[Vol . 5. No. 39. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, APRIL 3, 1897. No 39.
Litir o Choinneach Odhar.
A DHUINE CHOIR. —Chunnaic mi o choinn ghoirid gu robh sibh a toirt cuireadh do chairdean na Gailig fios a chur ugad an dràsda ’sa rithist; agus ’s ann a smaoinich mi, ged nach eil barail ro mhor agam orm fhéin no air mo chomasan-sgriobhaidh, gu’n cuirinn deuchainn ort le litir o m’ pheann fhéin. Cha’n eil fhios agam co-dhiu chòrdas sin aona chuid riut fhéin no ri do leughadairean; ach mur-a còrd mo sheanachas riut fhéin, cur fios ugam, agus ma mhi-chòrdas e riutha-san deanadh iad an ni ceudna; agus mo lamh-sa dhut, ma gheobh mise brath dhe’n t-seòrsa sin, nach cluinnear an còrr uam. Mar a thuirt am fear roimhe, bidh glas-guib orm am feasda tuilleadh.
Nise, cha’n eil teagamh nach i cheud cheist a choinnicheas mi, ‘Co thu, agus c’ àite ’m bheil do dhachaidh?’ Ma ta, cha’n eil mi aìr son a cheist sin a fhreagairt aig an àm so idir. Cha’n eil fhios ciod a dh’ fhaodas mi dheanamh aig àm eile. Fhir a tha leughadh, dùin do shùilean, agus smaoinich cia lion eachdraidh-beatha duine a leugh thu, agus an sin feòraich car son a chaidh eachdraidh nan daoine sin a sgriobhadh? Nach ann a chionn gu robh iad ’nan daoine mora anns an t-saoghal; a chionn gu robh iad ’nan daoine a bha aona chuid treun ann an cogadh, a bha ’nan luchd-riaghlaidh glic, a rinn moran math no uilc anns an t-saoghal, no a bha iomraiteach ann an litreachas na dùthcha d’ am buineadh iad? Nach eil so fior, agus nach eil e fior mar an ceudna gur ann an uair a bha ’n obair a choisinn an t-ainm dhaibh ullamh, no beul ri bhi ullamh, a chaidh eachdraidh am beatha a sgriobhadh? Cha’n eil fhios ciod a tha dol a thachairt dhòmhsa thaobh na tha mi ’cur romham fhéin, co-dhiu a choisneas mi deagh ainm dhomh fein no droch ainm, co-diu a bhios m ifo mhi-chliù no fo dheagh chliù ’nuair a bhios mi ullamh de sgriobhadh nan litrichean so, agus uime sin, bidh mi fada ’n comain do leughadairean ma dh’fhanas iad gun a bhi feòrach co mi, c’àite ’m bheil mi, no ciod a ghnè dhuine th’annam. Cha’n e gu’n cuir an cuid litrichean dragh sam bith ormsa, oir cha ruig iad mi; ach cha bu toigh leam iad a bhi ’cur dragh ort-sa, a dhuine chòir, o’n tha fhios agam gu bheil do leòr agad ri dheanamh mar tha, gun tuilleadh a chur ’na cheann le litrichean faighneachdail o leughadairean do phaipeir.
Aon ni innsidh mi gu saor-thoileach, agus ’se sin, ged a tha mi gabhail ainm an fhiosaiche iomraitich a chaidh a chur gu bàs ’sa Bhrathain o chionn còrr us da cheud bliadhna air ais, nach eil, cho fad ’s is fiosrach mi, càirdeas sam bith agam dha. Tha mi ’g innse so air eagal gu ’m bi sùil aig feadhain de na bhios a leughadh mo chuid litrichean ri beagan fiosachd fhaotainn uam an dràsda ’sa rithist.
Cha ’n eil fhios agam an creid thu mi, ach cha ’n eil rud air an t-saoghal a’s gràiniche leam na bhi bruidhinn mu m’ dheobhainn fhéin. Cha toigh leam idir e. Neor-thaing nach toigh leam a bhi air mo mholadh le daoin’ eile (fhad ’s a dh’ fhanas iad o chlàr m’ aodainn leis), ach bu bheag orm riamh a bhi agam fhéin ri dheanamh. ’S e mo bharail nach eil e ceart no freagarrach do neach sam bith a bhi ’labhairt a bheag uime fhéin. Ma ni e e-fhéin a mholadh, no ma bhios e deanamh uaill á ni sa[ ? ] bith a rinn e, cha ’n fhaigh e ach gle bheag a bheir creideas d’a sheanachas; ach air an laimh eile ma labhras e gu h-olc uime fhéin, cha ’n e mhàin gu ’n creidear e, ach bidh daoine de ’n barail nach do dh’ innis e leth na firinn. Air an aobhar sin, tha “Coinneach Odhar” aig an àm so a’ gabhail a chead de ’fhéin, agus cha chluinnear e ag radh uiread so mu thimchioll fhéin an da latha so.
Ach c’ àite ’n tòisich mi? Cha dean math dhomh iomradh a thoirt air an t-side, neo bidh cuid-eigin a’ faotainn coire dhomh; tha bhi bruidhinn m’ an t-side air a dhol á fasan, ’s ma ni thu bheag a radh m’a deibhinn bithear a magadh ort. Cha b’ ann mar sin a bha ri m’ latha-sa; bhiodh an t-side air thoiseach gach sgeòil. ’Nuair a thigeadh duine stigh air cheilidh, b’e cheud ni an deigh fàilte chridheil a chur air na bha stigh tarruing a thoirt air briaghad no doirbhead na side. Rachadh an aimsir a choimeas ris an aimsir a bh’ ann bliadhnaichean eile, agus uaithe sin rachadh iad iar adhart bho sheanachas gu seanachas, agus mu ’m biodh fhios agad c’àit an robh thu, bha sgeulachd an deigh sgeulachd ’ga h-aithris, a dheanadh a leithid de tharruinn air d’ inntinn ’s nach mor nach diochuimhnicheadh tu gu robh a leithid de ni is sid’ ann, ’s ged a bhitheadh bha thu coma co-dhiù. ’S iomadh oidhche thoilichte a chuir mi seachad ’s mi nam bhalach beag ag éisdeachd ri m’ athair ’s ri daoine còire eile a’ cur seachad na h-ùine air an dòigh ud. ’S fhada uaithe sin, agus gle thric ’nuair a thig m’ dhachaidh o m’ obair, sgith agus air mo sharachadh le cùraman an t-saoghail, theid mo smuaintean air ais gu laithean agus oidhcheannan sona m’ òige, ’nuair nach robh aona chuid iomguin no cùram a’ cur dragh air m’ inntinn. B’iad sin na làithean mu’n do thòisich an t-àl òg air a bhith smaoineachadh gu’m b’iad fhéin bu ghlcie ’s a b’ fhiosraiche na ’m pàrantan. Ach cha toir mi ’n còrr iomraidh air an òigridh an dràsda; cluinnidh iad uam an ùine gun bhi fada. Tha mise cho measail air an oigridh ri duine sam bith, agus theagamh gur e nach eil mi fhéin òg is coireach mi bhi faighinn coire dhaibh, ach tha fhios agam gu bheil iad ’san latha ’n diugh ann an iomadh dòigh mar nach bu chòir dhaibh a bhith. Ach ciod air an robh mi bruidhinn? Air an t-side! Agus tha mi nise cho fada bho m’ chuspair ’sa tha ’n àirde ’n ear o’n àirde ’n iar. Ach siod mo dhòigh-sa; am fasan a bh’ aig Niall bha e riamh ris.
Tha mi air na h-uiread a sgriobhadh a nise agus gur h-ann a dh’ fheumas mi sgur, ged nach eil mi fhathast gle fhad’ o ’n àite ’s an do thoisich mi. Ach tha ’n sean-fhacal ag radh gur obair latha tòiseachadh, agus ma rinn mise eadhon tôiseachadh math leis an litir so bidh mi toilichte. Ach cho math ’s ’g am bi an tòiseachadh, ’si chùis a chrioch a bhi ceart. ’S iomadh duine thòisich gu math a chriochnaich gu h-olc; tha mi an dòchas nach ann mar sin a thachras dhòmhsa no dhuit sa, ach ma thoisich sinn gu math gu’m buannaich sinn anns an dòigh cheudna, agus mar sin gu ’n tig sinn gu deagh chrich. Bidh mi a’ fàgail beannachd agaibh an dràsda, cha ’n fhada gus an cluinn sibh uam a rithist, ma theid gach cùis leam ’s gu’n toir sibh féin misneachd dhomh. Is mi ur caraid dileas, an latha chi ’s nach fhaic.
COINNEACH ODHAR.
Latha nan Amadan, 1897.
Tha Pàrlamaid Chanada a nise ’na suidhe còrr us seachdain, ach cha deach a bheag a dheanamh fhathast ach bruidhinn. Chaidh bill no dha a thoirt a stigh leis an Riaghladh, agus àireamh leis na buill, ach cha d’ fhuaireadh na b’ fhaide le aon diubh fhathast ach an leughadh a’ cheud uair. Chaidh aon bhill a thoirt a stigh leis an Riaghladh a rùnachadh nach bi aig an àrd-phàrlamaid am deigh so ri bhi cosg ri rolla luchd-taghaidh ullachadh idir, ach gu’n gabhair an rolla bhios aig gach mor-roinn fa leith air a son fhéin. Mar sin cùmhnair moran do’n dùthaich, agus duine aig am bi guth ann an taghadh buill do’n phàrlamaid iseil, bidh an guth ceudna aige ann an taghadh buill do’n àrd-pharlamaid.
[Vol . 5. No. 39. p. 2]
RAIBEART BRUS.
Co-dhiù, ’n uair thàinig a steach gu maith ’s an earrach, rinn an rìgh na h-uil’ ullachadh a bha ’na chomas air son a chòraichean féin a thoirt a mach o ’naimhdibh cumhachdach. Fhuair e càirdean ’us cuideachadh a measg cinn-fheadhna nan eilean a ’s iar, ’s mar sin thional e càbhlach beag ’s an robh tri bàtaichean deug thar fhichead, agus tri ceud fear air bord annta. Leis an fheachd so thàinig e air tìr ’an eilean Arrain, fo sgàile na h-oidhche. Tha ’n t-eilean beag so air taobh Caolas Chluaidh, dìreach mu choinneamh a chuid fearainn fèin, Carraic, a th’ air taobh deas a’ chaoil sin. Dh’ fheòraich an righ de ’n cheud mhnaoi a choinnich e ’n déigh dol air tìr, ciod an àireamh shaighdearan a bha ’s an eilean? Fhreagair ise, gu ’n tàinig buidheann de choigrich armaichte do ’n eilean o cheann ghoirid; ’s gu ’n do chuir iad an ruaig air an oifigear Shasunnach a bha na fhear-riaghlaidh air Caisteal Bhrothaic, gu ’n do mharbh iad e féin ’s a’ chuid bu mhò de chuid daoine, ’s gu ’n robh iad a nis a’ caitheamh an aimsir a’ sealg feadh an eilein. Thug an rìgh mu ’n airidh e féin a bhi air a threòrachadh a dh’ ionnsuidh na coille bu tric leis na coigrich so a bhi taghall. Nis b’e ceann-feadhna na muinntir ud a chuir an ruaig air na Sasunnaich, agus a chuir cuid diubh gu bàs Morair Seumas Dùghlas, caraid a’ Bhrusaich, ris am b’ éigin dealachadh mu ’n do ghabh e ’n cuan Eireannach toiseach a’ gheamhraidh. Shéid Brus an adharc ’s a choille, ’s co luath ’s a’ chuala Seumas Dùghlas am fuaim ghlaodh e mach le aoibhneas, gu ’m b’e sud an rìgh; gu ’n robh e ga aithneachadh air an dòigh séididh a bh’ aige. Cha b’ fhada gus an robh na càirdean a’ fàilteachadh a chéile le mòr shubhachas, ged nach b’ urrainn gun searbhadas a bhi ac’ a’ cuimhneachadh air ciod a thachair o dhealaich iad. Ach cha bu daoine meath-chridheach na laoich a bha ’n sud. Chuir iad an cinn ri chéil’ ach ciod an dòigh an tòisicheadh iad air ruagadh an nàmhaid a mach as an tìr gu h-iomlan. Rùnaich Brus tòiseachadh ’na chearna féin de ’n dùthaich, a measg a luchd-eòlais, a bha e ’n dùil a dheanadh còmhnadh ris. B’e ’cheud ni a chaisteal féin, a bha ’an Turnberi, a’ bhuntainn á làmhaibh nan Sasunnach. Chuir e null duin’ earbsach a mhuinntir Charraic féin, mar bheachdair gu sealltuinn timchioll air, ’s gu faotainn a mach ciod an inntinn ’s an robh an sluagh, agus ciod an àireamh shaighdearan a bh’ aig na Sasunnaich timchioll air a’ chaisteal. Agus na ’m mothaicheadh e gu ’m biodh an sluagh deònach air éiridh an aghaidh nan Sasunnach, no gu ’n robh coslas sam bith air gu ’n soirbhicheadh leò, bha e gu teine fhadadh air cnoc os ceann a’ chaisteil air là àraidh. Thàinig an là, ’s bha Brus ’s a luchd-leanmhuinn gu h-iomguineach a’ spaisdearachd air ais ’s air aghart air a mhol, ’s cha robh teine no soillse ri fhaicinn. Fadheòidh goirid an déigh an àm shuidhichte, chunnacas solus air an dearbh bhad ’s an robh Cutbert, beachdair a’ Bhrusaich, gu ’fhadadh; sgaoil ’us mheudaich an solus gu bhi na theine mòr, lasrach. Thòisich Brus ’s a chuid daoin’ air tarruing nam bàtaichean thun na mara le mòr aigneadh, an dùil gu ’n robh iad air am fiadhachadh leis a’ bheachdair gu leum air na Sasunnaich. Cha deachaidh iad fad’ o thir ’nuair a thuit an oidhche dhoibh. Ràinig iad fearann Charraic mu mheadhon oidhche. Choinnich Cutbert dìleas air a’ chladach iad le sgeul dhubhach. Thuirt e gu ’n robh Morair Percey ’s a’ chaisteal le àireamh mòr shaighdearan, ’s gu ’n robh e air uiread de eagal a chur air an t-sluagh le ’bhagraidhibh ’s le ’ghniomharaibh, ’s nach robh misneachd sam bith aca gu éiridh an aghaidh rìgh Shasuinn.
“Agus a bhrathadair,” ars an righ, “carson a dh’ fhadaidh thu ’n teine ud?” “Oh! Fhir-uasail,” arsa Cutbert, “cha d’ fhadaidh mise riamh e, ’s cha ’n ’eil fios agam co rinn e, no carson; cha ’n fhaca mi e gus an do dhorchaich an oidhche, ’s o’n bha fios agam gu ’m mealladh e sibhse ghreas mi ’n so gu bhur cunnart innseadh dhuibh.” Chuir an naigheachd so oglachd mhòr air Brus. Bha e car greis eadar dha bharail co dhiubh a dh’ fhanadh no philleadh e. Dh’ fheòraich e de ’chàirdean ciod a bha iad an dùil bu chòir a dheanamh? “Air mo shonsa, mar aon neach,” ars Eideard Brus, “cha ’n ’eil mi dol a philltinn, la ’s tàinig mi do dhùthaich mo bhreith air an dòigh so; an dara cuid aisigidh mi saorsa do ’n tìr, no tuitidh mo cholunn air an fhearann ’s an d’ rugadh mi.” An déigh beagan smuaineachaidh thàinig an rìgh féin thun na h-inntinn cheudna. Rùnaich iad uile, mar so, fantuinn a dh’ fhaicinn ciod an soirbheachadh a chuireadh Freasdal nan rathad.
Bha mu dha cheud saighdear aig Morair Percey air chairteilibh ’s a’ bhaile ri taobh a’ chaisteal, a thuilleadh air àireamh àraidh a bha ’freiceadain a stigh ’s a’ chaisteal féin. Air mharbhan a’ mheadhon oidhche ud féin chualas fuaim, ’us glaodhaich, ’us éigheach neo-àbhaisteach feadh a’ bhaile. Ged a bha freiceadain a’ chaisteil a’ cluinntinn so uile ’s a’ gabhail uamhais mu ciod bu chiall da, cha dùraichdeadh iad tighinn a mach ré na h-oidhche, gun fhios co an nàmhaid ùr a bha air tighinn, no cia co làidir ’s a bha e. ’N uair a shoilleirich a’ mhaduinn chunnacas na h-Albannaich a’ roinn mòran creiche—armachd, eich-chogaidh, agus uil’ acfhuinn campachaidh Mhorair Percey. Fhuair an Sasunnach dùbhlan a rìs tighinn a mach as a’ chaisteal do ’n achadh fhosgailt’ a chogadh ri Brus. Ach o nach robh saighdear beò aig’ ach an dòrlach a bha ’s a’ chaiseal còladh ris, bu bhuidhe leis fantuinn far an robh e, ’s tàmailt an diùltaidh a ghiùlain. B’e so an ceud car soirbheachail a chuir Raibeart Brus deth ann a oidhirpibh air Alba shaoradh o fhòirneirt nan Sasunnach. Ach goirid an déigh sud thàinig feachd eile Shasunnach do chaisteal Charraic, ’s b’ éigin da aig an àm a chùl a chuir air. Ach aig an àm cheudna chuir e ’n ruaig air dà Iarla Shasunnach ’am blàr tarruingte, ’s theich iad gu caisteal Ara, far an do chuir e séisde theinn riu.
Goirid an déigh dhoibh dol air tìr an Carraic rinn Morair Seumas Dùghlas air son a chaisteal féin a spionadh á lamhaibh nan Sasunnach. Thàinig e do ’n choimhearsnachd ré na h-oidhche agus nochd se e féin do iochdaran dìleas a bh’ aig ’athair, a b’ aithne dha ’n uair a bha e ’na bhalach, agus a ghuil le aoibhneas ’n uair a chunnaic se e. Dh’ fholuich se e féin ’an tigh an duine so, ’s chuir e fios gu h-uaigneach, a lion fear ’us fear, air àireamh maith de ’chàirdean dìleas as am feudadh e earbsadh. Chuir e ’chomhairle riu sin mu ciod an rian a ghabhadh iad air cumhachd an nàmhaid a bhriseadh. Bha aon de làithean féille dlùth air làimh, Di-domhnuich Buadhach, air an robh fios aca gu ’m fàgadh na saighdearan uile an caisteal, ’s an rachadh iad a dh’ éisdeachd na searmoin do ’n eaglais a bha ’s a’ choimhearsnachd. Bha ’n Dùghlasach ’s a luchd-cuideachaidh ag ullachadh air son dol do ’n t-searmoin iad féin. Bha iad rud-eigin fadalach mu ’n do ràinig iad an eaglais. Bha cuaille fada bata aigesan ’s aig a’ chuid eile de thuath cheathairn na dùthcha; ’s bha eudaichean uachdair fad’ orra fo ’n robh an cuid armachd foluichte. Mu ’n robh an ceann-feadhna air e féin a nochdadh ’an taobh a stigh de bhallachan na h-eaglais bha e air aithneachadh, ’s thuig mòran, mar is maith a dh’ fheudadh iad, nach b’i ’n t-sìth a bh’ ann. Thogadh an’ éigh thall ’s a bhos, “An Dùghlasach! an Dughlasach.” Thilg gach fear uaithe a chuaille ’s fhalluing, ’s thug e tarruing air a chlaidheamh. Bha ’n t-seirbhis a dol air aghart; ach cha robh urram sam bith gu bhi air a thaisbeanadh dha sin. Shuidhicheadh freicidein mhaith làidir ’an dorsaibh na h-eaglais; ’s ghabh buidheann eile troimpe le ’n armailt rùisgte, a’ reubadh ’s a’ marbhadh nan Sasunnach. Chaidh na saighdearan uile ’mharbhadh no ghlacadh ’n am priosunaich. Co luath ’s a bha obair a’ chasgraidh so criochnaichte, thug an ceann-feadhna, le ’luchd-leanmhuinn aghaidh air a’ chaisteal. Cha robh ’chaismeachd air an aitreabh sin a ruigsinn. Fhuair iad an geata fosgailte, gun duine stigh ach am portair ’s an còcaire. Bha ’n dìnneir deas, ’s am bòrd air a chòmhdachadh ’s an talla air choinneamh nan saighdearan. Dh’ òrduich an Dùghlasach an geat’ a dhruideadh ’s a’ chuideachd a shuidhe timchioll a’ bhùird. ’N uair a ghabh iad an dìnneir, chruinnich esan ri chéile gach ni a b’ urrainn a chuid daoine a ghiùlan leò—armachd, eudach ’us séudan. An déigh sin rinn e aon tòrr de gach gnè bìdh a bha ’s a’ chaisteal, ’s dhòirt e air an tòrr sin gach gnè deocha bha ri ’m faotainn ann—marbh e ’n sin na priosunaich, ’s
[Vol . 5. No. 39. p. 3]
thilg e ’n cuirp ’san tòrr còladh ris gach ni eile, ’s chuir e ’n caisteal r’a theine leis na bh’ ann. Thug sluagh na dùthcha “Tigh-biatachd an Dùghlasaich” mar ainm air an dioghaltas uamhasach so.
Cha robh iomradh air gniomharaibh euchdach a’ Bhrusaich ’s an Dùghlasaich fada gun Lunnainn a ruigsinn. Bha ’m Fad-luirgneach fathast beò, ged a bha e air fàs gu maith tròm, lag, le aois. Cha b’ urrainn e tuilleadh an t-each marcach a laimhseachadh, mar dheanadh e roimhe. Ach bha e co brùideil, garg ’na spiorad ’s a bha e riamh, agus co rùnaicht’ air na h-Albannaich a cheannsachadh, ’s am peanas a b’ eagalaich’ a dheanamh air na cinn-fheadhna chrosd ud nach robh idir air choslas géilleadh dha. Thog e air gu tighinn a nall do Alba, ’s dh’ òrduich e do ’fheachd cogaidh iad ga choinneachadh aig Carslile. ’N uair a ràinig e féin am baile sin leig e air gu ’n robh e air ath-nuadhachadh co mòr ’an neart ’s gu ’n tug e suas an carbad siubhail a bh’ aige mar thabhartas anns an àrd-eaglais, ’s gu ’n do ghabh e each marcachd. Ach thug e ceithir là air marcachd séa mìle. Leis an triall mhall so ràinig e àite ris an abrar Bail’ -air-tràigh, air taobh deas Ghallbhaigh. Ghabh e ’leabadh ’an sin ’s bhàsaich e air an 6mh là de mhìos deireannach an t-samhraidh, 1307, mu ’n cuairt do chuig mìosan ’an déigh do ’n Bhrusach eilean Rachlainn fhàgail. B’ e ceannsachadh Alb’ an ni àraidh a bh’ air smuaintibh Eideird air leabaidh a bhàis. Thug e air a mhac, air an robh ainm féin, bòideachadh, co luath ’s a dh’ fhalbhadh an t-anam as, gu ’m bruicheadh e a chorp ann an coire mòr, gus am falbhadh an fheòil bhàrr nan cnàmh; gu ’n adhlaiceadh e ’n sin an fheòil, ’s gu ’m fuaigheadh e suas na cnàmhan ann an seiche tairbh, ’s gu ’n tugadh e ma ’n airidh an giùlan gu ruig Alb’ air ceann an airm Shasunnaich, co tric ’s a dh’ éireadh na h-Albannaich ’an ceannairc ’na aghaidh. Bha e ’n dùil gu ’n do dhùisg na rinn e dh’ fhòirneirt ’s a shàrachadh air sluagh na rioghachd sin a leithid de uamhas na ’n uchd, ’s gu ’n tugadh glagadaich a chuid chnàmhan fada, fuar’, orra an cuid armachd a thilgeadh uatha, na ’n tachradh dhoibh aig àm sam bith droch comhairl’ a ghabhail gu éiridh. Cha robh na h-eòlaich a toirt creideas sam bith do Eideard II. air son géire no gliocais. Ach bha de chéill aig’ ’an toiseach a rioghachaidh nach do choimhlion e ’bhòid a thug an uile-bheist ud, ’athair, air a dheanamh, ach gu ’n do chuir e ’n corp air a s gu bhi air adhlacadh le e reachdas ’an Abaid na h-Iarmhinsteir ’an Lunnainn. Ghabh Eideard òg féin air aghart do Alb’ air cheann an airm gus an do ràinig e siorrachd Ara, ’s mharsail e ’n sin air ais gu ruig Sasunn, gun bhuill’ a bhualadh. Dh’ fhàg e aig a chuid oifigearan stiùireadh an airm, ’us ceannsachadh Alba. Bha e, gun teagamh, a’ deanamh a ghnothuich ni b’ fhusadh do rìgh Alba gur leanabh a thàinig ’an sud gu suidh’ air righ-chaithir Shasuinn. Ach an déigh sin uile bha obair gu leòir roimhe fathast, na nàimhdean a sguabadh a mach as an tìr. Ged phill Eideard dhachaidh bha mòran shaighdearan aige fathast ’an Alba. Bha caistealan ’us daingnichean làidir na rioghachd, cha mhòr, gu h-iomlan aige ’na chumhachd féin. Agus ni bu ro mhiosa na sin, bha mòran de àrd-mhaithean na h-Alb’ ag aideachadh an ùmhlachd do rìgh Shasuinn mar an rìgh dligheach, air eagal gu ’n cailleadh iad an cuid fearainn buileach na ’n aidicheadh iad Brus, agus nach soirbhicheadh leis an déigh gach saothair. Ach air an làimh eile, bha mòran a’ gabhail misneachd gu cruinneachadh thuig’ as gach cearna de ’n dùthaich, ’n uair a bha iad a’ cluinntinn an tomhas de shoirbheachadh a bh’ aige féin ’s aig Morair Seumas Dùghlas air feadh siorrachd Ara. Agus ’an ùine ghoirid thàinig a luchd-leanmhuinn gu bhi co lionmhor ’s gu ’n do chuir e gu maith tric an ruaig air na h-oifigearaibh Sasunnach, de Ualeus agus Morair Cliford, air sheòl ’s nach gabhadh iad orr’ a choinneachadh tuilleadh ’s an achadh fhosgailte, gus am faigheadh iad àireamh mòr sluaigh cruinn. Ach o nach robh rian aig Raibeart air an armailt a phàigheadh, b’ éigin a bhi ga ’n cumail aig seirbhis thall ’s a bhos, ’n am buidhnibh, a’ creachadh na Sasunnach, ’s a’ glacadh air an rathad an cuid bìdh ’us armachd; agus mar sin bhiodh an rìgh gu maith tric air fhàgail na aonar le glé thearc còmhladh ris mar gheard pears’, agus aig na h-amaibh sin bhiodh e ’n cunnart a bheatha chall leis na buidhnibh Sasunnach, ’s an càirdibh ’an Alba, de ’n robh siorrachd Ara nis air a lionadh. Thàinig Iain Lathairn, mu ’n cualas roimhe so, a nall do Ghallobhaidh, far an robh fearrann aige féin, ’s fhuair e buidheann ’s an robh da cheud fear cruinn, gu dhol air tòir a’ Bhrusaich. Thug iad coin-luirg leò, chum ’s mur glacadh iad aig an tigh e gu ’n lorgadh iad e ’s na monaidhibh, ge b’e àit’ an teicheadh e. Fhuair an righ sanas o charaid éigin gu ’n robh na naimhdean so a’ deanamh air son a ghlacadh an oidhche sin féin. Bha fios aige féin ciod a dheanadh e ’n a leithid sin de chàs. Cha robh ach mu thrì fichead fear co faisg air ’s gu ’n cluinneadh iad uaithe le cabhaig. Chruinnich e iad sin, ’s dh’ fhalbh e air an ceann tre mhonadh ’s tre choille nach robh fad as, agus an sin, tre amhainn a bha ruith tre àite cas, agus bruthach àrd air a thaobh thall, agus rathad domhain, cumhang air a chladhach ’s a’ bhruthach sin, anns nach robh rùm ach aig aon duine còmhladh. Cha robh beul-àth fagus do làimh ach sin a bha mu choinneamh a’ cheum chumhaing so. Chaidh e féin ’s a chuid daoine seachad air a’ bheul-àth so. Threòraich e iadsan tacan beag suas o sin, gus an leigeadh iad an anail, ’s gu ’n gabhadh iad beagan tàimh an déigh an turuis. Phill e féin ’s dà fhear-frithealaidh a dh’ ionnsuidh a bheul-àth. Bha fios aige ma bha na coin-luirg aig an luchd-tòrachd gu ’n treòraicheadh iad a dh’ ionnsuidh an àit’ ud iad; ’s cha ’n iarradh e chaochladh a dh’ àite gus an coinneachadh. An déigh feitheamh ùine ghoirid, chualas tabhannaich nan con a’ tighinn air aghart. Ach cha robh e ’dol a dhùsgadh a chuid daoine trom, sgìth, air son fuaim coin sam bith. Fadheòidh, ri solus na gealaich chunncas an luchd-tòrachd a’ tighinn air aghart, a’ bras choiseachd an déigh nan con. Ghrad chuir e air falbh a sheirbhisich a dhùsgadh nan daoine; sheas e féin roimh an nàmhaid aig a’ cheann chumhang. Bha ’n ceud fhear a thàinig aig aghart air mharcachd; ghabh e troimh ’n bheul-àth, ’us suas tre ’n rathad chumhang ud. Ach cha bu luaithe chaidh e steach ann na bha sleagh a’ Bhrusaich sàithte ’na chorp; thug an ath shàthadh dhi tre chorp an eich an t-ainmhidh gu talamh. Bha mar so an t-each ’s am marcach marbh a’ torradh suas an rathaid air sheòl ’s nach bu ni soirbh faotainn seachad orra tre ’n cheum chumhang ’s an robh iad. Chaidh an aon diol a dheanamh air an ath fhear ’s air an treas fear a dh’ oidhirpich dìreadh. ’S bha ’n fheadhainn a bh’ air taobh thall na h-aimhne ’glaodhach riu greasad air aghart, nach bu chomasach do aon duine seasamh ris na bh’ acasan de shluagh. Ach mu ’n deachaidh obair a’ chasgraidh ro fhad air aghart chunnacas luchd-cuideachaidh an rìgh nan teann ruith a nuas gu bruaich na h-aimhne. An sin thug Iain Lathairn ’s a chuid daoine na buinn dhi, ’s cha do chuir iad tuilleadh dragh air aig an àm sin. ’N uair a ràinig a chuid daoin’ e fhuair iad an gaisgeach ’an déigh a chlogad a chur dheth, agus a’ tiormachadh an fhalluis air falbh dheth ’eudan, agus cùig fir dheug, mar a tha cuid ’ga chunntadh, de ’naimhdean muin air mhuin air bruaich na h-aimhn’ air tuiteam. Ach ’s e ’n cunnart bu mhò ’s an robh ’n rìgh gu ’m biodh e air a bhrath le cuid a bha ’g aideachadh a bhi ’n an càirdibh dha, chum ’s gu ’m faigheadh iad an t-airgiod ceann a bha rìgh Shasuinn an déigh a chur air, agus a bha ’n a suim anabarrach mhòir ’s an linn ud, anns an robh airgiod co gann. Thugadh iomadh ionnsuidh air a bheatha le cuid a bha ’sanntachadh an airgid so, ach uatha sin uile shaor an Tighearn e.
Ach mar bha mòran, araon de àrd-mhaithean na tìre, ’s de ’n t-sluagh chumant’ a’ gabhail misneachd o’n tomhas de shoirbheachadh ris an robh Brus a’ coinneachadh, ’s le bhi ’faicinn nach robh aon chuid comasan no togarrachd air son cogaidh aig Eideard òg Shasuinn, thòisich iad air tional as gach cearna dhe ’n dùthaich gu bratach an rìgh dhlighich féin. Fhuair e nis e féin comasach air aghaidh a thoirt do bhuidheann sam bith de na Sasunnaich a choinneachadh e ’s an achadh fhosgailte. Ghabh e null thar amhainn Chluaidh air ceann armailt lionmhoir air los séisd a chur ris na dainghichibh bu treis’ a bh’ aig an nàmhaid air taobh
(Air a leantuinn air taobh 302.)
[Vol . 5. No. 39. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ‘Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton
SIDNI, APRIL, 3, 1897.
Litir a S. W. Margaree.
“Thainig Earrach oirnn m’an cuairt,
Theid am fuachd fo fhuadach cìan,
Theid air ìmrich thar a’ chuain
Geamhradh buaireasach nan Sìan;
Ràidhe sneachdach, reòtach, cruaidh,
A dh’ atas colg nan luath-ghaoth dìan,
Sligneach deilgneach, feanntaidh, fuar
A lom, ’sa dh’ aognaich snuadh gach nì.”
“Nochdaidh Phoebus duinn a gnùis,
A dealradh o thur nan spéur,
Le soillse caoimhneil, baoisgeil, blàth,
Gu tlusmhor, bàigheil ris gach crèubh;
Na sgrios a’ ghaillionn chiurraidh, fhuair
Mosgladh iad a nuas o’n éug;
Ath-nuadhaichear a’ bhliadhn’ as ùr,
Gach dùil gu mùirneach; surd air féum.”
Nam bithinn an darra leth cho comasach air sgriobhadh ’s a bha ùghdair nan ceathramhnan so, Eoghan Mac Lachuinn, dh’ fhaodain an deagh litir a chur a dh’ ionnsaidh a’ MHIC-TALLA; ach bho nach ’eil, biodh sibhse mar is abhaist, car lethsgeulach orm, agus a’ gabhail na toil an àit’ a’ ghniomha.
Tha ’m Màrt a nise gus a bhi seachad, agus, gu dearbh, ’s iomadh stairirich a rinn e. Cha robh seòrsa sìde nach tug e dhuinn, —fuachd is teas, reodhadh is buige, stoirm is fiath. Tha na ròidean a nise ’fàs dona; agus cho luath ’s ga falbh an sneachda tuilleadh, ’s e is fhèarr.
Tha mu thri cheud damh biata ’am Margaree am bliadhna. Tha iad so a nise deiseil airson nam marcaid, agus bithidh dùil ri bùidsearan Shidni a h-uile latha tuilleadh. Tha sinn a cluintinn nach ’eil na prìsean ach car mar a b’àbhaist; ma gheibh na tuathanaich ochd sentaichean am pùnnd air an fheòil, cha bhi iad a’ gearain, —tha ’phris na ’s trice fodha sin no as a chionn.
Tha am ’deanamh an t-siùcar a nis air teachd. Mar a thubhairt an te ’bha deanamh an òrain:—
“Gheibhear siùcar á’ craoibh
Ach an goc ’chur ’n a taobh,
’S cha dochair e h-aon d’ a géugaibh.”
’Nuair tha’n t-sìde freagarrach, is toilichte ged ’s saruichte an obair, a bhi cruinneachadh an t-sap a dh’ ionnsaidh a’ “chaimp” gus a ghoil sios gu molasses no siùcar. Is ann leam fhìn bu toil ’nuair a bha mi òg, seachdain no dha ’chuir seachad ’an gleannan blàth ris an obair so, gun duine comhla rium ach seann Eoghan Ruadh gu cumail an teine air dòigh. Is minic, air oidhche bhriagha, a ruigeadh baidean de ’n òigridh air chéilidh, agus gu firinneach, cha d’ ionndrainn mi riamh casg an annais a thoirt daibh ach comas a bhith agam idir air sin a dheanamh. Cha ’n ’eil coille mhor mhàiple ri fhaighinn a nis ach an corra aite; thuirt Iain Ban rium an dé gu ’m b’ aithne dhasan, tom briagha dhith fhathasd air chul na Beinne Brice, gu’n robh e fhein agus Raghail aige ma ’n am so ’n uiridh. Bhatar a deanamh moran siùcair air an abhainn so ’nuair thainig na daoine an toiseach a dh’ fhuireach do ’n àìte. Bha roinn mhath de mhàiple a’ fas air na h-ìosail an cois na h-aibhne, ach b’ fheudar an glanadh uile air falbh gus an talamh a réiteach air son feoir ’us barra. Bho chionn iomadh bliadhna, dh’ fhalbh da Ghàidheal chòir le luchd canoe de mhulchagan siucar do ’n Acarsaid. Ged a bha iad na’n daoine foghainteach, gléusda air tir, cha robh eolas sam bith aca air stiuradh a bhat’ Innseanaich ann a’ sruth cas na h-aibhne. Aig cuairt àraid, far an robh an t-uisge ruith gu molach, garbh, thainig an canoe mu’ n cuairt le sraònuidh, bhuail e le breab ris a bhanc air an taobh thall, agus gu mi fhortanach chaidh car dheth! Chaill iad an siùcar, agus dh’ fhag sin an t-uisge milis aig na bric fad seachdain!
Tha mi tuigsinn gu’n a chord am bàl gu math ri “gill-a- ghobha.” Tha e ’gradh gu ’n robh na caileagan ’ga thoirt a roghainn air gillean eile; tha mi ’ga chreidsinn, —cha b’e ’n dé a’ chiad latha do ghill’ -a-ghobha ’dhol na sgoil. Ach ma tha toil aig gean math nan nìonag a ghleidheadh, na biodh e ’ginnseadh dad ’s an dòigh ud; oir tha e car cunnartach gu ’m faodadh pairt eile dhiubh a bhi paillt cho fridhearra ’s cho furasda beantainn daibh ri
MÒR.
Am Mart, 27mh latha, 1897.
Tha caraide do ’n MHAC TALLA ag iarraidh fiosrachaidh a thaobh fir Tormoid Mac Fhionghain a dh’ fhalbh bhar Loch Ainslie ’sa chaidh gu Australia o chionn tri fichead bliadhna. An deigh a bhi an Australia chaidh e gu New Zealand. Bha e ’n toiseach ’na chiobair, ach an deigh sin bha e ’mèinneadaireachd. Bha e ’na dhlùth charaide do Dhomhnull Mac Leoid, mac do ’n Urr. Turmoid Mac Leoid. Cha robh e pòsda riamh, agus chaochail e mu fhichead bliadhna air ais, ’se gu math beairteach. Tha ar caraide dhe’n bharail gu faod Mr. Iain Rothach a bhi comasach air innse mu dheibhinn, agus ma tha, tha fhios gu’n cluinn sinn uaithe. Bu mhath leinn cluinntinn o neach ’sam bith aig am bheil am fiosrachadh a tha ar caraid ag iarraidh.
STOR UR TAILLEARACHD.
Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.
Theid sinn an urras air an obair.
MacCoinnich & Co.
Sidni, C. B.
F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn.
Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.
Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air.
Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.
Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.
THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin.
Tha Factoridh Eureka air aon de ’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.
Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.
Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitche’s Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.
[Vol . 5. No. 39. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Tha an t-side bh’ ann o chionn che’ -la-deug gle mhi-fhallain, agus chaochail moran. Aon la air an t-seachdain so, Di-màirt, bha tri torraidhean anns a bhaile.
Tha carbad a ruith eadar Sidni us Sidni a Tuath a nise, oir tha ’n deigh air fàs dona, agus leanaidh e air ruith gus am fosgail an acarsaid ’s am faigh na bàtaichean cothrom ruith. Tha chuid a’s fhearr de ’n gheamhradh seachad, agus mar a’s luaithe thig an samhradh ’s ann a’s fhearr.
Thuit fear Henry Newton marbh anns a bhaile Di-satharna s’a chaidh. Thainig e do ’n bhaile o chionn treis a bhliadhnaichean air ais comhla ri cuideachd chleasaichean; dh’ fhag e iad, agus bha e o’n uair sin a reic stuth làidir. Cha ’n eil teagamh nach b’e ’n t-òl a dh’ aobharaich a bhàs. Thatar ag radh gu robh a chuideachd gle mheasail, agus math air an doigh, ged a chaidh esan a dholaidh mar siod.
Aon latha air an t-seachdain s’a chaidh thachair dithis dhaoin’ oirnn a chuir beagan annais oirnn. A cheud fhear, tha e giùlan ainm Gàidhealach, ach is ban-Eirionnach a mhàthair, agus cha ’n eil facal Gàilig na ceann. Am fear eile ’se bana-Ghàidheal a bha ’na mhàthair, ach ’se Spàinnteach a b’ athair dha, aig nach robh Gàilig na bu mho na bha i aig màthair an fhir eile. Agus ged a bha sin mar sin, tha ’n dithis dhaoine so ’nan cainnt ’s nan cleachdaidhean cho Gàidhealach ri duine tha leughadh MHIC-TALLA.
La na Sàbaid s’a chaidh, aig Leitche’s Creek, chaochail Mor, bantrach Dhomhuill Dhomhnullaich, an deigh dhi aois ceud bliadhna ’sa seachd a ruigheachd. Rugadh i ’s an t-Seann Dùthaich ’sa bhliadhna 1790, agus thainig i air imrich do ’n dùthaich so ’sa bhliadhna 1827. Bha a cuimhne ’sa h-aithne cho math ’sa bha iad riamh gus ùine ghoirid mu ’n do chaochail i. Bha a fradharc cho math ’s gu ’n cuireadh i snàithnein ann an snàthaid bhig gun ghlaìneachan. Dh’ fhàg i sianar chloinne beò, tri fichead ’sa dha de dh’ oghaichean, agus a h-aon deug air fhichead de dh’ iar-oghaichean. Bha a fear-pòsda ceithir fichead bliadhna ’sa dha dheug a dh’ aois ’nuair a chaochail e.
So ainmean nan daoine tha ’feuchainn ri bhi air an taghadh mar bhuill pàrlamaid ann an siorrachdan Cheap Breatunn. Tha aìnmean nan daoine tha stigh an dràsda air an cur ann an litrichean Eadailteach:—
INBHIRNIS.
Liberals. —Seumas Domhnullach.
M. J. Doucette.
Conservatives. —Alasdair Caimbeul.
J. H. Jameson.
VICTORIA.
Liberals. —An t-Onarach Deorsa H. Murray.
Iain G. Moireastan.
Conservatives. —Iain A. Domhnullach.
A. G. Mac Leoid.
CEAP BREATUNN.
Liberals. —Dr. A. S. Kendall.
Alasdair Johnstone.
Conservatives. —Dr. Uilleam Mac Aoidh.
Iain I. Mac Carmaic.
RICHMOND.
Liberals. —Simon Joyce.
Donnachadh A. Mac Fhionnlaidh.
Conservatives. —Iain Moireastan.
Remi Benoit.
Ann an siorrachd Richmond cha ’n eil Ioseph Mathanach (Lib.) a bha ’sa phàrlamaid so, a’ dol a dh’ fheuchaìnn idir, agus tha Mac-Fhionnlaidh a’ ruith ’na àite. Bha buill Cheap Breatunn air an roinn gu cothrom anns a phàrlamaid so, —ceathrar air gach taobh—siorrachdan Inbhirnis agus Cheap Breatunn a’ cur chonservatives innte, agus siorrachdan Victoria us Richmond liberals.
Tha am Màrt air falbh, ach tha ’n t-side fuar, greannach gu leòr fhathast.
Bha ar caraid “A. S.” á Amaguadies Pond, ’gar coimhead an la roimhe. Cluinnidh sinn uaithe an ùine ghoirid. ’S toigh leinn daonnan ar càirdean a thaghal againn ’nuair a thig iad a stigh do ’n bhaile.
Chaidh Ioseph Handley, a thug ionnsuidh air duine mharbhadh ann a’ Halifax o chionn beagan us mios, fhaotainn ciontach air an t-seachdain s’a chaidh, agus fhuair e deich bliadhna dhe ’n tigh-obrach.
Tha ceannaichean Halifax an deigh moran ti a cheannach, an dùil gu ’m bi cis air a chur oirre air an earrach so. Thatar ag radh gu bheil de thi anns a’ bhaile na chumas ris a’ mhor-roinn fad bliadhna gu leith.
B’e Dior-daoin Latha nan Amadan, no mar a their cuid latha na gogaireachd, ’S iomadh duine ’s bean, nighean us gille as an d’ thugadh an car air an latha sin; na ’m biodh againn ris gach aon a chaidh a chur air turus gogaireachd a chur sios mar amadan, cha mhor dhaoine glice a bhiodh againn ’san dùthaich, Ach cha ’n e h-uile duine as an gabh an car toirt a dh’ fhaodar a mheas ’na amadan.
Tha cath an Taghaidh air tòiseachadh. Tha ’n da phàirtidh an deigh an cuid dhaoin’ ainmeachadh, agus a’ cur rompa spàirn chruaidh a dheanamh chum am faotainn air an taghadh. Cho fad ’s is aithne dhuinne, cha ’n eil eadar-dhealachadh mor sam bith eadar an da thaobh, agus ’s e ’n aon ni a’s fhearr do ’n luchd-taghaidh a dheanamh gun sealltuinn ri pàirtidh idir, ach an duine ’s fhearr a chur a stigh ge b’e taobh de ’m bheil e. An duine tha ceart agus onarach aig an tigh, ’s e ’s dòcha gu ’m bi e mar sin anns a phàrlamaid, ach an duine nach eil ceart no onarach aig an tigh, agus ris nach earbadh duine a ghnothuch fhein, creideadh e nach bi e mar bu chòir ann an tigh na pàrlamaid. “Am fear a bhios earrach ’sa bhaile so bidh e carrach ’sa bhail’ ud thall.”
Aig na Forks, maduinn na Sàbaid s’a chaidh, chaochail Ruairidh Mac Fhionghain, fear de na daoine bu shine ’san sgireachd Rugadh e an Uidhist a chinn a Tuath ’sa bhliadhna 1815, agus bha e mar sin ceithir fichead bliadhna ’sa dha a dh’ aois. Dh’ fhag e bantrach, ceathrar mhac us triùir nighean. Bha e ’na dhuine math air an robh mor-mheas aig na fhuair eòlas air. Bha e ’na eildeir an eaglais St Andrew’s; b’e fear de na cheud fheadhain a bha air an taghadh ri linn an Dotair Mhic Leòid. Chaidh an corp a thìodhlacadh anns a chladh air Hardwood Hill. Bha e ’n toiseach air a thoirt a stigh do ’n eaglais, far an robh seirbheis ghoirid air a cumail. Bha moran sluaigh a làthair, agus lean a’ chuid mhor dhiubh an giùlain do ’n chladh, mar sin a’ taisbeanadh an urraim agus an gràidh dha-san a bha mar athair anns an eaglais agus anns an sgireachd.
NADUR EILE.
Tha bean-uasal á Montreal a’ sgriobhadh:— “Tha K. D. C. an deigh m’ fhear-pòsda a thoirt o bhi ’na mhathan gu bhi ’na dhuine caoimhneil, gràdhach.” Cha ’n e mhain gu bheil esan a th’ air fhàgail crosda, greannach, le droch stamaig, ’na shàruchadh dha fhéin, ach tha e na throm-uallach air feadhain eile. ’S ann gle ainneamh a gheibhear sonas còmhla ri neach air am bheil an tinneas so, agus bha làn aobhar aig a mhnaoi-uasail so air a bhi taingeil do K. D. C. air son a fear-pòsda a thoirt o bhi cho crosda ri mathan gu bhi ’na dhuine caoimhneil, gradhach. K. K. C. air son na stamaig, agusK . D. C. Pillsair son a chuim.
Cuirear sampuill ugad a nasguidh.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia—agus—127 State St., Boston, Mass.
C. P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
THA D. J. Domhnullach air son rùm a dheanamh do bhathar an earraich, agus tha e ’creic na th’ aige de bhathar geamhraidh gle shaor. Reicidh e ni sam bith a tha ’san stor, ach a mhain brogan, 20 p. c. na’s isle na bha iad roimhe so. Rud air am pàigheadh tu $1 .00 roimhe so, cha chosg e dhut an drasda ach 80c. Cha mhair so ach mios. Thig trath agus faigh bargan.
NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B,
Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha.
[Vol . 5. No. 39. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 299.)
sear na dùthcha, ’s an glacadh. ’S mar a bha e ’g an toirt uatha lion aon ’us aon bha e ’g an leagadh gu talamh, chum ’s nach deanadh iad dion do ’n nàmhaid aig àm sam bith ’an déigh sud. Bha cuid de na daingnichean bu ro threis’ a bh’ ann mar bha caisteal Dhunéidin ’us Linlithgo, &c ., air an glacadh le seòltachd. Ach cha do dhi-chuimhnich rìgh Raibeart an tàir ’s an dragh a chuir Iain Lathairn air roimhe sud. An déigh cumhachd nan Coimineach, a bha ’cogadh air taobh nan Sasunnach, a bhriseadh, le mòran diubh a chur gu bàs leis a’ cheann a chur dhiubh, ’s an adhlacadh ’an aon uaigh, ris an abrar, “Uaigh nan Coimineach gun cheann,” chuir e mu ’n cuairt gu tighinn air Iain Lathairn. ’N uair a chual Iain gu ’n robh an rìgh a’ tighinn ’n a aghaidh air cheann feachd lionmhoir, rinn e ullachadh air son a choinneachadh mar a b’ fhearr a dh’ fheudadh e. Ghabh e sealbh air bealach cumhang, eadar bonn beinn Cruachan ’s a’ bheinn eile ’s faisg oirre. Bha ’m bealach so co cumhang ’s nach faigheadh ach tearc de dhaoine còmhladh ann, ’s am fearann ro àrd, cas air gach taobh dheth. Ach fhuair am Brusach a mach nàdur an òrduigh a bha ’n so, ’s tharruing e buidheann de ’chuid daoine fa chomhair a’ bhealaich ud, ’s chuir e leth eile na h-armailt, fo chomannd’ an Dùghlasaich, timchioll na beinne gu tighinn air saighdeiribh Iain Lathairn, o’n cùlaobh. ’N uair a rinn an Dùghlasach suaicheantas ris an rìgh gu ’n robh e air tighinn gu ionad tharruing lann, ghabh e ’n sin air aghart gu slighe dheanamh troimh’ an nàmhaid. ’N uair a dh’ aìthnich na h-Earghaelich gu ’n robh iad eadar dhà theine, ’s gu ’n dol as ann, chaill iad am misneachd ’s an òrdugh, ’s chaidh an cur gu bàs le àr mòr. Bha ’n ceann-cinnidh féin air bord ’an soitheach beag air Loch Odha, ’s ’n uair a chunnaic e mar chaidh an là theich e, ’s fhuair e rian air dol a null a Shasunn. Ghéill athair Iain, ’s an teaghlach uile, do ùghdarras an rìgh; ach thug e uatha mòran creiche, ’s mòran fearainn, a bhuilich e air mac a pheathar, Sir Cailean Caimbeul. Tha e aig sliochd an duine sin, a tha ’n an teaghlach ainmeil ’s an tìr, gus an la ’n diugh. —Eachdraidh na h-Alba.
A Ghailig am Baile Ghlascho.
Tha a’ Ghàilig na ’s beothaile ann am baile-mor Ghlascho na tha i ann an ceannabhaile na Gaidhealtachd. Tha moran Ghaidheal a’ fuireach ann, agus tha iad a’ cumail air chuimhne cainnt agus cleachdaidhean an sinnsir gu duineil. Tha Comunn Gàilig aca, agus cho fad ’s is fiosrach sinne, is Comunn Gàilig e, ’s cha ’n e comunn a tha air ainmeachadh air a Ghàilig, agus nach eil a deanamh ach gle bheag as a leith. Tha mar an ceudna class Gàilig aca na h-uile geamhradh an co-cheangal ris an Ard-sgoil. Bha a’ choinneamh bhliadhnail aig a chlass sin air oidhche Di-haoine, an coigeamh latha dhe ’n Mhàrt. Bha Mr. Donnachadh Reid, F. S. L. A., fear-teagaisg a chlass, ’na cheann-suidhe air a choinneimh so, agus dh’ fhosgail e i le òraid ghoirid an Gàilig mar a leanas:—
“A chàirdean Gaidhealach, ’s ann le fior thoilinntinn a tha mi ’gabhail na cathrach aon uair eile air coinneimh bhliadhnail na Ceilidh ’s na Sgoil Gàidhlig; agus tha mi ro thoilichte ’bhi faicinn àireamh cho mhor de ’m luchd-dùthcha a làthair air an fheasgar so. Tha sibhse nach ’eil ceangailte ris an Sgoil Ghàidhlig, na ris a’ Cheilidh, a taisbeanadh le ur lathaireachd anns an ionad so an nochd, gu ’m bheil bàigh agus spéis agaibh do na h-aobharan sin; agus tha sibh, mar sin, a’ toirt misnich dhuinn ar n-oidhirpean a mheudachadh as leth na Gàidhlig. Anns na h-oidhirpean a tha sinn a’ cleachdainn, bho àm gu h-àm, tha feum againn air cuideachadh agus misneachd, agus tha mi toilichte gur urrainn mi ’ràdh, gu’n d’ fhuair sinn sin, ann an tomhas mòr anns an àm a chaidh seachad; agus tha ’n Sgoil Ghàidhlig agus a’ Cheilidh fo chomain nan càirdean caoimhneil sin a thairg agus a thug an cuideachadh dhuinn gu fialaidh. Tha a nis còrr agus deich bliadhna bho ’n chaidh an Sgoil Ghàidhlig a steidheachadh ann an Ard-sgoil a’ bhaile so, agus mar tha fios agaibh, bha i fo m’ riaghladh ré na h-ùine sin. Mar sin, tha mi comasach a ràdh—gun a bhi ’g agairt do m’ sgoilearan no dhomh fhein urram sam bith—gu ’m bheil an Sgoil Ghàidhlig feumail agus buannachdail air iomadh doigh, agus gur airidh teagasg na Gàidhlig a bhi air a chur air bonn na ’s farsuinge ’s na ’s diongmhalta anns a’ bhaile so na tha e. Bliadhna an deigh bliadhna, tha àireamh mhòr de mhinisteirean òga air an cur a mach o àrd-thigh-foghluim a’ bhaile so a chum an soisgeul a shearmonachadh ann an sgireachdan Gaidhealach agus ann an cànain a’ Ghaidheil; ach a chum ’s gu ’m bi iad fiosrach, comasach, agus ealanta anns a’ chànain sin, cha’n ’eil an oidhirp a’s lugha air a’ cleachdainn. Is cinnteach leam gu ’m bheil e feumail dhaibhsan, agus mar fhiachadh orrasan a tha dùil aca an teachd-an-tir a chosnadh trid searmonachadh na Gàidhlig, iad féin a dheanadh eolach agus fileanta anns a’ chànain sin. Ann an dreuchdan ’s ann an ceairdean eile tha e mar fhiachadh air an luchd-ionnsachaidh gu ’n dean iad-fein eolach anns gach puing a buineas do ’n dreuchd a roghnaich iad; ach airson seirbhis na h-eaglaise Gàidhlig, cha ’n ’eil e air a mheas feumail gu ’m bi na daoine òga air an teagasg ann an cànain, no ann an litreachas na Gaidhealtachd. Ma dh’ fhaoidhte gu ’m faod cuid a radh nach ’eil e iomchuidh dhomhsa—mar fhear-teagasg na Gàidhlig—mo ghuth a thogail mu ’n chuis so, ach cha ’n ’eil mi fhein a’ smaointeachadh gur coir glais-bheòil a chur orm, a chion ’s gu ’m bheil mi teagasg na Gàidhlig. Tha mi ’faicinn gu ’m bheil creuchd an sin a tha feumal air a leigheas, agus tha mi fiosrach gu ’m bheil mòran de ’m luchd dùthcha de ’n bheachd cheudna. Tha fios againn gu ’m bheil mòran air an là an diugh, cho mhath ’s anns na laithean a dh’ fhalbh, a chuireadh glais-ghuib air gach neach a thogas a ghuth as leth na Gàidhlig agus na Gàidhealtachd, na ’m faodadh iad, ach cho fad ’s a bhitheas comas na teanga againn, togamaidh ar guth gu fuaimeach, farumach airson còirichean nan Gaidheal, ’s na Gaidhealtachd.”
An deigh sin lean e roimhe ann am Beurla, a toirt iomraidh air an obair a bha ’n class a’ deanamh, agus air na h-oidhirpean a bhatar a’ deanamh leis na Gaidheil anns gach cearna de ’n rioghachd air son leas na Gàilig. Thog e a ghuth gu làidir an aghaidh na feadhnach a tha ’g radh gu ’m biodh an Gàidheal moran na b’ fhearr dheth na ’n leigeadh e a chainnt féin air diochuimhn’, agus gu ’m biodh e labhairt na h-aon chainnt ris na Goill. Bha Mr. Reid dhe ’n bharail nach ann na b’ fhearr dheth ach moran na bu mhiosa a bhiodh an Gàidheal na ’n deanadh e sin, agus chriochnaich e le earail a thoirt air na Gàidheil a bhi dileas da ’n cànain, agus fheuchainn ri nochdadh nach robh i am measg nan nithean a bha ullamh gus a dhol á sealladh, ach na ni feumail, air nach fhaodte dearmad a dheanamh.
Bha àireamh leabhraichean air an toirt seachad mar dhuaisean dhaibhsan a choisinn iad le adhartas math a dheanamh ann an ionnsachadh na Gàilig, agus an deigh sin bha co-sheirm ghasd’ aca anns an robh òrain Ghailig us Bheurl’ air an seinn.
An co-cheangal ris a Chlas Ghàilig, tha Céilidh air a cumail suas oidhche ’san t-seachdain fad a gheamhraidh, aig am bi òrain air an seinn, sgeulachdan air an aithris, òraidean air an liubhairt, agus còmhrach agus deasboireachd air an cumail air adhart, gu h-iomlan ann an Gàilig. Tha còrr us ceithir fichead ’na ’m buill de ’n Chéilidh, agus tha iad gle fhritheilteach air a bhi aice na h-uile h-oidhche.
AN COMUNN GAILIG.
Bha an dinneir bhliadhnail aig a’ Chomunn Ghàilig oidhche Dior-daoin an t-aonamh latha deug dhe ’n Mhart, an t-Oilear D. Caimbeul Black ’na cheann-suidhe. Bha moran dheochan-slàinte air an òl, agus bha ’chuid bu mhò de na h-òraidean ann an Gàilig. Am measg fheadhain eile, bha deochan air an òl air slàinte na “Ban-righ’nn, ’s an Teaghlaich Rioghail,” “An t-arm,” “Na Gaidheil aig an tigh is thairis,” agus “Litreachas nan Gàidheal.” An co-cheangal rithe so, labhair Mr. D. Mac-a- Phi mar a leanas:—
“A chinn-shuidhe agus a dhaoin-uaisle, a mhuinntir Comunn Gailig Glascho, is mor an t-uallach agus an onair a chuir sibh ormsa an nochd le bhi tabhairt cuireadh dhomh beagan a labhairt ’n ur n-eisdeachd air “Litreachas nan Gaidheal.” B’ fhearr leam gun do roghnaich sibh neach eigin eile na b’ ealanta agus na bu chumhachdaiche ann am briathraibh na mise, a chum ceartas a dheanamh ris a phuing so. Tha mi ’n dochas nach measar na dhànadas dhomh an ni so a ghabhail as laimhe; ach geallaidh mi nach cum mi fada sibh. Feuchaidh mi mo dhichioll a dheanamh, agus cha ’n iarrar air duine dona an còrr. Ged a b’ fhurasda dhuibh ball eile do ’n Chomunn fhaotainn, a chuireadh “Litreachas nan Gaidheal” na bu shoilleire, na bu tailnich’ air iomadh seol fo comhair, their mi gun amharus uaill, gu ’m bitheadh e doirbh air a’ Chomunn duine eile a thaghadh aig a bheil barrachd spéis agus theas-ghràdh do gach ni a bhuineas do
[Vol . 5. No. 39. p. 7]
na Gaidheil, na mise. ’Nuair a sheallas mi mu’n cuairt an diugh, agus a leubhas mi anns na paipearan naigheachd na h-oidhirpean a tha fior Ghaidheil, agus daoine foghlumte eile a deanabh a chum na Gailig, agus a’ Litreachas a chumail beo, saolaidh mi gu ’m bheil seòrsa do dh’ uaill ag éiridh nam chridhe. Feumaidh sinn aideachadh nach do ghabh air sinnseir an t-saothair bu chòir dhaibh, a chum an litreachas so a chlo-bhualadh; agus uime sin chaidh moran do dh’fhior-bhardachd, seanachas, agus sgeulachd air chall. Ge do tha sinn uile duilich air son an dearmaid so, tha sìnn taingeal gum bheil dùsgadh nar measg anns an latha ’n diugh mu thimchioll an litreachas so, a tha moran am meas gle luachmhor air iomadh dòigh. Tha daoine foghlumte an diugh anns gach ceàrn—daoine a tha ionsaichte ann a bhi geur-bheachdachadh air focail, ciamar a dh’ fhas iad agus gu de am bonn bho n’ d’ thainig iad—daoine ris an abair sinn anns a’ Bheurla “Philogists;” tha iad sin a tionndadh an inntinn ris a’ Ghailig agus litreachas nan Gaidheal, do bhrigh gun do thuig fa dheireadh gu m’ bitheadh na bu ghlice agus na bu ghéire anns an ìonnsachadh so. Cha chluinn thu ’n diugh duine foghlumte a’s fhiach, a cuir sios air a’ Ghailig. Gun teagamh tha gàrlaich an siod ’s an so, agus is duilich leam a ràdh, beagan Ghaidheal nam measg—a feuchainn tarchuis a chuir air a chànain mhilis, bhlasda, a bhruidhinn sinn an toiseach aig glun air màthair. Ach mar a thubhairt mi cheana mar tha? Cha’n ’eil teagamh sam bi nach eil dùsgadh mu thimchioll Litreachas nan Gaidheal ann air duthaich fein agus an an cearnaibh eile do t saoghal. Agus ged nach urainn sìnn a ràdh ann an ceartas gum bheil an litreachas so, cosmhuil ri moran do litreachas nan Sasunnaich ann an beachdan ard agus farsuing, mar a gheibhear ann an Shakespeare, Milton, agus Wordsworth, gidheadh tha litreachas nan Gaidheal ann an seadh eile cho bòidheach, cho milis, agus cho teò-chridheach ri moran do ’n chuid a’s fhear a chaidh a chuir ri cheile leis na Sasunnaich. Tha seo soilleir ’nuair a smuainicheas sinn air obair nan seana bhàird, am measg moran eile Mac-Mhaighstir Alastair, Dunnachadh Bàn, agus Uilleam Ros. Ged nach robh cuid dhiu seo ionnsuichte mar bha Baird Shasuinn gidheadh bha iad ann an dlùth chompanais ri spiorad naduir mar a tha i ri ’faicinn anns na cnuic, na h-uillt, an fhairge, fluraichean na talmhainn, agus mar an ceudna aigne dhaoine. Agus cha chòir duinn dearmad a dheanamh air baird an latha ’n diugh, oir co a chuireamaid air thoiseach air mo charaid Niall Macleoid—Righ nam baird a tha againn anns an linn so. Ach tha eagal oirm gu ’n sgithich mi sibh le a bhi labhairt tuille. Gidheadh leigibh dhomh impidh a chur air gach Gaidheal a bhi measail air litreachas a dhuthaich agus a shinnseir, agus spairn a dheanamh a chum agus gum bi a chuid a’s fheàrr dhi air a clò-bhualadh, chum agus gu ’m faic an nàmhaid gum bheil litreachas again a’s fhiach a chumail beò. Leigeabh leam freumh do fhine uasal—Sgiathanach sùnndach, grinn, Alasdair U. MacLeoid, ainmeachadh ann an co-cheangal ris an deoch shlàinte so. A nis a mhuinntir Comunn Gailig Ghlaschu lionadh gach mac mathar a chuach ghloinne le stugh uasal na Gaidhealtachd, agus oladh e beatha agus saoghal fada agus cumhachd mor do “Litreachas nan Gaidheal.”
Fhreagair Mr. Mac Leod ann an òraid ghoirid anns an d’thug e iomradh air cho glan ’sa bha litreachas nan Gaidheal. Cha robh e, ma dh’fhaoidte cho pailte ’s bu mhath leinn e bhith, ach na bh’ann dheth, bha e math. Bha òraidean eile air a liubhairt air nach urrainn duinn iomradh a thoirt aig an àm so; ach saoilidh sinn gu’n tuig ar luchd-leughaidh o na thug sinn seachad, gu bheil na Gaidheil agus a’ Ghaàilig gu math beo ann an Glascho, agus gu ma fada mar sin iad!
Tha còrr us 1,400,000,000 sluaigh air an t-saoghal, agus tha 35,214,000 a’ bàsachadh gach bliadhna; tha sin 96,480 gach latha; 4,020 gach uair; agus 67 ’s gach mionaid. Air an làimh eile tha 36,792,000 air am breith na h-uile bliadhna; 100,800 gach latha; 4,200 gach uair; agus 70 gach mionaid. Tha mar sin 1,578,000 a dol ri àireamh sluagh an t-saoghail gach bliadhna, naodh fichead a h-uile h-uair.
Air do Chalum beag a bhi ’g éiridh, sheall e mach air an uinneig agus chunnaic e ’ghealach ’san adhar, rud nach fhac’ e riamh roimhe air an latha. Thainig e nuas an staidhir a’ gàireachdaich. “O mhamaidh,” ars esan, “seall sibhse ’n rud a rinn iad; dh’ fhàg iad a ghealach a muigh.”
Chaidh Eirionnach uaìr a cheangal ris an t-sith. B’ fheudar dha mionnachadh gu ’m biodh e aig sith ris gach aon de dh’ iochdarain na Ban-righ’nn fad bliadhna. “Ach,” arsa Pat, an deigh dha a chùirt fhàgail, “gu ’n cuidicheadh am freasdal leis a cheud choigreach air an tachair mi!”
Iadsan a ghabhas orra fhéin nach eil iad a’ creidsinn gu bheil a leithid a dh’ àite ’s ifrinn ann, ’siad as àirde guth ag ùrnuigh ’nuair a bhios iad ann an cunnart bàis.
CARADH
Uaireadairean
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar uthcha tha ’nar beachd
D. A. Mac FHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.
Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .,
SIDNI, C. B.
McDonald Hanrahan & Co,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co
Mai 4.; ’95
[Vol . 5. No. 39. p. 8]
Oran nam Fineachan Gaelach.
LE IAIN DUBH MAC IAIN ’IC AILEIN.
’S i so ’n aimsir a dhearbhar
An targanach dhuinn,
’S bras meamnach fir Alba
Fo ’n armaibh air thus;
’N uair dh’ éireas gach treun-laoch
Nan éideadh glan ùr,
Le run feirg’ agus gairge
Gu seirbhis a chruin.
Theid mathaibh na Gaeltachd
Gle shanntach sa chuis,
’S gur lionmhor each seang-mhear
A dhamhsas le sunnd,
Bi’dh Sasunnaich caillte
Gun taing dhaibh ga chionn,
Bi’dh na Frangaich nan campaibh
Gle theann air an cul.
’N uair dh’ éireas Clann-Domhnuill
Na leoghainn tha garg,
Na beo-bheithir, mhor-leathunn,
Chonnspunnaich, gharbh,
Luchd sheasamh na corach
Dh’an ordugh lamh-dhearg,
Mo dhoigh gu ’m bu ghorach
Dhaibh toiseachadh oirbh.
Tha Rothaich a’s Rosaich,
Gle dheonach teachd ’nar ceann,
Barraich an treas seorsa,
Tha chomhnaidh measg Ghall;
Clann Donachaidh cha bhreug so
Gun eireadh libh ’s gach am,
Mar sin is clann Reabhair
Fir ghleusta, nach éisd gu ’n bhi annt.
’S iad Clann-an-Nab an seorsa
A théid boidheach nan triall,
’S glan comhdach nan comhlainn
Luchd leonadh nam fiadh;
Iad féin a’s Clann-Pharlain
Dream àrdanach, dian,
’S ann a b’ àbhaist gu ’n àireamh
Bhi ’m fabhar Shiol Chuinn.
Na Leodaich am por glan
Cha b’ fholach ’ur siol,
Dream rioghail gun fhotus
Nan gorsaid, ’s nan sgiath,
Gur neartmhor, ro-eolach
’Ur n-oig-fhir, ’s ’ur liath,
Gur e cruadal ’ur dualchas
A dh’ fhuasgail sibh riamh.
Clann Fhiomnghuinn o’n Chréithich
Fir ghle ghlan gu’n smur,
Luchd nan cuilbheirean gleusda
’Nam feuma nach diult;
Thig Niallaich th’ air saile
Air bharcaibh nan sugh,
Le ’n cabhlach luath lan-mhor
O Bhàghan nan tur.
Clànn-Illean o’n Dreollaiann
Theid sunndach san ruaig
Dream a chlosadh aineart,
Gun taing choisinn buaidh;
Dream rioghail do-chiosaicht.
Nach striochda do ’n t-sluagh,
’S iomadh mile deas, direach,
Bheir inntinn dhuibh suas.
Gur guineach na Duimhnich
’N am bhriseadh cheann,
Bi’dh cnuachdan gan spuachdadh
Le cruadal ’ur lann,
Dream uasal ro uaimhreach,
Bu dual bhi san Fhraing,
’S ann o Dhiarmad a shiolaich
Por lionmhor nach gann.
Tha Stiubhartaich ur ghlan
Nam fiurain gun ghiomh.
Fir shunndach nan lu-chleas
Nach tionndaidh le fiamh,
Nach gabh curam roi mhuiseag
Cha b’ fhiu leo bhi crion,
Chu ba shugradh do dhu-ghall
Cuis a bhuin dhibh.
Gur lionmhor lamh theoma
Aig Eoghann Loch-iall,
Fir cholganda, bhorganda,
’S oirdheirce gniomh,
“Iad mar thuilbheum air chorra-ghleus
’S air chon-fhadh ro dhian
’S i mo dhuilse ’n am rusgadh
Nach diult sibh dol sios.
Clann-Mhuirich nech soradh
A chonspairn ud ial,
Dream fhuilteach gun mhor-chuis
Dha’n coir a bhi fial,
Gur gaisgeil fior-sheolta,
Ar mor thionail chiad,
Ni sibh spoltadh air feolach
A stroiceadh fo ’n ian,
Tha Granndaich mar b’ abhaist
Mu bhraidh uisge Spe,
Fir laidir ro-dhaicheil
“Theid dan anns an streup,
Nach iarr cairdeas no fabhar
Air namhaid fo’n ghrein,
’S i n-ur làmhach a dh’ fhàgas
Fuil bhlàth air an fheur.
Tha Frisealaich ainmeil
Aig seanachaibh nan crioch,
Fir gharbha ro chalma,
’Ur fearg cha bu shi;
Tha Catanaich foirmeìl
Si ’n armachd am miann,
’An cath gairbheach le ’r n-armaibh
A dhearbh sibh ’ur gniomh.
Clann-Choinnich o thuath dhuinn
Luchd bhuannachd gach cis;
Gur fuasgailteàch, luath-lamhach
’Ur n-uaislean san stri;
Gur lionmhor ’ur tuadh-cheathairn
Le ’m buailtibh de nì;
Thig sluagh dumhail gu’n chunnta
A dùthaich Mhic-Aoidh.
Nis o chuimhnich mi m’ iomrall,
’S fàth iunntraichinn iad,
Fir chunnabhalach chumaite,
Ni cuimse le ’n laimh,
Nach dean iomluas mu aona-chuis
Chionn iunntais gu bràth,
Gur muirneach ri ’n iomradh
Clann-Fhiunnlaidh Bhrài’ -bhàrr.
Thig Gòrdanaich, ’s Greumaich,
Grad gleusd as gach tìr,
An cogadh rìgh Tearlach
Gum b’ fheumail dha sibh;
Griogaraich nan geur-lann
Dream speiseil nam pios,
Air leam gum bi ’n eucoir
’Nuair dh’ éighte sibh sios.
Sìosalaich nan geur-lann
Theid treun air chùl arm,
An Albainn ’s an Eirinn
B’ e ’ur beus a bhi gàrg,
An àm dol a bhualadh
B’ e ’n cruadal ’ur calg,
Bu ghuineach ur beuman
’N uair dh’ éireadh ’ur fearg.
Nam biodh gach curaidh treun-mhor
Le chéile san àm,
Iad air aon inntinn dhìrich
Gun fhiaradh, gun chàm,
Iad cho cinnteach ri aon fhearr,
’S iad tìtheach air geall,
Dh’ aindeoin mùiseag nan dù-Ghall,
Thig cùis thar an ceann.
NUAIR THEID THU ’BHADDECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram, Bathar Cruaidh
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile.
An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.
Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.
Indurated Fibreware
Tha an seòrsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire.
THE E. B. EDDY Co LIMITED
HULL, CANADA.
title | Issue 39 |
internal date | 1897.0 |
display date | 1897 |
publication date | 1897 |
level | |
reference template | Mac-Talla V No. 39. %p |
parent text | Volume 5 |