[313]

[Vol . 5. No. 41. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, APRIL 17, 1897. No 41.


Litir on Chuairtear.

FHIR MO CHRIDHE, —Mar a ta fhios agad fhéin, tha mobairg am chur air ghluasad air feadh an eilein, agus mar sin chi mi moran sluaigh, agus gheibh mi moran naigheachdan á iomadh cearna. ’S iomadh uair a smaoinich mi gun sgriobhainn litir gu MAC-TALLA, ach chan eil mo sgoil Ghàilig ach fad air ais, ged is nàr sin ri innse.

Dhfhalbh mi á siorrachd Victoria air a mhios so dhfhalbh, chaidh mi troimh siorrachd Inbhirnis, agus tha mi nise ann an siorrachd Richmond. Fad na h-ùine bha mi deanamh an astair sin, cha chuala mi iomradh air a bheag ach politics agus an la grip. Thog an la grip a ceann an toiseachs an Fhraing, agus bfhearr le sluagh na dùthcha so gu robh i air fuireach ann an dùthaich a h-àraich. Dhòirt Breatunn fuil gu leòr a ruagadh nam Frangach as an eilean so, aguss bochd an gnothuch nach rachadh aice air toirt orra an cuid tinneis a chumail aca fhéin, cho mathsa rinn i sin. Thug Wellington buaidh air Napoleon ann am blàr Waterloo, agus their cuid riut nach eil Wellington ann don ghrip ach a mhàin an t-uisge-beatha; agus fhadsa dhfhanas i gun an casan a chur os an ceann, tha iad coma cia lion Waterloo a dhfheumas iad a chur, oir bheir gach blàr a thig cothrom dhaibh air fàilte chridheil a chur air Wellington.

Tha moran dhaoine tinne air feadh an dùthcha; mur eil iad tinn leis aghrip, tha iad tinn le politics, am measg nan daoine tha feuchainn ri bhi air an taghadh ann an Ceap Breatunn, tha dithis air an do chuir mi fhéin eòlas adol don Ard-sgoil ann an Sidni, Iain G. Moireastan, ann an siorrachd Victoria, agus Donnachadh Mac Fhionnlaidh ann an siorrachd Richmond. Air sgàth seann eòlais bu mhath leam am faicinn air an taghadh le chéile.

Bha mi aig coinneamh Cléire ann aHogamah air a treas latha dhen Mhàrt. Bha coinneamh ùrnuigh aca feasgar, agus an t-Urr. Alasdair Ros air a ceann. Labhair an t-Urr. Mr. Bayne mu Theachdaireachd Chéin, agus an t-Urr. Domhnull Domhnullach mu Theachdaireachd aig an Tigh. Bha an t-Urr. M. A. Mac Coinnich, a bha roimhe so ann an Grand River, asearmonachadh aig na Narrows Bheaga àireamh sheachdainean; tha e nise ann am Pictou.

Tha iadsan a tha ruith an taghaidh acoinneachadh rium an siods an so. ’Nuair a thachras duinort a bheir crathadh làimhe cridheil dhuit, ’s e gu h-aoidheil, càirdeil, afeòrach ciamar a tha thu fhéins an teaghlach mum bheil fhios aige gu bheil teaghlach agad, faodaidh tu bhi cinnteach gur duine a tha sireadh bhòtaichean. Tha ena sheòrsa toileachaidh don duine bhochd a bhi faicinn nan daoine beairteach mar siod a dol mun cuairt air a bhaigeireachd an dràsdasa rithist. Anns aBheurla goirear de na daoine beairteach air uaireannanbig bugs. ”Mo thruaighen dùthaich: ’s iomadh seòrsa bògais a tha deocadh a fala. Ach cha chreid mi gu bheil seòrsa ann as miosa dhi na bògais a bhuntàta agus bògais na pàrlamaid. Gun teagamh tha seòrsann a chumas tàmh na h-oidhche bho dhuine, ach iad so cha leig iad tàmh leis a dhoidhche no latha.

Tha fear Domhnull Mathanach aig Loch Mhic Fhearghais, an deigh muileann-sàbhaidh a thogail a tha air acur air obair leis aghaoith. Tha ceithir sgiathan oirre, a dha uireadsa tha air [ ? ] eile. ’Nuair a gheibh e neart fiodha rishàbhadh, cha biongantach leam ged a bhiodh eg òrduchadhAugust galea thighinn a h-uile mios dhen bhliadhna.

Tha min dràsda aig Loch Lomond, am meag mo chàirdean caoimhneil Gàidhealach, dem bheil moran agabhailsa leughadh MHIC-TALLA. O chionn beagan bhliadhnaichean air ais, chuir mi seachad latha gle thoilichte maille ri dithis eile a bhadol don sgoil còmhla rium ann an Sidni. Bha sinn aseòladh air an loch. Tha Eilean nan Gròiseid, airn do chuir sinn seachad achuid a bfhearr den latha, an diugh mar gum biodh e na shuidhe air an deigh, agus tha aghaoth tuath cho geur ri gròiseidean an-abaich. Tha na ròidean afàs gu math rùisgte, agus ge air bith de dhéireas dhomh fhéin, chan eil e ro-choltach gu ruig an t-sleighen tigh gus an tig sneachda geamhraidh eile. Ma bhios mi gu math, agus nach teid min sàssan deigh cho donas nach tig mi as, cluinnidh tu uam a rithist.

Is mi do charaid,
AN CUAIRTEAR.


Stuamachd.

Their cuid, ‘Is coma leam fhéin na daoine nach òl deur idir. Cha mhòr as fhiach am fear nach urrainn a ghabhail is fhàgail! An do chuir daoine a bhitheas a labhairt mar so riamh a cheisd so riutha féin. ás a tàinig na drongairean? Tha fhios math gu leòir nach do rugadh duine riamh na mhisgear, as a nis a tha iad a tighinn? Càite bheil iadg an àrach? Tha dìreach á cuideachd na muinntir eugsamhail ud a tham beachd gur urrainn iad daonnana ghabhail as fhàgail.” Thig an latha agus gheibh cuid aca fios air an fhìrinn mhuladaich soged is urrainn iad a ghabhail nach urrainn daibh fhagail, agus on àm sin tha iada dol leis a bhruthach gun chomas stad. Tha am fear a bàbhaista ghabhail is fhagail” —agus a bha deanamh uaill nach robh feums am bith aigesan air bòid na stuamachd a ghabhaila nis air fàsn a thràill don deoch-làidir agus gun chomas tilleadh ge boil leis e. A charaid, a bheil thu tuigsinn a nis ás a tha na drongairean a tighinn? Chaneil misgears an dùthaich nach robh aon uair am measg na muinntir a bhan a bheachd gum burrainn iad daonnana ghabhail is fhàgail.” Chaneìl esan nach gabh deur idirg a chur féin anns achunnart uamhasach somar than sean-fhacal ag ràdh, “Is feàrr a bhi cinnteach na bhi caillteach.”

Deur beag mu Nollaig.” —So leisgeul a bhios aig cuid. Nach brònach an gnothach e nach gabh an Nollaigs aBhliadhn Ur fhàilteachadh gun am botul grànnda a bhi air abhòrd. Tha mòran ann agus tha iad acumail bòid na Stuamachd na bliadhna ach a thatoirt thairisn uair thacoileach-dubhna Nollaig air a thoirt air bonn. Chaneil fhios aig mòran air a bhuaireadh a tha iad acur an rathad muinntir le aoidheachd den t-seòrsa so. Tha iad a cur ceap-tuislidh an rathad an caraid ged nacheil iadg a chiallachadh.


Laoidh.

La mar , an neòinean àillidh,
Sùileag togaidhn àird gu fann;
Caoidh chan éirich uaith no tàsan,
Nacheilàitair bhàrr nan crann.

S tha an oiteag ghaoith cho taitneach,
Is tha ghrian cho dealrach, grinn,
Ris an neiòinean taobh an rathaid,
S ris abhlàth is àirdechinn.

Dia thug do gach aon neachinbhe;
Cuid tha mealtainn seilbh is fàis,
S cuids na bothain bhochd gu saoithreach
Gheabh gach aon gu saor a ghràs.

Da chuid cloinne, bochd is saibhir,
Ard is ìosal, thug e gaol;
S bheir e iad a suas gu flaitheas,
A rinn seirbhis dhas an t-saoghl



[314]

[Vol . 5. No. 41. p. 2]

AGhàidhealtachd.

EARRANN DE DHORAID A LIUBHAIR AN T-URR. MR. MAC GHRIOGAIR, AIG COMUINN GAILIG INBHIRNIS, 1891

Chan eil fhios cuin a sguireamaid do labhairt nan rachamaid gu sgeul a dheanamh air boidhchead na duthchasan dfhuair sinn ar breths ar arach. Shiubhail mise neart don chuan, ’s chan fhaca mi fathast aon tir a chuirinn an coimeas ri mo thir fein. Chi sinn anns a Ghaidhealtachd na h-uile ni a chuireas sgiamh air an talamh, agus na h-uile ni air am bu mhiann leis na baird a bhi adeanamh rainn. Seallaibh air na beanntan, air Nibheis, ’s air Cruachan, ’s air Laoimein, ’s air moran eile. Tha iad sin nan seasamh mar fhianuisean air gach gniomh mor a thachair mun cuairt orra o na chaidh an saoghal a chruthachadh. Nach ciatach an sealladh a ta iad acur air an tir? Is mors is laidirs is daingean iad, a seasamh mar a sheas na Gaidheil iad fein o shean, gu dian agus gu misneachail an aghaidh gach nàmhaid. Rachamaid a sios gu ruig an Srath, agus ciod a chithear leinn? Tha againn an sin na h-aimhnichean mora, ’s na sruthanna beaga, nan dian ruith o mheasg an fhraoich, gu ruig an comhnard, agus on chomhnard gu ruig an cuan. Is boidheach na tuiltean uisge, ’s iad nan ruiths nan leums nan cabhaig, mar gum biodh iad a ruith reise a dhionnsuidh na tragha. Seadh agus is boidheach na coilltean gorma ta a fas air na bruichean. Chi mi an giubhas agus an darach, ’s an calltuinn, ’s an seileach ag eirdh a suas gu boidheachs gu lurach. Cuiridh iad sin maise air ar beul gach uair a thogas sinn a suas ar suilean a chum nam beann. Cha bheag an dreach a chuireas am fraoch fein air na sleibhtean an uair a thig e fo bhlath mu Lunastal, ’sa bhios am monadh mar gum biodh e a lasadh le teine. Thugamaid suil a dhionnsuidh na h-airde an Iar. Chi sinn an sin na h-eileinean. Chi sinn Muile nam Mor-bheann, agus I Chaluim Chille, far an deachaidh an Soisgeul a theagasg air a cheud tarruinn ann an Albainn. Chi sinn Eilein a Cheo, no Eilein nan Sgiath, an t-Eilein Sgiathanach, agus a ris an t-Eilein Fada, agus Eilein an fhraoich, an Leothas, a sineadh fad air falbh a dhionnsuidh an airde Tuaith. Than cuan abriseadh mun cuairt orra, mar chuan do ghloinn air a mheasgadh le teine, nis dealraich na uile sheudan na talmhainn so air an caradh mu thimchioll crun na Banrighinn. Mur eil gu leoir agaibh fathast thugaibh suil air na criochan a ta ri fhaicinn fa chomhair nan eilein. Sin far am bheil na lochanna a ruith a stigh aig bun nam beann, far am bheil na machraichean faoilidh anns am bi na treudan ag ionaltradh fa ur dhealt a cheitein mun eirich a ghrian. Sin agaibh ma ta, an duthaich anns an bheil againn ar tamh. Co as a thainig sinn fein, agus co dam buin sinn? Tha eachdraidh nan Gaidheal adol gu ruig linntean fado shean, agus tha cunntas againn air ar sinnsirean mun deachaidh bunaitean na Roimh a leagail, agus mun robh duine beo agabhail tamhs an fhearann Bhreatunnach. ’S coltach gum bann o mheadhon na h-Asia chaidh an saoghal gu leir a lionadh le sluagh. Feudar a bhi cinnteach gun robh na Gaidheil am measg a cheud fheadhainn a chaidh a mach, ’nuair a bha an sluagh a fas lionmhor, agus an tir a fas ro chumhann. Ghabh iad an turus a dhionnsuidh na h-airden Iar sior dol air an aghaidh gus am faigheadh iad aite taimh a bhiodh freagrach, agus mu dheireadh thug iad a mach criochan na h-airden Iar don Roinn-Eorpa. As a sin, thainig iadnan curaichean thairis air a Chaolas Shasunnaich, agus dhaitich iad Breatunn gu leir. Air dhaibh an sin a bhi air an roinn nan tri earannan, chaidh cuid do Uels, agus cuid do Eirinn, thainig cuid eile do cheann Tuaith Albainn, agus biad sin na fior shinnsirean on tainig sinne. Seadh, agus is iomadh cogadh mor a bha aca riamh ri chur, air son greim a chumail air Tir nam Beann. Is e facal suaicheantais nan Leodach, “Cum an greim a gheibh thu,” agus tha mi an duil gum bu mhath a fhreagaireadh e do na Gaidheil uile. Thainig naimhdean nan aghaidh an toiseach as an Roimh. Bha iompaireachd na Roimh atagradh coir air an t-saoghal gu leir, ach feuch an tug na Romanaich buaidh air luchd aiteachaidh nan gleann. Cha tug, ’s cha mho thug na Sasunnaich no na Lochlunnaich, ged a bu tric a thug iad an oidhirp. Tha iomadh carn ri fhaicinn air feadh na Gaidhealtachd, a ta acomharrachadh nan aitean far an do thuit colainnean nan namhaid cein sin, do bhrighs nach leigeadh ur n-aithrichean leo sealbh a ghabhail. Cha deachaidh na Gaidheil riamh fathast a chur fo smachd coigrich, ’s tha mi an dochas nach teid gu brath. Ach coma co dhiubh. Chan eil an sin ach seann naigheachdan a bhuineas do na laithean a dhfhalbh. Chan ionann cor na Gàidhealtachd an diughs mar a bha inuair a bhiodh na fineachan adol a mach gu cath fo bhratach nan Ceanna-cinnidh. Tha na Gaidheil air sgoileadh gu uile chriochan na talmhainn, ’s tha iad air tighinn gu ard inbhe anns gach aite far an deachaidh iad. Faicibh an Domhnullach a bha na phriomh uachdaran air an fhearann Bhreatunnach ann an America. Sin far an robh oganach Catach, a chuir moran urraim air an aite as an dthainig e. Chan eil ach goirid o na thainig a chrioch air, ’s bfhearr gun robh tuille ann coltach ris. ’S mor am beud gum bheil co beag suim air a ghabhail do nithean Gaidhealachn ar measg. Tha morann ar measg adeanamh di-chuimhne air gnathaichean air n-aithrichean, ’s chan eil mi cinnteach idir gur ann nis fearr a ta iad adeanamh. A reir coltais tha daoine ann a ta co proiseils gum bheil iad a deanamh tair air a Ghaidhlig mar chainnt shuarach neo-fhasanda. Seadh, tha gu leoir ann air feadh na Gaidhealtachd aig am bheil gu leoir do Ghaidhlig, agus a ta acumail a mach nach eil facal dhi nan ceann. Tha iad gam brath fein gun taing. ’S iomadh uair a rinn mi gaire acluinntinn fear no te ag radh, ’sa Bheurla, “Chan eil Gaidhlig agam.” Nam biodh iad ag innseadh na firinns e theireadh iad, “Chan aithne dhomh a Ghaidhlig,” do bhrighs gur e sin an car a bhios na Sasunnaich acur air a chainnt aca fein. A nis, am feadhs a tha daoine cho aineolach ri so, tha e feumail gun rachadh ni eiginn a dheanamh a chums nach rachadh di-chuimhne gu leir a dheanadh air cainnt na h-airde Tuath. ’S e so is crioch araidh don Chomunn Ghaidhealach aig Inbhirnis. Is freagarrach gum biodh priomh bhaile na Gaidhealtachd air thoiseachsa ghniomh. Rinn muinntir Inbhirnis aon rud a bha glic, ’nuair a thug iad gairm don Ollamh Macleoid gu tighinn an aite an Domhnullaich. Chan e na h-uile fear a lionas boineid an Domhnullaich, ach ma tha fear idir ann, ’s e sin Tormoid, Gaidheal mor, laidir, foghainteach; saoghals slainte gun robh aige re morain laithean. Gu ma fada beo e, ’s ceo as a thigh. ’S àm dhomh sgur. Moran taing dhuibh air son co foighidneachs a dhéisd sibh rium. Gabhaibh airur n aghaidh a mhuinntir a Chomuinn Ghaidhealaich. Cumaibh cuimhne air na Baird, ’s air a phiob mhoir, ’s air a chamanachd, agus seasaibh guallainn ri guallainn a dhaindeoin co theireadh e.


Mairi aGhlinne.

LEIS AN URR. TORMOID MAC LEOID, D. D.

Bann air feasgar ceud latha na bliadhnùire, mar bha mi air mo cheum ateachd a mach á Tigh-eiridinn ann am baile-mòr àraidh nacheil fadon àitem bheil mi chòmhnuidh, a fhuair mi acheud sealladh do Mhàiri aghlinne. ’S maith tha cuimhnagam air an latha. Bha cridhealas, sunnd, agus gleadhar a mach air na sràidibhaoibhneas air gach gnùis; ach tre na h-aitribh san robh mise, cha robh ra éisdeachd ach osnaichean agus bròn, gearan agus caoidh. Chaidh mi le lighiche an tighe troimh gach seòmar, agus, da rìreadh, bu chruaidh an cridhe nach faigheadh aobhar-smuain agus cùis-bhròin anns gach aon diubh. Tha cuid do na leapaichean so arsan lighiche, falamh an diugh, anns an robh daoine an ; agus tha mòran an diugh, ag osnaichs an tigh so, a bhitheasnan cuirp gun deo mun tig an la màireach. Baobhar taingealachd an cùram agus an aire bha air a thaisbeanadh do gach aon. Ged abradh sibh gum biad mo chàirdean bu dilse bhiodh ann, chan iarrainn am barrachd caoimhneis a bhi air a nochdadh dhoibh na chunnaic misan tigh-eiridinn eireachdail so. Bha mi air mo cheum a dhionnsuidh an doruis, ’s an lighiche dealachadh rium, ’nuair mhothaich mi dithis no triùir acuideachadh le òg-mhnaoi laig, bhrùite, easluintich, gluasad a dhionnsuidh leapa bha air a



[315]

[Vol . 5. No. 41. p. 3]

h-uidheamachadh air a son, ann an seòmar beag leth-oireach anns an robh leabaidh: aon airson na h-òg-mhnà so, agus an t-aon eile airson bean chòir thlachdmhor a bha maille rithe, agus a dhiarr cead fuireach oidhche no dhà ga faire.

Bhan dùile bhochd òg so co lags a burrainn do neach a bhi anns an robh an deò. Cha drinn iad ach a cleòchd agus a còmhdach-cinn a thoirt dhi, ’s leig si i fein na sìneadh air uachdar na leapa le osna thròm. Dhamhairc mi oirre gu dlùth. Is ainmic da rìreadh a chunnaic mi aodann bu bhòidhche no gnùis a bàille. Cha robh gu dearbh, blàth na slàinte air a gruaidh; bhah-aodann geal, bàn, fo shnuadh a bhàis: shearg gach deirge, ach aon bhoinne beò bha fathast ag iathadh an deigh chàich, atighinns afalbhna gnùis chiùin. —Thuig mi gu luath nach bann sabhaile mhòr a fhuair an t-àilèlagan fann so a h-àrachbha fonn nam beann air a cainnt; agus o na briathraibh briste labhair i, dhfhiosraich mi gum bann an aon do na h-eileanaibh tuathach a fhuair i a togail. Bha seana bhean thlachdmhor maille rithe, a shuidh taobh na leapa fo imcheist mhòr. Bha gnùis fhlathail aig an t-seana-mhnaoi so, ged a bha preasadh na h-aoise agus cùram an t-saoghail an déigh iomad clais dhomhain a dheargadh oirre. Chunnaic thusa, (arsa misem chridhe féin) latha bfhearr, mureil mi air mo mhealladh, dhfhiosraich sibhse le cheile bhur cuibhrionn féin do athraraichibh an t-saoghail chaochlaidich so.

Dhaithnich an t-seana-bhean mi. “Deanaibh suidhe,” arsise, ’s i comharrachadh a mach cathair dhomh, dlùth don leabaidh. Tharruing i osna throm, agus thòisich i air a sùilean a thiormachadh. “Thugaibh maitheanas domh,” arsise, “tamull beag.”

Dhfhosgail an òigh a bhasan leabaidh a sùil agus dhamhairc i mun cuairt di. “Co,” deir i, “tham chòir? Co tha làmh rium?” — “Miseghràidh,” arsan t-seana bhean, “do bhana-charaid nach tréig thu. Nach aithne dhuit mi, Mhàiri? Nach labhair thu aon fhocal a thruaghain mo chridha; nach innis thu am bheil thu idir nis fearr?” Dhfhosgail i a sùil bhòidheach ghorm. Bha fiamh do ghàire faoin air a gnùisagus braon do fhallas fann ateachd a mach air a bhathais ard. “Tha mise,” arsa Máiri, “mar bu mhiann leam a bhitha mi air leaba mo bhàis; ach O! ’n ann an tigh-eiridinn am measg choigreachfada, fada o thìr meòlaisan tir nach faic misegu bràth! Ach nach coma? Cha seas so fada. Tiota beag agus bidh gach deuchainn shaoghalta gu brath seachad. O! gun robh mise cinnteach á aon niagus an sin.” Dhùin i a sùiltharruing i aon osna throm, mar gum biodh a cridhe bochd an impis sgàineadh. Bha a bilean a gluasad; agus bfhurasd fhaicinn gu robh iomaguin throm air a h-anam. Bfhurasda thuigsinn air caochlaidheachd a gnùise gu robh smuaintean buaireasach tromana cridhe: mar chithear air uairibh neula dorcha bruailleanach air aghaidh nan speur, air feasgar àillidh samhraidh. “O! mo mhàthair,” arsan truaghan fanns i fosgladh a rithist a sùl; “mo mhàthair,” arsise, “nam bu leir dhuit mise air an àm soannsachd do chridhe féin, taon duine cloinne, do chaileag bhochd, aonaranach! nam bu léir dhuit mi, ’n so am measg choigreach, gun duine air abheil mi eòlach no dhùineas mo shùilean!” — “A Mhàiri,” arsan t-seana bhean, “nach eil misen so? Cha tréig mi thu; —nach do gheall mi fuireach leat? Bi sàmhach fheudail; chaneil thu gun charaid. Càitem bheil do chreideimh? Na dhi-chuimhnich thu an caraid a thubhairt Cha tréigs cha dibir misthu gu bràth? Na dhi-chuimhnich thu an caraid a leanas nas dlùithe na aon bhràthair?

Phaisg ise bhasan leabaidh a làimh air a h-uchd, agus dhamhairc i suas. “Cha do dhì-chuimhnich,” arsise, “tha esan maille rium; tha mo làn earbsa as; tha, tha, mur bitheadh bu truagh da rìreadh mise.” Tharruing mi dlùth, agus le guth co caoimhneil agus cainnt co bàigheils a bham chomas a chleachdadh, labhair mi rithe. Dhùin mi an dorus; leig mi mi féin air mo ghlùinibh taobh a leapa, agus chuir mi suas guidhe dùrachdach as a leth. Tharruing mi a h-inntinn gu caoimhneas a h-Athar nèamhuidh, thug fasgadh dhi an àm a h-airce san tigh anns an robh i. Labhair mi uime san aig nach robh àite far an leagadh e a cheann; labhair mi air toillteannas a bhàis; gràs agus saorsa na slàinte choisinn e; ’iochd agus a ghràdh do pheacaich bhochda; labhair mi airais-eirighs air an eadar-ghuidhe ghlòrmhor tha e deanamh as leth a chuid caorach féin air deas-laimh an as airde. Labhair mi mun chomh-fhurtair an Spiorad-Naomh; ghuidh mi airson a shòlais, a chul-taic agus a làthaireachd a bhi maille rithe an àm a teinn. Labhair mi rithe mu ghràdh an sin tha faire thairis air an eun as faoine thasan ealtainn; athair nan dìlleachdan, agus léigh mòr chorp agus anamanna an t-sluaigh. Ann an aon fhocal, labhair mi rithe na shaoil mi bha ceadaichte dhomh a radh ri h-aon air nach robh bheag no mhòr a dheòlas agam, ach gun robh i do réir coslais air leaba a bàis agus fo iomaguin spioradail.

Nuair bha mi deas gu falbh, shìn i mach a làmh. “Mìle, mìle taing,” arsise. “Os mise fhuair am faothachadh! Bha tart air manam, agus thug sibhse dhionnsuidh an fhuarain mi. Bha manam meat air seargadh, ach thainig drùchd gràsmhor air. Tha min dùil gu faigh mi codaltha sìth naomh air teachd air mo spiorad. Mise agearan! O! ’m bi migleachdna aghaidh gus an tilg mi an deò? An tig an t-uabhar so gu bràth gu làr? An as airde thoirt maitheanais domh!”

Thug i fàsgadh càirdeil dom làimh; agus an déigh dhomh focal no dhà a labhairt, dhéirich mi gu falbh. Lean an t-seana bhean mi dhionnsuidh an doruis. “Mìle buidheachas, fhir mo chridhe,” deir ise, “nam baithne dhuit i bhiodh tu bàigheil rithebeòlachur athair air a chéile.”

Pillidh mimàireach, deir mi, mas beò mi, ga h-amharc; ’s chaneil bàigh no càirdeas tham chomas a nochdadh dhi nach dean mi. Ciod tha cur oirre? “Tha,” deir an t-seana bhean, “cridhe briste; ach cluinnidh sibh sinna dheigh so.”

Phill mi mar a gheall mi, ’s fhuair mi Màiri gu mòr ni bu làidire; —bha i comasach air seanachas; agus dhfhiosraich mi le sòlas gun robh i eòlach air a Bìobull, air a dleasnas da Cruithfhear, agus air obair na slàinte. Fhuair i cothrom maith na h-òige, agus thug deuchainnean, tinneas, agus bochduinn gu trom-mhothachadh i. Bha iomad seanachas taitneach againn. Chinn sinn eòlach air a chéile; dhfhosgail i a cridhe rium, agus cha do cheil i uam na bha cur cùram agus bruaillean air a h-anam. “Air son an t-saoghail so,” arsa Màiri, “tha mi sgìth dheth; mheall e mi gu trom; chuala mi iomradh air saoghal as fearr, —air saoghal àillidh agus sona, agus air na rinn mo Shlànuighear chum a chosnadh dhomh. Saoilidh mi air uairidh gu bheil mi alàn-chreidsinn càirdeas, iochd, agus gràdh mo Dhé; saoileam gu bheil mi tàaruinte, nacheil fàth iomaguin: anns na h-amanna sona sin tha seòlainean glòrmhor air am fosgladh dhomh trid creideimh; ar leam gu bheil Dia gu cinnteach agus gun teagamh air bith, ann an sìth ri usanam, air sgàth na rinn Iosa, agus na tha Iosa deanamh air mo shon. Agus O! anns na h-amanna taitneach sin, bu mhiann leam sgiathan na h-iolaire bhi agam itealachadh air falbh, agus a bhi aig fois. Ar leam anns na h-amanna sin gur léir dhomh Criosd aig ceann na slighe, a dhuais mhòr ghràisna làimh agus a dheaslamh sìntem chòmhdhail. ’Seadh, ar leam gu bheil mig éisdeachd caithream naomh laoidhean àrda nan aingeal, agus am focal àghmhor sin o bheul mAthar, Thig, na bi fo eagal, tha do pheacannan air am maitheadh dhuit; bhàsaich Criosd air do shonsa, carson tha thu fo eagal? O! thusa air bheag creidimh, éirich agus thig dhachaidh. Ach O! air uairibh eile tha teagamh, as amharus, as eagal, agus eu-dòchasgam bhuaireadhstad achuisle ard spioradailtha marbhantachd agus uamhasgam ghlacadh. Tha acheist mhòr sin, An gabh Dia ri manam? a rithist adùsgadh oillt. Tha miclisgeadh air mais on bhruaich, agus ag éigheach, ‘O! leig dhomh bhi beo.’ So an cor brònach anns abheil mi. Is sibhse h-aon do theachdairibh an t-soisgeillabhraibh agus éisdidh mi; dhfhosgail mi mo chridhe ribh.”

S ann do theachdairibh an t-soisgeil mi, neo-airidh mar tha mi air urram co mòr, agus so barantas mo theachdaireachd, Imich air feadh an t-saoghail uile, agus searmonaich an soisgeul do gach dùil. Agus ma

(Air a leantuinn air taobh 318.)



[316]

[Vol . 5. No. 41. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton


SIDNI, APRIL 17, 1897.

A Framboise.

Tha cruas a gheamhraidh a nise seachad s tha blàths is aiteamh air tighinn mun uairt a dhfhàgas na ròidean gle dhoirbh gu falbh orra gus an tiormaich iad suas airson rothan, agussen neach bu ghlice a ghabh an cothrom fhadsa bha iad gu math.

Tha moran agearain droch cnatan mun cuairt; tha cuid acumail a mach nach e rud sam bith a thann ach an grip dubh, ’s chan eil teagamh sam bith nach eil an rud a thann a gabhail deaghghripair gu leòr, agus e cho duilich faotainn cuibhteas esa bhan t-uan beag geal a bhiodh a leantuinn Màiri a h-uile taobh a rachadh i.

Ged a tha droch cùnntas a thaobh cosnaidh atighinn as na Stàitean, tha beagan de ghillean òga afalbh as a so air a mhios so gu ruige Boston, far a bheil moran de dhòigridh Cheap Breatuinn, ’s chan eil teagamh nach math tha e dol do chuid dhiu. Tha pàirt de ghillean an àite so fhein a faotuinn cosnadh math ann; pairt eile dhiu nach eil; ach tha aon ni gu sònruichte an lorg ghillean ògan àite so, agusse sin, gur-e fear ro-ainneamh dhiubh a tha pòsadh am Boston nach e te de chaileagan taobh eile an eilein so a tha iad a roghnachadh. Chan eil mi faighinn coire dhaibh airson sin; ’s mi nach eil; ach tha mi saoilsinn gu bheil caileagan air an taobh so fhein cho maths cho laghachsa gheibheirsan dùthaich. Ach cha mhor bu bheil cailleachsan àite, ’nuair a dhfharraideas mi dhiubh, “Co da muinntir an te a phòs Dòmhnul ur mac am Boston?” nach freagair, “Co a ghràidhean, ach a mhuinntir an taobh thall.” Achs coma thall na bhos iad ma bhios iad gu math.

Tha taghadh fir-pharlamaid gu bhi againn air a mhios so. Tha ceathrar a ruith airson na siorrachd so, “Richmond,” ’sa h-uile fear gu bhi cho maths cho math ma thaghar esan. Cuid dhiubhcur an céill gu bheil an dùthaich air a riaghladh gu h-olc, ’s cuid eile acur an céill gu bheil i fo dheagh riaghladh. Tha cuid ag ràdh gum bi cìs air a leagadh air siùcar, air , is nithibh dhen t-seòrsa sin; ach arsa Seònaid mo bhean, ’dith pisich gu robh air an fheadhain a tha, gus cis a leagadh air an ti co-chiu. Tha gu leòir cìsoirre aig na marsantan mar a tha, ged nach cuirten còrr oirre.” Achn deigh a h-uile rudsem fear a bfhearr gu riaghladh na dùthcha a bfhearr a thaghadh, a dhaindeoin na theireadh Seònaid, na dhaindeoin na theireadh iad fhéin. Neo-ar-thaing mur a faigh mi iad gu caoimhneil rium fhadsa bhios iad a faighneachd mo chuideach-aidh, achnuair a theid lathan taghaidh seachad, cha bhi mise ach cam fhathast.

April 13, 1896.
CEANN LIATH.


Uile-lathaireachd Dhe.

Tha an Dia uile-chumhachdach làthaireach anns gach àite. Tha e aig mo dheas-làimh; tha e fada air falbh; tha e alìonadh an t-saoghail mun iadh aghrian. Ann an so tha neòinein na machrach afàs, agus tha e ann an so maraon; shuas os mo cheann thaghrian adealradh, agus tha esan ann an sin mar an ceudna. Tha e san oiteig chiùin, tha e san doininn ghairbh; anns an t-solus agus anns an dorchadas; anns an neo-ni as faoine, agus anns an t-saoghal mhòr. Tha e saghleann ìosal so; tha a làthaireachd air mullach nam beann; san uaigneas as sàmhaiche san eilean fhàs, agus anns abhaile mhòr. Eisdidh e mo ghuth fann-sa, mar a dhéisdeas e ri co’ -sheirm nan aingeal a tha len clarsaichibh òir mun cuairt da chathair rìoghail. ’Se Dia nan ard-aingeal e agus is e mo Dhia-sa e. Eisdidh e ruinn le chéile; agus bheir e éisdeachd, mar an ceudna, do cheòl na h-uiseige, agus do shrann an t-seillein ag iadhadh mu na blàithibh maoth. O! thusa a Dhé uile-làthaireach! éisd rium agus freagair mo ghuth; na ceadaich dhòmhsa gu bràth a dhì-chuimhneachadh gu bheil mi fo bheachd do shùl, anns gach àite agus air gach àm. Cuidìch leam mi féin a ghiùlan mar ann ad làthair; chum agus an uair a ghairmear mi, le coimhthional an t-saoghail gu léir fa chomhair mo Bhreitheimh, nach h-éiginn domh teicheadh o làthaireachd an Ti as àirde.


Tha bragh no briseadh machnan beanntaibh teinntidh ro eagallach. Dhiubh sin bha bragh na beinn Tomboro, air innis Sumbama, ’s na h-Innsibh Shios, ’s a bhliana 1815. Chualas am fuaim an eilein Sumatra corr as mile mhiltean air astar. Bha an luatha a thilgear amach bho mhullach fàs na beinne, a tuiteam cho trom, da fhichead mile air astars gun do leag i taighean. Bha i tuiteam cho dlùth rathad eilein Iabha, tri cheud mile air asdar, ’s gun drinn i dorchadas mar mheadhon oiche. ’S a bhliana 79, dhannlaig an sruth loisgeach a bha ruith o bheinn Bhesubhiuis, bailtean Pompeii, Herculaneum agus Stabiae, gu doimhne eadar tri fichead as ceud troidh, far am bheil iad gus an diugh. ’S a bhliana 1660, thilg beinn mhor Etna, an Sisili, amach, de charraig leaghta, tuille as fichead meud na beinne gu léir. An 1783, thaom da shruth loisgeach o bheinn Scaptar Iocul, ’s an Eilein Uaine, aon diu leth-cheud mìle air fad agus da mhìle dheug air leud, agus an t-aon eile da fhichead mile air fad, agus seachd mile air leud, as mu cheud troidh air dhoimhnead.


STOR UR TAILLEARACHD,

Aodaichean Matha dhe gach seorsa, Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.

Theid sinn an urras air an obair,
MacCoinnich & Co.
Sidni, C. B.


F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC

An aon fhear dhe sheòrsa thair Eilean Cheap Breatunn.

Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.

Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dhas coir dha toghal air.

Tha stoc math de speuclaireans de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.

Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c , &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.

THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHANEUREKAair a cheart phris air am beilearg an creic aig na muillin.

Tha Factoridh Eureka air aon den fheadhain as fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar adeanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.

Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.

Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitches Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd lathan deigh a chloimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.



[317]

[Vol . 5. No. 41. p. 5]

NAICHEACHDAN.

Tha Sir Domhnull A. Smith an deigh còig mile dolair a thoirt seachad air son Reiseamaid Ghàidhealach a thogail ann an Ottawa.

Tha tuathanaich Ontario ag obair gu trang air achurachd. Tha mòran sìl air a chur cheana. Than aimsir gu math nas traithe an sin na tha i anns na mor-roinnean iseal so.

Thatar atogail laimhrig ùr mu choinneamh an tigh-òsdaCabot.” Tha am bàta-smuide Hygeia gu bhi deanamh a ceann-uidhe aicenuair a thòisicheas i ri ruith eadar so us Sidni Tuath.

Fhuaireadh meinn òir a tha anabarrach beairteach ann an Columbia Bhreatunnach o chionn ghoirid. Thatar a toirt fiach ceithir mile deug dolair de dhòr as a h-uile tunna de stuth a thatar a cur a mach aisde.

Fhuaireadh roinn mhor de dhairgead-meallta ann am Brantford, an Ontario, o chionn ghoirid. Chaidh luchd-rannsachaidh a chur a mach agus fhuaireadh iadsan a bhaga dheanamh. Bidh clach us aol mun srònan-san fad deich no dusan bliadhna.

Chaidh tigh-òsdana theine ann am baile an Texas, oidhche air an t-seachdain sa chaidh, agus bha e air a losgadh gu làr. Bha leth-cheudsa dha anns an tigh aig an àm, agus dhen àireamh sin tha seachd duine deug air nach eil sgeul; a reir gach coltais chaidh iad sin uile a losgadh gu bàs.

Bha còrr us ceud gu leth mile dolair air a chur cruinn ann an Canada air son cuideachadh le sluagh nan Innsean. Chan eileas ag iarraidh achòrr an dràsda, oir tha de dhairgeadh a nise cruinn na riaraicheas biadh air an t-sluagh bhochd gus am fàs am bàrr aca fhéin. Shil uisge gu leor air an earrach so anns an dùthaich sin, agus tha h-uile coltas air gum bi deagh bhuain aca.

Bha lathan Ainmeachaidh gu math stoirmeil aig a dheireadh ann an Sidni. Bha moran òil adol air adhart, agus bha sabaidean gu leòr ann mun àm a bha na carbaid-iaruinn afàgail a bhaile. Chan eil sinn afaicinn gu bheil na h-òraidean a liubhrar air lathan Ainmeachaidh adeanamh feum sam bith, agus tha fhios againn gum biodh roinn mhor gle dheònach sgur dhiubh gu buileach. Shaolamaid nach biodh duine na bu toiliche air sin a dheanamh na iadsan aig am bheil ris na h-òraidean a liubhairt.

Cha robh soirbheachadh math sam bith leis na soithichean a bhaig Newfoundland a mach ag ìasgach nan ròn air an earrach so. Thatar ag radh nach burrainn an t-iasgach a bhi moran na bu mhiosa. Fhuair da shoitheach a chaidh a mach tràthsan earrach luchd math, agus uime sin bha dòchas gum biodh soirbheachadh math leotha air fad; ach mheall sin orra gu dona. Chan e mhàin gu robh iasgach nan ròn cho dona sin, ach tha prios an truisg anabarrach iseal, air chors nach eil, a reir coltais, ach droch bhliadhna roimh mhuinntir Newfoundland.

Cha dean math dhuinn a dhio-chuimhneachadh gu bheil an dùthaich anns abheil sinn fhéin afuireach, ’na dùthaich anns am bheil moran òir, ged nach eil e buileach cho pailt inntesa tha e an Columbia Bhreatunnachs an dùthchannan eile air an cluinn sinn iomradh. Tha meinn ann an Carribou, faisg air Halifacs, as an dthugadh fiach còrr us tri mile gu leth dolair de dhòr air a mhios sochaidh, agus cha do chosg sin ach naodh ceud dolair ann an obair. Chaidh fear de na daoine bhag obair innte a chur an greim o chionn ghoirid air son a bhigoid an òir: thatar adeanamh a mach gun dthug e leis roinn mhor dheth mun dfhuaireadh a mach e.

Tha achurachd beul bhi ullamh ann am Manitoba: bhan aimsir mu che’ -la-deug air thoiseach air mar a bàbhaist dhi bhi bliadhnaichean eile.

Seachdain on Di-màirt sotighinn, bidh fear-pàrlamaid ri thaghadh ann an tri siorrachdan, Winnipegann an siorrachd Prince, ann am baile E. P. I., agus an siorrachd Macdonald.

Tha an t-side air tionndadh beagan nas briagha. Bha Dior-daoinna latha eireachdail. Tha na ròidean dona; chan eil rathad sleighe anns cha mho a tha iad freagarrach air son charbadan.

Tha F. D. Laurie, a bha o chionn àireamh bhliadhnaichean air aisna fhear-riaghlaidh air an rathad-iaruinn (I. C. R.) anns amhor-roinn so, air a chur as an dreuchd sin, agus fear J. T. Rhind, á New Glasgow, air a churna àite.

Chaidh triùir dhaoine a thoirt air falbh á baile Winnipeg, o chionn ghoirid, air am bheil an luibhre, agus chaidh an toirt gu Tracadie, N. B., far am bheil tigh-lobhar. Tha na daoine a mhuinntir Iceland, far am bheil an galair mosach sin gle chumanta.

Chaidh giomach a ghlacadh air cladach te dhe na Stàitean a Tuath o chionn ghoirid, a tha tri troighean us sia òirlich a dhfhad, agus a tha aona punnd deug air fhichead a chudthrom. Thatar a deanamh a mach gur e giomach as motha air an drugadh riamh. Tha e beò fhathast, agus tha e ri bhi air a chumail ann an tigh-ioghnaidh am baile New York.

Bha tuathanach ann an ceàrna de stàit Georgia ag obair air treabhadh o chionn ghoirid, agus bhuail an crann air soitheach a bha air a thiodhlacadh fo chloich. Bha leac tana de dhiarunn air a chur air beul an t-soithich, agus bha deich mile dolair de dhòrna bhroinn. Bha aphàirce anns an dfhuaireadh an t-ionmhas so fo bhàrr o chionn iomadh bliadhna. Bhan t-àiten robh an soitheach am falach air a chomharrachadh a mach le cuairt de chlachan beaga a bha timchioll air.

S iomadh geall neònach a bhios daoinecur aig àm taghaidh; bha duine ann an fear de bhailtean nan Stàitean a dhaontaich mur biodh Bryan air a thaghadh mar cheann-suidhe air na Stàitean gum marcaicheadh e air muin muileid eadar an Cuan Atlantachs an Cuan Ciùin, astar tri mile, no còrr, de mhiltean. Chaill e an geall, agus tha e nise air an t-slighe. An la roimhe bha aig duine ann am Montreal, a chaill geall a thaobh an taghaidh ann an siorrachd Champlain, ri rud a dheanamh a bha cheart cho gòrach, ged nach robh e cho doirbh. Bha aige ris an fhear a choisinn an geall a ghiùlan ann am bara-roth astar àraidh air an t-sràid am fianuis na thogradh sealltuinn orra. Bham fear a bhanns a bhara acumail suas bratach mhor; leis a bhrataich sin thilgeadh an ad bhar an fhir a bha cuidhleadh, agus air dhafeuchainn ritogail chaidh am bara thairiss thilgeadh am fear eile mach an eabar na sràide. Thug iad spòrs gu leòr don luchd-amhairc, ’s cha robh fhios co bu toilichtena inntinn adol dhachaidh.


Ceannsaichidh ah uile fear an droch bhean ach am fear aig am bi i.

Cho sgìths bha an gobha da mhàthairn uair a thiodhlaic e seachd uairean i.

Ionnsuich do dshean-mhàthair brochan a dheanamh.

Fear dubh dàna, fear bàn bleideil,
Fear donn dualach, ’s fear ruadh sgeigeil.”

Fear falamhs e gun .
Suidhidh fada sìos o chàch
Air meud abheus dhem bin a chorp
S iomadh lochd a gheibhear dha.”


C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


THA D. J. Domhnullach air son rùm a dheanamh do bhathar an earraich, agus tha ecreic na thaige de bhathar geamhraidh gle shaor. Reicidh e ni sam bith a thasan stor, ach a mhain brogan, 20 p. c. nas isle na bha iad roimhe so. Rud air am pàigheadh tu $1 .00 roimhe so, cha chosg e dhut an drasda ach 80c. Cha mhair so ach mios. Thig trath agus faigh bargan.


NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B,
Tha e na fhear-gnothuich don MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail thoirt dha.



[318]

[Vol . 5. No. 41. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 315.)

tha thu feòraich ciod e an soisgeul, innsidh mi sin duit ann an cainnt aingeil o nèamh. Feuch (arsan t-aingeal, Lucas ii. 10,) a ta mi ag innseadh dhuibh deadh sgéil mhor-aoibhneis, a bhitheas don uile shluagh: agus ciod e an deadh sgeul, no an soisgeul, a bhaig an teachdaire ghlòirmhor? Rugadh dhuibh an diugh SlànuighearSlànuighear o pheacadh, o ifrinn, agus o thruaighe. Agus e thainig air turus an àigh? “Criosd an Tighearna,” Dia airfhoillseachadh san fhèoil. Dhuit-sa tha an Slànuighear so air a bhreith-dhearbh ena bheò-shlainte e leùmhlachd do thoil le toillteannas a bheatha agus ìobairt a bhàisleaiseirigh agus leeadar-ghuidhe aig deas-làimh an Athar, choisinn e beatha shiorruidh dhuit-sa agus dòmhsa, agus do gach aon air feadh an t-saoghail a chreideas ann, a dhearbas an anama ris, agus a tha air an co-éigneachadh a bhi beò dhasan a ghràdhaich iad agus a bhàsaich air an son. Creid ann, agus bithidh tu air do thèarnadh; earb as, agus cha mheallar thu. So gealladh Dhé; dhuit-sa tha an gealladh so air a dheanamh; earb anntha e sgrìobhta le peann siorruidhair a thoirt seachad fo bhòid nach fàilnich. Tha fasgadh mu dchoinneamhteich da ionnsuidh; ’se do bheathado làn bheatha; thig mar a ta thuthig a nisna bi fo amharusis e tAthair féin thagad ghairmtha e ann an réite riutfhuair e fein ìobairt air do shon. Thoir an aire nach cuir thu teagamh ann an Dia, agus nach creid thu nàmhaid tanamaroghainn air; oirs esan tha dùsgadh an amharuis thruaigh thagad chumail o uchd tAthar.

Thog Màiri a sùilean ri nèamh, as phaisg i a làimh air a h-uchd. “Tha min dùil,” arsise, “gur è. A Thighearna tha mi creidsinn; neartuich thusa mo chreidimh. O! gun deanadh an spiorad naomh gach amharus agus teagamh fhuadach, agus gun tugadh e dhòmhsa làn earbsa làidir shocrach a charamh air toillteannas mo Thighearna, air obair na saorsa!”

Thubhairt mi rithe gum be sin miann glòir a thabhairt dhà le earbsa as. Air falbh mata le tamharus agus le teagal; tha teagal afuarachadh do ghràidh, tha so apasgadh a suas sgiathan achreidimh a tha togairt sgaoileadh a mach agus itealachadh air falbh. Earb mata ann am focal, ann an gealla Dhé, agus dean uaill san t-Slànuighear. Bochd, mi-airidh, truagh, peacach, mar tha thu, creid; agus abair, Bhàsaich Criosd air mo shon-sa, agus is leam e— ’s leam an ìobairt réite thug e seachadair mo shon-sa tha e beò, agus adeanamh eadar ghuidhe shuas ann an nèamh. Abair, ’si so acair manama tha air a tilgeadh fada stigh don ionad naomh; agus ged than t-eithear beag, breòite, air a luasgadh, ’s air a h-udal air aghaidh nan uisgeachaibh ann an latha na gaillinn agus ann an oidhchen dorchadais, gidheadh chan eagal di. Chan eagal bonn: oir than acfhuinn ris am bheil in earbsa co-cheangailte ri Righ-chathair Dhéan acfhuinn luachmhor nach fàilnich a chaoidh! Tog do ghuth mata, maille ris an t-Salmadair, agus seinn le caithream taingealachd:

O manam, cuime leagadh thu
Le dìobhail misnich sìos?
As cuimam bheil thun taobh stigh dhìom
Fo thrioblaid as fo sgìos?

Cuir dòchas daingeann ann an Dia,
Oir fathasd molam e;
Air son na furtachd as na slàint
Thug dhomh oeudan réidh.

Fhuair Màiri sòlas. Ged a be meadhon agheamhraidh a bhann, bha e dhise mar mheadhon an t-samhraidh agus àm seinn nan eun. Dheònaich am Freasdal caomh a beatha shìneadh a mach; chunnaic mi i gu tric na dheigh so, ’s bha i ann an staid shàmhach, shìochail, shona. Bha i ann an caitheamh thròm, asìoladh as o latha gu latha. Chunnaic mi nach robhn t-àit anns an robh i freagarach— ’s in éiginn chruaidh thug air a bhana-charaid bhochd a cur anncha robh aice na chumadhna seòmar beag féin ichosg i na bhaice air aghaidh an t-saoghail, ach dol a dhiarraidh na déirce cha burradh dhi. “Thoir air a h-ais i,” arsa mise, “agus na biodh aon ni a dhìth oirre tha freagarach, feumail air a son. ’Sabhaile-mhòr so tha sporan nan Gàidheal furasdfhosgladh; cha robh snuim chruaidh riamh air, ’s bean-dùthcha no fear-dùthchan aire. Thoir air a h-ais i, arsa mise, dhionnsuidh do dhachaidh féin, agus gheibh sinn mun teid aghrian fodhanochd, na dhfhòghnas. Gheibh— ’s cha chluinn càch co dha tha sinnga iarraidh, na bhanan airc.” Thug so fuasgladh mòr da cridhe, ged dhfhàs i co lag ann an latha no dhàs nach deachaidh againn air a gluasad.

Latha dhomh le bean-dùthcha cheanalta bhiga h-amharc, ’s i mòran ni bu làidire, dhinnis i dhomh a h-eachdraidh, agus oidheirpichidh mi a toirt seachadna cainnt bhlasda féin.

(Ri leantuinn.)


Uilleam Mac Dhun-leibhe.

Am measg bhàird an latha so agus bhàrd nan linntean a dhfhalbh is tearc iad (acumail a mach Sheumais Mhic aphearsain) a rinn dàn-mór no sgeul-dhàn. Is tearc iad a thug oidhirp air. Am measg phìobairean tha fear an sos an siod aig nacheil tlachd an ceòl air bith ach ceòl mór. ’S ann mar sin a bha Uilleam Mac Dhun-léibhe, am bàrd Ileach air am bu mhaith leam iomradh a thoirt an uair so. Bu shuarach leis òran-seinn no duanag; cha deanadh nas lugha na dàn-mor an gnothach. Bha ena dhuine iongantach, ach neònach. Bha a ghradh da dhùthaich cho teths nach leigeadh e leis math air bith fhaicinn an cinneach coimheachgu sònruichte anns na Sasunnaich. Nam bu bheò e an lathan diugh nach esan a bhiodhna charaid dlùth ris an t-saoi sin Theodor Napier! ’S ann aige-san bhiodh an duais air-son an dàin as feàrr air Blàr Allt-a’ -bhonnaich gun teagamh ann. Bha fuath mor aige do na Sasunnaich; ach cha do chum sin air falbh e o bhig ionnsachadh an cànain agus o bhitagradh cùisean nan Gaidheal innte. Mar bhàrd bhe e an comain nam bàrd Sasunnach; oir tha e soilleir gu leòr gun do leugh e bàrdachd nan Sasunnach agus nan Gall le mor chùram, agus le buannachd nach bu bheag dha féin. ’S e Ileach a bhann; achs e Gaidheal air thoiseach a bhann, agus Ileach an deigh sin. Is duilich leam a ràdh nacheil sin ri ràdh mu deighinn moran an diugh. Tha na Cataich, na Leòbhasaich, na Sgiathanaich, na Muilich, na Rosaich, na Nisich, na Lathurnaich, na Comhalaich; na Dòmhnullaich, na Leòdaich, na Frisealaich, na Tòisich, na Griogaraich, na Leathannaich na Caimbeulaich, ’s na Camshronaichnan sgaothan lionmhor, ach feumaidh sinn na cùiltean a rudhrachadh air son nan Gaidheal. Bha Uilleam Mac-Dhun-léibhena Ghàidheal, achs e bhaga mhilleadh, gun robh e aleughadh nan sean eachdraidhean agusgan creidsinn, gun tomhas ceart a chur orra. Tha iad beò a bha nan càirdean do Uilleam air am faodamaid an t-iomradh ceudna a thoirt. Bu mhiann leò bhicumail suas nan Gaidheal le bhitionndadh an aire air ais gus na làithean anns an robh ceannas aig na Gaidheal air an dùthaich gu léir, ’nuair a bha a Ghàidhlig abuadhachadh o dheas gu tuath an Alba. Is fear leam sin, mi féin, na bhi cumail beò gamhlais nan sean fhineachan. Ach is feàrr leam an fhìrinn na an dhiubh. Bfhearr leam gun robh na Gaidheil ceart mothachail air an cor féin air an lathan diughni nach eil iad. Tha mi acreidsinn gum bheil neart agus cumhachd anns aGhaidheal a thaobh inntinnus cuirp a thadol a dholaidh an àite bhifàs agus aleudachadh, agus gur e a tha coireach moladh leis an dàrna fear agus càineadh leis an fhear eile gun an fhirinn bhi aig aon diubh. ’S e abhuil gum bheil cuid de na Gaidheil abolgadh gu sgàineadh le uaill agus feadhainn eile aseacadh le nàire. Chaneil so fallain. Ciod i an fhìrinn mu dheighinn nan Gaidheal a bhann? So i am briathran gann: bha iad math agus olc, làidirus lag, glic agus amaideach, glan agus salach, treun agus gealtach, tapaidhus leisg, caoimhneilus thùthail, truacantas an-iochdmhor, aigeantach agus maol-sneachdach agus mar sin air aghart. Tha Gaidheil an lathan diugh mar an ceudna. ’S e sin ri radh, chan eil iad uile mar bu chòir daibh. Gach duine a thag aideachadh sin, tha dleasnas aige a thaobh a luchd-dùthcha. Ciod e an dleasnas? So an dleasnas. Bhideanamh nan olc math, nan lag làidir, nan amaideach glic, nan salach glan, nan leisg tapaidh agus mar sin air aghart. Tha iomadh dòigh ann air bhi deanamh sin, ach tha mise cinnteach gum bheil aon ni ann nach toil-cuideachadhsa chùis. Cha dean dearmad na Gàidhlig an gnothach. Chan



[319]

[Vol . 5. No. 41. p. 7]

eil mòran a tha ra sheachnadh an litreachas nan Gaidheal. Am beagan a thann deth, tha e fallain. Chan urrainn do shluagh air bith an cànain féin a chall gun a bhicall meas orra féin troimh iomadh linn. Is call mòr sin. Am fear a thacall meas air féin is duine e nach gabh nàrachadh. An duine nach gabh nàrachadh, is duine olc e, agus tha e an cunnart bhidol sios gu buileach. Chaneil duine fìor-olc a ghabhas nàrachadh: gabhaidh e togail an àird a rìs. Ach ciod an gnothach a thaig so ri bàrdachd Uilleam Mhic Dhun-léibhe. Tha gnothach mòr. Mas math leinn litreachas nan Gaidheal a bhi buadhachadh, chan urrainn duinn nas feàrr na bàrdachd Uilleam a leughadh. Cuiridh e mòran ri ar n-eòlas air aGhàidhlig agus bheir e cuideachadh dhuinn ann a bhiga cleachdadh air dòigh nas fileanta na tha ra cluinntinn air an lathan diugh aca-san aig am bu chòir cainnt fhileanta a bhina ministeirean agus na maighstirean sgoile. Tha e acur ioghnaidh nach beag orm gur urrainn do chuid de na ministeirean bhiseasamh anns achrannaig agus afeuchainn ris aGhàidhlig a labhairt no a leughadh gun an dearg nàire bhi orradaoine a fhuair rud ris an abair iad foghlum anns na h-oilthighean agus nach aithne dhoibh achànain Ghàilig a labhairt nas fileanta na gille an stàbuillagus gu bitheantas en gille as fileanta labhras na am ministeir. Carson a tha so mar so? ’S en t-aobhar as mo gum bheil na ministeirean sàsaichte le bhileughadh aBhìobuill agus asearmonachadh anns an t-seann dòigh gun a bhileughadh leabhair air bith eile no acleachdadh bruidhinn air cùisean an t-saoghail mun cuairt. Tha cuid ann diubh aig nach eil fios gun robh a leithid de bhàrd ann ri Uilleam Mac Dhun-léibhe. Tha cuid ann aig am bheil fios air sin ach nacheil asaoilsinn gun deanadh e dad de mhath dhaibh bhiga leughadh. Bha Uilleamna thàillear nach dfhuair mòran sgoile ach na chnuasaich e féin, ach cuiridh mi geall nach eil còig ministeirean anns aGhaidhealtachd dan urrainn achànain a tha iad afaighinn tuarasdail mhath air son a searmonachadh, a chleachdadh cho math ris. Thugadh iad fainear mar a thòisicheas e an dàn fada sin a rinn e air Blàr Shunadail, a thacur iomraidh air cogadh nach robh idir ann eadar na Lochlunnaich agus na Gaidheil.

BLAR SHUNADAIL.

A Shùnadail achladaich bhearnaich,
Ged ic corrach glas do shlios,
S ged nach robh thu tric an saothair nam bàrd,
Mun teirig do sgeul creiches blàir
Bidh tu measg chàichgad iomradh.
Do rudna ciar-dhubh, biadhadh nam bàirneach,
Sguabte, bàithte— ’s co[ ? ]d ’ an ioghnadh
Nuair a shéideas Ealasaid a fuaradh,
Asguabadh tonnan Chaolais-Bhranndain;
Mullaichean mara le stoirm faoiltich
A chunnaic mi o thaobh Dhun-leabhair,
Onfhadh na doimhne salainn
Astealladh mu dcheann gun sgìois,
Atuiteams adireadh mu seach
Trom mhòthar slachdraich stuadhan fairge
Acriothnachadh do charaigean cléiteach, dubh,
Air nach laidh dus aMhàirt.
nach sireadh do ghlacan uaine
A chunnaic aon uair iad
Nan culaidh shamhraidh!
Cruitheachd nan lusan, mar gum bann strìth
Cos rìomhaiche a sgeadaicheas
Gach isleachus bruach,
O tholman nead na h-uiseig
Gu aisridh doireachan nan earb!
Do ghleanntan coillteach far an cluinnear
Na mìltean iteach fo dhuilleach
Nan crann cùbhraidh, air bruachan
Nan sruithean nach traoigh,
Ataomadh an uchd do thràgha
A tha nis am measg chàich an iomradh.

So agaibh earann de òraid Ghargain, aon de na Lochlannaich, air don righ Lochlannach comhairle iarraidh air.

Aig do sheirbhis mar mo chomas
Achs deacair an comharadh sin amas;
S fior gun do thog sin creach na h-Eireann
S nach dfhàg sinn aon a dhinnseadh sgeul air;
Bhan tuagh asracadh sgrath an càirean,
S am fòid lasrach ris gach fàrdach;
Cha dfhàg sinn mart air beinn no faiche,
No each no làir a dhfhàs an seiche;
Theich na h-Eireannaich asianail
Gu bonn an speurs ni bfhaide dhiarradh!
S an uair ghabh iad an casan mar urras,
Bem port ciuilCha till sin tuille.”
Achs meallta so a thoirt mar shamhladh
Air Gaidheil laochail na h-Alba.
Ma theid thu rùisgte troimh thom droighinn,
S coiseachd cas-lom air preas cuilinn,
Cadal gun léinair an fheanntaig,
S racadal itheadh gun draing ort,
S fhusa dhuit siod na dol a spionadh
Friodhan stàilinn Chinn-tire.

Tha coig ceud deug sreath anns an dàn so, agus mar sin chan fhaod mi a sgriobhadh air fad. Nan robh an cothrom agam sgriobhainn le mor thoilinntinn e, oir is taitneach e mar sgeul, gun ghuth idir air a bhuaidh mar bhàrdachd.— “C. M. P.” ’sa Highland News.


Chan en sùgradh do dhuine bhi gun mhnaoi ann an Argentina, an ceann a deas America. Duine sam bith a tha os ceann fichead bliadhna dhaois, agus nach eil pòsda, tha ùbhladhga chur air da uairsa mhios gus am faigh e bean.


CARADH
Uaireadairean
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.


D. A. Mac FHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.


Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .,
SIDNI, C. B.


McDonald Hanrahan & Co,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;



[320]

[Vol . 5. No. 41. p. 8]

Oran na Buaile.

LE UILLEAM MAC DHUN-LEIBHE.

Chaidh gruaim nan siantan a chadal
Tha air talamhs air cuan,
Choisg gaoth fhuaraidh na gailliann
Gu sìth a h-anail o thuath;
Tha neòil shoilleir na h-iarmailt
Asgaoileadh cian air an cuairt,
S apògadh gathan na gréine
’ Chu[ ? ] blàths aCheitein a nuas.

Thàinig fosgladh nam blàithean
S tha lusan àillidh nan raon
Ag [ ? ]adh dithreabh nam beann
Us sraithean ghleann air gach taobh;
Tha [ ? ] - chruitheachdna maise,
S [ ? ]air faichean len laoigh;
Gach iulach uain air a chòmhdach
Le breacnaich neoinean fo bhraon.

S a[ ? ]ar ioghnaidh an sealladh
Mun cuairt air lagan achrò,
Do[ ? ] chùbhraidh nam meangan
Man iadhsa mhaduinn an ceò,
Le braonach Cheiteinga criaradh
O chirbean liath-ghlas an neòil;
Us éiridh lòchran na soillse
Cur gean air maighdinn nam .

A dhfhaicinn trusgan an fhàsaich
S bruthainn àigh adol suas,
Taisgeach beatho na dùilean,
Falluinn smùidreach nan cluan,
Anail thlusmhor na h-àile,
Treòir cinneis, nàmhaid an fhuachd,
S glòir an athar na h-éideadh
A dìreadh treun air a cuairt,

Ceòrach bhlàth o na speuran
A fliuchadh réidhleinus chruach,
Cur neart fàs anns an dusluinn
Nuair thilleas ùinair a cuairt,
A dhaiseag feartan na grèine
Nach urrainn eucoirthoirt uainn,
Ged dhfhogradh laochraidh nan garbh-chrioch
Le fòirneart searbh thar achuain.


In Memoriam.”

EADAR-THEANGAICHTE O BHEURLA ALFRED TENNYSON, LE A. D. MAC-NEILL, ORANGEDALE.

A Mhic Dhe threin, bidh gràdh bith-bhuan,
A mhain ad ionnsuidh thig sinn dlùth
Tre chreideamh o nach faic sinn thu
Ag earbsanuair tha dearbhadh uainn.

Na reultans leatslen soillsis sgàil,
S tuchuir an duines beathach deò,
S tu rinn am bàs, ’s an claigionn beò
A rinn thu, pronnaidh tu le dshàil.

Chan fhàg thu sinnsan dus. Le dneart
S tu duine rinn, car son gun fhios,
Tha earbsaige nach ann gu sgrios,
Is tusa rinn es tha thu ceart.

Tha thu mar Dhia is dhuine, ’s leats
An daonachds naomhas àirde, sar.
Is leinne ar toil eun fhios ciamar
Is leinn ar toil gu deanamh leats’.

Air systems bheaga chi an còir
Do làithean, chi us theid á bith;
Chan eil anntUatsach soluis bhrist
S na iadsan tha iad tuilleadhs mor.

Is leinne creideamh anns a chàs
A mhain, oirs eòlas sealiadh sùil;
Ach earbaidh sinn gur Bhuatsar dùil
Caol-dhearrsan dorcha. Biodh e fàs.

Biodh eòlasfàs o la gu la,
Ach bitheadh tuilleadh urraim ann,
S gum biodh an t-anam os acheann
Gle chòrdtri aon cheòl mar a bha.

S ni motha sinne, chlann gun chiall
Ni fanaid ort, ’s nach toir ort feairt,
Ach thoir do dmhuinntir ghòrach neart
S do dshaoghail gu seas ri dshoills’, a Dhia.

Math dhomh an ni mo chionta be
S an ni o thùs mo luach am bheachd,
Oir mairidh luach o neach gu neach
S chan ann o neach ad ionnsuidh sDhé.

Math dhomh mo bhrònson neach a dhfhàg;
Do chreutair fhuaireadh leam cho briagh:
Se mearbsagu bheil e beò an Dia
S mar sin nas toilltnaichair mo ghradh.

Math dhomh an ràn soclaonadh tric,
Se troimhe-chèile òige struidht’;
Math dhomh e farm bheil dfhirinn claoidht
Us ann ad ghliocas dean mi glic.


Ho-ro mo Nighean Donn Bhoidheach.

LUINNEAG.
Ho-ro mo nighn donn bhòidheach,
Hi- mo nighn donn bhòidheach,
Mo chaileag laghach, bhòidheach,
Cha phòsainn ach thu.

A nighean donn nam blàth-shul,
Gur trom a thug mi grain dhuit;
Tha tiomhaigh, ghaoilus tàilleachd,
A ghnàth tighnn fo mùidh.

Cha cheil mi air an t-saoghal,
Gu bheil mo mhianns mo ghaol ort;
S ged chaidh mi uait air faondradh,
Cha chaochail mo rùn.

Nuair bha mi ann ad làthair,
Bu shona bha mo làithean
Asealbhachadh do mhànrain,
Us àille do ghnùis.

Ach riamh on dhfhàg mi tfhianuis,
Gu bheil mi dubhach, cianail;
Mo chridhe tromga phianadh
Le iarguin do rùin.

S ann tha mo rùnsna beanntaibh,
Far bheil mo rìbhinn ghreannar,
Mar ròs am fàsach shamhraidh,
An gleann fado shùil,

Achnuair a thig an samhradh,
Bheir mise sgrìob don ghleann ud,
S gun toir mi leam don Ghalldachd,
Gu h-annsail, am flùr.


S trian oibre tòiseachadh.

S labhrach na builg fhàs.

Tapan gòraig air cuigeil crìontaig.

Buinigear buaidh le foighidinn.

Fada on t-sùil, fada on chridhe.

Beul a labhras, ach gnìomh a dhearbhas.

S olc achreag a thréigear leh-eòin féin.


AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leigsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD.
Cuir a dhiarraidh sampuill, teisteannais us urrais.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia. —agus—127 State St., Boston, Mass.


NUAIR THEID THUBHADDECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram, Bathar Cruaidh
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile.
An seorsas fhearrs aphris as isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.


Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


Indurated Fibreware
Tha an seòrsa so nas daoire na na bucaideans na tubaichean cumanta, achs math is fiach iad sin; tha iad nas buaine, agus mar sinsiad as saoire.
THE E. B. EDDY Co LIMITED
HULL, CANADA.

titleIssue 41
internal date1897.0
display date1897
publication date1897
level
reference template

Mac-Talla V No. 41. %p

parent textVolume 5
<< please select a word
<< please select a page