[Vol . 5. No. 35. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, A MART 6, 1897. No. 35.
Sireadh Airgead Falaich.
Bho chionn àireamh bhliadhnaichean air ais bha fuireach anns a choimhearsnachd so duine còir, seanachasach, agus deagh nàbuidh. Le éisdeachd ri moran de chainnt, gheibheadh sibh gu robh roinn de dh’ fhiosrachadh aige ged a bha e gun mhoran sgoile, ach bha cuid eile dhi air bheagan brighe agus gle mhi-nàdurra.
Chuir e uair àraidh fios air a nàbuidh e thigh’nn a choimhead air agus ghothuch aige ris. Dh’ innis e dha mu bhruadar a chunnaic e tri oidhcheannan an deigh a cheile, agus bha e cho cinnteach as na chunnaic e ’s gu robh e toirt air fhéin a chreidsinn gu robh e ’na dhùisg pàirt de’n ùine agus a faicinn an duine ris an robh e bruidhinn. Cha deanadh ni eile ’n gnothuch ach a dhol maille ris agus ceathrar anns a’ chuideachd a dh’ ionnsuidh àite àraid agus cladhach ann air taobh cnuic ri taobh na fairge, far am faighte de dh’ òr ’s de dh’ airgead na dheanadh daoine beairtaach dhiu ri ’m beò.
Dheònaich a nàbuidh so a dheanamh; fhuaras carbad mor rgus da each, dh’ uidheamaich iad iad-fhéin le spaidean, piocaidean, agus gàtaichean iaruinn, thug iad leotha ceithir pocannan, bocsa anns an robh àireamh de bhotuill uisge-beatha, agus aran us càise gu leòr.
An uair a dhorchnaich an oidhche, ghluais na fearaibh bho’n chaisteal, agus sin far an robh an t-aoibhneas agus an fhearas-chuideachd! Bha astar dha mhile dheug aca rì dhol a dh’ ionnsuidh an ceann-uidhe agus rinn iad suas ’nan inntinn an gnothuch a ghabhail cho toilichte ’sa dh’ fhaodadh iad. ’Nuair a bha iad mu mhile air adhart, labhair Eachann anns na briathran a leanas:
“ ’Bhean an taighe ’ghaoil an fhortain,
Aiseag a nall dhuinn am botull;
Olaidh sinn gu sunndach deoch dheth
Gus gach bochduinn a chur dhinn.”
Is mar sin bhatar a cur na deoch-slàinte mu ’n cuairt, agus aran us càise na déigh, agus chum iad air adhart air an dòigh sin gus an d’ rainig iad an ceann-uidhe, beagan an deigh meadhon-oidhche.
Leum iad uile mach as a charbad, a’ deanamh cho beag ùpraid ’sa b’ urrainn daibh. Thug iad fa-near an fhensa a leagail a chum na h-eich ’san carbad a thoirt bhar an rathaid ’s an cur ann an gleann beag eadar da chnoc, far am biodh iad sàbhailte agus á sealladh choigreach a dh’ fhaodadhh tigh’nn ’nan rathad, agus far am biodh iad faisg air an obair. ’Nuair a chuireadh na h-eich air dòigh, air an deagh bhiathadh, ’s air gabhail aca gu math, chuireadh am botull mu ’n cuairt aon uair eile agus labhair Domhnull anns na briathran a leanas;
“Mo dheagh chàirdean, bithibh socrach agus éisdibh ri beagan a tha mi dol a labhairt, oir tha pàirt de’n chuideachd aig nach eil làn fhios fhathast ciod a thug sinn air an astar so.
“Bho chionn beagan ùine air ais, thainig ugam ann am bhruadar chadail oifigeach airm air a chòmhdach ann an trusgan àluinn, le putanan òir ’na aodach, agus bannan òir air a cheann-aodach, agus feodhain eile air muilicheannan a chòta, ’s aodann gle ghlan o fhiasaig, ach balt a bha tarsuinn eadar a shron ’sa bheul.
“Dh’ iarr e orm triall dh’ ionnsuidh a chnoic ud thall, agus gu faicinn tri clachan geala am bàrr na talmhainn, gach te dhiubh m’an aon astar bho cheile, agus tomhas bho gach te dhiubh dh’ ionnsuidh a mheadhoin, toll a dheanamh ann an sin, agus nuair a rachamaid mu dhoimhneachd thri troighean gu faigheamaid seann acaire beag iaruinn; fodha sin seann chlaidheamh meirgeach, agus beagan astair fodha sin soitheach copair mu mheudachd buideal thairnean, agus leachd thana de chloich air uachdar, agus gu robh de dh’ or ’s de dh’ airgead ann na dheanadh beairteach sinn gu bràth.
“An uair a ruigeas sinn an t-acaire, agus an t-seann chlaidheamh, faodaidh gu ’n cluinn sinn moran fuaim mi-nàdurra agus ma dh’ fhaoide gu faic sibh bàta làn shaighdearan fo’n cuid armachd a tigh’nn gu cladach, ach na gabhaibh sgiamh sam bith, biodh gach fear ’na dhùisg, agus gach fear a thig air adhart as a bhàta, bithibh ’na charamh le spaid, piocaid, no arm sam bith a thachras a bhi deiseil. Mar so seasaidh sinn ar grunnd agus theid leinn.
“ ’Nuair a gheibh sinn an t-òr cuiridh sinn anns na pocannan e; bheir sinn leinn e, agus falaichaidh sinn e aig baile, agus ri ùine cuiridh sinn air falbh aon dhe’n chuideachd leis an òr gus a chùineadh as ùr ann an dùthaich chéin. ’Nuair a thilleas an teachdaire sin air ais, theid an t-òr a roinn, urad agus urad aig gach fear.
“Bheir sibh fa-near nach eil facal ri labhairt bho’n thoisicheas sinn gus an sguir sinn, oir ma labhrar focal faodaidh sinn tilleadh falamh mar a thainig sinn.”
Is ann mar so a bha: chaidh Domhnull air adhart thun a chnoic, agus gach fear ’g a leantuinn; le arm na laimh. Rainig iad an cnoc, aguss ged a bha ’n oidhche dorcha, cha robh moran dragha aig Domhnull na tri clachan geala chomharrachadh a mach. B’e so a cheud dhearbhadh gu robh coltas air cainnt Dhomhnuill. Thomhais fear de ’n chuideachd bho na clachan le ceumanna, fhuair iad an t-àite, agus air ball thòisich iad air cladhach.
Dh’ oibrich na seòid gu tapaidh, ach cha robh an t-acaire ’tachairt orra, agus cha do chual iad fuaim neònach sam bith. ’Nuair a rainig iad doimhneachd thri troighean, cha do chaill iad an dòchas idir; bha an talamh agus na clachan a’ tigh’nn a mach as an toll gu dian, agus mar a dh’ fhàsadh fear sgith, bha fear eile dol ’na àite.
Bha an toll a nis mu cheitheir troighean a dhoimhneachd, agus bha cuid de na fir air fàs sgith de’n obair. Chaidh fear eile sios, ach cha bu luaithe rainig e grunnd an tuill na ghrad leum e as le sgread oillteil, agus gun fhacal a labhairt thug e ri bruthaich. Thainig feadhainn eile de’n chuideachd a choimhead gu de bha cearr anns an toll, agus chunnaic iad da shùil a lasadh mar theine ann an grunnd an tuill, agus a gluasad bho thaobh gu taobh, ’s gun fhuaim sam bith ri chluinntinn. Ghrad leum fear air falbh agus càch ’ga dhlùth leantuinn gus an d’ rainig iad an carbad. Fear a chanadh gu robh na sùilean uiread ri sùilean eich, fear eile chanadh gu robh iad na bu lugha na sin, ach beag no mor ’ga robh iad, cha robh dh’ òr no dh’ airgead anns an dùthaich na bheireadh air fear seach fear dhiubh cas a chur anns an toll tuilleadh.
Ghrad rinneadh deiseil na h-eich agus an carbad, agus thill a chuideachd gu baile, ach gus an latha ’n diugh cha d’ fhuaireas neach a dh’ innseadh co a chair an cat anns an toll!
Bha stoirm ghàbhaidh ann an Sasuinn mu mheadhon na seachdain so. Bha moran shoithichean air am bristeadh mu na cladaichean, agus daoine air am bàthadh. Bha uisge mor ann agus bha moran fearainn air a chur fodha leis an tuil. Bha an stoirm cho làidir ann an cearna de Wales ’s gu ’n do chuir i sreang de charbadan-iaruinn thairis, ach gu fortanach cha do mharbhadh duine. ’S i stoirm cho dona ’sa bha ’san dùthaich o chionn àireamh bhliadhnaichean.
[Vol . 5. No. 35. p. 2]
Cumail Beo na Gailig.
Aig a Mhòd Ghàidhealach mu dheireadh bha duais choig puinnd Shasunnaich air a tairgse air son a phaipeir a b’ fhearr a rachadh a sgriobhadh air “An doigh a’s fhearr air a’ Ghàilig a chumail beo.” Bha da phaipear air an cur a stigh a bha cho faisg air a chéile ann am mathas ’s nach b’ urrainn do na breitheamhan eadar-dhealachadh sam bith a chur eatorra, agus chaidh an duais a roinn orra-san a sgriobh iad. Bha fear de na paipearan mar a leanas:—
Ma chuireas sinn briathran a chinn-sgrìobhaidh so mar cheist, thig sinn theagamh na’s dlùithe air smior a gnothaich; mar so, Ciod an doigh a’s fearr air a Ghaidhlig a chumail beo ann an Gaidhealtachd na h-Alba? Ann a bhi freagairt na ceiste thig, tha mi an dochas, brìgh ar breathnachaidh na ’s dìriche fa chomhair ar tuigse.
Ach mun toir mi oidhirp air a so a rannsachadh cha chreid mi nach aontaichear leam gur coir ceist eile a chur agus a fhreagairt an toiseach; ’s e sin an fhiach agus an airidh a’ Ghaidhlig a cumail beo? Ma dhearbhas sinn gur fhiach agus gur airidh, tha e soilleir gur i so dòigh a ’s fhearr os cionn gach dòigh eile, a chionn gur e aobhar a’s fhearr sam bith gu ’m bitheadh a Ghaidhlig air a cumail beo. Agus air an lamh eile, mur ’eil ar luchd-dùthcha soilleir gur buanachd dhoibh a Ghaidhlig a chumail beo, agus gur call dhoibh a leigeadh dìth, is cinnteach nach gabh iad mòr shuim de ’r beachdne mu ’n chùis, na de chomhairle sam bith a dh’ fhaodas sinn a thairgse dhoibh g’ a taobh. An fhiach, ma ta, a’ Ghaidhlig a chumail beo?
Tha gach neach a smaointich riamh air a ghnothach làn-shoilleir gur ann an cànain na leanabachd agus na h-òige a tha na frèumhan a ’s doimhne nar beatha air an leagadh, agus cha’n ’eil teagamh nach ann tre na cuislean domhain, dìomhair so a tha sinn a sùghadh, tre uile laithean ar turuis, snothach-fàis ar neairt co dhiu is lèir dhuinn sin na nach lèir. Thuirt fìor dhuine glic, “Ma bheir thu dhomhsa stiùradh nan ceud choig bliadhna de bheatha duine faodaidh tu deanadh mar a thogras tu ris a chòrr.” Bha e a’ ciallachadh leis a so gu ’m beil bonn-stéidh na beatha air a suidheachadh anns na coig bliadhna so—a chum maith ma ’s maith an suidheachadh, a chum uilc ma ’s olc. Cha ’n ’eil teagamh nach ’eil so fior.
Abramaid ma ta gu’m beil leanabh Gaidhealach air a thogail anns a’ Ghaidhealtachd re nan ceud coig bliadhna d’ a bheatha, agus abramaid gur i a Ghaidhlig cànain a’ mhathar agus a’ mhuinntir. Tha e soilleir gu ’m beil e gach uair agus gach mionaid a’ deoghal a stigh tre gach mothachadh agus gach càil blàths a phàrantan, a chàirdean, agus a chompanach, agus maoth-bhrigh a chruthachaidh mhoir mu ’n cuairt da. Tha gach lianag ghorm bhlàth air am beil e cluich ’s a mire, gach sruthan glan, gach allt ’s gach eas, gach preas ’s gach doire ceòlmhor, gach monadh, gach sliabh ’us beinn, gach fonn ’s gach sìth, air thalamh agus anns an speur a’ labhairt chagar ris-san tre chluais gach faireachdain—cagair nach cluinn sinne, agus theagamh nach tuigeamaid ged a chluinneadh. Tha a chagair fein air leth o nadur do gach aon.
Tha e mar so air a lìonadh gun fhios da le neart agus le eòlas. Tha rùintean agus aignidhean air am beothachadh ann nach dealaich ris am feasd, nach urrainn e, ged bu mhiann leis, a dhubhadh a mach no spionadh gu bràth a bun. Is e an ceud-fhàs bunaiteach so a’s buadhmhoire gu mòr na ni sam bith eile ’nar crannchur gu aomadh ar rùintean a chum gloinne beatha, gu grinneas agus gu duinealachd. Cha ’n ’eil teagamh nach ann ’s na laithean òga sa a tha an leth gu mòr a’s fhearr agus a’s mairreanaiche de neart ar beatha air a stèidheachadh, agus cha ghabh teagamh a bhi nach ’eil sinn lag no laidir, fann no foirfe, ’nar beatha a reir mar a tha ar stèidh air a suidheachadh agus a reir mar a thogas sinn oirre anns na laithean a leanas. Ged a ni foghlum agus ealain agus seoltachd ar n-òganachd ’s ar làn-fhàis atharrachadh cho mòr air ar n-inntinn agus air ar cleachdadh agus gu ’n saoil sinn gu ’n do chailleadh gu buileach dealbh agus beathachadh ar n-òige tha sinn am mearachd. ’S ann a chionn nach ’eil fradharc ar tuigse ceart, no cho glan ’s a dh’ fhaodadh e bhi, a tha sinn a faicinn claon mar so. Na ’n robh an leanabh so air a thogail tre ’n chànain Bheurla bu cheart cho math dha a bhi air àrach air sgeir am meadhon cuan mòr dorchadais Bhitheadh baigh a chruthachaidh gu lèir duinte dha agus cha bhitheadh ’fhàs ach tiorann, cumhang, caol. Tha so fein, ar leamsa, ’na aobhar gur leoir gu còir dhuinne, agus gur fhiach, a Ghaidhlig a chumail beo.
Nuair a dh’ fhàsas e suas agus a sheallas e mun cuairt ’s a chi e gur eachdraidh anabarrach urramach agus chliutach eachdraidh agus sgeul a dhuthcha, agus nuair a chi e gur ann as a’ Ghaidhlig a dh’ fhas an eachdraidh, ’s gur ann o’ n Ghaidhlig a mhain a thig buanachd na h-eachdraidh agus calmachd a dhuthchais cha bhi teagamh idir aige nach airidh a Ghaidhlig a cumail beo.
Chi e mar an ceudna gu ’m beil ar n-òrain mhilis, ar sgeulachdan brìoghar o’n t-sean-àm chéin, agus am beairteas gliocais a tha air fhàgail againn gu snaidhte glan, nar gnàth-fhocail, na maoin phrìseil nach fhaodar idir a leigeadh an dearmad no air dichuimhne gun chall mòr a thoirt oirnn fein. Chi e gu ’m beil duan mhòr uasal Ghaidhlig ann an ainmeanan nan sliabh, ’s nan srath, ’s nan aibhnichean, agus is leir dha muthad a chall mur b’ urrainn da an duan luachmhor so a leughadh no a thuigsinn. Chi e cuideachd gur ionmhas iongantach a Ghaidhlig fein ’na dealbh ’s na dreach ’s na seanachas, agus cha duilich dha a thuigsinn gu ’m beil sinne agus ar n-eachdraidh air ar ceann an latha a ni sinn dearmad no dimeas air sochairean cho mor. Nuair nach bi meas againn oirnn fein cha chòir dhuinn gearan ged nach bi mòr mheas aig each oirnn.
Is ann airson so agus airson iomadh deadh aobhar eile nach freagair dhomh a chur an cèill air fad a tha mi nis ag ràdh gur airich gur fhiach agus gur dleasnach a Ghaidhlig a chumail beo.
Ciamar ma ta, a theid againn air a so? “Ciod an dòigh a’s feàrr air a Ghaidhlig a chumail beò ann an Gaidhealtachd na h-Alba?” Is e a chèud ni is còir dhoibhsan a dheanamh aig am beil mòr mheas air a’ Ghaidhlig, a cleachdadh iad fein agus a cliùthachadh. Cha ’n ’eil teagamh sam bith nach ’eil an laigse a’s miosa d’ am beil sinn buailteach ag eiridh a so, gu ’m beil cho liuthad dhinn fein a tha gun sgur ’ga moladh o nach cluinnear facal di ma ’s urrainn duinn idir a seachnadh. Is aithne dhomh Gaidheil dhùthchasach ghasda, aig an tigh agus bho ’n tigh, leis an ainmic gach cothrom gu aideachadh an dùthch’ agus an duthchais le feileadh ’s le sporan, le piob-mhoir ’s le gille-callum, ach aig nach ’eil facal Gaidhlig nan ceann agus nach dean an oidhirp a’s lugha air a h-ionnsachadh. Cha ’n ’eil so ceart. Cha ’n fhiach e. Cha chum sgeanan-dubha no biodagan, no tartan, no sgeadachadh sam bith, air a ghrinneas, anam na saorsa beo ’nar measg, no cliù ar sinnsir. Tha cuid da rireadh de ’n bheachd nach coir do neach sam bith an deise Ghaidhealach a chleachdadh ach iadsan aig am beil a’ Ghaidhlig, agus gu dearbh se beachd gle thùrail a tha an sin. Ma chuireas sinn an cochal agus an taobh-a- mach an aite dùrachd agus gniomh am measg ar luchd-dùthcha tha sinn a brosnachadh an ceum air an t-slighe leathain gu neonieachd. Cha ’n ’eil naimhdean againn an diugh a’s miosa na spagluinn gun seadh agus fearas-mòr falamh faoin nar measg fein, agus rachainnsa cho fada ’s gu ’m bu mhaith leam gu ’n cuireadh am Mòd a mach mar reachd nach Gaidheal neach sam bith aig nach ’eil aithne chothromach air a chànain Gaidhealach. Dheanadh so feum mor le bhi a cur comharradh follaiseach fa’n comhairsan le ’m bu mhiann a bhi dileas gur i a Ghaidhlig a mhain bonnstéidh beatha na Gaidhealtachd agus nan Gaidheal; agus co aige tha fios nach beothaicheadh e iadsan a tha a saoilsinn gu ’m beil iad a lionadh nan uile aireamh agus a co-lionadh nan uile dhleasnas le bhi ’gan sgeadachadh fein air uairibh an Gaidhealachd uallach nan tàileirean.
Ni eile nach eil maith. Is aithe dhomh deadh chinn-theaghlaich, Gaidheil dhùthchasach dhuineil a reir na h-uile coltais d’ an aithne a Ghaidhlig gu maith, agus aig am beil mòr mheas oirre, ma chreidear iad, ach nach teagaisg aon fhocal di d’ an òigridh fein, a tha mar so a fàs suas gun diog de chainnt an duthchais ’nan cinn, a cheart cho Gallda ’s ged dh’ àraicht an Lunnainn iad. Tha so am mearachd agus gu lèir mi-
[Vol . 5. No. 35. p. 3]
fhortanach. Tha eisempleir an leithidibh so a deanamh an còrr mor cron do ’n Ghaidhlig na ’s urrainn duinn a thuigsinn. Tha iad a leigeadh ris nach eil seadh na brigh idir anns a ghlagaireachd bhaoth leis am beil iad a toirt a chreidsinn gu ’m beil iad air an dian-losgadh le gradh agus le dilseachd d’ an cinneadh. Ciamar, ma ’s fhiach a Ghaidhlig a cumail beo, a tha na daoine gasda so—na “fior Ghaidheil” so mar their na paipeirean—ciamar tha iadsan cho tàireil oirre agus cho dìmeasach ’s nach fhuiling iad i nan teaghlaichean fein? Sin a cheist a bhitheas na neochiontaich a cur gus an tuig iad nach fhiach facal a thig a beul mòr na bladaireachd-sa eisdeachd no a chreidsinn. Tha e tuilleadh ’us soilleir nach ’eil an èud ’s èideadh Gaidhealach ach fior thana, agus tha e soilleir cuideachd nach d’ fhuair iad riamh an greim ceart air a Ghaidhlig, ’s nach fhaca iad ’s nach d’ fhuair iad a mach riamh a maise no a fiach. Is coir do na h-uile ’tha ri oidhirp dhilis gus a Ghaidhlig a chumail beo an suil a chumail air na fior Ghaidheil so agus air gach aon de ’n leithid.
Ach leigeamaid leo sud agus leo so an rathad fein a ghabhail, agus deanamaidne le ’m miann a bhi dìleas rannsachadh a mach ciamar is fhearr a dh’ fhaodas sinn ar cànain, cha ’n e mhain a chumail beo ach ath-ùrachadh agus ath-neartachadh mar an ceudna.
(Ri leantuinn.)
Na Marbhrannan.
Thuirt mi cheana, airson na bheil de ghnothuch agam an traths ris a’ bhardachd a tha air a h-ainmeachadh air Oisean agus air na seana bhaird eile, nach dean e bheag de mhùthadh co-dhiu is e Mac-Mhuirich ’us Mac a Ghobhainn no Mac-Fhinn a sgriobh i. Cia b’e a sgriobh i, tha e air aideachadh leis gach neach gur bardachd i a tha airidh air gach urram a fhuair i anns gach cearn de ’n t-saoghal. Anns a’ Ghaidhealtachd cha do chuireadh riamh an teagamh nach e fior shaothair nan seana bhard a gheibhear ann an “Oisean” Mhic-Mhuirich agus ann an “Sean Dana” Mhic-a- Ghobhainn. Ach air Galldachd agus ann an Sasunn tha fios againn uile gu ’n do chaitheadh moran dragh agus moran airgid a’ feuchainn ri dhearbhadh, mu “Oisean” Mhic-Mhuirich gu sonruichte, gur e Mac-Mhuirich fein agus nach e Oisean a sgriobh a’ bhardachd oirdhearc sin. Cha d’ thugadh seachad fathast ann an Gaidhlig, cho fad agus is aithne dhomh, cunntas air a chonnsuchadh agus air an deasboireachd a thachair mu ’n chuis so. Cha ’n e mo rùn an traths an sgeul innseadh. Cha sgeul ro thaitneach i; agus cha chualas fathast, anns a’ Bheurla fein, am focal mu dheireadh dh’ i. Their cuid gu ’n do sgriobh Mac-Mhuirich “Oisean” an toiseach anns a’ Bheurla; agus, ’na dheigh sin, le cuideachadh a chairdean, gu’n d’ eadar-theangaich e a bhardachd fein gu Gaidhlig. Cha ’n ’eil neach do nach aithne an da chànain comasach air breith a thoirt air a’ chuis so; agus cha ’n aithne dhomh aon d’ an aithne an dà chànain ach Caimbeulach Ile a tha de ’n bheachd gur anns a’ Bheurla a sgriobhadh “Oisean” an toiseach. Their cuid eile gu ’n do chruinnich Mac-Mhuirich moran de sheana bhardachd agus de sgeulachdan anns a’ Ghaidhealtachd; agus gu ’n do chuir e fein agus a chairdean, leis na chruinnich e mar bhonn-steigh, ri cheile “Oisean” air an doigh air an do chuireadh fa chomhair an t-saoghail ann an leabhar e. Cha ghabh e nis dearbhadh co-dhiu tha ’m beachd so uile gu leir fior no nach ’eil. Tha dearbhadh cinnteach gu leoir gu ’n d’ fhuair Mac-Mhuirich moran bardachd anns a’ Ghaidhealtachd o bheoil dhaoine agus ann an sgriobhaidhean a tha nis air chall. Tha e fior nach faighear anns a’ bhardachd Oiseinich a chaidh a sgriobhadh roimh linn Mhic-Mhuirich no chaidh a chruinneachadh o ’n àm sin, agus a tha nis ri fhaotainn, ach beagan rannan a fhreagras, focal air fhocal, ri “Oisean” Mhic-Mhuirich.
A ris their na h-Eirionnaich gur ann daibhsan a bhuineas na tha de sheana bhardachd ann an leabhar Mhic-Mhuirich; gu ’n do ghoid Mac-Mhuirich “Oisean” á Eirinn; agus gu ’n d’ atharraich e e mar a thoilich e fein. Cha ’n ’eil mi meas gur airidh am beachd so air a rannsachadh. Cha do dhearbh na h-Eirionnaich fathast gu ’n robh aona chuid a’ mheirle no am meirleach riamh ann an Eirinn. Gus an dean iad sin saoilidh mi gu ’m faod sinn an coir air “Oisean” aicheadh.
Tha mi deanamh dheth nach abair neach ’sam bith a rinn a’ bheag de rannsachadh air eachdraidh agus air litreachas nan Gaidheal ann an Albainn gu bheil againn ann an “Oisean” Mhic-Mhuirich bardachd Oisein anns an dearbh chainnt agus anns a’ cheart ordugh anns an d’ fhag Oisean e fein i coig no se-ceud-deug bliadhna roimhe so. Ach cha mho tha fios cinnteach againn, agus cha ’n ’eil m’ fhiughair gu ’m bi gu brath fios cinnteach againn, air meud an atharrachaidh a rinneadh le Mac-Mhuirich no le neach eile air bardachd Oisein mu ’n do chuireadh an t-saothair ann an clo. Tha fios againn gu ’n robh anns gach linn Fionn ’us Oisean, Goll ’us Oscar—an cliù ’s an euchdan—am beul an t-sluaigh. Tha fios againn gu ’m b’e Oisean mac Fhinn Bard na Feinne. Tha fios againn gu ’n robh bardachd a bha air a h-ainmeachadh air Oisean siubhlach am measg nan Gaidheal Albannach o chionn ceithir-cheud-bliadhna air a chuid is lugha. Tha fios againn gu ’n do chruinnich Mac-Mhuirich moran de ’n t-seana bhardach so a tha nis air chall mur faighear ’n a leabhar fein i. Tha fios againn gu ’n d’ thug moran de dhaoine tuigseach fianuis seachad gu ’n robh iad, ’n an oige, cleachdta ri bhi cluinntinn roinn mhor de ’n bhardachd mar gheibhear i ann an “Oisean” Mhic-Mhuirich. Ach cha ’n ’eil fios cinnteach againn air na fhuair Mac-Mhuirich de sheana bhardachd air a thuruis anns a’ Ghaidhealtachd; agus cha ’n ’eil agus cha bhi fios cinnteach againn air cho cosmhuil agus a tha bhardachd a thug e seachad ris a’ bhardachd a fhuair e. Cha ’n ’eil teagamh agam fein nach d’ thug e seachad moran bardachd anns a’ chainnt anns an d’ fhuair e i. Cha ’n ’eil e mi-choltach nach d’ thug e seachad roinn d’a chuid fein ann an ainm Oisein. Ach co am bard no na baird a chuir an t-seana bhardachd anns a’ cheart chainnt anns an d’ fhuair Mac-Mhuirich i; agus cia meud a thug Mac-Mhuirich seachad d’a obair fein, cha ’n ’eil mi meas gu ’n gabh e dearbhadh gu brath.
Ach airson fior luach na bardachd agus a feum dhuinne cha ’n ’eil mi meas gu ’n dean e bheag de mhuthadh co rinn i. Bu toigh leinn gun teagamh a bhi creidsinn gu ’n robh Fionnaghal ’n a righ cumhachdach ann an Morbheinn o chionn se-ceud-deug bliadhna; gu ’n deachaidh e tric a mach a sheasamh coir a’ dhuthcha ’s a’ shluaigh; agus gu ’n robh “fonn nan oighean ’s guth nam bard” a’ dol na chomhdhail an uair a
“Thill righ nam buadh le ’shluagh gu ’thir.” Ach airson fior fheum dhuinne an diugh, tha a’ bhardachd cho cumhachdach ged rachadh a dhearbhadh am maireach nach robh Fionnaghal riamh ann am Morbheinn ach ann an smuain a’ bhaird a mhain. Co a shaoil riamh gu ’m biodh Milton no Shakespeare no Tennyson na bu chumhachdaiche mar luchd-teagaisg nam b’e agus gu ’m biodh eachdraidh na cul-taice d’ an smuain na bu laidire na tha i. Cia b’e chur “Oisean” ri cheile mar tha bhardachd againne nis is aitreibh ghreadhnach e. Tha sinn cinnteach á aon ni. B’e cridhe Gaidhealach a smaointeach a’ bhardachd so; b’e ceann Gaidhealach a dhealbh i; agus b’e lamh Ghaidhealach a sgriobh i. Feudaidh e bhi nach buineadh an cridhe ’s an ceann ’s an lamh do ’n aon duine no do ’n aon àm; ach bhuineadh iad do ’n aon fhuil agus do ’n aon àite. An fhad so tha mi meas gu bheil “Oisean” a’ giulan fhianuis agus a bharantais fein air clar eudain. Is Gaidheal e ’n a ainm, ’n a chainnt, agus ’n a nadur. Cha saoil mi gu bheil neach is urrainn an leabhar a leughadh anns a’ Ghaidhlig a chuireas so ann an teagamh.
(Ri leantuinn.)
Fhuaireadh fear Robert Allen marbh air lobhta taighe an aon de bhailtibh Eirinn o chionn ghoirid. Bha e na dhuine bha anabarrach cruaidh, agus spiocach, agus bha ’san ainm gu robh mu thri mile punnd Sasunnach ma seach aige; gidheadh thug e galair a bhàis a fuachd us acras.
Chaidh ionnsuidh a thoirt air beatha banrigh Victoria coig uairean, aon uair ’sa bhliadhna 1840, da uair ’sa bhliadhna 1842, uair eile ann an 1849, agus a rithist ann an 1882.
[Vol . 5. No. 35. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ‘Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton
SIDNI, AM MART 6, 1897.
A Framboise.
Tha mi ’n dùil gu ’n gabh thu mo leithsgeul a chionn mi bhi cho ro-fhada gun sgrobag a chur a dh’ ionnsuidh do phaipeir gasda. Ach bho ’n thug thu fein sanas anns an àireamh mu dheireadh, do neach sam bith a bhiodh airson naigheachdan fhaotainn ’sa MHAC-TALLA gu ’m bu choir dha litir bheag a chur da ionnsuidh ag innse ma thachair ni neo-àbhaisteach ’sa choimhearsnachd, agus an dòigh ’san do thachair e. ’S mar sin faodaidh mi innse dhuit gu ’n do thachair geamhradh neo-àbhaisteach briagha a bhi againn am bliadhna. Cha ’n fhaca an neach as sine tha ’n so a leithid. Cha robh againn de shneachda ach direach na bha feumail ’s mar sin bha e furasda gluasad bho ’n tigh a dh’ aite sam bith, agus ged a bha beagan de shide reòdhte ann ’san fhaoilleach cha bu lugha na siochaire a dh’ fhanadh gu ’n obair latha a dheanamh bho ’n thainig an geamhradh. Ach ciamar a thachair a leithid de aimsir cha ’n urrainn mi radh ach a mhain gu ’n dheònuich a Freasdal e.
Thachair ni math eile an so bho chionn ghoirid, agus ’se sin gu robh te de ’r maighdeannan òga, Flori Nic Cuidhein air a pòsadh ri Dòmhnull Moireastan aon de dhaoin’ òga St. Esperit. Tha Dòmhnull ’na dheagh dhuine, agus cha ’n eil teagamh agam nach do rinn e deagh roghainn. Tha sinn a’ guidhe saoghal fada, sona dhaibh, ’s cha ’n eil teagamh nach bi ni no dha eile dhe ’n t-seòrsa ud mu ’n teirig an t-earrach. “Ged sheargas craobh ’sa gheamhradh fhuar, ni ’n t-earrach nuadh i ris.”
Chaidh an soitheach a thainig air tir aig Fourchu a cheannach le Mr. Hooper, a mhuinntir an àite sin airson beagan us ceud dolair, agus le gle bheag cosgais cuiridh e air sàl i cho maith ’sa bha i roimhe, bho ’n cha deachaidh moran dochuinn a dheanamh oirre, ’s cha ’n eil teagamh nach bi i mach aige air gle bheag de ’n t-samhradh. Chaidh a luchd fiodha a reic gu math saor.
Tha biadh spréidhe pailt gu leòir aig gach neach am bliadhna; chinnich gach seòrsa barra anabarrach math air an t-samhradh s’a chaidh, ’s tha gu leòir a dol leis an t-siol choirce do ’n mhuillein-bhleith ’sa deanamh min deth mar anns na làithean bho shean; ’s tha mi ’n dùil na biodh daoine a leantuinn ni bu dlùithe ris na cleachdaidhean a bh’ aca bho shean ann am biadh ’san aohach nach biod iad a feum cungaidh-leighis cho tric ’sa tha iad. ’S tha mi creidsinn na ’n cuirte air beulthaobh muinntir mor-chuiseach òg’ an latha ’n diugh an seòrsa bidhe a bhiodh aig air sinnsir anns na làithean sona a dh’ fhalbh gu ’m biodh neach an cunnart air achmhasan sgaiteach fhaighinn, tha mi a creidsinn sa Bheurla. Co-dhiu theirte ruit gu ’n robh iad“slightly offended. ”
’S ann mu ’n àm so de ’n bhliadhna a bhios muinntir an àite so a còmhstri co aige tha ’n t-each is luaithe air deigh chruaidh. Tha e ’na ni gle inntinneach a bhi faicinn eich luatha aig réis, ach tha mi a saoilsinn gur ni gle an-iochdmhor a bhi le stiall cuipe a feuchainn ri luaths a thoirt á casan eich sam bith anns nach eil e; agus cha ’n e mhàin e bhi ’na an-iochd ach ni tha toillteannach air peanas.
CEANN LIATH.
An Gearran, 1897.
Litir Bheag a N. Gut, St. Ann’s.
GU FEAR-DEASACHAIDH A MHAC-TALLA:—
Faigh anns an litir so dolair airson na bliadhna dh’ fhalbh. Cha ’n eil feum ann a bhi ’toirt seachad leisgeulan air son a bhi cho fada gun sgriobhadh gu’r n-ionnsuidh. Tha barail agaibh fhein air an aobhar cheana, ’s cha ’n eil buannachd ann an tuilleadh a radh. Mile thaig do na deagh sgoilearan Gàidhlig a tha sgriobhadh ugaibh litrichean agus eachdraidhean Gàidhealach as gach cearn de ’n t-saoghal. O’n nach eil dad a dh’ eòlas agam air a bhi sgriobhadh Gàidhlig, criochnaichidh mi an litir bheag so le bhi guidhe buaidh is soirbheachadh leis a MHAC-TALLA.
Is mi ur bana charaid,
CATRIONA NIC ILLE-MHOIRE.
Dior-daoin s’a chaidh bha McKinley air a chur a stigh do ’n dreuchd air son an d’ rinn sluagh nan Stàitean a thaghadh toiseach a gheamhraidh. Bu latha mor e anns na Stàitean. Cha mhor nach robh uiread greadhnachais timchioll air ’sa bha mu chrùnadh Sar Ruisia. Agus car son nach bitheadh? Ged nach eil e gu bhi na Cheannsuidhe ach a mhain ceithir bliadhna, agus ged is cruaidh an spàirn a bh’ aige ri dheanamh mu ’n d’ fhuair e stigh, gidheadh fhad ’s bhìos e ann, tha e riaghladh thairis air trì fichead us coig muilleinean sluaigh, agus tha barrachd mor de ghuth aige ’nan riaghladh na th’ aig ban-righ Victoria ann an riaghladh na h-Impireachd Bhreatunnaich.
Chaidh paisde geal a ghoid air falbh á dachaidh a phàrantan faisg airKentville , N. S. ,air an t-seachdain s’a chaidh leis na h-Innseanaich. Chaidh an tòir a chur orra, agus fhuaireadh am pàisde thoirt uapa.
STOR UR TAILLEARACHD.
Aodaichean Matha dhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.
Theid sinn an urras air an obair,
MacCoinnich & Co.
Sidni, C. B.
F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn.
Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.
Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air.
Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.
Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c , &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.
THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin.
Tha Factoriah Eureka air aon de ’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.
Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.
Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitche’s Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.
[Vol . 5. No. 35. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Chaochail Innseanach d’ am b’ ainm Adelaide Glode ann an Lunenburg, N. S., an la roimhe, ’se ceud us aona bliadhn’ deug a dh’ aois.
Tha dùil aig Mr. Laurier a dhol a null do Bhreatuinn toiseach an t-samhraidh, gu bhi làthair aig Iubili na ban-righ’nn. Tha Liberals Mhontreal a’ cur rompa sporan mile dolair a thoirt dha mu ’n falbh e air an turus.
Chaochail dithis dhaoin’ òga mhuinntir a Chladaich a Tuath anns an àirde ’n Iar o chionn ghoirid, Tormad Domhnullach agus Tòmas Mac Leoid. Dh’ fhág iad an dachaidhean o chionn àireamh bhliadhnaichean air ais.
Mar a thug sinn iomradh air an t-seachdain s’a chaidh bha tagradh air a chur a dh’ ionnsuidh an Ard-Riaghladair ag iarraidh a bheatha leigeadh le Iain Sullivan. Thainig fios air ais ag radh nach gabh an riaghladh gnothuch ris a chùis, agus gu feum e bhi air a chrochadh a reir na binn a thugadh a mach.
Thainig am Màrt a stigh gu math garbh, agus ma ’s fior na sean-fhacail ’s dual dha dhol a mach min. Bha an t-side gle dhoirbh air an t-seachdain so, reothadh us sneachd us blàths us uisge tigh’nn an deigh a chéile. Shil moran uisge oidhche Di-ciaduin, agus bha na ròidean ann an droch staid Dior-daoin.
Gheibhear ainmean na phàigh air a mhios s’a chaidh anns an àireamh so. B’ fhearr leinn gu robh am barrachd ann dhiubh, agus bu chòir iad a bhi ann. Tha moran d’ ar luchd-leughaidh nach d’ thug cothrom dhuinn air an ainmean a chur anns a phaipear o chionn fhada. Ma phàigh neach sam bith ’s nach deach ’ainm ’sa phaipear, cuireadh e fios ugainn.
Loisg fear Iain Connolly air nighinn òig, aois shia bliadhn’ deug, ann am Boston oidhche Shatharna s’a chaidh, ’ga marbhadh air ball. Bha e deanamh suas ris an nighinn, ach air do ni-eigin tigh’nn eatorra, chuir i cùl ris; chaidh e dh’ ionnsuidh an taighe aice an oidhche sin ma ’s fhior air son réit a dheanamh, agus gun rabhadh sam bith thug e mach daga s thilg e i. Bha piuthar do ’n nighinn a làthair ’nuair a loisg e oirre. Chaidh a chur an greim gun dàil.
Tha paipear-naigheachd ann am Montreal, an Star, an deigh ochd mile deug air fhichead dolair fhaotainn a stigh air son cuideachadh a dheanamh le muinntir nan Innsean. Cha do chuireadh suim cho mor cruinn an uine cho goirid ann an Canada riamh roimhe, Tha e gle iomchuidh gu ’n deanadh muinntir Chanada an dichioll air cuideachadh a chur gu ’n co-chreutairean anns na h-Innsean: ged nach aon sluagh iad, tha iad fo dhion na h-aon bhrataich, ’s buinidh iad do ’n aon dùthaich, agus cha bu chòir dith sam bith a bhi air sluagh an aon chearna de ’n Impireachd Bhreatunnaich fhad ’sa bhiodh gu leòr agur ri sheachnadh ann an cearnan eile dhith.
Bha an eaglais ùr air a fosgladh aig na Forks la na Sabaid s’a chaidh. Shearmonaich an t-Urr. I. F. Forbes innte aig aon uair deug ’sa mhaduinn ’am Beatha, agus aig crioch na seirbheis Bheurla, shearmonaich e ’sa Ghàilig. “Aig tri uairean feasgar shearmonaich an t-Urr. E. B. Mac Raing. Tha an eaglais na togalach bhriagha, ’s ’na làn uidheam a muigh ’sa stigh, agus tha e gle chreideasach do’n t-sluagh a leithid a chur suas, agus i bhi air a fosgladh saor o fhiachan. Bha seirbheis anns an eaglais a h-uile h-oidhche air an t-seachdain so, ’s an t-Urr, Mr. Forbes an ceann nan coinneamhan. Bha ceithir fichead dolair ’sa sia air a chur cruinn anns an tional an latha chaidh an eaglais fhosgladh.
Tha coithionalDalhousie Mills,an Ontario, an deigh gairm aon-ghuthach a chur a dh’ ionnsuidh an Urr. Iain Fhriseil, ministeir a Chladaich a Tuath.
Chaidh dithis dhaoine troimhe-chéile ann am muileann-sabhaidh an cearna de Chuibeic, agus thug an darna fear buille dh’ an fhear eile a chuir am paiseanadh e, agus a dh’ aobharaich a bhàs an la ’r-na-mhàireach.
Tha buidheann airm ann an Cuibeic anns am bheil mu choig air fhichead de dh’ oifigich, agus gun innte ach leth-cheud ’sa ceithir de shaighdearan. Tha so cha mhor a freagairt do ’n t-seann radh, “Ceannard air fhichead air an fhichead saighdear.”
Bha Seanadh nan Stàitean ’na shuidhe la na Sàbaid s’a chaidh, agus a’ dol air adhart le gnothuichean na dùthcha mar a dheanamh iad air latha seachdain. Cha robh mor mheas air an t-Seanadh roimhe so, agus air leinn nach ann a’ dol na ’s measaile no na ’s cliù-thoilltinniche tha e.
Sgaoil tigh-parlamaid Nobha Scotia, Di-luain. Chaidh àireamh de dheagh reachdan a dheanamh fhad ’sa bha e ’na shuidhe, agus bha ’n da thaobh gu math còrdte bho thoiseach gu deireadh. Cha robh moran de dh’ aobhar còmhstri aca, agus mar sin ’se bhi réidh a b’ fhearr dhaibh.
Iadsan a Phaigh.
Eachann N. Mac Gilleain, Fairhall , Man.
F. A. Gemmel, Selkirk , Man.
Domhnull Domhnullach, Steornabhagh, Que.
Barbara C. Leitch, Binkham , Ont. (25c. )
Iain R. Mac Coinnich, Skye P. O. Ont.
Iain D. Mac Ille-mhaoil, Dunbheagain, Ont.
Donnacha Mac Crimein, Dunbheagain, Ont.
An t-Urr. D. A. Mac Fhionghain, Kingston , Ont.
Domhnull Mac Gilleòlain, St . Georges, E. P. I.
Domhnull Peutan, Drochaid Chardigan, E. P. I.
M. D. Domhnullach, St . George ’s, E. P. I.
Alastair Stiubhart, High Bank, E. P. I.
Bean Antoni ’Ic Aonghais, St . Peter’s Bay, E. P. I. 25c.
An t-Urr. Seumas Friseal, St . Andrew’s, N. S.
Domhnull Mac Neill, Loch na h-Aimhne Deas, N. S.
Aonghas Mac Fhearghais, Newark , N. J.
Alastair Mac Citheagain, Everett , Mass.
Anna Nic Neill, Castlebay , Barra, Alba.
Iain A. Mac Ille-mhaoil, Braigh Ghrand Mira.
Iain A. Mac Gilleain, L’Ardoise Iseal.
Nial Mac Cuspaic, Grand River.
Alastair I. Mac Gilleòlain, B . C. Chapel.
An t-Urr. H. P. Mac-a- Phearsain, L’Ardoise.
Ailein R. Mac Neill, Boulardarie ’n Iar.
Ceit Morieastan, Gut-a- Tuath.
A. Bain, Port Hawkesbury,
Domhnull Caimbeul, (Eildear) Baddeck Mhor.
Raonailt Nic Gilleain, M B. Road.
Domhnull Mac Philip, Loch Lomond.
A. S. Dùghlach, S . W. Margaree,
An t-Urr. I. F. Forbes, Sidni.
Alasdair Mathanach, Sidni.
Iain Mac Gilleain (marsanta) Scotsville .
Mrs. Dòmhnullach, Gleann-an-dathadair, Mabou.
Eos I. Domhnullach, Meinn Victoria, 50c
Coinneach Mac Ascuill, Cladach-a- Tuath, 25c
Seumas A. Domhnullach, Gleanngaraidh, 25c
POSAIDHEAN.
Air an darra latha dhe ’n Mhart, leis an Urr. I. F. Forbes, Calum Domhnullach, (ceannaiche) Louisburg, ri Seonaid Pheutan, Sidni.
Anns an tigh aig Iain G. Dunbar, Loch Ainslie, air an 16mh latha de Februaraidh, leis an Urr. Niall Currie, Iain Seumas Dunbar, ri Rosa Anna, nighean a’s òige Iain Dùghlach taobh an ear an Locha, An deigh a phòsaidh shuidh a chuideachd sios gu cuirm ghasda, agus an deigh sin chòmhlaich iad a’ charaid gu ’n dachaidh, “Green Hill Farm, ”far an robh gach ni ann an deagh òrdugh air son comhfhurtachd us toil-inntinn nan aoidhean, sean us òg. Tha sinn a’ guidhe do ’n charaid òig saoghal fada agus sonas.
C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
THA D. J. Domhnullach air son rùm a dheanamh do bhathar an earraich, agus tha e ’creic na th’ aige de bhathar geamhraidh gle shaor. Reicidh e ni sam bith a tha ’san stor, ach a mhain brogan, 20 p. c. na’s isle na bha iad roimhe so. Rud air am pàigheadh tu $1 .00 roimhe so, cha chosg e dhut an drasda ach 80c. Cha mhair so ach mios. Thig trath agus faigh bargan.
NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B,
Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha.
[Vol . 5. No. 35. p. 6]
As na h-Eileanan Coille, E. P. I.
FHIR-DHEASACHAIDH IONMHUINN AGUS A DHEADH CHARAID; —Cha’n eil feum a bhi ’gabhail leisgeulan, air eagal gu’m bitheadh e buailteach air a bhi a’ toirt air duine claonadh o’n fhirinn; ach faodaidh mi a ràdh gur fada bho na bha mi a dol a sgriobhadh, ach bha mi a feitheamh daonnan a smuainteachadh gu’m bitheadh cothrom na bu fhreagarraiche agam uair eigin eile, agus mar an ceudna gu robh mi faicinn a MHAC-TALLA daonnan làn do naigheachdan a bheir barrachd fiosrachaidh do’n luchd-leughaidh na bheireadh mo chuid litrichean-sa. Ach coma co dhiu, bho’n a tha mi faicinn gu bheil moran de na seana chàirdean a b’ àbhaist a bhi sgriobhadh litrichean cho gasda am bràth dearmad a dheanamh, tha mi ’m bràth tòiseachadh: agus an toiseach thugaibh mo mhile beannachd do Bhodachan a’ Ghàraidh; an duine còir! se a chuid litrichean féin air am bitheadh am blas. Gu ma fada beò e agus ceò as a thigh. Agus ciod e ’thainig air ar deagh charaid uasal “Iain?” saoilidh mi gu’n robh e ’gealltuinn dhuinn gu’n robh fear-eòlais aige a chumadh sgeulachdan gu leòr ’sa MHAC-TALLA fad a gheamhraidh; agus iomadh caraid eile, ach thig iad, thig iad.
Cha’n eil moran de naigheachd ùr agam fhéin aig an àm so. Tha geamhradh math glan againn agus is mor an t-aobhar taingealachd nach eil gort na goinne no plàigh sam bith ’nar neasg mar a tha ann an dùthchannan eile. Ach gu dearbh tha gort an airgeid againn, agus tha a phlaigh a’ sior dhol a measad riamh bho’n a chaidh sinn ann an co-bhoinn ri Mor-Fhlaitheachd Chanada. Cha’n eil urad nan tri sentachan a chuireas mi a ghiùlan na litreach so féin nach feum dol suas gu Ottawa, agus cha’n eil e furasda fhaicinn gu de an rathad air an tig na sentachan do’n Eilean so ’nuair nach faighear sgillinn air son na bheirear dhe uachdar na talmhainn, ged a tha na prisean cho iosal sa tha iad. Ach buidheachas do’n Ti a tha riaghladh gu ro-ghlic agus gu ro-chumhachdach, is tha ’gar fiosrachadh cho caoimhneil ’na fhreasdal. Tha mi a creidsinn gur e an t-eilean so àite tuinneachaidh cho math agus a tha fo’n ghréin, ach tha tuilleadh mor ’sa chòir do luchd-riaghlaidh agus de luchd-pàrlamaid againn, agus is gle mhath agus pongail i thug sibh féin fa-near sin ged nach robh ur cuairt ach gle ghoirid—mar a thug sibh an aire moran ni’s fearr na cuid a tha ann fad am beatha—gu bheil air luchd-riaghlaidh gun mhoran aca ri dheanamh ach na’s urrainn iad a chruinneachadh a roinn orra féin mar thuarasdal agus ma bhios còrr ann a chur a phàigheadh luchd-sgoile is oilean, agus mur am bi gu leòr ann airson sin a chumail air adhart cha’n eil ach tuilleadh a thogail air riadh. Agus an deigh na bheil ann do bhragadaich ’s do bhòilich mu Bheurla ’s mu sgoil cha’n fhaca mise a h-aon dhiu a thug cùnntas cho mionaideach agus cho athghearr air Baile Shearlot féin agus a thug sibh ann an eachdraidh ghoirid ur cuairt. Is iomadh bogalais de Ghàidheal agus do Ghall nach tugadh cùnntas cho firinneach na cho sgoinneil air ged is ann a rugadh ’s a thogadh iad. Bha mi a leughadh anns a MHAC-TALLA an oidhche roimhe ma dheibhinn an truisg mhor a fhuair iad anns a Bhras d’Or, agus bha e cur ioghnadh air deagh iasgairean truisg aon an so gu de mar a fhuair iad troimh ’n deigh e. Tha mi smaointeachadh gu’m bi mi ’stad an dràst; le m’ bheannachd is mi ur caraid dileas, an la chi ’s nach fhaic,
18, 2, ’67.
S. A. MACILLEMHAOIL.
A Malagawatch.
Tha side eireachdail againn. Tha na ròidean math, agus tha moran a gabhail a bhrath sin orra. Tha eadar-dhealachadh mor eadar an geamhradh so agus cuid de na geamhraidhean a chaidh seachad. Cha ’n e mhàin gu robh aig daoine anns na bliadhnaichean a dh’fhalbh ri fiar a cheannach, ach gle thric bhiodh aca ri sol-cur a cheannach; ach air a bhliadhna so tha gu leòr agus ri sheachnadh aig na h-uile, agus chithear moran a’ dol le lòdan gràin dh’ ionnsuidh nam muillean.
Thainig a ghriuthrach air chéilidh oirnn, agus gu dearbh cha b’e a beatha; ged a bha toil aice a bhi gle chàirdeil ’s ann a ghabh cuid gle dhon’ i, ach le còmhnadh sgileil an Dotair ’Ic Amhlaidh, tha iad uile air an cois ’s m’a chùl an gnothuich roimhe so.
Ged nach robh moran fuaime anns a’ “Ghleann,” tha cuid de na cnàmhan air tigh’nn cuideachd. Chaidh a radh o shean nach eil e math gu’m bitheadh an duine ’na aonar, agus is math a dh’fhaodas sinn a chreidsinn ’nuair a chi sinn sean agus òg a bha roimhe so ’nan aonar, a’ dol cuideachd. Tha sinn a guidhe saoghal fada, sonas agus soirbheachadh dhaibh uile.
19, 2, ’97.
GILLE.
A Nobha Scotia.
A MHIC-TALLA GHAOLAICH: —Na ’m bithean math air sgriobhadh na Gàilig, chluinneadh tu as a chearna so na bu trice, ach ceadaich dhomh taing a thoirt dhuit fhéin air son a bheagan a theid agam air a sgriobhadh dhi, oir cha rachadh agam air facal Gàilig a chur air paipear gus an do thoisich MAC-TALLA air tighinn gu m’ thigh.
Faodaidh e bhi gu ’m bi cuid de d’ luchd-leughaidh a ni toileachadh ri sgeul as an àite so. ’Se ’n t-Urr. A. J. Domhnullach, fear-dùthcha dhut fhein, is ministeir air an sgireachd so, agus faodaidh mi ’radh le firinn gur-a duin’ e a tha measail aig gach òg us sean dhe gach creud a chuir eòlas air. ’S an àm an d’ thainig e bha am mansa ri chur an òrdugh le pent us paipear, usioma ni eile a bheireadh leis moran airgeid. A chum na criche sin rinn an ògridh innleachd air an airgead a chur cruinn a shoirbhich gu ro mhath; agus so mar a rinn iad. Thòisich na mnathan agus na caileagan air còcaireachd phiheachan de dh’ aran milis agus de nithean blasda, brioghail eile. Rachadh sin a chur suas ann am bascaidean a bhiodh air an sgeadachadh gu riomhach; agus air an oidhche shònruichte chruinnich iad an aon àite agus rachadh na bascaidean a chreic a lion té us té ris an fhear a b’ àirde thairgeadh oirre, agus an deigh an rupadh shuidheadh gach fear sios a ghabhail roinn de na cheannaich e agus air a riarachadh leis an te d’ am buinneadh a bhascaid. Rachadh an sin uair de thim a chur seachad ag éisdeachd òraidean agus seinn agus ceòl air innealan, gus àm sgaoileadh iad. Air an dòigh so chaidh còrr us da cheud dolair a chur cruinn le gle bheag dragha, agus leis gu’n robh an t-aobhar iomchuidh, cha mhor gu robh bean no maighdeann no nighean òg nach d’ rinn an dichioll a chum an gnothuch a chur air adhart. Tha an tigh a nise blàth, seasgair, agus ma thig fear-deasachaidh MHIC-TALLA air chuairt, bidh e cinnteach gu’m faigh e gabhail ris gu math anns a mhansa. Agus ma’s e ’s gu’n tig e biodh e cinnteach taghal aig Alasdair an Ridse ’san dol seachad. Tha moran eòlais aige-san air eachdraidh nan Gàidheal, agus air an cuid bàrdachd, agus ma bhios Domhnull a mhac agus Anna a nighean aig baile, cluinnidh MAC-TALLA ceòl cho math ’s a chual e riamh. Agus feuch nach till e dhachaidh gus a dhol a choimhead air a charaid dileas,
AN TUATHANACH.
Loch na h-Aimhne Deis, N. S. 24, 2, 97.
Tha paipear Sasunnach ag radh gu bheil bean bheairteach an àit eigin ’s na Stàitean a tha ’n deigh litir-dhealaich a thoirt do chòignear dhaoine, agus an deigh an siathamh fear a phòsadh. Tha i-fhéin ’s an fheadhain ris ’n do chuir i cùl cho réidh ’sa bha iad riamh, agus bha ’n coignear aig a phòsadh mu dheireadh a rinn i.
Tha sgeul iongantach air innse mu thriùir bhràithrean a bha fuireach an siorrachd Chataobh. Rugadh an triùir air a mhios mu dheireadh dhe ’n bhliadhna, rainig gach fear dhiubh tri fichead us naodh bliadhna dh’ aois, agus chaochail iad air a mhios mu dheireadh dhe ’n bhliadhna, dithis dhiubh air an aon latha dhe ’n mhios.
Cha ’n eil dùthaich ’san Roinn Eòrpa aig am mò bheil de shaighdearan deiseil gu dhol a chogadh, na th’ aig a Ghearmailt. ’Nam bristeadh cogadh a mach, rachadh aice air ceithir muillein saighdeir ionnsaichte a thoirt air lom an taobh a stigh de cheithir uairean fichead.
Dh’ fhalbh dithis dhaoine uair do’n mhonadh air tòir mathain. Feasgar anmoch thill fear dhiubh dhachaidh. “C’ ait” an d’ fhàg thu do chompanach?” ars’ an fheadham a bh’ aig an tigh ris. “Dh’ fhuirich e ’sa bheinn còmhla ris a mhathan,” ars’ esan.
Tha Ard-easbuig Chanterbury a faotainn coig mile deug punnd Sasunnach ’sa bhliadhna, agus Ard-easbuigean York us Lunnainn, deich mile punnd am fear.
[Vol . 5. No. 35. p. 7]
Litir a S. W. Margaree.
FHIR-DEASACHAIDH, —Cha ’n eil mi ’n duil gu na chuir mi sgriob ’g ur n-ionnsuidh air a bhliadhna so; ach ged nach robh mis’ a’ sgriobhadh, bha feadhain a b’ fhearr foghlum is fiosrachadh na mi a’ deanamh comhnaidh leibh, agus a’ togail a’ MHIC-TALLA gu mor ann an urram ’s am miadh.
Tha geamhradh gle nàdurr’ againn. Bho ’n thainig a’ bhliadhn’ ùr, tha ’n t-sid’ ’am bicheantas reodhte, agus an sneachda, gus bho chionn seachdain, gle aotrom. Cha robh stoirmnean gàbhaidh idir cho tric ’s is minic a chunnaic sinn; mar so cha robh na daoine air an gairm a mach a bhristeadh nan rathaidean romh na postachan mar a b’àbhaist; agus mar a tig droch shid’ anns a Mhàrt, faodar cliù math ’thoirt air a’ gheamhradh so anns na bliadhnachan ’tha gu tighinn.
Tha moran tinn ’n ar measg o chionn beagan mhiosan. Eadar griùbhrach, droch cnatan, agus tinneasan eile tha ’n sluagh air an sàruchadh; ach feumar cur suas leis gach ni a chi am Freasdal iomchuidh, oir ’s math tha sinne dheth seach sluagh bochd nan Innsean agus iomadh sluagh eile. Chaochail boirionnach òg faisg oirnn o chionn ghoirid, Màiri, bean Dhonnachaidh ’ic Illeolain: bha i na boirionnach aig an robh meas gach aon a chuir eòlas oirre, agus tha co-fhulangas nan càirdean gu léir aig a companach ’s aig a cloinn ’tha ’s an àm ’ga h-ionndrainn gu mor.
Tha Comunn Connsachaidh aig na fir ’an so am bliadhna rithisd. Chaidh a chur air bonn o chionn choig bliadhna. Is mor an toilinntinn agus a bhuannachd a th’ ann do dhaoin’ òga a bhi dol cruinn mar so uair ’s an t-seachduinn fad a’ gheamhraidh a’ cur an céill gu snasail, siobhalt’, caochladh bheachdan mu iomadh rud anns am beil e ro-fhreagarrach agus ro-iomchuidh dhuinn uile gu leir a bhi fiosrach. Bho nach robh bacadh air boirionnaich a dhol ’g an éisdeachd, smaointich mi fhin ged nach robh an sniomh réidh gu ’n tachainn ’n am meag aon fheasgar fiach de a chluinninn. B’e a cheisd, “Am bu chòir comas bhòtaidh a bhi aig na boirionnaich?” Bha roinn de ghillean gasd’ ann a bha de ’n bharail gu ’m bu chòir, agus da rireadh bu mhath na dearbhaidhean a thug iad seachad air gliocas agus tuigse nam boirionnach ann an iomadh cùis bu chudth romaiche na taghadh fir-pàrlamaid; ach bha béisdean eile de na gillean de chaochladh barail, agus thubhairt iad so iomadh rud mu chomas agus riaghlaidh nam boirionnach nach do chòrd rium idir. B’e binn a bhritheamh nach robh e freagarrach, a muigh no mach, gum faigheadh na boirionnaich cead air bhòtadh—binn a bha gle shearbh leamsa agus a bheir orm nach teid mi oidhche tuilleadh ’gan èisdeachd, ged a bhiodh an sniomh, an fhighe, agus am fuaigheal réidh.
Phos, Di-mairt s’a chaidh, Aonghas Mac Illeolain, S. W. Margaree, agus Mairi Shiosal bho na Forks. Rinn iad banais ghreadhnach, chridheil, a thug mor thoileachadh do na càirdean ’s do ’n luchd-eòlais air gach taobh.
Gu ’m a fada beò iad,
Is ceò as an tigh;
’S gach la ’s a bhliadhna,
Mar ’s miann leo gu ’m faigh!
Cha do phòs an còrr ’an so am bliadhna. Shaoileadhmaid gu bheil tuilleadh ann a dh’ fhaodadh pòsadh; co-dhiu tha iad so glic no gòrach a bhi ’ga chur seachad gu àm eile, cha ’n ’eil e furasd’ a ghràitinn; ach ma tha “àm air a h-uile rud,” is dualach nach d’ thainig latha na feadhnach so fhathast. Ged tha mi fhin a nis air liathadh, cha ’n ’eil mi idir a toirt céill; agus ’nuair theid mo ghairm gu banais no bàl, fàsaidh mi cho aotrom, sunndach, a measg na muinntir òg ’s a chiùil ris an t-seillean air feadh nam flùr a’s t-samhradh.
Tha mi toilichte a bhi faicinn litrichean laghach o’m charaid Gill’ -a-Ghobha, á Bail’ -a-Chaochain, anns a’ MHAC-TALLA. Is math a sgriobhas e Gàilig, agus co aig tha fios nach d’ thainig a bhuaidh so air ri linn a’ chadail a thainig air anns a “leabaidh a bh’ air a togail cho ard.” Tha e ’g radh gu bheil e tric anns a’ cheardaich. An e ghobhaineachd an drasd i? Tha mise creidsinn gu ’m beil toil aig’ an tathadh ionnsachadh, ach thoireadh e ’n aire nach “gleidh e ’n clobha” tuilleadh is fada ach “buaileadh e ’n t-iarrunn fhad ’s a bhios e teth.” Buaidh is piseach air!
Ma tha mo litir tuilleadh is fada thoir fhéin na h-iomaill dhith; ma tha droch sgoilearachd innte thoir fhéin liosradh oirre.
Is mi do bhana-charaid,
Feb. 25, ’97.
MOR.
CARADH
Uaireadairean
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t-seann Laraich.
Baddeck , C. B.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar uthcha tha ’nar beachd
D. A. Mac FHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.
Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .,
SIDNI, C. B.
McDonald Hanrahan & Co,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4.; ’95
[Vol . 5. No. 35. p. 8]
Cuimhneachan
Do na daoine foghlumichte a shaothrach gus a Ghàilig a ghleidheadh beo.
Gu’r dlù mo smaoin
Air na laoich bu ghaisgeile;
A rinn bhuain aomadh
An taobh nach faicear leinn
A chosg an tide
Gun suim do bheartas,
Ach a ’dh’ fhag an inntinn
Mar dhileib againne.
Gu balbh ’s an uaigh,
’S ged is fuar an leabaidh i,
Cha ’d ’thug i buaidh
Air na h-uasail ghaisgeil ud
Tha guth am buadhaibh
’S na cluasan againne.
Cho binn ’ga luaigh
’S a bha ’nuair ’san ’d abradh e.
’Be righ na còisir,
An Leòdach tighearnail,
Tha nis’ mar lòchran,
A seòladh slighe dhuinn;
An Tormod òg thu
Mac còir an Sgitheanaich:
Tha cainnt a bheòil
A toirt sòlas cridhe dhuinn
San eilein riabhach,
Mu ’n iadh na cladaichean,
Bha Mac Dhuinléibhi
’S bu treun an gaisgeach e:
Bidh cuimhne bhlàth air
Mar bhàrd ’s mar eachdraiche,
Ged ’thugadh pràmh air
Le smaig nan Sasunnach.
’San eilein Ileach
Ma ’s cuimhne cheart e leam
Bha ’n sgoillear grinn
A thug dhuinn am facalair.
Bu mhaith an ni
Ri mo linn nan tachradh e
Gun dreidh clach chuimhne
Bho ’s cinn an Ailpeinich.
Tha fear san àireamh
’S cha ’b àite ’n deireadh dha,
’Sa dh’ fheumas dealradh
Gu brath na ’r ’n eileamaid.
A dh’ oidich sar obair—
Chinn ar bardaibh
Mac Coinnich Ghearrloch—
An Gaidheal eireachdail.
Bha ’n t-Olla Stiubhart
Air thus nan gaisgeach sin
A thug dhuinn pungar
’S gur ’muirneach againn e,
Le facail shùbailt
Na ’m buaghar luthaidh
’S nam gniomhar ionnsuicht’
Mo run am Peartach ud.
Rinn Collach suairce
Le bhuadhaibh fiosrachail;
Dhuinn moran buanachd
Feadh chluan ar litreachais,
’S chuir fearaibh uasal
A chinnidh uaimhreich
Le caithream suas da
Clach shuain mar thigeadh dha.
A dh’ aindeoin ceilg’
Agus feirg nan Sasunnach,
Cha ’d’ chur iad bailbh
Air an t-seirbheis ghaisgeil ud.
Bha uaislean calm ann
Nach d’ thug mi ’n ainm dhuibh.
Bha ’n t-Olla Foirbeis
’S Professor Blackie ann.
Mac Mhuirich tarreil
Cha ’n àgh a ghuidhir dha,
’Se ghaol air mammon
A dh’ araich brighinn air.
Tha iad ag radha
—Mur d’ fhuair e fàbhar—
Tha ’n leabhar ceàrr ris
’S a bhàrdachd guidheachan.
Is beag an t-ioghnadh
’S an aois a laidhe orm,
Ged readh mo smaoin
Thun an taobh a chaidh iad;
Ach ’s feàrr bhi éibhneach
’San t-saoghal mhathasach
Is sgur de ’n caoidh
Is na saoidh am flathanas.
Mhic-talla chàirdeil
Nach aicheadh brighinn rium
Ged fhuair roimh Adhamh
’S gach àrd do thighearnas.
Gur òg a bha mi
Mu ’d thaigh a mànran,
’S tu seinn nan dàn leam
An Gàilig Sgiathanaich.
AONGHAS MAC AOIDH.
Providence , R. I.
Oran Dealachaidh.
Chaidh an t-òran a leanas a thoirt a leabhar ùr le Domhnull Mac Eacharna á Diùra, a tha air a chlò-bhualadh le Gilleasbuig Mac-na-Ceàrdadh ann an Glascho. Cha chosd an leabhran ach sè sgillinn.
FONN.
Eirich agus tiugainn O,
Eirich agus tiugainn O,
Eirich agus tiugainn O,
’S e crìoch gach comunn dealachadh.
An cuimhne leatsa ’n gleannan uain’,
Far an robh sinn òg ’us luath,
A’ buain nan sobhruch feadh nam bruach,
’S gun luaidh againn air dealachadh.
’Us far an robh sinn ait le ’chéil’,
A’ ruith a’ bhradain leis an leus,
No ’sealg a’ choilich air a’ ghéig,
Mu ’n d’ d’ thug sinn ceum an allabain.
Ach ’s cian bho ’n sgaoil sinn deas ’us tuath,
Chaidh cuid thar bheann ’us cuid thar chuan,
Cha chluinn mi ’n diugh an coileach ruadh,
Ged bheirinn duais nach canain air,
Ach fàir do làmh mo charaid chiùin,
’Us cur an smalan so air chul;
Oir chi sinn fathast tir nan stùc.
’Us bidh’ sinn sunndach aighearach.
Air son na tiom chaidh seach cho luath,
’S air son gach caraid a tha bhuain,
O! eirich cuir an deoch mu ’n cuairt,
’S bidh cuach againn ’s an dealachadh.
AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leigsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD.
Cuir a dh’ iarraidh sampuill, teisteannais us urrais.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia. —agus—127 State St., Boston, Mass.
NUAIR THEID THU ’BHADDECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram, Bathar Cruaidh
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile.
An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.
Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.
“Eagle Parlor” Matches
Tha iad gle mheasail air smocairean, agus aig mnathan-taighe.
Tha iad gle thaitneach ri ’n ùisneachadh oir cha’n eil faileadh dhuibh idir.
THE E. B. EDDY Co LIMITED
HULL, MONTREAL, TORONTO.
title | Issue 35 |
internal date | 1897.0 |
display date | 1897 |
publication date | 1897 |
level | |
reference template | Mac-Talla V No. 35. %p |
parent text | Volume 5 |