[257]

[Vol . 5. No. 34. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, FEBRUARAIDH 27, 1897. No. 34.


Na Marbhrannan.

(Air a leantuinn.)

Feudar gabhail seachad ann am beagan fhocal air an dara linn a dhainmich mi. Chaneil ar fiosrachadh mu dheidhinn ach easbhuidheach. Mar dhainmich mi cheana, gheibhear aon chùnntas earbsach a tha againn mu Bhàrdachd na linne so anns an leabhar ris an abrar gu cumanta a nisLeabhar Deadhan Lis-mhoir.” Chaidh an leabhar a sgriobhadh o chlonn tri-cheud-gu-leth bliadhna leis an Ridire Seumas Mac Griogair, Deadhan Lis mhoir, agus le Donnachadh a bhràthairneach a bha e feinn a bhard, agusn a leth-sheirbheiseach, leth-chléireach da bhràthair, an Ridire,— ’n adhaor-òglach,” mar thuirt e fein: “Duncha Deyr oclych mcDowle uec opne Reywich,” no mar a sgriobhamaid a nis: “Donnachadh, daor-òglach, mac Dhughaill mhic Iain Riabhaich.” Ged is iomadh leabhar den t-seòrsa a cha dh a reir coltais a sgriobhadh o shean anns aGhàidhealtachd, chan eil a bheag dhiu a nis ri fhaotainn. Ach gu fortanach ghleidheadh am fear so sàbhailte, ged nacheil fhios ciamar. O chionn dlù air ceud bliadhna fhuair Comunn Gaidhealach Lunuinn seilbh air an leabhar. Thug an Comunn so seachad e do Chomunn Gàidhealach Albainn an uair a bha an Comunn arannsuchadh airson fianuis mu shaothair Oisein. Tha e nis, leis na chaidh de sheann leabhraichean den t-seòrsa a chruinneachadh, air a a ghleidheadh gu cùramach ann an Leabhar-lann an Luchd-tagraidh ann an Duneideann.

Dhath-sgriobh an sgoileir Gaidhlig ainmeil, Eobhan MacLachluinn nach maireann, an leabhar agus thug e cunntas seachad do Chomunn Gaidhealach Albainn mu thimchioll. Leughus dhath-sgriobus dheadar-theangaich an t-Olla Tomas MacLachluinn an leabhar o chionn cuig-bliadhna-deug. Chaidh a chuid mhor dheth a chlo-bhualadh anns a bhliadhna 1862 mar a sgriobh Mac Griogair e fein e, leis aGhàidhlig air a sgriobhadh ann an litrichadh ar latha-ne agus le sin a rìs air eadar-theangachadh don Bheurla, leis an Olla MacLachluinn. Sgriobh sgoileir Gàidhlig ainmeil eile, W. F. Skene, roimh-radh foghluimte don leabhar mu Eachdraidh agus mu litreachas nan Gàidheal o shean. Gheibhear an leabhar air a dheanamh suas mar so fon ainmThe Book of the Dean of Lismoreanns gach bùth leabhraichean.

Bu shaothair chruaidh an leabhar a leughadh agus eadar-theangachadh. Fhuair agus thoill an t-Olla MacLachluinn cliù mor air son na saoithreach so. Tha cuid den phaipeir air caitheadh air chor agus nach urrainnear an sgriobhadh a leughadh. A ris chaneil an lamh sgriobhaidh idir cho cumachdail agus a gheibhear gu tric ann an seann sgriobhaidhean. A thuilleadh air so, cha do ghnàthaich MacGriogair am modh-litreachaidh no eadhon na litrichean anns an robh aGhàidhlig air a sgriobhadhn a linn. ’N ar seann sgriobhaidhean is e litrichean agus modh-litreachaidh nan Eirionnach a chleachd ar luchd-dùthcha. Achs e litrichean na Beurla a ghnàthaich MacGriogair anns an sgriobhadh so; agus litrich e na focail mar a bfhearr a burrainn da, a reir am fuaim. A rìs tha moran de na focail a bha cumanta anns an ud a tha nis air chall. Feudar a thuigsinn ma ta nach bu ghniomh soirbh an sgriobhadh a leughadh no idir an sgriodhadh a thuigsinn.

ThaLeabhar Deadhan Lismhoirro luachmhor airson aobhar no dhà. Cha mhor nach bardachd e uile gu léir. Is anns an leabhar so a mhain a gheibh sinn cùnntas earbsach air a ghné bhàrdachd a bha am beul Gàidheil an la ud. Sgriobh MacGriogair na dhamais air den bhàrdachd a bha siubhlach am measg an t-sluaighna latha fein mar a sgriobh Caimbeulach Ile Sgeulachdan ar latha-ne. Cha do rannsaich Mac Griogair airson bàrdachd cho dlù no cho farsuing agus a rannsuich an Caimbeulach airson sgeulachdan. Ach chaneil teagamh nach faighear anns an leabhar a bhardachd a bha, tri-cheud-gu-leth us ceithir cheud bliadhna roimhe so, ’lionadh an àite a tha Mac-Mhaighstir-Alastair, Donnachadh Bàn, agus Dùghal Buchannan alionadhn ar latha-ne. Tha roinn den bhàrdachd air a h-ainmeachadh air Oisean. Tha roinn eile dhi a tha air ainmeachadh air ùghdair eile mu thimchioll euchdan nam Fiann. Tha e fior nach faighear anns an leabhar uiread agus aon sreath, focal air fhocal, cosmhuil ri sreath ann anOiseanMhicMhuirich. Ach than leabharn a dhearbhadh nach aichear gun robh bàrrdachd na Féinne am beul an t-sluaigh o chionn ceithir cheud bliadhna, agus gun robh bàrdachd, bàirdus sgoilearachd Ghàidhealach anns an àm sin cumantan ar tìr. Tha aon ni eile gu sònruichte anns abheil leabharDeadhan Lis-mhoirro luachmhor. Tha e toirt seachad dearbhadh gun robh a Ghàidhlig Albannach air a giallachdco-dhiu air a seinn anns an àm ud. Amach on leabhar so is ann sa Ghàidhlig Eirionnaich a tha ar seann leabhraichean air an sgriobhadh; agus their cuid nacheil anns aGhàidhlig Albannach ach meur no nighean den Ghàidhlig Eirionnaich a rugadh o chionn beagan cheudan bliadhna. Chan eil so fior. Gheibher Gàidhlig Eirionnach agus Gàidhlig Albannach anns an leabhar. Is phiutharclann na h-aon mhàtharan -chànain. Ach chuir iad suas tigheadas air leth o chionn còrrus mile-gu-leth bliadhna, ged ghleidh iad deigh chàirdeas mar thigeadh do choimhearsnaich agus do pheathraichean. Thuigeadh iad a cheile ri linn Chaluim Chille: ach cha robh tuilleidh ann. Bha chùis mar sin an uair a sgriobhadh an leabhar so; agus tha chùis mar sin an diugh.

A mach on bhàrdachd a tha air a h-ainmeachadh air Oisean, cha bhuinneadh a bheag de na tha ri fhaotatnn anns an leabhar moran urraim. Ann an coimeas ris abhàrdachd Oiseinich, agus ris a bhàrdaahd Ghàidhealaich a tha againn on àm sin, tha leabhar Deadhan Lis-mhoir comharraichte gu sònruichte air son ni. ’Se sin cho tearc agus a tha Marbhrannan; agus cho lionmhor agus a tha Aoirean gu sònruichte air mnathan agus air sagartan. Ma tha bhàrdachd so a toirt seachad cùnntas creideasach air caithe-beatha nan làithean ud, thainig atharrachadh mor air na mnathan Gàidhealach a chum na cuid is measa o linn Oisein, agus air na sagartan o linn Chaluim Chille. Agus a dhaindeoin darnndail ar luchd gearain thainig, taing don Fhreasdal, atharrachadh mor a chum na cuid is fearr air mnathan, air sagartan, agus air ministeirean na Gàidhealtachd on àm ud. So eisempleir airCumhachanna linne a rinn Eafric NicCoreadail air MacNeill Dhun-Suibhne:

A phaidrein a dhùisg no ghàir,
Ionmhuinn mar a bhi ort,
Ionmhuinn cridhe failteach fial,
Gan robh riamh gus an nochd,
Da eug is tuirseach a taim,
An laimh mum bidhte gach uair,
Nach cluinnean e bhi an clì,
Agus nach faiceadh e uam;
Mo chridhe-sa is tinn a ta,
O tig crioch an la dhuinn
Goirid a dhéisd ra ghlòir,
Ri focalaibh an òige ùir;
Beul aitheasach dam bu shèimh glòir,
Dhaithnichteadh a ghuths gach tìr,
Leomhan Mhuileu am mùr geala,
Seabhag Ile nam magh nìne;
Fear a bfhearr meodhar air daoine,
O nach deachaidh daimh gun diol,
Toiseach deagh eanach suairce seimh,
Aig am faighteadh mèin mhic righ,” &c .

D. MK. ’sa Ghaidheal, 1877.



[258]

[Vol . 5. No. 34. p. 2]

SGEULACHDAN ARABIANACH.

V. —EACHDRAIDH AN IASGAIR.

Ach bha ard-chomhairleach an righna dhuine sanntach, farmadach, agus gu nadarra comasach air iomadh gnothach eucorach a dheanamh. Cha burrainn da gun fharmad a bhith air an uair a chunnaic e mar a bhan righ asior nochdadh caoimhneis is fabhair don lighiche, agus air an aobhar sin chuir e roimhe gun deanadh e gach nina chomas gus cridhe an righ a thionndadh an aghaidh an lighiche. A chum so a dheanamh chaidh e a dhaon ghnothach far an robh an righ, agus thuirt e ris, gun robh e air son comhairle a thoirt air a thaobh ni a bha anabarrach cudthromach. An uair a dhfheoraich an righ ciod a bhann, thuirt e ris,— “Ler cead, a righ, tha ena ghnothach gle chunnartach dhuibhse a bhithcur earbsa ann an duine sam bith gus an dearbh sibh gur duine dileas e. Ged a tha sibh anochdadh iomadh fabhar do Dhouban, an lighiche, agusga ghabhail mar bhur dluth-chompanach, tha e cheart cho docha nacheil ann ach am mealltair as mo a tha beo. Cha rachainn an urras nach ann gus sibhse a chur gu bas a thainig e don luchairt.”

Co bhag innseadh sin dhut?” arsan righ. “Am bheil thugabhail ort fhein a radh, gu bheil an fhirinn agad? Thoir an aire co ris a tha thubruidhinn, agus cuimhnich gu bheil thug innseadh dhomhsa rud nacheil soirbh dhomh a chreidsinn.”

Ler cead,” arsan t-ard-chomhairleach, “dhinnis urra gle chinnteach dhomhsa na bheil mise ag innseadh dhuibhse; air an aobhar sin, chaneil e sabhailte dhuibhse an corr earbsa a chur anns an duine. Tha eagal orm gu bheil sibhnur cadal. Ma tha, duisgibh gu grad. Tha mi ag innseadh dhuibh aon uair eile, nach dthug dad air Douban, an lighiche, tighinn an so as aGhreig, ach a chum gun deanadh e oirbhse an gniomh oillteil sin air an dthug mi iomradh.”

Chaneil micreidsinn facal de na bheil thug radh,” arsan righ. “Tha mi deimhin nacheil duine eile anns an t-saoghal as fhearr agus as beusaiche nan duine, ged a tha toil agadsa a dheanamh am mach, gur e duine eucorach, mealltach, a thann. Agus chaneil duine an diugh beo dem bheil uiread de thlachd agam. Tha fhios agad gun do leighis e mise ann an doigh iongantaich; agus nam biodh toil aige mo chur gu bas, chaneil mi faicinn carson a leighiseadh e mi. Dhfhoghnadh dha leigeadh leam mar a bha mi. Cha burrainn dhomh a bhith beo; oir bha mi gu math dluth air abhas. Grad sguir, ma ta, de bhithg am lionadh le droch amhrusan. An aite bhithtoirt cluaise dhut, tha mi ag innseadh dhut, gu bheil mi suidhichte gun toir mi mile bonn airgids amhios den duine mhor ud fad uile laithean a bheatha. Agus ged a bheirinn leith na rioghachd dha, cha phaigheadh e na rinn e de mhath dhomh. Tha mifaicinn gur e cho fior mhaths a tha e a thatoirt ortsa a bhith cho farmadach riss a tha thu. Na bismaointean gun creid mise droch sgeul sam bith air. Tha micuimhneachadh gle mhath mar a thuirt an t-ard-chomhairleach ri righ Sinbad, a mhaighstir, gus a chumail air ais o a mhac a chur gu bas.”

Ler cead, a righ,” arsan t-ard-chomhairleach, “tha mi an dochas gun toir sibh mathanas dhomh a chionn a bhith cho danas gu feoraich mi dhibh ciod a thuirt an t-ard-chomhairleach ri righ Sinbad a chum toirt air nach cuireadh e a mhac gu bas.”

Innsidh mi sin dhut,” arsan righ. An uair a chuir an t-ard-chomhairleach ud Sinbad, an righ, ’na fhaireachadh air eagal, air chomhairle a mhathar-cheile, gun deanadh e gniomh air son am biodh aithreachas air, dhinnis e dha an sgeul so:—

Bha duine araidh ann aig an robh bean mhaiseach, agus bha tlachd cho mor aige dhis gur gann a leigeadh e as a shealladh i. Air latha araidh thachair gun robh aige ri falbh on taigh air gnothach gle chudthromach, agus mun dfhalbh e cheannaich e, o fhear a bha reic a h-uile seorsa eun, pioghaid, nach e mhain a bhruidhneadh gle mhath, ach mar an ceudna, a dhinnseadh gu saor, soilleir a h-uile rud a chitheadhs a chluineadh i. Dhfhag e aphioghaid aig a mhnaoi, agus dhiarr e oirre a cumail anns an t-seomar aige fhein, agus curam math a ghabhail dhith gus an tilleadh e.

An uair a thill e dhachaidh, dhfheoraich e den phioghaid mu gach ni a chunnaics a chuala i fads a bha e air falbh. Dhinnis i dha iomadh ni mu thimchioll na mna nach do chord ris. Gharg-chronaich e a bhean air son cho neo-dhileass a bha i dha fhads a bha e air falbh. Chan aidicheadh a bhean gun drinn i ni sam bith cearr, ged a bha i ciontach. Bha in duil an toiseach gur e na seirbhisich a dhinnis dha an obair a bhaice fhads a bha e air falbh. Ach thug a h-uile aon duibh am mionnan nach dinnis iad facal riamh oirre. Agus thuirt iad rithe gu robh iad cinnteach gur i aphioghaid a bha ris an innsearachd.

A chum toirt air fear an taighe nach biodh e ag eudach rithe tuilleadh, bhuail e anns acheann aice, gu feuchadh i ri toirt air a chreidsinn, nach robh anns na dhinnis aphioghaid dha ach na breugan. Acheud uair a dhfhalbh fear-an-taighe air turus on taigh, thug i air fear da na seirbhisich teannadh ri bleith brathann fon aite anns an robh aphioghaid an crochadh anns achliabh; thug i air fear eile a bhith crathadh uisge air achliabh; agus thug i air an treas fear sgathan fhaotainn, agus a bhithg a ghluasad a nulls a nall mu choinneamh na coillne, a chum gun tilgeadh e an solus mu shuilean na pioghaid. Bha iad ris an obair so earrann mhor den oidhche, agus chaidh iad rithe gle sgoinneil.

An ath oidhche, an uair a thill fear-an-taighe dhachaidh, cheasnaich e aphioghaid mu thimchioll gach ni a thachair fhads a bha e air falbh. “A dheadh mhaighstir,” arsise, “chaneil en comas dhomh cainnt a chur air na dhfhuiling mi fad na h-oidhche leis na bhann de dhealanaichs de thairneinichs de dhuisge.”

On a bha fhios aig fear-an-taighe nach robh aon chuid dealanaich, no tairneinich, no uisge ann, smaoinich e nach robh aig aphioghaid ach na breugan, an uair a thug i dha droch sgeul air a mhnaoi. Rug e oirre, agus mharbh e i. Achna dheigh sin fhuair e am mach nach robh aig aphioghaid ach an tul-fhirinn; agus bha aithreachas gu leor air a chionn gun do mharbh e i.

An uair a chriochnaich an righ Greugach an naigheachd mun phioghaid (arsan t-iasgair ris an fhathach), thuirt e ris an ard-chomhairleach, “On a tha fuath agadsa do Dhouban, an lighiche, ged nach drinn e cron riamh ort, is e do mhiann gun cuirinn-sa gu bas e. Ach bheir mi an aire nach dean mi sin, air eagal gum bi aithreachas orra mar a bhair an fheara mharbh aphioghaid.”

Ged a dheisd an t-ard-chomhairleach ris na briathran so, bha e cho lan den olcs gu robh e suidhichte gun tugadh e air an righ Douban a chur gu bas.

Ler cead, a righ,” arsesan, “cha robh ann am bas na pioghaid ach ni suarach, agus tha micreidsinn nach robh a maighstir fadag a caoidh. Ach car son a chumadh eagal gun deanadh sibh olc air duine neo-chiontach sibhse o chur an lighiche gu bas? Tha barantas gu leor agaibh air son a chur gu bas an uair a tha e air innseadh dhuibh, gu bheil a run air bhur beatha a thoirt air falbh. A chum beathan righ a chaomhnadh, bu choir gun gabhtadh amhrus mar dhearbhadh cinnteach. Is fhearr, an neo-chiontach a chur gu bas nan ciontach a leigeadh as. Ach, ler cead, chaneil teagamh sam bith nacheil Douban suidhichte air sibhse a chur gu bas. Chan e farmad a thatoirt ormsa a bhith cho fadana aghaidh idir. Is ann a tha mi air mo lionadh cho mor le eud is le curam mu thimchioll bhur beatha-ses nach urrainn domh gun chomhairle a thoirt oirbh. Ma tha mo bheachd mearachdach, is math an airidh peanas a dheanamh orm mar a rinneadh air ard-chomhairleach a bhann o chionn fada, an uair a rinn e olc.”

Ciod an t-olc a rinn an t-ard-chomhairleach,” arsan righ Greugach.

Innsidh mi sin duibh, mas aill leibh eisdeachd rium. Bha righ ann o chionn fada aig an robh mac a bha deidheil air a bhith sealgaireachd cho trics a thogradh e; ach thug e teann ordugh don ard-chomhairleach a bhith dol comhladh rimhac a h-uile latha don bheinn-sheilg, agus gun ega leigeadh as a shealladh air chor sam bith.”

Air latha araidh, an uair a bha iads abheinn-sheilg, lean mac an righ an deigh



[259]

[Vol . 5. No. 34. p. 3]

aon de na feidh cho fadas gun do chaill e a rathad. Bha en duil gu robh an t-ard-chomhairleachg a leantuinn. Ach cha robh suil aig an ard-chomhairleach air mar bu choir dha. An uair a thuig e gun deachaidh e iomrall anns abheinn, dhfheuch e ris an rathad cheart a dheanamh am mach; ach cha burrainn da. Mharcaich e, sios is suas feuch an amaiseadh e air an rathad cheart; ach chan amaiseadh. Chunnaic e boirionnach anabarrach maiseachna suidhe ri taobh an rathaids i sior chaoineadh. Stad e leis an each, agus dhfheoraich e dhi co i, agus cia mar a thachair dhi a bhith anns an aite aonaranach ud.

Is mise,” arsise, “nighinn righ nan Innsean. An uair a bha mi marcachd an so thainig an cadal orm, agus thuit mi bhar an eich. Thug an t-each e fhein as, agus dhfhag e an so mi.”

Ghabh mac an righ truas dhi, agus dhiarr e oirre suidhe air a chulaobh air muin an eich. Rinn i so gu toilichte.

An uair a bha iad adol seachad air taigh a bha air tuiceam, thuirt am boirionnach ris, gu robh toil aice tighinn air lar. Thainig ise bhar muin an eich an toiseach; ’na dheigh sin thainig esan air lar; agus choisich e leis an each, agus e air shrein aige, suas a dhionnsuidh un taighe. Ach faodar a thuigsinn gu robh ioghnadh mor air an uair a chuala e ise, an deis dhi a dhol a steach, ag radh, “A chlann, thug mi duine og, maiseach, a tha gle reamhar, dor n-ionnsuidh.”

Ghrad thuirt iadsan, “A mhathair, cait am bheil e, a chum gun ith sinn anns amhionaid e; oir than t-acras mor oirnn.”

An uair a chuala mac an righ so, thuig e gu robh e ann an cunnart, agus nach robh anns abhoirionnach ach te a bhafuireach ann an aite uaigneach, agus atighinn beo air feoil dhaoine a bha itoirt a dhionnsuidh an taighe leis na caran. Cho luaths a burrainn da leum e air main an eich gu falbh dhachaidh.

Anns acheart mhionaid thainig i am mach as an taigh, agus an uair a chunnaic i gu robh mac an righ afalbh, thuirt i, “Na biodh eagal sam bith ort. Co thu? Co tha thug iarraidh?”

Chaill mi mo rathad,” arsesan, “agus tha mifeuchainn am faigh mi e.”

Ma chaill thu do rathad,” arsise, “cuir thu fhein air curam Dhe, agus bheir e fuasgladh dhutna deiginn.”

An sin thog mac an righ a shuilean suas gu neamh, agus thuirt e, “A Thighearn Uile-chumhachdaich, amhairc orm, agus saor mi on namhaid so.”

An uair a chuala am boirionnach so, thill i steach don taigh. Mharcaich mac an righ air falbh cho luaths aburrainn da. Gu fortanach dhamais e air an rathad, agus rainig e taighathar gu sabhailte. Dhinnis edha athair a h-uile car mar a dheirich dha air shailleamh gun do dhearmad an t-ard-chomhairleach suil a chumail air mar a dhiarradh air. An uair a chuala an righ so, dhorduich e an t-ard-chomhairleach a bhith air a chur gu bas.

Ler cead a righ,” arsard-chomhairleach an righ Ghreugaich, “mur toir sibse an aire mhath, faodaidh an t-earbsa a tha sibh acur ann an Douban, an lighiche, am bas a thoirt dhuibh an uine ghoirid. Tha mise lan-chinnteach nacheil ann ach fear-brathaidh a chuir bhur naimhdean don rioghachd a chum bhur beathathoirt air falbh. Tha sibh ag radh, gun do leighis e sibh; ach, mo chreach, co is urrainn a bhith cinnteach? A reir choltais is docha gun do leighis e sibh; ach co aige tha fios nach cuir na cungaidhean a thug e dhuibh am bas oirbh air acheann mu dheireadh.”

Bhan righ Greugach gu nadarrana dhuine anns nach robh abheag de thur, agus air an aobhar sin, cha robh e comasach air na cuilbheartan a bhanns an ard-chomhairleach a thuigsinn. Agus cha mho na sin a bha e comasach air seasamh ribheachdan fhein. Chuir briathran an ard-chomhairlich gu mor as a bharail e.

Ard-chomhairlich,” arsesan, “tha thu ceart. Faodaidh gun dthainig e a dhaon ghnothach gus mo bheathathoirt air falbh. Is docha gun teid aige air sin a dheanamh le faileadh cuid de na cungaidhean a tha egnathachadh. Feumaidh sinn smaointean ciod an doigh as fhearr dhuinn a ghnathachadh anns achuis.”

An uair a chunnaic an t-ard-chomhairleach gun daontaich an righ leis, thuirt e, “Ler cead, a righ, is e an doigh as cinntiche agus as ealamha air bhur beatha a shabhaladh, fios a chur air Douban, an lighiche, agus ordugh a thoirt seachad an ceann a chur dheth cho luaths a thig e.”

Gu firinneach ceart,” arsan righ, “tha micreidsinn gur e sin an doigh air a chumail o chron a dheanamh.”

An uair a thuirt e so, chuir e fios air fear de na saighdearan, agus dhordaich e dha a dhol air thoir an lighiche. Thainig an lighiche gun dail sam biths gun fhios aige car son a chuireadh fios air.

Am bheil fhios agad,” arsan righ, “car son a chuireadh fios ort?”

Chaneil,” arsesan. “Tha mi feitheamh gus am faic sibh iomchuidh fios a thoirt dhomh.”

Chuir mi fios ort a chum gun tugainn do bheatha dhiot,” arsan righ.

Cha ghabh e innseadh an t-ioghnadh a chuir na briathran so air an lighiche.

Ler cead, a righ, car son a bheireadh sibh mo bheatha dhiom? Ciod an t-olc a chuir min gniomh?” arsesan.

Tha e air innseadh dhomhsa le urra chinnteach, gur ann gus mo bheatha a thoirt air falbh a thainig thu do mluchairt; agus a chum bacadh a chur air do dhroch run, bheir mise air falbh do bheatha-sa. Thoir buille dha,” arsan righ, ris an fhear a bha gus a mharbhadh, “agus saor mise on mhealltair thruaillidh a thainig an so gus mo chur gu bas.”

An uair a chuala an lighiche an t-ordugh cruaidh-chridheach a thug an righ seachad, thuig es amhionaid gun do choisinn an urram agus na fhuair e on righ de dhairgiod, naimhdeas is mirun dha, agus gun do chuireadh droch comhairlean ann an ceann an righ. Ghabh e aithreachas a chionn an righ a leigheas on luibhre; ach cha deanadh aithreachas feum dha.

An ann mar so,” arsesan ris an righ, “a tha sibhdolgam phaigheadh air son bhur leigheas?”

Chan eisdeadh an righ ris, ach thug e ordugh an dara uair don fhear a bha gus a mharbhadh buill a thoirt dha. Mu dheireadh, ghuidh an lighiche air e leigeadh a bheatha leis, “Och, a righ,” arsesan, “thoir dhomh fad-laithean, agus bheir Dia dhutsa fad-laithean. Na cuir gu bas mi, air eagal gun cuir Dia thusa gu bas.”

Stad an t-iasgair a dhinnseadh na naigheachd don fhathach, agus thuirt e ris; “A nis, ’fhathaich, tha thufaicinn gun do thachair dhomhsa agus dhutsa direach mar a thachair do Dhouban agus don righ Ghreugach.”

An aite eisdeachd a thoirt don lighiche (arsan t-iasgairs e dol air aghaidh leis an naigheachd), an uair a ghuidh e gu durachdach air gun caomhnadh e a bheatha dha, is ann a thuirt an righ Greugach ris, “Feumaidh mi do chur gu bas, ar neo is docha gun toir thusa air falbh mo bheatha-sa leis acheart innleachd leis an do leighis thu mi.”

Thoisich an lighiche ri guls ri caoidhs ri gearain air an euceart a bhan righ adeanamh air, an deis na rinn e dha de mhath an uair a leighis e e.

Cheangail am fear a bha gus a mharbhadh aodach ma shuilean, agus cheangail e a lamhan, agus bha edol a thoirt a chinn deth leis achlaidheamh.

Bha uaislean na luchairt an lathair, agus air dhaibh truais mor a ghabhail ris an lighiche, ghuidh iad air an righ mathanas a thoirt dha, agus bha iad adol an urras don righ nach robh e ciontach den olc a bhair a chur as a leith, ach cha gheilleadh an righ dhaibh am muigh nomach. Fhreagair e iad cho gargs nach leigeadh an t-eagal dhaibh facal tuilleadh a radh ris mun chuis.

Bhan lighiche air a ghluineans a shuileans a lamhan air ceangal, agus bha am fear a bhadolg a mharbhadhna sheasamhs e deas gus an ceann a chur dheth. Thuirt an lighiche ris an righ, “Ler cead, a righ, on a tha sibh suidhichte gun cuir sibh mise gu bas, tha mig iarraidh de dhfhabhar oirbh gun leig sibh leam a dhol dhachaidh, a chum gun toir mi ordugh seachad mu thimchioll mar is coir dhaibh madhlacadh. Bu mhath leam mo bheannachd fhagail aig daoine a dheanadh feum math dhiubh. Tha aon leabhar agam a bhithinn

(Air a leantuinn air taobh 262.)



[260]

[Vol . 5. No. 34. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton


SIDNI, FEBRUARAIDH 27, 1897.

Chaochail Seumas MacGhriogair, ceann-feadhnaChloinn Dhùghaill Chiar.” faisg air Auchterander an Alba, air an 26mh latha dhen mhios sa chaidh. Be an darra glùn deug bho Dhùghall Ciar, agus be an t-aon mu dheireadh de shliochdGhriogair na Glùine Duibhe,” a bhana chòirneal aig Prionnsa Tearlachsa bhliadhna 1745. Bha an teaghlach an seilbh an oighreachd Ghlinn-guill gus a bhliadhna 1860, ’nuair a chreic am fear so i ri Griogarach eile. Re nam bliadhnaichean mu dheireadh de bheatha, cha robh e ach gle bhochdna chrannchur. Bha e tri fichead us naodh bliadhna deug a dhaois.

Chan eil sgeul ùr no annasach sam bith atighnn á Cuba air an t-seachdain so. Tha an cogadh adol air adhart, agus chan eil e ro choltach gun tig e gu crich a dhaithghearr. Tha an Spainn gun teagamh an deigh nas urrainn di a dheanamh, agus ma sheasas na ceannaircich a mach beagan nas fhaide, rud a ni iad mas comasach sin daibh, bheir iad buaidh oirre. Bfhearr gun rachadh achùis an darra taobh, oir than saoghal seachd sgith a bhi cluinntinn mu na blàraibh fuilteach a thatar a cur, agus mun léir-sgrios a thatar adeanamh air duthaich a tha gu nàdurra cho torrachs cho tiorail ri dùthaich fon ghaéin.

A reir choltais, tha aig na Creteich ri bhi fo chuing thràilleil na Tuirce treis a dhùine fhathast; bhac na rioghachdan mora don Ghréig a dhol eadar an Tuirc agus a cuid iochdaran. Bha cabhlach de shoithichean-cogaidh air an cur gu Canea, an Crete, agus air do bhlàr a bhidol air adhart eadar na Creteich agus na Turcaich, ghabh na soithichean pàirt nan Turcach, agus loisg iad air na Creiteich gus am bfheudar dhaibh toirt suas. Theagamh gur e sin bu chòir dhaibh a dheanamh air sgàth sith na Roinn-Eorpa a ghleidheadh, ach tha moran sluaigh, gu h-àraidh ann am Breatunn, a tha gle mhi-riaraichte leis mar a rinneadh. Tha iad sin asmaoineachadh gum bu chòir an t-eilean a thoirt bho na Turcaich agus a chur fo riaghladh na Gréige, agus gum bu chòir a dheanamh gun dàil sam bith.


Gaidheal Ghlascho.

Aig aChéilidh ann an Talla na h-Aithne air feasgar Di-sathuirne (Ian. 23) thug Calum Dòmhnullach, ’o Dhun-breatun, òraid airNa Druidhean.” Bha Murchadh Màrtuinn an Ceann-suidhe, anns a chathair.

Thubhairt an t-òraidich gun robh tri puingean sònraicht a thainig fa chomhair beachd an duine cho luathus a thòisich e air smuaineachadh.

(1) Gun do bheachdaich e air fhéin; (2) air an t-saoghal anns an dfhuair e e-fhéin air shuidheachadh, agus anns am fac e òrdughus riaghailt acomharrachadh a mach rùin agus aobhair; agus (3) gun robh na co-dhùnaidhean gus an tug achiad phuing e ga thoirt gus a cho-dhùnadh gun robh cumhachdach achruthachadh agus acumail freasdail chum ruin shònraichte, agus gun déirich bhon cho-dhùnadh seo iarrtasan cridh dhaoine chum a bhisireadh Dhé. Ationndadh gus na Druidhean, agus gun eachdraidh, thubhairt an t-òraidiche gun robh cuid dhen bheachd gun robh cuid dhen bheachd gun robh creideimh nan Druidhean cho sean agus cho glan ri creideamh Abrahaim; gum be creideimh nam Breatunnach aig teachd nan Roimhich (55, B.C. ); agus gun do ghleidh eàite anns aGhàidhealteachd gus an deach cur as le buaidh an t-Soisgeil fodh theagasg Chaluim Chille.

Dhainmich e ceithir ceuman ann am foghlum nan Druidhean. Bham foghlum ach afaighinn air a cheud ceum gu bhin a Eubagdreuchd mum beil caochladh bheachd, ach ann am beachd an òraidiche bhan a dhreuchd a bhe teagasg cloinne. Ben dara ceum gu bhin a Sheanachaidh. An treas, na Bhàrd; agus as na Bàird bha na Druidhean air an taghadh.

Chaidh e air aghart a beachdachadh gun robh iad a creidsinn ann am bithbhuantachd aon, na air chaochladh; ann an taibhsean, ’s ann an sithichean. Gun robh na briathran agus na gnàthan-aoraidh uile air an cumail ann am meadhair, agus nach robh sgoil-litrichais aca idir.

Cha robh e dhen bheachd gun robh iad ag iobradh nam beò, ach gun robh an luchd-eachdraidh Roimheach a bhag aithris sin atogail am beachd bhon doigh uaigneach anns an robh na Druidhean ag oibreachadh, gu h-àraidh bhon cleachdadh bhaca bhi alosgadh nam marbh. Mhìnich e moran de na gnàthan agus de na h-ainmean dem bheil iarmad ann an cleachdadh gus an lathan diugh.

Labhair pàirt de luchd ne céilidh am beachd; agus thugadh taing chridheil don òraidiche. Chaidh achuid eile den fheasgar a chur seachad acòmhradh, ri ceòlus òrain.


STOR UR TAILLEARACHD,

Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.

Theid sinn an urras air an obair,
MacCoinnich & Co.
Sidni, C. B.


F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC

An aon fhear dhe sheòrsa thair Eilean Cheap Breatunn.

Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.

Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dhas coir dha toghal air.

Tha stoc math de speuclaireans de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.

Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c , &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.

THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHANEUREKAair a cheart phris air am beilearg an creic aig na muillin.

Tha Factoridh Eureka air aon den fheadhain as fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar adeanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.

Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.

Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitches Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd lathan deigh a chloimh a chur air falbh, Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.



[261]

[Vol . 5. No. 34. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Se Di-ciaduin sa tighinn acheud latha dhen charghus. Bidh achàisg gu math anmoch air an earrach so, air an 18mh latha de dhApril.

Bhatar ataghadh fir-pàrlamaid ann an St. Boniface, am Manitoba, a sheachdain gus an diugh. Fhuair Luzon, an conservative, a stigh le 192 bhòt a bharrachd air Bertrand, an liberal.

Bha an soitheach-smùide Stanley, a tha ruith eadar Pictou us Georgetown re an gheamhraidh, an sàs anns an deigh mu ochd mile bho eilean Chariboo fad còrr us seachdain. Chan eil fhios an dfhuair i aisde fhathast.

Tha tinneas neònach air tighnn am measg nan caorach ann an Ontario, a tha cur iomguin mhor air na tuathanaich. Mum bàsaich na caoraich tha an craicionn afàs dubh, agus nuair a dhfhosglair iad, tha an fheòil mar gum biodh i air grodadh.

Tha an sgoil as motha thair an t-saoghal air a cumail ann an teis meadhon baile-mor Lunnainn, agus fo chùram Mhorair Rothschild. Tha coig mile deug air fhichead de chloinn bhochda Iudhach a faotainn foghlum innte, agus a h-uile bliadhna tha gach aon dhiubh a faighinn deise no dha aodaich mar ghibht on duin’ -uasal cheudna.

Bha na mèinneadairean ann an Springhill an oidhche roimhe a taghadh dotair gu bhi acan àiten Dotair Mhic Aidh, a chaochail o chionn ghoirid, agus thagh iad an Dotair R. L. Murray, a bha roimhe so am Pictou. Is bràthair e don Onarach Deòrsa Murray, Priomhair Nobha Scotia, agus fhuair e bhreith us àrach anns a Mheinn a Tuath.

Tha McGowan, am fear a chuireadh an greim aig Dundas, E. P. I., deireadh an fhoghair sa chaidh, air son mort Peigidh Nic Coinnich, aseasamh cùrtach ann an Georgetown air an t-seachdain so. ’Nuair a chaidh a ghlacadh, bha e as a rian, agus chuireadh don tigh-chaothaich e; tha e nise air a dhol nas fhearr, agus tha aige ri cùirt a sheasamh. Chan eil teagamh nach e tha ciontach.

Am measg nan dùthchannan anns am bheilear a faighinn òir, chan eil Nobha Scotia idir air deireadh. Air a bhliadhna sa chaidh, bha mu fhiach leth muillean dolair dhen stuth phriseil sin air a thoirt á mèinnean na mor-roinne so, agus thatar adeanamh a mach gum bi moran a bharrachd air sin air a chur a mach air a bhliadhna so a chionn gu bheilear a nisega fhaotainn ann an Cheticamp, àit air nach robh iomradh a thaobh òir mun àm son uiridh.

La na Sàbaid sa chaidh ann an Lunnainn, chaochail Adam Burns, a bhana cheannaiche ann a Halifax re iomadh bliadhna. Rugadh e ann an Albainn, agus bha e mu thri fichead bliadhnasa deich a dhaoisnuair a chaochail e. Bha e den chuideachd Burns & Murray gu toiseach na bliadhna so, agus bhatar gle eòlach air anns gach cearna den mhor-roinn. Bha ena dhuine gle mheasail, agus bha e gle chuuimhneach air a bhi deanamh cuideachaidh leis gach aobhar feumail. Cha dfhag e de theaghlach ach aon nighean.

A dhaindeoin cho soilleirsa tha e gu bheil Iain Sullivan ciontach de mhort Mrs. Dutcher agus a mic, agus an dòigh bhrùideil air an drinn e e, tha da mhile de mhuinntir Mhoncton an deigh an ainmean a chur ri tagradh dhionnsuidh an Ard-Riaghladair ag iarraidh a bheatha leigeadh leis. Tha sinn an dòchas nach fhaigh an tagradh eisdeachd. Tha mortna chionta thag iarraidh beathan fhir a ni e a thoirt air falbh, agus neach a ni mort, gu h-àraidh mort graineil mar a bhan sid, cha choir fàbhar sam bith a dheanamh ris.

Bha teine mor ann an St. Pierre a sheachdain gus an diugh. Chaidh dha no tri de thaighean-ceannachd a losgadh a bfhiach da fhichead mile dolair.

Tha Morair agus bana-Mhorair Obaraidhean air chuairt anns na Stàitean. Bha iad toiseach na seachdain so ann am baile Washington air aoidheachd aig Sir Julian Panncefote, Ard-theachdaire Bhreatuinn.

Fhuaireadh teaghlach anns an robh sianar ann a Winona, Dakota Tuath, air am mort, a sheachdain gus an . Chan eil cinnt sam bith co rinn an gniomh oillteil, ach tha amhrus làidir gur h-iad na h-Innseanaich a tha ciontach.

Tha an t-Onarach Mr. Borden, a bha air a ghoirteachadh aig Dorchester o chionn ghoirid, cho tinn an deigh an sgiorraidhs gum bfheudar dha a dhol do na Stàitean a Deas air son a shlàinte. Tha eagal air a chàirdean gu feum e a dhreuchd a leigeadh uaithe mur teid e am feabhas an ùine ghoirid.

Chaill Tomas Vooght, Sidni Tuath, each anns an deigh aig an Eilean Mhor, Di-sathairne sa chaidh. Bha e adol a null gu Baddeck, agus chaidh an t-each fodha ann an sgàineadh a bhanns an deigh. Cha robh aige ach e-fhéin aig an àm agus cha burrainn da an t-each a shàbhaladh. Tha an deigh anns an àite sin gle chunnartach.

Tha na Stàitean an dràsdapàigheadh mu dha cheud gu leth muillein dolairsa bhliadhna da cuid airm; tha sin agabhail a stigh na thatar a pàigheadh mar phensions cho math ris na thatar a pàigheadh do shaighdearan mara us tire. ’S mor an t-suim airgeid sid gu bhiga phaigheadh air son cogaidh ri àm sithe, gle fhaisg air muillein dolair gach latha dhen bhliadhna.

Bha tuiltean uamhasach ann an Stàitean Kentucky agus Virginia toiseach na seachdain so. Bha an t-uisgesileadh gun lasachadh fad shia uairean deug air fhichead, agus bha na h-aimhnichean acur thar am bruachansa sguabadh air falbh thaighean. Bhan t-uisgeg éiridh cho bras ann an àiteachans nach burrainn don t-sluagh ach gann teicheadh lem beatha. Chaidh moran spréidhe a chall, agus bhathadh daoine ann an caochladh àitean.

Bha suim mhath airgeid air a chur cruinn anns abhaile air son cuideachadh leis na bochdan anns na h-Innsean. Bha am bancagabhail a stigh na bha daoine toileach a thoirt don aobhar. Bha còrr us ceud gu leth dolair a stigh toiseach na seachdain so, a chuid bu mhotha dhe sin bho na h-eaglaisean, mar a leanas: —An eaglais Shasunnach, $26 : an eaglais Chaitliceach, $20 ; an eaglais Mhethodach, $35 ; eaglais sraid Falmouth, $28 ; agus eaglais St. Andrews, $40 .

Tha fios a Boston ag innse nach eil aig Bram ach an droch mhisneachd on fhuair e mach nach eil cùirt ùr ri bhi air a suidheachadh gus fheuchainn. Riamh on chaidh a chur an greim bha e cur ioghnadh air na h-uile cho beag cùramsa bha a shuidheachadh acur air, ach a nise tha e cha mhor as a rian; chan eil eg ithe no cadal nogabhail taimh mar bu chòir dha, agus tha fear-cumail a phriosain dhen bharail nach teid moran ùine seachad gun e dhaideachadh a chionta.

Tha cuideachd ann an New York an deigh òrdugh a thoirt seachad air son soitheach-smùid a thogail a bhios nas motha na aon a chaidh, a thogail riamh roimhe. Tha i gu bhi seachd ceud us ceithir troighear a dhfhad; tha sin coig troighean fichead nas fhaide na bhanGreat Eastern,agus tri fichead troighsa coig nas fhaide na soitheach sam bith a thair a chuan an diugh. Tha i ri bhi air a togail ann am Belfast, an Eirinn, agus bidh i ullamh gu dhol a dhobair toiseach na h-ath bhliadhna.


C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


THA D. J. Domhnullach air son rùm a dheanamh do bhathar an earraich, agus tha ecreic na thaige de bhathar geamhraidh gle shaor. Reicidh e ni sam bith a thasan stor, ach a mhain brogan, 20 p. c. nas isle na bha iad roimhe so. Rud air am pàigheadh tu $1 .00 roimhe so, cha chosg e dhut an drasda ach 80c. Cha mhair so ach mios. Thig trath agus faigh bargan.


NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B,
Tha e na fhear-gnothuich don MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha.



[262]

[Vol . 5. No. 34. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 259.)

deonach fhagail agaibh fhein, nan gabhadh sibh e. Tha e anabarrach luachmhor, agus bfhiach dhuibh a thasgaidh suas gu curamach anns an taigh-ionmhais.”

Ciod is aobhar gu bheil an leabhar cho luachmhors a tha thug radh,” arsan righ.

Ler cead,” arsan lighiche, “tha moran de nithean iongantach sgriobhte ann. Agus is e an ni as iongantaiche a thann so; ma ghabhas sibh de dhragh, cho luaths a bheir sibh dhiom an ceann gum fosgail sibh an leabhar aig an t-siathamh duilleig, freagraidh mo cheann a h-uile ceisd a chuireas sibh air.”

Air don righ a bhith toileach an ni iongantach sofhaicinn, chuir e dailna bhas gus an lar-na-mhaireach. Leig e leis a dhol dhachaidh; ach chuir e daoineg a fhaire air eagal gun teicheadh e.

Chuir an lighiche gach ni a bhuineadh dha an ordugh. An uair a chualas gu robh ni neo-ghnathaichte gu tachairt an deigh a bhais, chaidh na comhairlich, ard-uaislean na luchairt, ceannardan an airm, agus gach aon eile a bhuineadh don luchairt, do thalla na comhairle, a chum gu faiceadh iad an ni iongantach a bha gu tachairt.

Cha bu luaithe a thugadh Douban, an lighiche, a steach an lathair an righ, na ghabh e suas gu bonn na cathrach air an robh an righ na shuidhe, agus leabhar mor aigena laimh. Dhiarr e mios a thoirt an lathair. Thugadh sin ann; agus chuir e an comhdach anns an robh an leabhar paisgte aige, air amheis, agus shin e an leabhar don righ. Thuirt e, “Gabhaibh an leabhar, mas e bhur toil e, agus cho luaths a bheir sibh dhiom an ceann, cuiridh sibh anns amheis e air uachdar achomhdaich a sgaoil mi oirre.’ Cha luaithe a chuireas sibh ann e na sguireas an fhuil a shileadh. An sin fosglaidh sibh an leabhar, agus freagraidh mo cheann a h-uile ceisd a chuireas sibh air. “Ach ceadaichibh dhomh,” arsesan, “math-chuinge a chur suas ribh aon uair eile air son mo bheatha. Air sgath Dhe, thugaibh eisdeachd do mghuidhe. Tha mi ag innseadh dhuibh aon uair eile gu bheil mi neo-chiontach.”

Chaneil eifeachd sam bithna dchuid urnuighean,” arsan righ. “Agus ged nach biodh aobhar eile agam air son do chur gu bas ach a chum do cheann a chluinntinn abruidhinn, theid do chur gu bas.”

An uair a thuirt an righ so, ghabh e an leabhar a laimh an lighiche, agus dhorduich e an ceann a ghrad thoirt dheth.

Thugadh an ceann deth cho sgiobaltas gun do thuit e anns amheis. Cha bu luaithe a thuit e innte na sguir an fhuil a shileadh. Ghabh na h-uile a bhan lathair ioghnadh mor an uair a chunnaic iad an ceann afosgladh a shul, ag is ag radh, “Ler cead, a righ, fosglaibh an leabhar.”

Dhfhosgail an righ e, agus on a bha na duilleagan aleantuinn richeile thoisich e ri fliuchadh a mheoirena bheul a chum gum biodh e ni bfhusa dha na duilleagan a thionndadh. Lean e air an tionndadh gus an drainig e an siathamh duilleag. Cha robh facal sgriobhte air aon de na duilleagan. “A lighiche, chaneil dad sgriobhte an so,” arsesan.

Tionndaidh tuilleadh dhuilleagan,” arsan ceann.

Lean an righ air tionndadh nan duilleagans e sior fhliuchadh a mheoirena bheul, gus an do thoisich am puinnsean a chuir an lighiche air na duilleagan ri fhagail tinn. Mu dheireadh chaidh e ann an laigse, agus thuit e bhar na cathrach.

An uair a chunnaic ceann an lighiche gun robh an righ gus a bhith grad marbh leis aphuinnsean thuirt e; “A dhroch righ, tha thu nis afaicinn mar a dheireas do dhroch dhaoine a ni droch fheum den ughdarras a thaca, agus a chuireas daoine neo-chiontach gu bas. Luath no mall bheir Dia breitheanas air daoine a tha eucorach cruaidh-chridheach.”

Mun gann a labhair an ceann na briathran so, thuit an righ marbh far an robh e, agus chaill an ceann na bhann de bheatha. An uair chriochnaich an t-iasgair eachdraidh an righ Ghreugaich is Dhoubain, thuirt e ris an fhathach, agus e glaiste aige anns an t-soitheach, “Nan do leig an righ Greugach leis an lighiche a bhith beo, leigeadh Dia dha fhein a bhith beo. Ach dhiult e eisdeachd a thoirt dha an uair a ghuidh e gu durachdach air gun leigeadh e a bheatha leis. Sin direach mar a dheirich dhutsa, ’fhathaich. Nan dthug thusa dhomhsa am fabhar a bha mi ag iarraidh ort, bhiodh truas agam riut; ach on a bha thu suidhichte gun cuireadh tu gu bas mi, an deis na comain a chuir mi ort an uair a leig mi a priosan thu, feumaidh mise a nis a bhith cho cruaidh-chridheach riut fheins a bha thu fhein riumsa.”

Mo dheadh charaid,” arsam fathach, “tha miguidhe ort aon uair eile nach bi thu cho cruaidh-chridheachs gum fag thu glaiste an so mi. Thoir fa near nacheil e ceart do dhaoine a bhithdeanamh dioghaltais air an son fhein; agus air an laimh eile, gum bheil abhithdeanamh math an aghaidh an uilc gu mor ri mholadh. Na dean ormsa mar a rinn Imama air Ateca.”

Ciod a rinn Imama air Ateca?” arsan t-iasgair.

Ho!” arsam fathach, “ma tha toil agad fios fhaotainn ma thimchioll, fosgail an soitheach. Na biodh duil agad gum bheil saod ormsa gu innseadh naigheachdan gu leor dhut.”

Ma ta, is mi nach leig,” arsan t-iasgair. “Chaneil ann ach gnothach faoin dhut a bhith bruidhinn air a leithid. Tha mi direach adolgad thilgeadh ann an grunnd achuain.”

Eisd ri aon fhacal eile uam,” arsam fathach. “Tha migealltainn nach dean mi cion sam bith ort. Agus chan e sin a mhain, ach nochdaidh mi dhut doigh leis am fas thu anabarrach beairteach.”

Thug dochas gum faigheadh e doigh air fas beartaich air an iasgair gun do thaisich e beagan. “Bheirinn eisdeachd dhut,’ arsesannam bfhiach dfhacal creideas a thoirt dha. Mionnaich dhomhsa air ainm mor Dhe, gun coimhlion thu gu dileas do ghealladh, agus fosglaidh mi an soitheach. Chaneil micreidsinn gu bheil de dhanadas agad na bhristeas air do mhionnan.”

Thug am fathach a mhionnan da. Dhfhosgail an t-iasgair an soitheach. Anns amhionaid thainig an ceo am mach as, agus bha am fathach na chruths na mheudachd air a bheulaobh. Be a cheud rud a rinn am fathach an soitheach a thilgeadh le breab don chuan. Chuir so eagal air an iasgair. “Fhathaich,” arsesan, “ciod is ciall dha sid? Am bheil thudol a bhristeadh air na mionnan a thug thu dhomhsa o chionn tiotaidh? Am feum mise a radh riut mar a thuirt Douban ris an righ Ghreugach. Fuiling dhomh a bhith beo, agus cuiridh Dia fad ri do laithean.”

Rinn am fathach gaire an uair a chunnaic e gun robh eagal air an iasgair agus thuirt e, “Iasgair chaneil mi dol a bhristeadh air mo mhionnan idir. Na biodh eagal sam bith ort. Is ann a rinn mi sid gu spors dhomh fhein, agus feuen am faicinn an gabhadh tusa eagal. Ach a chum gum faic thu gu bheil midol a sheasamh ri mghealladh, tog leat na lin, agus lean mi.”

An uair a thuirt e so dhfhalbh e. Thog an t-iasgair leis na lin, agus lean e e, ged a bha beagan do dheagal air. Chaidh iad seachad air a bhaile, agus rainig iad mullach beinne on do choisich iad sios do ghleann mor, far an robh lochan beagn a laidhe eadar ceithir chnuic.

An uair a rainig iad an lochan, thuirt am fathach ris an iasgair, “Tilg na lins an lochan, agus glac iasg.” Cha robh teagamh aig an iasgair nach fhaigheadh e iasg; oir chunnaic e gun robh moran eisg anns an lochan. Ach bha ioghnadh anabarrach air an uair a chunnaic e gun robh ceithir dathan orrabha iad geal is dearg is gorm is buidhe. An uair a chuir e na lin fhuair e ceithir eisgfear de gach dath. O nach fhaca e an leithidean riamh chuir iad ioghnadh air, agus on a thuig e gu faigheadh e deadh phris orra, bha e gle aoibhneach. “Thoir leat an t-iasg, agus tairg don righ iad, agus bheir e dhut barrachd airgid orra na bha agad riamh roimhe. Faodaidh tu tighinn a h-uile lathadhiasgach don lochan so; ach thoir an aire nach cuir thu na lin ach aon uair s an latha; ma chuireas bidh aithreachas ort,” arsam fathach. An uair a thuirt e so, bhuail e a chas air an talamh agus shluig e am fathach, agus dhuin e mar
a bha e roimhe.

(Ri leantuinn.)


Tha seachd mile deug priosan anns na Stàitean, agus mun àireamh cheudna de thaighean-caothaich.



[263]

[Vol . 5. No. 34. p. 7]

Ceasnachadh Gailig.

Nuair a tha foghlumaich ann an Alba air son a bhina mhaighstir-sgoile, tha aige, mar anns an dùthaich so fhéin, ri bhi air a cheasnachadh, agus an sin ri dhol do dhoil-thigh gu bhi air ionnsachadh. Iadsan a tha air son a bhi teagasg Gàilig, bidh iad air an ceasnachadh a thaobh an eòlais air achainnt sin a bharrachd air gach cuspair-foghlum eile. So an ceasnachadh a chaidh a dheanamh orra-san a bha feuchainn air a gheamhradh so:—

GAELIC .

(Time allowed, 1 ½ hours).

1. Translate into English: —

Bha an Glas atighinn lechraos fosgailte, agus a theangamach air leth taobh a chraoìs. Bha gach smut* a chuireadh e as a shroin alosgadh tri mile roimhe agus air gach taobh dheth. Bha Fionng a chrathadh le teas analach aChoin, agus chunnaic e gu soileir nach bfhada burrainn e seasamh ris. Snaointich en so ma bha feum an slabhraidh Bhraingun robh an t-àm a bnig a tarainn. Chuir e a làmhn a phòca; agus an uair a bhan an dlùth astar da, thug emach i, agus chrath e ris i. Ghrad sheas an , agus thòisich e air bogadhearbaill. Thàinig en sin air aghaidh far an robh Fionn, agus, dhimlich e gach creuchd a bhair, o mhullach a chinn gu bonn a choise, gus an do leighis e letheanga na loisg e leanail. Mu dheireadh spàrr Fionn slabhraidh Bhrain mu amhaich aChoin Ghlais, agus theirinn e a stigh an gleann agus an air lomhain aige.

* Snort.
A dogs name.

OR

Chaidh mo chaoraich-sa air seacharan air feadh nan uile bheann, agus air gach sliabh àrd: seadh, bha mo thréud air a sgapadh air aghaidh na talmhainn uile, agus cha robh aon neachg an sireadh nog an iarraidh. Uime sin, O aodhairean, éisdibh-se focal an Tighearna: Mar is beò mise, tha an Tighearna Dia ag ràdh, gu deimhinn a chionn gu robh mo threudn an creich agus gun drinneadh mo threudn am biadh do uile bheathaichibh na macharach, a chionn nach robh aodhair sam bith ann, ni dhiarr maodhairean mo threud, ach bheathaich na h-aodhairean iad féin, agus cha do bhiadh iad mo threud-sa: —Mar so tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch tha mise an aghaidh nan aodhairean, agus iarraidh mi mo threud air an laimh, agus bheir mi orra sgur de bhiadhadh an treud; ni mo bheathaicheas na h-aodhairean iad féin tuilleadh; oir saoraidh mise mo threud as am beul, a chum nach bi iad dhoibhn am biadh.

2 . Translate into idiomatic Gaelic:—

As some oxen were dragging a waggon along a stony road, the wheels set up a tremendous creaking. The driver of the waggon ordered them to cease making such a noise. “Stupids!” he exclaimed, “what are you groaning for? The oxen have all the weight to draw, and they do not utter a single mord of complaint.”

3. Write down in Gaelic the cardinal numbers of 1 and 12, and give the words for 40, 50, 80. Which numerals require the noun following them to be in the singular number?

4. Give the genitive singular and nominative plural ofclach bheagandduine mòr, ”the participle (verbal noun) fromgluas, meal, obair; ”and the present imperative singular of the verbsthéid, rinn, chunnaic. ”

5. How areYesandNotranslated in Gaelic? Give illustrations.

6. “ ’S tric mi sealltuinn on chnoc as àirde. ”—Parse the words that are in italics.


Chaochail duine ann an Cille-Mhoire, am Muile, o chionn ghoirid dom bainm Uisdean Caimbeul, agus ris an abairte an cumantas, “Righ Mhuile.” Bha e chòmhnuidh ann an àite ris an canar Acharionnaich, fearann a bha aig a shinnsirean o chionn coig ceud bliadhna. Bha ena dhuine aig an robh deagh cheann-labhairt, agus a bha gle mhòralachna ghiulan. Bha e fad thri bliadhndeug air fhicheadna eildear an Eaglais Stéidhichte Ulbha.


Tha an Fhraing a nise ann an lan sheilbh air eilean Mhadagascar. Tha an Riaghladh ùr, a reir coltais, adol a bhi math; am measg nithean eile a rinneadh on thainig an t-eilean gu bhi aca, thugadh an saorsa do na tràillean, agus chan fhaodar, a mach uaithe so, tràill aona chuid a reic no cheannach air an eilean.


CARADH
Uaireadairean
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar uthcha thanar beachd


D. A. Mac FHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.


Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .,
SIDNI, C. B.


McDonald Hanrahan & Co,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95



[264]

[Vol . 5. No. 34. p. 8]

Glogaidh Lomh.

(What can a Young Lassie) .

SEISD
O, ciod a ni caileag,
Og chaileag, deas-chaileag,
Ciod a ni caileag
De sheann bhrosnach faoin?
Droch bhuil air an earras
A bhrosnach mo mhant
A Seònaid a mhalairt
Air fearannus maoin:

Bidh am bodach asmùcail,
Acneadraichs ag ùnaich.
Us mise fo dhù-bhròin
Amchrùban ra thaobh,
Acàradh nan lùireach,
Us snigh air mo shuilean
Acuimhneach nam fiùran
Dan duraiginn gaol.

O mhochthrath gu feasgar
Aon tàmh cha teid air san,
Ach aséideils ag eirplich,
S casd-feadrach achraos;
E clod-cheannach cadlach,
S an fhuil ann air ragadh
O, ’s cianail bhicadal
Le glag-bhodach baoth!

E frionasach mùgach,
Ri borbhans ri gnùsdaich,
Cheart aindeoin mo dhùrachd
Cha chum mi air saod;
Bidh eud riumus gròig air
Air eagal nan òigear
Mo bhron! an la chòmhlaich mi
Sgleògairneach maol!

N uair chì mi bean Lachainn
S a naoidheanna achlais,
Ag imeachd don chlachan
S a tasgaidh ra taobh,
Thig reac ann am bhràghad,
Le h-aimhealus tàmailt,
Gun chairich iad lamh rium
Seann dràsgal gun saod!

Tha truas dhiom aig Anabla,
Seann phiuthar mathar;
Mar làmhas gun lean mi
A h-earailean caomh
A chùnnnradhs a chrannadh
Gughreasad fo thalamh,
S ùr-òigear a cheannach
Le earras na h-aos’ .”


Ruairidh Beag Shabhairidh.

AIR FONN: Ruairidh Mhic Ailpein Duibh.

Fàilt air aghille,
Lechaog-shuilibh biorach;
Le chotas le bhriogaisean,
Gasda den chlò.
S math a dhaithnichear air daogasg,
Gur Leòdaich do chinneadh
Siol Thormaid on Eilein
Air an luidheadh an ceò.
Oh Aonghais mhic Ruairidh
S tu athair an deagh mhic,
S tu dhfhaodadh bhi moiteil
Nam bitheadh tu beò.
S nacheil anns an sgìreachd
Cho farasda, finealt’,
Ri Ruairidh beag Shabhairidh,
i ho !

Chaneil Cléireachsan dùthaich
As luthaire shiùbhlas;
Gan tabhairt gu pùsadh,
Bithidh tu dlùth air an tòir,
Chaneil Cléireach san t-Seanadh
Cho ro-mhath a stiuras
ABhirlinn roimh chuantibh
Nan stuaghanan mòr.
Nuair a seideas an doinnionn
Na siùil o na crannaibh
Sa chaillear gach cladach
Le siobans le ceo
An sin éighidh gach maraich
Oh! ’s romhaith do ghabhail
A Ruairidh bhig Shabhairidh,
i ho !

Nuair a sheinneadh tu an Iorram,
S tu dhuisgeadh an spiorad;
Ann an guaillibh nan gillean
S iad an glacan nan ràmh,
Nuair a sheinneadh tun duanag
Gum bait leam bhi suas riut,
Na mshuidhe rid ghualainn
San t-searrag am laimh.
Chaneil eadar sos Ròag
A sheinneadh riutMòrag,”
S tug iomram le farum
Ramh-bràghad anRoè
An sin their iad ri Ruairidh
Oh, piseachus buaidh ort!
A Ruairidh bhig Shabhairidh,
i ho !


Tha mo Ghaol mar Ros air Gheig.

(My luve is like a red, red rose. )

O, tha mo ghaol mar ròs air ghéig
S a chéitein chiùbhrach, thlàth;
O, tha mo ghaol mar cheòl nun teud,
N uairs gléusta sheinnear clàr.

A réir do bhòidhch’, a chailin òg,
Tha maignair tòir do ghràidh;
S gun lean mo luaidh, a ghaoil, ort buan,
Gum fàs an cuanna thràigh.

Gum fàs an cuanna thràigh, a rùin,
S an drùigh na creagan sios;
O, mairidh dhuit mo ghaol, a rùin,
An fheadh bhios lùthnam chliabh.

Geds éudar dealachadh an tràths’,
Gu bràch gum bi thum chuimhn;
Achs éudar dealachadh an tràths’,
Tham bàtan cois an tuinn.

O, sorruidh slàn leat, seal, a ghràidh!
Cha mheath mo ghràdh a chaoidh:
S gun tig mi sgriob a nall gun dàil,
Ged ràineadh cuanus tuinn.

Ged ràineadh cuanus tuinn, a rùin,
S ged bhruchdadh torunn spéur,
Gun tig mi nall a shealltuinn ort,
Thair ghreann nan tonnan sléibh.

S. M.


O CHIONN còrr us bliadhna, sgriobh an t-Urr. T. Watson, á Coburn. Ont., mar a leanas: —Tha K. D. C. an deigh atharrachadh mor a thoirt orm, aon uairs gun do thòisich mi air a ghabhail. Tha tinneas mo stamaig air falbh gu buileach, agus tha mi nas sláine na bha mi o chionn bhliadhnaichean. Tha mi creidsinn gu bheil e cheart cho mathsa tha iad-san a thaga dheanamh ag radh.

(Aug. 14, 1896) sgriobh e rithist:— “Tha mi toilichte innse gu bheil an leigheas a rinn K. D. C. orm buan.”

K D. C. Bu choir e bhi anns a h-uile dachaidh, on tha e math air gach eucail bheag us mhor a tha buailteach don stamaig, a leigheas.

Tha K. D. C. Pills anabarrach math air son tinneasan-cuim. Ma ghabhair iad comhla ri K. D. C. leighsidh iad teanntachd.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MHAC-TALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean.


NUAIR THEID THUBHADDECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram, Bathar Cruaidh
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile.
An seorsas fhearrs aphris as isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.


Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


Eagle Parlor” Matches
Tha iad gle mheasail air smocairean, agus aig mnathan-taighe.
Tha iad gle thaitneach rin ùisneachadh oir chan eil faileadh dhuibh idir,
THE E. B. EDDY Co
LIMITED
HULL, MONTREAL, TORONTO.

titleIssue 34
internal date1897.0
display date1897
publication date1897
level
reference template

Mac-Talla V No. 34. %p

parent textVolume 5
<< please select a word
<< please select a page