[305]

[Vol . 5. No. 40. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, APRIL 10, 1897. No 40.


Turus Ruairidh Mhoir Do Glaschu.

LE IAIN MAC CORMIG.

Bha mig innseadh dhuit gun deachaidh Ruairidh mor agus Seònaid a bhean, sgriob do Glaschu, agus gheall mi innseadh dhuit ciamar a rachadh dhaibh, ’nuair a thilleadh iad. Co thachair orm an latha roimhe ach Ruairidh agus dhfheòraich mi fhein dheth ciamar a fhuair e air aghaidh anns a bhaile mhor, agus ciod a bharail air Glaschu. So agad an fhreagairt a fhuair mi. “Mo bharail air Glaschu, a bharail a bhaig a bhroc air a ladhranbarail bhocd. Siud agad an t-àite anns am feum thu do shùileans do chlusanmhealladh iad an t-ubh bhon eun.” “An e gun d fheuch iad ri drobadh?” thuirt mi fhein. “Mar dfheuch iad ri mrobadh dhfheuch iad ri mcharadh,” fhreagair Ruairidh. “Seadh a Ruairidhfhreagairnise— “ciamar a thachair dhuit?”

Ma ta, chuir mi romham a chiad uair a chithinn sibh gun innsinn dhuibh mar a chaidh dhomh, agus so agaibh e facal air an fhacal. Tuigidh sibh gun robh Seonaid leam. Dhfhàg i bhò bhreacs na cearcan air cùram bean Iain Bhain mar tha fhios agaibh. Bha mi fhéin agus Seonaid aòn fheasgar Sathurn a gabhail sràid agus smaointich sinn gun ceannaicheadh mid rud beag no dhà a bha dhith òirnntombaca, snàth, “tea,” dubhain, agus rud no dhà eileagus direachnuair bha sinn faisg air a’ ‘Ghushet house,” de sam bith de n taigh tha s nrug Seonaid air sgirb a chota mhoir agam, “Bheil thu faicinn sud a Ruairidh?” arsa ise, ’si cocadh a coraig ri taobh eile na sraide. “Cha chualas riamh a leithid so, siucar anasgaidh!” “Gu de tha thugràdh,” arsa mises mi tabhairt a mach an speuclair oir bha mim barail gun robh a leirsinn a mealladh Seonaid. Ach a mhic chridhenuair a sheall mi null, ged nach robh anns an speuclair mhor ach an aon suil, chunnaic mi gu soilleir gu robhSugar for nothingsgriobht ann an litrichean mora deargair breid fada geal anns a robh urad shlàt, tha min duil gun deanadh e seòl do sgoth dhuibh an tailleir. “A Sheònaid,” arsa mise, “cha do dhiùlt mi riamh prìs a phàidheadh air nisam bith a bhiodh a dhìth orm, achnuair a thatharga reic an nasgaidh s mairg a thairgeadh pàidheadh. Theid misestaigh agus gheibh mi ochd puinnds nuairthig mi mach theid thusas taighs gheibh thu ochd eile, cha seall sin cho sanntachbheil thu faicinn; aguss taigh ghabh mi. “Gabhaidh mi och puinnd don t-siùcar sinarsa mise ris an fhear chaol ghlasbha taobh-thall a bhuird, agus aodan a cheart cho fad ri faileas a chitheadh sibh ann an cliathach botuil. Ann am priobadh na sul stop em poca siucair anns abhascaid. Thug mi taing mhor dha agus dhfhalbh mi. Ach coma leat na co dhiùnuair bha mi mach an dorus ghlaodh e as mo dheidh gun do dhi-chuimhnich mi’ ’ntea.” “Gu dentea’” arsa mise, ’s mi tionndadh air mo shail cho luath ri gille-mirean. “Thaarsesanda phunndteadaonan a falbh leis an t-siucar,” “ phunndtea, ’” arsa mise.

Bheil thu cluinntinn sud a Sheonaid!” “Thug so bàrr air na chula mi riamh.” “Nacheil fhiosille choir gun gabh mintea, ’” agus mun gann a bham facal as mo bheul bhanteaair n curs abhascaid agus thoinndaidh midhfhalbh, ach mun do bhuidhinn mi leac an doruis thug am fear caol glas cruinn-leum a nall thar abhuird a cheart cho sgiobalt ri aon chat a chunnaic sibh riamh a toirt ionnsaidh air luch. “An t-airgiodarsesans e breith air chul amhach orm. “Am bheil thu toirt seachad airgid cuideachd arsa mise?” ’s mi bothar, dall leis an uamhas a chuir e orm. “Chaeil ach tha thusa ri airgiodthoirt dhomhsa.” “Mise ri airgiod thoirt dhuitse, gu dechuir gu bheil agamsa ri airgiod thoirt dhuit?”

Tha air son natea’” arsesan. “Air son natea,’ nach tuirt thu gun robh anteaa falbh leis an t-siucar?” “Thuirt.” “Agus,” arsa mise, “nach eil thu toirt seachad an t-siucair an nasgaidh?” “Tha.” “ ’S car son than t-airgiod ma ta,” arsa mise, “Tha air son natea, ’” arsesansa shuilean air lasadh le feirgThig astaigh ann an so gusam bruithinn mise riut,” arsa mi fheins mi ga tharruing a leth taobh.

Nis,” arsa mise, “eisd gus am bruithinn mi, agus toisichidh mi direach aig an toiseach. Nacheil thug radh gum bheil thu toirt seachad siucar an nasgaidh.” “Tha.” “Ceart gu leoir a charaid.” “ ’S nach dthuirt thu rium gu soillear gun robh anteaa dol leis an t-siucar.” “Ach tha thu ri paidheadh air son natea, ’” arsesan. “Thud! thud!” arsa mise, “nach bi thu samhach, gus am bruithinn mi. Am feum mi toiseachadh a rithist. Eisd a nis agus toisichidh misa cheann eilen drasd. ’Nuair bha mise dol a mach an dorus toilichte gu leoir leis an t-siucar s gun mig iarraidh do chuidtea,” nacheil cuimhne agad gun do ghlaodh thu as mo dheidh gun robh phunndteaa dol leis an t-siucar?” “Tha” “ ’S nacheil thu toirt seachad an t-siucair an nasgaidh?” “Tha.” “Agus,” arsa mise, “am bi thu cho math agus innseadh dhomh car son than t-airgiod ma ta? Gu de their thu riut fhein a nis chan ann air son nas fhiach e, ach cuimhnichille mhath, nach ruig thusa na fear eile leis fiachuinn ris a char thoirt a Ruairidh Mòr.” Agus leis a sin a radh dhfhàg mi latha math aig mo charaid am fear glas. Shaoil e gun robh e gleusda achsi mo mhor bheachd gum fac e gun robh tuille laghasa bhoineid ghuirm aig Ruairidh Mor na bha duil aige. Sin agabh a nis mar dheirich dhomhsa. Nach math a thug mi mi-fhein as? —Highland News.


Padruig aTogail Taighe.

Bha Padruig uair atogail taighe, agus aireamh de dhaoinibh aige, sia no seachd deug de dhaoine foghainteach; bha clach mhòr an sin nach robh an t-iomlan de na bha an lathair nan-urrainn a chur ceartsan taigh. “Nan dthugadh sibh domhsaars Oisean ri Padruig, “biadh na sia fear deug chuirinn achlach ceart am aonar.” Ma ta gheibh thu sìnars Padruigagus is math an airidh air thu.” Fhuair Oisean biadh chòig fear deug, chum a nighean biadh fir as. Dhith Oisean na fhuair e, agus dhaithnich e gun do chumadh cuid deth. Dheirich e agus chairich e achlach, ach dhfhag e aomadh oirre mach as a bhalla. Thuirt iad ris nach robh achlach ceart fathast. “Tha fios agam,” ars e, “ach mar tha, bithidh i uamsa; nam faighinn biadh na sia fear deug, chuirinn achlach ceart, ach a nis tha i an sin agaibh, agus deanaibh fein a caradh ma is aill leibh.” Bha achlach ri fhaicinn ann an Gleann Canoir, gus o chionn da bhliadhna, bha clachairean atogail pairce agus bhris iad achlach sios na bleithibh le h-ord. —Leabhar na Feinne.


Chan eil latha den t-seachdain nach eil air a chur air leith air son aoraidh le aon chinneach no cinneach eile air feadh an t-saoghail. Tha Di-dònaich no la na Sàbaidna la aoraidh aig na Criosduidhean, (Caitliceach us Protstanach), Di-luain aig na Greugaich, Di-màirt aig na Persianaich, Di-ciaduin aig na h-Asirianaich, Dior-daoin aig na h-Eipheitich, Di-haoine aig na Turcaich, agus Di-sathairne aig na h-Iudhaich.



[306]

[Vol . 5. No. 40. p. 2]

SGEULACHDAN ARABIANACH.

V. —EACHDRAIDH AS IASGAIR.

Be mathair Righ nan Eileanan Dubha. Fhuair an rioghachd an t-ainm so o na ceithir beanntanan beaga a tha faisg air achaisteal so. Be eileanan a bhanns na beanntan so an toiseach, agus bha ceannabhaile na rioghachd far am bheil an lochan a chunnaic thu. Gheibh thu fios anns na bheil agam riinnseadh air mar a thainig cuisean gu bhith mar a tha iad.

Dheug mathair an uair a bha e mu thri fichead bliadhnas adeich a dhaois. Thoisich mise air rioghachadh an deigh a bhais. Cha robh mi fadanam righ an uair a phos mi nighean bhrathar mathar. Bha h-uile aobhar agam air a bhithsmaointean gun robh gaol gu leor aice orm; agus air mo shon fhein dheth, bha tlachd anabarrach agam dhi. Bha sinn fad choig bliadhna cho miadhails cho measail air a cheile ri dithis a bha beo. Aig ceann na h-uine so thuig mi nach robh meas sam bith aicese orm.

Air latha araidh, am feadhs a bha ise anns an taigh-fharagaidh, thainig an cadal orm an deis dhomh mo dhinneir a ghabhail, agus leig mi mi-fheinnam shineadh air langsaid. Bha dithis de na mnathan-coimhideach aicese anns an t-seomar, agus an uair a shaoil iad gun robh mi air tuiteamnam chadal, shuidh te dhiubh aig mo cheann, agus an te eile eig mo chasan, agus leis aghuite a bhan laimh gach te dhiubh, bha iad atoirt fionnarachd dhomh, agus acumail uam nan cuileag. An uair a shaoil iad gun robh mi air tuiteam ann an cadal trom, thoisich iad ri bruidhinn gu beag richeile. Ach ged a bha mo shuilean duinte, cha robh minam chadal idir, agus chuala mi a h-uile facal a thubhairt iad.

Thuirt te dhiubh, “Nach mi-chiatach an gnothach don bhan-righ a bhith cho suarach mun righs a tha i, agus ena dhuine cho tlachdmhor anns gach doigh?”

Gu dearbh is eadh,” arsan te eile. “Air mo shon fhein dheth, chaneil mi idir a tuigsinn ciod is ciall don obair a thaice. Chaneil fhios agam car son a tha ifalbh am mach a h-uile oidhche, agusg a fhagailsanna onar! An urrainn e bhith nacheil fhios aige air?”

Ochan! cia mar a burrainn da fios a bhith aigair? Tha itoirt deoch-chadail dha a h-uile h-oidhche, agus caidlidh e cho trom ris achloich gu madainn. An uair a chaidleas e, faodaidh ise a dhol taobh sam bith a thogras i. Ann an soilleireachadh an latha tha i tighinn dachaidh agus a laidhe comhladh ris, agus tha ig a dhusgadh le faileadh rud eiginn a tha icur rishroin,” arsacheud te a labhair.

Mo thighearna, faodaidh tuthuigsinn gun do chuir an comhradh so ioghnadh anabarrach orm, agus gun don chuir e gu mor gu smaointean mi. Ach ged a chuir e dragh mor orm, cha do leig mi orm gun cuala mi aon fhacal de na labhair iad richeile. An ceann beagan ùine thoisich mi ri gluasad mar gum bithinn air dusgadh a cadal trom, agus dheirich mi bhar na langsaid.

An uair a thainig abhan-righ dhachaidh as an taigh-fharagaidh, ghabh sinn ar suipeir, agus mun deachaidh sinn a laidhe thug i dhomh, mar a babhaist dhi, lan cupa de dheoch a rinn i fhein dhomh; ach an aite an deochol, thilg mi gun fhios dhi na bhanns achupa am mach air an uinneig, agus thug mi dhi an cupa air ais.

Chaidh sinn a laidhe comhladh, agus ann an ceann beagan uine, air dhise saoilsinn gun robh minam chadal, dheirich i, agus chuir i uimpe. Mun deachaidh i am mach as an t-seomar thuirt i, “Caidil, agus na bu tig an lathadhuisgeas tu!”

Cho luma luaths a chaidh i am mach as an t-seomar ghrad dheirich mi, agus chuir mi uman cho cabhagachs a rinn mi riamh. Thug mi leam claidheamh agus lean mi i cho luaths a burrainn domh. An uair a thainig mi cho dluth dhis gun robh mi’ ’cluinntinn fuaim a cas, rinn mi air mo shocair, agus choisich min a deigh cho failidhs a burrainn domh air eagal gun cluinneadh i mi. Chaidh i steach air caochladh dhorsan, a dhfhosgail dhi leotha fhein, an uair a labhair i facal dhraoidheachd. Mu dheireadh dhfhosgail dorus agharaidh, agus chaidh i steach. Stad mi tiotadh aig an dorus air eagal gum faiceadh i mi an uair a bha icoiseachd tarsuinn air an reidhlein, agus bha mi cumail suil oirre cho maths a leigeadh an dorchadas leam, gus am facadh mi gun deachaidh i steach do bhad beag de choille iosail, far an robh rathad caol le callaid air gach taobh dheth. Chaidh mi dhionnsuidh na coille so air rathad eile, agus sheas mi air cul na callaid feuch ciod a chithinn nochluinninn, agus chunnaic mi ises i coiseachd comhladh ri firionnach.

Bha mo chluas fosgailte ris achomradh a bheatorra, agus chuala mi ise ag radh ris: “Chaneil e ceart dhut a bhithcur as mo leith-sa gum bheil mi suarach mu ddheidhinn. Tha fhios agad gle mhath gun do dhearbh mi dhut ann an iomadh doigh gum bheil tlachd mhor agam dhiot, agus mur foghainn na dearbhaidhean a thug mi dhut mar tha leat, tha mi deas gu dearbhaidhean as mo a thoirt dhut. Chaneil agad ach ni sam bith iarraidh orm, agus bheir mi dhut e. Mas miann leat e, leagaidh mi am baile mor so agus an luchairt a dhionnsuidh an lair mun eirich a ghrian, agus ni mi madaidh-alluidh is comhachagan is fithich de na h-uile duine beo a thann. Mas miann leat e, cuiridh mi a h-uile clach a thanns na ballachan laidir so air cul an t-saoghail far nach fhaic duine beo iad.”

An uair a chriochnaich abhan-righ na briathran so, bha i fheins a leannan air tighinn gu ceann an rathaid direach air mo bheulaobh. Tharruinn min claidheamh, agus bhuail mi esan ann an cul na h-amhaich, agus leag mi e. Shaoil mi gun do mharbh mi e, agus air an aobhar sin, thug mi mo chasan as cho luaths a bhagam. Cha robh toil agam gum faigheadh abhan-righ am mach gur mi a bhann, agus cha bu mho na sin a bha toil agam cron sam bith a dheanamh oirre, on a bha i daimheil dhomh.

Bheireadh am buille a thug mi dha am bas dhas amhionaid, mur be gun do chum ise beo e le draoidheachd. Ach cha robh e ach eadar a bhith marbhs a bhith beo.

Air mo thilleadh don luchairt, ghabh mi tarsuinn agharaidh, agus chuala mi ise aglaodhaich gu muladach. Thuig mi gun robh i fo mhor dhoilghios, agus bha mi toilichte nach do chuir mi gu bas i.

An uair a chaidh mi don t-seomar-chadail, chaidh milaidhe, agus air dhomh a bhith toilichte gun drinn mi dioghaltas air an duine eucorach a rinn an t-olc orm, thuit minam chadal. An uair a dhuisg mis amhadainn, bhabhan-righna laidhe ri mthaobh. Chan urrainn domh a radh co dhiubh a chaidil no nach do chaidil i. Ach dheirich mise gu bog, balbh as an leabaidh, agus chaidh mi do sheomar eile, far an do chuir mi umam maodach. ’N a dheigh sin chaidh mimach a shocrachadh gnothaichean na rioghachd maille ris na comhairlichean. An uair a thill mi steach, thainig abhan-righ far an robh mis i comhdaichte le aodach dubh, agus a falt gun chireadh sgaoilte sios ma suilean, agus pairt dheth air a spionadh. “Ler cead, a righ,” arsise, “na cuireadh e ioghnadh oirbh misefhaicinn anns an t-suidheachadh so. Fhuair mi tri naigheachdan comhladh a chuir fo throm-dhoilghios mi, agus chaneil anns achulaidh-bhroin so a chi sibh orm ach comharradh faoin a r an trom-bhron fom bheil mi.”

Mo chreach! ciod e an droch naigheachd a fhuair thu,” arsa mise.

Bas mo mhathar,” arsise; “bas mathar, a chaidh a mharbhadh ann an cath, agus bas fir de mbhraithrean, a chaidh le creig.”

Cha do mhi-chord e rium gun do ghabh i an leith-sgeul so a chum falach a chur air fior-aobhar a broin, agus bha mismaointean nach do ghabh i amhrus gur mi a mharbh a leannan.

A bhean,” arsa mise, “chaneil micur coire sam bith ort air son a bhith fo bhron. Tha mi ag innseadh dhut le firinn, gum bheil bron ormsa mar an ceudna. Bhiodh ioghnadh gu leor orm mur biodh bron ort air son bas dhluth-chairdean. Lean romhad mar a tha thu; is math an comharradh air do nadar a bhith fo bhron. Ach tha min dochas gun teid do bhron nis lugha ri uine.”

Chaidh i da seomar fhein, far an do chuir i seachad bliadhna ri brons ri caoidhs ri tuiream. An ceann na bliadhna dhiarr i cead orm aite-adhlacaidh a thogail dhi fhein



[307]

[Vol . 5. No. 40. p. 3]

aig an luchairt, far an gabhadh i comhnuidh, thuirt i rium, gu lathabais. Thug mi cead dhi sin a dheanamh; agus thog i taigh eireachdail, agus mullach cruinn air, a chithear as a so. Thug i Talla nan Deur mar ainm air. An uair a bha e criochnaichte, thug i a leannan as an aites an do chuir i e an oidhche a lot mi e, agus chuir i ann an Talla nan Deur e. Chum i o bhasachadh e le deoch a bha i toirt dha a h-uile latha on uair ud.

Gidheadh, a dhaindeoin a draoidheachd, cha burrainn di an creutair graineil a leigheas. Chan urrainn e coiseachd no e fhein a chuideachadh, agus cha mho a theid aige air facal bruidhne a dheanamh. Chaneil de choltas air gum bheil beatha ann ach gun amhairc e oirre. Ged nacheil de thoileachadh aice ach a bhithg a fhaicinn agus a bhithlabhairt ris mu thimchioll nan nithean faoine a thadusgadh suasna h-inntinn thruaillidh fhein, gidheadh, tha idol da uairs an latha far am bheil e, agus afuireach greis mhathna chuideachd. Tha fhios agamsa air so gle mhath, ged a tha mileigeadh orm nacheil.

Air latha araidh chaidh mi do Thalla nan Deur a dhfhaicinn ciod an obair a bhaice; agus air dhomh a dhol a dhaite anns nach fhaiceadh i mi, chuala mi ibruidhinn ris mar so: “Tha ecur doilghios ro mhor orm a bhithg ad fhaicinn anns an t suidheachadh so. Tha mituigsinn cho math riut fhein gum bheil thufulang piantan cruaidhe; ach a luaidh mo chridhe, ged a tha mi an comhnuidh abruidhinn riut, chaneil thug am fhreagairt uair sam bith. Cia fhad a leanas tu air a bhithnad thosd! Abair aon fhacal rium. Ochan! is e an uine a tha micur seachad an so ann an co-fhaireachadh ruitnad throm-dhoilghios, an uine as solasaiche a tha micaitheamh dhe mbheatha. Chan urrainn domh a bhith beo mur bi mi dluth dhut, agus bfhearr leam a bhith aig gach am maille riut na ged a gheibhinn ionmhas an t-saoghail uile.”

Bha icaoidhs ag ochanaich gu trom an am a bhithlabhairt nam briathran so ris; agus an uair a bha mi greis mhathg a h-eisdeachds i air achaitheamh so gun sgur, cha burrainn domh cumail orm fhein ni bfhaide. Thainig mi as an aites an robh mig am fhalach fhein, agus thuirt mi rithe, “A bhoirionnaich gun chiall, tha thu fada gu leor ris an obair sin. Tha thu leis an obair a thagad acur eas-urram ort fheins ormsa. Grad sguir dheth. Dhi-chuimhnich thu buileach glan gum bheil thu fo chomain mhoir dhomhsa.”

A dhuine,” arsise, “ma tha caoimhneas no iochd sam bithnad chridhe dhomhsa, tha miguidhe ort gun leig thu mo chead fhein dhomh. Leig leam mi fhein a thoirt suas gu buileach don bhron so nach treig mi fhads a bhios mi beo.”

An uair a chunnaic mi nach drinn mo chomhairle de dhfheum dhi ach a fagail ni bu raige na bha i riamh, leig mi leatha, agus dhfhalbh mi. Lean i air a bhithdol a h-uile latha fad da bhliadhniomlan far an robh e a chaoidhs a thuireams a bhruidhinn ris.

Chaidh mi an dara uair do Thalla nan Deur a dhfhaicinn na h-obrach a bhaice. Dhfhalaich mi mi-fhein mar a rinn mi roimhe, agus chuala mi i ag radh ri’ ’leannan: “Thanis tri bliadhna o nach dubhairt thu aon fhacal rium. Ged a tha milabhairt riut ann am briathran gaoil, agus acaoidhs ag osnaich air do shon, chaneil thutoirt freagairt sam bith dhomh. An ann o chion faireachaidh no o shuarachas a tha thufuireach samhach? O uaigh! an do lughdaich thu an gradh a bha aige dhomh? An do dhuin thu na suilean a bhanochdadh mor ghradh dhomh, agus a bha dhomh mar muile aoibhneas? Cha chreid mi gum bheil ni den t-seorsa fior. Ach innis dhomh ciod am miorbhuil leis am bheil thutasgaidh suas an ionmhais as mo a thair an t saoghal.”

Mo thighearna, feumaidh mi aideachadh gun do bhrosnaich na briathran so mo nadar gu feirg anabarrach; oir, a dhaon fhacal, cha robh anns an duine so air an robh a leithid de mheas aice, ach duine dubh gun mheas gun chliu a rugadh anns na h-Innsean. Tha mi ag radh gun robh mi air mo bhrosnachadh cho mor leis na briathran a labhair is gu n do leum mi am mach as an aite an robh mi am falach, agus gun dubhairt mi, “O uaigh! car son nacheil thuslugadh suas an da uile-bheisd mhi-nadarra so?”

Mun gann a labhair mi na briathran so, dheirich abhan-righna seasamh, agus i comhdaichte ann an aodach dubh, agus thuirt i le feirg, “A dhuine chruaidh-chridhich, is tusa bu cheann-aobhar do mo bhron. Na bismaoineachadh gum bheil e an an-fhios dhomhsa. Chum mi so an cleith tuilleadh is fada. Is i do dhroch lamh-sa a chuir mo roghainn a dhfhearaibh an t-saoghail anns an t-suidheachadh bhronach anns am bheil e; agus tha thu cho cruaidh-chridheachs gun dthainig thu a thoirt tair is masladh dha.”

Tha sin fior gu leor,” arsa mise, “is mi a rinn e gun teagamh; agus is math a bairidh abheisd air. Bu choir dhomh a bhith air acheart dhiol a dheanamh ortsa. Tha aithreachas orm a nis nach drinn mi e; oir tha thudeanamh mi-fheum den chaoimhneas a nochd mi dhut.”

An uair a thuirt mi so, tharruinn min claidheamh as an truaill, agus thog mi mo lamh gus a marbhadh. Ach sheall i gu dur orm, agus thuirt is i le fanaid adeanamh gaire, “Cuir stad air do chorruich.” Aig acheart am labhair i briathran nach do thuig mi, agusna dheigh sin thuirt i, “Le cumhachd mo dhraoidheachd, tha mi agordachadh gum bi an dara leith dhiot anns amhionaid air a thionndadh gu cloich, agus gum bi an leith eile dhiotna dhuine. Mo thighearna, anns amhionaid bha mi air mo dheanamh mar a tha thug am fhaicinn an dara leith dhiomna chloich, agus an leith eilena dhuine.”

An deigh dhi mo chruth atharrachadh mar so, thug i don talla so mi. ’Na dheigh sin rinn i lochan de cheanna-bhaile na rioghachd. Is e sin an lochan a chunnaic thu mun dthainig thu an so. Is e an t-iasg air am bheil na ceithir dathan, na ceithir seorsachan sluaigh, de chaochladh aidmheilean, a bhafuireach anns abhaile. Is iad na h-eisg gheala na Mahomadanaich; is iad na Persianaich, a thadeanamh aoraidh don teine, na h-eisg dhearga; is iad na Criosduidhean na h-eisg ghorma; ’agus is iad na h-Iudhaich na h-eisg bhuidhe. Biad na ceithir beanntanan beaga a tha mun cuairt den lochan, na ceithir eileanan on dfhuair an rioghachd a h-ainm. Dhinnis i-fhein dhomh gun drinn i so an deis dhi mo chur anns an aite so, a chum am barrachd draghas trioblaid a chur air minntinn. Ach cha do ghabh i leis a so. Chan fhoghnadh leatha mo chruth fhein atharrachadh, agus mo shluaghs mo rioghachd a sgrios, ach a chum an tuilleadh dioghaltais a dheanamh orm, tha i tighinn an so a h-uile latha, agus an deis dhi mo rusgadh, tha itoirt dhomh coig fichead buille le cuip eadar an da shlinnein, agus mar so, tha mfhuil gu talamh aice a h-uile latha. An uair a ni i an droch dhiol so orm, tha i cur aodach cruaidh, curs, leith ri mfheoil bhruite, agus air uachdar sin tha i cur umam an trusgain mhaisich so a chi thu orm, chan ann a chum urram a thoirt dhomh, ach a chum fanaid a dheanamh orm.”

An deigh don phrionnsa an naigheachd so innseadh don righ, shil e na deoir gu frasach. Chuir an naigheachd a leithid de dhragh air an righs nach burrainn da aon fhacal a radh.

Beagan uinena dheigh sin, thog am prionnsa a shuilean suas gu neamh, agus thuirt e, “A Chruithfhir mhoir nan uile nithean, tha mi gu h-umhail atoirt geill do dbhreitheanais, agus do dhorduighean do fhreasdail. Tha mi giulan gu foighidneach leis gach deuchainn chruaidh a thatighinnnam rathad, on is e do thoil-sathann. Tha min dochas gun toir thunad mhor mhathas duais dhomh.”

Bhan righ air a bhrosnachadh gu mor leis an naigheachd iongantaich so, agus chuir e roimhe gun deanadh e dioghaltas trom air abhoirionnach eucorach a rinn a leithid a dholc air aphrionnsas air a rioghachd. Thuirt e ris aphrionnsa, “Innis dhomh caite am bheil abhan-draoidh aingidh afuireach, caite am bheil an duine graineil ud a tha cho measail aicena laidhe?”

Mo thighearna,” arsam prionnsa, “mar a dhinnis mi dhuibh cheana, tha esan ann an Talla nan Deurna laidhe ann an seomar anabarrach maiseach air am bheil mullach

(Air a leantuinn air taobh 310.)



[308]

[Vol . 5. No. 40. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton


SIDNI, APRIL 10, 1897.

Chan urrainn gu robh esan a bhann o shean, agus a thuirtnach bfhàidh esan agus nach bu mhac faidh ecàirdeach dhaibhsan a bhiodh a labhairt as leith luchd-siridh àiteachan-suidhesa phàrlamaid; ma bha bao-coltach e ri muinntir an lathan diugh. Chan eil ach gann duine a chluinnear a bruidhinn air an taghadh a tha gu bhisa mhor-roinn so an ceann beagan us seachdain, no paipear a bheir iomradh air, nach eil ullamh gu innse dhuit co tha gu bhi stigh agus co tha gu bhi mach. Tha gach aon diubh ceas mar gum beadh, gus a radh gur a fàidh, no co-dhiu gur mac fàidh esan, agus gu bheil e làn-chomasach air innse roimhn àm ciod a tha dol a thachairtnuair a theid an luchd-taghaidh dhionnsuidh nan àiteachan-bhotaidh. ’Se ar barail fhein gum biodh e moran na bu chiataiche agus a cheart cho buannachdail dhaibh, taobh air thaobh, sgur dhen cuid fiosachd, agus an àite bhi feuchainn ri toirt air luchd-taghaidh bhòtadh air an taobh le toirt a chreidsinn orra gur en taobh sin a bheir buaidh, feuchainn rin glacadh le dearbhaidhean cinnteach a thoirt daibh gu bheil an taobh leis am bheil iad air son daoine dhol, nas fhearr agus nas toillteannaiche air muinghin an t-sluaigh na than taobh eile.

Air an deicheamh latha dhen Mhàrt, chaidh àireamh de Ghaidheil thapaidh air beulaobh Morair Balfour ann an Lunnuinn, a thagradh càs na Gàilige anns na sgoilean Gàidhealach. Bha an Lighiche Mac-Illiosa air an ceann, agus liubhair e òraid bhriagha, phongail, annsn do chuir e fa chomhair a Mhorair an t-ana-ceartas a bha aGhàilig afaotainn anns na sgoilean, agus ag iarraidh gum biodh ceartas air a thoirt dhi. Labhair mar an ceudna Mr. Domhnul Muireach agus Mr. Ian Mac Coinnich. Cha dthug Morair Balfour geallaidhean mora sam bith dhaibh, achses coltaiche gun deanar barrachdsa gheall e, agus gum bi a Ghàilig air a cur air stéidh nas fhearr anns na sgoilean na bha i fhathast. Mur deanar sin ri linn Bhalfour, nithear ri linn fir eile, oir chan eil càirdean na Gàilig adol a leigeal tàmh le luchd-riaghlaidh nan sgoilean gus am faigh iad dhi an aon cheartass a tha cànainean eile afaotainn.

Tha Còirneal Vassos, ceannard an airm Ghreugaich ann an Crete, mu leth-cheud bliadhna dhaois, agus tha e air a mheasna oifigeach cho treuns cho eòlach air gnàths airm ri duine tha an arm na Gréige. Mun deach e do Chrete, bha ena fhear-cuideachaidh aig Righ Deorsa, aig am bheil làn-earbsa na theònachds na thréine, ged nach robh e riamh roimhe air ceann airm an àm cogaidh.


Moladh Claidheimh Chonaill.

Is e mac mna sithe a bha ann an Conall Gulbann. Chuir righ Lochluinn fo dhraoidheachd e; agus bha e fad tri ràidhean anns abhruth agus dùil aige nach robh e ann ach aon oidhche. Fhuair Conall an claidheamh o a shean-athair, bodach sìth, nuair a bha e ann am bruth Bheinn Ghulbann. Nuair a rachadh an saoidhna chulaidh chatha chruaidh chomhraig, is e bu chulaidh chatha chruaidh chomhraig da, a chrios strìlean, stròlain, a leine shleamhain, den t-sìoda bhuidhe, agus a luireach aigileineach iarruinn, a chlogad clocharra ceanna-bhuidhe gu dìon a mhuineil agus a gheala-bhràghaid. Chuireadh e sgiath bhucaideach, bhacaideach mhìn-dearg air a thaobh eile, air am bu lionmhor dealbh leòmhain, liobairt, gribhinnich, nathrach bheumnaich losgnaich shlignich. Sin an uair a dheasaicheadh an laoch a shlachdan geur, cruaidh, curranta claidheimh an deidh a tharruing as a chisdidh chaoil, ghuirm, ghiumhais. A cheann air a chur ann gu socair, mar chuismhdta, ’s e gun fhacal air a linntean, ’s e gu lìomha, lìomharra; ’s e gu làidir, fulangach; gu ruighinn, geur, ri iomarachadh; gu so chur, sàthta, so-bhuailtena làmhuinn geur, eutrom, iongantach. Be sin an claidheamh siosantach, suasantach. Ghearradh e naoi naoinear a null, agus naoi naoinear a nall, agus ghlacadh e fein anns an làimh cheudna a rithisd e; maille ri a dha sgithinn ghuineana, ghoineana, mar arm gheur ghorrag, mar arm ghorm sgian. Sgian a ghearradh ubhal air uisge, agus fuiltean foinnearra, fiorghaidh; a bheireadh uisge air stiornanan, agus teine dearg air an earrliun annta air an toiseach agus asta air an deireadh; far am bu tiugh e bu tana e, agus far am bu tana bu luath-sgaoilteach, bu dùn-mharbhach. Chan fhàgadh e fear innseadh sgeul na maoidheadh an tuairisgeul, mar an rachadh e an talamh toll na sgeilpeannan chreag; ach aon fhear claghann ruadh air leith-shuil, agus air leith-ghluin, ’s air leith-chluais; agus ged a bhitheadh deich teanganan filidh fior-ghlicna cheann, is ann ag innseadh uile fhein agus uile chaich a bhitheadh e, agus treuntan aghaisgich. —Leabhar na Feinne, 1872.


STOR UR TAILLEARACHD.

Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.

Theid sinn an urras air an obair.
MacCoinnich & Co.
Sidni, C. B.


F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC

An aon fhear dhe sheòrsa thair Eilean Cheap Breatunn.

Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.

Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dhas coir dha toghal air.

Tha stoc math de speuclaireans de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.

Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c , &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.

THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHANEUREKAair a cheart phris air am beilearg an creic aig na muillin.

Tha Factoridh Eureka air aon den fheadhain as fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar adeanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.

Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.

Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitches Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd lathan deigh a chloimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.



[309]

[Vol . 5. No. 40. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Bhatar ataghadh fir-pàrlamaid ann an siorrachd Champlain, an Cuibeic, Di-ciadinn sa chaidh. Fhuair an Conservative a stigh. ’S e duine dhen phàirtidh sin a bha stigh roimhe.

Thatar ag radh gu bheil meallan mora deighe anns a chuan mhor an ear air bancaichean Newfoundland. Thatar ag radh gu bheil aon chnap ri fhaicinn a tha togail a chinn coig cheud troigh os ceann an uisge.

Tha cuid de na mèinnean òir ann an Columbia Bhreatunnach anabarrach beairteach. Tha aon mheinn ris an canar LeRoy a tha cur a stigh coig mile fichead dolairsa mhios riutha-san leis an leis i, a bharrachd air an luchd-obrach a phaigheadh.

Tha an soitheach-smuideStanleya tha ruith eader Pictou agus Georgetown, afaotainn tàire mhor air a gheamhradh so leis an deigh. An sgeul mu dheireadh a fhuair sinn oirre bha insàs anns an deigh mhoir mu shia milen ear-dheas air Eilean Phictou.

Chaidh leth-cheud gearradair-guail a chur as an obair ann a Springhill air an t-seachdain sa chaidh, agus thatar ag radh gu bheil leth-cheud eile ri bhi air an cur as air an ath mhios. Tha luchd-seilbh na mèinne ag radh gu bheil barrachd mor de dhaoine acasa tha dhith orra.

A reir coltais, tha iasgach nan giomach ri bhi air a chumail air adhart gu math air an t-samhradh sa tighinn ann an Ceap Breatunn agus an Eìlean aPhrionnsa. Tha àireamh de dhfhactoraidhean ùra ri bhi air an cur suas, agus tha dùil ri timeannan a bhi gu math trang.

Than t-side afuireach fuar, greannach. Thainig latha blàth no dha air t-seachdain so, agus dhfhalbh roinn mhath den t-sneachda leotha, ach bhan t-side gu math fuar achuid eile dhen uine. Thuit beagan sneachda Dior-daoin. Chan eil dùil ris an t-side dhol moran nas fhearr gus am falbh an deigh mhor.

Tha an t-Onarach G. A. Kirkpatrick, Riaghladair Ontario, tinn le cansair anns an stamaig o chionn treis a dhùine. Chaidh e null do Lunnainn gu dhol fo làimh lighichean an sin, ach an deigh dhaibh sin na burrainn daibh a dheanamh ais a shon, chan eile dad nas fhearr. Chan eil e ro choltach gum bi e fada beò.

Bha coinneamh ann an oifis a bhaile oidhche Dior-daoin air son fhaicinn ciod bu chòir a dheanamh air son iubili na ban-righnn a choimhead. Cha robh moran a làthair, air don t-side bhi mi-fhreagarrach, ach chaidh àireamh dhaoine a thaghadh gu dhol còmhla ri Comhairle a bhaile air son a chuis a chur air adhart. Chan eil teagamh againn nach dean muinntir Sidni agus nam bailtean eile timchioll air, an dilseachd agus an gradh do bhan-righ Victoria a nochdadh air doigh a bhios creideasach dhaibh féin, agus taitneach ann an sùilean muinntir eile.

Thatar a bruidhinn anns an Ard-phàrlamaid air reachd a dheanamh leis am bi an ceathramh latha fichead den Mhàigh, latha-breith na Ban-righnn, air a ghleidheadh mar latha saor eadhon an deigh a bàis. Mar reusan air son sin a dheanamh tha a Bhan-righ a nise air a chrùn nas fhaide na bha righ no ban-righ am Breatuinn riamh roimhe, ’s mar an ceudna thainig barrachd adhartais air an Iompaireachd Bhreatunnach, agus an an t-saoghal gu h-iomlan, ri linn a riaghlaidh-se, ’sa thainig orra ann an tri fichead bliadhna sam bith den eachdraidh. Tha e uime sin iomchuidh gu leòr cur mu dheibhinn an latha bha air a chumail mar chuimhneachan dhaibhsan a tha teachd nar deigh air na bliadhnaichean sona soirbheachail a chuireadh seachad fo riaghladh Victoria.

Tha am fearann gu math saor ann am Boston. Chaidh piosan beag a reic ann Di-satharna sa chaidh a bha 72 troigh a dhfhad, agus 32 troigh a leud, air da cheud mile dolair.

Bha an soitheach mor ceithir-chrannach a chaidh a chuir air sàl am Portland o chionn ghoirid, ann an Louisburg air an t-seachdain sa chaidh, agus thug i leatha luchd guail. Giùlanaidh i tri miles coig ceud tunna.

Se màireach Di-dònaich nam Pailm, agus seachdain o màireach Di-dònaich na Càisge Cha bhi an t-earrach gle fhad air chùl na Càisge air abhliadhna so, agus ma bheir sinn creideas don t-seann radh, bheir sin side bhriagha dhuinn.

Chaidh fear dom bainm Davignon, a bha ri ceannachd ann an Farnham, an Cuibeic, a losgadh gu bàs oidhche Luain. Chaidh an stòr aigena teinne, aguss ann afeuchainn ri pairt den chuid bu luachmhoire den bhathar a shàbhaladh a bha enuair a thug an teine buaidh air.

Tha triùir de mhinistinean Cléire Shidni an deigh cead iarraidh agus fhaotainn air son a dhol air chuairt don t-seann dùthaich air an t-samhradh, an t-Urr. E. B. Mac Raing, Sidni, an Urr. I. A. Forbes, Glace Bay, agus an t-Urr. Mr. Greenlees, St. Peters. Tha iad gu bhi air falbh fad thri miosan.

Bha na Seinneadairean Iubilieach anns abhaile oidhche Di-luain sa chaidh. Bha an talla gu math làn, agus chord acho-sheirm gu math ris na bhaga h-éisdeachd. Tha na daoine-dubha cho math air seinnsa bha iad riamh mur eil nas fhearr. Tha iad an dràsda air tighinn thairis air a chuan an degh cuairt a chur air an Roinn-Eorpa.

Bha réis each air an deighsa Bhain Iar air an t-seachdain sa chaidh. Fhuair each le Mr. Lamey acheud duais, each le Murchadh Mac-a- Phearsain an darra duais, agus làir le Coinneach Ros an treas duais. Than deigh a nise afàs donaann an àiteachan air falbh gu buileachagns tha àm nan réis mar sin air a dhol seachad.

Ghoid duine ann an Toronto ochd dolair à bùth feoladair anns a bhaìle sin. Nuair a fhuaireadh a mach esa chaidh a ghlacadh shluig e na notaichean. An deigh a thoirt gu cùirt thugadh dha deoch de stuth a thug air diobhuirt, agus fhuaireadh anns na chuir e mach coltas nan notaichean. Tha aige nise ri cùirt eile sheasamh.

Bha geamhradh fada, cruaidh, aca ann an Kamloops, an Columbia Bhreatunnach, air a bhliadhna so. Cha babhaist do na tuathanaich a bhi biathadh an cuid spréidhe ach mu dha mhios gach geamhradh, ach air an turus so thainig an geamhradh toiseach Nobhember, agus cha dfhalbh e fhathast. Tha am fiar air teisgsinn, agus tha eadar da mhile dheug us coig mile deug ceann cruidh a bàsachadh le cion a bhidh.

Chaìdh soitheach-smùide mhor a bhristead air na creagan aig Seal Island faisg air Cape Sable, mu mheadhon-latha Di-luain sa chaidh. Bha an cuan gu math garbh aig an àm, ach bhan latha soilleir saor o cheò, agus chan eil fhios ciod a baobhar gun do bhuail an soitheach na creagan. Chaidh gach duine bhair bòrd a shàbhaladh, ge do fhuair iad tàire gu leor, ach bhan luchd gu h-iomlan air a chall. Bha an soitheach a ruith eadar St. John, N. B., agus Libherpool, an Sasuinn; bha i air a turus gu St. John an uair so, agus i air a luchdachadh le bathar luachmhor. Bha moran den bhathar air an t-slighe gu Montreal, agus tha iad ag radh gun cuireadh e bochduinn air neach a bhi faicinn pasgannan aodaich afalbh leis an t-sruths iad air an tur mhilleadh. Tha iadsan a bhair clàr-uachdar na luinge ag radh nach robh dad ri fhaicinn air a chuan aig an àm a bhuail i, a dhinnseadh gu robh na creagan fodha.


C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


THA D. J. Domhnullach air son rùm a dheanamh do bhathar an earraich, agus tha ecreic na thaige de bhathar geamhraidh gle shaor. Reicidh e ni sam bith a thasan stor, ach a mhain brogan, 20 p. c. nas isle na bha iad roimhe so. Rud air am pàigheadh tu $1 .00 roimhe so, cha chosg e dhut an drasda ach 80c. Cha mhair so ach mios. Thig trath agus faigh bargan.


NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B,
Tha e na fhear-gnothuich don MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-ghabhail thoirt dha.



[310]

[Vol . 5. No. 40. p. 6]

(Air a leantuiun o thaobh 307.)

cruinn. Than Talla diuth air geatachaisteil so. Chan urrainn domhsa bhith cìnnteach caite am bheil ise acur seachad na h uine an uair nach bi i comhladh risan far am bheil ena laidhe. Ach a h-uile madainn aig eirigh na greine tha idol ga amharc. Na dheigh sin tha itighinn an so a dheanamh dioghaltais ormsa, mar a dhinnis mi dhuibh: agus tha sibh afaicinn nach urrainn domhsa mi fhein a dhion uaipe. Tha itoirt dibhe dha uairsan latha, leis am bheil ig a chumail o bhasachadh; agus tha i an comhnuidh agearain nach do bhruidhinn e riamh rithe on lathalotadh e.”

Bu tu ceann achruaidh-fhortain,” arsan righ; “chan urrainnear truas gu leor a bhith riut! Cha do thachair a leithid de chruaidh-fhortan ri duine riamh roimhes a thachair riutsa, agus ge be a sgriobhas eachdraidh do bheatha, bi iomadh ni aige ri sgriobhadh a bheir barr-urram ann an iongantas air ni sam bith a chaidh a sgriobhadh riamh roimhe. Is e trom-dhioghaltas a dheanamh oirrese air son mar a rinn i ortsa, an ni a tha nis ri dheanamh, agus ni mise nas urrainn mi a chum sin a dheanamh.”

Na dheigh sin dhinnis an righ don phrionnsa, co e, agus an t-aobhar air son an dthainig e don chaisteal. Dhinnse e dha mar an ceudna an doigh anns an robh esmaointean a bfhearr a rachadh aige air dioghaltas a dheanamh air an droch bhoirionnach. An uair a chuir iad an comhairle richeile mun chuis, shuidhich iad gun rachadh an righ an ceann aghnothaich an lar-na-mhaireach.

Anns an am bha moran den oidhche air a dol seachad, agus chaidh an righ a ghabhail mu thamh. Chuir am prionnsa seachad an oidhche mar a babhaist dha gun norradh cadail; oir cha do dhuin a shuil riamh on lathachuireadh fo gheasan e. Ach bha dochas aige gum faigheadh e fuasgladh an uine ghoirid.

An lar- na-mhaireach dheirich an righ mun do shoilleirich an latha, agus, a chum an ni a bhana bheachd a cur an gniomh, chuir e an t-aodach uachdair a bha uime ann am falach, agus chaidh e do Thalla nan deur. Bha aireamh mhor do choinnlean geala, ceireach, laiste anns an Talla, agus bha bocsaichean briagha oir ann luma-lan de dholla chubhraidh de gach seorsa agus iad fosgailte, agus air an cur ann an ordugh gu ciatach. Cho luaths a chunnaic e an leabadh anns an robh a duine dubhna laidhe, ghabh e far an robh e, agus thug en ceann dheth leis achlaidheamh. Shlaod e an corp am mach as an Talla, agus thilg e ann an tobar e. ’Na dheigh sin chaidh e don leabaidh anns an robh an duine dubh, agus an claidheamh aige am falach fon aodach.

Cha robh e fadana laidhe an uair a thainig a bhan-draoidh. Chaidh i an toiseach don t-seomar anns an robh am prionnsa, agus thug i dheth an t-aodach, agus ghabh i dha leis achuip mar a babhaist dhi. Bha am prionnsa truagha caoidhs aglaodhaich cho ards gun cluinnteadh an taobh am muigh den taigh e; ach cha deanadh sin feum dha. Ged a ghuidh e gu durachdach oirre truas a ghabhail dheth, cha stadadh i gus an dthug i dha coig fichead buille. “Cha robh truas agad fhein ri mo leannan-sa,” arsise, “agus cha ruig thu leas duil sam bith a bhith agad gun gabh mise truas riut.”

An uair a thug i dha na coig fichead buille, chuir i uime a t-aodach mar a bha e roimhe. ’Na dheigh sin chaidh i do Thalla nan Deur, agus cha bu luaithe a chaidh i steach na thoisich i ri caoidhs ri tuiream mar a babhaist dhi. An sin chaidh i dluth don leabaidh, agus in duil gur e a leannan a bhana laidhe innte. “Nach cruaidh-chridheach an gnothach,” arsise, “dragh-innitinn a chur air aon a thug gradh seachad cho teiths cho durachdach riumsa! O thusathatoirt beum dhomhsa a chionn gum bheil mi deanamh dioghaltais ort! a phrionnsa chruaidh-chridhich! nacheil an gniomh borb a rinn thusa moran nis miosa nan dioghaltas a tha mise adeanamh ortsa! Ah, mhealltair, an uair a thug thusa oidhirp air beathan fhir don dthug mise gradh a thoirt air falbh, nach dthug thu uamsa mo bheatha fhein? Ochan,” arsises i labhairt ris an righ, an duil gun robh ilabhairt ris an duine dhubh, “mo ghrian, mo bheatha, am bi thunad thosd a ghnath? Am bheil thu suidhichte gun leig thu leam am bas fhaotainn gun a thoirt dhomh de thoileachadh na dhinnseas dhomh gum bheil gaol agad orm? Tha mi guidhe ort, a ghaoil mo chridhe gun abair thu aon fhacal rium.”

Thug an righ smuaisleachadh air fhein mar gum biodh e air dusgadh a trom chadal, agus fhreagair e ann an cainnt nan daoine dubh, “Chaneil neart no cumhachd ann an neach sam bith, ach ann an Dia, a mhain.”

An uair a chuala i na briathran so, ghlaodh i le mor-aoibhneasMo mhaighstir graidh,” arsise, “am bheil mitoirt orm fein ni a chreidsinn nacheil fior? Am bheil e fior gum bheil mig ad chluinntinn a labhairt rium?”

A chreutair thruaillidh,” arsan righ, “am bheil thu airidh gum freagrainn-sa do bhriathran?”

Ochan!” arsise, “car son a tha thutoirt maslaidh dhomh mar so?”

Tha glaodhaich is osnaich is deoir dfhir,” arsesan, agus am masladhs an cruas cridhe leis am bheil thudeanamh dioghaltais air a h-uile latha, ’g am chumail-sa gun norradh cadail a dhoidhches a latha. Is fhadon a bha mise slan fallainn, agus comasach air bruidhinn riut, nan do thog thu dheth do gheasan. Is e an droch dhiol a thagad air a thag am chumail-sa gun chomas bruidhne.

Gle cheart,” arsise, “gu slainte, agus fois inntinn a thoirt dhut, tha mise deas gu ni sam bith a dheanamh a dhiarras tu orm. Am bu mhiann leat miga churs achruths an robh e roimhe?”

Bu mhiann,” arsan righ; “greas ort, agus thoir a shaorsa dha, a chum nach bi a ghlaodhaichs a ghearain acur draghorm tuilleadh.”

(Ri leantuinn.)


Pickleam Brathadair.

Mu thoiseach a gheamhraidh so dhfhalbh, chuirear a mach leabhar ùr le Anndra Lang an Albainn, leabhar anns am beil luchd-leughaidh am bichiontas ag gabhail moran uigh. ’S ePickle the Spyainm a leabhair, agusse is ceann-criche dha soillearachadh a thoirt air eachdraidh PhrionnsTearlaich eadar 1750 agus 1763. Aguss bronach a sgeul a tha aige ri innse, chionn tha eleigeil fhaicinn dhuinn ged a bha a chuid mhor de na Gaidheil dileas don phrionnsa gu ruig am bàs, ged a thug iad dha an cridheachan gu h-iomlan, gidheadh gu robh nam measg feadhainn

A thionndaidh an colairs an cleoc
Airson a sporain bu mho,”

agus gu h araid aona cheann-feadhna den fhuil cho uasals a bhan Albainn, a reic e-fhein mar fhear-brath ri luchd-driachd Righ Deorsa.

Ann an roi’ -radhRedgauntlettha Sir Ualter Scott ag radh gun do chum luchd-comhairle Dheorsa am falach innleachdan uire an Dr. Chamshroin air eagal len toirt an aird gun nochdadh iad don t-sluagh na meadhoinean a bhacair lan fhiosrachadh fhaotainn mu gach ni a bhuineadh do PhrionnsTearlach. Air reir Langse Tighearna og Ghlinne-Garaidh, Alasdair Ruadh, a thug roinn mhor den fhiosrachadh so do na Sasunnaich, aguss ann fon ainmPicklea tha e am bichiontas ag sgriobhadhg an ionnsuidh. Agus gu mi-fhortanach chaneil teagamh sam bith nacheil Lang ceart, a chionn a bharrachd air iomadh dearbhadh eile, thaPicklena litir mu dheireadh ag iarraidh air an luchd-riaghlaidh a chuid litrichean a sheoladh guAlexander Macdonell of Glengarry by Foraugustus. ”

Bu ogha Alasdair Ruadh noPickledo dh-Alasdair Dubh Ghlinne-garaidh a ghearr sios dithis leis a h-uile buille don chlaidheimh mhoir ann am blar Raoin-Ruairidh. Anns a bhatal so chaill ebhrathair agus a mhac Domhnull Gorm a mharbh ochd deug den namhaid. Bha e rithist aig Siorramuir agusn uair a thuit Mac- ’ic-Ailein, thilg ebhoineids an adhar ag eigheachDioghaltas! Dioghaltas! an diugh, caoidh am maireach.” A sios aig ceann a chuid daoine ruaig e na bha mu choinneamh de na Sasunnaich.

Co a shaoileadh gum biodh ogha cho foilleil? Ach cha robh coille riamh gun chrionaich; agus ged a bhaPicklena mhealltair agus na bhrathadair chaneil sin idir ag isleachadh cliu an dream uasail



[311]

[Vol . 5. No. 40. p. 7]

bhon tainig e. Agus bha sona bhuaidh airPickle.” Bha e na dhuine briagha; cha do sheas riamh air urlar damhsaidh duinuasal bu tlachdmhoire. Pearsa dheas, dhireach; aghaidh fhlathail, aoibheilbu duilich a chreidsinn gu robhn fhoill na chridhe. Agus cha robh dhith misneach air. Shiubhail e gun sgath an Fraing, Albainn, agus Sasunn, ’s fios aige gum biodh an sgian ri mhuineal na faighte mach e. Agusse an ni as iongantaiche gun dfhuaradh a mach e, agus gun deachaidh casaid a chuir air a dhionnsuidh anRigh bha bhuainn,” le banntrach Ghilleasbuig Camshroin. Ach bhas an àm sin am mi-chordadh eadar Seumas agus PrionnsTearlach cho mor, agus gu robh am brathadair na chompanach dlùth aig a phrionnsa, agus a faighinn bocsa snaoisean oir bhuaithe mar thiodhlaic, ’n uair a bha fios acair fhoill anns a Roimh.

Dheug Alasdair Dubh ann an 1724, agus thainig a mhac Iain, a dhionnsuidh na h-oighreachd. Bha Iain posda da uair agus bha ceathrar mhac aige. Dhiu so be Alasdair Ruadh, am fear bu shine, “Pickle.” Bha Alasdair na chaiptein ann an reiseamaid Ghaidhealach anns an arm Fhrangach. Cha do dheirich seana Ghleanna-Garaidh leis a phrionnsidir, ach bha roinn mhor de chuid daoine a muigh fo chomannda Tighearna Locha-Garaidh. Rugadh air Alasdair mu dheireadh 1745, air dhabhi tighinn tarsuinn bhon Fhraing le buidheann de shaighdearan Gaidhealach. Chuir na Sasunnaich ann an tur Lunnainn e. Anns a chiad mhios de 1746 bha esgriobhadh gu Paris ag iarraidh airgid. ’Sann mun àm so a chaidh a bhrathair Aonghas a mharbhadh le urchair a dhfhalbh gun fhios á gunna Domhnullaich do reiseamaid Mhic- ’ic-Ailein. Chaidh an saighdear bochd a chuir gu bàs, agus dhfhag moran de na Domhnullaich arm a Phrionnsa. Leigeadh mar sgaoil e mu mheadhon 1747, ach chaneil cinnt againn cuin a reic e e-fhéin ri muinntir Shasuinn. Bha e gun stad gun fhois ag iarraidh airgid air Righ Seumas, ach so ni nach robh furasda do Sheumas bochd a thoirt dha. Chaneil teagamh nach robh e ann an cruaidh chas, chionn ann an July, 1749, bfheudar dha a chlaidheimh agus a bhucail-bhrog a reic gu airgead fhaotainn. Mu dheireadh na bliadhna so bha airgead gu leoir aige, ach co-dhiu fhuair e e gu h-onarach no nach dfhuair, tha e duilich a dhol roimhe. Chaidh a chiad litir a tha lathair den fheadhainn a chuirPicklegu luchd riaghlaidh Shasuinn a sgriobhadh air Nov. 1752. Anns gach litir tha e ag gearain nacheil iadga phaigheadh airson a sheirbheis. Fhuair na Sasunnaich na bha dhith orra bhuaithe ach mar bu dual daibh cha tug iad moran dha air a shon. Thainig e stigh air an oighreachdn uair a dheug athair ann an Sept. 1754. Rinn e droch fhear-fearainn. Bha e bosdail is taireil air an tuath agus dhfhiach e gu cruaidh riutha. Thairg e reiseamaid de chinneadh a reic ri Sasunn na faigheadh e-fhéin na choirneal oirre, ach cha deachaidh so leis. Tha mi creidsinn nach burrainn do na Sasunnaich moran earbsa chuir as. Air Dec. 1761, dheug Alasdair Ruadh agus dhfhalbhPicklemaille ris. Cha dfhag e duine cloinne, aguss math nach dfhag. Nam biodh a shliochd a lathair air an lathan diugh bu mhor an t-aobhar tamailt e dhaibh. ’S duilich ri radh co dhiu rinn e math no cron. Mur a biodh e ma dhfhaoidte gun deirich na Gaidheil a rithist agus gu be mar a rachadh a chuis, bhiodh iomadh call deanta.

Cha dfhuilinn bas troifhoillPhickleach aona duine an Dr. Gilleasbuig Camshron, agus bu mhor an diubhail. Bu bhrathair Gilleasbuig den uasal chliuteach Domhnull Camshron Loch-Iall. Dhionnsaich e bhi na lighiche ann an Dun Eideann, agus anns an Fhraing; shuidhich e e-fhein a sin ann a Lochabair agus phos e bean-uasal de na Caimbeulaich. Bha e comharraichte airson caomhalachd a nadair, agus cha robh toil sam bith aige eiridh leis a Phrionnsa ann a 1745; chaidh a leon ann am blar Sliabh a Chlamhain, agus bha e rithisd ann am blar Chuilfhodair ach fhuair e teichealt don Fhraing maille ri Loch-Iall. Na dheigh so bha e air ais agus air adhart eadar Albainn agus a Roinn Eorpa ann a seirbheis a Phrionnsa. Anns a 1752 fhuair na Sasunnaich greim air agus chaidh a dhiteadh gu bas airson a bhi muigh ann a 1745. Rinn a chairdean na burrainn dhaibh go mathanas fhaotainn dha ach bfhaoin an gnothach fiachainn ri taiseachadh a thoirt air cridhe cruaìdh Righ Deorsa. Chaidh a bhean a

(Air a leantuinn air taobh 312.)


CARADH
Uaireadairean
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar uthcha thanar beachd


D. A. Mac FHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIGOs cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.


Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .,
SIDNI, C. B.


McDonald Hanrahan & Co,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4.; ’95



[312]

[Vol . 5. No. 40. p. 8]

(Air a leantuinn o thaobh 311.)

ghlasadh suas comhla ris air eagal ibhi ag cuir trioblaid air an teaghlach rioghail le h-achanaich. Chaidh a chrochadh air June 8, agus a choluinn a reubadh ann an doigh ghraineil. Tha litir á Lunnainn ag radh gun do dhfhuilinn e mar dhuine treum, mar Chriostaidh, is mar dhuin-uasal, agussi so an teist tha gach aon atoirt dha.

Airson a Phrionnsa ris na bhuin Pickle cho foilleil feumar aideachadh gun deach e bhuaithe air a cheann mu dheireadh, agus gu robh a ghiulan na aobhar dorrain agus doilgheadais do gach aon bu dillse dha. Ach chaidh a spiorad a bhriste, aguss iomadh rud mi-chiatach a bheir amhghar, an dochas, agus briste-cridhe air duine a dheanamh. ’S fhearr leinn gu mor, ma ta, smaoineachadh air Tearlach mar a bha e na aois a choig bliadhna fichead na Phrionnsa cho eireachdail agus cho flathails a tharruinn riamh claidheamh á truaill. Dhearbh e chruadals a ghaisgen uair nach robh e ach ceithir bliadhndiag, agus fhiughantachd, iochd, agus fhoighidinn nochd e uair agus uair. Ann am beagan fhacal tha Lang ag radh gu robh de dheifir eadar e-fhein agus Diuc Uilleamsa bhiodh eadar ceannard flathail, foghluimte agus Innseanach an-iochdmhor, meallta na coille. Chan urrainn teagamh sam bith bhi mun phuing so. Thairg na Sasunnaich duais mhor airson Thearlaich beo no marbh. Thuirt Cumberland ri shaighdearan nach robh priosanaich a dhith air. ’San Roinn-Eorpe dhfhiach iad iomadach uair ri cuir as da le foill. Agus mu choinneamh so chan fhuiligeadh Tearlach da chuid daoine ionnsaidh sam biththoirt fos laimh air teaghlach Hanobher, agus tha a naimhdean fhein ag aideachadh iochd ris na priosanaich.

So am Prionnsa, Prionns Tearlach mar a bha e ann an 1745, don tug na Gaidhil gaol, gaol nach dfhuair prionnsa riamh roimhe, ’s nach fhaigh prionnseile na dheigh, gaol a chaidh a dhearbhadh le fuil ghaisgeach cho calmas cho duineils a sheas riamh air faiche; agus fhads a bhios fraoch a fas air beanntanan garbha na h-Alba thig blaths ann an cridhe gach Gaidhil agus gach mac Gaidhiln uair a chluinneas e iomradh air an Righ

A thainig air tir am Muideart
Righ nan Gaidheal, Tearlach Stiubhart

MAC-IAIN.


Iul an Eileanaich.

LEIS AN OLLAMH URRAMACH IAIN MAC LEOID, NACH MAIREANN.

Tha Eilean Thireadh cho iosal chòmhnard, ’s nacheil e furasda thogails an oidhche leis na maraichean thag iarraidhga ionnsaidh. Tha e na chleachda cumanta, uime sin le muinntir an eilean, ’n uair a tha càirdean a mach air cuan agus sùil aca riutha, teine a lasadh air àite airidh air an dean am maraiche a ghabhail. Is iomad bàta agus sgioba a thearnadh leis a chleachda chairdeal bhàigheil so. ’S enfhaireachadh so a thug air Iain Mor na Morairne an Dan a leanas a sgriobhadh.

FIONN.

Bhaghriansi air luidhe
Fo smal is fo ghruaim,
Agus cuantan abeuchdaich
Le gàirich nan stuadh;
Ach than eithear gu treun
Ris a ghaillinn astrì,
Ag iarradh gun luasgan
Gu cala na sìth.

Bha dui-neoil nan doinionn
Asiubhal nan speur,
Is fearann no fasga
Don sgioba cha leur,
Ach gun mheatachd gun imcheist
Air cridhe nan sonn,
Shior ghleidh iad an gabhail
Air Eilean nan tonn.

Deir am maraiche aosda
A shuidh air an ailm,
Na striochdaibh mo ghillean
Fo uamhar no stoirm;
Bidh ar n-earbsa gu daingeann
An Ard-Righ-nan-Dùl,
Oir dheònaich a mhaitheas
Na bheir soills agus iul.

Agus feuch! mar a labhair
Air carraig nan stuadh,
Suas dhéirich le deàrsadh
Ard lochran nam buadh;
An deur nach do dhfhasgadh
Le gabhpadh o shùil,
Shil an t-athairnuair thuirt e
A leanabh mo rùin.”

S bha leanabh cho sona,
S bu mhiannach le crìdh,
Nuair chunnaic in t-eithear
An cala na sìth;
S O! baoibhneach a choinneamh
Nuair rainig in tràigh
S a thuirt i le aiteas
O, athair mo ghraidh.”


Banarach Dhonn a Chruibh.

A bhanarch dhonn a chruibh,
Chaoin a chruibh, dhonn a chruibh,
Cailin deas, donn a chruibh,
Cuachag an fhàsaich.

A bhanach mhìogach,
S e do ghaolthug don tir mi;
S math thig làmhainean siod
Air do mhìn-bhasaibh bàna.

S mòr bu bhinne bhi dèisdeachd,
S tu bleodhann na sprèidhe,
Na smeòrachs a Chétein
M bàrr gèigann am fàs-choill’.

S nur sheinneadh tuchoilleag,
Leigail mairt ann an coille,
Dh-ialaidh ianlaidh gach doire
Dh-èisdeach caoiril do mhànrain.

S gum bu mhòthar mo bheadrach
Tighn don bhuaile mun eadthra,
Seamh, seang-chorpach, beitir,
S buarach, ’greasad an àil, aic’.

mhaoth bhois bu ghrinne,
Fon ghàirdein bu ghile,
N ur a shìnntiad gu sgilail,
Fa sininean fhàsgadh.

N ur thogadh ibhuarach,
Cuachus currasan na buaile,
Bèu-coltach a gluasad
Ri guanaig na Stràide.

ALISTAIR MAC DHÒNUILL.


AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leigsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD.
Cuir a dhiarraidh sampuill, teisteannais us urrais.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia. —agus—127 State St., Boston, Mass.


NUAIR THEID THUBHADDECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram, Bathar Cruaidh
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile.
An seorsas fhearrs aphris as isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.


Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


Indurated Fibreware
Tha an seòrsa so nas daoire na na bucaideans na tubaichean cumanta, achs math is fiach iad sin; tha iad nas buaine, agus mar sinsiad as saoire.
THE E. B. EDDY Co LIMITED
HULL, CANADA.

titleIssue 40
internal date1897.0
display date1897
publication date1897
level
reference template

Mac-Talla V No. 40. %p

parent textVolume 5
<< please select a word
<< please select a page