[Vol . 5. No. 37. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MART 20, 1897. No. 37.
Sgeulachd Sgire ma Cheallaig.
LE FIONN.
Bha Gille òg ann uair ’s chaidh e dh’ iarraidh mnà do Sgire ma Cheallaig, agus phòs e nighean tuathanaich, ’s cha robh aig a h-athair ach i fhéin, agus ’n uair a thainig àm buain na mòine, chaidh iad do ’n bhlàr mhòine ’n an ceathrar. ’S chuireadh a’ bhean òg dhachaidh air thòir na diathad, agus air dol a staigh dhi chunnaic i strathair n a làrach brice fos a cionn, agus thòisich i air caoineadh ’s air ràdh rithe féin de ’a dheanadh ise nan tuiteadh an t-srathair, ’s gu ’m marbhadh i i féin ’s na bha air a siubhal? ’N uair a b’ fhada le luchd buain na mòine a bha i gun tighinn chuir iad a màthair air falbh a shealltuinn de bha ’g a cumail. ’N uair a ràinig a chailleach fhuair i a bhean òg a’ caoineadh a steach, “Air tighinn ormsa,” ars’ ise, “de a thàinig riut?” “O,” ars’ ise, “ ’n uair a thàinig mi steach chunnaic mi srathair na làrach brice fos mo chionn, ’s de ’dheanainn-sa na ’n tuiteadh i ’s gu ’m marbhadh i mi fhéin ’s na tha air mo shiubhal!” Bhuail an t-seana bhean a basan. “Thàinig ormsa an diugh! na ’n tachradh sin, dé a dheanadh tu, na mise leat. “Bha na daoine a bha ’s a bhlàr mhòin’ a gabhail fadachd nach robh aon de na boirionnaich a’ tighinn, o ’n bhuail an t-acras iad.
Dh’ fhalbh an seann duine dhachaidh a dh’ fhaicinn dé ’bha a cumail nam boireannach, agus ’n uair a chaidh e steach, ’s ann a fhuair e ’n dithis a’ caoineadh ’s a’ bas-bhualadh. “Ochon,” ars’ esan, “dé a thàinig oirbh!” “O,” ars’ an t-seana bhean, “ ’n uair a thàinig do nighean dhachaidh, nach fac’ i srathair na làrach brice fos a cionn, ’s dé a dheanadh ise na’n tuiteadh i ’s gu ’m marbhadh i i féin ’s na bha air a siubhal.” “Thàinig orms’” ars an seann duine ’s e bualadh nam bas, “na ’n tachradh sin.” Thàinig an duin’ òg am beul na h-oidhche lan acrais, ’s fhuair e ’n triùir a’ comh-chaoineadh. “Ubh ubh,” ars’ esan gu de a thainig oirbh. Dh’ innis an seann duine dha. “Ach ars’ esan “cha do thuit an t-srathair.” ’N uair a ghabh e biadh chaidh e laidhe, agus anns a mhaduinn thubhairt esan, “Cha stad mo chas gus gu ’m faic mi triùir eile cho gòrach ruibh. Dh’ fhalbh e so air feadh Sgire ma cheallaig, agus chaidh e steach do thaigh ann, agus cha robh duine a steach ach triùir bhan ’s iad a sniomh air coig cuigealan. “Cha chreid mi fhéin,” ars’ esan, “gur h-ann a mhuinntir an àite so a tha sibh.” “Ta,” ars’ iadsan, cha ’n ann; cha chreid sinn fhein.” “ ’S cha ’n ann,” ars’ esan. “Mata,” ars’ iadsan, “tha na daoine a tha ’s an àite so cho faoinn ’s gu ’n toir sinn a chreidsinn orra a h-uile ni a thoileachas sinn féin.” “Mata,” ars’ esan, “tha faine òir agam ’an so agus bheir mi e do ’n té agaibh a ’s feàrr a bheir a chreidsinn air an duine.” A cheud fhear a thàinig dhachaidh de na daoine thuirt a bhean ris, “Tha thu tinn.” “Am bheil?” ars’ esan. “O tha,” thuirt ise. “Cuir dhiot do chuid aodaich ’s bi a dol a laidhe.” Rinn e so; agus ’n uair a bha e anns an leabaidh, thuirt i ris, “Tha thu nise marbh.” “O am bheil?” ars’ esan. “Tha,” thuirt ise, “dùin do shùilean ’s na gluais làmh no cas,” Agus bha e so marbh. Thainig an so an dara fear dhachaidh, agus thubhairt a bhean ris, “Cha tu a th’ ann.” “O nach mi?” ars’ esan. “O cha tu,” thuirt ise. ’S dh’ fhalbh e ’s thug e a’ choille air. Thàinig an so an tritheamh fear a dh’ ionnsuidh a thaighe fhéin, agus chaidh e fhéin ’s a bhean a laidhe, ’s chaidh gairm a mach am màireach chum an duine marbh a thiodhlacadh; ach cha robh a bhean-san a leigeil leis-san éiridh gu dhol ann. ’Nuair a chunnaic iad an giùlan a’ dol seachad air an uineig dh’ iarr i air a bhi ’g éiridh. Dh’ éirich e ’n so le cabhaig mhoir ’s bha e ’g iarraidh a chuid aodaich ’s e air chall, ’s thubhairt a bhean ris gu ’n robh a chuid aodaich uime “Am bheil,” ars’ esan. “Tha” ars’ ise. “Greas thusa ort gus am beir thu orra.” Dh’ fhalbh e ’n so ’na chruaidh ruith, agus an uair a chunnaic cuideachd a’ ghiùlan an duine lomnochd a tighinn smaoinich iad gur duine e a bha as a chiall ’s theich iad féin air falbh, ’s dh’ fhàg iad an giùlan, agus sheas an duine lomnochd aig ceann na ciste mhairbh, agus thàinig duine a nuas as a choille, agus thubhairt e ris an duine a bha lomnochd, “Am bheil thu ’gam aithneachadh?” “Cha’n ’eil mise,” ars’ esan ‘gad aithneachadh.” “O cha ’n ’eil; na ’m bu mhi Tòmas dh’ aithnicheadh mo bhean féin mi.” “Ach car son,” ars’ esan, “a tha thusa lomnochd?” “Am bheil mi lomnochd? Ma tha thubhairt mo bhean rium gu ’n robh m’ aodach umam.” “ ’S i mo bhean ’thubhairt riumsa gu ’n robh mi-fhéin marbh,” ars’ am fear a bha ’s a’ chiste.” Agus an uair a chuala na daoine am marbh a’ bruidhinn thug iad na buinn asta ’thàinig na mnathan ’s thug iad dhachaidh iad, agus ’s i bean an duine a bha marbh a fhuair am fàine, agus chunnaic esan an sin triùir cho gorach ris an triuir a dh’ fhàg e aig an taigh, agus thill esan dhachaidh.
Agus chunnaic esan an sin bàta a’ dol a dh’ iasgach, agus chunntadh da dhuine dheug a’ dol a steach do’n bhàta, agus an uair a thàinig gu tir cha robh innte ach aon duine deug. ’S cha robh fios co am fear a a bha air chall. Agus am fear a bha ’g an cunntadh cha robh e ’ga chunnt-fhéin idir, agus bha esan a coimhead so. “Ge dé an duais a bheir sibh dhomhsa na’m faighinn am fear a tha air chall oirbh?” “Gheibh thu duais air bith ma gheibh thu ’n duine,” thubhairt iadsan. “Deanaibh,” ars’ esan, “suidhe ri taobh a cheile ma tha.” Agus rug e air siulpan maide, agus bhuail e an ceud fhear, “Bitheadh cuimhne agadsa gu’n robh thu fhéin innte.” Lean e air am bualadh gus an d’fhuair e àireamh dà dhuine dheug ’s e ’cur fuil gu feur orra, agus ged a bha iad pronnta agus leòinte cha robh comas air, bha iad toilichte air son gu ’n d’ fhuaradh an duine a bha air chall, agus air chùl pàidheidh ’s ann a rinn iad cuirm do ’n duine a fhuair am fear a bha air chall.
Bha loch aig tuath Sgìre ma Cheallaig air am bitheadh iad a’ cur éisg agus, ars’ esan, “ ’S ann bu chòir dhuibh an loch a thràghadh gus am faigheadh sibh iasg ùr chun na Cuirme;” agus ’n uair a thràghadh an loch cha d’ fhuaradh dearg éisg air ach aon easgann mhòr. Thubhairt iad an so gu ’m b’ i sud a’ bhéist a dh’ ith an t-iasg orra. Rug iad oirre an so agus dh’ fhalbh iad leatha gu ’bathadh ’s a’ mhuir; agus an uair a chunnaic esan ’so dh’ fhalbh e dhachaidh, agus air an rathad, chunnaic e ceathrar dhaoine a’ cur suas mart gu mullach taighe gus an itheadh i am feur a bha ‘cinntinn air mullach an taighe. Chunnaic e ’n so gu ’m bu dhaoine gun samhuil sluagh Sgìre ma Cheallaig. “Ach,” ars’ esan, “dé ’n duais a bheir sibh dhomhsa ’s bheir mi nuas am feur?” Chaidh e ’s gheàrr e ’m feur, thug e do ’n mharc e, agus dh’ imich e roimhe. Chunnaic e ’n so duine a’ tighinn ’s mart aige ann an cairt, agus dh’ aithnich daoine a’ bhaile gur h-e goid a mhart a rinn am fear so. “Agus ’s e bu chòir mòd a chur air.” Mar so rinn iad e agus ’s e ’n ceartas a rinn iad an t-each a chur gu bas air son a bhi ’giùlan a’ mhairt.
Agus gu dearbhadh a thoirt dhuibhse gu m bheil an sgeulachd so fior ’s e so a thug air Iain Lom am Bard a chantuinn:—
“Mar lagh nan lìnntean nach maireann
A bha ’n Sgìre ma Cheallaig
Nuair a dhìt iad an gearrun ’s a mhòd.
[Vol . 5. No. 37. p. 2]
Cumail Beo na Gailig.
Mar a dh’ innis sinn roimhe, bha duais an Dotair Mhic Ghriogair, air son a’ phaipeir a b’ fhearr air a’ chuspair so, air a roinn eadar dithis. Thug sinn seachad paipear an Dotair Mhic Ghilliosa anns an da àireamh mu dheireadh, agus tha ’m paipear eile mar a leanas. Bha e air a sgriobhadh le Niall Ros, an Gleann-dáil ’san Eilean Sgiathanach.
A chionn ’s gu ’n d’ fhuair sinn a Ghàilig mar dhìleab bho ar sìnnsir, is còir dhuinn na h-uile dìchioll a dheanamh air a tabhairt seachad mar dhìleab do na Gàidheil a thig ann ar dèigh. Agus mar riaghailt-stiùraidh do ar dìchioll tha e iomchaidh dhuinn a bhi ’faotainn a mach na dòigh a’s feàrr air a’ Ghàilig a chumail beò ann an Gaidhealtachd na h-Alba.
Mus bi e comasach dhuinn am meadhon is glice ’shònruchadh, fèumaidh sinn sealltainn air nì a tha fior a thaobh na h-uile cainnt. Is e so lagh àraidh air am bheil beatha na h-uile cainnt an crochadh—eadhon gu ’m bi iad, leis an dream a tha ’g an labhairt, air an cleachdadh ann an comhradh, ann am malairt, agus ann am foghlum.
Tha sinn a smuaineachadh gur ann a chionn ’s gu ’n do chaill a’ Ghàilig ann an tomhas ro-mhòr a greim air na trì nithibh sin, a tha i ’n diugh cho lag ann an Gaidhealtachd na h-Alba. Ged nach eil e taitneach leinn a bhi ’beachdachadh air laigse na Gàilig, gidheadh ma tha sinn a dol a dheanamh oidheirp air a neartachadh, tha e iomchaidh dhuinn an toiseach a bhi ’tuigsinn a h-anmhuinneachd. Feumaidh an lighiche ’bhi eòlach air galair an duine thinn mu ’m bi e comasach air a shlànuchadh. Agus anns a’ cheart dòigh, ged a dh’ fhaodas sinne ’bhi ’toirt fanear laigse na Gàilig, cha ’n ann idir a chum a h-aimhleas, ach a chum a maith a bu mhiann leinn sin a dheanamh.
A nis mata, tha e soilleir ri ’fhaicinn gu bheil a’ Ghàilig a call a buinn ann an còmhradh. Ach ’s e an t-aobhar àraidh air sin, gu bheil i air a dearmad cho mòr anns an dà nì eile Tha malairt na Gaidhealtachd air a giùlan air a h-aghart ann am Beurla. Tha mar an ceudn’ an t-iùnnsachadh anns na sgoiltean Gàidhealach air a thabhairt seachad ann am Beurla; agus cia mar a nis is urrainn dùil a bhi againn gu ’m bi a’ Ghàilig a mhairsinn beò cho fad ’s a cheadaicheas sinn gu ’m bi i air a h-aicheadh anns na nithibh air am bheil a beath’ an crochadh?
A thaobh malairt, ged a dh’ fhaodas sinn a deanamh ’n ar measg féin anns a chainnt mhatharail, gidheadh cha ’n eil e soirbh dhuinn a deanamh gu h-iomlan anns a’ chainnt sin, oir cha tuig na Goill Gàilig, agus feumaidh sinn comh-chomunn a chumail riùsan ann am marsantachd. Ach anns an da nì eile, eadhon foghlum agus còmhradh, tha e comasach dhuinn ath-leasachadh mòr a dheanamh ann am fàbhar cainnt ar dùchadh. Cha ’n ann gun an gnothuich a ghabhail gu cridhe, agus gun saothair dhùrachdach, a ghabhas an t-athleasachadh sinn toirt mu ’n cuairt.
Tha foghlum agus còmhradh a ruith cho dlùth ann an làmhan a chéile, agus nach ’eil e soirbh an dealachadh. Is anns an teaghlach a gheibh an leanabh an cheud chuid de ’theagasg. Air an aobhar sin bu chòir do dh’ athraichean agus do mhàthraichean Gàidhealach a thoirt fainear nach biodh an clann ’n an coigrich do ’n Ghàilig. Tha iomadh neach a dearmad na Gàilig a chionn ’s nach robh iad ’g a cluinntinn an uair a bha iad ’n an leanabanan a ’g iùnnsachadh cainnt a labhairt.
’S i ’n sgoil an ath àite anns am fàigh an leanabh nithibh ri ’m foghlum. Cha ’n urrainn sinn tuilleadh ’s a chòir do dh’ aire ’thabhairt do ’n earrainn so do bheatha na h-òigridh; oir tha mòran ’an crochadh air na ’chì ’s na ’chluinneas sinn an uair a tha ar ciall a fosgladh suas agus a fàs na’s treise. Mu ’labhras tu ann an Gàilig ri leanabh Gaidhealach, an uair a theid e ’n toiseach do ’n sgoil, chì thu gu ’n iùnnsaich e Beurla n’is luaithe agus n’is feàrr, na ged a labhradh tu ris an toiseach ann am Beurla. N’am biodh neach a thainig gu h-aois a dol a dh’ fhiachainn ri eòlas fhaotainn air a’ chainnt Eabhraidhich, agus n’am faigheadh e leabhraichean anns nach biodh facal ach Eabhra, agus mur a canadh am fear-teagaisg lideadh ris ach ann an Eabhra, tha sinn a làn chreidsinn gu ’r e glé bheag de’n chainnt ud a thogadh am foghlumaiche sin eadhon ré ùine fhada. Air a’ cheart dòigh tha e doirbh do leanabh Gaidhealach a bheag sam bith a thuigsinn mur a labhrar ris air tùs ’na chànan féin.
Tha e soilleir mar sin gu ’bheil mòran fathast r’a dheanamh ann an atharrachadh laghanan nan sgoiltean Gaidhealach. Faodaidh gu ’bheil an dòigh theagaisg a tha ’n diugh ann an sgoiltean Taobh-a- tuath na h-Alba glé fhreagarrach gus a’ chlann a thogal suas mar Ghoill, ach da rìreadh cha ’n ’eil gus ’an eideachadh mar Ghàidheil. Ach a chionn ’s gu ’r ann mar Ghàidheil a bu mhiann leinn a’ chlann a theagasg, feumaidh sinn a dhol dìreach a dh’ iùnnsaidh na dream a tha stiùradh agus a riaghladh gnothuichean an fhoghlum ann an Gàidhealtachd na h-Alba. Feumaidh sinn a chur air shùilean do ’n dream sin gu ’bheil Gàilig ri ’bhi air a labhairt agus air a lèubhadh ann ar sgoiltean ’s an Taobh-a- Tuath. Oir ma tha pàrlamaid Bhreatunn a ceadachadh gu ’m biodh Laidiunn, no Fraingeis, no Gearmailt, no Greugais, air a teagasg do chloinn na Gaidhealtachd, c’arson, ann an ainm reusain agus tuigse nàdurra a dheanadh a’ phàrlamaid Bhreatunnach leth-sprèidh no dìmeas air a Ghàilig?
Air an aobhar sin tha e mar fhiachaibh oirnn na h-uile h-oidheirp a chleachdadh a chum gu’m bi ar cainnt féin air a teagasg ann an sgoiltean ar dùthcha. Air chor ’s gu’m bi sin air a dheanamh tha e iomchuidh gu’m biodh a’ Ghàilig air a gabhail a stigh mar aon do na nithibh sin airson am bheil buileachadh air a thairgsinn fodh achd pàrlamaid. Tha sinn a smuaineachadh gu’m bu chòir a’ Ghàilig a bhi ’s an aon ionad ri lèubhadh agus sgrìobhadh Beurla, a chum a bhi ’cosnadh duais bho laimh Ard-uachdaranachd na rioghachd. An sin bhiodh misneach air a tabhairt do na maighstirean sgoileadh, agus mar an ceudna do ’n chloinn féin. Ghabhadh an oigridh toil-inntinn ann a bhi ’lèubhadh a’ chànain a bha iad a’ cluinntinn aig an dachaidh; agus bhiodh eòlas eagnuidh air an cainnt mhàtharail cho feumail dhaibh ri Fraingeis no Gearmailt, gus an ìnntinnean àiteachadh. Bhiodh iad a faotainn gliocas agus blàths cridhe bho ’n chuid a bu bhreagha do litreachas an sìnnsireachd; agus bhiodh spiorad trèun agus briathran deas an athraichean a faotainn àit’ ann an inntinn na h-òigridh. Bhiodh gràdh d’ an dùthaich ’s d’ an cainnt air a dhùsgadh suas ’n an cridhe; agus co ’s urrainn a chantuinn nach deanadh an t-èud dùchasail sin an cuideachadh gu nithibh àrd agus ionmholta ’thoirt a mach an dèigh laimh?
Tha sinn a cumail ar n-aire gu h-àraidh air eideachadh na cloinne, a chionn ’s gu’r i ’n sgoil am meadhon is cumhachdaiche gus ar cainnt a chumail beò anns a’ Ghaidhealtachd. A dh’ aindeoin mar a dh’ fhaodas dream àraidh a bhi ri ùpraid a thaobh Chomunnan agus Choinneamhan Gaidhealach ann am bailtibh mòra na Galldachd gidheadh m’a dhearmadas sinn a’ Ghàilig a theagasg do ’n òigridh aig an dachaidh ’s an Taobh-Tuath, cha ’n fhada gus an caill ar cainnt an deò agus gus an tog a’ Bheurla gu h-iomlan a h-àite. Ma bhàsaicheas a’ chainnt aosmhor ann an Tìr nam Beann, nach bi ar Tìr an uair sin mar fhearann fàsaichte, mar dhùthaich air a cur fo chìs le fèidh agus le Sasunnaich?
Ach ciod e am maith dhuinn a bhi ’rannsachadh airson na dòigh a’s feàrr gus a’ Ghàilig a chumail beò anns an Ghaidhealtachd, mur a bi daoine anns an dùthaich sin, gus a’ chainnt a labhairt? Ciod e am maith dhuinn a bhi ’fiachainn ri craicionn ùr glan a thabhairt air an lot cho fad ’s a tha brèunachd agus truaillidheachd a luidhe gu dlùth ris a’ chnaimh? Tha gearainean agus euceartan na Gaidhealtachd a fàs cho buileach air an aon stoc agus nach gabh a h-aon dhiù ceartachadh, gus an teid sinn sìos a dh’ iùnnsaidh freumh an uilc. Cha ’n e ar rùn a bhi ’buintinn ri gnothuichean riaghlaidh rioghachd anns an Sgrìobhadh so; ach gidheadh cha ’n urrainn sinn ach a bhi ’faicinn gu’r ann a chionn ’s gu’n do chuireadh an sluagh air falbh as na glinn a tha cainnt nan Gàidheal an diugh gun neart fallain ann an Tìr nam Beann. Nach bu bhochd do Ghàidheal glic agus ceart sam bith a bhi ’miodal ri luchd-fòirneirt an uair a tha ’dhùthaich ’g a cur fàs, a chainnt a dol air dì-chuimhne, agus a chinneach ’s a chàirdean ’g an sgapadh air feadh an t-saoghail? A nis mata, mur do bhàsaich an duinealas gu leir ann ar cridhe, cia cruaidh
[Vol . 5. No. 37. p. 3]
an strìth a bu choir dhuinne ’dheanamh gus ar dùthaich agus ar cànan a shaoradh bho chuing choigreach!
Bheir sinn nì eile fainear anns am faodadh ath-leasachadh mòr a bhi air a thoirt mu ’n cuairt, ’s e sin cainntearachd fhollaiseach anns na cùbaidean Gàidhealach. Cha’n ’eil sinn a gabhail gnothuich ri nì sam bith ach ris an Ghàilig mar chainnt airson searmonaichidh, agus ris an dòigh anns am bheil e mar chleachdadh aig mòran an diugh a bhi ’labhairt innte, anns a’ chrannaig. Tha e gu tric ’n a aobhar mulaid, agus ’n a chràdh-cridhe do Ghàidheal aig am bheil Gàilig, a bhi ’cluinntinn muinntir le fìor bhriseadh Gàilig, a feuchainn ri searmonachadh ann an eaglaisean. Cha bhi fear na droch Ghàilig a chaoidh comasach air e fóin a chur ’an ceill gu cothromach do thuigs’ an luchd-eisdeachd. Cha ’n ’eil e reusanta gu’m biodh mòr-thlachd aige féin, no aig càch, ’n a oidheirp air labhairt; agus cha ’n ’eil nì air an t-saoghal a’s luaithe ’ghràinicheas neach air a’ Ghàilig na ’bhi ’g eisdeachd ri aon a tha lag agus easbhuidheach anns an chainnt sin.
Tha e mata riatunnach gu ’m biodh meadhonan air an gabhail, agus sin gu luath, a chum agus gu ’m bi an dream leis am bu mhiann searmonachadh ann an cànan nan Gàidheal, an toiseach comasach air Gàilig a labhairt, mu ’n dìrich iad do ’n chrannaig. Cia tlachdmhor an nì ’bhi ’g eisdeachd ri neach a’s urrainn a smuaintinean a chur ’an ceill ann am briathran taitneach; ach, air an laimh eile, cia an-shocrach an nì ’bhi ’cluinntinn fear-labhairt cearbach air dhroch Ghailig.
Tha sinn toilichte ’bhi ’smuaineachadh nach ’eil sinn a dh’ easbhuidh cobhair anns an nì so. Oir tha againn a cheana aon Chaithir Ghàilig co-dhiù, bho ’m faod ministearean òga Gaidhealach agus luchd-labhairt eile de’n chinneachd sin, eòlas eagnuidh ’fhaotainn air cainnt an dùthcha. Tha cothrom againn mar an ceudna air saothair a chleachdadh a chum caithrichean de’n t-seòrsa sin a chur air chois ann am feadhainn eile de na h-Oil-thighean Albannach. A chionn ’s gu ’bheil a’ Ghàilig air a gabhail a stigh mar aon de na ceuman a dh’ iùnnsaidh àrd-fhoghlum, bhiodh mar sin cothrom air a thabhairt do dh’ òganaich Ghàidhealach a bhiodh a leantuinn foghlum, an cànan agus an litreachas féin a ghiùlan a mach gu inbhe bhreagha. ’An sin bhiodh an teagasg Gàilig a gheibheadh iad as an toiseach air a chur gu buil mhaith; agus bhiodh iad comasach, an deigh-laimh, air eiseimplear ceart a chur fodh chomhair an t-sluaigh ann a labhairt agus ann an sgrìobhadh an chànain.
Is e ar beachd gu ’m bu chòir Comunn Deasbaireachd a bhi anns na h-uile Sgir anns a’ Ghaidhealtachd. Bhiodh so a chum feum do dh’ aois agus do dh’ òige. Is iomadh duine tuigseach aig am bheil deadh Ghàilig, ach a tha ’fàs car meirgeach innte le cion cleachdaidh. A nis n’am biodh a leithid sin de Chomunn dlùth air an neach sin, cha ’n e ’mhain gu ’m biodh e féin air ’ùrachadh ’n a chainnt, ach bhiodh an luchd-eisdeachd a faotainn buannachd bho a chòmhradh. N’am biodh uime sin, Comunn Deasbaireachd anns gach Sgir, le ministeir, no lighiche, no maighstear-sgoileadh mar Cheann-suidhe, is mòr an neartachadh a bhiodh air a dheanamh air a’ chànan; agus mar an ceudna, bhiodh eòlas an luchd-frithealaidh air a mheudachadh.
Tha e soilleir gu ’m faodadh Buidheanan Gaidhealach, ann am bailtibh mòra na Galldachd agus Shasuinn, misneach agus còmhnudh a thabhairt iomadh uair do’n òigridh anns an Taobh-Tuath, le duaiseaa, agus luach-saoithreach air son foghlum a chur fo’n comhair.
Crìochnaichidh sinn a’ sgrìobhadh so le ’bhi ’cantainn gu h-aighearr, gu ’bheil sinn a làn chreidsinn gu’r i an aon dòigh a’s fearr, air a ’Ghàilig a chumail beò, a teagasg gu cothromach do’n oigridh, agus a ’labhairt gu ceart ’am measg an t-sluaigh. “ ’S e ’n t-iùnnsachadh òg an t-iùnnsachadh bòidheach.” Tha so fìor ann an iomad seadh; ach tha e fìor gu h-àraidh a thaobh maireannachd agus beatha na Gàilig ann an Gaidhealtachd na h-Alba.
Raibeart Brus.
Sè mìosan an déigh do Shìr Uilleam Uallas a bhi air a chur gu bàs, chaidh Raibeart Brus a chrùnadh ’na rìgh air Alba. Ach chaidh e troimh mhòran nithibh mu ’n do ràinig e air sin. B’ ogha an Raibeart Brus so do ’n Bhrusach ud eil’ a bha ’còmhstri ri Bailiol air son crùn Alba fhaotainn, agus aig an robh còir co maith air ’s a bh’ aig Bailiol. Bha araon ’athair ’s a sheanair, a reir barail cuid, air bàsachadh aig an àm so, ged nach robh ach coig bliadhna deug o rinn Eideard rìgh de Bhaliol. Bha athair a’ Bhrusaich so ’na charaid ’s na fhear-eòlais aig rìgh Shasuinn, ’na oifigeach ’s an arm aig’, agus a’ cogadh ri ’thaobh féin ’an iomadh blàr. Bha, mar so, am Brusach òg air a thogail suas a measg chùirteirean Eideird a bha ga mhealladh le bhi ’gealltuinn crùn Alba dha ’n uair a gheibhteadh Uallas air a cheannsachadh. Cha ’n ’eil teagamh sam bith aig luchd-eachdraidh nach robh Brus a’ tighinn do Alba ’s a’ cogadh an aghaidh a luchd-dùthcha féin ri linn Uallais, air sgàth taobh réidh a chumail ri Eideard; oir bha mòran fearainn aig’ an Alba, Annandail agus Carraic, air an robh e ’na Iarla. Bha na h-Albannaich mu ’n àm so air fàs co sgith de ain-tighearnas nan Sasunnach ’s a bha iad mu ’n do thog Uallas a làmh riamh ’n an aghaidh. Bha na Sasunnaich a’ cumail freiceadan ’s na h-uile caisteal a bha ’n Alba, ’s luchd-dreuchd Shasunnach a’ toirt air aghart uile ghnothuichean na rioghachd. Cha robh ni anns an cuireadh na Sasunnaich sùil nach feumadh iad fhaotainn, olc air mhaith leis an fheadhainn d’am buineadh e; ’s nan gabhadh neach sam bith air gearan a dheanamh air Sasunnach, bhiodh e ’n cunnart gu ’n cailleadh e ’chuid de ’n t-saoghal, no eadhon a bheath’ air son a dhànadais. Chaidh mòran de uaislean fiachail na tìr’ a chrochadh mar na triuthairibh bu mhò, air son nan aobharan bu lugha, no gun aobhar idir. Bha mòran eile, mar bha Raibeart Brus, air an gonadh ’n an cridhe leis an tàmailt air son an ain-tighearnais leis an robh iad a’ giùlan. B’e Iain Coimin, uachdaran Bhàideanach, an duin’ eil’ a bha co faisg air crùn Alba ri Raibeart Brus. Bu mhac peathar an Coimineach so do Bhailiol; agus còir sam bith a bh’ aig an duine sin air a’ chrùn ’s ann do mhac a pheathar, mar an t-oighr’ a b’ fhaisg’ air, a bhuineadh i. Bha càirdeas aig Coimin mar an ceudna ri teaghlach rioghail Alba, ’thaobh ’athar. Bha Brus mu ’n àm so ’an Alba, a réir coslais air “gnothuch an rìgh.” Fhuair e fàth air bruidhinn ris a’ Choimineach. Bha iad a’ marcachd cuideachd air falbh o bhaile Shruileadh, agus a’ comh-labhairt air staid thruaigh na dùthcha. “Thoir thusa dhomhsa do chuid fearainn,” arsa Brus ris a’ Choimineach, “agus cuidichidh mis’ thu gus ar naimhdean fhuadachadh a mach; no bheir mise dhuitse mo chuid fearainn féin agus cuidich thusa mi ’n am oidhirpibh gu righ-chathair mo shinnsear fhaotainn.” Chòrd an Coimineach ri fearann Bhrus a ghabhail, agus cuideachadh leis gus an rioghachd fhaotainn. Bha ’n còrdadh so air a chur ’an sgriobhadh, ’s ainm gach fir air a chur ris, ’s ghléidh iad le chéile dùblachadh dheth; ach thug Raibeart Brus e féin as gu ruige Lunnainn gun dàil, air eagal fàth teagaimh sam bith a thoirt do Eideard mu ’thimchioll. Fhuair an Coimineach a mach mar an ceudna gu ’n d’ fhuair Brus gealltanas, gu dìomair, air cuideachadh o chuid de àrd mhaithean na rioghachd anns am b’ urrainn e earbsadh. Ach ’an àite bhi dìleas da ghealladh ’s ann a chuir an Coimineach a dhùblachadh féin de’n chùmhnant gu Eideard, agus beag no mòr de innseadaireachd air an ullachadh uaigneach a bha ’dol air aghaidh a measg mhaithean Alba, gus a’ chuing Shasunnach a thilgeadh dhiubh. Cha do leig Eideard dad air. Bha e, ma b’ fhìor, co déigheil air comunn a’ Bhrusaich ’s a bha e riamh. B’e ’m beachd a bh’ aige gu ’m faigheadh e cinn-iùil na comh-bhoinn so air an glacadh gu h-iomlan, ’s air an casgradh ceart còmhladh. Cha b’ urrainn e iad sud fhaotainn an làimh gun cuid eigin de na bha timchioll air féin fhaighinn a mach ciod a’ choir’ a bha ’n an aghaidh. Agus mar so thug neach éigin de’n mhuinntir a bha faisg air pears’ an rìgh sanus do ’n Bhrusach mu ’n chunnart ’s an robh e. Cha bhiodh e sàbhailt sin a dheanamh le cainnt beòil, ’s tha cuid ag ràdh gur e paidhir spuirean a chuir an caraid ud thuige. Ghrad leum e ’na dhiollaid, ’s mharcaich e nall do Alba co luath ’s a dheanamh ceithir-chosach.
(Air a leantuinn air taobh 286.)
[Vol . 5. No. 37. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ‘Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton
SIDNI, AM MART 20, 1897.
Cha’n eil cùisean dad na’s fhearr ann an Crete; bha barrachd de choltas na sithe orra air an t-seachdain s’a chaidh na tha orra air an t-seachdain so. Tha a’ Ghréig gle aindeonach air a cuid shaighdearan a ghairm bhar an eilein, ach tha an t-eagal oirre dubhlan a thoirt do na rioghachdan mora; tha na rioghachdan mora, no cuid dhiubh co-dhiu, air an laimh eile, aindeonach air cur cruaidh ris a Ghréig, oir tha ceartas air a taobh, agus cha’n aontaicheadh iad ri dragh sam bith a chur oirre mur biodh gu bheil iad air son sith na h-Eòrpa a ghleidheadh. Thainig fathunn as a Ghréig air an t-seachdain so ag radh gu bheil riaghladh nu duthcha sin a dol a ghairm cogaidh an aghaidh na Tuirce; ma nithear sin bidh a’ chuis gu h-iomlan eatorra fhéin, oir cha bhiodh gnothuch sam bith aig na rioghachdan mora riutha an uair sin, neo na’m bitheadh, bhiodh cogadh eadar na rioghachdan mora fhein. Tha cuisean gle throimhe-cheile, agus ann am barail moran, cha ghabh iad ceartachadh gun chogadh. Ach bidh sinn an dòchas nach tig an cogadh cho fad ’s is urrainn duinn.
’S iongantach cho geur ’sa bha daoine air son naigheachdan fhaotainn mu ’n t-sabaid aig Corbett agus Fitzsimmons. Tha iad ag radh gu robh sluagh nan Stàitean moran na b’ iomguiniche d’a taobh na bha iad a thaobh taghadh ceann-suidhe toiseach a gheamhraidh, agus cha’n eil sinn cinnteach nach robh muinntir Chanada a ceart cho dona riutha. Tha e na ni nàr gu’m biodh daoine a gabhail a leithid de thlachd ann an obair cho mi-dhuineil agus cho bruideil. Cha bu chòir a leithid a dh’ obair a bhi air a ceadachadh idir.
Bha Eirionnach uair ag innse do charaid an t-ànnradh a fhuair e a dol eadar cala ’n rathaid-iaruinn ’s an tigh-òsda. “O,” ars’ esan, “nach ann a bha na sràidean cho cam ’s gun do thachair mi orm fhéin a dha no tri dh’ uairean!”
Na Comuinn Ghailig agus a Ghailig.
Tha sinn a cluinntinn gu tric gu’m bheil Comuinn na Gàilig anns gach àite deanamh mor chuideachadh a chum an cànain a chumail suas, ach tha eagal orm nach eil sin uile gu leir fior. Air feasgar la Fheill-Andrais ’sa chaidh, an Antigonish, aig an dinnir mhor a bha aig Comunn Gàidhealach a bhaile, cha chuala mi guth Gàilig mu’n bhòrd ach beagan fhacal a chuir an t-Urramach Aonghas a stigh air an oir, agus aon òran a sheinn mi-féin— ’s gu dearbh cha do chuir mi blas ro mhath air. Gun teagamh chaidh iomadh oraid ghasda a liubhairt leis na h-uaislean a bha cruinn, ach cha b’ ann s’a Ghàilig, ach s’a Bheurla chruaidh Shasunnaich. Cho fad s’a leanas iad air an doigh sin cha mhor feum a ni an cuid oibre a chum cainnt nan Gàidheal a chumail beo, agus sin agaibh mar a bhitheas iad fhad ’sa bhios iad air am measgadh le Goill, no idir feadhainn nach tuig Gàilig.
ALASTAIR AN RIDSE.
Braigh na h-Aimhne Deas, N. S.
Tha sinn fada ’n comain an Lighiche Mhic Ghilliosa, an Lunnainn, air son e chur ugainn a phaipeir a sgriobh e air “Cumail beò na Gàilig.” Tha fhios againn gun do thaitinn e gu math ri ar leughadairean. Rinn an Lighiche mar an ceudna òraid bhriagha aig fosgladh a Chlass Ghàilig am baile Lunnainn, toiseach a gheamhraidh, air son an d’fhuair e moladh mor. ’Sann am Beurla liubhair e i, ach tha e-fhein a gealltuinn dhuinn gu’n eadar-theangaich e i air son MHIC-TALLA a cheud chothrom a gheibh e. Tha an Lichiche Mac Ghilliosa a deanamh obair mhor as leith na Gàilig, agus gu ma fada beò e gus an deagh obair a chumail airadhart.
’Se ’n sgeul a thainig á Cuba air an t-seachdain so, gu bheil an Spàinn a’ gairm fichead mile no coig mile fichead de ’cuid shaighdearan as an eilean, gus an cur do na h-Eileanan Philipeach air son a’ cheannairc a tha ’n sin a chur fodha. A reir coltais tha i air fhaotainn a mach nach gabh Cuba ceannsachadh dhi, agus gur fhearr leatha a leigeadh uaipe agus a h-aire thoirt gu h-iomlan do cheannairc nan Eileanan Philipeach, air eagail ma dh’ fheuchas i ris na dha a thoirt gu striochdadh gu ’n caill i iad le chéile.
BEUL MOR. —Bha da eildeir a’ bruidhinn mu’n mhinisteir a bha air ùr thighinn do’n sgireachd. “ ’S e ’n rud a’s motha th’ agam fhéin na aghaidh,” arsa fear dhiubh, “e bhi bruidhinn troimh shroin.” “Tha sin gle cheart,” ars am fear eile, “agus gu dearbh cha’n e cion ’s nach eil a bheul farsuing gu leòr.”
Bha ochd deug air fhichead Sultan air an Tuirc o’n ghlac na Mahometanaich Constantinople, agus dhe’n aireamh sin, bha ceithir deug air fhichead aona chuid air am mort no air am marbhadh ann am blàr.
STOR UR TAILLEARACHD,
Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.
Theid sinn an urras air an obair.
MacCoinnich & Co.
Sidni, C. B.
F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn.
Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.
Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air.
Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.
Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c , &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.
THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin.
Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.
Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.
Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitche’s Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.
[Vol . 5. No. 37. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Bha ’n t-sabaid aig Corbett agus Fitzsimmons Di-ciaduin, agus thug Fitzsimmons buaidh, an deigh dhaibh ceithir cuairtean deuga a chur.
Spraidh gunna-mor air bòrd té de na soithichean-cogaidh Ruiseanach a tha ann an Crete, agus bha coig duine deug air am marbhadh leis, a bharrachd air àireamh a bh’ air an leònadh.
Tha muinntir Chanada an deigh mu shia fichead mile dolair a chur cruinn air son cuideachadh a dheanamh le luchd na gorta anns na h-Innsean, agus cha ’n eil iad ullamh fhathast, oir tha ’n t-airgead a sior dhòrtadh a stigh.
Bha na ròin anabarrach pailt anns a’ Ghulf toiseach na seachdain so. Bha àireamh shoithichean a bha mach ’gan glacadh, air an cuartachadh leotha, agus bhatar a’ marbhadh moran dhiubh. Bha iad cho pailt mu Newfoundland, ’s cho faisg air tir, ’s gu robhtar a’ glacadh moran dhiubh air na cladaichean.
Tha na stoirmeannan sneachda a’ cur maille nach beag air an each-iaruinn. Oidhche Di-luain, bha e leth-uair anmoch a’ ruigheachd a bhaile, agus oidhche Di-mairt bha e uair anmoch. ’Sa mhaduinn Di-ciaduin chuireadh an crann-sneachda mach, ach chaidh e bhar an rathaid aig an Allt Mhor, faisg air Leitches Creek, agus cha d’ fhàg an carbad Sidni ga meadhon-latha.
Thainig oifigeach Suaineach ri bheatha fhéin ann am fear de na taighean-òsda an New York an la roimhe. Bha e falbh fo ainm fir eile. Theich e as an t-Suain le suim airgeid (mu thri mile dolair) a bh’ air a thoirt da gus buidheann shaighdearan a phàigheadh, agus bha na maoir air a luirg ’s a deanamh deiseil air son a ghlacadh nuair a chuir e crioch air fhéin. Bha iad a’ bristeadh an doruis a stigh ’nuair a loisg e an urchair.
Tha Peigidh Nic-an-Tòisich, am Boston, an deigh clag ùr a chur ann an eaglais Amhuinn Inhabitants, an sgireachd ’san d’ fhuair i-fhéin a h-àrach. Ghairm an clag sin an sluagh cuideachd a cheud uair air an 21mh latha de’n mhios a dh’ fhalbh, ’nuair a shearmonaich an t-Urr. Domhnull Domhnullach, a b’ àbhaist a bhi ’na mhinisteir ’s sgireachd. ’S i Nic-an-Tòisich a chuir an clag, a’ chùbaid, an stobh, an cloc, agus na lampaichean ’san eaglais; cha ’n ioghnadh ged a bhiodh i measail aig muinntir a’ choi-thional.
Tha baile ann an Ohio ris an canar Bowling Green, agus aon latha air an t-seachdain s’a chaidh, chuir àrd-bhàillidh a’ bhaile càin choig dolair air fhéin air son e bhi air an daoraich an oidhche roimhe sin. Cha ’n e h-uile baile aig a bheil bàillidh a dheanadh a leithid, agus ’se ar barail nach mor bhailtean aig am biodh farmad gam bith ri Bowling Green. Tha luchd gabhail na daoraich air a dhol sa mor á fasan o chionn beagan bhliadhnaichean, agus fear-dreuchd sam bith a tha air son a bhi measail, no leis an àill urram fhaotainn o’n t-sluagh ’s còir dha ’n t-òl a sheachnadh.
Chaidh fear I. D. Mac Carmaic, a mhuinntir Blach Bush, E. P. I., a reothadh gu bàs air an deigh oidhche Shatharna s’a chaidh. Dh’ fhàg e fhéin us fear eile do ’m b’ ainm Brown, Souris an deigh dorchadh na h-oidhche, agus ’nuair a bha iad mu mhile air adhart air an t-slighe, bhrist an t-each troimh ’n deigh. An deigh dhaibh a thoirt as, theich e orra, ’g am fàgail far an robh iad. Bha Mac Carmaic fliuch, sàraichte, agus b’ fheudar do Bhrown a dhol air ais gu Souris dha chois a dh’ iarraidh cuideachaidh. ’N uair a thill e dh’ ionnsuidh na deighe, bha Mac Carmaic marbh, agus a chorp fuar, reòta. Bha e mu dha fhichead bliadhna ’sa coig a dh’ aois, agus bha e gle mhath air a dhòigh. Bha e gle mheasail anns a’ choimhearsnachd.
Bha na tri miosan a chaidh seachad iomraiteach air feadh an t-saoghail air son an liuthad soitheach a bha air am bristeadh ’s air an call air na cuaintean. Bha an àireamh anabarrach mor.
Chaidh Iain E, Sullivan a chrochadh an Dorchester a sheachdain gus an dé. Cha d’ aidich e a chionta idir, agus choinnich e am bàs mar nach robh dùil aig neach sam bith, gun cholthais eagail ri fhaicinn ’na ghnùis idir.
Rainig càraid òg New York an la roimhe ’s iad air teicheadh á Milan ’san Eadailt, ’s air tighinn thar cuain air son pòsadh. Bha ise beairteach, ach bha esan bochd, agus bhac a pàrantan dh’i a phosadh; chuir iad rompa an sin teicheadh, agus mu ’n gann a bha iad air tir an America bha ’n snaim air a cheangal.
Bha rèis each air an acarsaid Di-satharna s’a chaidh. Bha e car fliuch ’sa mhaduinn, agus dh’ fhàg sin an deigh bog, agus gle dhona fo chasan each. Thugadh a mach a cheud duais le each le Mr. Domhnullach am Port Hawkesbury, an darra duais le each Choinnich ’Ic Coinnich, Sidni, agus an treas duais le each Challaghan, Sidni.
Bha na tuiltean gu math mor ann an Arkansas toiseach na seachdain so; bha da bhaile air an cur fodha leis an uisge, agus b’ fheudar do ’n t-sluagh teicheadh asda le ’m beatha. Bidh sinn ’san dùthaich so a’ gearain cho caochlaideach sa tha ’n t-side, ach ’nuair a chluinneas sinn mar a th’ aca ann an àiteachan eile, ’s ann a dh’ fheumas sinn aideachadh nach eil aobhar gearain againn idir.
Thatar ag radh an dràsda gu bheil an Tuirc a’ dol a cheannach a dha no tri de shoithichean-cogaidh bho na Stàitean air son i-fhéin a chur ann an uidheam cogaidh. Tha an Sultan ullamh gu da fhichead mile punnd a phàigheadh air an son ’sa cheud dol a mach, agus tha e air son dàil fhaotainn ’sa chuid eile. Ma ni an Sultan ’sa chùis so a réir mar is abhaist dha dheanamh an cùisean eile, ’se gealltanas math us droch phàigheadh a bhios ann.
Tha beagan a bharrachd air ceud mile Innseanach (100,007) ann an Canada air fad; 2,108 an Nobha Scotia; 1,590 anNew Brunswick;308 an Eilean a’ Phrionnsa; 10,626 an Cuibeic; 17,633 an Ontario; agus an còrr anns an Iar Thuath ’s an Columbia Bhreatunnach. Tha moran diubh ’sna mor-roinnean iseal, an Ontario, ’s an Cuibeic, ri tuathanachas, ach ’s an Iar thuath ’s an Columbia Bhreatunnaich tha iad a’ deanamh am beòthachd air fad air iasgach ’s air sealg. Tha roinn mhath sgoilean aca ach cha ’n eil iad a’ deanamh fior mhoran feuma dhiubh.
Chaidh mort gràineil a dheanamh ann an Avonport, coig mile bhoWolfville , N. S. ,Di-satharna s’a chaidh. Bha tuathanach do ’m b’ ainm Oliver Fuller, seann duine còir, a bha fuireach leis fhéin, air a mhort ’na thigh fhéin. Fhuaireadh a chorp oidhche na Sàbaid ’na laidhe ann an loch fala, a cheann air a phrannadh le tuaigh, agus a sgornan air a ghearradh. Fhuaireadh an tuagh leis an d’ rinneadh an gniomh ann an tom coille faisg air an tigh. Chaidh àmhrus a leagail air duine(tramp)a bha mu ’n cuairt aig an àm, agus chaidh a a ghlacadh ’sa chur ’sa phriosan Di-luain. Tha e doirbh fhaotainn a mach ciod a b’ aobhar do ’n mhort a bhi air a dheanamh; cha robh ann ach duine bochd aig nach robh airgead, agus bu duine sitheil e aig nach robh, cho fad ’sa b’ fhiosrach daoine, nàmhaid air an t-saoghal. Bha e tri fichead bliadhna ’sa coig deug a dh’ aois; bha e na bhantraich an darna h-uair, agus cha ’n eil de ’theaghlach beo, ach dithis mhac, a tha anns na Stàitean. Chaidh fear eile, Milton Connolly, a ghlacadh air àmhrus Di-mairt; tha esan ag aideachadh gu robh e faisg air an tigh an latha rinneadh am mort, ach cha ’n eil e ’g innse carson a bha e ann. Cha bhuin e do ’n àite, agus cha ’n eil cliù ro mhath aige. Tha tar a’ deanamh am mach gu ’m bi tuilleadh air an glacadh fhathast.
C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
THA D. J. Domhnullach air son rùm a dheanamh do bhathar an earraich, agus tha e ’creic na th’ aige de bhathar geamhraidh gle shaor. Reicidh e ni sam bith a tha ’san stor, ach a mhain brogan, 20 p. c. na’s isle na bha iad roimhe so. Rud air am pàigheadh tu $1 .00 roimhe so, cha chosg e dhut an drasda ach 80c. Cha mhair so ach mios. Thig trath agus faigh bargan.
NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B.
Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha.
[Vol . 5. No. 37. p. 6]
(Air a leantuiun o thaobh 283.)
e. Ràinig e caisteal Lochmabein, air an robh Eideard a bhràthair ’na chomanndair. Bha ’n Coimineach ri bhi ’n Dumfries an là air na mhàireach aig cùirt a’ Bhreitheimh Shasunnaich Mharcaich Raibeart Brus a null do ’n bhaile sin còmhladh ri dithis chàirdibh, Lindsi, agus Sir Roger Circpatric, air los bruidhinn a dheanamh ris a’ Choimineach. Thug e fiadhachadh dha a choinneachadh aig eaglais nan Glas- bhràithrean* ’s a’ bhaile. Dh’ altaich iad beath’ a chéile, ’s phòg iad a chéile ’n uair a choinnich iad, a réir nòis nan aman ud, ’s ghabh iad suas a dh’ ionnsuidh na h-altrach, a dian chomh-labhairt. Chuir am Brusach an ìre dha ’mhi-dhìlseachd da ghealladh, ’s mar a bhràth se e do rìgh Shasuinn. “Is breug e,” ars’ am brathadair dalma. Ghrad las nàdur a’ Bhrusaich ri aghaidh na leamhalachd ud, ’s gun fhocal tuilleadh thug e tarruing air a chlaidheamh, ’s bhuail e sios e air ceumaibh na h-altrach. Phill e mach air ball mar le sgreatachd, air son an rud a rinn e. ’N uair a chunnaic a chàirdean a bha ’feitheamh air taobh a muigh na h-eaglais e làn uamhais ’us glas-neulach, dh’ fheòraich iad ciod a b’ aobhar dha sud? “Tha teagamh agam,” arsa Brus, “gu’n do mharbh mi ’n Coimineach.” “A bheil sibh a’ fàgail a leithid de ghnothuch teagmhach?” arsa Circpatric, “ni mise cinnteach e.” Le sin chaidh e féin ’s a chompanach a steach, ’s mharbh iad buileach an Coimineach leònta le ’m biodagaibh. Chaidh brathar-athar dha, Sir Raibeart Coimin, a mharbhadh aig an àm cheudna.
’An déigh a’ ghniomh bàis a bha ’n sud dh’ fheudtadh a ràdh gu ’n robh cùisean a’ Bhrusaich eudòchasach. Bha e fiachaicht’ air càirdibh a’ Choiminich, a bha cumhachdach agus lionmhor, an tòrachd a thoirt a mach air son a bhàis, a réir an lagha ris an robh saighdearan a’ sealltuinn ’s na h-amaibh ud. Bha righ Shasuinn gu éiridh ’na aghaidh air son a’ ghniomh ud, agus an aobhair mu ’n d’ rinn se e. Ach an àite tuiteam ’an alltapadh ’s ann a bha spiorad a’ Bhrusaich air a dhùsgadh suas gus an tuilleadh duinealais ’us misneachd ann an coinneachadh nan doirbheasan leis an robh e air a chuairteachadh. Thug e leum, agus dol air ais cha robh ann. Bha fios aige gu ’m feumadh a cheann, an dara cuid crùn a ghiùlan, no bhi air a thogail suas ri taobh ceann Uallais air drochaid Lunnainn. Chuir e fios air a’ mheud de àrd mhaithean na tìre ’us as am feudadh e earbsadh, ’s thug iad sin leò na b’ urrainn iad de luchd-leanmhuinn. Thionail cuid de sheann luchd-leanmhuinn Uallais mar an ceudna, mach as an àitibh foluich, ’s chuir siad iad féin fo a bhrataich. Leis an armailt bhig so mhàrsail e timchioll Ghlascho, gu Peirt ’us Scoinne, an t-àit’ am b’ àbhaist righrean Alba bhi air an crùnadh.
B’ ann air 29 là de ’n Mhàirt, 1306, a chaidh Raibeart Brus a chrùnadh ’na rìgh air Alba. Deich bliadhna roimhe sud bha rìgh Shasuinn air crùn Alba, ’s an t-slat-rioghail, ’s an Lia Fàil, ’s gach ni air bith eil’ a bhuineadh do rioghalachd a thoirt leis. Bha iomadh là soilleir, greadhnach ’an Abaid Scoinne roimhe sud aig àm crùnaidh righrean; ach ged is e Raibeart Brus, gun teagamh sam bith, righ bu mhò bha riamh air Alba roimhe no na dheigh, cha robh co beag greadhnachchais co-cheangailte ri crùnadh aon sam bith dhiubh ’s a bha ri ’chrùnadh-san. Rinn còran beag òir, a chuireadh ri ’chéile le cabhaig ’s an àm, a’ chuis air son a’ chruin. —Eachdraidh na h-Alba.
Litir a Bail’ a’ Chaochain.
“ ’S ge h-iomadh cànan,
O linn Bhàbel fhuair
A sliochd sin Adhamh,
’Si Ghàilig a thug buaidh.”
Fhir mo chridhe, —Ged tha mo shùilean air fàs prabach le smùir ’s smùid a ghuail, agus mo mheòir air dol gu mor á cuma leis an òrd-mhor, bheir mi aon oidhirp eile air litir a chur gu mo charaide dileas MAC-TALLA. Moran taing dhuibh airson “Na Bàird Ghàidhealach;” fhuair mi e o chionn ùine ghoirid, agus gu dearbh tha e na leabhar priseil. Bha Domhull Og cuide rium an oidhche roimhe agus thug sinn greadan cruaidh air a leubhadh. Ghabh Domhull spéis mhor de. Tha duil aige cur a dh’ iarraidh fear dhiubh an ùine ghearr.
Thainig atharrachadh mor air an t-side o na sgriobh ni roimhe. Thainig uisgeachan troma briagha a thanaich gu mor an sneachda air na sleibhtean. An diugh fhein tha ’ghrian a dealraich gu lainnireach agus tha caochan mear a ruith leis gach leitir.
Eadar dha na gheachd, bha mi air bal oidhche Di-màirt—inid cho aighearrach ’sa bha mi riamh. Bha grunnan nighean ann cho faicheil cùirteil ’sa b’ urrainn a bhi. Bu bhoidheach a dhannsadh iad ri ceòl binn na fidhle. Ged nach robh unnamsa ach “gille ’ghobha” ’s gun mi ro mhaith a measg cuideachd, cha bu bheag air na caileagan a bhi goirid dhomh idir. Bha so ’cur éud gu leòr air na h-òganaich spalpeil aig a’ robh a Bheurla.
Nach pongail an seana-bhoirionnach Mor? Bu mhaith a litir a chuir i ’nad phaipeir an sid. Tha mi ’creidsinn gle mhaith nach do chòrd pàirt de na chual’ i aig a’ “Chomunn Connaich” rithe idir, oir bithidh maighdeanan a fàs frithearra ’nuair a bhios iad a fàs sean. Tha e gle mhaith dhith a bhi ris an t-sniamh, ach cha tugainn a chomhairle oirre leantail ro fhada ris a chuigeal, oir dh’ fhaodadh i ’bhi cho mi-fhortanach ris a chlobha fhein.
O nach eil dad do nithe taitneach agam ri innse dhuit an drasta ’s fhearr dhomh stad.
Is mise do charaide dileas.
15, 3, ’97.
GILL’ A GHOBHA.
Bha da mhaighdeann dheug aig ban-righ Victoria aig a pòsadh; cha ’n eil beò dhiubh sin an diugh ach triùir.
Eiridh na Greine.
Cha’n ’eil aon sealladh eile air aghaidh an t-saoghail gu léir a’s àillidh na éirigh na gréine! Tha briseadh na h-òg mhaidne a’ leigeil ris dhuinn cruthachadh ùr. Thug dorchadas na h-oidhche air falbh o’n t-sealladh an talamh a bhos agus na speuran shuas; ach air pilleadh na maidne tha sinn a’ léirsinn nàduir mar gum biodh e air ’ath-nuadhachadh le sgèimh dhreachmhor. Ann an camhanaich na maidne tha neul liath-ghorm nan speur ag atharrachadh. Chithear rugha fann a’ dùsgadh san aird-an-ear. Tha na réultan a’ teicheadh as an t-sealladh, ’s a’ folach an cinn. Tha àilleachd òr-bhuidh a’ direadh nan speur uidh air ’n-uidh, a toirt rabhaidh gu bheil a’ ghrian a’ teachd. Chithear an saoghal a’ teachd a rìs san fhradharc ’na làn-mhaise. Tha na neòil shuas a gabhail dath an òir a’s deirge dreach. Tha na beanntaibh mora a’ togail an cinn le aoibhneas. Tha ’choille ’g éiridh gu dosrach ùrar. Tha na machraichean féin, fo’n druchd ghorm a tha air gach feòirnein maoth, a dealradh le soillse àghmhor. Ceum air cheum mar tha’n sealladh a’ cinntinn ni’s maisiche, gus faidheòidh o shoillse gu soillse, am bheil an aon chuspair is glòirmhoire r’a fhaicinn, éirigh na gréine. Tha’n solus a’ meudachadh, gnùis fhlathail na gréine a’ teachd am fradharc. Dh’éirich i nis air chùl nam beann ’na làn-mhaise. Suas ghabh i air siubhal an àigh ann an glòir co dealrach, agus solus co boillsgeil ’s nach eil e’n comas sùil chruthaichte amharc oirre.
Nan tigeadh an sealladh so air neach o mhullach beinne gun fhaicinn riamh gus a sin, ciod a smuainicheadh e? Gun teagamh air bith thilgeadh se e féin sìos ann an ùmhlachd iriosal, làn do urram agus do iongantas naomha, a’ tairgse molaidh do ’n Dia mhòr, cruith-fhear na gréine. Cha’n fheudadh e gun éigheach a mach, O thusa, a Dhé ghlòrmhor! Ann an àilleachd na h-ur-mhaidne, tha mise, ’g aideachadh do chumhachd, do ghliocais, agus do mhòralachd. Maille ris an riabhaig a dhìrich an diugh gu àirde nan speur, a chur failt’ air an là, tha mise togradh a’ d’ ionnsuidh. Tha gàirdeachas an t-saoghail mu ’m thimchioll, agus gach beò-chreutair a ta air ’uachdar ’gam aomadh gu m’ anam a thogail a’ d’ ionnsuidh le deòthas naomha. Tha ’n cruthachadh gu léir, air an àm so, ’ga d’ mholadh; agus an e gum bi mise ’m thosd? Tabhair, o m’ anam! cliu do Dhia. Ruigeadh laoidhean mo chliu na nèamha àrd far am bheil. Thusa a chòmhnuidh, a tha ’g àithneadh do ’n ghréin éiridh, agus a tha le d’ làimh ’ga stiuradh ’na h-astar àrd.
An duine fhuair òr ann an Astralia an toiseach, b’i ’n duais a fhuair e air a shon a bhi air a chrochadh. Bha e air fear de na ceud chiomaich a chuireadh gu Botany Bay, agus air dha òr fhaotainn, thug e beagan a stigh dh’ an bhaile air son a shealltuinn. Beagan an deigh sin thug e ionnsuidh air teicheadh, agus dh’ òrduich an riaghladair, a bha air son a chùis a chumail an cleith, e bhi air a chrochadh.
[Vol . 5. No. 37. p. 7]
Sgeula Bathaidh.
FHIR-DEASACHAIDH CHOIR: —Chuir mi g’ur n-iunnsaidh sgiala beag roimhe, ’s tha mi ’nur comain gu’n chuir sibh ’sa MHAC-TALLA e. ’S mur ’eil sibh a fàs sgith dhiom bu mhaith leam an sgiala seo, (a bha gle ghoirt aig an àm a thachair e,) fhaicinn ’sa MHAC-TALLA cuideachd, agus fiachaidh mi ri dheanamh cho goirid ’s is urrainn mi.
Anns a bhliadhna 1820 dh’fhalbh dithis mhac Iain ’ic-Dho’ill Ruaidh an Cul-na-cnochd, le bàta fosgailte gu féill na Bealltainn am Port-Righ. An latha bha sùil aca ri tilleadh dh’éirich gaoth làidir na’n aghaidh ach air feasgar an ath latha; cha’n fhanadh iad na b’ fhaide, ged a bha càir gheal air a chuan. Chaidh seachd-duine diag air bòrd innte aig cea Phort-Righ, ’Nuair a ràinig iad Ionar-thota, thainig triùir a mach aiste, ged a bha aca ri dhol fada seachad air an àite sin; tha e coltach gu’n do bhuail an t-eagal iad. ’Sann am Portearlis a bha dùil aca dhol air tir uile, ach cha robh e ’n dàn dhaibh sin a dheanamh—chaidh am bàta thairis beagan a deas air Rudha-nam-Bràithrean, aig caolas-an-duisgeir (Sgeir-Dhubh); bhàthadh iad uile, ceithir-duine-diag. Chuala mi tric ’nuair a bha mi òg gu robh iad uile mar gu’m biodh iad air an taghadh an dreach ’s an tréine. B’e sud an latha bu tùrsaiche thainig air an Taobh-Sear fad iomadh linn; b’ iomadh taigh anns an robh guil a bhròin, a latha ’s a dh’ oidhche falbh air na cladaichean ag iarraidh nam marbh. Bha cuid dhiubh nach d’fhuaradh idir. Cha’n eil cuimhn’ agam air an ainmean uile, ach innsidh mi cuid dhiubh—dithis mhac Iain- ’ic-Dho’ill Ruaidh, Calum mac Chaluim òig, Aoghnas mac Dhoill-ic-Thormaid, Iain mac Chaluim, Somhairle mac-a- Phearsain, Alastair mac Illeathain, Iain mac Cuithein, Calum mac Mhathain, Iain mac Leòid, agus Rosach—maighstir-sgoile.
Rinn Ruairi Ruadh ’san Torran an Rathaisai oran; bheir mi dhuibh na th’ agam dheth.
Fonn: “Iorram-na-Truaighe.”
’Sann an caolas an Duisgeir
A laidh na suinn bu ghlan dreach,
Dh’ aithnicheadh bratach an Righ iad
’N deigh na miltean chur as;
Gur e neart bha ’sa ghaoith
A chuir ’ur n inntinn thar beachd,
Agus barrachd bhi innte
Chuir a dhith sibh air fad.
Och a dheadh Mhic Illeathain,
Gu’n bhuail an t-saighead thu tràth;
’S tu chaill na fir-thaighe
Nach robh ri faighinn na b’ fhearr;
Chaill thu t-aighear ’s do shùgradh,
’S beag do shunnd ri ceòl-gàir’,
Chaoidh gu ’n càirear ’san ùir thu
Do lot ag ùrachadh cràidh.
Iain ’ic Chalum á Steidhseal,
C’uim nach faoidhneachdinn thu?
’S tu bu mhath am bial oidhche,
Thug luchd na h-aoidheachd dhut cliù;
Lamh fhurbheilteach, fhosgarr,
Lamh a chosgadh na crùin;
Bu tu smear an duin’ -uasail
’N àm dol suas chum a bhùird.
Och a Mhòr bhochd ni’n Ruairi,
Gur culaidh thruais thu co-dhiu;
Chaill thu gasan do ghuaille
Bha gu suairce, glan, ciuin,
Tha do chlann bheag ma ’n tine
Gun aona ghill’ air an triùir;
Och ’sann leamsa a’s duilich
Mar a thilleadh a chùis.
Thainig Mor ni’n Ruairi agus a triùir nighean do Cheap Breatainn anns a bhliadhna 1840. Tha clann cuid dhe na daoine chaidh a bhàthadh an là ud beo air an Eilean seo fhathast agus moran dhe ’n cuid oghaichan.
Ach eadar dha sgiala, bha stoirm air muin stòirme de shneachd againn o chionn che’ -la-deug, agus stoirm uisge fad na h-oidhche raoir, agus cur is cathadh an diugh. Cha’n urrainn each na sitir dol an còir an rathaid ged a readh ar meirgeal cam le cion ti us tombaca, ach feumaidh gur e seo an gearran, ’s fhad o’n a fhuair e droch cliù airson a chuid mimhaidh.
Nise b’e ’n dòigh a bh’ aig Mairi air iarraidh an t-snaoisean air Seumas,- “Tha mi air do nàrachadh! Tha mi air do nàrachadh!” Agus mur ’eil mise air sibhs’ a nàrachadh, tha treallaich agam a sgriobhas mi an dràsta ’s a rithist ma falbh mo fhradharc buileadh. Agus ged a bhithinn cho dall ri dallaig, bidh mi faighinn a MHAC-TALLA fhad ’sa bhios mi beò. Agus ged a tha e ma dh’ fhaoidte neònach leibhse mi bhi ’ga radh, tha mi ’n dòchas gu’m bi esan beò fad an deigh mo bhàis-sa.
MURCHADH CAM.
Bail’ an Tobair, Eilean a’ Phrionnsa.
CARADH
Uaireadairean.
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t-seann Laraich.
Baddeck , C. B.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar uthcha tha ’nar beachd
D. A. Mac FHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG—Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.
Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .,
SIDNI, C. B.
McDonald Hanrahan & Co,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95
[Vol . 5. No. 37. p. 8]
Am Fonn.
[Ceòl]
O, siod am fonn a chuala mi
An uair a bha mi òg,
Mi’n cluain ri uchd mo mhathar
’S mo chridhe ’snamh ’na ceòl;
’S nuair chuala mi a rithis e
Aig nithinn ghil nam bò
Gu’n thàlaidh i mo chridhe leis
’S mi mireagaich mu’n chrò.
Bu tric o sin ’ga chlaistinn mi
Mu eadradh àrd-thràth nòin,
’S mi beadradh air an àiridh
Ri mo Mhàiri aillidh òig;
No feadh nan glacag fàileanta
’S an tàrladh dhuinn, gun ghò
Bhi coinneachadh gu mànranach
Fo sgàilean Choill nan cnò.
Ach b’ éiginn domhs’ an àiridh
Agus Mairi ’chur air chùl,
’Us siubhal fad o ’n àite sin
’S an robh mo ghràdh ’us m’ ùigh
A sheasamh anns na blaraibh
’N aghaidh nàmhaidean ar dùthch’:
’S an latha dh’ fhag mi ’m Bràighe
Ri! bu chraiteach m’ aigne brùit’.
O, siod am fonn a chuala mi
’S a chuaileanaich mu ’m chridh’,
A’s tric a dhùisg dhomh sealladh
Air mo leannan ’s air mo thir;
An uair a bhithinn airtneulach
’Nam chairtealan le sgìos,
Gu ’n taislicheadh e m’ anam
’Nuair a chanainn e leam fhin.
Ach thog am fonn an trath-so dhomh
Fath cànrain agus bròin;
Oir dhùisg e iomhaigh Màiri
’Us mo mhàthar, ’s iad fo ’n fhòid;
Gach caochladh agus sàrach
Thàinig air na Gàidheal chòir
O’n àm ’sna bhual an dàn ud mi
Le gràdh, ’n uair bha mi òg.
Lochinbhar.
Thainig triath Lochinbhàr as an Iar oirnn gu grad,
Air steud-each a b’ àille ’s na crìochaibh air fad;
Gun bhall air a shiubhal ach claidheamh deas, treun,
A’ marcachd gun armachd ’s a’ marcachd leis fhéin,
Cho dìleas an gaol, a’s cho gaisgeil am blàr,
Cha’n fhacas riamh coimeas do thriath Lochinbhàr.
Gun chùram do bhacadh, gun eagal roimh nàmh,
Far an doimhne an abhainn, rinn esan a snàmh;
Ach, Netherby Hall,m’ an do ràinig e thall,
Thug a leannan a h-aonta ’s bha ’shao’ir-san air chall,
Oir bha giùgaire ’n gaol, agus cladhaire ’m blàr,
Dol a phòsadh na h-ainnir aig triath Lochinbhar.
DoNetherby Hallgu neo-sgàthach ghabh e ’steach,
Am measg fhleasgach a’s chàirdean, a’s bhrà’rean, ’s gach neach!
’Sin thuirt athair na gruagaich, ’s a lamh air a lann,—
(Bha ’m fear-bainnse air chrith, ’s e gun smid as a cheann.)
“An d’ thainig thu ’n sith no an d’ thain’ thu chum àir,
No a dhanns’ aig a’ phòsadh, a thriath Lochinbhar!”
“B’ fhad’ a shuiridh mi do nighean, ged dhilùt thu mo ghràdh;
Ach tha ’n gaol mar a’ mhuir, ni e lìonadh a’s trà’dh;
A’s thàinig mi dh’ ionnsaidh a’ phòsaidh gun sion,
Ach a dhanns’ leis an òg-bhean, ’s dh’ òl leatha fìon.
Tha pailteas an Albainn de dh’ òighean a’s fhearr,
A ghabhadh gu deònach tighearn òg Lochinbhar!”
Bhlais ise: ghlac esan an cupan gu teann,
A’s thilg e á laimh e ’n uair dh’ òl e na bh’ ann;
Chrom ise gu màlda ’s a h-aghaidh fo nàir’,
Le deur air a sùil, ’s air a bilibh fèith-ghàir’,
Ghabh e greim air a làimh dh’ aindeoin bacadh a màth’r,
“ ’Nis theid sinn a dhannsadh!” thuirt triath Lochinbhar.
A chruth-san cho aluinn, ’s a gnùis-se cho briagh;
Cha ’n fhacas aon charaid ’thug barr orra riamh.
Fo chorruich bha ’h-athair, a mathair, ’s a luchd-daimh,
’S am fear-bainnse trom, dubhach, ’s a bhoineid ’n a laimh;
Rinn na maighdeannan cagar, “B’e moran a b’ fhearr,
“I dh’ fhaotainn r’a phòsadh tighearn òg Lochinbhar!”
Air dha beantainn r’a laimh agus cagar ’n a ceann,
A mach air an dorus a ghearr iad le deann;
Thog e suas air an each i, ’s am priobadh na sùl,
Bha esan ’s an diollaid a’s is’ aig a chùl!
“Tha i agam gun taing! Beannachd leibh!” thuirt an sar,
“Bidh iad tapaidh a ghlacas tighearn òg Lochinbhar!”
Chuir na cairdean le cabhag an eachaibh air doigh;—
Cuid a’ ruith, cuid a’ marcachd a ghlacadh na h-òigh;
Bha ruagadh, a’s reiseadh, thar raointibh a’s shliabh,
Ach sealladh d’ an òg-bhean cha ’n fhanaidh iad riamh!
Cho treubhach an gaol, ’s cho gaisgeil am blar,
Am facas riamh leithid tighearn Lochinbhar!
Eadar. le MAC-MHARCUIS.
’Nuair a theid Laurier a null do Bhreatuinn ’san t-samhradh, tha buidheann de shaighdearan a dol a null còmhla ris gu bhi làthair an uair a bhithear a’ coimhead latha-crùnaidh na ban-righinn.
AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leigsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD.
Cuir a dh’ iarraidh sampuill, teisteannais us urrais.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia. —agus—127 State St., Boston, Mass.
NUAIR THEID THU ’BHADDECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram, Bathar Cruaidh
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile.
An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.
Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.
Indurated Fibreware
Tha an seòrsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire.
THE E. B. EDDY Co LIMITED
HULL, CANADA.
title | Issue 37 |
internal date | 1897.0 |
display date | 1897 |
publication date | 1897 |
level | |
reference template | Mac-Talla V No. 37. %p |
parent text | Volume 5 |