agus chaidh iad air feadh na collan aige, mar a thuirt an lighiche. Gun dail sam bith thill e do ’n luchairt, agus an uair a nigheadh gu math e chaidh e do ’n leabaidh, mar a dh’ iarr an lighiche air. An la’r- na-mhaireach an uair a dh’ eirich e, bha e cho slan ’s ged nach biodh an luibhre riamh air.
Cha bu luaithe a chuir e uime na chaidh e do ’n chuirt anns am bu ghnath leis a bhith ’comhradh ri maithean na rioghachd, agus a’ cur cuisean na rioghachd an ordugh. An uair a chaidh e steach bha mor-uaislean agus mor-mhaithean na rioghachd cruinn ’g a fheitheamh, agus iad air bhainidh gus fhaicinn an robh e air a leigheas o ’n luibhre. An uair a chunnaic iad gu robh e air a
[Vol . 5. No. 33. p. 3]
lan-leigheas, bha iad uile anabarrach aoibhneach.
Thainig Douban, an lighiche, a steach far an robh iad uile cruinn, agus chrom e sios gu h-iriosal fa chomhair na righ-chathrach. An uair a chunnaic an righ e, thug e air suidhe air cathair ri ’thaobh, agus mhol e e mar a b’ airidh e air. Thug e air mar an ceudna biadh a ghabhail maille ris fhein agus ri ard-mhaithean na rioghachd.
Cha b’ e mhain gu ’n do chuir an righ de dh’ urram air Douban (ars’ an t-iasgair ris an fhathach) gu ’n tug e air suidhe aig an aon bhord ris fhein, ach an am do na h-ard-uaislean a bhith falbh dhachaidh anamoch feasgar, thug e air aon de ’n luchd-frithealaidh deise bhriagha a chuir air Douban, mar a bha air ard-uaislean na cuirte. A bharrachd air sin, thug e dha da mhile bonn oir. O’n a bha an righ a’ smaointean nach b’ urrainn da caoimhneas gu leor a nochdadh do ’n lighiche, bha e o latha gu latha ’nochdadh caoimhneas ur dha.
(Ri leantuinn.)
Na Marbhrannan.
Ma dh’ fhaodte nach ’eil buaidh eile ri fhaotainn ann an litreachas ar sluaigh anns an rioghachd so cho comharraichte ris a’ mheas agus ris an tlachd a nochd ar daoine anns gach linn d’ an eachdraidh do ’n àm a dh’ fhalbh. Gheibh sinn an Gaidheal, ’n ar latha fein, a’ caoidh cor a luchd-duthcha, —a’ leudachadh air am bochdainn, air an aineolas, air an aingidheachd; agus a’ cur ’n ar cuimhne treuntas, gliocas, ’us ionracas ar n-aithrichean. Bha ’n gearan ceudna aig ar n-aithrichean. Agus ma bheir sinn geill d’ ar seanachaidhean agus d’ ar baird, b’ ionann éubh do gach ginealach a chaidh thairis o’n a tha seanachas ’us bardachd againn. Gheibhear a bheag no mhor de ’n teagasg cheudna am measg gach sluaigh; ach buinidh a’ bhuaidh so ann an doigh ro shonruichte do na Gaidheil. O là gu là, agus o bhliadhna gu bliadhna, agus gu sonruichte ’n ar latha fein, tha comhfhurtachd agus sonas an duine a’ meudachadh. Tha ar n-eolas air feum an duine ’dol am farsuingeachd. Tha na ficheadan agus na miltean doigh ’g am faotainn a mach gach là air son an talaimh so agus na laghannan a tha riaghladh ann a chiosnachadh a chum feum an duine. Agus ged, ma dh’ fhaodte, a gheibhteadh ann an eachdraidh an t-saoghail linntean anns an do shaoithrich daoine bu chomasaiche, araon ann an corp agus ann an inntinn, na ’n linn anns a’ bheil ar crannchur-ne, tha e gun teagamh fior nach robh àm riamh air a’ bheil cunntas againn cho torach anns cho soirbheachail airson a bhi tiunndadh eolais ’us gliocais gu bhi meudachadh sonais a’ chinne-dhaonna. Cha robh riamh ann an eachdraidh Bhreatuinn a leithid de èud air a nochdadh le’r comharlaichean agus le’r riaghailtearan a chum laghannan agus riaghailtean a chur air bonn airson meadhonan sonais a chur fa chomhair an luchd-aiteachaidh. ’N ar biadh agus ’n ar eudach, ’n ar tighean, ’n ar suidhe agus n ar luidhe, tha sinn fada, fada na ’s comhfhurtachaile na bha riamh ar n-aithrichean. Ach cha ’n e mhain so. Tha cothrom air toilinntinn a mhealtuinn aig ar n-obair le ealaidhean ùra, agus as deigh obair an là bhi seachad le paipearan-naigheachd, le leabhraichean, agus leis gach goireas do-aireimh eile air nach cuala ar n-aithrichean iomradh. Maighstirean-sgoile, ministeirean, ’us lighichean gach là a’ dol an lionmhoiread, agus, gu bhi ’g an gabhail thar cheann, nach faod mi radh, gach là a’ dol am feabhas. Comas gluasaid o sgireachd gu sgireachd—o rioghachd gu rioghachd—agus o dhuthaich gu duthaich nach cualas riamh a leithid; comas-conaltraidh a ghleidheadh r’ar cairdean ann an duthchannaibh céin nach creideadh ar seanairean gu ’m biodh e comasach. Cha ’n fhocal mòr a’ radh gu bheil barrachd cothrom aig a’ chroiteir agus aig an iasgair anns an àite is iomallaiche de ’n Ghaidhealtachd air ruigheachd air tuillidh de na meadhonan a ni a’ bheatha aimsireil socrach agus taitneach na bha aig an uachdaran ceud bliadhna roimhe so. Co-dhiu tha no nach ’eil an t-iasgair agus an croiteir a’ deanamh an fheum is fearr de na cothroman a tha aca, no a deanamh stri chumhaidh gu bhi ruigheachd air na goireasan a tha ’m fad na laimhe dhoibh, cha bhi mi an traths’ a’ feoraich.
Ach ma leughas sinn ar paipeirean-naigheachd Gaidhealach, nach ann a shaoileas sinn gur e ’n t-atharrach a tha fior. An aite bhi creidsinn gu bheil cor an duine anns an t-saoghal so, no co-dhiu cor nan Gaidheal, a’ dol am feabhas, nach ann a bheir ar luchd-teagaisg oirnn a chreidsinn gu bheil e gach là a’ dol am miosad. An aite a bhi creidsinn leis a’ chorr de ’n t-saoghal gu bheil “Linn an aigh” air thoiseach oirnn, mur ’eil i cheana againn; nach ann a tha e air iarraidh oirnne bhi creidsinn leis na seann Romanaich gu bheil i seachad o chian nan cian, agus nach till i gus an till Mac-Cruimein. Nach ann a tha chuis mar gu ’m biodh an corr de ’n t-saoghal o chionn iomadh ceud bliadhna a’ cur car deiseal dheth; Gaidhealtachd na h-Alba a mhain a’ cur car tuathal dh’i. Tha e gun teagamh fior gu ’m faighear ar sluagh anns gach linn d’ ar n-eachdraidh a’ caineadh cor an latha fein; a’ monbhur agus a’ gearan air cuisean mar tha iad; a’ moladh cuisean mar bha iad; a’ caoidh na tim a chaidh seachad; agus tosdach mar gu ’m biodh iad caoin-shuarach mu ’n tìm a tha ri teachd.
Dearbhaidh focail ar canain gu bheil am feart so dligheach d’ ar sluagh. Fhuair mi cho maith ri leth-cheud focal anns a’ Ghaidhlig a’ toiseachadh leis an fhocal Sean. Cha ’n ’eil àite eile anns an d’ fhuair an Gnath-fhocal a leithid de urram agus de umhlachd ’s a fhuair e anns a’ Ghaidhealtachd. ’S e ainm Sean-fhocal; ach ’s e fhior chiall ’n ar measg-ne Glic-fhocal. A rìs, ’s e Seanachas ma dh’ fhaodte focal is fearr a tha againn airson eachdraidh agus is e Seanachaidh an aon fhocal airson fear-eachdraidh. Ri athair t-athar no do mhathar theirear ’s a’ Bheurla Athair-mor no Athair-greadhnach(Grand-father) ;their sinne Sean-athair(Old-father) ;ri athair a sheanar, their an Sasunnach Athair-mor-mor(Great-grand-father) ;their an Gaidheal Seann-sean-athair(Old-old-father) .Ri d’ aithrichean o chéin, their thu do Shinnsearachd; ri aon a gheibhear ’n a òige a’ cleachdadh cainnt ’us giulain an aosda theirear Seana-cheann; agus ri talamh a tha bliadhnachan gun àiteach their sinn Seann-talamh. Dh’ fhaodte na h-eisempleirean so a leantuinn ro fhada. A rìs cha ’n e mhain guu abair sinn “An t-urram do ’n aois,” agus gun toir sinn geill do ’n aithne chubhaidh sin; ach gheibh beachd ’n ar measg moran barrachd geill na’s airidh e, ma dh’ fhaodte, airson a luach no fhìrinn ma chuireas tu leis: “Mar thuirt an sean’ar e.”
Ann an dlù-cheangal ris a’ bhuaidh a dh’ ainmich mi, tha feart eile a tha ro-chomharraichte ’n ar litreachas— ’s e sin cho cianail, mhuladach ’s a tha roinn mhor dh’i. Bhiodh e duilich a radh co-dhiu is e bhi ’n comhnuidh ag amharc ’n ar deigh a thug an car smalanach so d’ ar n-inntinn, no co-dhiu is e gu bheil ar n-inntinn smalanach a dh’ fhag sinn cho teom air a bhi sealltainn cho tric air ar n-ais; ach tha co-cheangal dlù aig an dà bhuaidh ri cheile. Cha ’n ’eil coigreach a rinn a’ bheag no mhor de bheachdachadh air a’ bhardachd Ghaidhealaich nach d’ thug an aire do ’n bhuaidh so. Cha ’n ’eil neach aig nach ’eil cuimhne air àite ’us àite anns an do labhair Sir Walter Scott air a’ bhuaidh so ’n ar bardachd agus an comhnuidh le cliù. Thug Byron leis ’n a fhuil bhuaireasaich fein moran de ’n fheart cheudna agus chithear e briseadh a mach ’na rann gu ro thric. Tha cuid de na dàin is binne agus is miaghaile a sgriobh Campbell—Lord Ullin’s DaughteragusLochiel ’s Warning—a’ gleidheadh air chuimhne a’ bheachd a ghabh esan air inntinn ar sluaigh.
Dh’ fhaodte aobhar no dhà fhaotainn airson gu ’m biodh Gaidheil na h-Alba dubhach, smalanach ’n an inntinn. Is rian so, ma dh’ fhaodte, a tha dual dhuinn mar chinneadh, ged nach ’eil mi fein a’ creidsinn gu ’m faighear dearbhadh cubhaidh air a’ chuis. Tha sinn o chionn iomadh ceud bliadhna air an taobh lag anns an rioghachd agus cha ’n ’eil teagamh nach aobhar so a ghleidheadh na buaidh beò. Tha fios againn gur ann an uair a bha Gaidheil Wales ri stri chruaidh an aghaidh cumhachd nan Sasunnach a dh’ eirich na baird ’n a lan neart a bhrosnuchadh an t-sluaigh; agus cha ’n ’eil feart anns a’ bheil bardachd chliuiteach nan daoine tréuna sin cho comharraichte ris an éubh thiamhaidh, ghoirt leis a’ bheil am bard a’ dusgadh gaisge a shluaigh ’s a’ guidhe dioghaltais air a
(Air a leantuinn air taobh 254.)
[Vol . 5. No. 33. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ‘Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton
SIDNI, FEBRUARAIDH 20, 1897.
Chualas o chionn treis a dh’ ùine iomradh air ceannairc a bhi dol air adhart ann an Crete. Tha an t-eilean so faisg air a’ Ghreig, agus tha e fo riaghladh na Tuirce ged is Greugaich a’ mhor-chuid de ’n luchd-aiteachaidh. O chionn ghoirid tha cùisean a’ sior fhàs na ’s miosa air an eilean; tha ’n sluagh, a reir gach coltais a’ cur rompa cuing na Tuirce a thilgeadh dhiubh air a h-uile cor, agus tha ’n Tuirc a’ cur roimpe nach leig i leotha sin a dheanamh. Tha a’ Ghréig air taobh nan Creteach, rud a tha nàdurra gu leòr, agus tha i air son arm na Tuirce a chur bhar an eilein a dheòin no dh’ aindeoin. Chuireadh buidheann de shaighdearan Greugach air tir ann an Crete deireadh na seachdain s’a chaidh, agus ghabh iad seilbh air an eilean, ’s an sluagh a deanamh am beatha le mor ghàirdeachas. Ma leigear leis a Ghréig, cha ’n fhada gus am feum na Turcaich an t-eilean fhàgail, ach ’si bharail choitchionn nach leig na rioghachdan mora leatha idir, ach gu feum i a cuid airm a ghairm dhachaidh, agus Crete fhàgail aig an Tuirc mar a bha e roimhe. Ach tha dòchas mor aig cuid nach ann mar sin a ni iad, ach gu ’m bi na Creteich air an saoradh o chuing na Tuirce, agus gu ’m bi iad an deigh so fo uachdaranachd na Gréige. Tha sinn an dòchas gur ann mar so a bhitheas; tha e dona gu leòr do na rioghachdan a bhi leigeil an t-Sultain as gun pheanas air son sgrios nan Armenianach, gun a bhi ’ga dhion o na rioghachdan beaga nuair a tha iad ag iarraidh a chronachadh air son a dhroch dheanadais.
Tha cùisean ann an Cuba car mar a bha iad o chionn treis a dh’ ùine. A reir coltais, tha na Spàinntich a’ fàs sgith dhe ’n cheannairc, agus air an dòchas gu ’n gabh cur as di, a chall. Tha an Spàinn a nise ’tairgse tomhas de fhéin-riaghladh do Chuba ma bheir na ceannaircich suas, agus ma sguireas iad dhe ’n chogadh. Cha ’n eil e ro-choltach gu ’n gabh na Cubaich ris an tairgse sin, oir cha ’n eil, a reir am barail-san, faisg gu leòr air a ghealltuinn dhaibh, agus ’s e ’s dòcha gu bheil iad car teagmhach a thaobh co-dhiu a bhitheas eadhon am beagan a tha air a ghealltuinn, air a choilionadh. ’S e ’s coltaiche, ma tha barail aig na Cubaich gu ’n teid ac’, air a’ cheann m’a dheireadh, air an làmh-an-uachdar fhaotainn air na Spàinntich, gur fhearr leotha leantuinn rompa agus an saorsa chosnadh uapa le faobhar a’ chlaidheimh na dhol fo chuing na daorsa dhaibh a rithist. Tha fhios gle mhath aca nach d’ thug dad orra an tairgs’ ud a thoirt dhaibh ach an t-eagal gu ’n caill iad an t-eilean gu buileach.
Tha an sgriobhadair ainmeil sin, “Ian Maclaren,” an deigh cuairt a chur air na Staitean, ag ràdh nach eil eadar-dhealachadh mor sam bith anns an dòigh a th’ aig sluagh nan Stàitean agus sluagh Bhreatuinn air tigh’nn beò. Ach tha e moran na’s daoire a bhi anns na Stàitean na tha e bhi ann am Breatunn; tha pris gach ni na’s àirde, mur eil biadh a mhàin. Tha e dhe’n bharail gu’m biodh duine suas ann an Lunnain air da cheud deug punnd ’sa bhliadhna a cheart cho math ’sa bhiodh e ann an New York air tri mile punnd.
Tha Parlamaid Nobha Scotia gu laidir an aghaidh còir bhòtaidh a thoirt do na boirionnaich. Tha ’Phàrlamaid Bhreatunnach air an làimh eile, a reir gach coltais, a dol a thoirt na còir sin dhaibh; agus tha moran de shluagh na dùthcha so leis ’m bu toil fhaotainn a mach le cinnt co a’s dòcha bhi ceart, Parlamaid mhor Bhreatuinn no a’ Phàrlamaid bheag againn fhéin?
Ann amMoncton , N. B. ,oidhche Di-ciaduin, bha dithis nighean a deanamh deiseil gu dhol gu bàl dannsa; thuit lampa a bh’ aca agus chuir i teine ri ’n cuid aodaich. Bha iad air an losgadh gu dona le chéile, agus mar an ceudna am màthair, a chaidh g’ an sàbhaladh.
Cosguis an Teaghlaich Rioghail.
Tha teaghlach rioghail Bhreatuinn a cosg do’n dùthaich mu shia ceud mile punnd Sasunnach ’sa bhliadhna, mu thri muillein dolair ’san airgead againne, ach tha cuid a’ deanamh mach gu bheil iad, air aon dòigh no dòigh eile, a’ cosg a dha uiread sin. Ach ged a bhiodh an teaghlach rioghail a’ cosg muillein punnd Sasunnach ’sa bhliadhna, tha ochd muilleinnean deug air fhichead sluaigh anns na h-Eileanan Breatunnach, agus ma theid an t-suim sin a roinn eatorra, cha bhi aca ri phàigheadh thar a chéile ach seachd sgillinn. Sin na ghleidheadh iad air cur as do’n teaghlach rioghail, agus faodar a cheist a chur, an gleidheadh iad sin fhéin? Ma tha iad a’ smaoineachadh gu’n gleidheadh, amhairceadh iad air dùthchannan eile, mar a tha na Stàitean Aonaichte, aig nach eil righ, no ban-righ, no teaghlach rioghail, agus chi iad gu bheil e, mar is trice, cheart cho cosgail ceann-suidhe a thaghadh uair ’s na ceithir bliadhna ’sa tha e righ no banrigh a chumail suas.
STOR UR TAILLEARACHD,
Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.
Theid sinn an urras air an obair.
MacCoinnich & Co.
Sidni, C. B.
F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn.
Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.
Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air.
Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.
Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c , &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.
THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin.
Tha Factoriah Eureka air aon de ’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.
Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.
Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitche’s Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh, Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.
[Vol . 5. No. 33. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Bha teine mor ann an Toronto Di-màirt. Chaidh tigh-ceannachd a b’ fhiach tri fichead us deich mile dolair a losgadh.
Chaidh dithis bhoirionnach a ghlacadh ann an stòr am Boston ’s iad a’ goid bathair air a mheadhon-latha, toiseach na seachdain so. Bha fiach ceud us ceithir dolair de bhathar air an siubhal aig an àm.
Tha meirleach ann an stàit Illinois an deigh ceud bliadhna dhe ’n phriosan fhaotainn mar dhuais air son a dhroch-bheairt, agus tha ’m fear-lagh’ aige nise a deanamh a mach gur h-e thapadh-san bu choireach nach d’ fhuair an duine boch am priosan ri ’bheò.
Tha na faoillich a nise seachad, agus bha iad gle bhriagha fhad ’sa mhair iad. Cha robh a leithid de shide bhriagha anns an dùthaich o chionn treis a bhliadhnaichean. ’S e duine tha gle dhoirbh a thoileachadh a ghearaineadh air an t-side bh’ ann o’n thainig an geamhradh.
Mu ’n do sguireadh a dh’ obair ann a mèinn Springhill, bha aona ceud deug duine a faotainn cosnaidh. Fhad ’sa bha i na tàmh bha a mhor chuid dhiubh sin anns a’ choille, a’ gearradh connaidh gus teine a chumail riutha fhéin. Tha iad a nise ’g obair anns a mhèinn aon uair eile.
Bidh rathad-iaruinn Newfoundland, eadar baile St. John’s agus Port an Basque, air taobh an iar an eilein, air fhosgladh a’s t-samhradh s’a tighinn. Bidh soitheach-smùide a ruith eadar Port an Basque agus Sidni Tuath tri uairean ’san t-seachdain aon uair ’s gu ’m bi an rathad ullamh.
Tha duine ann am Baile-Shearlot, E. P. I., an deigh fear eile chur ’san lagh air son sgiorradh a dh’ éirich dha air rothair. Dh’ fhastaidh e an rothair bho ’n fhear eile, agus ghoirtich e e-fhein leis. Tha e nise deanamh a mach nach robh an rothair ann an ordugh ceart, agus tha e air son da mhile dolair a thoirt bhar an fhir eile air son mar a dh’ éirich dha.
Air a cheathramh latha dhe ’n Mhàrt bidh Mc-Kinley, ceann-suidhe ùr nan Stàitean air a chur do ’n dreuchd, agus bidh Cleveland ’ga fàgail. Thatar ag radh gu bheil Cleveland gan dàil a’ falbh gus cuairt a chur air an t-saoghal. Ni e an turus air a shocair, cha ’n ann air sgàth ainm a dheanamh dha fhein mar fhear-siubhail, ach air sgàth toil-inntinn agus slàinte.
Cha robh roimhe so àite ann an Canada no anns na Stàitean anns am faodadh daoine dhol a shabaid air son duais, gun a lagh a chur bacadh orra, ach cha ’n eil a’ chùis mar sin na ’s fhaide. Tha stàit Nevada an deigh an obair bhrùideil sin a dheanamh laghail, agus faodaidh iad, ma thogras iad, na h-eanchainnean a chur as a chéile, aon uair ’s gu ’m pàigh iad air son a’ chead.
Tha fear de phaipearan Shelburne ag innse gu ’n deachaidh ceud gu leth moose a mharbhadh anns an t-siorrachd sin o’n thainig an geamhradh. A reir coltais tha na beathaichean sin a’ fàs gu math lionmhor o’n fhuair iad an lagh air an taobh, agus bu chòir do luchd-ceartais anns gach cearna de ’n mhor-roinn fhaicinn nach eil an lagh sin air a bhristeadh; bu mhor an call na ’n cuirte as do na h-ainmhidhean sin gu buileach.
Chaidh pàirt de thigh na pàrlamaid ann an Ottawa ’na theine a sheachdain gus an de, ach cha d’ fhuair e air adhart air dòigh ’s gun d’ rinn e call ro-mhor. Tha an call a rinneadh leis air a mheas aig ceud gu leth mile dolair, ach cosgaidh e mu cheud mile eile an togalach a chur na àite fhéin a rithist. Bha droch mhullach air a chuid sin dhe ’n tigh, agus ’se sin bu choireach ris an teine.
Tha ’n la grippe air tigh’n mu ’n cuairt aon uair eile. Tha gu leòr tinn leis air an eilean so, agus tha e moran na ’s miosa an Cuibeic ’s an Ontario na tha e anns na mor-roinnean iseal.
Chaidh bill a thoirt fa chomhair pàrlamaid na mor-roinne a sheachdain gus an dé, air son còir bhòtadh a thoirt do na boirionnaich, ach aig an darra leughadh chaidh cur as da. Bha tri air fhichead na aghaidh agus cha robh ach a sia air a thaobh.
Tha da shoitheach-smùide, an Newfoundland, agus a’ Harlaw, a’ fàgail Halifax air an t-seachdain s’a tighinn gus a dhol a ghlacadh ròn anns a’ Ghulf. Tha an deigh mhor gu math tiugh, agus tha eagal orra nach bi na ròin mar sin gle shoirbh an glacadh.
Tha Canada cheana ’n deigh leth-cheud mile dolair a chur cruinn air son cuideachadh le luchd na gorta anns na h-Innsean, agus o nach eil ach ùine ghoirid o’n thoisicheadh air an airgead a chur cruinn, ’s e ’s dòcha gu ’m bi dha no thri uiread sin air a chur cruinn mu ’n stad iad.
Tha baile Charlottetown an deigh an“curfew”a thoirt a stigh. Aig ochd uairean a h-uile h-oidhche tha clag ’ga bhualadh, agus an uair sin tha aig gach aon nach eil os cionn coig bliadhn’ deug a dh’ aois ri bhi fo dhruim nan taighean. Chaidh an lagh ùr so a chur an gniomh a cheud uair a sheachdain gus an Di-màirt s’a chaidh.
Chaochail Tearlach W. Brooke, aon de na fir-lagha b’ ainmeile bha ’s na Stàitean, ann an New York air an t-seachdain s’a chaidh, agus an deigh a bhàis fhuaireadh a mach gu robh tri bantraichean tùrsach ’na dheigh. Tha iad uile fuireach an taobh a stigh de leth-cheud mile bho chéile, agus thatar ag radh nach abair té seach té dhiubh droch fhacal mu ’n fhear nach maireann.
Tha ’n strike ann an Springhill seachad; thainig na daoine agus na maighstirean gu còrdadh Diluain s’a chaidh an deigh do ’n mhèinn a bhi ’na tàmh fad choig seachdainean. Tha sinn an dòchas gu ’n do chuir sin crioch air a’ ghnothuch, agus nach tachair a leithid ’sa mhèinn sin re iomadh bliadhna ri tighinn, oir cha ’n eil na h-aimhreitean ud, mar a’s trice, ’nam buannachd do thaobh seach taobh.
Bho ’n thainig achd nan drochaidean gu bhi ’na lagh, chaidh gle fhaisg air muillean gu leth dolair ( $1 ,457,361.21) a chosg air drochaidean ann am mor-roinn Nobha Scotia. Chaidh $334 ,271.07 dhe sin a chosg air an eilean so, mar a leanas: —Ann a siorrachd Inbhirnis, $102 ,383,96; ann an siorrachd Victoria, $68 ,784.25; ann an siorrachd Cheap Breatunn, $132 ,115.78; agus ann an siorrachd Richmond, $30 ,978.18.
Chaidh fear do ’m b’ ainm Uilleam Dixon, balbhan, a mharbhadh leis a charbab-iaruinn Di-màirt s’a chaidh, faisg air Dorchester, N. B., aig a cheart àite ’san deach an carbad bhar an rathia do chionn da sheachdain air ais. Bha e coiseachd air an rathad, cha b’ urrainn da fuaim a charbaid a chluinntinn, agus le car a bhi anns an rathad, cha ’n fhacas e gus an robh e tuilleadh us anmoch. Bha e air a mharbhadh air ball. Bha e leth-cheud bliadhna dh’ aois, agus cha robh e pòsd’ idir.
Tha eaglais ùr nam Forks ri bhi air a fosgladh a sheachdain gus am màireach. Searmonaichidh an t-Urr. Mr. Forbes innte ’sa mhaduinn aig aon uair deug, am Beurla ’s an Gàilig, agus an t-Urr Mr. Mac Raing aig tri uairean feasgar. Bidh tional airgeid air a thogail aig gach seirbhis. Tha sinn a tuigsinn gu bheil an eaglais mar tha faisg air a bhi saor o fhiachan, agus tha sinn an dochas gu ’m bi an tional a nithear aìg a fosgladh cho mor ’s gu’m bi iad comasach air a pàigheadh gu h-iomlan.
C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
THA D. J. Domhnullach air son rùm a dheanamh do bhathar an earraich, agus tha e ’creic na th’ aige de bhathar geamhraidh gle shaor. Reicidh e ni sam bith a tha ’san stor, ach a mhain brogan, 20 p. c. na’s isle na bha iad roimhe so. Rud air am pàigheadh tu $1 .00 roimhe so, cha chosg e dhut an drasda ach 80c. Cha mhair so ach mios. Thig trath agus faigh bargan.
NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B,
Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha.
[Vol . 5. No. 33. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 251.)
naimhdean. Ach air an laimh eile gheibhear a’ bhuaidh cheudna ann am bardachd ghreadhnaich Oisein an uair a tha chairdean an uachdar a cheart cho neartmhor ’s a gheibhear i ann an orain loisgeach Mhic-Mhaighstir-Alastair ás deigh Chuilfhodair. Tha mi meas gu ’m faighear an roinn is mo de ’n aobhar, ann an Gaidhealtachd na h-Alba co-dhiu, airson an spioraid smalanaich a tha riaghladh ar bardachd ann an gnè na tìre anns a’ bheil ar crannchur. Tha ar n-inntinn a’ tarruing a dreach o ghnè na tìre anns a’ bheil i fas ann an tomhas moran na’s mo na tha sinn ullamh gu bhi creidsinn no idir a’ cuimhneachadh. Ghineadh an t-samchair shiorruidh a tha ’n cois ar beanntan àrda, ar glinn uaigneach, ar monaidhean sgìth, ar coilltean dorcha, spiorad soluimte, iriosal anns an neach is luaimniche inntinn. Cha ’n ’eil mi meas gu bheil e comasach do neach oige a chur seachad an taice cuan mor na h-Aird-an-Iar gun gaoir a’ chladaich a bhi tric ’n a chluais, agus gun buille trom, tiamhaidh na tuinne air a’ chraig no air an traigh a bhi air a dheachdadh air eanachainn mar le iarunn dearg. A thuillidh air so tha an tìr bochd, neo-thorach, agus chuidicheadh an strì chruaidh a bha ’s a tha aig an t-sluagh gu bhi solair loin d’ an teaghlaichean inntinn iriosal, striochdta a ghinntinn annta, an uair a chruaidhich an stri so féin cnamhan ’s a righnich i feithean an cuirp. Tha ’n Sgriobtur ag innseadh dhuinn an uair a “dh’ fhas Iesùrun reamhar gu ’n do bhreab e”; agus ged nach abair neach nach ’eil sinne deas gu leoir gu breabadh, cha ’n ’eil teagamh agam na ’m bitheamaid na bu raimhre, nach breabamaid na bu trice.
Ach cia air bith an t aobhar cha ’n ’eil teagamh nach ann dubnach, cianail, muladach a tha a chuid is mo d’ ar litreachas, agus nach ann mar is mo a gheibh sinn de’n fheart so is toilichte bhitheas sinn. Na ’m biodh a’ chleachduin againne a bha aig na Greugaich agus aig na Romanaich o shean, a bhi toirt ainm ’us dreach ’us eideadh do spiorad na bardachd ’n ar measg, saoilidh mi gu ’n cuireamaid a’ cheolraidh Ghaidhealach ann an riochd bantraich, air a sgeudachadh ann an culaidh-bhroin, a’ caitheadh a mhor chuid d’ a saoghal a’ tuireadh aig uaigh a fir, ’s a’ chorr d’a tìm a’ seinn crònan tiamhaidh ’n a dachaidh fhuair, —a nis ’s a rìs fiamh a’ ghaire a’ togail air a gnuis mhaisich an uair a chuimhnicheas i air laithean a h-oige ’s a sunnd, an uair a bha fear a graidh maille rithe, ’s a bha iad làmh air laimh a’ siubhal roimh choilltean dosrach ’s roimh ghlinn uaigneach an duthcha fein gun smuain air bròn, air trioblaid, no air bàs.
Ach ged a tha ar bardachd thar cheann comharraichte airson na spioraid mhùchte, bhronaich a dh’ ainmich mi, tha na “Cumhachan” no na “Marbhrannan”— ’s e sin na dàin a rinneadh a ghleidheadh air chuimhne cliù no mi-chliu a chuid sin de ’n t-sluagh a mheas na bàird airidh air rann, —tha a’ mheur so d’ ar bardachd toillteanach air cunntas air leth dh’i fein. Tha na marbhrannan, mar a dh’ earbamaid roimh laimh, lionmhor; ann am bharail-se, ro lionmhor. Ann a bhi sealtainn thairis air meur ’s am bith d’ ar bardachd, mar tha na laoidhean—na marbhrannan—na h-aoirean—na h-orain-ghaoil—agus gach buidheann eile d’ am faighteadh ainm freagarrach, cha ’n ’eil mi meas gu ’m faighear doigh is fearr na bhi roinn eachdraidh ar bardachd na tri earannan no linntean. ’Se sin:
I. An linn anns an abrar gu cumanta anns an do shaoithrich Oisean, Oran, Ullin, Fearghus Filidh, agus na seana bhaird sin. Cha’n ’eil mi ’g iarraidh an traths’ air neach a chreidsinn gu ’n do shaoithrich no gu ’n do rugadh na daoine sin. Ach tha bardachd againn a tha air a h-ainmeachadh orra. Gheibhear a’ bhardachd ann an “Oisean” Mhic-Mhuirich; ann an “Seann Dàna” Mhic-a- Ghobhainn; agus ann an “Leabhar-na-Feinne,” a chruinnich an Caimbeulach. Bu bhaird urramach a sgriobh a’ bhardachd so, cia b’e co iad; agus tha bhardachd a’ gabhail os laimh a bhi toirt cunntais air cleachduin ar sluaigh ann an linntibh céin. Cha ’n ’eil teagamh ’s am bith anns a’ chuis so; agus air son na bheil agam de ghnothuch rithe an traths’, cha dean e bheag de mhùthadh co-dhiu shniomh Mac Mhuirich ’us Mac-a- Ghobhainn “Oisean” as an cinn fein, no co-dhiu a sgriobh iad na chuala agus na chunnaic iad, air an doigh air an cuala agus air am faca iad e.
II. ’Si an dara linn, an tìm fhada, dhorcha a tha ruigheachd o’n linn Oiseinich, mar dh’ fheudas sinn a radh, gu ruig dlù air trì cheud bliadhna roimh so. Gheibhear ar fiosrachadh mu ’n linn so anns an leabhar luachmhor ris an abrar “Leabhar Deadhan Lis-mhoir,” a dh’ eadar-theangaich an t-Olla Mac-Lachluinn an Dun-eideann, le mor-shaothair agus le mor-fhoghlum, o chionn coig bliadhna deug air fhichead.
III. Tha ’n treas linn a’ toiseachadh le Mairi nighean Alastair Ruaidh dlù air tri cheud bliadhna roimhe so, agus a’ leantuinn a nuas g’ar latha fein. Gheibhear a mhor chuid de na tha nis a lathair de bhardachd na linne so ann an “Sar obair nam bard Gaidhealach” a chruinnich Iain Mac Coinnich o chionn da fhichead us sea-bliadhna-deug, agus ann an leabhraichean bardachd a chuireadh a mach o àm gu àm o chionn sea fichead bliadhna.
(Ri leantuinn.)
Cha lugha na mile eilean a tha timchioll air na h-eileanan Breatunnach, gun ghuth a thoirt air creagan agus cnapan beaga a tha ’g éiridh as a’ chuan.
Bhàsaich na miltean de chrodh ’s de chaoraich ’s na Staitean an Iar leis an fhuachd a bh’ ann deireadh a mhios s’a chaidh.
Gaidheil Ghlascho.
CEILIDH NAN GAIDHEAL.
Bha cuideachd mhor a’ chéilldh ann an Talla na h-Aithne air feasgar Di-sathuirne seo ’chaidh—Murchadh Màrtuinn, an ceannsuidhe anns a chathair.
Fhuaras òraid bho Dhùghall Mac Phàil, Rùnair na Céilidh, air “Turus a dh’ Uidhist.” Thug an t-òradaich cunntas tlachdmhor air na seòladairean mara ’us tire feadh a thuruis agus air na beachd-smuaintean a bha ’g éiridh na inntinn ri bhi a’ beachdachadh as ùr air fònn ’us cuan. Thug e fa bheachd na cleachdaidhean, sgeulachdan, agus beachdan a tha nis air an diùltadh leis an òigridh air an tàinig briseadh eòlais. Thug e mar aon shamhla beachdan shaobh-chràbhach mu ’n teine-thionnachain( “ignis fatnus” ), ri aghaidh soilleireachadh na h-eòlais. Thug Mr. Mac Phàil, aig crich na h-òraid, gniomh-dhearbhaidhean le innealan mhiotailte air mar dh’ fhaodadh an teine-thionnachain bhi air a dheanamh le uisge-ghineadair agus stubh shoillseachain (P. H., 3.) Labhair feadhainn de ’n chuideachd air an òraid, agus thugas taing chridheil do ’n òraidich. Air sin thilgeadh a’ Chéilidh fosgailt chum còmhraidh agus ceòlraidh.
Bha Raonailt Nis Dhòmhnuill aig an inneal-chiùil a’ cumail fuinn ris na bàird, oir b’e òrain tharmaicht a bha uile air an gabhail an oidhche seo. Dh’ aithris Niall Mac ’Illeathain, Bàrd na Céilidh, òran a rainn e air luchd-dreuchd na Céilìdh—ag ainmeachadh gach fir air leth. Fhuaras dà òran bho Uilleam Mac Phàil, aon air a’ Ghaidhlig, agus aon air “Céilidh nan Gàidheal.” Thug Seumas Mac ’Illeathain, Bàrd Chomuinn Chlainn ’Illeathain, a’ chiad òran gaoil a rinn e.
Dh’ ainmicheadh gur e Calum Domhnullach, o Dhun-breatunn, a bhitheas ’na òraidich aig a Chéilidh air Di-sathuirne seo ’tighinn (Ian. 30); agus labhraidh e air “Na Druidhean.”
CEILIDH COMUNN GAIDHEAL NA H-ARD SGOIL.
Choinnich luchd na Céilidh anns an àite ghnàthaichte air feasgar Dhi sathuirne so chaidh. Bha an t-Urramach Iain Mac Illeathain, ministeir eaglais Chaluim Chille, anns a’ chathair. B’ e Mr Donnachadh Mac Illiruaidh ceann-suidhe na Céilidh a b’ òraidiche an fheasgair so. Roghnaich e mar chuspair “An Gàidheal a Chànain agus a Litreachas.” Fhuair e na Gàidheil air tùs fada thall anns an àirde- ’n ear; agus lean e iad gu dichiollach am feadh ’s a bha iad a’ siubhal air an ais ’us air an aghaidh air feadh na Roinn-Eòrpa, ’nuair a bha iad aig sith. Shònraich e mach gun do dh’ fhuilinn iad mòr chruaidh-chàs, ged a bha iad gu tric an uachdar anns a’ chomh-stri gu’n robh iad cora-uair fodha. Shònraich e mar an ceudna nach d’ thug feachd uaibhreach na Ròimhe riamh fo chis na Gàidheil ged a bha an cumhachd na aobhar eagail do dhùthchannan eile. Thug e iomradh air an eòlas a
[Vol . 5. No. 33. p. 7]
bha aig Gaidheil na h-Alba agus aig Gaidheil Eirinn air an t-Soisgeul ’nuair a bha a mhorchuid de ’n Roinn-Eòrpa ann an dorchadas mu thimchioll na teachdaireachd aoibhinn so. Anns an àite mu dheireadh bhruidhinn Mr Mac Illertuidh air litreachas nan Gaidheal. Lean e leabhraichean Gàidhlig ann an òrdugh an clo-bhualaidh nuas bho Leabhar-urnuigh Iain Knox anns a bhliadhna 1567. Thubhaìrt e gu ’n robh fhathast moran do litreachas neo-chlo-bhuailte anns a’ Ghaidhealtachd, agus gu’n ròbh e an dòchas nach b’ fhada gus am bitheadh tuille leabhraichean ri fhaotainn anns an t-seann chànain. Chord an òraid ris a Chéilidh gu h-anabarrach, agus thugadh taing chridheil do ’n fhear-labhairt. Cha robh gainne air luchd-ciùil air Di-sathuirne. Air an fheasgar so gheibhear òraid air “Cuid de bhàird Lathurna” bho Mhr Iain Mac Caluim ullachadh airson ’s gun seinnear àireamh de dh’ òrain nam bàrd air an labhair e, am feadh a bhitheas e a’ liubhairt na h-òraide. —Highland News.
Sgeul Fear-imrich.
Tha còrr agus fichead bliadhna bho’n a dh’ fhag mi Albainn agus an dùthaich ghràdhach sin, airson saorsa dhomh fein agus do m’ chloinn o’n fhòirneart agus o’n ainiochd a bha sinn a fulang bho’n luchd-riaghlaidh bheag a bha mar spòg-chat fo làmh nan ard-uachdran. Bha m’ uachdran a ghnàth math agus truacanta ri thuathanaich, ach gu bitheanta bha fear togail a mhàil agus na cleirich bheag eile a bha air an cur leis-san os cion na tuath, ain-iochdmhor, fein-spéiseil, agus cruaidh-chridheach. Thainig bliadhnachan cràiteach le gainne teachd-an-tir air cuid mhor do Ghàidhealtachd agus E leanaibh na h-Alba. Bha min airson bhochd air a toirt do ’n sgìreachd, agus bha dithis chleireach air an òrduchadh a chum a roinn air na feumaich. Bha an t-àrd chleireach na spalpaire de dhuine uasal “beag,” moralach, agus fein-speiseil. Bha mo thigh falamh de lòn air Di-satharn; dh’ fhalbh mi le airgiod claiche-mine do’n stòr, agus labhair mi ris a’ chleireach a b’ isle mar so: “Tha airgiod claiche-mine agam agus ma bheir thu dhomh clach eile, thig mi leis an airgiod air an ath sheachdain.” Thubhairt e rium; dol a dh’ ionnsuidh an àrd-chleirich airson orduigh. Rinn mi mar a dh’ iarr e orm; chaidh mi do sheòmar an àrd-chleirich, agus dh’ innis mi dha mar a dh’ innis mi do’n chelireach bheag. Le mor ùghdaras fhreagair e, “ge do thairgeadh tu deich sgilleanan Sasunnach air a chloich-mhine, cha’n fhaigheadh tu i. Tha min thubhairt e aig (fear nach ainmich mi an so) gheibh thu ’n sin na’s àill leat. Thill mi do ’n stòr agus thug an cleireach beag luach an airgid dhomh. Dh’fhalbh mi dhachaidh leis a chloich-mhine, agus air dhomh imeachd mu thimchioll ceathramh a mhile, chuala mi àrd-ghlaodh, agus sheas mi a dh’ fhaicinn co bha glaodhaich; chunnaic mi an cleireach beag a tighinn le mor chabhaig am dhéigh; dh’ fheòraich mi “ciod a bha dhith air.” “Tha ’chlach mhine a dhith orra,” thubhairt e, “cha toir an t-àrd-chleireach gràinne mine dhutsa. Thug e geur òrdugh dhomh do leantuinn na ’m b’ eigin e ’chum do thighe agus a mhin a thoirt bhuat.” Thug mi mhin dha agus thug e dhomh an t-airgiod air ais. ’S e anmoch Di-sathurn a ’bh’ ann; bha mo bhean agus mo chlann gun lòn airson na Sàbaid. Bha mi ’n càs cruaidh, ach dh’ fhuasgail Dia orm, oir thachair caraid orm a thug clach mhine dhomh airson mo theaghlaich. Rinn spiorad saorsa greim air m’ aigne bho ’n la sin. Thubhairt mi rium fhein nach bithinn am thràill na’s mo agns shuidhich mi mo chridhe air teachd do Chanada bho ’n am sin. B’e sin gu cinnteach an gniomh a b’ fhearr a rinn no b’ urrainn na cleirich ud a dheanamh dhomhsa, mor bhuidheachas do Dhia airson a mhaitheas do-labhairt dhomh fhein agus do m’ chloinn. Tha ceud agus tri-fichead acair agam de fhearan saor; tha ceithir eich agus cuing dhamh agam, maille ri crodh, caoraich agus mucan agam agus seachd mairt bhainne, ’s cha’n ’eil mi falamh de dh’ airgiod, ’s tha mi saor bho ainfhiach. Thubhairt caraid eile rium, (a bha ’n còmhnaidh air a bhachd ghainmhich mu ’n d’ fhàg mi Albainn): tha ceithir mic agam an sealbh air fearann saor, le làn stoc, each, a’s dhamh, a’s chruidh, a’s chaorach; agus gheibhinn sia ceud dollar air m’ fhacal an diugh anns a bhaile.
NA BAIRD GHAIDHEALACH. —Cuirear an leabhar so gu duine sam bith a chuireas air ’adhart 35c., no tri airson dolair.
CARADH
Uaireadairean.
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t-seann Laraich.
Baddeck , C. B.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar uthcha tha ’nar beachd
D. A. Mac FHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.
Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .,
SIDNI, C. B.
“Eagle Parlor” Matches
Tha iad gle mheasail air smocairean, agus aig mnathan-taighe.
Tha iad gle thaitneach ri ’n ùisneachadh oir cha’n eil faileadh dhuibh idir.
THE E. B. EDDY Co LIMITED
HULL, MONTREAL, TORONTO.
[Vol . 5. No. 33. p. 8]
An t-Eilean Sgiathanach.
LE FEARGHAS MAC FHEARGHUIS, GRIANAIG.
Tha m’ inntinn trom ’s ro airsnealach
’S cha’n annasach dhomh bròn
Le smùid us stùr a’ bhaile so,
’S gun ach a’ chlach fo ’m bròig;
’S an oidhche bi mi ’m fhaireachadh,
Le beachdachadh dha ’n dòigh,
’S cha dualach cadal maduinn dhomh
Le glacadaich nan òrd,
Thoir soraidh bhuam ’s na diochuimhnich
Mu thriallas thu gun dàil
’Null do ’n eilean Sgiathanach,
Mu ’n cuairt da ’n iadh an sàil’,
’S na faighinn mar bu mhiannach leam,
B’e m’ iarrtus fein o’n àird’,
Ri Conain a bhi criochaireachd
Gu ’n d’ theid mo ghrian a bhàn.
Shiubhail mi na tri rioghachdan
’Us bha mi ’n tirean céin
’S e eilean leam is inntinich
A chi mi fein o’n ghréin,
’S ’a h-uile pòr a cinntinn ann
’S gach nith ni ’dhuine feum,
Is ann a bha mo shinnsearan
Feadh iomadh linn gun ’éis.
Siod an t-eilean àrdanach
’S an deacha m’ àrach òg,
Le mùirn ri glùn mo phàrantan,
’Us bàigh nach gabh dhomh clò,
Ach ’s ann tha ’n diugh an fhàrdaich ud
Na fàsach ’s i gun cheò,
’Us mise falbh na m’ anrachan
’S gach àit’ air son mo lòin.
B’ òg ann a bha mi croitearachd,
Ma uchdanan nan àird,
Le na h-òighean luinneagach,
Bu cuireidiche gnàs.
’S gun ghò gun lochd aon duine againn
Ach ullamh gu ceòl gàir’,
A falbh an cois na tuinne dhuinn
’S a cluich mu ’n “Chana Bhàn.”
’Nuair ’bhiodh a’ fhoghar sàbhailt’,
’S a bhiodh am bàrr ’o dhion,
’Sa h-uile ni cho goireasach,
’S gach lochan làn do dh’ iasg,
Na h-iasgairean gu ’m bàtaichean,
’S gach bean ri stath cho dionn,
’Us gairm an eòin gu maduinneach,
’Toirt caismeachd dhaibh gu gniomh.
Nuair ’bhiodh na linn ’s na h-acraichean
’S gach acfhuinn aca air bòrd,
Sa h-uile fear cho cabhagach,
A lasachadh nan ròp’,
Cho aontaicheal na ’m breithnachadh,
’S neo mhearachdach na ’n dòigh,
’S b òg a bha mi ’beachdachadh
Le aiteas air na seòid.
Siod na laoich tha cunachdail
’S gun uireusuidh na’n snuadh,
Mar leòghann chaill a cuileanan
’S gun choimeas dhaibh an cruas,
Gun fhiamh gun sgàth ro fhrais orra
Ged a bhagradh i le gruaim
’Stri ri co bu toisiche,
’S iad togarrach gu cuan.
’Nuair ligeadh iad gu siubhal iad
’Sa h-uile rud na àit’
Bu bhoidhche iad na na luinneas leam,
’N àm togail dhaibh on àird’
Le “crew” nach meataich udbhoil iad
’S tha fulannach gun sgàth,
’S cha ’n ’eòl dhomh de na chunna’ mi
Cho cumachdail air sàl’.
’S bhon ’tha mo chiabh air tanachadh,
’S air gealadh air mo cheann,
’S e their iad rium gur h-aimeadas
’N uair theannas mi ri rann,
Ach fhad ’sa chithear talamh leam,
’S bhios anail ann am chom,
Cha sgithich mi bhi ’g aithais dhaibh
Mu ’n eilean ud le fonn.
Tha Tigh’n Fodham Eiridh.
LUINNEAG.
Tha tigh’n fodham, fodham, fodham,
Tha tigh’n fodham, fodham, fodham,
Tha tigh’n fodham, fodham, fodham,
Tha tigh’n fodham éiridh.
Sid an t-slàinte chùramach;
Olamaid gu sunndach i;
Deoch slàint’ an Ailein Mhùideartaich,—
Mo dhùrachd dhuit gun éirich!
Ged a bhiodh tu fada uam,
Dh’ éireadh sunnd ’us aignidh orm,
’Nu’r chluinninn sgéul a b’ aite lium
Air gaisgeach nan gniomh éuchdach.
’S ioma maidean bharrasach,
G’a math d’ an tig an earrasaid,
Eadar Baile Mhanaich agus
Caolus Bharraidh, ’n déigh ort.
Tha pàirt an Eilein Bheagram dhiubh,
’Us cuid ’s an Fhraing ’s ’san Eadailt dhiubh,
’S cha ’n eil latha teagaisg nach
Bi ’n Cille-Pheadair tréud dhiubh.
’Nu’r chruinnicheadh am banal ad,
Breid caol an càradh crannaig orra,
Fallus air am malaichean
A’ danns’ air ùrlar déile.
’Nu’r chiaradh air an fheasgar, gum bu
Bheadarach do fhleasgaichean,
Bhiodh pìoban mòr’ ’gan spreigeadh ann,
’Us feadanan ’gan gléusadh.
Sgiobair ri la gaillinn thu
A sheòladh cuan nam maranan,
A bheireadh long an calachan
Le spionnadh neart do thréun-fhear.
Sgeul beag eile dhearbhadh leat,
Gur sealgair sìthne ’n garbhlach thu,
Le d’ chuilbheir caol, nach dearmadach,
Air dearg-ghreigh nan ceann éatrom.
B’ e sid an leòmhan aigionnach,—
’Nu’r nochdadh tu do bhaidealan,
Lamh dhearg, ’us long, ’us bradanan,
’Nu’r ’lasadh meanmna ’d éudunn.
MAC DHUGHAILL ’IC LACHUINN.
POSAIDHEAN.
Anns a “Bhellevue House,” an Sidni, air an 11 mh latha dhe ’n mhios, leis an Urr. I, F, Forbes, Domhnull Uilleam Moireastan, St. Esperit, agus Flòiri D. Nic Cuinn, Framboise.
AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leigsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD.
Cuir a dh’ iarraidh sampuill, teisteannais us urrais.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia. —agus—127 State St., Boston, Mass.
NUAIR THEID THU ’BHADDECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram, Bathar Cruaidh
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile.
An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.
Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.
McDonald Hanrahan & Co,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;
title | Issue 33 |
internal date | 1897.0 |
display date | 1897 |
publication date | 1897 |
level | |
reference template | Mac-Talla V No. 33. %p |
parent text | Volume 5 |