[Vol . 5. No. 38. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MART 27, 1897. No 38.
Laoidh.
Air oidhche àlainn thùirling, e,
An t-òran glòrmhor àigh,
Bho ainglean àrd’ a’ dlùthachadh.
Le ’n clàraibh-ciùil mu ’n mhàgh;
“Mor-ghlòir do Dhia, air thalamh sìth,
’S deagh-ghean do dhaoin’ gach linn,”
Gu tosdach dh’ éisd an cruinne-ce
Ri ainglean Dhé a’ seinn.
Feuch iad a’ tèarnadh troimh na neòil,
Air sgiathan caomh na sìth;
Chum àrmailt nèimh gun sgur ri ceòl,
Os cionn an t-saoghail sgìth;
Tha iad a’ cromadh dlùth le bàigh,
Thar tìr a’ bhròin ’s na teinn;
Is thaireas air a’ bhuaireas àrd,
Tha ainglean Dhé a’ seinn.
Dà mhile bliadhna ruith an cuairt
Fo cho-sheirm bhinn nan laoidh,
Gidheadh le éu-ceart agus fuath
Tha ’n saoghal air a chlaoidh;
Tha daoin’ a’ cath an aghaidh dh[ ? ]
’S le naimhdeas air an roinn;
Cha’n éisd iad ris an òran ghaoil
’Tha ainglean Dhé a’ seinn.
O sibhs’ tha dol, le ceuman fann,
Fo uallach trom a’ bhròin,
Air rathad dorcha, doirbh, troimh’n ghleann,
’S a fhuair gu tric ur leòn,
B obh ait, tha ’n t-àm a’ tarraing dlùth
A dh’ fhuasglas sibh o phéin;
O éisdibh, ’n uair a tha sibh sgìth,
Ri ainglean Dhé a’ seinn.
Feuch là an aoibhneis dlùth do làimh,
Mu ’n d’ rinn na fàidhean sgeul!
Tha bliadhn’ na saorsa cinnteach dhuinn,
Mar ’ghealladh le am beul;
Bheir nèamh is talamh nuadh an géill
Do Rìgh na sìth r’ a linn,
Is éiridh fonn o’n chruinne-che,
Mar ainglean Dhé a’ seinn.
Duine ’Sireadh Comhairle.
FHIR-DHEASACHAIDH CHOIR: —Bho’n a tha sibh ’nar duine glic, teòma, tha mhiann orm mo chùis innse dhuibh, fiach an toir sibh comhairl’ orm anns a chàs chruaidh anns am bheil mi. Beagan ùin’ air ais, thuit mi ann an trom ghaol air nighinn òig a tha ’sa choimhearsnachd. Tha i ’na boirionnach cho eireachdail, air leam, ’s air na leag neach a shùil riabh. Tha i mor ann am pearsa, agus cho direach, deas, ri saighead. Tha da shùil na ceann a chuireadh sealladh air te sam bith, ’sa dagh ruaidh cho dearg ri ròs. Tha ’craiceann cho geal ri gruth, agus a guth cho caoin ’s nach cuala mi ceòl riabh a chuirinn an coimeas ris. Mar a thuirt mi cheana, tha mi ’n trom ghaol oirre, ach tha bochdainn fuaighte rium; tha mi ’m chulaidh thruais leis an nàire, ged nach eil fhios agam carson; agus cha d’ fhuair mi do mhisnich riabh gun do leig mi ris dhi mar a tha chùis. ’Nuair a thachras i rium air an rathad mhor lasaidh m’ aodan suas le teas, agus cha’n urrainn mi facal a labhairt rithe, ged tha mi air bhoile gu faighìnn na còmhradh. Dh’ fhalbh mi caochladh uairean gus a dhol g’a coimhead gu taigh a h-athar, ach ’nuair a bhithinn a teannadh air an taigh, thréigeadh mo mhisneach mi agus b’ fheudar tilleadh.
Air oidhch’ àraidh thug mi leam caraide—Dòmhnull bàn—agus dh’ fhalbh sinn a choimhead air Seònaid. ’Nuair a bha sinn a teannadh air an taigh thòisich mo cridhe air plabartaich. Co-dhiu ràinig sinn. Nuair a chaidh sinn a stigh—Dòmhnull bàn air thoiseach, gun teagamh,— (cha d’ amais mis air an dorus a dhùnadh) thainig bodhradh am chluasan agus chaill m[ ? ]u beag mo leirsinn; ach thug mi iunnsaidh air suidhe air furam a bha ’n taobh an taighe, ach, a’ dol tuilleadh is fada ris an dara ceann, sid ’nar glag thuit mi fhéin ’s am furam air an ùrlar. Rinn Dòmhnull bàn lasgan gàire, ach thug Seònaid dhomh cathair, agus “suidh air a chathair,” ars’ ise; Ach leis a’ bhoil’ anns an robh mi, nuair a shuidh mi bha mo chùlaobh ris an teine agus m’ aghaidh air a bhalla, ’Nuair a mhuthaich mi dhomh fhéin thionndaidh mi ma chuairt lion beag is beag gus an robh mi ceart. ’Nuair a thionndaidh mi bha Seònaid faisg orm aig an t-solus agus i ’fuaigheal, agus a chuid eile de ’n teaghlach agus Dòmhnull bàn an taobh eile ’n taighe. Tha mi deanamh gun robh toil aca gréim a dheanamh orm oir tha mi ’m thuathanach math. Shuidh mi ’n sin, cha’n eil fhios de cho fad, ’s mi ’beachdachadh air an t-solus mar gum b’ e ’chiad uair a chunnaic mi solus, ’nuair, dòruinn nan dòruinn! thainig sreathart orm agus cuirear as an solus. Ach lasadh a rithist e agus bha mise ’m thosd mar a bha mi roimhe. Ma dheireadh thall, agus toil agam rudeigin a radh dh’ fhiach mi ri deoch de ’n uisg’ iarraidh, ach O, b’ e sin an spàirn! Thug mi coig no sia dh’ iunnsaidhean agus mi ’n impis mo thachdadh le cnap a bha ’m amhaich, ’s le guth mar gun d’ thigeadh e á puinsean thuirt mi “Bheir dhomh deoch an uisge.” Leum Seònaid cho clis ri gobhlan-gaoithe agus thug i dhomh glaine uisge. ’Nuair a bha mi ’g òl an uisge bha glug agam mar gum biodh aig losgainn a bhiodh an lub, agus an t-uisge ’g am thachdadh. Ma dheireadh chaidh pàirt dhe thar m’ anail agus thòisich mi ri casadaich, agus leis an bhoile ’san robh mi ’n àm sineadh seachad na glaine leig mi as i ma’s d’ rug Seònaid oirre, agus chaidh i ’na ceud spealg air an ùrlar. Thug mi sùil air Dòmhnull bàn agus bha ’bhonaid gu leth ’na bheul agus uisge ma shuilean, ach cha robh comas air. Beagan as a dheigh sin thainig a chùis cho cruaidh air ’s nach b’ urrainn da cumail air fhein na b’ fhaide, agus b’ fheudar falbh. Bhuail mo chas ’san fhuram an dol a mach agus thuit mi. Sin agaibh mar a dh’ éirich dhomhsa a chiad oidhche ’chaidh mi choimhead air Seònaid. Innsidh mi ’n còrr ma’s math leibh e.
SEUMAS SAOR.
Tobar Nathair, Mar 18., 1897.
Sean-fhocal.
’S ann an uair a’ s gainne ’m biadh is còir a roinn.
’S mìne min na gràn; ’s mìne mnai na fir.
’S e lionmhoireachd na laimhe a ni obair aotrom.
Ma their mi fhéin “thu” ri mo chu, their a’ h-uile fear e.
Ma their thu na ’s léir dhuit, their thu na ’s nàir leat.
’S call caillich a poca, ’s gun tuilleadh a bhi aice.
Is sàmhach an obair a dhol a dholaidh.
’S feàrr pilleadh ’am meadhon an àtha no bàthadh uile.
Nàire nam maighdeannan an luirgnibh nan cailleachan.
Tha thu cho breugach ’s a tha an lach cho bradach.
Na toir droch mheas air mac luideagach, no air loth pheallagach.
’N uair a chailleas duine a stòras cha’n fhiù a sheòladh no a chomhairleachadh.
’S ann aig an duine féin a’s feàrr fios c’ àit am bheil a bhròg ’g a ghoirteachadh.
Bha ministeir a bha fad iomadh bliadhna a’ searmonachadh do phriosanaich, an deigh paraiste fhaighinn air an dùthaich. A’ cheud latha Sàbaid a bh’ aige ri searmonachadh, smaoinich e gu’n toireadh e dhaibh fear de sheann searmoin, ach gu mi fhortanach, cha d’thug e sùil thairis air, gus ’n do thòisich e leis na briathran a leanas:— “Tha mi faicinn gur e so a cheud uair do chuid agaibh a bhi ’n so, agus tha mi, le firinn, an dòchas gur h-è so an uair mu dheireadh dhuibh.”
[Vol . 5. No. 38. p. 2]
RAIBEART BRUS.
’N uair a chuala rìgh Shasuinn mu dhol a mach a’ Bhrusaich ’an Alba, thug e bòid shòluimt’ aig fleadh mhòir an làthair a chùirteirean, gu’n deanadh e làn dioghaltas air féin ’s air a luchd-leanmhuinn; agus an déigh sin nach tarruingeadh e claidheamh tuilleadh ach an aghaidh nan Sarasach, naimhdean a’ chreidimh ann am Palestin. Bha Eideard féin a nis air fàs tròm ’us anfhann. Cha b’ urrainn e ’each marcachd a làimhseachadh co aigeannach ’s a dheanadh e roimhe so, ged a bha e co garg ’na spiorad ’s a bha e riamh. Ach chuir e Iarla Phembroc air aghart gus am Brusach ’s a luchd-leanmhuinn a cheannsachadh. Ràinig Pembroc baile Pheirt. Chuir Brus armailt bheag féin ’an òrdugh ’an achadh dlù do ’n bhaile sin, ’s thug e fiadhachadh do ’n t Sasunnach gu còmhrag. Chuir Pembroc fios thuige gu ’n robh cus de ’n là air dol seachad, ach gu ’m biodh e ullamh air son blàr a thoirt dha toiseach an là màireach. Gun teagamh a chur ’am focal an Iarla Shasunnaich, tharruing e air ais a chuid daoine, gus an oidhche ’chur seachad ’an coille Mhethbuin, ’s a choimhearsnachd. An déigh an cuid each a leigeadh mu sgaoil, ’s an cuid armachd a chuir dhiubh thòisich gach buidheann air còcaireachd roimh dhoibh luidhe sios gu tàmh. Ach gu h-obann, thogadh glaodh gu ’n robh na Sasunnaich a tighinn orra ’n an teann ruith le sùil ra ’m beò-shlugadh suas, mas farradh iad air tionndadh. Rug gach fear air armachd co grad ’s a ghabhadh deanamh, ’s am fear a dh’ fheudadh chaidh ’na dhiollaid. Ach bha ’n nàmhaid orra co grad ’s nach b’ urrainn iad a dhol ’an òrdugh; ’s a chionn gu ’n robh triùir Shasunnach mu choinneamh gach Albannach cha b’ urrainn teagamh a bhi ’na leithid de chàs, ciod an taobh air an deigheadh. Chaidh an t-each aig rìgh Raibeart a mharbhadh fodha, ’s bha e féin tearc de mhionaidean ’an làmhaibh a naimhdean. Ach thachair gu’m b’ Albannach bu cheannard air a’ mhuinntir a ghlac e, ged a bha e ’s an arm Shasunnach, ’s o nach robh e air son a thoirt thairis do Eideard leig e cead a choise dha. Ach a thuilleadh air na mharbhadh ’s an t-sabaist so, chaidh mòran a ghlacadh ’n am priosunaich ’s an cur gu bàs an déigh sin.
Bha Brus ’na dhuine neo-chumanta treun ’an corp ’s an inntinn; o thugadh air falbh Sìr Uilleam Uallas cha robh duin’ eil’ an Alba a ghabhadh coimeas ris ’an neart, ’s an duinealas, ’s am freagarrachd ’s na h-uile seadh air son feachd a threòrachadh. Agus cha b’ fhad’ an déigh blàr Mhetuin gus an d’ fhuair na comasan sin làn chleachdadh, an dà chuid ann e féin a dhionadh o ’naimhdibh, agus ’an giùlan ’us foighidin fo na deuchainnibh a bha ’coinneachadh ris. Thòisich a chuid daoin’, a lion buidheann ’us buidheann, ga fhàgail, o nach robh dòigh aig’ air an cumail suas. Ach dhlùthlean àireamh maith de fhior chàirdean dìleas ris. ’N am measg sin bha Morair Seumas Dùghlas, ris an abrar an deadh Mhorair Seumas; agus mar an ceudn’ a bhràthair féin Eideard. Thàinig a’ Bhan-righ, mar an ceudna, ’n an ceann, maille ri mnaibh ’us peathraichibh an tearc de uaislean a bha ga leantuinn. Thug iad beanntan na Gàeltachd orra, far an robh iad air an ruagadh car ùin’ o chnoc gu cnoc, ’s o ghleann gu gleann, air feadh Adhoill taobh ’s ear Earra-ghàeil. Bha iad a’ tighinn beò mar a b’ fhearr a dh’ fheudadh iad, air seilg ’us iasgach. Bha eagal air an luchd-àiteachaidh féin mòran caoimhneis a nochdadh do na fògarraich bhochd ud, a chionn gu ’n deanadh na Sasunnaich dioghaltas orra na ’m faigheadh iad a mach e. Fadheòidh thug Brus an oidhirp air faotainn a steach do Lathairn, cearna fharsuinn de Earra-ghàeil, ’an dùil gu ’m biodh e na b’ fhusadh dha e féin a dhionadh ’s a chumail suas ’s an dùthaich sin. Ach bha teaghlach nan Dùghallach, de ’n goirteadh ’s an àm sin tighearnan Lathairn, càirdeail do na Sasunnaich. Agus bha mòr fhuath aig Iain Lathairn, a bha ’n sin ’na cheann air an teaghlach ud, do Bhrus air son e mharbhadh a Choiminich, a bha fagus an càirdeas da féin. Thog e, uime sin, a chuid daoine ’s chaidh e mach an aghaidh a Bhrusaich air los a ghlacaidh mar phriosunach, no fhuadachadh air falbh as a dhùthaich. O nach robh aig Brus ach àireamh beag dhaoine, cha b’ urrainn e aghaidh a chumail ris an fheachd lionmhor a bha leantuinn a chinn-feadhn’ ud, agus mar sin dh’ òrduich e d’a chuid daoine teicheadh tre bhealach cumhang eadar da bheinn, tre nach b’ urrainn a dhol còmhladh ach ro thearc de dhaoine. Bha ’n righ féin air mharcachd; sheas e air deireadh na cuideachd gus an luchd tòrachd a chumail air ais, gus am faigheadh iad teicheadh ’an tearuinteachd. Bha e ’marbhadh ’an sin, thar muin an eich, neach sam bith a bha ’gabhail air an ruaig a leantuinn. Bha triùir de luchd-leanmhuinn an Dùghallaich, athair agus a dhithis mac de ’n goirteadh Mac Androsair, daoine calm’, a bhòidich gu ’m marbhadh iad Brus no gu ’n deanadh iad priosunach dheth, air son e ’bhi mar sud a seasamh ’n an rathad a’ dìonadh a chuid daoine féin. Bha creag àrd, gheur air a dara taobh dheth, ’us loch domhain air an taobh eile, ’s iad sin co faisg air a chéile ’s nach leigeadh e creutair seachad air. Leum an triùir ud ceart còmhladh air an righ. Rug a’ cheud fhear dhiubh air sréin an eich: ach ghearr Brus a ghàirdean deth le aon bhuille de ’chlaidheamh, ’s bhàsaich e le tràghadh fola. Rug a bhràthair air cois a Bhrusaich, ’s thòisich e air a tharruing gu làr, ach chuir am marcach spuirean ris an each a thug a leithid de leum as, ’s a leag Mac Androsair gu talamh, agus an àm dha bhi ’g éiridh sgoilt am Brusach a cheann le aon bhuille de ’n chlaidheamh mhòr. Ach mas gann a bha so deanta bha ’n t-athair an déigh leum air a’ Bhrusach o chulaobh, ’us greim bàis a dheanamh air a làmhaibh ’us fhalluinn air sheòl ’s nach b’ urrainn e làmh a shìneadh no e féin a chur saor air aon chor. Ach ghabh e dha le dul a chlaidheimh gus an do bhris e slig’ a chinn aige; agus ged a bha ’n duine marbh bha leithid de ghreim aig’ air falluinn an rìgh ’s gu ’n robh e ’n impis a thachdadh ’an crochadh ris an each. B’ éigin da mar sin, gu e féin a chur saor, am bucall a bha ceangal na falluinn ’uime fhuasgladh, ’s a leigeadh sios thun an làir leis an duine mharbh. Tha ’m bueall so fathast air a ghleidheadh ’an teaghlach an Dùghallaich, mar chuimhneachan air a’ chaol thearnadh a rinn rìgh Raibeart o thuiteam an làmhaibh Iain Latharna an là ud.
Ach an déigh iomadh teugbhail fhuiltich de ’n t-seòrsa so, b’ éigin do ’n righ ’s da chàirdibh sealltuinn a mach air son àite bu tìoraile na na monaidhean fiadhaich ud gus an geamhradh a chur seachad. Bha ’n là nis air fas goirid, ’s an oidhche air fas fada, fuar; ’s cha b’ urrainn na bain-tighearnan am monadh a chumail ni b’ fhaide. Bha caisteal Chill-drumaidh, ’an Siorrachd Abaraidhein fathast a’ cumail a mach ’an aghaidh nan Sasunnach, agus ’an làmhaibh chàirdean do ’n righ. Agus ’s e rùnaich e na bain-tighearnan a chur do ’n chaisteal sin, maille ris a’ chuid eil a b’ [ ? ] anfhainne de’n chuideachd, agus a bhràthair féin, Nigel, òganach tlachdmhor, ’na fhear-iùil doibh, ga ’n treòrachadh thun na daingnich sin, ’s na fhear-frithealaidh dhoibh an déigh sin, ’s cha b’ ann gun mhòran iomaguin, ’us dheur a shileadh le gruaidhibh neo-chleachdta ri taiseachadh, a thachair an dealachadh so, gun fhios an coinnicheadh iad gu h-aithghearr, no idir air thalamh. Ach cha robh leasachadh air a’ ghnothuch; b’ éigin sgar achduinn a bhi ann. Fhuair Nigel Brus a steach do ’n daingneach gu tearuinte còmhladh ris na càirdibh a bh’ air an earbsadh ris. Ghabh an rìgh féin, ’us tearc de luchd-leanmhuinn, a measg an robh a bhràthair Eideard, air an aghart tre ’n mhonadh, gus an do ràinig iad Maoil Chinntìre. Ghabh e ’n t-aiseag á sin ’am bàta beag gu ruig Rachluinn, eilean beag air taobh tuath Eirinn, mu thuaiream ceithir mìl’ o thir-mòr. ’S an eilean so chuir e féin ’s a chàirdean an geamhradh seachad tearuint’ o thòrachd a naimhdean fuilteach. Ach cha b’ ann mar sin a thachair do ’n bhuidhinn ris an do dhealaich iad air monaidhibh fuara Bhraidalba. Ghlac na Sasunnaich caisteal Chill-drumaidh, ’s chuir iad gu bàs Nigel Brus àluinn, agus Sìr Cristopher Seton, bràthair na ban-righ, agus mòran eile de fhior chàirdean a’ Bhrusaich, a bha ’n an àrd-mhaithibh na rioghachd. Thugadh a’ bhan-righ féin, maille ri ’leanaban nighinn, agus dithis pheathraichean an rìgh, do Shasunn mar phrìosunaich; agus chuireadh ban-Iarla B[ ? ]uchain ’an gainntir, ann an aon de na prìosuna ’bu treise ’s an rioghachd.
[Vol . 5. No. 38. p. 3]
Thug ise mòran oilbheim do na Sasunnaich air son i chur a’ chrùin air ceann a’ Bhrusaich ann an Scoinne, ’s bha do réir sin ni ’s mò de thàir ’s de chuing aice ri ’ghiùlan ’s a’ phriosun na aig na bain-tighearnan eile. Agus a thuilleadh air so uile chaidh fearann a’ Bhrusaich arfhuntachadh, no a thoirt air falbh o theaghlach-san gu h-iomlan, agus a bhuileachadh air daoinibh mòr eil’ a bha ’g aideachadh ùmhlachd do rìgh Shasuinn. Is co ìosal sin a thàinig nithe gu bhi maille ri Raibeart Brus air a’ cheud bhliadhn’ an déigh crùn Alba fhaotainn. Cha bu bheag an spionnadh cridhe do neach sam bith seasamh ris gach cruaidh fhortan a bha ’n sud gun ni-eigin de lagachadh a thighinn air a mhisneachd. Agus ma’s fior na sgeòil, cha ’n ’eil e mi choslach nach tàinig eadhon Raibeart Brus, ’an uair dhuirch, gu bhi ’cur teagamh co-dhiù rachadh no nach rachadh e air aghart a dhaingneachadh a chòraichean air a rioghachd féin. ’S ann an uair a bha e gu muladach a’ cunntadh na bha roimhe ’s na dhéigh a thaobh a’ ghnothuich sin, a thachair an ni ud o na thogadh an seanachas mu dhéighinn an damhan-allaidh, a bha ’na bheul-aithris aig an àm ud, ’s o’n uair sin air feadh Alba. Bha ’n rìgh ’na luidh’ air a leabaidh maduinn àraidh, ’s na smuaintean muladach ud a’ dol tre ’inntinn, co dhiubh a b’ fhearr crùn Alba ’chur uaithe, ’s aghaidh a chur air Palestin, gus na Sarasaich fhuadachadh air falbh, ’s gu ’m biodh an tìr sin aig na Criosduidhibh, no oidhirp a thoirt fathast air a dhùthaich féin a shaoradh o fhòirneart ’us ain-tighearnas nan Sasunnach, ’n uair a bhuail a shùil air damhan-allaidh os a cheann, a bha crochta ri snàthainn fada air a shnìomh as féin, agus a bha e ’g oidhirpeachadh a thilgeadh seachad o aon sail gu ceann sail eile, le sùil ri lìon fhigheadh air an t-snàthainn sin eadar an dà shail. Thug am faoin-chreutair ud oidhirp an déigh oidhirp air an t-sail a ruigsinn leis an t-snàthainn gun an gnothuch a dhol leis, gus mu dheireadh an do chunnt Brus gu ’n d’ rinn e deuchainn air sud sé uairean, agus co tric sin gu ’n robh ’shaothair air a call. Agus ’s e ’smuainich Brus gu ’n robh ’n damhan-allaidh ’s an aon suidheachadh ris féin. Bha e air sé blàir a chur ris na Sasunnaich, no ri’n càirdibh, mu ’n d’ fhàg e Alba, agus chaill e iad uile. “Nis,” ars’ an rìgh, “ma bheir an damhan-allaidh aon oidhirp fathast agus gu ’n teid leis, gabhaidh mise sin mar chomharr’ air gu ’n soirbhich an t-aobhar leam féin ann an oidhirp air mo rioghachd a shaoradh o ’namhaid.” Thug an damhan-allaidh an seachdamh oidhirp leis an deachaidh aig air greim a dheanamh air an t-sail ’s an snàthainn a cheangal rithe. Bha ’s an aithris gu ’n do ghabh am Brusach misneachd o sin. Tha cuid de Bhrusaich gus an là ’n diugh nach fuiling damhan-allaidh a mharbhadh, a chionn gu ’m b’ ann le seòladh an fhaoin-chreutair sin a ghabh am fear-cinnidh misneachd gu aghaidh a chur a ris air an nàmhaid. —Eachdraidh na h-Alba.
SGEULACHDAN ARABIANACH.
V. —EACHDRAIDH AN IASGAIR.
(Air a leantuinn.)
Chuir an t-iasgair roimhe gu ’n leanadh e comhairle an fhathaich gu buileach, agus nach cuireadh e na lin ach aon uair ’s an latha. Thill e do ’n bhaile leis an iasg agus e gle thoilichte le ’thurus; agus bha mile smaointean ag eiridh ’na inntinn mu thimchioll na bh’ eadar e fhein ’s am fathach. Ghabh e direach a dh’ ionnsuidh luchairt an righ, agus thairg e an t-iasg dha. Ghabh an righ gu toileach uaithe iad, agus bha ioghnadh anabarrach air an uair a chunnaic e iad. Thog e fear an deigh fir dhiubh, agus bheachdaich e orra gu dluth. “Thoir leat an t-iasg so,” ars’ esan ris an ard-chomhairleach, “agus thoir e do’n bhana-chocaire a chuir Iompaire na Greige do m’ ionnsuidh, a chum gu ’n deasaich i e.” An uair a thuirt e so, dh’ ordaich e ceithir cheud bonn oir a thoirt do ’n iasgair. Rinneadh mar a dh’ iarr e.
Cha ’n fhaca an t-iasgair uiread so de dh’ or riamh roimhe, agus is gann a bheireadh ’e air fhein a chreidsinn nach e bruadar a bha e ’faicinn, gus an do thuig e gu nath gu ’n robh a’ chuis fior gu leor. An sin cheannaich e gach ni air an robh feum aig a theaghlach.
Cho luath ’s a fhuair a’ bhana-chocaire an t-iasg, ghlan i iad, agus chuir i ann am friochdan air an teine iad. An uair a shaoil leatha gu ’n robh an taobh a bha fodhpa bruich, thionndaidh i iad. Ach b’ uamhasach an ni a thachair! Mu ’n do tharr i ach gann an tionndadh, dh’ fhosgail balla na ceatharna, agus thainig boirionnach anabarrach maiseach am mach as. Bha earradh de shioda oirre, mar a bhiodh air na mnathan Eiphiteach, agus bha cluas-fhaineachan oir na cluasan, agus seud-bhannan ro luachmhor m’ a h-amhaich, agus mu chaol a da laimhe. Agus bha slat de mhiortal aice ’na laimh. An uair a chunnaic a’ bhana-chocaire i a’ tighinn thun an teine far an robh am friochdan, cha b’ urrainn di caruchadh as a bhad an robh i ’na seasamh. Bhuail i buille bheag de ’n t-slait mhiortail air fear de na h-eisg, agus thuirt i, “Eisg, eisg, am bheil thu ’deanamh do dhleasdanais?” O nach do fhreagair an t-iasg i, thuirt i na briathran ceudna rithist. An sin thog na ceithir eisg an cinn comhladh, agus thuirt iad rithe, “Tha, tha; ma tha thusa ’cunntadh, tha sinne cunntadh; ma tha thusa ’paigheadh d’ fhiachan, tha sinne ’paigheadh ar fiachan fhein; ma theicheas tusa, ceannsaichidh sinne, agus tha sinn riaraichte.” Cho luath ’s a thuirt iad so rithe, chuir i am friochdan air a bheul fodha anns an teine, chaidh i steach do ’n bhalla, agus dhuin am balla mar a bha e roimhe.
Chuir so eagal mor air a’ bhana-chocaire, agus an uair a dh’ fhalbh pairt de ’n eagal dhi, thog i an t-iasg as an teine; ach bha iad air an losgadh cho mor ’s nach b’ urrainnear an cur air bord an righ. Chuir so dragh cho mor oirre ’s gu ’n do thoisich i air caoineadh. “Och! mo thruaighe!” ars’ ise, ciod a dh’ eireas dhomh? Ged a dh’ innsinn do ’n righ na chunnaic mi; tha mi cinnteach nach creid e mi. Bidh fearg uamhasach air rium.”
An uair a bha i caoidh air an doigh so thainig an t-ard-chomhairleach a steach do ’n cheatharna far an robh i a dh’ iarraidh an eisg gus a chur air beulaobh an righ. Dh’ innis i dha mar a dh’ eirich do ’n iasg. Ghabh e ioghnadh mor an uair a chuala e mar a thachair. Gun fhacal innseadh do ’n righ mu ’n chùis, dh’ fheuch e ri doigh fhaotainn leis an cuirteadh gach cuis ceart. Chuir e fios air an iasgair, agus dh’ iarr e air ceithir eisg eile de ’n aon seorsa fhaotainn dha, a chionn gun do thachair mi-fhortan araidh do ’n iasg a thug e dh’ ionnsuidh an righ, agus mar sin nach robh iad freagàrrach air son an cur air bord dha. Gun ghuth a thoirt air a chomhairle a thug am fathach air, thuirt an t-iasgair ris gu ’n robh astar mor eadar e ’s an lochan anns an d’ fhuair e an t-iasg, agus air an aobhar sin, nach b’ urrainn da am faotainn gus an la-iar-na-mhairech.
Gu math moch air an ath mhaduinn chaidh an t-iasgair a dh’ ionnsuidh an lochain, chuir e na lin, agus fhuair e ceithir eisg de ’n cheart sheorsa a fhuair e an latha roimhe sin, agus thug e do ’n ard-chomhairleach iad. Chaidh an t-ard-chomhairleach leotha do ’n cheatharna, agus sheas e comhladh ris a bhana-chocaire fhad ’s a bha i ’g an glanadh. Chuir i air teine iad mar a rinn i an latha roimhe sin. An uair a bha ’cheud taobh dhiubh bruich, thionndaidh i iad. Ach cha bu luaithe a rinn i so na dh’ fhosgail am balla, agus thainig am boirionnach am mach mar a rinn i an latha roimhe sin, agus an t-slat aice ’na laimh. Bhuail i aon de na h-eisg, bhruidhinn i ris mar a rinn i an latha roimhe sin, agus thug na ceithir eisg a cheart fhreagairt dhi. An uair a fhreagair iad i, chuir i car de ’n fhriochdan anns an teine, agus thill i steach do ’n bhalla.
An uair a chunnaic an t-ard-chomhairleach mar a thachair thuirt e, “Tha so iongantach da rireadh; feumaidh mi innseadh do ’n righ mu ’dheidhinn.” Chaidh e far an robh an righ, agus dh’ innis e dha a h-uile ni a chunnaic e.
An uair a chual’ an righ mu ’n chuis, bha ioghnadh anabarrach air, agus bha toil mhor aige an sealladh fhaicinn e fhein. Ghrad chuir e fios air an iasgair, agus thuirt e ris, “A charaid, an d’ theid agad air ceithir eile de ’n t-seorsa eisg ud a thoirt do m’ ionnsuidh?”
“Le ’r cead, a righ, ma bheir sibh dail thrì latha dhomh, gheibh mi an t-iasg dhuibh.”
Thug an righ so dha. Ach gun dail sam bith chaidh an t-iasgair a dh’ ionnsuidh an lochain, agus an uair a chuir e na lin, fhuair
(Air a leantuinn air taobh 294.)
[Vol . 5. No. 38. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ‘Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton
SIDNI, AM MART 27, 1897.
Ma bha daoine ’gearain air cho ciùin, balbh, ’sa bha gnothuichean air a gheamhradh so, ’se ’s dòcha leinn nach bi sin aca ri radh mu’n earrach. Tha pàrlamaid ùr ri bhi air a taghadh ann an Nobha Scotia, agus cha bheag am gluasad a chuireas sin air daoine. Ach a bharrachd air sin, tha Ard-pharlamaid Chanada a nise ’na suidhe, agus a’ tòiseachadh air an obair air son an deach a taghadh. Tha na Liberals air an turus so ri bhi air am deasbhadh. Cha robh ’n riaghladh ’nan lamhan aig suidhe pàrlamaid roimhe o chionn ochd blaidhn’ deug. Re na h-ùine sin bha iad gun tàimh ag innse do’n taobh eile ciod bu chóir dhaibh a dheanamh ’s ciod bu choir dhaibh fhàgail gun deanamh; agus a nise o’n tha ’n stiùir air a cur ’nan làmhan fhéin tha ’n sluagh deònach fhaicinn ciod a ni iad. Tha sinn an dochas gu’n dean iad gu math.
Tha Crete car mar a bha i o chionn seachdain. Cha’n eil na rioghachdan, a reir coltais, deònach air cur cruaidh ris a Ghréig, agus tha iad a’ feuchainn ciod a ghabhas deanamh air dòigh shìtheil. Thainig sgeul o chionn latha no dha air ais ag radh gu robh an Sultan deònach righ na Gréige a bhi na àrd-riaghladair air Crete, fodha fhéin, agus gu bheil luchd-riaghlaidh nan rioghachdan mora an deigh an aonta ’chur ris. Ma tha sin fior, agus tha beagan de choltas na firinn air, faodaidh gu’n gabh an gnothuch réiteach, ach tha na Créitich fhéin ag radh nach eil ni sam bith a dhith orra ach a bhi fo riaghladh na Gréige, agus mur faigh iad sin nach bi sith ann. Na’n leigeadh na rioghachdan leotha, bhiodh na Turcaich air an ruagadh as an eilean an ùine gle ghoirid.
Litir as na Staitean.
Tha mi cur ugad dolair air son bliadhna eile dhe do phaipeir laghach. ’S math an luach dolaìr do shòlas a tha mi faotainn uaithe. Tha mi fuireach ann am baile beag a mach á Boston, far a bheil cothrom agam air moran leubhaidh a dheanamh. Ach am measg na tha de leabhraichean agus de smodal phaidearan Geangach air a sparradh fo’m shròin gach seachduin, cha’n eil a h-aon ris an taisich mo chridhe mar a ni e ris a MHAC-TALLA. Is mor an toileachadh a tha mi faotainn as a Ghàilig. Is iomadh treis chéilidh a tha sinn a faotainn ’o ghillean agus ’o nigheanan Cheap Breatuinn, aig a bheil a Ghàilig cho coilionta ’sa bha i riamh. ’Nan cluinneadh tu sinn aon oidhche a còmhradh, a h-uile neach ’s a theanga cho fileanta ri Frangach, bheireadh tu do bhòid gur ann an Uidhist a thachair thu. ’S ann air a Ghàilig a thog mi mo theaghlach, agus ged a tha iad a nis air fàs mor, tha tri nithean air nach dean a h-aon diu tàir, —a Ghàilg, an lite, agus an sgadan. Bu bhlasda iad ann an dùthaich ar n-àraich, agus is ro bhlasda iad a nise, ’nuair nach eil iad cho pailt.
Bha amannan fiunnarachaidh fuasach ann am Boston o chionn mhios no dha. Moody agus Murphy agus Sam Jones, triuir Urramaich a teagasg gach latha. ’S iomadh drungair bochd a chaidh a thionndadh o ’ghòraiche. ’S iomadh peacach bochd a fhuair slàinte. ’S iomadh Criosduidh leisg a chaidh a chur gu nàir us gu obair. Cha’n eil teagamh sam bith nach deachaidh math nor a dheanamh. Air mo shon fein cha tuiginn ceart iad; ach taing do’n Tì bheannaichte sin a chuir ugainn am ministeir urramach sin A. C. Mac Gillfhinnein, cha’n eil mi air m’ fhàgail gun fear-teagaisg. Tha e toirt duinn searmon Gàilig uair ’s a mhios, agus b’e sin an searmonaiche. ’Se tha na shearmon laoidh ghràsmhor ’o thoiseach gu crioch. A bhàrr air a ghràdh a tha ’na chridhe, agus am blàths a tha ’na ghnùis tha ceann-labhairt aige air nach eil pilleadh. ’S mor a mhath do mhuinntir C. B., a tha ’nan ceudan ’ga leantuinn; cha’n eil an eaglais leth mor gu leòir.
Ach slan leat. Gu ma fada beò thu.
Do charaid dileas,
ALASTAIR MAC CITHEAGAIN.
Everett , Mass.
Comhradh.
DOMHNULL. —An do leugh thu MAC-TALLA air an t-seachdain so?
CALUM. —Ma ta, ’s mi-fhin a rinn sin.
DOMHNULL. —Am faca tu ainmean na muinntir a phàigh?
CALUM. —Chunnaic, chunnaic; bha taosgan math ann dhiubh cuideachd.
DOMHNULL. —Agus am faca tu d’ ainm fhein ’n am measg?
CALUM. —Cha’n fhaca.
DOMHNULL. —Agus nach bu chòir dha bhi ann?
CALUM. —Gu dearbh, tha mi creidsinn gu’m bu chòir. Tha treis o nach do phàigh mi air a shon.
DOMHNULL. —Ma ta, bheir mise comhairle ort: cuir uige gun dàil sam bith na th’ aig ort, agus an deigh so, na toir sùil ann an àireamh sam bith dheth gus am bi thu cinnteach gu bheil e pàighte, agus mar sin gur leat fhéin e. Tha mi ’n doòchas gu ’m faic mi d’ ainm anns an ath àireamh.
CALUM. —Gu deabh, ’s tuisa chi sin, agus moran taing dhuit air son a chur ’nam chuimhne.
STOR UR TAILLEARACHD.
Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.
Theid sinn an urras air an obair.
MacCoinnich & Co.
Sidni, C. B.
F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn.
Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.
Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air.
Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.
Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c , &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.
THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin.
Tha Factoridh Eureka air aon de ’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.
Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.
Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Illemhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitche’s Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.
[Vol . 5. No. 38. p. 5]
NAIDHEACHDAN,
Bha fir-pàrlamaid air an taghadh air son Tigh nan Cumantach ann an da shiorrachd an Cuibeic o chionn ghoirid, —ann am Bonaventure air an t-seachdain s’a chaidh, agus ann an Wright Di-màirt s’a chaidh. Fhuair na Liberals a stigh anns an da shiorrachd.
Tha an sneachda an deigh a dhol á sealladh gu mor o chionn seachdain. Air sràidean a’ bhaile cha ’n eil ach gle bheag dhe ri fhaicinn, a dh’ aindeoin na chaidh ’na cheann oidhche Di-ciaduin. Thatar a’ gabhail na deighe fhathast, ach tha i a’ fàs cunnartach ann an àiteachan.
Tha e air aithris gu bheil seana mhèinn Victoria, ri bhi air a dùnadh, agus air a’ fosgladh ann an àit eile far am bi e na’s fhusa an gual obrachadh. Bha fathunn a’ dol mu ’n cuairt roimhe so gu robh i gu bhi air a dùnadh gu buileach, ach tha sinn toilichte nach eil sin, a reir coltais, fior.
Tha tri soithichean-smùide agus naodh deug de shoithichean-seòlaidh ag obair air iasgach nan ròn anns a’ Ghulf air an earrach so, agus a reir sgeòil, tha a’ soirbheachadh gu math leotha. Buinidh na soithichean, cha mhor uile, do Newfoundland. Tha còrr us ceithir mile duine air bòrd orra.
Tha ’n t-earrach air tighinn; tha an geamhradh air ar fàgail, agus ged a thig lathaichean fhathast a bhios fuar gu leòr cha bhi reothadh ro mhor ann tuilleadh. ’Se chùis a’s miosa ’s an dùthaich so cho fad air deireadh ’sa bhios an samhradh leis an fhuachd a bhios a’ tigh’nn o’n deigh mhoir. Na ’m faigheamaid cuibhteas sin, bhiodh an dùthaich so ’na h-àite cho tiorail ’sa ghabhadh faotainn.
Thug sinn iomradh o chionn da sheachdain air dithis dhaoine a bha air an call air an deigh mhoir, ’s iad ag iasgach ròn faisg airBird Rock.Tha againne ri innse aig an àm so mu bhàs an aon fhir a fhuair gu tir beo, Arsene Turbide. An deigh dha moran fhulang, chaochail e aigMeat Coveoidhche Di-luain. Rinn a chàirdean ’s na h-eòlaich gach ni bha ’nan comas air a shon, ach cha robh e gu feum sam bith.
Anns a’ Mheinn a Tuath, air la Fhir Padru’g, chaochail Domhnull Mac Gilleain, fear de na daoine bu shine bha ’san àite. Rugadh e ann an siorrachd Inbhirnis, an Alba, ’sa bhliadhna 1804, agus thainig e mach do ’n dùthaich so ’sa bhliadhna 1828. Rinn e le ’dhichioll dachaidh mhath dha fhéin ’s da theaghlach agus bha e measail aig gach aon a bha eòlach air. Dh’ fhàg e triùir mhac, aon nighean, agus ochdnar oghaichean.
Chaidh soitheach-seòlaidh a chur gu fairge ann am Bath, an stàit Maine, air an t-seachdain s’a chaidh, a thoimhseas ceithir cheud us coig troighean deuga bho toiseach gu deireadh; tha i da fhichead troigh ’sa tri a leud. Giulanaidh i luchd tri mile ’s coig ceud tunna. ’S i soitheach-seòlaidh a’s motha th’ air an t-saoghal; tha ceithir chroinn innte. Tha àireamh de na soithichean ceithir-chrannach so a giùlan guail eadar Louisburg us Portland, co-dhiu bhitheas no nach bi i so ris an obair sin.
Chaidh tagradh a chur gu Ottawa ag iarraidh gu ’m biodh lagh sònruichte air a dheanamh a thaobh iasgach nan giomach air cladaichean Cheap Breatunn. Mar a tha ’n lagh rn dràsda cha ’n eil an t-àm anns am faodar giomaich a ghlacadh a’ co-fhreagradh do ’n aimsir cho math ’sa tha e air tir-mor, agus mar sin tha iasgairean an eilean so a’ fulang call mor na h-uile samhradh. Bha ainmean da mhil’ iasgair ris an tagradh so, agus bha e faisg air ceud troigh a dh’ fhad. Tha iadsan a chur an ainmean ris a fuireach anns gach àite ’n cois a’ chladaich eadar L’Ardoise an siorrachd Richmond, us Bay St Lawrence an siorrachd Victoria.
Bha àrd-pharlamaid Chanada air a fosgladh Dior-daoin s’a chaidh. Bheir sinn iomradh air na bhios a’ dol air adhart innte gach seachdain.
Chuir maighdeann uasal ann am Boston duine beairteach ’san lagh air son e bhristeadh air gealladh-pòsaidh a thug e dhi. Bha i ag iarraidh leth-cheud mile dolair air, ach gun a dhol gu cùirt idir, dh’ aontaich i deanamh le fichead mile, agus phàigh esan sin.
Fhuaireadh seana bhean do ’m b’ ainm Mairi Douglas, aigSt . Peter’s Road, E. P. I. ,marbh ’na tigh fhéin maduinn aon latha air an t-seachdain s’a chaidh. Bha i fuireach leatha fhéin, agus bha i ’na slaint ’abhaistich an latha roimhe sin. Bha i tri fichead bliadhna ’sa deich a dh’ aois.
Cha ’n eil teagamh sam bith anns a’ chùis a nise; tha pàrlamaid Nobha Scotia air a sgaoileadh, agus tha aig an luchd-taghaidh ri pàrlamaid ùr a thaghadh an ùine ghoirid. Tha latha ’n Ainmeachaidh ri bhi ann air an treas latha deug de dh’ April, agus an Taghadh air an fhicheadamh latha.
Cha ’n eil iad a reir coltais, a deanamh adhartais sam bith ann an faotainn a mach co rinn am mort ann anAvonport , N. S.Mar a thug sinn iomradh roimhe, tha dithis an greim air son a ghniomh, ach gu ruige so cha ’n eil dearbhadh sam bith aca gu bheil fear seach fear dhiubh ciontach.
Tha la na Sàbaid an fhicheadamh latha de dh’ Iun ri bhi air a chumail ma latha taingealachd air feadh na h-Impireachd Bhreatunnaich; ’se sin an latha air an criochnaich a’ bhan-righ an tri ficheadamh bliadhna de ’rioghachadh. Tha Di-màirt an darra latha ficheadh ri bhi ’na latha-féille, agus cha ’n eil teagamh nach bi moran othail agus greadhnachais air a nochdadh le iochdarain Victoria anns gach cearna de ’n t-saoghal ’sam bheil iad.
Bha stoirmeannan anabarrach anns na Stàitean an iar ’sa deas o’n thainig an geamhradh. Air an t-seachdain so bha stoirm mhor ann an Georgia, anns an do mharbhadh ’s ’n do leònadh moran. Bha mu fhichead air am marbhadh, agus còrr us da cheud air an leònadh. Leag an stoirm tigh-sgoile ann am baile beag air an dùthaich, agus bha naodhnar de na bha ’na bhroinn air am marbhadh, agus tha tuilleadh nach bi beò ùine ro-fhada. Tha an stoirm an deigh gnothuichean a chuir cho mor troimhe-chéile ’s nach eil dòigh air fios cinnteach fhaotainn ciod a tha tachairt.
Iadsan a Phaigh.
Niall Mac Gilleain (Eildear) Roseburn .
Ailein D. Mac Gilleain, Valley Mills, $2 . 00
Micheil Mac-a- Phi, Pon Mor, $2 .00
M. R. Johnstone, Pon Mor,
Alastair S. Mac Leoid, Framboise .
Iain N. Moireastan, Framboise .
Domhnull Mac Phàrlain, Coxheath .
Iain R. Mac Dhomhnuill, Glace Bay, 50c
Iain A. Siosal, Glace Bay,
Mrs. Nic Artair, Point Tupper.
Lachuinn Domhnullach, Gut Mhira.
Gilleasbuig Moireastan, Rathad Horne.
Uisdean Mac Leoid, Braidalba, E. P. I.
Iain M. Gillios, Rona, E. P. I.
Calum Caimbeal, Kinross , E. P. I.
Murchadh Mac Leoid, Valleyfield , E. P. I.
Domhnull Camaran, Amhuinn a Deas, N. S.
Iain Ceanadach, Loch na h-Aimhne Deas, N. S.
Beataidh Nic Neachtain, Loch na h-Aimhne Deas, N. S.
Murchadh Peutan, an Amhuinn Chaillte, Que.
Murchadh C. Muireach, Milan , Que.
Iain R Domhnullach, Ailsa Craig, Ont. 25c
I. L. Lister, Rat Portage, Ont. 35c
Bean H. P. Haskell, Boston , Mass.
An t-Urr. D. Healey, Sedalia , Mo.
Niall Buchanan, Reynoldstown , New Zealand.
C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
THA D. J. Domhnullach air son rùm a dheanamh do bhathar an earraich, agus tha e ’creic na th’ aige de bhathar geamhraidh gle shaor. Reicidh e ni sam bith a tha ’san stor, ach a mhain brogan, 20 p. c. na’s isle na bha iad roimhe so. Rud air am pàigheadh tu $1 .00 roimhe so, cha chosg e dhut an drasda ach 80c. Cha mhair so ach mios. Thig trath agus faigh bargan.
NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B,
Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha.
[Vol . 5. No. 38. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 291.)
e ceithir beathaichean eisg mar a b’ abhaist da, agus thug e dh’ ionnsuidh an righ iad. Bha ’n righ anabarrach toilichte, gu h-araidh a chionn gu ’n d’ fhuair e iad ni bu luaithe na bha duil aige riutha. Dh’ orduich e ceithir cheud bonn oir eile a thoirt do ’n iasgair.
An uair a fhuair an righ an t-iasg dh’ orduich e an toirt do ’n chlosaid gus an deasachadh. Cha robh anns a’ chlosaid ach e fhein ’s an t-ard-chomhairleach. Ghlanadh an t-iasg agus chuireadh anns an fhriochdan air an teine iad. An uair a bha a’ cheud taobh dhiubh bruich, thionndaidh an t-ard-chomhairleach iad. An sin dh’ fhosgail balla na closaid, agus thainig duine-dubh a bha anabarrach mor am mach, agus bata mor aige ’na laimh. Ghabh e far an robh am friochdan, agus an uair a bhuail e buille beag de ’n bhata air fear de na h-eisg thuirt e le guth eagallach, “Eisg, am bheil thu ’deanamh do dhleasdanais?” An uair a thuirt e so, thog na ceithir eisg an cinn, agus thuirt iad, “Tha, tha; ma tha thusa ’cunntas, tha sinne ’cunntas; ma phaigh thusa d’ fhiachan, phaigh sinne ar fiachan fhein; ma tha thusa ’teicheadh, tha sinne a’ toirt buaidh, agus tha sinn riaraichte.”
Cha bu luaithe a labhair an t-iasg na briathran so na thilg an duine-dubh am friochdan ’s an t-iasg air an urlar; agus bha ’n t-iasg na ghual. Anns a’ mhionaid chaidh e steach do ’n bhalla le feirg, agus dhuin am balla mar a bha e roimhe.
“An deis na chunnaic mi,” ars’ an righ ris an ard-chomhairleach, “tha e neo-chomasach dhomh a bhith aig fois ’nam inntinn. Gun teagamh sam bith tha seadh neo-ghnathaichte aig na chunnaic ’s na chuala sinn mu ’n iasg so, agus tha mhiann orm gu ’m faigh mi am mach gach ni mu dheidhinn.”
Chuir an righ fios air an iasgair, agus thuirt e ris, “Iasgair, chuir an t-iasg a thug thu do m’ ionnsuidh dragh air an inntinn agam. C’aite an do ghlac thu iad?”
“Le ’r cead, a righ,” ars’ an t-iasgair, “ghlac mi iad ann an lochan beag a th’ eadar ceithir chnuic a th’ air chul na beinne ud a chi sibh mu ’r coinneamh.”
“An aithne dhutsa an lochan?” ars’ an righ ris an ard-chomhairleach.
“Cha ’n aithne. Cha chuala mi guth riamh m’ a dheidhinn, ged nach ’eil tri fichead bliadhna o’n a bha mi ’sealg mu’n cuairt air a’ bheinn ud,” ars’ an t-ard-chomhairleach.
Dh’ fheoraich an righ de ’n iasgair, an robh an lochan fad air falbh, agus thuirt an t-iasgair ris gu ruigeadh iad e ann an tri uairean an uaireadair.
An uair a chuala ’n righ so, o’n a bha greis mhath de’n latha gun dol seachad, dh’ orduich e anns a’ mhionaid do dh’ uaislean na cuirte iad a dheanamh deiseil, agus marcachd comhladh ris a dh’ ionnsuidh an lochain, agus an t-iasgair a thoirt leotha mar fhear-treorachaidh. Rinneadh mar a dh’ iarr e, agus dh’ fhalbh iad.
An uair a dhirich iad gu mullach na beinne ghabh iad mor-ioghnadh an uair a chunnaic iad comhnard anabarrach mor air an taobh eile dhi, nach fhaca a h-aon aca riamh roimhe. Mu dheireadh rainig iad an lochan a bha eadar na ceithir chnuic, mar a thuirt an t-iasgair. Bha ’n t-uisge a bh’ anns an lochan cho soilleir ’s gu ’n robh iad uile a’ faicinn an eisg, agus gu ’n robh iad de na ceart dhathan a bh’ air an iasg a thug an t-iasgair a dh’ ionnsuidh an righ.
Dh’ fheoraich an righ de cheannardan an airm a bha comhladh ris ’nan seasamh aig an lochan, am faca iad idir an lochan gus a sid. Agus thuirt iad uile, nach fhac, agus nach mo a chuala iad riamh gu ’n robh an lochan ann.
“O’n a tha sibh uile ag radh nach cuala sibh riamh guth m’a dheidhinn,” ars’ esan, “agus o’n a tha ’chuis a th’ ann a’ cur moran ioghnaidh ormsa, tha mi suidhichte nach till mi dhachaidh gus am faigh mi am mach cia mar a thainig an lochan gu bhith an so, agus c’ar son a tha ceithir dathan air an iasg.”
An uair a thuirt e so, dh’ orduich e do mhaithean na cuirte a bha maille ris an campa shuidheachadh air bruaich an lochain. Rinneadh mar a dh’ iarr e.
An uair a thainig an oidhche chaidh an righ do ’n phailliuin aige fhein, agus labhair e ris an ard-chomhairleach mar so;— “Ard-chomhairlich, tha ’m inntinn gle neo-fhoiseil. Chuir an lochan a bhith an so, agus an duine dubh a thainig am mach a balla na closaid, agus mar a bhruidhinn an t-iasg ris, a leithid de dh’ ioghnadh orm ’s nach urrainn gu ’m bi fois aig m’ inntinn gus am faigh mi am mach gach ni mu ’n chuis. Air an aobhar sin, tha mi suidhichte gu ’m falbh mi as a’ champa an nochd ’nam aonar; agus tha mi ’toirt teann ordugh dhutsa, gun innseadh do dhuine beo gu ’n d’ fhalbh mi. Fanaidh tu anns a’ phailliuin so, agus an uair a thig na ceannardan agus uaislean eile na cuirte am maireach gus mise fhaicinn, their thu riutha, nach ’eil mi ’gam fhaireachadh fhein gu math, agus gu ’m bheil mi toileach a bhith ’nam onar an so. Their thu a’ cheart bhriathran riutha a h-uile latha gus an till mi.”
Rinn an t-ard-chomhairleach gach ni ’n a chomas a chum toirt air an righ an gnothach so a leigeadh as a cheann. Chuir e air shuilean dha, gu ’n robh e ’dol ’ga chur fhein ann an cunnart mor, agus gur docha nach biodh dad aige air son a shaoithreach. Ach a dh’ aindeoin na theireadh e cha b’ urrainn da an righ a thoirt as a bheachd; oir chuir e roimhe am muigh ’s am mach gu ’m falbhadh e. Chuir e uime deise a bha freagarrach air son a thuruis, agus thug e leis claidheamh ’na laimh ’s dh’ fhalbh e as a’ champa, cho luath ’s a ghabh iad mu thamh.
Fhuair e seachad air a’ bheinn gun duiligheadas sam bith. An uair a chrom e leis a’ bheinn, thachair aite comhnard ris a bha furasda ri choiseachd. Lean e roimhe air coiseachd gus an d’ eirich a’ ghrian. Chunnaic e aitreamh mhor fada uaithe. Thug so toileachadh mor dha; agus bha dochas aige gu ’m faigheadh e anns an aitreamh so am fiosrachadh a bha dhith air. An uair a thainig e dluth do ’n aitreamh thug e an aire gur e bh’ ann caisteal a bh’ air a thogail de chloich mharmhoir, agus gu ’n robh e air a chomhdachadh air an taobh am muigh le stailinn a bha cho sleamhuinn ri glaine. Air dha bhith anabarrach toilichte a chionn gu ’n do thachair ni cho iongantach so ris, sheas e air beulaobh a’ chaisteil, agus bheachdaich e air le mor-aire. ’Na dheigh sin chaidh e dh’ ionnsuidh a’ gheata. Bha da chomhlaidh ris a’ gheata, agus bha te dhiubh fosgailte. Ged a dh’ fhaodadh e dhol a steach, nan togradh e, gidheadh smaoinich e gu ’m b’ fhearr dha bualadh. Bhuail e an toiseach gu beag, agus dh’ fheith e car uine an duil gu ’n tigeadh neach d’a ionnsuidh. Ach an uair nach d’ thainig neach sam bith thun a’ gheata, bhuail e gu math ni bu chruaidhe. Ach an uair a thuig e nach cuala neach sam bith e, bhuail e a rithist agus a rithist; agus an uair nach do fhreagair duine e, ghabh e ioghnadh mor. Cha b’ urrrainn da chreidsinn gu ’n robh caisteal a bha cho math an ordugh ris gun duine a’ fuireach ann.
Thuirt e ris fhein, “Mur ’eil duine a’ fuireach ann, cha ’n eagal dhomh; agus ma tha, theid agam air mi fhein a dhion, ma chuirear dragh orm.”
Mu dheireadh chaidh e steach air a’ gheata, agus an uair a chaidh e steach air dorus an sgail-thaigh ghlaodh e, “Am bheil duine sam bith an so a bheir aoidheachd do choigreach, a tha ’tighinn a dh’ iarraidh bidh is dibhe anns an dol seachad?”
Thuirt e so a dha no tri dh’ uairean; ach ged a thubhairt, cha do fhreagair neach sam bith e. Chuir e ioghnadh air nach robh duine a’ toirt freagairt air. Chaidh e steach do sheomar farsuinn, agus sheall e mu ’n cuairt feuch am faiceadh e neach sam bith ach cha ’n fhaca e neach. An uair a chunnaic e nach robh duine ’s an t-seomar, chaidh e steach do sheomar eile. Bha ’n seomar so anabarrach briagha. Bha ballachan an t-seomair air an comhdach leis an t-sioda a b’ aille ’s bu ghrinne a chunnaic duine riamh. Bha moran de dh’ aiteachan-suidhe ann de’n t-seorsa bu bhriagha ’s bu shocraiche air am b’ urrainn duine suidhe, agus bha ’n t-aodach a bh’ orra air oibreachadh, le snath oir is airgid. ’N a dheigh sin chaidh e steach do sheomar maiseach eile. Ann am meadhain an t-seomair so bha fuaran mor, agus aig a cheithir oisinnean bha leomhain oir, agus a beul nan leomhan so bha ’n t-uisge a’ sior bhruchdadh am mach do ’n tobar. An uair a bha ’n t-uisge so a’ tuiteam ’s an tobar, bha e ’dol ’na dhaimean ’s na neamhnaidean. Bha ’n tobar a’ tilgeadh an uisge as a chionn cho ard ri mullach an t-seomair.
[Vol . 5. No. 38. p. 7]
Bha tri taobhannan a’ chaisteil air an cuartachadh le garadh anabarrach maiseach, anns an robh ditheanan de gach seorsa air an cur ann am poitean-dhithean. Bha mar an ceudna fuarain ann, agus doireachan, agus mile ni eile a bha ’ga dheanamh maiseach. Agus cha robh seorsa eoin a bh’ air an t-saoghal nach robh a’ ceileireadh anns a’ gharadh. Cha robh iad a’ carachadh as; oir bha lion sgaoilte os cionn a’ gharaidh gus an cumail ann.
Choisich an righ o sheomar gu seomar, ach cha d’ fhuair e duine annta. An uair a bha e sgith coiseachd shuidh e ann an seomar anns am faiceadh e an garadh, agus thoisich e ri smaointean air na chunnaic ’s na chuala e. Cha robh e fada ’na shuidhe an uair a chuala e gearain ghoirt ann an seomar a bha dluth dha. Dh’ eisd e le mor aire ris a’ ghearain, agus chuala e gu soilleir na briathran so; “O fhortain! nach leigeadh leam a bhith ni b’ fhaide a’ mealtainn beatha shona, agus a chuir mi anns an t-suidheachadh a’s truaige anns an robh duine riamh air an t-saoghal so, sguir a bhith ’gam gheur-leanmhuinn, agus le grad bhas cuir crioch air mo bhron. Och! am bheil e comasach gu ’m bheil mi fhathast beo an deigh a liuthad pian a dh’ fhuiling mi?”
Thainig tioma air an righ an uair a chuala e a’ ghearain so, agus air dha eirigh as an aite ’s an robh e ’na shuidhe, rinn e direach air an aite anns an cuala e a’ ghearain. Agus an uair a thainig e dh’ ionnsuidh dorus an t-seomair, dh’ fhosgail e e, agus chunnaic e duine og, maiseach air ’eideadh ann an trusgan riomhach ’na shuidhe air cathair aird anns an t-seomar. Bha coltas gle mhuladach air an aghaidh aige. Thainig an righ dluth dha, agus chuir e failte air. Chrom an duine og a cheann, agus o nach b’ urrainn da eirigh as a’ chathair, thuirt e ris an righ, “Mo thighearna, tha mi gle chinnteach gur airidh thu gu ’n eirighinn ’nam sheasamh a chur failte ort, agus a thoirt urram dligheach dhut; ach tha aobhar muladach ann air son nach urrainn mi sin a dheanamh, agus air an aobhar sin, tha dochas agam nach gabh thu gu h-olc e.”
“Mo thighearna,” fhreagair an righ, “tha mi fada ’nad chomain, a chionn gu ’m bheil a leithid de dheadh bharail agad orm. Agus a thaobh an aobhair air son nach urrainn dut eirigh, ciod sam bith leith-sgeul a th’ agad gabhaidh mi e. Air dhomh do ghearain a chluinntinn, agus a bhith duilich air son do bhroin, thainig mi a thairgse cuideachadh a thoirt dhut. Is e mo ghuidhe ri Dia gu ’m biodh e ’nam chomas fuasgladh a thoirt dhut ’nad thrioblaid. Dheanainn gach ni a b’ urrainn domh a dheanamh a chum cobhair a thoirt dhut. Tha mi ’toirt orm fhein a chreidsinn gu ’m bi thu toileach gu leor fios a thoirt dhomh air mar a thainig mi-fhortan ’nad rathad. Ach innis dhomh an toiseach, tha mi ’guidhe ort, ciod is ciall do ’n lochan a tha dluth air an luchairt so anns an bheil an t-iasg air am bheil na ceithir dathan? ciod e an caisteal a tha’n so? cia mar a thainig thu fhein an so? agus c’ar son a tha thu ’nad aonar?”
An aite freagairt a thoirt do na ceisdean so, is ann a thoisich an duine og ri caoidh ’s ri tuiream gu goirt, “O nach neo-sheasmhach an ni fortan!” ars esan, “tha e ’gabhail tlachd ann a bhith ’tilgeadh sios na muinntir a th’ air an togail suas. C’ait am bheil iadsan a tha gu foisneach a’ mealtainn an t-sonais a tha iad a’ faighinn uaithe, agus aig am bheil beatha shocair gun dragh gun bhron?”
Air do ’n rìgh a bhith air a lionadh le truas ris anns an t-suidheachadh ’s an robh an duine og, ghuidh e air gu ’n innseadh e gun dail dha aobhar a bhroin.
“Och? mo thighearna,” ars’ an duine og, “cionnus a tha e comasach dhomhsa gun a bhith ’sileadh nan deur gun stad?”
An uair a thuirt e so, thog e ’aodach, agus leig e ris do ’n righ, nach robh ’na dhuine dheth ach na bha os cionn a leasraidh, agus gu ’n robh a’ chuid eile dheth ’na chloich mharmhoir.
Ghabh an righ ioghnadh anabarrach an uair a chunnaic e an staid mhuladach anns an robh an duine og, agus thuirt e ris, “Am feadh ’s a tha do shuidheachadh a’ cur uamhais agus ioghnaidh orm, tha mi a’ miannachadh gu mor gu ’n innseadh tu dhomh eachdraidh do bheatha. Feumaidh gu ’m bheil i anabarrach iongantach, agus tha mi de’n bheachd gu’m bheil co-cheangal eadar i agus an lochan ’s an t-iasg. Tha mi, air an aobhar sin, a’ guidhe ort, gu ’n innis thu dhomh i. Bheir e aotromachadh dhut an eachdraidh innseadh; oir tha fios is cinnt agam gu ’m faigh daoine a tha mi-fhortanach aotromachadh, an uair a dh’ innseas iad am mi-fhortan do dhaoine eile.”
“Bheir mi de thoileachadh dhut gu’n innis mi m’ eachdraidh,” ars’ an duine og, “ged nach urrainn domh sin a dheanamh gun mo dhoilghios urachadh. Ach tha mi ag innseadh dhut roimh laimh gu ’m faic ’s gu ’n cluinn thu na chuireas barrachd mor a dh’ ioghnadh ort na h-uile rud a chunnaic ’s a chuala ’s a smaoinich duine riamh.”
(Ri leantuinn.)
Cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA.
CARADH
Uaireadairean
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t-seann Laraich.
Baddeck , C. B.
D. A. Mac FHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.
Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .,
SIDNI, C. B.
McDonald Hanrahan & Co,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4.; ’95
[Vol . 5. No. 38. p. 8]
Mairi Ghreannar.
O shaorainn, shaorainn, shaorainn i,
Air m’ fhacal fein gu’m faodainn sin:
’S ged bhiodh cuid nach saoileadh e,
Gu’n saorainn Mairi ghreannar.
Shaorainn fein gun teagamh i,
Ged bha mi tric a’ beadradh r’i,
Nach d’ iarr mi ni mi-dhleasanach,
’S nach freagradh dhomh bhi cainnt air.
O shaorainn, &c .
Shaorainn fein gu deonach i,
’S cha b’ eagal leam ged’ bhoidichinn,
Nach d’ fhuair mi bheag de dh’ fhotus innt’,
O ’n ghabh mi eolas cainnt oirr’.
Ma tha cron ri leughadh ort
An gniomh, no ’n gne, cha leir dhomh e,
’S a dh’ aindeoin beachd an t-saoghail so,
Is tusa daonnan m’ annsachd.
Tha suairceas, tlachd a’s siobhaltachd,
A stri co-dhiu a’s dilse dhut;
Tha maise, cliu, a’s finealtachd,
Ag imeachd air gach laimh dhiot.
Gur modhail, socrach, briathrach thu;
Gur aoidheil, caoineal, ciallach thu;
’S nam biodh gach cuis mar dh’ iarrainn iad,
Bu tu mo chiad bhean bainnse.
T’ fhalt boidheach, cam bhuidh, dualagach,
’S a bharr a’ fàs gu d’ chruachanan—
Do phog mar mhil nan cuachagan,
’S do shnuadh air dhreach an t-samhraidh.
Gur soitheamh, banail, beusach thu;
Gur geanail, sunndach, eutrom thu:
Gur connor, fonnor, spéiseil thu;
Gu h-aoidheil, ceilleidh, greannar.
Cha mhol mi thu, cha ’n urrainn mi.
Cha ’n eil mo bhriathran ullamh dhomh,
Do bheusan thug mi ’n t-urram dhoibh,
’S iad chuir mi uile ’n geall ort.
Ach dh’ innsinn fhin gu soilleir dhuibh,
Co i, ’s co uaith a shloinneadh i,
Mar bhi gun d’ fhuair sibh coire dhomh,
Air son na rinn mi chainnt oirr’.
Labhinia.
Bha càirdean aon uair aig Labhinia òg,
An ainnir àillidh. Dh’ fhàg iad i gu moch;
’Na naoidhein chaill i ’h-uile earbsa ’s taic,
A h-uile dìon, —ach neò-chiontas a’s nèamh.
Le ’màthair, banntrach uireasbh’ach a’s lag,
’Am bothan ìosal chòmhnuich iad le chéil’;
Folaicht’ o dhaoinibh ’n dìomhaireachd nan gleann,
Fo dhubhar chraobh an uaigneas sàmhach sèimh,
Gu mòr ni ’s mo le macantachd a’s beus.
Le chéile sheachain iad mar so an tàir,
Tha daoine deanamh tha air at le uaill,
Air maise ’s beusachd ann an là an aire.
Bu ghann an lòn, ’s cha mhòr nach b’ ionann fòs
A’s eòin nan geug, a thàlaidh iad gu suain,
Iad sona ’n diugh, suarach mu’n àm ri teachd.
Bu chùbhraidh ’dealbh na blàth a’ chéitein ùir
Fo dhealt na maduinn mhoch, bu ghloine ’snuadh,
Na’n canach féin, no’n sneachd air uchd nam beann.
Bha macantas co caoin ’na sùil ghuirm chiùin
A’s gann a thog i, ’dearcadh sìos le bàigh
Air snuadh nan neònan ’s air na blàithibh maoth;
No ’nuair a dh’ éisdeadh i ri sgeul a’ bhròin,
Mu chaochladh dòchais bha aon uair co àrd,
Mar reul an anmoich dh’ aomadh iad a sìos
Fo dhealta tlàth nan deur. —B’ àillidh a dealbh,
A’ mhaighdean dreachmhor so bu mhaisich’ fiamh;
Le trusgan eutrom dh’ éideadh i gu grinn,
Ni b’ fhearr na rìomhadh ard: —a h-àilleachd-sa
Cha ’n iarradh sgèimh no suas o rìomhadh fos;
Gun rìomhadh idir ’s ann bu riomhaich’ i;
Suarach m’a h-àilleachd, b’ àilleachd i air fad,
An rìbhinn aonarach ’an uaigneas ghleann.
Mar ann an doimhneachd dhìomhair tìr nam beann
’An coire fasg’ach, no ’an glacaibh blàth,
A chinneas sòbhrach fad’ o shealladh sùl,
Le fàile fallain ’mach air feadh an raoin;
Mar sin gu cùbhraidh a’s gun fhios do ’n t-saog’l,
Gu lurach aluinn chinn Labhinia suas.
Maraichean na h-Alba.
(O’N BHEURLA.)
A mharaichean na h-Alba,
A dh’ fhalbhadh leinn le gairm,
Fo’r brataich riamh bu dileas,
A sheas ri strì ’s ri stoirm;
Le sròl a’ srannraich ’mach o thìr,
’Chur naimhdean sìos le buaidh,
Agus siùbhlaibh thar nan sùgh
’Nuair is gailbhich’ smùid a chuain,
’S is fuaimneach, fada toirm a’ chath’,
’S is gailbhich’ smùid a’ chuain.
Gu ’n eirich riochd nan treun-fhear
Mar éibhlean o gach tonn!
O’n uaighibh uaine sàil’,
Air ’m bu bhlar dhoibh clàir nan long;
’S far ’n deachaidh Nelson treun do’r dìth.
Gu’n las gach cridh’ gu’r gruaidh,
’Dol gu siùbhlach thar nan sùgh,
’Nuair is gailbhich’ smùid a’ chuain;
’S is fuaimneach, fada toirm a’ chath’,
’S is gailbhich’ smùid a’ chuain.
Cha ’n fheum ar dùthaich daingnich’,
’S tùr-chaisteil chrann m’a tràigh,
’S ur siubhal-s’ air na sléibhtibh cuain
’S ur dachaidh buan air sàil’
Le tàirneanach o’r darach cruaidh,
Their tuinn a chlaoidh gu suain,
’S iad a’ rànaich gu traigh,
’Nuair is gairbne gàirich cuain;
’S is fuaimneach, fada toirm a’ chath’,
’S is gairbhe gairich cuain.
A’ bhratach bhuadhar, Bhreatunnach,
Gu’n leum ’s gu’n las r’a crann,
Gus ’dean uainn’ oidhche ’chruadail triall,
’S reul-sìth’ gu tìr nam beann.
Bidh sin, a gaisgeach’ fairge!
Ar ceòl ’s ar cuirm le ’r buaidh,
’S fuaim ar ciùil bidh mu’r cliù,
’Nuair dh’ fhàsas ciùin’ air cuan;
’S gun tuillidh toirm no teine cath’,
Gun strì gun stoirm air cuan.
BREITH.
Aig 72 East 114 St., am baile New York, air an 7mh latha dhe ’n Mhàrt, do Mhr. agus do Mhrs. Coinneach Mac Gilleain, mac.
BAS.
Aig Rathad Mhorley, air a 25mh latha de Februaraidh, Anna Nic Gilleain, bantrach Choinnich Mhic Gilleain nach maireann, ceithir fichead bliadhna ’sa h-aon a dh’ aois.
AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leigsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD.
Cuir a dh’ iarraidh sampuill, teisteannais us urrais.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia. —agus—127 State St., Boston, Mass.
NUAIR THEID THU ’BHADDECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram, Bathar Cruaidh
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile.
An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.
Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.
Indurated Fibreware
Tha an seòrsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire.
THE E. B. EDDY Co LIMITED
HULL, CANADA.
title | Issue 38 |
internal date | 1897.0 |
display date | 1897 |
publication date | 1897 |
level | |
reference template | Mac-Talla V No. 38. %p |
parent text | Volume 5 |