[Vol . 5. No. 36. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MART 13, 1897. No. 36.
Litir a Alba.
Bodachan a’ ghàraidh
Cho friogadach ’s cho frogadach,
Bodachan a ghàraidh
Cho frogadach ’s a bha e riamh.
MO BHALACH GASDA, —Ma ’s math mo chuimhne b’ ann Latha Samhna a sgriobh mi ugad an litir mu dheireadh. Is iomadh rud a thachair o’n uair sin. Is iomadh ceann a chaidh an currac agus deur goirt a shileadh o’n a chaidh an t-Samhainn seachad. Aig Dia tha fhios co bhios beò, slàn aig an ath Shamhainn. Ach fhad ’s a bhios sinn beò, tha e mar fhiachan oirnn gach nì ’nar comas a dheanamh a chum a bhith ’cur as do ’n olc, agus a bhith ’cur ann do ’n mhath. Tha iomadh dòigh ann leis am faod daoine so a dheanamh. Tha ’n obair a th’ agad fhein o latha gu latha a’ deanamh mòran a bharrachd math air am bheil daoine ’smaointean. Tha thu ’toirt dhùinn mòran de dh’ eòlas agus de dh’ fhiosrachadh nach fhaigheamaid air dhòigh sam bith eile. Tha mi ’faicinn gu [ ? ] iomadh Gaidheal treun, tapaidh a’ seasamh air do chùl, agus a’ toirt dhut cuideachaidh agus misnich. Ach tha e glé chomharraichte, gur e fior bheagan cuideachaidh agus misnich a tha Gaidheil na h-Alba ’toirt dhut, an coimeas ris na dh’ fhaodadh iad a thoirt dhut, nam biodh iad a’ deanamh an dleasdanais. Tha eagal ormsa nach ’eil feum sam bith dhuinn a bhith bruidhinn riutha; oir mar a tha ’n sean-fhacal ag ràdh, “Cha ghluais bròg no bruidhinn droch bhean-taighe.” Ach lean thusa romhad, a laochain, agus tha e neònach leamsa mur dean thu feum math fhathast.
Tha mi ’faicinn aon ni anns a’ MHAC-TALLA nach ’eil ’na chliù sam bith do dh’ iomadh fear a tha ’ga leughadh o sheachduin gu seachduin, agus is e sin, cho tric ’s a dh’ fheumar innseadh dhaibh nach ’eil iad ’ga phàigheadh. Mo nàire, mo nàire, air fear sam bith a ghabhas cuid agus caoimhneas dhaoine eile, agus nach pàigh air an son. Cha ’n fhàthaidh mise, agus cha mhac fàthaidh mi; ach tha mi cinnteach gu bheil iadsan nach ’eil a pàigheadh a MHIC-TALLA a’ cosg mòran a bharrachd air prìs a’ phaipeir ann an nithean gun fheum eadar dà cheann na bliadhna. Tha mi cinnteach nach gabh iad gu math uamsa no o fhear eile so innseadh dhaibh. Ach is i an fhirinn a tha mi ’g innnseadh dhaibh.
Ma tha am MAC-TALLA beag leis na Gaidheil, is fhurasda dhaibh a dheanamh mòr, ma thogras iad fhein. Mar a tha ’n sean-fhacal ag radh, “Cha sluagh duine ’na onar.” Tha thusa ’deanamh na’s urrainn dut. Cha ’n ann a’ brosgul riut a tha mi, oir tha mi cinnteach nach d’ ith mi greim de bhonnach a’ bhrosguil riamh; ach their mi gu bheil thu deanamh obrach nach d’ rinn ’s nach dean fear eile ach thu fhein. Is tu a’ cheud fhear a chuir pàipear-naigheachd Gàilig air a chois, agus ma thachras gu ’n teid am pàipear bàs le cion cuideachaidh o Ghàidheil an t-saoghail, cha chreid mi gu ’m bi aig fear eile de mhisnich na dh’ fheuchas ri pàipear eile a chur air a chois. Tha mi ag earbsadh nach bi na Gaidheil cho beag meas orra fhein ’s air an cànain ’s gu leig iad bàs leis an aon phaipear a tha o sheachduin gu seachduin a’ labhairt riutha anns a’ chainnt a dh’ fhoghlum iad aig glùin am mathar. So mar a thuirt duine òg o chionn ghoirid:—
“Horò ’s toigh leam, ’s toigh leam, ’s toigh leam,
Horò ’s toigh leam fhein a’ Ghailig;
’S toigh leam i ’s gach àit am bi mi,
Bheir i ’nam chuimhne mo mhàthair.”
Bha deadh gheamhradh againn air an taobh so de ’n chuan. Thainig sneachda gu leòr; ach bha sin glé nàdurra. Bha reothadh glé theann o’n a thàinig a’ bhliadhna ùr gus o chionn latha no dha. Tha e air a ràdh gur còir gu ’m bi tri latha de ’n iuchar ’s an fhaoileach. Bha sin againn am bliadhna.
Tha ’m buntàta ’s an sgadan glé ghann anns a’ Ghaidhealtachd. Ach o’ n a tha am buntàta glé phailt anns a’ Ghalldachd, cha bhi e cho daor ri’ cheannach an àm na curachd.
Tha ’churachd a’ dol an aghaidh dhaoine gu mòr o chionn àireamh bhliadhnaichean. Mur b’e na bheil a’ tighinn de mhin ugainn an nall à America, cha bhiomaid beo. Mar is trice, tha ’n samhradh ’s am foghar cho fliuch ’s nach ’eil an t-arbhar a’ gabhail bidh. Is ainneamh a chithear fear a’ dol do ’n mhuillean le gràn. Tha ’n àireamh a’s mò de mhuillean na dùthcha air an leigeil o fheum.
Leis cho teann ’s a bha ’n reothadh o’n a thàinig a’ bhliadhna, cha d’ rinn daoine a’ bheag a dh’ obair tuathanachais, mur d’ rinn iad beagan feamanaidh.
Tha mi ’n dòchas nach bi thu cho fada gun chluinntinn uam a rithist.
Is mi do charaid,
BODACHAN A’ GHARAIDH.
Seann Latha Fheill Brighde.
A Eilean a’ Phrionnsa.
FHIR-DEASACHAIDH: —Tha ’n t-àm agad cluinntinn uamsa. Cha ’n e nach robh cuimhne mhath agam gun d’ ruith bliadhna bho’n chuir mi ’n dolair ugad an uiridh. Thug mi dolair do dhuine àraidh o chionn mhios no còrr air son a chur ad’ ionnsuidh. Gu de dh’ innis e dhomh an là roimhe ach nach d’ fhuair e almsadh air sgriobhadh ugad fad na h-uine sin, ’s gu’n robh m’ airgiod fathast air a laimh. Mise a leughadh paipeir gun phaigheadh ’s mi gun fhios agam nach robh mo dholair ’nad’ sporan. Nach fabharach nach d’ rinn e coire do m’ fhradharc! Tha mi ma ta, a cur an dolair ugad an so.
Tha aon ni a rinn MAC-TALLA air mo shonsa, thug e mi gu leughadh na Gàilig. Cha robh mi ach gle mhabach innte ’nuair thoisich mi air fhaotainn, ach leughaidh mi ’n diugh gach facal dheth. Tha mi faotainn iomadh ni taitneach ann; a bharrachd air gach deadh ni a tha tighinn ugainn bho pheann an fhir-dheasachaidh fhein, tha na Gaidheil choire a cur ugainn as gach cearn de ’n t-saoghal litrichean agus nitheabh eile a tha anabarrach taitneach. Tha sinn gu mor nan comain. Is mor an t-eolas a fhuair na Gaidheil air a cheile bho ’n thoisich MAC-TALLA air tighinn a mach.
Cha ’n eil moran a lathair de ’n t-seann mhuinntir a thainig á Alba agus a thuinich anns a sgire so leth-cheud ’us tri-fichead bliadhna air ais. Thainig mo sheanairsa, Eoghann Domhnullach, do ’n tir so corr math ’s leth-cheud bliadhna, á Portrigh ’san eilean Sgiathanach. Cha ’n eil ach sea bliadhna bho ’n chaochail e. Bha e ceithir fichead ’sa deich aig àm a bhais. Chaochail Coinneach, a mhac, fada roimhe fhein.
Is mise mar sin, do charaid,
IAIN A. MAC COINNICH MHIC EOGHAINN.
Strathalba, E. P. I.
Tha sinn toilichte chluinntinn gu bheil an Comunn Gàilig ann a Halifax a’ soirbheachadh. Bha na h-oifigich air an taghadh oidhche Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh, mar a leanas: —Ceann-suidhe—an t-Onarach Uilleam Ros; Iar-Chinn-shuidhe—D. A. Gillios, agus Dr A. H. Mac Aoidh; Rùnair—Eos. D. Sutherlan; Ionmhasair—I. Camaran. Tha sinn an dòchas gu’m bi saoghal fada aig a chomunn ùr so, agus gu’n deanar moran obrach leis as leth cainnt aosda nan Gàidheal. ’S mor an call nach eil comunnan Gàilig na’s lionmhoire ’san dùthaich so na tha ad.
[Vol . 5. No. 36. p. 2]
Na Marbhrannan.
(Air a leantuinn.)
Airson aobhar no dhà tha ’n t-seana bhardachd so dhuinne ro luachmhor; ach feudar a radh le firinn ma bheirear air falbh á “Oisean” Mhic-Mhuirich no á “Seann Dana” Mhic-a- Ghobhainn na Marbhrannan, gun toirear air falbh a’ chuid is luachmhoire d’ am bardachd. Tha moran de na “Seann Dana” a’ giulan an ainm Cumha no Caoidh no Tuireadh—mar so Tuireadh Armhoir; Caoidh Chrimine; —a ris Bas Dhiarmaid; Tiomnadh Ghuill; agus mar sin sios. Agus a thuilleadh air so, is Cumha no Marbhrann ann am firinn a mhor chuid de’n chorr, cia air bith an t-ainm. A rìs cha ’n ’eil teagasg eile, saoilidh mi, cho luachmhor ann an “Oisean” Mhic-Mhuirich no ni, a reir mo bheachdsa, a tha togail na bardachd sin cho ard os cionn gach bardachd Ghaidhealach eile a tha againn, ris an urram a tha cuimhne nan laoch a thuit ’s a’ chath, a’ cogadh gu gaisgeil airson cuis ’us aobhair an sluaigh ’s an duthcha, a’ faotainn o gach neach is airde inbhe agus is cliuitiche ainm. Cha ’n fhaighear, ma dh’ fhaodte, ann an “Oisean” na ceudan sreath air an lionadh leis gach buaidh a bhuineadh do ’n treun a thuit, agus gach buaidh a b’ aithne do ’n bhard a chur ann an cainnt, co-dhiu bu bhuaidh i bha dligheach do aon d’a luchd-eolais no nach b’eadh; ach gheibhear air gach taobh duilleig de “Oisean” feart gu mor is urramaiche na so agus air gach doigh is freagarraiche airson teagaisg sluaigh. Gheibh thu daoine calma, treuna air an aonadh a sheasamh coir an duthcha agus an sluaigh. Gheibh thu mnathan malda, maiseach, an seilbh air urraim mhoir agus fo dheadh chliu. Gheibh thu na baird ard ann an urram, airson an treuntais, an gliocais, agus an gluasaid. ’Se dleasdanas nan daoine so a bhi giulan chumhnantan sithe eadar naimhdean. Mur ’eil e comasach sith a dheanamh, tha ’m bard a’ dusgadh mis neach ’us gaisge an t-sluaigh, agus ’g an leantuinn do ’n chath, “le cruaidh bhrosnachadh nan dàn.” ’Se am bard is seanachaidh no fear-eachdraidh, agus is e ’dhleasanas an deigh a’ bhlair cuimhne ghleidheadh air mar a’ ghluais gach neach e fein, agus cliu nan treun a thuit ’s a’ chath a sheinn. ’S e is fear-teagaisg; oir an uair a tha ’n t-arm a leigeadh an sgìths’ air an turus, no anns an anmoch an deigh cath an latha a chur seachad, tha ’m bard ag innseadh “Sgeul air àm a dh’ fhalbh.” Tha ’n oigridh a’ faighinn eolais o a bheul air an doigh is taitniche agus is druightiche air an gabh foghlum toirt seachad—le eisempleir nan daoine a chaidh romhad—an doigh air an do ghluais iadsan iad fein ri uchd cruadail, agus an t-urram a choisinn iad airson an deanadais.
Bha an teagasg so gun teagamh easbhuidheach. Cha robh a’ bheag de leughadh, de sgriobhadh, no de chunntas ann. Cha sheasadh clann Ghaidhealach an là ud ach dona aig ceasnachadh ar latha-ne agus cha choisneadh iad moran cliu no airgid do ’n mhaighstir-sgoile. Cha labhradh iad focal Beurla agus, cuis is iongantaiche, cha robh naire orra dheth. Ach aineolach, rianail, mar a bha ’n cor, a reir teagaisg ’us creideamh ar latha-ne, tha mi meas gu ’m faigheadh ar luchd-teagaisg-ne leasan no dha uapa a b’ airidh air iunnsachadh. A dh’ aon ni, thuigeadh na sgoilearan o shean cainnt am maighstir; agus is mor an ni so. A rìs bha ’m bard a’ teagasg d’a luchd-eisdeachd gu ’n robh duthaich aca, gu ’n robh sinnsearachd aca, agus nach bu ni mi-choltach gu ’m biodh sliochd aca. Bha e teagasg gu ’n robh dleasdanais chudthromach, sholuimte air an leagadh orra, nach faodadh iad gun chionta mor a dhearmad, do thaobh an duthcha, an aithrichean, agus an cloinne. Coir do dhuthcha agus do shluaigh a sheasamh agus an cliu a chur am farsuingeachd—a bhi cuimhneach air na daoine o’n d’ thainig thu—na beannachdan a mheal thu fein aisig ’n an lan neart do d’ chloinn—do bheatha orduchadh a chum agus gu ’n seall na ginealaich a thig a’ d’ dheigh air an ais le tlachd agus le urram ri cuimhne nam parantan a ghin iad—a bhi anns gach ceum do d’ bheatha a’ gleidheadh air chuimhne gur tusa an ceagal ann an eachdraidh do shluaigh eadar an t-àm a bha agus an t-àm a bhitheas; —b’e ni-eigin còsmhuil ri so, air a thoirt seachad le teangadh cheolmhor a’ bhaird, an teagasg a gheibheadh an t-oganach Gaidhealach o shean, agus easbhuidheach ’us mar bha e, saoilidh mi gur ann easbhuidheach da rireadh a tha ’n teagasg anns nach faighear a bheag no mhor de ’n t-seorsa air a chur fa chomhair na h-oigridh anns gach linn.
B’e so, tha mi meas, brigh teagaisg “Oisean” Mhic-Mhuirien, cia b’e chuir ri cheile e. B’e modh no doigh an teagaisg cliu an àm a dh’ fhalbh agus daoine treuna a bha. Seall air na dain fa seach. ’S e cheud sreath de “Chath-Loduinn”
“Sgeul ri aithris air àm o aois,”
agus tha ’n sgeul a sin a’ toiseachadh. Tha “Carraig-Thura” a’ fosgladh le sealladh greadhnach air luidhe greine; agus tha Fionn ag iarraidh fonn o “Shonn nam bard” mar so:
A ghutha Chona, ’s airde fuaim,
A bharda tha luaidh mu aois,
D’a n-eirich air ar n-anam suas
Feachdan mor nan gorm-chruaidh laoch;
’S taitneach leam aoibhneas a’ bhroin,
Mar dhriuchd mothar earraich chaoin
Fo ’n lub geug dharaig nan torr
’S an duilleach òg ag eirigh maoth.
Togaibhse, mo bhaird, am fonn
Am maireach bithidh long fo sheol, &c .
agus tha sin na baird a’ togail an fhuinn.
’Se steigh “Charthuinn”:
Sgeul ri aithris air àm o aois;
Gniomh’ran laithean nam bliadhna dh’ aom.
Tha “Oigh-nam-mor-shul” a’ toiseachadh:
Mar ghluaiseas solus speur fo sgleò
Air Laruion mor is uaine tom;
Mar sin thig sgeul nan triath nach beo
Air m’ anam ’us an oidhche trom.
Ann an “Croma” tha Oisean aosda ag innseadh do Mhalmhina sgeul air linn oige:
Eisd sa ri mo shean, sgeul, oigh;
Tha mo chuimhne air òige nam buadh.
A rìs anns an dàn “Calthonn ’us Caolmhal,” tha ’m bard aosda a’ feoraich:
An cluinn thu, shil na còs an craig,
Fonn o Oisean mu òg ghniomh fein?
Tha m’anam-sa mu ’n aimsir mhoir;
Thill solus ’us sòlas do thriath.
Agus tha ’n dàn mu dheireadh ’s an leabhar a’ fosgladh mar so:
An cuala Oisein guth neo-fhaoin?
No ’n gairm laithean fo aomadh a th’ ann?
Tric mo smuain air aimsir nan raon,
Mar ghrein fheasgair tha claon an gleann.
Nuadhaichear mor thorman na seilg,
Sleagh fhada nam marbh a m’ laimh.
Agus ma thiunndas sinn gu euchdan Chuchullin ’us Fhionnaghail mar a gheibhear iad anns an dàn a th’ air ainmeachadh air Fionnaghal fein, gheibh sinn an teagasg ceudna. Tha na laoich a’ cruinneachadh gus a’ chath mar so:
Chluinnte’ fuaim nan arm ’s gach ceum;
Meaghal mhiachon, ’cleasadh ard;
Duain ’g am muchadh anns gach beul,
Gach curaidh treun ag iarraidh blair.
An deigh a’ bhlair tha ’m bard a’ seinn cliu nan laoch a thuit ’s a’ chomhrag:
Bi deurach air carragh nam fuaim,
A nighean uasal ionis nan long;
Lub do ghnuis aluinn thar chuan,
Thusa, is gloine na taibhs’ air thom,
A dh’ eireas suas gu mothar, mall
Mar ghath grein air samhchair nam beann;
Thuit, ghrad thuit e ’s a’ bhlar,
Tha oig-fhear do ghraidh gun tuar
Fo lainn Chuchullin bu shar,
(Ciod dh’ fhag thu cho bàn ’s cho fuar?)
Cha ghluais e gu cruadal gu brath,
Cha bhuail e fuil ard nan saoi;
Thuit Treunfhear, og Threunfhear, gu bàs,
Oigh, cha ’n fhaic thu do ghradh a chaoidh;
Tha mhiol-choin a’ caoineadh gu trom
Aig baile, ’s chi iad a thaibhse;
Tha bhogha gun taifeid ’s e lom:
Air tom tha farum a’ bhlair.
An uair a tha ’n oidhche teachd, gun fhios fathasd co taobh a bhuannaich, tha Cuchullin a’ cur a’ bhaird a thoirt cuireadh d’a namhaid thun na feille, oir
’S fada fiadh Lochlin o’n laoch,
A thalla faoin is fada thall.
Chaidh an cuireadh a dhiultadh. An uair a tha ’n fheill seachad, tha ’n righ a’ toirt aithne do’n bhard:
A Charuill, tog do ghuth go h-ard
Air gach linn a bh’ ann nach beò;
Caithear oidhche ann am min dhàn;
Faighear gairdeachas ’s a’ bhron.
Tha Carull ag innseadh sgeul air Cairbre ’s air Cridhmor. An uair a tha i criochnaichte;
“ ’S binn do ghuth, a Charuill, dhomh fein,”
Thuirt triath Eirinn bu ghuirme suil;
“ ’S binn d’ fhocail, a’ bhaird, ’s a’ bheinn
Ag eirigh o àm nan cliù;
Iad cosmhuil ri braon nan sian
’N uair sheallas a’ ghrian air raon
[Vol . 5. No. 36. p. 3]
Caol fhaileus a’ siubhal air sliabh,
’S an osag gu mall ’us gu caoin.”
An sin chaidh faire chur air coigrich a chuain; agus
“Luidh sloigh air aomadh fraoich
Fo reula ’s gaoth na h-oidhche;
Tanais churaidh thuit ’s a’ bhlàr,
Neoil ghruamach mu’n cuairt a’ snamh;
’Us fada thall air machair Lena
Chluinntear eigh a’ bhais.”
Mar so tha cheud duan de “Fhionnaghal” a’ criochnachadh. Is co-ionann teagasg do ’n bhardachd oirdheirc so g’ a crich; agus tha mi meas gur mor an call air iomadh doigh nach ’eil oigridh na Gaidhealtachd na ’s eolaiche oirrena tha iad.
Ged nach ’eil “Sean Dana” Mhic-a- Ghobhainn a’ nochdadh, ma dh’ fhaodte, neart ’us cumhachd inntinn cho mor ri “Oisean” Mhic-Mhuirich, tha cuid de na dain, agus gu sonruichte cuid de na marbhrannan, a bheir barr, ann am fior mhaise, a reir mo bheachd, air aon a gheibhear anns an t-saothair is ainmeile. Ann an “Dan an Deirg.” gheibhear, ma ’s maith mo bharail, an dà “Chumha” is maisiche, agus is druightiche, ann an cainnt agus an smuain, a gheibhear an Gaidhlig. ’Se sin “Tuireadh Armhoir” agus “Caoidh Chrimine.” Thuit Armor air ceann an airm Lochluinnich ann an Eirinn agus so mar a sheinn an seana bhard a chliu:
Bha d’airde mar dharaig ’s a’ ghleann,
Do luas mar iolair nam beann, gun gheilt;
Do spionnadh mar osann Loda ’n a fheirg,
’S do lann mar cheò Léige gun leigheas.
O! ’s moch do thuras gu d’ neoil,
Is òg leinn, a laoich, a thuit thu!
Co dh’ innseas do ’n aosda nach beò thu,
No co do d’ òg-mhnaoi bheir furtachd?
Chi mi d’ athair fo éire aois’,
Gu faoin an dòchas ri d’ thigheachd;
A làmh air a shleagh ’s i air chrith,
’S a cheann liath lom, mar chritheach ’s an t-sìn.
Meallaidh gach neul a dhall-shùil,
’S e ’n duil gu ’m faic e do bharca.
Thig deò gréin’ air aghaidh aosda,
’S a ghlaodh ri òigridh— “Chi mi ’m bàta!”
Seallaidh a chlann a mach air lear,
Chi iad an ceathach a’ seòladh.
Crathaidh esan a cheann liath,
Tha osna tiamhaidh ’s a ghnùis brònach.
Chi mi Crimin’, a’s fiamh-ghair’ oirr’,
A’ saoilsinn bhi air tràigh ’g ad fhaicinn.
A bilibh ’n a suain a’ cur fàilt’ ort,
’S i le gàirdeinean ait ’g ad ghlacadh.
Och! òg-bhean, ’s faoin do bhruadar;
An t-uasal gu bràth cha ’n fhaic thu!
Fad o dhachaidh thuit do ghràdh,
An Innis-fàil fo smal tha mhaise.
Duisgidh tus’, a Chrimìne,
’S chi thu gu ’n robh d’ aisling mealltach,
Ach c’uin’ a dhùisgeas esan o shuain,
No bhios cadal na h-uaighe crìochnaicht’?
Fuaim ghaothar no buillean sgiath
Cha chluinnear ’n a chriadh-thigh caol;
’S a dh’ aindeoin gach iomairt a’s seilg,
Caidlidh ’s an leirg an laoch.
A shìl na leirg’, na feithibh an treun!
Guth sèimh na maidne cha chluinn e;
’S a shìl nan sleagh, na h-earbaibh á chomhnadh!
Cha dean éighe-còmhraig a dhùsgadh.
Beannachd air anam an laoich!
Bu gharg fraoch ri dol ’s gach greis.
Ard-righ Loi’eann, ceann an t-sluaigh,
’S iomad ruaig a chuireadh leis!
Phos Crimine, Ban-Lochlunnach, an Dearg; agus a chum a gaol a dhearbhadh dh’ iarr Conan crion, maol, rosadach gu ’n rachadh an Dearg a shuaineadh ann am fuil Tuirc, agus a thoirt dhachaidh ann an riochd mairbh. Rinneadh so; agus chaoidh Crimine a fear:
O thaibhse, bho àirde nan nial
Cromaibh a dh’ iarraidh ur Deirg!
A’s thigibh, òighean an Tréin, o’r talla,
Le ùr-fhalluinn leibh do m’ ghràdh!
C’ uime, Dheirg, an robh ar crìdh
Air an snìomh co dlù ’n ar com?
A’s c’uim’ a spìonadh thusa uam,
’S an d’ fhàgadh mise gu truagh trom?
Mar dhà lus sinn ’s an drùchd ri gàire,
Taobh na creige ’m blàs na greine,
Gun fhreumh air bith ach an aon,
Aig an dà lus aobhach aoibhinn.
Shèun òighean Chaothain na luis,
Is bòidheach leo féin am fàs!
Shèun a’s na h-aighean eutrom;
Ged thug an torc do aon diu ’m bàs.
Is trom, trom, ’s a cheann air aomadh;
’N t-aon lus faoin tha fathasd beò,
Mar dhuilleach air seargadh ’s a’ ghréin—
O! b’ aoibhinn bhi nis gun deò!
A’s dh’iadh onn oidhche gun chrìch;
Thuit gu sìor mo ghrian fo smal.
Moch bu lannair air Mòr-bheinn a snuadh,
Ach anmoch chaidh tual an car.
S ma thréig thu mi, sholuis m’ àigh!
Tha mi gu là bhràth gun ghean.
Och! mur éirich Dearg o phràmh,
Is duibh-neul gu bràth a bhean!
’S duaichnidh do dhreach; fuar do chrìdh’;
Gun spionn’ ad làimh, no clì ad chois.
Och! ’s balbh do bheul a bha binn;
Och ’s tinn leam, a ghraidh, do chor!
Nis chaochail rughadh do ghruaidh,
Fhir nam mòr-bhuadh anns gach cath!
’S mall, mar na cnuic air ’n do leum,
A’ chas a chuir éilde gu stad.
A’s b’ annsa Dearg seach neach fo ’n ghréin o!
Seach m’ athair deurach, ’s mo mhàthair chaomh.
Tha ’n sùil ri lear gu tric ’s an éigheach;
Ach b’ ansa leamsa dol eug le m’ ghaol!
A’s lean mi ’n céin thar muir a’s glinn thu,
’S ’laidhinn sìnte leat ’s an t-sloc;
O! thigeadh bàs no torc do m’ reubadh,
Neo ’s truagh mo chàramh féin an nochd.
A’s rinneadh leaba dhuinn an raoir,
Air an raon ud cnoc nan sealg;
’S ni ’n deanar leab’ air leth an nochd dhuinn,
’S ni ’n sgarar mo chorp o Dhearg!
Tuirlibh, o thaibhse nan nial,
O ionadan fial nam flath!
Tùirlibh air ghlas-sgiathan ur ceò,
A’s glacaibh mo dheò gun athadh!
Oighean tha ’n tallaibh an Tréin,
Deilbhibh ceò-éideadh Chrimìne;
Ach ’s annsa leam sgiobul mo Dheirg;
A’ d’ sgiobuls’, a Dheirg, bìom!
Chuir e uair no dhà ioghnadh orm mu ’n dà mharbhrann, ma dh’ fhaodte, is fearr a tha againn, gur ann do Lochlunnach a rinneadh an dara aon, agus gur ann am beul Ban-Lochlunnach a chuir am bard an t-aon eile. Cha ’n ’eil sinn a nis cho deas a thoirt a leithid so de urram d’ar naimhdean. Saoilidh mi gu bheil am bard a’ nochdadh a thuigse agus a chomais anns an tuireadh throm, fhearail a tha e deanamh air an t-saighdeir; agus anns a’ chaoidh chraiteach, ghoirt a tha e ’cur am beul na mnà. Mur biodh fios gur i a Chrimine a lean Armor á Lochluinn agus, an uair a thuit e,
“A rinn a leaba gun luadh ri eirigh,”
a luidh goirid ’na dheigh sin marbh ri taobh an Deirg, bhiodh m’ earbsa á dilseachd nam ban na bu mho; ach is ni-eigin de thoilinntinn gu ’m bu Bhan-Lochlunnach agus nach bu Bhana-Ghaidheal Crimine. —D. M‘K. ’sa Ghaidheal.
Cumail Beo na Gailig.
(Air a leantuinn.)
Feumaidh sinn toiseachadh aig an ath-thoiseach—an toiseach mar thubhairt mi, againn fein agus na dheigh sin aig a chloinn ann an sgoilean na Gaidhealtachd.
Ma sheallas sinn air Reachd-riaghailt an teagaisg fo bheil sgoilean na Gaidhealtachd aig an àm so chi sinn nach eil an cothrom aig a Ghaidhlig a bu chòir a bhi aice. Tha i air a cur f’ar comhair mar chanain choimhich mar nach buineadh i idir duinn fein no d’ar dùthaich. Tha ’n còrr cothrom aig cànainean marbha mar tha Laidinn ’us Gréigis, neo aig cànainean coigreach mar tha Frangais agus an teanga Ghearmailteach. Tha cànain ar leanabais agus tùs torrach ar n’ òige air a mi-mheas agus air a pùcadh ’s na cùiltean a fradharc. Tha fhios againn gur ann tre shaothair nach bu bheag a tha i idir air a leigeadh a stigh gu eadhon iomal a bhaidne chànainean d’am beil àit’ air ainmeachadh san Reachd. Cha cheart gu’m bitheadh so mar so nas fhaide. Féumar gach bacadh a tha tighinn na lorg a chur as an rathad, agus féumar cothrom fhaotainn do chànain ghloin ar beatha—cothrom co dhiù cho maith ’s a th’ aig cànainean tiorma nach buin dluinn idir, agus nach gabh air chor no sheòl sam bith a bhi cho feumail. Bu chòir do’n Mhòd gun dàil sealltainn thairis air an Reachd agus oidhirp a dheanamh a chum na tha mearachd ann a chur ceart, agus na tha dhith air a leasachadh.
An ath ni, bu chòir dhuinn leabhraichean teagaisg freagarrach ullachadh, a ruitheadh an ceuman a’ chleachdaidh-theagaisg a thatar aig an àm a leantuinn anns na sgoilean. Bu chòir ar bàrdachd fhallain, ar gnàth-fhocail, eòlas air oibre nàduir, earranan matha de ar sgeulachdan ’s de ar n-eachdraidh, agus a bheag na mhor ma dhealbh agus mu eachdraidh na Gaidhlig fein a bhi anns na leabhraichean so; agus cha’n fhios nach bu chòir do’n Mhòd an leithid so de leabhraichean a thoirt seachad fior shaor, na eadhon a nasgaidh, co dhiu airson bliadhna no dha, do na sgoilean a gheallas gu’n cuir iad gu buil mhath iad.
An deigh so, an deigh dhuinn an t-slighe fhosgladh agus a dheanamh reidh, agus an deigh dhuinn na meadhonan-foghluim a chur an laimh na h-òigridh, is e an ath ni gu’m feum sinn air gach uile dhòigh, leis gach uile
(Air a leantuinn air taobh 278.)
[Vol . 5. No. 36. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ‘Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton
SIDNI, AM MART 13, 1897.
Tha litir anns an àireamh so bho ar deagh charaid “Bodachan a Ghàraidh.” Tha sinn cinnteach gu’m bi na Gàidheil anns gach cearna gle thoilichte cluinntinn uaithe aon uair eile, oir tha a litrichean an còmhnuidh taitneach. B’ fhearr leinn gu’n gabhadh ar leughadairean uile na comhairlean a tha e toirt orra, agus gu’n deanadh iad an uile dhichioll air teachd an-tir a chumail ris a MHAC-TALLA. Tha cothrom aig na Gàidheil nach robh aca riamh roimhe—paipear-naigheachd ’nan cànain fein—agus ma leigeas iad leis a dhol bàs, cha’n eil e ro choltach gu’m bi an cothrom ceudna air a thoirt daibh tuilleadh. ’S coir dhaibh uime sin deanamh cho math ris a MHAC-TALLA ’sa tha ’nan comas. Tha sinn an dòchas gu’n cluinn sinn gu math tric o’n “Bhodachan” air a bhliadhna so: tha fhios againn nach e cion na toile a chum e cho fada gun sgriobhadh, ach cion a’ chothrom. Gu ma fada beò e!
Tha cùisean ann an Crete a cur iomguin mhor air luchd-riaghlaidh na Roinn-Eòrpa. Chuireadh fios a dh’ ionnsuidh na Gréige ag àithne dhi gun chuideachadh sam bith a thoirt do na Creitich, ach dhiùlt a Ghréig sin a dheanamh. Tha na rioghachdan mora a nise gun fhios aca ciod is còir dhaibh a dheanamh. Ma theid iad a smachdachadh na Gréige, bidh riaghladh na dùthcha sin air a chur bun os cionn leis an t-sluagh, agus ma leigeas iad leis a Ghréig a dhol air adhart mar is miann leatha, cha’n eil dad is cinntiche na gu’m bi cogadh eadar na dùthchannan a’s motha ’san Roinn-Eòrpa. Tha e doirbh dhaibh mar sin an cùrsa ceart a roghnachadh.
A reir colthais tha làn dhùil aig an Riaghladh Bhreatunnach ri cogadh a bhristeadh a mach an ùine gun bhi fada. Tha soithichean-cogaidh ’gan togail ann an Devonport, air am bheil mu choig mile saor ag obair, agus fhuair iad sin òrdugh o chionn ghoirid obrachadh an deigh nan uairean a chum ’s gu’m biodh na soithichean air an criochnachadh gun dàil sam bith.
Tha sinn toilichte gu bheil an t-sanais a thug sinn o chionn ghoirid a thaobh a bhi cur litrichean dh’ ionnsuidh MHIC-Talla a toirt a mach toraidh. Tha àireamh mhath litrichean air tighinn cheana, agus cha’n eil teagamh nach eil tuilleadh air an t-slighe. ’S math leinn a bhi cluinntinn mu chor nan Gàidheal agus mu na tha tachairt ’nam measg air feadh an t-saoghail; cha’n eil ’nar barail-ne ni a’s taitniche na bhi leughadh litrichean o chlanna nan Gàidheal as gach cearna ’sa bheil iad a’ còmhnuidh.
Tha càirdean nan Armenianach toilichte ’nan inntinn a thaobh na h-iorghuil a tha ’n Crete, oir fhad ’sa mhaireas i, cha bhi cothrom aig an t-Sultan no aig a luchd-comhairle air innleachd sam bith a dhealbh air son cur as do Chriosduidhean Armenia. Tha sean-fhacal ag radh nach eil bàs duine gun ghràs duine, agus tha e gu math fior. Ma tha ’n tuaireap so olc do na Creitich, cha’n eil teagamh nach eil e toirt faochadh do na h-Armenianaich, agus tha feum aig an t-sluagh bhochd air sin.
Bha McKinley, ceann-suidhe nan Stàitean, agus a bhean, air an t-seachdain s’a chaidh air aoidheachd ann an tigh-òsda ann a’ Washington, anns an robh iad turus roimhe o chionn choig bliadhna fichead air ais. Cha robh ann am McKinley an uair sin ach fear-lagha bochd a mhuinntir na dùthcha, air nach robh moran eòlas sam bith anns a’ cheanna-bhaile. Ach an diugh cha’n eil duine ’san dùthaich leis nach àill urram a dheanamh dha. Nach ann air fhéin a thainig an dà latha.
Tha an t-Urr. Domhnull Mac Ille-mhaoil, ministeir na Mèinne Tuatha, an deigh leabhran beag a chur a mach anns am bheil dealbhan agus cunntas aithghearr air beatha nan Urramach Mata Wilson, Alasdair Mac Fhearchair, agus Uisdean Mac Leòid, D. D. Tha an leabhar gle thaitneach ri leughadh, agus cha ’n eil teagamh againn nach faighear creic mhath dha, oir tha moran leis ’m bu mhath fhaotainn mar chuimhneachan air na daoine còire mu ’m bheil e labhairt.
Cha’n eil sgeul ùr sam bith á Cùba air an t-seachdain so, ach gu bheil Seanalair Weyler, ceannard an airm Spàinntich, an deigh an dreuchd a leigeil uaithe. Cha’n eil ùine mhor o’n ghabh e comand an airm sin, agus cha do choisinn e mor chliu dha fhéin no d’a dhùthaich fhad ’sa bha e aige. Cha’n eil fhios co-dhiu ’s ann na’s fhearr no na’s miosa bhios a chùis air tàilleabh an atharrachaidh so.
Feumaidh duine glas guib a chumail air fhéin anns a’ Ghearmailt an àm a bhi toirt iomradh air an teaghlach rioghail. Fhuair bean Ghearmailteach o chionn ghoirid mios de ’n phriosan, air son i radh gu robh dealbh na ban-Iompaire na bu bhriagha na bha i fhéin!
STOR UR TAILLEARACHD,
Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.
Theid sinn an urras air an obair,
MacCoinnich & Co.
Sidni, C. B.
F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn.
Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.
Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air.
Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.
Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c , &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.
THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin.
Tha Factoridh Eureka air aon de ’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.
Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.
Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Illemhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitche’s Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.
[Vol . 5. No. 36. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Thatar an deigh tri fichead us coig mile deug dolair a chur cruinn ann an Canada air son muinntir nan Innsean.
Bha an deigh gle mhath air an acarsaid air an t-seachdain so, agus bha na sleigheachan gu siùbhlach eadar an da bhaile. Bha réis each aig Sidni Di-màirt.
Bho ’n thòisich a’ phlàigh anns na h-Innsean, thatar ag radh gu ’n do chaochail dluth air seachd mile leatha. Cha robh ach mu mhile gu leth de na ghabh a’ phlàigh beò as a deigh.
Chaidh da shoitheach-smùide a luchdachadh le ùbhlan ann a’ Halifax o chionn beagan us seachdain, gu dhol a null gu Sasuinn. Bha coig mile fichead barailte air an cur air falbh eadar na dha.
Bha Iain Sullivan ri bhi air a chrochadh ann am Moncton an dé. Am fios mu dheireadh a fhuair sinn, cha robh e ’n deigh aideachadh sam bith a dheanamh gu robh e ciontach, agus bha e fhein ag radh nach deanadh e aideachadh.
Chaochail fear Deòrsa Tullock ann am Preston, ann an siorrachd Halifax, o chionn che’ -la-deug, a bha ceud bliadhna dh’ aois. Rugadh e ann an Kelso, an Alba, ’sa bhliadhna 1797. Tha na paipearan ag radh gu ’m b e duine bu shine bha ’n siorrachd Halifax.
Thainig boirionnach do ’m b’ ainm Mrs. E. P. Eastman ri beatha féin faisg air Moncton, N B., a sheachdain gus an dé. Bha i an droch shlàinte o chionn treis a dh’ ùine. Beagan roimh àm dinnearach dhùin i i-fhéin a stigh ’na rùm, agus loisg i oirre fhéin le gunna. Bha i marbh air ball.
Tha Sir Domhnull A. Smith an deigh seòladh á Lunnainn gu tigh’nn a Chanada. Thatar ag radh gur e ’s aobhar dha tighinn gu bheil toil aige còrdadh a dheanamh ris an Riaghladh a thaobh luchd-imrich a tha air son tigh’nn a nall as na h-Eileanan Breatunnach. Dh’ fhàg e Lunnainn Di-ciaduin.
Bha aiteamh mhor ann a sheachdain gus an diugh, a leagh moran de ’n t-sneachda ’sa rinn an deigh ’na bu ghloine na bha i. Bha aiteamh eile ann Di-ciaduin ’s Dior-daoin air an t-seachdain so a chuir as do mheall mhor de ’n t-sneachda. B’e Dior-daoin latha cho briagha, blàth ’sa dh’ iarradh neach mu ’n àm so dhe ’n bhliadhna.
Chaidh Aonghas Mac Neill, mac do Iain Mac Neill, S. W. Mabou, a mharbhadh le sgiorradh ann an New Hampshire air an darra latha deug dhe ’n mhios a dh’ fhalbh. Bha e ’g obair anns a’ choille, agus bhual craobh a bha e leagadh air ’sa cheann, agus bha e marbh air ball. Bha e pòsda, agus bha mac dha, Uilleam, comhla ris ’nuair a thachair an sgiorradh.
Chaidh tigh ’na theine ann an Peterboro, New Hampshire la na Sàbaid s’a chaidh, agus bha dithis dhaoine air an losgadh gu bas. Cha ’n eil fhios ciamar a thoisich an teine ach ’si bharail a th’ aig cuid gur ann ’sa rùm aig na daoin’ ud a thoisich e. ’Nuair a chaidh iad ann oidhche Shathurna thug iad galan ruma leotha, agus bha iad ’ga òl feadh na h-oidhche. B’ fhiach an tigh mu cheithir cheud deug dolair.
Chaidh fear Seumas Mac-Gilleòlain a mharbhadh ann am mèinn Victoria a sheachdain gus an dé, le tòrr guail a thuit air ’se aig obair. Bha e tri fichead bliadhna ’sa dha a dh’ aois; rugadh e ann an siorrachd Ara, an Alba, ach bha e anns an dùthaich o’n a bha e ceithir bliadhn’ deug a dh’ aois. Bha e ’na dhuine air an robh meas mor ’na choimhearsnachd. Dh’ fhàg e bean, triùir mhac, us triùir nighean. Chaidh a thiodhlacadh la na Sabaid s’a chaidh. Bha sluagh mor a làthair.
Tha àireamh sluaigh Chanada air a mheas aig coig muilleinean, sia fichead us coig mile, ceithir cheud us sia deug air fhichead. (5,125,436).
Di-ciaduin s’a tighinn tha Corbett agus Fitzsimmons a dol a shabaid. Tha na paipearan a’ toirt moran rùm do shaanachas d’ an taobh, barrachd mor ’s is fhiach iad.
Tha réis each gu bhi air an acarsaid an diugh aig da uair. Tha tri duaisean ri bhi air an toirt seachad do na h-eich a’s luaithe, deich dolair fhichead, fichead dolair, agus deich dolair.
Tha e air a radh gu bheileas a’ dol a chur drochaid mhor thairis air amhuinn St. Lawrence faisg air baile Chuibeic, agus gu bheil Riaghladh Chanada a dol a thoirt muillean dolair gus cuideachadh leis an obair.
Thatar ag innse gu bheil pàrlamaid Nobha Scotia ri bhi air a sgaoileadh an ùine ghoirid, agus gu ’m bi aig an t-sluaigh ri pàrlamaid eile thaghadh an ùine gun bhi fada. Co-dhiu tha so fior no nach eil, tha ’n da thaobh a’ deanamh deiseil le ’n uile dhichioll.
Bha tuiltean mora anns na Stàitean an iar deireadh na seachdain s’a chaidh. Ann an Arkansas, an Kentucky, ann am Missouri, ’s ann an Stàitean troimh ’m bheil an amhuinn Mississippi a’ sruthadh, bha ’n t-uisge anabarrach àrd, agus bha na tuiltean ri call mor.
Tha àrd-chùirt nan Stàitean an deigh cur an aghaidh Bhram, agus cha ’n fhaigh e ’n càs fheuchainn tuilleadh. Chaidh binn bàis a thoirt a mach air Di-mairt s’a chaidh. Tha e ri bhi air a chrochadh air an ochdamh latha deug de Iun. Tha e fhathast ag radh gu bheil e neo-chiontach.
Chaidh McGowan, a bhatar a feuchainn ann anGeorgetown , E. P. I. ,air an t-seachdain s’a chaidh air son mort, a shaoradh leis an jury Di-satharna. B’i bhreith a thug iad, nach robh e ciontach de mhort, a chionn gu robh e as a rian aig an àm a rinn e an gniomh. Tha e ri bhi air a chumail anns an tigh-chaothaich.
Chaochail seann duine ann anNeponset , Mass. ,o chionn mios a bha fuireach leis fhéin o chionn iomadh bliadhna, agus a’ tigh’nn beo air doigh gle bhochd. Fo charpet an rùm anns an robh e fuireach, fhuaireadh airgead agus paipearan is fhiach eadar leth-cheud us ceud mile dolair. Tha aon mhac aige air an tig an saibhreas sin gu h-iomlan.
Mharbh fearRobert J. Powley,a bhean ann anNiagara Fallsoidhche Di-luain. Bha iad dealaichte o chéile fad bliadhna roimhe sin, ach an oidhch’ ud bhrist e stigh do ’n tigh anns an robh ise, agus loisg e oirre tri uairean. Chaidh an lampa chur thairis agus chaidh an rùm ’na theine. Thainig daoine chur as an teine, agus fhuair esan teicheadh, ach mu ’n deach e fada chaidh a ghlacadh. Bha a bhean marbh am beagan mhionaidean. Bha dithis chloinne leotha fhéin a làthair nuair a rinneadh an gniomh oillteil.
Thainig bàs cianail air dithis dhaoine a bha ’cumail an tigh-sholuis airBird Rock,an ceann a tuath an eilean so. Chaidh triùir, Arsen Turbide, Damien Cormier, agus Tearlach Turbide a mach air an deigh mhòir, a sheachdain gus an dé, a mharbhadh ròn. Thòisich gaoth air séideadh, agus dh’ fhalbh an deigh leotha. Mu ’n d’ fhuair iad cothrom air tigh’nn gu tir, chaochail dithis dhiubh leis an fhuachd, Tearlach Turbide beagan an deigh meadhon oidhche, agus Cormier ’sa mhaduinn Di-satharna. Fhuair am fear eile gu tir oidhche na Sàbaid, mu ochd mile bho ’n àite dh’ fhag e, agus e air a reothadh gu dona. Cha ’n eil duine air a chreig an drasda ach bean Chormier.
C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
THA D. J. Domhnullach air son rùm a dheanamh do bhathar an earraich, agus tha e ’creic na th’ aige de bhathar geamhraidh gle shaor. Reicidh e ni sam bith a tha ’san stor, ach a mhain brogan, 20 p. c. na’s isle na bha iad roimhe so. Rud air am pàigheadh tu $1 .00 roimhe so, cha chosg e dhut an drasda ach 80c. Cha mhair so ach mios. Thig trath agus faigh bargan.
NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B,
Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha.
[Vol . 5. No. 36. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 275.)
chuideachadh ’nar comas, an luchd-teagaisg a thoirt gu bhi faicinn gur e an dleasnas agus an gliocas gach uile chothrom a ghabhail gu bhi a teagasg cainnt am màthar agus an dùthchais do n chloinn. A chum so bu chòir, air leam, do’n Mhòd duais no dha a chur air bonn a bhitheas air an toirt do na maighstirean-sgoile a chuireas an t-àireamh a’s mò de sgoilearan Gaidhlig tre laimh na Fir-dhearbhaidh aig a Cheasnachadh bhliadhnail. Dheanadh fichead punnd Sasunnach a chaitheamh mar so feum mor. Bu chòir dhuinn mar an ceudna gach misneachd ’nar comas a thoirt do’n òigridh a chum gu’n ionnsaicheadh iad a Ghaidhlig. Tha na Comuinn air a Ghalldachd a tha ’cur leabhraichean mar dhuaisean gus na sgoilean a deanamh gu maith; ach dh’fhaoidte moran tuilleadh mar so a dheanadh, agus bithidh fiubhair againn gu’n deanar an còrr ’san àm ri teachd.
Bu choir do’n Mhòd mar an ceudna guth a chur a mach, a sparradh gu h-àraidh air ministearean an t-Soisgeil gur nàr mi-chiatach an dearmad amaideach a tha iad a deanamh air cànain cridhe agus tuigse an cuid sluaigh. Na’n deanadh iadsan oidhirp dhùrachdach cheart gu taghadh agus gu òrduchadh bhriathran deas freagarrach dh’ éisdeadh an sluagh gu toileach, ach mur toir iad dhuinn ach cothlamadh aineolach neo-fhonnmhor gun bhlas gun snas, cha’n urrainn duinn éisdeachd no gabhail riu. Theid an Fhirinn fein an aghaidh ar goile le leithid so de riarachadh. Cha’n airidh a Ghàidhlig air a ghreidheadh so, oir is cinnteach, mar is maith is aithne dhuinne, nach robh meadhon-cainnt riabh air a bhuileachadh air daoine anns an gloinne a dh’fhaodar Soisgeul na Saors’ a chur an céil. Is iomadh latha mor ’nar cuimhne anns an cuala sinn briathran na slàint’ á beul nan daoine foghainteach nach mairean, a lionadh nan gleann le ceòl nach trèig ar n-anam fhad ’s is beò sinn, agus is ioma teagasg tioram gallda o na laithean sin a chaidh gun bhrigh gun drùghadh thar ar ceann gu tir na dichuimhne.
Ach an deigh so uile tha laigse no neart, bàs no beatha, na Gàidhlig mar dh’fhaodar a radh ’nar lamhan fein—an laimh sluagh na Gaidhealtachd. Ma leigeas sinne ris gur maith agus gur toigh leinn ar cànain, agus gur miann leinn a cleachdadh cha bhi na ministeirean agus na maighstirean-sgoile fada gus am faic iad gur e an gliocas agus an dleasnas a Ghaidhlig a chur am meas. ’S ann air thoiseach a bu chòir dhoibh a bhi; ach ’s fearr air dheireadh iad na gun tighinn idir.
Is fheumail duinn beachdachadh gu h-athghearr air mar a tha cànain sam bith a dol bàs. Tha am bàs a tòiseachadh aig a h-iomal agus ag itheadh a stigh mar an luibhre gu a corp agus mu dheireadh gu a cridhe. Tha i mar so, o thoiseachadh a ghalair a dol na’s lugha ’s na’s lugha, na’s cuinge ’s na’s cuinge, na’s maoile, na’s tiorma, na’s anmhuinne, gus nach eil ann di ach am plaosg, gun sgairt gun neart. Tha e soilleir gu ’m beil a Ghaidhlig air dol fada sios air an t-slighe mhiltich so. Chaill i mòran fhocal agus ainmeanan agus fior mhòran d’a dreach ’s d’a seann seadh a bha freagarrach na’n latha agus a bhitheadh fior fheumail dhuinne an diugh. Feumar iad so uile ath-bheothachadh. Feumar iomail agus sgiathan na canain a neartachadh a chum gu ’n sgaoil iad a mach gu glacadh uile-fharsuingeachd na h-inntinne. Bu choir duais no dha a bhi air an toirt airson a chruinneachaidh a’s fhearr de na focail a chaill sinn—an ceud focal abramaid a’s fheumaile agus a’s freagraiche gu bhi air an gabhail a stigh as ùr ’nar comhradh ’s ’nar conaltradh. Bu chòir ann an comhcheangal ris a so mìneachadh aithghear a bhi air a thoirt air eachdraidh agus air seann ghnathachadh nam focal a bu mhath leinn a thoirt air ais. Cha ’n aithne dhomh dòigh sam bith a’s fheàrr na so gus a Ghaidhlig a chumail beo—le a bhi ag ath-nuadhachadh a neairt agus a cur an greim am farsuingeachd.
Bu chòir do ’n Mhòd na h-uile reach a nochd gu ’m beil dèidh dhùrachdach aige air a Ghaidhlig agus gach neach a dhearbh gu’n do rinn e saothair gus a chanain a rannsachadh agus a shoilleireachadh, a thrusadh agus a cheangal ri cheile na’n aon bhuidhean laidir—a chum mar so gu ’m bi a’ chomhairle a’s glice, am foghlum a’s farsuinge ’s a’s doimhne agus an t-eolas a’s airde a dol lamh air lamh gu bhi a cur air adhart ’s ag àrdachadh gach rùin agus gach cùis is crioch dhìleas d’ur n-oidhirp. Is e am Mòd a mhain is urrainn so a dheanamh. Tha e nise, le bhi air a chumail an sud ’s an so feadh na dùthcha, air faotainn greim air a Ghaidhealtachd, agus seallar air reachd sam bith a thig a mach uaithe mar ni aig am beil ughdarras agus cudthrom agus d’ an coir gach aire ’thoirt. Cha ’n ’eil teagamh nach seallar ris gus an ceum toisich a chumail ann a bhi cur ar cànain agus ar cleachdaidh-dhùthchasach am meas. Dh’ fhaodainn, na ’m b’ fheum sin, uile oidhirpean a Mhòid fein ainmeachadh mar dheadh dhoighean air a Ghaidhlig a chumail beo; ach ’s e bhi na’m bheachd anns a bheagan a sgriobh mi doighean na slighean eile a thoirt far comhair tre ’m beil dòchas again cuideachadh a thighinn gu’r dilseachd.
Cha ’n ’eil teagamh nach d’ rinn sinn uile gus a so, mor dhearmad air ar dleasnas a thaobh ar canain agus a thaobh eachdraidh ar beatha fein. Cha ’n ’eil teagamh cuideachd nach d’ thainig ann an oidhche dhorcha eucail ar cinnidh namhaid a chuir cogal, dimeas, agus aineolais am measg cruithneachd brioghar ar n-eachdraidh. Dh’ fhas am pòr granda so cho gharbh, bhreun, ’s nach mor aach do mhùch e buileach as an teachd-an-tir bhlasdadh’ a altruim ar sinnsear gu calmachd tre ioma linn. Ach tha cabhanaich maidne soillse a fosgladh air binneinean uasal Tir nam Beann. Tha dimeas air dol as. Tha dorchadas na dheann-ruith le gleann ’s le stùchd. Cha ’n fhada gus am bi ar Grian an aird nan speur—agus an sin.
Nuair a dh’ eireas a gnuis bhoisgeil
Gu fial flathail fiamh geal caoineil oirnn
Thig mathas ’us gniomh le saibhireachd.
. . . . . . . . . .
Le aoibhneas Greine soillseachadh
Air an speur gur reidh a spaoileas i
’Cur an ceil gach feum a rinn i dhuinn
G’a fhoillseachaidh ’s g’a mhòlachadh!
DR. H. C. MAC ’ILL-IOSA.
ORAIN LE MAIGHSTIR AILEIN.
Fhuair sinn na h-òrain a leanas anns a’ Highland News,agus air leinn nach misde le moran d’ ar leughadairean am faicinn anns a MHAC-TALLA. Tha àireamh mhor dhiubh aig am bheil cuimhne mhath air “Maighstir Ailein,” sagart còir Shiudaig, ged a tha e nise fo ’n ùir fad choig bliadhna fichead. Rugadh e ann am Mùideart, an Alba. Fhuair e fhoghlum anns an Spainn, agus labhradh e cainnt na dùthcha sin cho fileanta ’s cho ceart ri gin de na Spàinnich fhéin. Thainig e do Cheap Breatunn, agus bha e àireamh mhor bhliadhnaichean a’ saoithreachadh ann am paraiste Shiudaig. Bha e anabarrach measail aig na h-uile chur eòlas air, ge b’e creud dhe ’n robh iad. Bha e ’na dheagh phiobaire ’s na dhannsair; agus rinn e iomadh òran. Cha ’n eil teagamh againn nach eil moran de chuid bàrdachd air chuimhne measg an t-sluaigh fhathast. Chaochail e ann an Siudaig ’sa bhliadhna 1872.
Oran Molaidh.
LEIS AN URRAMACH AILEIN MACILLEATHAIN.
FONN—
Ho an clo dubh
He an clo dubh
Ho an clo dubh
’S fhearr am breacan.
Uidhist ghlas nan cradh- gheach*
Tha ’n tràigh sin fada bho Ailean
Ged is iomadh lamhach
A dh’fhàg e an cois na mara.
Is aithne dhomh gach àite
Bhios grànnda ri cur an t-sneachda
Is tric a ghabh mi tàmh ann
Fodh sgàilean de dh’ fhilleadh breacain.
Gheobh mi gunna sònruichte
Air dòigh ’nur théid mi a Ghlaschu
Is fearr na Nic anToisich
Gad ’s mor a bòsd aig Domhull Sagart.
Nur chuirinn ri m’ shùil e
Gu fùdar a chur na dheannaibh
Bhiodh Ròn Glas a stairrich
Stoirm air ’s e dol gu astar.
Mharbh mi ’n coileach riabhach
An t-ian is briagha ann san ealtuinn
’S Mairi ghrinn ga spionadh
Gu biadh ’dheanamh dha na sagairt.
Mur a biodh am fùdair
Air chùl nam peileiran glasa
Cha robh h-aon a’s duthaich
Chuireadh smùid ri coileach lachunn.
* Shell -drakes:cradh-gheadh—strand - gooseorstrand -drake;ian breac geal ’s tha ’n coileach dhe ’n t-seorsa breac mu ’n amhaich.
[Vol . 5. No. 36. p. 7]
Oran.
LEIS AN URRAMACH AILEIN MACILLEATHAIN.
Do Mhiss Caimbeul, piuthar do Mhr Caimbeul, Sagart stuama suairce a dh’ eug ann an Dalibrog, Uidhist a Chinn-a- Deas, Nobhember, 1893.
FONN—
Nigheann donn a chotan duibh
Nam faoduinn shuidhinn cuide riut
Nighean donn a chotan duibh
Nam faoduinn shuidhinn lamh riut.
Nam bu bhàrd a thàireadh iùl mi
Sheinninn dàn ’s gu’m b’àrd mo chliu ort
Na nighean Barain na Diùca
Tha suidh an cùirt na Banrighinn.
Chuireamaid seachad gach gruaman
’S dh’ innseamaid le seorsa duanag
Ribhinn òg bha ’m Bornish fhuarrach
’S mòr luaidh ’s gach aite.
Cha’n eil fear aig a bheil oighreachd
Eadar Manainn ’s Baile-Staoile
Nach bi farraid dhiom le caoimhneas
Maighdinn na sùl blàtha.
Do chuailean craobhach daonnan maiseach
N’an ciabh òr-bhuidh an òrdugh beacht
Mala chaol fo’n caog an rasga
’S gruaidh mar dhearcag fàsaich.
Tha do ghruaidhean mar na ròsan
Ruiteach dearg air dealbh an neoinein
Tha do dheud gu rèidh-gheal còmhnard
’S boidheach leam an caradh.
Ciochan bàn-gheal lan du bhuadhan
Sioda blàth cur sgàil mu ’n cuairt daibh
Slios mar eala bhàn nan stuadha
Air bhàrr nan cuantan càrr gheal.
Calpa lionta min-gheal sunnta
Le ceol fidhle piob no siunnsar
Troigh is finealta ni tionndadh
Grad air urlar clàraidh.
Fhuair thu buaidh bu dual bho Dhiarmud
Leanaidh pàirt gu bràch ri d’ iargin
Cridhe blàth fo àilleachd chioch
A rinn gach ciall a thàladh.
Oran Molaidh a rinneadh mar Dhuais.
LEIS AN URRAMACH AILEIN MACILLEATHAIN.
Do mhaighdinn òg, Mairi Nic Rath, Ardintoul, mu choinneamh Lochaibhs, a thug dh lein’ -aifhrinn.
Tha seudan luachmhor an grunnd nan cuantan
Nach deach a bhuannachd le luasgadh thonn.
’S tha geug na buadhan le fear nach cualas
An diugh na m’ thuarmsa mas buaidh m’ fhonn.
A Mhairi aoidheil nach tig thu ’n taobh-sa
Le d’ chuailean craobhach na ’m maoth thlà donn
A leug nan caoin-bhasan, do ghruaidh mar chaorunn
’S do shlios mar fhaoilinn air aoduinn thonn.
’S tu shiol nan àrmunn thog buaidh ’sna blàraibh
O Chrò Chinntàil, inid thàimh nan sonn
Bu chlis sa bhata ’s a bhristeadh charr-gheal,
Is tric a shàraich iad lan damh donn.
Tu shiol nan sealgaire a b’fhearr bha ’n Albainn
A chleachd mar armachd an earr-chul donn
’S a bristeadh targaid air slinnean meanamach,
Fir-iasgaich shàile, fir-fhalbh nan tonn.
Gad sheinn gach Salmadair breac le tailmrich
Air chorra-mheuran ’s an ear-ghlas lom
’S tu choisinn cliu le d’ chuid luinneag siùbhlach
’S a chuir glas-chiùil rir an siunnsar crom.
Is fallam nadur na stuic o’n dh’fhàs thu
Ta buaidh na slàinte fodh bhlath ad chom
Mar lili bhàn air an lochan chàrra
Us fiamh a ghair oirr’ air bàrr nan tonn.
Do cheum is fhinealta theid san ridhle
Le ceol na fidhle is misle pong
Gach aon a chi thu am barail chinnteach
Gur imeachd sìthe cliuth grinn do bhonn.
Cha luaidh mi ainme do phearsa dhealbhaich
Mu’n dùisg mi farmad us fearg ro throm
Ged chuir do cheutadh Diana euchdach
Ag altrum eud riut fodh sgeith nan tonn.
Do bhuadhan nadur’ cha’n fhaodar aireamh
Le caogad bardaibh an dàn le fonn
Cha taig thu t’àilleachd gu ruig thu ’n sgathan
’S mo shoraidh slan le d’ chul fainneach donn.
Chaidh seana-bhean Albannach uair do bhaile-gearasdain a choimhead mic dhi a bha ’san arm Aig dol fodha na gréine bha e ’na chleachdadh a bhi losgadh urchair a gunna-mor, agus air do ’n t-seana-bhean an urchair a chluinntinn ’si ’gu socair an tigh a mic, ghabh i clisgeadh uamhasach. “Iain a ghraidh, gu de tha siod,” ars ise. “Siod agaibh,” ars a mac, “dol fodha na gréine.” “An e, gu dearbh,” ars ise; “ma ta, cha robh fhios agam riamh gu ’n deanadh i leithid siod de bhrag a’ dol fodha.”
Cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA.
CARADH
Uaireadairean.
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar uthcha tha ’nar beachd
D. A. Mac FHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.
Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .,
SIDNI, C. B.
McDonald Hanrahan & Co,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4.; ’95
[Vol . 5. No. 36. p. 8]
Guth a’ Chuain.
LE DOMHNULL MAC EACHARN.
Fanaibhs’ a chlann air a’ chòmhnard,
A buain neòinean feadh nan tom,
No ma ’s feàrr a chulaidh chleas e,
Ruithibh greis am beul nan tonn.
Diridh mise ’n àird am bruthach,
Far am faic mi thugam ’s bh’uam;
’S bho na tha mi gann de chuideachd,
Eisdidh mi ri guth a’ chuain.
Tha ’n cuan dhòmhsa mar fhear-eòlais,
Tigh’n am chòmhail air an tràigh,
Fiamh a ghàir’ air aodan preasach,
’S a thuinn bheaga ’cuir orm fàilt’.
’S tric ’s na làithean a chaidh seachad,
’Bheachdaich mi air cruth nan stuadh,
Tigh’nn le teachdaireachd na mara,
Ga liubhairt air a’ chladach chruaidh.
A bhi beachdachadh orr’ daonnan,
Le ’n ceòl caochlaideach am chluais,
Dh’ fhàg air m’ inntinn samhladh mòrachd,
Nach dean briathran beòil a luaidh.
’S ged bha ’n teachdaireachd do-leubhadh,
Gheuraich i, ar leam, mo smuain,
Gu bhi rannsachadh na duibhre,
’Tha ga ’r cuibhreachadh mu ’n cuairt.
Tha mar chùirteinibh na pàillinn,
’Cùirneachadh na h-àire mu ’n chùirt:
’S am meall neòil a tha g’a chòmhdach,
Mar chirb glòire Righ nan Sluagh.
Ann an teampull mor na cruinne,
Tha ar cuid againn ’s a chuirt;
’S roinn-bhrat tribilt’ air ar n-inntinn,
Ag cleth dìomhaireachd na cùis.
Ciod, mata, is ciall do ’n t-sealladh,
’Chaidh a cheadachadh do ’n t-sùil?
Nèamh ’us talamh mar fhaoin fhaileas,
Air nach d’ fhuair sinn fathast iùl.
Na speuran sgaoilt’ os cionn ar cinn,
An talamh fillte fo ar ceum,
’Us freumh ar nàduir taoinnte dlùth,
Mu gach duil ’s a’ chruinne-ché.
’S gach ni ’ghluaiseas sùil no cluas,
A’ dùsgadh annainn smuain da réir;
Còrdaibh fìnealta ar nàduir,
Mar theud chlàr a ghnàth air ghleus.
Maoth ghaoth chéit am measg nan geug,
A luasgadh teudan gleisd nan crann,
Air sgiathaibh mìn ag giùlan sios,
Laoidhean binn nan iomadh rann.
Bho chiùin mhonmhor braon air duille
Gu àrd ghuth na gaillionn gharbh;
’Chreag a freagairt fuaim na tuinne,
’S gun aon ni ’s a’ chruinne balbh.
Aom do chluas ’us éisd an luathghair
’Tha dol suas bho mhuir ’s bho thìr,
’S ged nach tuig smuain na chluinneas cluas,
Creid nach ’eil an thuaim gun bhrìgh.
Ciod ma tha gach bith ’s an domhan,
A toirt molaidh ’réir a ghnè?
Hallelùia, iomadh-ghuthach!
Do ’n Tì ’chruthaich talamh ’s nèamh.
Cuir do bhrògan bharr do chasan,
So, da rireadh, tulaich Dhé,
A naomh-reachd sgriobht’ air clàr gach clach,
’Us anns gach preas a laithreachd fein.
Tha mi cluinntinn guth na cloinne,
’Glaodhaich, “Athair, thig a nuas!”
Glaodh cho sean ri tùs na cruitheachd;
Tha mi tighinn— “thig gu luath”
A’ Mhathair agus a Leanabh.
Cagaran, cagaran,
Caidil, mo rùn;
Tha ’n oidhche ’n a suain
Air a chluain ’s air an dùn;
Mar chuan ann am fèath,
Gu domhain, ciuin, réidh,
Mar sheamh-fheasgar samhraidh ’s an saoghal fo phràmh,
Air caomh-uchd a mhathar tha ’n leanabh ’n a thàmh.
Cagaran, cagaran,
Annsachd a math’r;
Gach moch agus anmoch,
A h-ionmhas is fheàrr.
A’ ghrian dhuin a sùil,
Tha duibhr’ air gach dùil.
Gu teàruint’ ’n a broilleach cha ’n fhairich thu sion,
Co ’s coimeas do ’n mhath’ir air son pàisdean a dhion?
Cagaran, cagaran,
Gaol cha ’n ’eil ann,
Is caoimhe na ’n gràdh
A th’ aig màthair d’a clann;
Tha ’suil chaomh a ghnàth,
Orra ’dearcadh gu tlàth—
Cia binn guth na mathar a’ gabhail a duain,
A’ ciùineach’ a leinibh, ’s ga ’thàladh gu suain!
Cagaran, cagaran,
M’ àilleag ’s mo sheud!
’S do mhathair ga d’ fhaireadh
Cha tachair dhuit beud.
Caidil, mo leanabh caomh,
Caidil gu ciùin ri m’ thaobh,
Mar an t-eun beag ’s an nead ’n uair a threigeas an là,
Fo sgiathan a’ ghraidh, ’s iad ga ’chomhdach gu tlàth.
Cagaran, cagaran,
Faic i ’n a suain!
Réidhtich gu faicilleach
Cluasag do m’ nan;
Socraich a lamhan gaoil,
A ceanglaichean leig mar sgaoil,
Cuir ’n a laidhe gu sèamh i le cluasaig fo ’ceann,
Anns a’ chliabhan d’ an t-seileach, ’s na tulg i ach fann.
Cagaran, cagaran,
Céile mo ghraidh,
Cluinnidh mi ’tighinn
A chas-cheuman aigh!
Gach smuairein theid nis mar sgaoil,
’S e ’cromadh le aigne gaoil
Lamh ri annsachd a chridhe a’s aoibhneas a shùl—
Theid doilgheas an latha nis buileach air chùl!
Eadar. le MAC-MHARCUIS.
NA BAIRD GHAIDHEALACH. —Cuirear an leabhar so gu duine sam bith a chuireas air ’adhart 35c., no tri airson dolair.
AITE COBHAIR.
Labhair an t-Urr. T. C. Mellor, Rural Dean, Christ’s Church Rectory, Guysboro, N. S. mu K. D. C. o chionn ghoirid anns na briathran a leanas: “Tha mi gle thoilichte bhi comasach air teisteannas a thoirt mu luach K. D. C. airson cion-cnamhaidh, Bha mi fulang le droch stamaig, ach leighis K. D. C. mi. ’Nuair a dh’ fhairicheas mi e tuilleadh rium, gabhaidh mi K. D. C. agus leighsidh e mi gun dail. Molaidh mi K. D. C. ge b’e àite ’n teid mi.”
An urrainnear dearbhadh a’s fhearr na so iarraidh. Tha sinn ag radh gur e K. D. C. an leigheas a’s fhearr a th’ann air cion-cnamhaidh. ThaK . D. C. Pillsanabaarach math air tinneasan-cuim, agus ma ghabhar iad còmhla ri K. D. C. leighsidh iad teanntachd.
NUAIR THEID THU ’BHADDECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram, Bathar Cruaidh
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile.
An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.
Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.
Indurated Fibreware
Tha an seòrsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire.
THE E. B. EDDY Co LIMITED
HULL, CANADA.
title | Issue 36 |
internal date | 1897.0 |
display date | 1897 |
publication date | 1897 |
level | |
reference template | Mac-Talla V No. 36. %p |
parent text | Volume 5 |