[Vol . 5. No. 4. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE; IULAIDH 25, 1896. No. 4.
A New Zealand.
Tha mi tuigsinn gu bheil ur luchd-leughaidh a’ gabhail lachd anns na litrichean a tha mi ’cur ugaibh mu dhol a mach, agus mu nithean a thachair anns an dùthaich so. Bheir mi dhaibh air an àm so cunntas aithghearr mu’n acarsaid so, agus sgeulachd air Manai. Tha an acarsaid so gle mhath agus tearuinte bho na h-uile gaoth. Tha mu choig mile deug gu ceann an uisge, far am bheil baile Whangarei air a shuidheachadh. Tha uisge dombain ochd mile dhe’n astar: tha i mu thri mile leud, agus leth mhile leud anns a’ chaolas aig an rudha so. Tha tanalach mhin anns an acarsaid bho cheann gu ceann, moran dhi tioram ri muir-tràigh; leis an tanalaich so cha’n eil clais na h-acarsaid furasda cumail gun fear-treòrachaidh gleusda bhi air stiuir an t-soithich. Tha làn na mara ag éiridh mu naodh troighean, agus tha an struth a ruith gle bhras. Tha craobh do’n ainm mangrove a’ fas anns an uisge shaillte, anns an làthaich air tanalaichean aig bun aibhuichean agus shios an acarsaid, faodar bàta iomaradh troimhe aig muir-làn. Tha a chraobh so garbh, geugach, agus math airson connaidh. Tha i ’fas ann an dùthchannan tetha. Cha ’n eil an acarsard a’ dol a stigh direach; tha i ’gabhail fiaraidh ris an àirde tuath. Tha rithist slios mu dha mhile dheug gu ceann-tirc(Bream Head) ;tha so mu tri mile air leud bho bhagh-chinn air taobh na h-acarsaid dh’ ionnsuidh a’ chuain. Anns an astar so tha seachd ho ochd de chnuic, cuid diubh corr us mile troigh a dh’ airde, agus mu mhile dh’ astar gu’m mullach. Na cnuic so a thoirt direach air a chéile, tha iad colthach ri cinn, tha réisd an t-àite, tha iad colthach ri cinn, tha thà réisd an t-àite air ainmeachadh gu freagarrach “Whangari Heads.” Tha na beanntan àrda so nan sealladh neo-chumanta briagha. Tha talamh iseal eadar na cnuic so agus aig bun na beinne, far am bheil cuid de mhuinntir a thainig á St. Anns fuireach air an cuid fearainn. Tha ceann-tire, Bream Head,a dh’ ainmicheadh mar tha, mu dha cheud deug troigh a dh’ àirde, ag èiridh suas direach as a’ chuan, gu garbh, creagach. Air a mhullach tha da chreig faisg air a chéile colthach ri da chaisteal àrd. Tha so ’na chomharra cinnteach do fhear na mara. An cnoc a’s ainmeile dhiubh gu léir, ’se sin beinn Mhanai; tha e mu shia mile bhoBream Head,agus cho àrd ris an rudha so; tha bheinn mu mhile air fad, le coille mhoir agus creagan bho bonn gu mullach. Tha ’n toiseach cnoc àrd ag éiridh air taobh eile chaolais, a rithist Manai a togail a cheann air cùl sin ’s e coig ceud deug troigh a dh’ àirde, Air mullach na boinne tha coig stùcan mu thri fichead troigh a dh’ àirde ’s iad ann an sreath faisg air a cheile. Tha dha dhiubh caol, àrd, coltach ri dha de mheòirean na làimhe air an cumail beagan o chéile; tha ’m fear a’s mo dhiu air oisean àrd na beinne, creag chas direach sios gu bun. Air a chreig so tha aghaidh duine gu h-iomlan bho mhullach a chinn, bathais, sròn, sùilean, beul agus smigead, le gnùis a Mhaorie air. ’S e so Manai, ’s feumar ainmeachadh, oir tha sgeulachd Manai, air a togail air. Bha e air aithris gu robh e ’na cheannard mor, comasach le cumhachd mor thairis air na h-uile. Tha na stùcan eile ’seasamh airson a bhean ’sa chuid cloinne. Bha sgalag aige cuideachd. Aon uair bha Manai air falbh ag iasgach, agus nuair a thill e dhachaidh, thòisich iadach air le deagh aobhar. Ghabh e greim air an sgalaig agus thilg e sios e faisg air bun na beinne, far am bheil e ’n diugh ’na charraig mhòir àird ri taobh na beinne. Bha so na rabhadh dhaibhsan a bhiodh mi-bheusach. Tha clach air a chladach faisg air; b’e so an cù; agus clach mhor leathann eile; b’e so am bord-bidh aige. Faisg air bun ha beinne bha lahnhrig air a togail gu suasail, cladach gainmhich air gach taobh dhi. Tha i mu dha cheud troigh a dh’ fhad, mu shia troidhean a leud, agus cho direach ri saighead. Tha na clachan air an leagail air an tarsuinn agus, cho doigheil ’sa chàradh clachair iad. Tha slochd air a dheanamh air an laimbrig bho cheann gu ceann le bhi coiseachd oirre, no rud bu choltaiche bhi bleth nan tuaghan-cloiche oirre. A reir na sgeulachd b’e so laimhrig a thog Manai air son a cur tarsuinn air caolas, no beul, na h acarfaid dh’ ionnsuidh an rudha so, gus a marmhdean a chumail a mach. Ach an obair a dheanadh esan air an latha bha a naimhdean ’g a chur as a cheile air an oidhche. Tha e ri fhaicinn nach robh an laimhruig air a criochnachadh, agus tha na clachan air an sgapadh mar tha ’n sgeul ag innse. Tha i air a h-aithris air iomadh dòigh, ach ’se so a brigh, agus tha na Maories ’ga làn chreidsinh. Ach ’s ann a tha ‘n t-ioghnadh so air a chruthachadh, ceart mar a tha “Cabhsair mam Fiann” ann an ceann a tuath Eirinn.
Bha aon uair Maorie og innse na sgeulachd do mhinistir, a dh’ éisd ris gu foighidneach gus an robh e deas. An sin thuirt e ris nach b’ urrainn nach b’e na breugan a bh’ ann. Las so corruich a Mhaorie. “Tha mise ’g radh riut nach e na breugan a th’ ann idir; agus a bharrachd air a sin, ’si ’n iomhaigh so a’s fhearr na ’n iomhaigh mu’m bheil thusa ’g innse dhuinn (a ciallachadh bean Lot.) Tha ’n iomhaigh so againne air a deanamh de chlaich (Manai) stuth buan maireannach.
Bidh feadhainn gu tric a streap na beinne, ’sa dol gu mullach Manai. Bha buidheann de chuideachd òg shuas uair, na pàisdean agam fhéin còmhla riu, agus dhanns iad ruidhl’ ochdnar air mullach Manai, a tha mu shia troighean deug a leud. Chaidh ministeir còir uair suas còmhla ri caraid measail aig a bheil àite-còmhnuidh aig bun na beinne, fear Seumas MacLeòid. Bha Seumas lan àbhachais, agus thug e comhairle air a charaid urramach e dh’ fhuireach shuas, gun fhios am faigheadh e cho àrd am feasda tuilleadh!
IAIN ROTHACH,
Rudhu Mharsden, 2, 6, ’96.
Sean Fhacail.
An deoch nach gabhar an àm an tunnaidh, slàn leatha.
An fheadag màthair fhaoiltich fhuair,
Marbhaidh i caoraich is uain,
An gearran gearr,
Ni e farran nach fearr,
Cuiridh e a’ bho anns an toll,
’S an tig an tonn thar a ceann.
An leabadh a ni duine dha fhein, ’s ann innte ’s fheudar dha laidhe.
Abair Mac-an-Aba gun do chab a dhùnadh.
An lamh a bheir, is i a gheibh.
Am fear nach ionnsaichear ris a’ ghlùin, cha ’n ionnsaichear ris an uilinn.
An leann a ni duine dh’ a dheòin, òlaidh e leòr a dh’ aindeoin deth.
[Vol . 5. No. 4. p. 2]
SILIS NIC-COINNICH.
SEAN SGEUL GHAIDHEALACH.
(Bho Bheurla Sheumais Hogg, Ciobair Ettrick.)
IV.
AN uair a chunnaic fear de na seirbhisich d’ am b’ ainm Aonghas Saor, cho dian-bhriathrach agus cho dannarra ’s a bha Oighrig ’n a beachd fein agus nach cumteadh ’n a tosd i aon chuid le impidh no le bagradh, chaidh e agus dh innis e do ’n Mhoraire gach ni a bha i ’cur as leth nan uaislean, agus ars’ esan, “Mur cuirear stad oirre gu h-ealamh, bheir i masladh air a’ chinne gu leir.” Dh’ eisd am Moraire, gun bhi a reir coslais air a ghluasad gu ro mhor leis gach ni a bha air ’innseadh dha le Aonghas; thug e taing dha air son a dhillseachd; ach thug e breth air a shon fein; bu mhath dha na ’n d’ rinn e mar sin roimh laimh. Ach aig an am ud cha bu chomasach dha bhi caoin-shuarach mu ni sam bith a theirteadh no a shaoilteadh mu bhas a Shilis. Mar sin, cho luath ’s a bha an dinneir thairis, chuir e fios gu Oighrig Nic Coinnich gu ’m feumadh i tighinn an lathair nan seachd uaislean de ’n fhine a’ bha ’n an suidhe leis mu ’n bhord air an fheasgair ud. Ann an tiota, bha Oighrig suas an staidhir, agus ’n a seasamh gun athadh, gun ghriobhaig air beulthaobh nan uaislean. “So agaibh,” arsa Eidirdeil, ri ’chairdean, “baobh chrosda de shearbhanta, aig an robh comhdhaltas ri m’ cheile uasail nach maireann; agus d’ an robh mor speis aice. Tha e air ’innseadh dhomh gu ’m bheil i a’ sgaoileadh a mach a leithid de chasaidean tuaileasach ann ur n-aghaidhse agus ann am aghaidh fhein a thaobh bas na ban-mhoraire, agus gu ’m feumar a toirt gu cunntas air a shon gun tuilleadh dalach.
Oighrig, thig ni’s dluithe; seas air mo bheulthaobh, agus seall direach ann am aodann. Ciod e so an tuaileas mallaichte, droch-mheineach a tha thu a’ sgaoileadh cho dalma agus cho bathaiseach am measg nan seirbhiseach?”
“Cha d’ thubhairt agus cha do sgaoil mi dad ris nach seas mi ann ur lathairse agus an lathair ur cairdean; cha ’n e sin a mhain, ach ri aghaidh an dearbh dhuine sin a tha gu sonruichte ciontach ann ur measg uile.”
“Oighrig, cha ’n urrainn thusa ni sam bith a dhearbhadh, mar fhirinn, air nach robh thu fein ann ad shuil-fhianuis.”
“An e nach urrainn? —Tha fios agam air barrachd na ’shaoileas sibh. Tha moran air ’fhoillseachadh dhomh, nach faca mi riamh le m’ shuilean. Tha sibhse a’ saoilsinn nach ’eil fhios agam co a thilg mo bhain-tighearna, iomhuinn thar na drochaid. Dh’ fhaodadh sibh fein, mo thighearna, a bhi lan dearbhte mu ’n chuis, mur do dhi-chuimhnich sibh gach innleachd a bha air an deilbh ’n a h-aghaidh o àm gu àm. Ach ma tha sibhse air ur dalladh cho mor, mar is i mo bharail gu ’m bheil, innsidh mise dhubh mar thachair. Is ann le lamhan na dithis sin a tha ’n an suidhe aig ur laimh dheis agus chli, a thilgeadh leis an t-sruth ur ceile uasal, ionmhuinn, ach gu sonruichte les an t-seann abharsair sin, Carnach, a bha o cheann bhliadhnachan a’ sior dheilbh innleachdan cuilbheartach gu cur as d’ ur Silis uasail, ionghradhaich; agus a thug gu buil iad aig a’ cheann mu dheireadh, le fath a ghabhail air a’ bhreislich a thainig oirre fo uamhas na tuil a bha ’ruith fo ’n drochaid-mhaide. Agus cha’n esan a mhain tha ciontach de ’n ghniomh mhortail; bha e air a chuideachadh le mac a brathar—Barr-a- mhuilinn, an lasgaire uasal sin a tha air bhall-chrith fa m’ chomhair, agus ’n a shuidhe gu statail ri ’r guallainn. Faodaidh iad am fiaclan a chasadh rium. Is mise tha coma. Tha deagh fhios agamsa ciod e bu mhathair aobhair d’ am feall-chomhairlean ifrinneil. Cha do thuig sibhse fhathast a’ chrioch shoniruchte a bha aca ’s amharc. Air son crioch shuarach, fheineil, mhort iad bain-tighearna neochiontach, cho glan, cho uasal, cho ionmhuinn agus cho teo-chridheach ’s a tharruing riamh anail na beatha. Ah! gu dearbh, gu dearbh! cha ’ri ioghnadh leam am faicinn a’ clisgeadh ann am lathair agus na deoir a’ sileadh o an suilean an-iochdmhor. Tha sar-fhios aca gur h-i an fhirinn a tha mise ag innseadh dhuibh, agus is e an di-bheatha gu bhi cnamh an cir oirre.”
“Ciod e so tha mi ’faicinn? C’ arson a tha thu a caoineadh, a mhic bhrathar-mi’ athar?” arsa am Moraire ri Carnach.
“Mar is aithne do gach neach de m’ luchd-eolais,” arsa Carnach, “bha mi riamh o m’ oige, forfhaiseach mu nithibh sonruichte a dh’ fhaodadh a bhi ’s an dàn dhomh anns an fhreasdal, agus o chionn bhliadhnachan, bha roimh-bharail agam gu ’n tugteadh a’ bhan-mhoraire air falbh uainn le bàs obann agus tubaisteach; agus mar tha beatha aon neach gu tric an crochadh ri beatha neach eile, bha e air m’ inntinn gu ’m biodh a bàs air doigh eigin ’n a aobhar air mo bhás fein a thoirt mu ’n cuairt. Ach ged bha mi ach beag lan dearbhta uime, chaidh e ri h-uine as mo chuimhne, gus an d’ thug a’ ghaorsach dhalma, bheag-narach so, le a tuaileas mì-runach gu m’ chuimhne e as ur; agus a nis, tha mi lan-chinnteach gu ’n toir a’ bhiasd shuarach dhroch-mheineach so gu buil e. O, mo thighearna agus mo cheann-feadhna ionmhuinn, an leig thu a leithid so de ladarnas as gun pheanas?”
“Cha teid an ciontach as gun pheanas,” arsa Eidirdeil, “ach leanaidh peanas air sail dearbhaidh. Cho fad ’s a theid m’ fhocal agus mo riaghladhsa cha ditear neach, co air bith e, as eugais dearbhaidh. —A nis, Oighrig, tha iad uile an so, a bha ’n an suil-fhianuisean air bàs na ban-mhoraire. Tha fhios againn nach faca tusa cia mar a thachair e.”
“Ann e nach faca mise le m’ shuilean fein e?” arsa Oighrig “Thugadh na mortairean an aire dha. An saoil sibhse gu ’m b’ urrainn mise mo bhan-mhaighistir uasal, mo bhan-charaid chaomhail, a leigeadh thar na h-aibhne ann an cuideachd nan con-luirge sin, gun sealltainn as a deigh? Tha sar-fhios aca-san gu ’m bheil mi ag innseadh na firinn, agus dearbhaidh mi orra e. Thugadh iad an aire d’ an amhaichean,” ars’ ise, agus i a’ tarruing a meoir mu ’n cuairt a muineil fhein.
Chiteadh gu soilleir air gnuis a’ mhoraire, gu ’n robh e air a chur thuige le uamhunn agus le iongantas le bhi ’cluinntinn a chairdean air an casaid mar so ’n an lathair fein;agus cha ’n ’eil e mi-choltach gu ’n do thoisich e aig an am ud ri tomhas eigin de amharus altrum a thaobh an cionta agus an dubailteachd; ach dh’ eirich Carnach suas ann am braise feirge, tharruing e a chlaidheamh, agus, ars, ars’ esan ris a’ mhoraire, “Cha ’n fheudar a leithid so de chasaid a ghiulan, agus cha ghiulainear leatha ni ’s mo. Cha ’n fhaod a’ bhiasd dho-bheartach so o bhi beo ni ’s faide,”
“Air d’ athais, Fhir Charnaich!” arsa Oighrig, le a dorn bheag, gheal togta suas ri ’aodann. “Cha ’n fhaod mi basachadh an nochd, aill ar ’n aill leat e. Tha fios agam gu ’r h-e sin a riaraicheadh do chridhe an-iochdmhorsa, mar is math is aithne dhuit do chunnart cho fad ’s is beo mi; ach coidlidh mise an nochd far nach ruig do ghairdein brùideilse orm, agus far an bi comh-chaidreamh agam rithese a bha air a tilgeadh sios leis an dearbh ghairdein sin agadsa. Thugaibh deagh aire do na tha mi ag innseadh dhuibh. Na gabhaibh m’ fhocalsa a mhain air cionta nan uaislean so,” arsa Oighrig, agus i a tionndadh ris a’ mhoraire; “mur tig fiannis á duthaich eile a dh-ionnsaidh a’ Chaisteil, an taobh a stigh de thri laithean, a lan-dhearbhas dhuibhse cionta nan daoine so, ceadaichidh mise dhuibh mo chorp a ghearradh ’n a bhloighdean, agus m’ fheoil a thilgeadh am mach a dh-ionnsaidh nam feannagan agus nan iolairean. Cha bhàsaich mise an nochd, Fhir Charnaich, is eiginn gu ’m mair mi beo gus an toir mi lan dearbhadh do’n mhoraire air ur ciontasa. A mhortairean, mar tha sibh ann, tha dearbh chinnt agaibhse gur h-i an fhirinn a tha mi ag innseadh. Fhir Charnaich, bhruadair mi gu ’m faca mi do chorpsa ’n a ablach reubta aig bonn a’ chaisteil, agus tha fhios agam gu ’n tachair e. Ach, O, tha mi an dochas gu ’n crochar thu an toiseach! Oidhche mhath leat; ach cuimhnich, nach basaich mise an nochd—bidh mi beo ge b’ oil leat e.”
“Ciod a tha an dubh-chaile mhallaichte so a’ ciallachadh?” arsa na h-uaislean, agus iad a’ sealltainn an aodannaibh a cheile. “Ceadaichidh i dhuinn a corp a reubadh ’n a bhloighdean mur tig fianuis gu’r diteadh á duthaich eile; agus gu ’m bi comhchaidreamh aice an nochd ris a’ bhan mhoraire nach maireann. Ciod a tha a’ bhuidseach ifrinneil a’ ciallachadh?”
“Tha e do-thuigsinn dhomsa,” arsa Eidirdeil, “ciod a tha i a’ ciallachadh; ach tha mi a’ lan-thuigsinn nadur na casaid a thog i ’n
[Vol . 5. No. 4. p. 3]
ur n-aghaidhse. Agus bu shona ’bhitninn an nochd na ’m bithinn saor o amharus gu ’m faod i bhi fior. Coma co dhiu, tha e furasda gu leoir dhuinn feitheamh gu ceann nan tri laithean, gus am faic sinn an tig no nach tig an fhianuis dhiomhair ud mu ’n d’ thug i sanas dhuinn. Agus mur tig, an deigh sin, bheir sinn a’ ghaorsach gu breitheanas.”
“Faodaidh i dol as oirnn mu’n tig an t-am sin,” arsa Carnach. “Thuig mi air a cainnt gu ’m bheil e ’n a run sin a dheanamh air an oidhche so fhein. Is e ’bu choir dhuinn a’ bhiasd a ghlacadh air’ a mhionaid so. Is i mo chomhairle-se mate, gu ’n ceanglar a casan agus a lamhan, no gu ’n teid a glasadh a stigh anns an toll-dhubh gun tuilleadh seamsain. Gaibhaidh mi fein orm a bhi am fhear-coimhid a’ phriosain.”
“Cha ruigear a leas aon chuid a ceangal no a priosanachanh,” arsa Eidirdeil. “Theid mise an urras oirre, gu ’n cuirear ’n ur lathair i, beo no marbh, aig ceann nan tri laithean.”
(Ri leantuinn.)
LACHANN NA GAIDHLIG.
(Oban Times, Iun 7)
Bha latha mòr aca ann an Glaschu air Di-sathuirne so chaidh ’nuair a bha Comunn Chloinn Ghilleathain agus an cairdean a’ togail carragh-cuimhne do ’n Ghaidheal ainmeil nach maireann, Lachann MacGilleathain á Eilean Chola, a choisinn le dhìlseachd d’ a chànain an t-ainm “Lachann na Gàidhlig.” Tha am fear nach maireann ’na shineadh fo ’n fhòid anns a’ chladh mhor ris an abrar ‘Baile-nam-marbh’ air taobh deas Baile Ghlaschu. Ghabh Comunn Chloinn Ghilleathain as laimh an cirragh-cuimhne a thogail agus air m’ fhacal cha d’ rinn iad leth-obair dheth, oir chuir iad air an uaigh crois ghrinn de ghrinneal glas—leth-bhreac na té a tha ’na seasamh ann an Eillean I. Tha aintu agus cliù Lachlainn air a ghearradh oirre gu snasmhor agus na litrichean air an lionadh le h-òr. ’Nuair a bha sinn uile cruinn aig an uaigh labhair Prothaist Ghobhan—Niall MacGilleathain, Gaidheal smiorail á Cola—mar so:—
A Luchd-cinnidh agus a luchd duthcha—Tha sinn air tional an so an diugh anns an aite sholuimte so, far nach ’eil cabhag no comh-strì, far a bheil na h-uile trioblaid air sgur, agur far a bheil a chuideachd mhor mu ’n cuairt oirnn air sgur de ’n obair agus a’ gabhail fois bho ’n saothair gus an téid an gairm air an latha mhòr. ’Se mo bheachd nach ’eil cuid againn ’nar coigrich anns an àite so, agus gur tric a bha sinn an so a’ siteadh dheoir, a’ caoidh na dh’ fhalbh. Ach an diugh cha d’ thàinig sinn a bhròn ach a chur urraim air fear-cinnidh agus fear-dùthcha a bha ainmeil ’na latha ’s ’na linn. Ged a dh’ fhaodas e bhith gu bheil sinn car fada ann a bhi car an ceill ann an doigh fhollaisich ar spéis do ’n ghaisgeach so, ’se mo bheachd gu bheil iadsan a ghabh an gnothuch às laimh air deanamh a suas air son na mairnealachd so, leis an dòigh eireachdail agus shnasmhor anns am bheil iad a nis a’ feuchainn ri cliu agus euchdan an fhir nach maireann a chumail air chuimhne. Nach tric a thachair e, a chairdean, nach ’eil an speis a bhuineas do dhaoine air a thoirt dhaibh ’nau latha fèin. Is tric gur ann an dèigh do dhuine math an saoghal so fhàgail a tha meas air féin ’s air a bhuadhan.
Bha Lachlann MacGilleathain ’na fhior Ghaidheal, ’na Bhàrd, na sgoilear ’na Chriosdaidh agus ’na làn dhuine. Cha’n urrainn duine air bith na leabhraichean a sgriobh e a leughadh gun a bhi faicinn gu’n robh e làn de ghaol-dùthcha agus tha e ’na ghnothuch taitneach dhuine a bhuineas do dh’ Eilean Chola a thuigsinn gur ann as an eilien bheag bhòidheach sin, as an d’ thàinig iomadh duine measail, a thàinig Lachann MacGilleathain, agus gu’n do bhuidhinn e àite ann an litricheas nan Gaidheal nach urrainn moran ruigsinn air. Cha robh esan coltach ri moran eile a thig, ’s a thainig, do ’n bhaile so—aig nach ’eil smaoin ri sheachnadh do ni fo’n ghréin ach a bhì trusadh airgid agus a bhi carnadh beartais, gun urrad agus aon oidhearp a dheanamh a leasachadh cor an luchd-dùthcha anns a’ bhaile mhor. ’S ann a tha e iongantach cia mar a fhuair an duine math so uine agus cothrom air uiread a sgriobhadh ’nuair a bha e frithealadh air obair shuidhichte fein mar mharsanta. Cha’n ’eil teagamh na’n do shuidhich e inntinn gu buileach air beartas a dheanamh gu’n do shoirbhich leis ach na’n d’ rinn e sin cha bhitheamaid a so an diugh a cur a chliù an ceill. Faodaidh sinn a bhi cinnteach gu’n robh Lachlann MacGilleathain air a chradh gu mor ann a bhi faicinn a luchd-duthcha air an cur as an fhearann, agus cha do sheachain an t-olc sin Eilean Chola far an deachaidh moran foirneart a dheanamh air ar càirdean. Ged is i a’ Ghailig a bu deise ’s a bu taitniche le Lachunn bha eòlas aige air cànainean eile a bharrachd air Beurla agus Gàidhlig. ’Sann da fhein a thigeadh Gàidhlig a sgriobhadh mar a leig e ris anns an “Teachdaire Gaelach,” “Cuairtear nan Gleann” agus leabhraichean eile. B’e an leabhar a rinn ainmeal e “Adhamh agus Eubh” anns a bheil e a’ deanamh a dhichioll a dhearbhadh gur i Ghaidhlig a labhair a chàraid so ann an Garadh Eden. Bha e deidheil air an òigridh a theagasg agus mar so sgriobh e “Maighstir nam Modhannan,” Cha b’ urrainn e bhith nach faigheadh duine de ’n t-seorsa so eòlas air an Ollamh MacLeoid—Caraid nan Gàidheal. Bha e fein agus an t-Ollamh MacLeoid mar na n-oghachan a’ cathachadh gualainn ri gualainn air son math nan Gaidheal anns a bhaile so. Cha’n ’eil teagamh nach iomadh gille agus nighean òg a threoraich na daoine so air slighe thearainte.
Tha mise ’ga ghabhail ’na urram mor a bhi ann an so an diugh a chuir fa ’r comhar an carragh-cuimhne eireachdail a thog Cloinn Ghilleathain mar chuimhneachan air am fear-cinnidh ainmeal. Tha an carragh-cuimhne da rireadh finealte, grinn. Tha a’ Chrois an comhnuidh a’ samhlachadh air gràdh Dhe agus air gradh dùthcha.
Leugh am Prothaist an sin an sgriobhadh air a’ Charragh-chuimhne mar a leanas:—
MAR CHUIMHNEACHAN AIR
LACHANN MAC GILLEATHAIN
A EILEAN CHOLA,
UGHDAR “ADHAMH AGUS EUBH,
NO CRAOBH SHEANACUAIS NAN GAEL,”
AGUS LEABHRAICHEAN EILE,
GAIDHEAL CEANALTA AIG AN ROBH MOR SPEIS D’A
DHUTHAICH AGUS D’A CHANAIN.
1798—1848
THIS MACLEAN CROSS HAS BEEN ERECTED BY THE CLAN MACLEAN ASSOCIATION,
1896.
Labhair Donnacha Mac’Illebhain facal no dha. Thuirt e gu’m fac’ e Lachunn na Gailig uair no dha, agus leugh e cuid d’a leabhraichean agus bha beachd ard aige air mar dhuine agus mar Ghàidheal. Bha e gle thaingeil a leithid do charragh-cuimhne fhaicinn air uaigh an duine chòir.
Chaidh iarraidh air “Fionn” facal a radh agus thuirt e gu’n robh iad an deigh crìoch a chuir air a charragh-chuimhne le urram—carragh a bha fìnealta mar a bha nadur an fhir a bha fo’n lic agus a bhitheadh buan-mhaireann mar a chliù. Bha iad uile fada ann an comain a phrothaist air son an doigh shnasmhor anns an do labhair e.
Chaidh an dà rann a leanas aithris aig an uaigh. ’S e bàrd as an Eilean Mhuileach a sgriobh iad.
Cha chum carragh cuimhn’ air daoine,
’S cha dean dubh air aodach bron;
’S mòr a’s buain’ na t’ainm air lic,
An t-ainm ’thig tric o bhilean beò.
Mar ainm a’ Cholaich, am fìor Ghaidheal,
A sheas ar cànain aosda,
An aghaidh diumb, is tnn, is sgeig,
Is e ach beag ’n aonar.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.
THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin.
Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhibition Chanada da uair.
Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dull aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.
Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Illemhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitche’s Creek.Tha mu dheichair fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.
AN CRANN TARA
(Am Fiery Cross. )
PAIPEAR MIOSAIL AIR SON ALBANNAICH CANADA, anns am bheil air a chlo-bhualadh Dealbhan agus Beath-Eachdraidhean Gaidheil Chanada; Eachdraidh nam Fineachan agus dealbhan an snaicheantais; Ceol, Bardachd, asus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu iomadh ni eile. Pris: — $1 .00 ’sa bhliadhna, no sia miosan air son 50c. Sgriobh us cuir airgead guT . D. MACDONALD, 2591 St. Catherine Street, Montreal.
[Vol . 5. No. 4. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ‘Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, IULAIDH 25, 1896.
IOMRADH AIR MO THURAS DO CHEAP BREATUINN.
(Air a leantuinn.)
Mar a thuirt mi, bha ’n oidhche fliuch dorcha ’nuair a ràinig sinn Baddeck. Fhuair mi cuireadh fialaidh bho m’ charaid, an t-Urr. Mr. Dughallach ’s bho a cheile chaoimhneil, an oidhche chur seachad maille riu fhéin. Ach bha a rùn air a dhol astar cheither mile eile mu ’n gathamaid mu thàmh. Bha gille òg gasda le each ’us carbad a’ feitheamn gus ar toirt gu Ceann-a- Chobh. Bha mi uair ’s b’ eòl ach air an t-sligh ud mi. ’S lionbhor lorg mo choise eadar Baddeck ’us Ceann-a- Chobh. ’S coma leatsa gu dé bha ’ga mo thoirt ann cho tric. Coma co dhiu, dorcha ’s mar a bha e, dh’ fhalbh sinn. Cha robh moran againn ri radh ach bha intinn gach aon againn luaineach gu leòr. S iomadh rud a thig an inntinn an neach a thu muigh air oidhche dhorcha. ’S e so an rathad air am faca Domhnull Mac Aoidh am bòcan. ’S docha nach misde leat cluinntinn uair eagin mu bhòchdan Dhomhnuill. ’S maith a dh’ fheudta gu’n innis mi ’n sgeula dhuit aig àm eile mu bhitheas cuimhne agam air. Chuir sinn na bha romhainn de ’n oidhche seachad maile ri ar cairdean ann an Ceann-a- Chobh.
Chaidh mi suas do Cheann a Chòbha
Far an robh mi roimhe eòlach,
’S bha mi ’g ionndrainn dhaoine còire,
’S rinn mi sòlas ris na dh’ fhàgadh.
’Nuair ràinig sinn tigh Mhic Amhlaidh, far an d’ fhuair sinn biadh ’us blàs ’us caoimhneas ’s cuid na h-oidhche mar a b’ àbhaist, co bha romhainn ’s e air seilbh a ghaobhail air mo rùm ’s air mo leabaidh, ach gu ’m b’ e Iain Mac Coinnich a Inlet. “Coinnichidh na daoine ’s cha choinnich na cnuic.” Dh’ éirich Anna ’s rinn i biodh dhuinn. Bha ’n tigh uile air a bhonn. Cha robh moran tàbh dhuinn an oidhche sin. Chaidh mo ghill-ecarbaid air ais, a h-uile sgriob, ro ghlasadh an latha.
An lath’r- na-mhàireach bha gille òg eile le each ’s le ’charbad aig làimh gu ar toirt air ar n-aghart cho fada ri Baile-nan-Gall. Ràinig sinn an baile beag bòidheach sin, le cala Shaint Ann’s air a bheulthaobh agus a bheinn àrd air a chùl, mu thrath nòin. Bha posta a Chladaich-a- Tuath a’ faireach ruinn ann sin ’s e cho cabhagach ’s gur gann a dh’ fheud mi fuireach ris an dinneir mhath a dh’ ullaich mo bhana-charaid, bean Aonghais Mhic Ritchi dhoth, itheadh.
Cha robh an nise dhith airn nach an t-aiseag fhaoteinn, ’s cha do chuir sin éis oirnn, bha Torcul ann a fonn gasda ’s cha robh e fada ’gar cur air tir air taobh eile an uisge. Chaidh na h-uile ni leinn gu soirbheasach a chuid eile de ’n t-slighe. Rainig sinn ar ceann-uidhe mu àrd-fheasgar. Chainnich sinn ris na e àirdean a bha sinn an dùil fhaicinn, cuid dhiu nach faca sinn bho chionn àireamh bhliadhnachan. ’Nuair thàlnig bràithrean ’us peathraichean maile ri màthair ’us dluth chàirdean eile ann an còmhradh aon a chéile is iomadh ni mu’n robh aca ri labhairt. An darra aon a cur an cuimhne an aoin eile nithean a ghabh àìte ann am bliadhnaibh na h-aimsir céin’ nuair bha iad uile cruinn mu ’n aon tealach agus na h-atharraiehean a ghabh àite bho ’n am ud, ceud diu taitneach agus cuid eile a dùsgaah mulaid. Anns a chleachdadh so cha robh seachduinn fada ’dol seachd. Ach ’se deireadh gach comuinu dealachadh.
C. C.
(Ri leantuinn.)
LITIR A LUNNAIN.
FHIR-DHEASACHAIDH,— ’So agaibh ordugh airson £3 13s. 9d. mar phàigheadh airson a MHAC-TALLA fad bliadhna eile. Aig deireadh na litreach so gheibh sibh na h-ainme an a dh’ ionnsaidh an cuir sibh e. Tha neach no dithis de mo chàirdean a tha ’gabhail a phaipeir, nach fhaca mi o chionn ghoirid agus mar sin o nach d’ fhuair mi an t-airgead-bliadhna, ach cha ’n eil teagamh agam nach lean iad air cumail suas a phaipeir agus faodaidh sùil a bhi agaibh ri an cuid airgid gu h-athghearr.
Bha coinneamh mhor bhliadhnail nan Cimreach, ris an abair iad an “Eisteddfod,” air a cumail air an t-seachdain so, agus tha mi ’tuigsinn nach robh i dad air deireadh air dheireadh air na bliadhnachan a chaidh seachad. Bha aon ni a thachair air an do ghabh mi beachd shònraichte. Chuir na daoine-uaisle a tha air ceann an Eisteddfod rompa gu meudaicheadh iad an duais a th’ air a thoirt do’n fhear a choisneas am priomh àite am measg nam bàrd, dh’ fheuchainn am faigheadh iad mar so bardachd ni b’ fhearr na chleachd iad; ach an àite sin ’s ann a bha an t-oran a thug a mach an duais am bliadhna ni bu mhiosa, co-dhiu cha robh e dad ni b’ fhearr. Tha mi an dochas gu’n leig so ris do na daoine-uaisle so cho faoin ’s a tha e dhaibh a bhi smuaineachadh gu’n dean neach sam bith fior bhàrdachd airson airgid. Far am bi spiorad na fior bhardachd cha’n fheum e duais mhor gu a bhreugadh, ’s ann nach urrainnear a chumail sàmhach. So aon de na nithe luachmhor nach ceanhaice airgead no òr.
Tha mòd nan Gaidheal Albannach gu bhi am baile Pheairt am bliadhna. Cumair e ann am mios deireannach an fhoghair.
CABAR-FEIDH.
Lunnain, 4, 7, ’96.
D. A. Mac FHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
So a Mhic!
Ciamar a tha d’ Uaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu
Rhodes & Gannon,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c, Mainspring ,75c. An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.
Am bheil thu gabhail Mhic-Talla?
MU EIL
Cuir ’ga iarraidh
$1 .00 sa bhliadhna.
AN CRANN TARA
(Am Fiery Cross. )
PAIPEAR MIOSAIL AIR SON ALBANNAICH CANADA, anns am bheil air a chlo-bhualadh Dealbhan agus Beath-Eachdraidhean Gaidheil Chanada; Eachdraidh nam Fineachan agus dealbhan an snaicheantais; Ceol, Bardachd, asus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu iomadh ni eile. Pris: — $1 .00 ’sa bhliadhna, no sia miosan air son 50c. Sgriobh us cuir airgead guT . D. MACDONALD, 2591 St. Catherine Street, Montreal.
[Vol . 5. No. 4. p. 5]
NAIDHEACHDAN
Chaidh Breac a thomhas sia puinnd a’s aon unnsa deug a ghlacadh ann a Loch Ainslie o chionn ghoirid. Tha iad ag radh gur e so am breac as mo a fhuaireadh riamh ’san loch sin.
Chuir iasgair ann am Prescott, N, S., crioch air fhéin air an t-seachdain s’a chaidh le clach mhor a cheangal mu amhaich ’s leum as a’ bhata. Bha e air a dhol as a rian leis an deoch.
Chaochail boirionnach, ann an Ottawa an la roimhe, agus da’ fhàg i a cuid an t-saoghal aig nighinn a bha fuireach còmhla rithe, air chumha gu’m pòsadh i an taobh a stigh de cheithir uairean fichead. Mu’n do ruith an ùine bha an nighean air pòsadh.
Tha cuid de na tuathanaich air tòiseachadh air an fhiar. Tha am fiar an deigh fàs anabarrach math a dheanamh, agus ma gheobhar turadh math aìr son a chur a stigh, bidh barrachd dheth ’s an dùthaich ’sa bha innte o chionn àireamh bhliadhnaichean.
Tha teas mor anns na Stàiteanair an t-samhradh so, agus tha iadsan d’ an urrainn a dol do’n duthaich a tha tuath orra far am faigh iad fionnarachd. Tha moran dhiubh a’ cur seachad àm an teas ann an Nobha Scotia, an Eilean a’ Phrionnsa, agus an Ceap Breatunn.
Chaidh duin’ og do’n an ainm Ioseph C. Dodge, a mharbhadh leis a charbad iaruinn aig Middleton, Di-haoine sa chaidh. Dh’ fheuch e ri leum air bord mu’n do stad an carbad, ach thuit e agus chaidh na cuidhlean seachad air a gearradh a chinn deth, agus a milleadh a chuirp gu h-eagallach.
Tha e coltach gu’m bi bàr mor air a thogail am Manitoba air a bhliadhna so, Tha an cruineachd fo dheis agus a coimhead eireachdail. Mur tig dad ’san rathad, cha bhi am bàr cruineachd dad air deireadh air bàr na bliadhna ’n uirridh. Tha iad a deanamh gu’m bi cor is fichead muillein buiseal air a thogail.
Tha Dr, J. R. Mac Gilleain, a tha toirt ’aire gu h-iomlan do thinneasan na sùla, na cluaise, ’s na h-amhach, ri bhi ann an Ceap Breatunn gu ceann àireamh sheachdainean. Bi’dh e ann an Sidni gu Di-satharna, a cheud latha de Ogust, an Glace Bay o’n treas gus an deicheamh latha, agus an deigh sin tha dùil aige dhol gu Ingonish, far am bi e fad da sheachdain.
Tha daolag a bhuntata a togail a cinn gu h-olc o chionn beagan ùine. Roimhe so bha na tuathanaich an dùil gu robh iad ga bhi gu math cuibhteas na biastagan grànda air an t-samhradh so; cha robh ri fhaicinn ach corra thé air bàrran a bhuntàta. Ach o chionn beagan lathaichean tha iad air tigh’n air mar gun sileadh iad as na speurau, ’s tha eagal oirnn gu’m bi a bhuil air a’ bhuntàta.
Chaidh fear Philios Gaudet, Frangach a mhuinntir Misconche, E. P. I., a mharbhadh leis an dealanach oidhche sheachdain gus an Di-dònaich s’a chaidh. Chuir e cheann a mach air an uinneig a dh’ fhaicinnn an robh ’n stoirm seachad, agus bhuail an dealanach e, ’ga mharbhadh air ball. Bha e da fhichead bliadhna ’sa coig a dh’ aois, agus dh’ fhàg e bean us aon duine deug cloinne,
Chaidh aon soitheach-iasgaich a mach á Gloucester o chionn ghoirid, agus an deigh dhi bhi mach ceithir latha, thill i agus mu fhiach ceithir mile dolair de rionnach aice air a ghlacadh. Rinn gach aon de na h-iasgairean ceud us coig dolair, agus rinn an sgiobair, aig a’ bheil pàirt dhe’n t-soitheach ’na ainm féin, gle fhaisg air mile dolair. Buinidh an sgiobair, do’n ainm Iain Mac Pharlain, do Cheap Breatunn.
Bha Mr. Iain A. Mac Amhlaidh, a tha ’na fhear-gnothuich do’n chuideachd a tha ’deanamh Carter’s Ink,” anns a bhaile air an t-seachdain so, agus dh’ fhàg e botull no dha dhi againn air son a feuchainn. Thatar eòlach gu leòr air Inc Charter anns an dùthaich so, agus tha fhios aig na h-uile gur i inc cho math ’sa tha ’sa mhargadh. Tha sinn toilichte fhaicinn gu bheil Mr. Mac Amhlaidh, a fhuair àrach anns a bhaile so, a faotainn air adhart cho math.
Chaidh murt graineil a dheanamh air bòrd soithich a thainig a stigh do Halifax an la roimhe. Thainig i stigh ’s a bratach an crochadh ri meadhon a chroinn agus i giulan tri curip ann a m bàta as a deigh. Bha an triuir, an captean, a bhean agus meat, air am murt gu brurdeil leis a cheud mheat. Bha na curip air an gearradh ’s air am milleadh gu h-eagallach. Chaidh an gniomh oillteil a dheanamh air 14mh la dhe’n mhios so, agus bha an soitheach mu sheachd ceud mile á Halifax aig an am air a turus do cheann a deas America. Bhuineadh an soitheach do na Staitean.
Chaidh triùir dhaoine bhuineadh do’n t-soitheach-iasgaich, Cordova, á Gloucester, a thogail á bàta air an t-seachdain s’a chaidh faisg air Newfoundland. Chaidh iad á sealladh an t-soithich ’s iad a tràlladh, agus bha iad air chall fad sheachd latha. ’Nuair a fhuaireadh iad, bha iad gu bhi marbh leis an sgios ’s leis an sgios ’s leis an acras, agus mur biodh soitheach-smuide air tigh’n nan rathad, cha bhiodh iad beò ach ùine gle ghoirid. Cha’n urrainn gu bheil sgiobairean nan soithichean cho faiceallach ’s bu chòir dhaibh a bhi air beatha nan daoine th’air an cùram, neo cha bhiodh na h-urad air an call gach bliadhna.
Bha ceithir soithichean-cogaidh Breatunnach air acair aig Sidni air an t-seachdain so, am Buzzard, an Tartar, an Intrepid, agus an Crescent, soitheach an Admiral. Thainig am Buzzard a stigh Di-satharna, agus Dh’ fhalbh i feasgar Di-ciaduin; thainig cách a stigh Di-luain agus dh’ fhalbh iad Dior-daoin. ’Se thug a stigh iad uile cùirt a bha gu bhi aca mu fhear a theich bhar té dhe na soithichean ’s a ghoid suim airgeid. ’N uair a theich e thug e na Staitean air, ach an deigh sin thug e e-fhein suas. Bha a’ chùirt air air a cumail air bòrd soitheach an Admiral Di-ciaduin, fhuaireadh an duine cointach, agus tugadh tri bliadhna priosain dha.
Tha Comunn Stumachd [I . O. G. T. Lodge) air bòrd a dha dhe na soithichean Bretunnach a bha ’sa chala air an t-seachdain so. Bha coinneamh no dha aca comhla ris an loidse dhe’n t-seòrsa cheudna tha ’n Sidni, agus rinn iad an ùine bha iad cuideachd a chur seachad glé chridheil. Tha cead aig na ‘loidsichean mara’ so, mar theinar riutha, an coinneamhan a chumail an àite sam bith an urrainn daibh, air muir no air tir, ach ’s ann air tir a’s trice leotha bhi cruinn. Bidh coinneamhan aca ’n sid ’san so, ann a’ Halifax, an Cuibeic, am Montreal an St. John’s, an Sidni, no am Bermuda, a reir an àite ’s am bi iad. Tha e gle dhuilich do neach a bhi stuama air bòrd soithich-cogaidh ’nuair a tha deoch làidir air a thoirt dhaibh o latha gu latha mar bhiadh eile.
BAS.
AigBrook Village, C. B. ,air an 19mh, la de Iun. Chaochail Ceit, bean Dhomh’ll Chaimbeil, agus nighean do Nial Mac Illeathain, an t-Eildear. Bha i aireamh bhliadhnachan na ball do’n Eaglais, agus gu mor air a meas leis gach neach a bha eolach oirre. Dh’ fhàg i, a thuilleadh air a fear—posda, aon leanamh, parantan piuthar braithrean, agus maran chairdean gu bhi ga caoidh.
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
SIDNI, - - - C. B.
F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn.
Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.
Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air.
Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.
Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c , &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.
THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin.
Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.
Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.
Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitche’s Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.
[Vol . 5. No. 4. p. 6]
SEANN SGEULACHDAN NA GAIDHEALTACHD.
Tha moran de na seann sgeulachdan so na’m mineachadh air nithe nadurra, a’s cuid diubh air an toirt mar reuson air son coslais agus dealbh na duthcha. Tha na sgeulachdan so cho ceangailte ris na h-ainmean aig aitean a’s gu ’m bheil e neo-chomasach an t-ainm a thuigsinn gun eolas a bhi aig neach air an sgeul. Tha a sgeul fein am bitheantas aig gach cnoc, aig gach gleann, agus aig gach staca. Tha ar luchd leughaidh uile eolach air an doigh anns an deachaidh call na luinge Spainntich a chumail air chuimhne, ann an sgeulachdan nan Gaidheal. Tha an sgeul sin air ’innseadh cho snasmhor leis an Ollamh MacLeoid, a’s gu’m bheil mi beachdaidh nach ann aon a bha e air a leughadh leis gach Gaidheal. Tha an sgeul so a’ leigeil ris an rathad anns am bheil, aig moran de na h-ursgeulan faoin a bha air innseadh an an uair a chruinnicheadh muinntir air cheilidh, an steidh ann am firinn. So agaibh sgeul a bha air a lan chreidsinn am measg nan seann daoine.
Tha loch aillidh ann an aon de eileanan na Gaidhealtachd. O’n loch so tha sruthan a’ ruith a chum na mara; a’s ged nach ’eil eas no bacadh air bith ’s an rathad tha e air aithris nach ’eil bradan ri ’fhaotainn air an t-sruthan sin. A nis cha ’n ’eil teagamh agam nach ’eil so fior; a’s ma tha e fior, feumaidh gu ’m bheil aobhar eigin ann an Nadur air a shon; ach so agaibh an t-aobhar a thug na seann sgeulachdan seachad a thaobh na cuise. Bha, latha araidh, duine ag iasgach air an t-sruthan sin. Thug e uine fhada air iomairt na slaite a’s air siapadh na cuileige, ach iasg cha d’ thug plub, agus ceann cha do ghlac e. Mu dheireadh thainig seann duine coir far an robh an t-iasgair. Bha an duine comharraichte air son maldachd a ghnuise agus suaircea ’aogais. Co bha ’s an fhear-thurais ach Calum-cille, a bha aig an am air chuairt anns na cearnaibh sin a’ searmonachadh an t-soisgeil. Chuir e failte le modh duin’ -uasail air an iasgair. An deigh dhuibh a bhi greis a’ seanchas, dh’iarr Calum-cille air an iasgair a’ chiad bheathach a ghlacadh e. Gheall an t-iasgair sin a dheanamh. Cha bu luaith’ a thug e an gealladh na ghlac e bradan ciatach. An uair a chunnaic e cho eireachdail ’s a bha an t-iasg a thug e air tir, ghabh e aithreachas d’ an ghealladh a thug e do ’n choigreach, a’s thuirt e ris, “Glaidhidh mi am fear so, a’s gheobh thu an ath aon a ghlacas mi.” “Bitheadh e mar sinn,” arsa Càlum, a’s ann am priobadh na sul’ bha bradan moran na bu mhomha na ’chiad fhear aige air ghiuran. A rithisd thug sglamhaireachd agus sannt air a ghealladh a bhristeadh; “Bheir mi dhuit,” ars esan, “an ath iasg a gheobh mi.” “Bitheadh e mar sinn,” arsa Calum. Ann an uine ghearr bha bradan nar-gheal, fada na bu mhomha agus na b’ fhearr na ’n dithis eile, aige air a dhubhan. Thug e gu tir e, agus fhuair sannt a’ bhuaidh an treas uair air an iasgair; agus a rithisd dh’ fhailnich e ’n a fhacal. Las corruich Chaluim; mhallaich e an t-uisge, agus o’n latha sin gus a so cha deachaidh bradan a thoirt gu tir air bruaich uaine an t-sruthain so. Tha e soilleir do gach aon nach ’eil an sgeul so fior, ach gidheadh, tha e n a dhoigh bhardail air ni nadurra a chumail air chuimhne, a’s tha e aig a’ cheart am a’ thirt seachad leasan moralta ro mhath; tha e ’leigeil ris cho graineil ’s a tha ceilg ann an gnothuichean, a’ foillseachadh cho taireil ’s a tha sglamhaireachd agus sannt, agus a’ teagasg gu ’m pill ceilg, breugan, carachd agus lubachd shnagach le dioghaltas dubailte air cinn na dream a chieachdas iad. Cha ’n ’eil teagamh agam nach teagaisgeadh sgeul d’ an t-seorsa so do shluagh aineolach na b’ fhearr na ma dh’ fhaoite iomadh searmoin, cho feumail ’s a tha e an fhirinn a labhairt aig gach am, a’s gach gealladh a bheirear seachad a choimhlionadh.
UILLEAM MAC DHUNLEIBHE, AM BARD ILEACH.
Tha e iomadh uair air a radh gu ’n deach àm agus linn na bardachd seachad a chaoidh. ’Si a’ bharail a tha coitchionn ri tachairt oirre, nach eil a nis, iad idir ann, is urrain clarsach nam Filidh a threig a dhusgadh gu ceòl—gu’m feud ranntachd a bhi ann ach nach eil fior bhardachd ri amas oirre am measg luchd-seinn ar latha-ne. Cha n-eil a’ bharail so gu buileach ceart; oir ged nach eil an t-am so cho torrach ann an luchd dealbh nan oran is a bha linn Phrionnsa Tearlach, gidheadh tha an dràsd agus a’ rithisd aon ag eiridh an so agus an sud a dhearbhadh gu’m bheil fuigheal de Spiorad nam Bard fathasd beo ’nar measg, nach do threig ceolrach bhinn tir nan treun ’us na Gaidhlig gu tur luchd duthcha Oisein is Dhonnchaidh Bhain. A’ measg na muinntir a tha dearbhadh so dhuinn is airidh Uilleam MacDhunleibhe air àite urramach fhaotuinn. Oir tha an obair aige a’ dearbhadh dhuinn gu’n do thuit tonnaig aon de na Filidhean a dh’ fhalbh airsan, is gu’n robh fior Spiorad na Bardachd aige. Tha ’obair airidh air aite onorach fhaotuin ’am measg Bardachd na Gaidhealtachd agus mairidh i air chuimhne cho fada sa bhitheas meas air Gaidhlig fhallan agus shnasmhor, agus air smuaintean àrda agus oirdhearc.
Rugadh Uilleam MacDhunleibhe ann an Gairtmeadhoin, ann an sgiorachd Chill-a- rudha ’an Ile, mu mheadhon Foghar na bliadhna 1808. Tha e air ainmeachadh ann an leabhair na sgiorachd gu’n deach a bhaisteadh air 15mh de mhios meadhonach an Fhoghair; is o’n a bha e’ na chleachdadh cumanta anns a’ Ghaidhealtachd aig an am sin gach leanabh bhaisteadh mu’n rachadh an t-ochdamh latha seachad, is docah gu’n d’ rugadh easan mu’n t-seachdamh latha de’n mhios. B’e Seumas MacDhunleibhe a b’ ainm d’a athair, agus Cairistìne Nic Faidein a bu mhathair dha. Bha ’athair ’na shaor is ag obair aig an uasal urramach sin, Ualter Caimbeul, Tighearna Ile. Ge’d a bha teaghlach mor aige thug e sgoil is oilean math do gach aon diu. B’e Uilleam, a reir innse fein a bu lugha fhuair de sgoil dhiu—a chionn is gu’n robh e na bhallachan guanach aotrom nach fanadh anns an sgoil, is nach d’ thugadh aire dhi ’nuair a bhitheadh e innte. Air an aobhar sin chaidh a chuir òg ri ceard. B’i a ’cheard a roghnachadh air a shon, an taillearachd. Bha e anns an àm sin ’na chleachdadh aig na taillearan a bhi ’dol o thaigh gu taigh, a dh’ obair anns gach àite anns am biodh aodach ri dheanamh. Is iomadh naidheachd a bu ghnath leis a’ Bhard innseadh mu na cleasan a’s fhealadhà a bu ghnàth a bhi air an cleachdadh ’s na cuideachdan aotrom ud a b’ abhaist coinneachadh far am biodh an taillear ’sa chuid ghillean ag obair. Bhitheadh beurais a’s bearradaireachd, ranntachd a’s bardachd, ursgeulan a’s toimhseachain a dol ann am pailteas a’s cha bhiodh facal Uilleim air deireadh; a’s cha b’i a theanga a bu mhaoile. Ged nach b’e so an sgoil a b’ fhearr gu balachan og a theagasg aon chuid ann am beusalachd no ann an gliocas, tharruing am Bard og cuid de theagaisg uaith. Bha ’inntinn air a geurachadh trid nan deasbaireachdan a bhitheadh aca, agus dhuisg na sgeulachdan a bha air an innseadh iartus ’na anam gu tuillidh fiosrachaidh fhaotuin mu na linntean a dh’fhalbh, is mu na daoine treun a sheas agus a chathaich as leth an duthcha. Gu moch thoisich e air rannan a chur ri cheile—se a chiad oidheirp a thug e ann an rathad bardachd oran a rinn e do cnù a bha aige, a’s ged nach robh e ach óg aig an am, tha e a’ foillseachadh gu ’n robh spiorad na fileachd aige. Tha na rannan so a’ toiseachadh air an doigh so:—
“Brannan beag mo chuilean boidheach
Tha thu laghach baigheil suairc,
Cha bhi thu tabhann ri daoine,
No ’cur nan caorach anns an ruaig,” &c .
Ged nach eil na rannan so idir a’ foillseachadh air dhoigh air bith cumhachd nam buadhan ud a bha nan cadal ann an anam a’ Bhaird, tha iad nan dearbhadh air firinn an t-sean radh, Poeta nascitur non fit,’ se sin, nach dean oilean, ach gibhtean naduir a mhàin, Bard do neach. Goirid an deigh so chuir e ri cheile aoir air muc a chaidh air chall is mu dheighinn an d’ rinn an neach d’am buineadh i othail mhor a’ smaointeach gu ’n deach a goid. Cha n-eil an aoir so a nis ri a faotuinn agus is mor am beud oir bha i a’ foillseachadh tapadh-inntinn nach bu bheag. Is iomadh uair a dh’ iarradh air a sgriobhadh ach cha robh toil aige, bha e ag radh, ainm daoine coire air an robh e an am fealadha a deanamh fochaid, a bhi air an cur ’san doigh sin an lathair an t-saoghail, is air an aobhar sin dhiult e a sgr obhadh. An deigh dha a bhi reidh ’sa cheard dh’ fhag e ealain duthcha a’s thainig e gu
[Vol . 5. No. 4. p. 7]
Galltachd, ach ma dh’ fhag cha do dhichuimhnich e na chual e mu na sean laoich a dh’ fhalbh, is chuir e roimhe tuilleadh foghluim fhaotain de thaobh eachdraidh a dhuthcha. Is ged a bha aige ri obair gach latha, rùnaich e gu’n deanadh e suas an dearmad a rinn e air sgoil ann an laithean òige. Thoisich e air leughadh gach sean eachdraidh air am b’ urrain dha a laimh a chur. Ach cha b’fhada gus am faca e ma bha e ri sean Fhordun is a cho-luchd eachdraidh a thuigsin gu ceart gu’m feumadh e eolas fhaighinn air a’ chanain anns an do sgriobh iad. Le duinealas fior Ghaidheal thug e ’aghaidh air an Laidinn, is ged theagamh, nach còrdadh an rathad anns an leughadh e i ri ard sgoilearan, rinn e e-fein cho eòlach oirre is gun rachadh aige air Laidionn nan linntean dorcha eadar theangachadh ni b’ fhearr na iomadh aon a bu mhotha cothruman agus sgoil. Theagaisg se e-fein mar an ceudna anns an Eabhradh agus anns a Ghreugais cho fada is gu’n rachadh aige air a rathad a dheanamh a chum brigh nan sgriobtaran anns na canainean anns an deach an sgriobhadh air thus. Thug e aghaidh mar an ceudna air an Fhraingis agus air an Uàilsh. Tha cuimhne agam uair a thaghail mi air, e fein agus a bhean “a chearcadh fhraoich” mar theireadh e fein rithe, fhaotuin le cheile ag obair air eachdraidh nan Druidhean eadar theangachadh o Fhraingis gu Beurla. Bha e mar an ceudna mion eolach air eachdraidh a dhuthcha; gu sonruichte air obair nan seann luchd-eachdraidh agus be a mhiann a bhi a ghnath a’ labhairt air euchdan buadh mhor “nan sean Albanach airidh.” Ach thachair dha mar is tric a dh’eireas do mhuinntir aig am bheil cruadalan agus deuchainean mar an crannchur, agus do mhuinntir a thionndaidheas an aire gu h-iomlan a chum aon chuspair souruichte, gu’n robh e neo chomasach dha amharc air da thaobh ceisde le suil neo-chlaon—air an aobhar sin bha gaol-duthcha annsan air a mheasgadh le fuath ro-ghamhlasach an aghaidh na muinntir a bha anns na linntin a dh’ fhalbh na’n maimhdean dì. R. I.
OISEIN: A LINN AGUS A BHARDACHD.
Faodaidh cairdean agus eascairdeah an treun-bhaird Oisein an aidmheil so a thogail le cheile, gam bheil a radh fein araon firinneach agus freagarrach:
“Sgeul ri aithris air am aois;
Gniomharan laithean nam bliadhnachan a dh’ aom.”
“Ah Seallama, ah Taura no’n Tighmori,
Cha-n ’eil slige no oran no clrasach;
Tha iad uile nan tulaichean uaine,
’S an clachan nan cluainibh fein;
Cha’n fhaic aineal o’n lear no o’h fhasach
A h-aon diu ’s a bharr ro neul.”
Cha’n ’eil ni’s mo oighean nan rosg mall aig Morni a’ bualadh clarsaich no togail dain. Tha clarsach gun teud ’am Morbheinn: cha’n ’eil guth no ceol an Cona: thuit araon an triath ’s am bard, ’s cha’n ’eil cliu ’san aird ni’s mo. Cha’n ’eil lann a’ bualadh beumsgeithe. Tha Fionnghal nan iomadh beus ’us buaidh ann an stri nan lann, ’us Oisein, bard milis caomh nam fonn, ’us Oscar gaisgeach mòr meamnach ard nam feart, maille ri treun-laoich na Feinne a thog oran ’s a laimhsich claidheamh anns na laithean a bha ’s a dh’ aom, —tha iad uile, ’nan cainnt fein, nan ciar thalla a’ sealg feidh dhoilleir nan niall. Mharcaidh iad uile ann an laithean nam bliadhnachan a dh’fhalbh, air iomall an sgiathan le greadhnachas gu clann nam Fionn, ’Am Morbheinn cluiteach nan sruth gaireach ’s nan aonaichean neulach sprochd ach, cha’n ’eil le siol nan sarghaiegeach sgiath leathan g’ a sgaoileadh, no claidheamh geal g’ a tharruing; ni’s mo cha chrathar caaosnach agus cha seinnear dan catha baoisge le laoich ard dhuineil aiginneach Fhionnghail mhoir nan sleagh, ’nuair a bhitheadh gach suil aia lainn ’us tuar ’righ ard nam beum ’s nam beusan mòr.
Cha robh na linntean tearc anns an robh bardachd na Feinne—nan-orain chaomha chiuin a b’ abhaist do mhile bard air mile clarsaich agus cruit chiul a sheinn ann an talla fhial mac Chaomhail, air an giulan a nuas le beul aithris o ghinealach gu ginealach, gus fadheoidh an d’eirich buidheann de dhaoine foghluimte suairce, aig an robh mòr-mheas air na dain d’ am bu nòs aighear agus sunnd a dhusgadh le ’m fuaim thiamhaidh ann an luchairtean nam Morbheinn, an trath a bhitheadh an -t-slige ’dol mun cuairt, agus solàs ’us tlusalachd air am faireachduinn am bròn ’s ’an tuireadh dian na sithe. Mun rannsuich sinn na doighean trid an robh dain Oisein air an gleidheadh air chuimhne rè uine co fada agus co dorcha; ’us mun gabh sinn beachd air an am agus air a’ mhodh a bha iad fadheoidh air an cruinneachadh le Seumas Mac a’ Phearsainn agus Gaidheil threun-inntinneach theo-chridheach agus ealanta eile, bithidh è iomchuidh dhuinn pilltinn air ’ur n’ ais, agus feuchainn, le comhnadh nan sgoilearan a rinn feum co maith de na gathannan faoin a tha ’n s agus a rithist a dearsadh anns an dorchadas, an dean sinn a mach suidheachadh nan Gaidheal bha tuineachadh ann an Albainn ann an ceud linntean a’ chreidimh Chriosduidh. Tha’n comhdhunadh bunaiteach agus soilleir a dh’ ionn suidh am bheil daoine teachd mu thiomchioll ceud-shuidheachadh nan Gaidheal ann an iomadh cearna iomallach de’n Roinn Eorpa. Ghluaìs iad gu moch air falbh bho’n aird an ear far an robh air tùs an cinne daoine uile’ tuineachdh. Sgaoil iad gu deifireach thairis air comhnardan reamhar, thorrach na Mor-Roinn, a’ fagail ’an sud agus ’an so—ann an ainm duthcha agus ann an cleachduinn aosmhor iongantach, cuimhneachan do na fineachan lionmhor a thainig ’nan deigh. Cha’n ’eil e furasda aig an àm so, an deigh do linntean co dorcha an cuairt a ruith, ceumannan nan Gaidheal ’nan ceud thuruis a lorgachadh. Thuinich iad anns an duthaich a tha ’nis air a-h- aiteachadh leis na Frangaich, agus thainig iad le beagan dragh thairis do Bhreatuinn. Dh’ imich iad re uine mu thuath, agus ann an eileanan cnocach lionmhor, ann an glinn ’s an srathan fhasgach uaigneach Albainn, fhuair na Gaidheil agus an canain fhoghainteach-fardach, agus daighneach a choisinn doibh tearuinteachd ’us seasmhachd ’us soirbheachadh, an feadh a bha aghaidh nan duthchannan mun cuairt air a-h- atharrachadh ’s air a millidh gu minic le feachdan garg nan Romanach, nan Lochlinnich agus nam fineachan neo-chneasda alluidh aig an robh an ionad comhnuidh fein am measg fuachd ’us reotha na-h- airde Tuath.
CONA.
Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.
CARADH
Uaireadairean.
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar uthcha tha ’nar beachd
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.
[Vol . 5. No. 4. p. 8]
Rannan air Note Punnd Sasunnach.
LE IAIN CAIMBEUL NA LEIDAIG.
A bha am paipean salach, saraichde a fhuaradh ann am Malairt o sheann bhean aig an robh ainm Airgiod a bhi agus a bha ’g a àicheadh,
Tha thusa sin a phrabag ragach
Ribeach, robach, phrabach thruagh;
Meadhon sraichde, aodan salach,
’S blàth na dosgainn air do ghruaidh.
Fhreagair ise.
“O cha ’n ioghnadh mi bhi prabach,
’S iomadh car a chaidh mi luaidh,
’S iomadh aon a dh’ fhág mi sona,
Is sùil ’bha air mo dheéigh truagh.”
Thubhairt mise.
“Suidh a sìos is ìnns’ do naidheachd
Is na greas ro ealamh nam;
Bheir mi fein dhuit àit’ ’s am fan thu,
’S fasgadh tighe a bhios buan.”
Fhreagair ise.
“O cha ’n fheud mi fuireach agad,
’S allaban fo m’ chois is ruaig;
Cha luaithe a tha mi ann am baile
Na tha mi le cabhaig uaith.”
’N tìm a b’ fhaid’ a fhuair mi dh’ anail
B’ ann aig cailleach Eachain Ruaidh;
Shnuim i mi am mogan stocaidh
’N seotal ciste glaiste cruaidh.
Luidh mi ’n sin fad iomadh latha
’N toit ’g am dhalladh ’call mo shnuaidh;
’S bhòidicheadh a’ chailleach charrach
Nach robh aic’ aon fhàiadean ruadh.
Ach air dhi bhi mach air chéilidh
Thàinig reubanach mu ’n cuairt;
Tholl an anainn; bhris na glasan;
’S fhuair mi cead na coise uaip!
Ach ma fhuair cha b’ fhada ’mheal mi,
Chaidh an tòir ’n ar déigh gu luath;
Thug iad mi a sail na bròige,
’S crois is céir chaidh air mo ghruaidh.
Sheas mi air là mòr na cùirne,
’S thug mi fianuis ’measg an t-sluaigh;
Fhuair a’ chailleach air a h-ais mi,
’S fhuair am bàs i féin gu luath.
’S ged ’bu chruinn a sgrìob i còmhlath
Am bonn òir, ’s an sgillinn ruadh,
O bu bhraise ’chaidh a sgaoileadh
Na ni gaoth am moll a ruag’.
Leum na càirdean air a chéile
Mu ’n robh ’n creutair fuar ’s an uaigh,
Bha ’n luchd-lagha ’n an cuid fèin deth,
Is gach aon ri streupaid chruaidh.
Och, mo léireadh nam bu ni e
’Bhiodh r’a ìnnseadh anns an t-saoghal,
A’ chailleach fhaotainn comas èiridh
Dh’ fhaicinn ’n dìol’ ’bha air a saothair,
O ’s ann aice ’bhiodh an cuibhrionn
An och, och ’s an guileadh truagh;
Càch a’ faotainn math a cuibhrinn
Is i féin dhol bàs le cruas.
’S iomadh piuthar agus bràthair
A tha ’n dràsd aic’ am measg dhaoin’;
’N cuid ’n a luidhe ’meirgeadh làmh riu
’S feum guu leòr air gach taobh.
Gabh-sa rabhadh nis o m’ òran
Is do dhòrn na gléidh co duint’:
Dean sa math le d’ stòr ’s tu ’n lathair;
Sgaoilidh càch e ’s tu ’s an ùir.
C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
Bathar Tioram.
20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir.
Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3 .25.
Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na th’ againn gle shaor.
IAIN A. Mac COINNICH & CO.
STOR UR TAILLEARACHD
ANN AN
StorW . E. Peters.
Aodaichean Mathadhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.
Theid sinn an urras air an obair.
MacCoinnich & Co.
Sidni, C. B.
Siosal & Crowe.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
MacDonald Hanrahan & Co,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co
Mai 4. ’95;
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wentworth
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile agus gu bhil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhea gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MHAC-TALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean.
Am bheil thu gabhail Mhic-Talla?
mu eil
Cuir ’ga iarraidh $1 .00 sa bhliadhna
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .,
SIDNI, - - C. B.
title | Issue 4 |
internal date | 1896.0 |
display date | 1896 |
publication date | 1896 |
level | |
reference template | Mac-Talla V No. 4. %p |
parent text | Volume 5 |