[Vol . 5. No. 42. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, APRIL 24, 1897. No 42.
Mu Sheann Sgeulachd.
Liùbhradh an òraid a leanas leis an Oillear Mac Fhionghain, air an fhicheadamh latha dhe ’n Mhàrt, aig coinneamh bhliadhnail Comunn Ceilteach Oil-thigh Dhun-Eideann, air am bheil e-féin na Cheann-suidhe Urramach. Chaidh gabhail ris an òraid gu math, agus fhuair an t-òraidiche taing chridheil o’n Chomunn air a son.
“CHI MI SIN ACH FUAIGHIDH MI SO.”
So an fhreagairt a thug tailleir na Manachainn do’n Bhòcan, a dh’ amais air ’an Eaglais Chille-Chriost. Gheibhear an sgeul ann an Leabhar Shean-fhacal Mhic Neacail nach maireann (t. d. 136.) Nach fhaodar fheoraich dé a ghnè inntinn leis am bu chòir dhuinne sealltainn air seann sgeulachdan ’s air Uirsgeil de’n t-seorsa so. Tha fhios againn air beachd Charsewell, Easbuig Earraghaidheil, mu ’n timchioll. Mheas esan iad mar nithean “diomhaineach, breugach, saoghalta.” Agus ged a bha daonnan am measg ar luchd teagaisg iarmad aig an [ ? ] ceol na [ ? ] , tha e duilich ri aideachadh gu ’n robh a’ mhor chuid dhiubh de ’n aon bheachd ris a’ Charsalach. O shean bha daoine a’ gabhail seann sgeulachdan an t-sluaigh mar eachdraidh a’ bha uile fior. Leugh is dh’ eadar-theangaich na seann sgoilearan Gaidhlig sgeulachdan na Gréig ’s na Roimh, euchdan Ireuil, Iasoin is Æneais, ach chuir iad an neo-ar-thaing uiread meas air sgeulachdan ’s air euchdan an curaidhean fhein. Ach ’n ar measg-ne o chionn iomadh bliadhna bha Litreachas de’n t-seorsa so air a chur sios mar faoin is cronail. ’N ar latha-ne tha ar Sgeulachdan air an leughadh leis na sgoilearan a’s àirde cliù, cha’n ann mar eachdraidh fhior, no idir mar sheanachas gun bhrìgh, ach mar ionmhas a ghleidh beò, am measg iomadh ni air bheag feum, an sid s an so, gràn is luachmhoire na’n t-òr. Tha na Sgeulachdan Gaidhlig ’s an rathad so ro fhiachail, agus tha an luach a nis air aideachadh. Tha iad de dh’ iomadh seòrsa. Tha a’ mhòr chuid dhiubh mu’n t-seann t-saoghal air am bu toigh leis na Gaidheil riamh a bhi sealltainn air an ais le sòil ro-bhlàth. Tha iad a’ gleidheadh air chuimhne a bheag no mhòr de bheul-aithris an t-sluaigh mu eachdraidh ’s mu chreideamh an stuic o’n d’fhàs iad. Mar thuirt Oisean no MacMhuirich “Cha ’n fhaicear ach caol na bh’ ann;” ach is ann ri leus na Sgeulachd is fhearr a’s lèir dhuinn am beagan a tha nis ri fhaicinn. ’N an cainnt dhoilleir chi am fear d’ an léir an Gaidheal ag itheadh ’s ag òl, ’na shuidhe ’s na luidhe, ag obair ’s ’na thàmh, ri cogadh ’s ri suiridh, iomadh ceud bliadhna mu’n do sgriobhadh Eachdraidh. Tha roinn de na sgeulachdan cosmhuil ri Uirsgeil Aesoip ’s a’ Ghréig no ri cosamhlachdan an t-sluaigh anns gach àite. ’S ann diubh so Sgeul an Tailleir. Rinneadh an toiseach iad air son teagaisg. ’S e gnè de Shearmoin a tha annta. Cosmhuil ris na Sean-fhacail tha an teagasg mar is trice fallan, agus eu-cosmhuil ri iomadh Searmoin tha iad ’nan cainnt ’s ’nan dreach Gaidhealach gu ’n cùl. ’S e gun teagamh teagasg na Sgeòil so misneach is dilseachd ’n ar dleasdanas, a dh’ aindeoin aon bhuaireadh a thig ’n ar caraibh. Agus ged ma dh’ fhaoidte nach ruig Tailleir na Manachainn inbhe an fhior-ghaisgich, faodaidh a ghiulan ’s a chainnt misneach a thoirt duinne ’nuair a thig oirnn coinneamh a thoirt d’ ar Bòcan fhéin. Tha meall de na Sgeulachdan ’s de’n Bhàrdachd Ghaidhealaich ro-fhreagarrach air son teagaisg cloinne, agus tha e ’n a ghnothach nàrach nach cluinnear na’s trice ’san Sgoil iad. Ach ciamar a bhios meas air Litreachas sluaigh far nach ruig am maighstir-sgoil leas facal de ’n chànain a thuigsinn.
Fianuis Monach.
Bhatar a’ feuchainn duine ann an cùirt an Albainn air son duin’ eile bhualadh. Bha fear de na fianuisean ag innse mar a thainig am fear a bhatar a feuchainn far an robh esan ’s mar a bhuail e e. “Thug mi, le ’r cead,” ars’ esan, “dòrn dha an taobh a chinn. Direach an deigh sin thainig an cù an taobn a bha sinn, ’s thug mi buill’ eile dha.” “Thug thu buille dh’ an chù” “Cha d’ thug; thug mi buille do Eòghainn. An sin thog mi clach, agus thug mi dha am bun na cluaise i, ’s chuir e car-a- muiltein dheth.” “An e Eòghainn?” “Cha ’n e, ach an cù. Dh’ éirich e, ma ta, ’s bhuail e rithist mi.” “Bhuail an cù thu?” “Cha b’e ’n cù a bhuail mi, ach Eoghainn. Agus thog e rithe ’s earball eadar a dha chois.” “Thog Eoghainn rithe?” “ ’S e thog rithe an cù. Agus ’nuair a thill e theab e ’n deò a phrannadh asam.” “Theab an cù do phrannadh?” “Cha b’e idir, ach Eoghainn. Agus cha deach a ghoirteachadh idir.” “Co nach deach a ghoirteachadh?” “Tha, an cù.” Ma bha ’n còrr ceasnachaidh air a dheanamh air, cha chuala sinne.
Call Mor Gach Duthcha.
Bidh mòran ag ràdh gur h-e sud is so a’s aobhar do bhochdain ar dùthaich. Theagamh gu’m bheil tomhas beag do fhìrinn anns na ràdhan leithsgeulach so: ach is i màthair-aobhair gach uilc saoghalta coitcheann so nach ’eil feum ionraic nèamhuidh air a dheanamh do’n talamh ás an d’ fhàs na cuirp so a dh’ fheumas a bhi air an cumail suas á feartan an fhearainn. A nis ciod e call mòr na duthcha so? Nach aithne dhuinn e? Tha sinn glé eòlach air ach cha’n ’eil ar sùilean cho fosgailte ’s a bu chòir dhoibh. Ciod e an call a tha sinn a ciallachadh? Call a tha a’ tighinn air dòigh trì-fhillte; troimh ’n leisg, troimh uaill, is troimh aineolas. A nis cha’n ’eil so ’na chuis thaitneach am measg na mòrchuis a tha air a deanamh a thaobh sliochd fallain, glan a’ Ghàidheil. Cha’n ’eil teagamh nach ’eil tomhas do’n leisg ann an cuid do cheàrnan, eadhon gus an là an diugh. Tha an uaill ann cuideachd; saoilidh a’ h-uile graisg bhochd gu’m bheil raisleachd mhòr ann an brigisean gallda, an cotaichean dubha, agus an anart-cotain mu chuirp thruagha a tha beò air ti. Is e an call mòr nach ’eil am fearann air àiteachadh. Ma tha iad glic thugadh an fheadhainn a tha ’nan tàmh am monadh orra. —Oban Times.
An Riaghladh Breatunnach is na Gaidheil.
Chì na Gàidheil a nis an eucoir mhòr a rinn iad orra féin is air an duthaich ’nuair a chuir iad a steach a’n Phàrlamid tighearnan fearainn ’an àite nan daoine gleusda duineil a bha ann rompa. Thig toradh searbh fathasa an lorg na mì-dhìlseachd ud. Tha an sluagh air dol a chadal; ach cha d’ thàinig suain air na h-uachdarain. Chaidh an latha gu buadhach leis na croiteirean cho fhad ’s a bha iad dìleas dhoibhsan a bha air an ceann. Ach o cheann bliadhna no dhà nis thàinig roinnean a steach; agus bhris iad féin an neart. An gabh a’ chuis a bhi air a leigheas? Cha ’n fhaighear càil a’s fhiach o ’n Ard riaghladh a tha ann an diugh. —Oban Times.
Bha a cho-sheirm bhliadhnail aig Coisir-Chiùil Challum Chille ann an Glascho air feasgar a’ cheathramh latha fichead de ’n Mhàrt. Bha an oidhche stoirmeil, ach bha sluagh mor anns an talla. Bha an t-seinn anabarrach taitneach, —òrain Ghàilig bho thoiseach gu deireadh. Tha Coisir-Chiùil Challum Chille an deigh feum mor a dheanamh do ’n Ghàilig, le bhi nochdadh d’an co-luchd-dùthcha agus d’ an t-saoghal cho ceòlmhor ’sa tha òrain nan Gàidheal, agus cho airidh ’sa tha iad air a bhi air an cumail air chuimhne. B’ fhearr leinn gu ’n rachadh oidhearp a thoirt anns an dùthaich so air coisir-chiùil dhe’n t-seòrsa cheudna chur air chois. Tha pailteas de sheinneadairean matha Gàilig innte d’ am biodh e furasda gu leòr.
Cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA.
[Vol . 5. No. 42. p. 2]
Mairi a’ Ghlinne.
LEIS AN URR. TORMOID MAC LEOID, D. D.
(Air a leantuinn.)
“Rugadh mise,” deir i, “ann an Eilean a’ Cheò. ’S àrd a bheannta gorma, ’s fasgach uaine a ghlinn bhòidheach. Ged a’s lag, dìbli mi ’nochd, tha fuil dhaoine treuna air an cuala sibhse iomradh, a’ ruith ’am chuislibh. Cha robh leanabh aig m’ athair ’s mo mhàthair ach mi, agus ghràdhaich iad mi le toigh mhòr.
“Bha mi, gu truagh, air mo mheas ni b’ àille agus ni bu bhòidhche na aon chaileag eile bha san dùthaich. Bha crodh a’s caoirich againn, a’s gabhail bheag fhearainn: cha robh dìth no uireasbhuidh oirnn, no farmad ri aon teaghlach san eilean.
“ ’Nuair thainig mi gu aois, bha h-aon no dhà ag iarraidh mo phòsadh; ach cia mar a b’ urra’ dhomh mo làmh thoirt do dhuin’ eile, ’s gu robh mo chridhe o chionn fada aig Mànus donn na Beinne.
“Thogadh sinn le chéile, agus mar dh’fhàs sinn suas neartaich ar gaol. Cha ’n ’eil stà innse’ a thricead ’s a bhòidich e nach robh air aghaidh an t-saoghail té d’an d’thug e gaol ach Màiri a’ Ghlinne; agus, mo chreach! ’se mo chridhe bochd a dh’ innseadh dhomhsa co blàth, seasmhach ’s a bha mo ghaol-sa dhàsan. Chaidh an aimsir seachad gu maith; bha m’ anam mar gu’m b’ ann a’ snàmh ann an sòlas. Cha robh cleith no folach eadaruinn: c’ar son a bhitheadh? cha robh ’na bheachd ach na bha ceart agus measail, agus focal cha d’ thainig as a bheul ach a’ chainnt bu bheusaiche agus bu chliùitiche.
“Bha càirdean Mhànuis dhòmhsa mar mo mhuinntir féin, gach aon diubh ach a phiuthar, a bha fada fada ’m aghaidh, ’s gun fhios c’ar son. Cha robh dòigh a b’ urrainn i chleachdadh nach d’ fheuch i chum cur eadaruinn; ach so cha deach aice air an àm a dheanamh. Bha ’n uine dol seachad, agus bha latha na bainnse gu bhi air a shuidheachadh, ’nuair thainig litir as na h-Innsibh-an-Ear, o bhrathair- ’athar Mhànuis, ag iarraidh air e dhol thairis g’a ionnsuidh, agus gu’m fàgadh e ’bheartas aige. Thainig a phiuthar le cabhaig agus le sòlas a dh’ innse so dhomh. Thainig e féin air an là-màireach; agus tha mi làn chreidsinn gu ’m b’ fhearr le Mànus fuireach leam sa’ ghleann air a bheagan, na ’m fhàgail airson òr nan Innsean. Ach cha d’ fhuair e tàmh no fois o ’chàirdibh. Bha brathair- ’athar aosda, euslan, bha e saoibhir mar an ceudna; ann an ùine ghearr bhiodh Mànus dhachaidh a rithist, agus an sin choimhlionadh e gach gealladh dhòmhsa. Mar so labhair cairdean Mhànuis, agus chunnaic mi gu robh e féin deònach air falbh. Cha dubhairt mise gu’m b’ olc, agus cha mhò thubhairt mo mhuinntir.
“Chaidh e mach do Dhun-Eideann a cheannach gach goireas a bha dhìth air, oir thainìg dhachaidh am pailteas chum na crìche so. Fhuair e ’dhealbh féin air a tharruing, agus coslas ni b’ fhìrinniche cha’n fhacas le sùil. Bha ’n dealbh air a suidheachadh ann an òr, le ’fhalt donn féin agus m’ fhalt-sa air an amladh le chéile mu’n cuairt da. Thug Mànus an dealbh so far an robh mi an oidhche mun d’ fhalbh e. ’So,’ ars’ esan, ‘a Mhàiri cuimhneachan beag a thug mi dhachaidh air do shon. Giùlain ann ad uchd e, agus fagus air do chridhe; agus ma chluinneas tu tuaileas ormsa, ma bhios eagal ort gu’n dì-chuimhnich mi thu, amhairc air an dealbh sin: chì thu firinn a’s bàigh a’s gràdh ’san t-sùil sin, nach atharraich agus nach caochail am feadh ’s a tha ’n t-anam a’m’ chòm.’ Chàirich mi ann am uchd e. ‘ ’Se ’m bàs,’ arsa mise, ‘a dhealaicheas sinn;’ agus mar thubhaìrt, b’ fhior. Ciod th’ agaibh air—b’ éiginn dealachadh. Bha ’ghealach ag eiridh cùl na beinne mar a phill mi o’n tràigh. Tha farum nan ràmh agus onfhadh tròm tùrsach a chuain fhathasd a’m’ chuimhne mar gu’m b’ ann an raoir a dhealaich sinn.
“Phill mise dhachaidh—ach chaidh an t-saighead ’am chridhe air an oidhche sin, a dh’ fhàg guin nach d’ thàinig, agus nach tig, as. Bha mi gòrach, amaideach, aineolach; air mo Chruithfhear bha mi tùr dìchuimhneach. Bha iodhol eile aig mo chridhe—a’ s dhìol mi gu tròm air a shon. Air-san bha mi smuainteachadh moch agus anmoch; bha e ann am smuaintibh san latha—bha e ’am aisling san oidhche. Ge b’e taobh a rachainn, bhiodh ’fhaileas fa chomhair mo shùl: a’ siubhal an rathaid mhòir, bhithinn a’ meòrachadh a bhriathran, agus, ge h-oillteil r’a innse e, ’s ann air a bhiodh m’ inntinn a’ ruith ann an tigh-aoraidh an Tighearna; oir ged a dh’ éirinn ’s a shuidhinn mar a dheanadh càch—ged bhiodh am Bìobull a’m’ làimh—ged bhiodh fonn nan sailm air mo bhilibh, ’s ann anns na h-Innsibh, aig Mànus na Beinne, bha gràdh agus tlachd m’ anma.
“O! ’s mise bha cealgach! ’S ann do thròcairean an Tighearna nach d’ thàinig sgrios orm an lorg mo ghiùlain fhaoin, ghòraich. ’S ann air an dealbh a bha ’n crochadh ri m’ uchd, ag éiridh ’s a’ luidhe leam, bha ’cheud sealladh sa’ mhaduinn, agus an sealladh mu dheireadh san oidhche.
“Bha sa’ cheud dol a mach litrichean a’ teachd uaithe gu tric, làn do’n chainnt bu bhlaithe ’s bu ghràdhaiche; ach chinn iad ni b’ ainmice agus ni b’ fhuaire. Mu dheireadh stad iad gu buileach, agus cha robh fios a’ teachd a’m’ ionnsuidh ach mar bha naigheachd na dùthcha ’g innseadh.
“Bha aonta m’ athar a mach; chuireadh màl mòr mu choinneamh a’ bhaile; bha e féin breòite, euslan; mhothaich e mar bha mise ’sìoladh as. Is minic a chanadh e rium ’s na deòir a’ tuiteam gu frasach: ‘A Mhàiri, a chuilean mo rùin, cha ’n eil thusa mar bu mhiann le t’ -athair.’ Thàinis a’ bhàirlinn—thàinig latha Bealltainn. B’ éiginn an gleann bòidheach fhàgail. Chreiceadh gach crodh a’s caoirich; ach mun d’ thainig latha na h-imrich, bha ’n t-athair bu bhàigheile fo’n fhòid.
“Thog mo mhàthair a’s mis’ oirnn; agus ann am bothan bochd air an aon mhart, agus baidnein beag ghabhar, fhuair sinn gabhail againn ann an ceann eile na dùthcha. Cha b’ fhada sheas mo mhàthair. Bliadhna an déigh bas m’ athar, chàireadh a corp r’a thaobh. Chaitheadh am beagan a bh’ ann an àm a bàis, a’s dh’ fhàgadh mise ’m dhùile bhochd, laig, bhreòite, gun athair gun mhàthair, gun phiuthar gun bhràthair, gun duine air uachdar an t-saoghail mhòir ann an dlùth-chàirdeas domh. Ach ’s fada o’n a chuala sibh e, ‘Thig Dia ri h-airc ’s cha’n airc ’nuair thig.’ ’S mise dh’ fhiosraich gu’m b’ fhior. Chuir esan caraid a’ m’ rathad. Bha ministeir san eilean sin, fear a’ chridhe mhòir. ’S iomad truaghan bochd a fhuair fasgadh ’na thigh; ’s iomad dìlleachdan bochd d’an robh e mar athair; ’s iomad allaban dìbli fhuair e air seacharan, ’s a bha e ’na mheadhon chum an treòrachadh chum an Ti àrd a chùm agus a chruthaich iad. B’ ann diùbh mise. Chaochail thu, fhir mo chridhe! —ach tiota beag, agus coinnichidh sinn ann an dùthaich a’s fearr! Bha càirdeas fada mach eadaruinn, ’s cha ’n fhòghnadh leis ach mi dhol ’ionnsuidh a thighe. Turus an àigh dhòmhsa! A mach o’n latha sin fhuair mi misneachd, fhuair mi beachd ùr air an t-saoghal—bha mi fàs ni bu làidire, ach bha mo chridhe fathasd goirt, goirt—agus bithidh.
“Thainig bean-uasal cheanalta bheartach dhachaidh air an t-samhradh sin á Dun-Eideann, ’s cha ghabhadh i diùltadh uam gun dol leatha gu Galldachd, a gealltainn gu faigheadh i cosnadh dhomh, leis an tugainn mi féin roi ’n t-saoghal gun bhi ’m uallach air neach air bith. So na bha dhì orm. Dh’fhàg mi tigh an duine bheannaichte, ’s ràinig mi Dun-Eideann. Fhuair mi cosnadh ann an tigh measail, le teaghlach caoimhneil tlachdmhor, far nach robh bheag agam ri dheanamh ach cùram a ghabhail do dhithis phàisdean, cho lurach àluinn ’s a bha riamh ann an aon teaghlach. Bha mi dìleas faicilleach. Latha do na làithean mar bha mi mach air na sràidibh leis na leanaban, mhothaich mi òg-bhean uasal eireachdail, agus duin’ uasal àrd flathail a’ labhairt r’a cheile, dlùth do’n àite ’n robh mi ’m sheasamh. Dhealaich iad; ach mar bha esan a’ gabhail tarsuinn air an t-sràid, chuala mi ise ’g éigheach gu h-àrd ’na dheigh air ’ainm. Ciod an t-ainm a bha so ach an t-ainm bu bhinne leam éisdeachd. Ràinig am fonn mo chridhe. Dh’ amhairc mi agus mhothaich mi gu ’m b’e Mànus a bh’ ann. O! dh’ aithnichinn e ’m measg sluagh an t-saoghail. ’Sé th’ ann, arsa mise, ach ceum cha robh mi comasach air gluasad. Thainig tuainealaich a’ m’ cheann; thainig breisleach orm; ’s mur bithinn air mo thaic a leigeil ri ceann tighe bha dlùth dhomh, bha mi air tuiteam air a chabhsair. Ghabh iad (ise leigeil a taic air a ghairdean,) a nall far an robh mi, agus bha mo fhradharc a rithist a’ tighinn. Bha h-aon do na lean-
[Vol . 5. No. 42. p. 3]
aban air a’ chabhsair, agus thoisich a’ bhean-uasal ri brìodal ris. Dhlùthaich iad orm; mhothaich iad nach robh mi gu maith, oir bha mo thaic fathasd ris a’ bhalla ged bha sùil agam air na leanaban. Dh’ amhairc mi gu geur ’na eudan. Dh’fhàg an deirge a ghruaidh—thug e clisgeadh beag as. Cha d’ aithnich e mi, tha mi làn-chinnteach nach d’ aithnich: ach an déigh dhoibh dol seachad, chunnaic mi e toirt sùil ’na dhéigh, agus uaithe so thuig mi a dh’ aon chuid, gu’n d’thug e fainear gu robh samhlachadh eadar mi ’s Màiri a’ Ghlinne.
“Thachair dhomh bhi mach latha eile, agus choinnich mi té ’mhuinntir mo dhùthcha, dh’ innis dhomh gu robh Mànus sa’ bhaile; gu’n do phill e as na h-Innsibh le anabarra beartais; agus gu’n cual’ i gu robh e féin agus maighdeann òg Shasunnach a’ dol a phòsadh. Chuala mi an t-àite san robh e fuireach, ach cha leigeadh mo chridhe leam dol far an robh e. Chaill mi mo shlàinte. B’ éiginn mo chosnadh fhàgail. Chaidh an teaghlach aig an robh mi do Shasunn, ach cha robh e ’m chomas an leantuinn. Thainig mi do’n bhaile-mhòr so, gun fhios c’ arson; agus fhuair mi fasgadh agus cairdeas ann an tigh na mnatha còire sin a chunnaic sibh maille rium san àite so. Chreiceadh na bh’ againn, a chuid ’s a chuid; bha mo bhana-charaid bochd, co bochd ’s a bha mise. Thuig mi gu robh am bàs dluth. Chuala mi gu robh Mànus pòsda; ghlac mi ’m peann uair agus uair chum fios a leigeil d’a ionnsuidh air a’ chor bhochd anns an robh mi, ach thainig fuil mo shinnsirean, Sliochd Olghaire an Dùin, beò, lag mar bha mi, agus thilg mi ’m peann as an t-sealladh. Cha dubhairt mi focal ni bu chruaidhe riamh ’na aghaidh na am freasdal a thoirt maitheanas da. ’Se sin guidhe dùrachdach mo chridhe. Mheall iad e! —mheall iad e! —cha deanadh Mànus riamh mar rinn e mur biodh iad air a mhealladh. Tha mise so a nis, agus am bàs dlùth. Is e ’bheatha—fàilt’ air! Tha mi sgìth do’n t-saoghal—tha mi nis a’ mothuchadh gu bheil gràdh aig mo Dhia orm. Roimhe so bha ’m bàs ’na chulaidh-eagail leam; ach mar a’s dlùithe tha mo cheann-crìche tighinn orm, ’s ann a’s soilleire an sealladh a tha m’ Fhear-saoraidh a’ toirt dhomh air àilleachd an Ard-Righ agus maise na dùthcha tha fad’ as. Tha m’ fhuil a’s m’ fheòil a’ fàilneachadh, ach anns an Tighearna Dia tha neart siorruidh. ’Se so mo chul-taic ’s mo shòlas, nach ’eil dìteadh dhoibhsan a th’ ann an Iosa. Air-san amhàin, tha m’ earbsa airson tèaruinteachd. ’S tric a leugh mi sa’ Bhìobull nach ’eil saorsa ann ach tre fhuil Chriosd; ach a nis tha mothachadh agus fiosrachadh làidir agam air an fhìrinn so. ’Nuair dh’ amhairceas mi air m’ ais air mo chaithe-beatha, cha léir dhomh bheag ach aobhar nàire agus aithreachais—ach ’nuair bheachdaicheas mi air mo Shlànuighear, cha léir dhomh bheag no mhòr ach neart, agus dòchas, agus slàinte. Tha fios agam gu’n do riaraich e an lagh, gu’n d’ thug e steach fireantachd shiorruidh. Tha fios agam gu’n d’ thug e an gath o’n bhàs, agus gu’n d’ thug e buaidh thairis air an uaigh; air chor agus ged a bhàsaicheas mi gu’m bì mi beò, oir tha m’ Fhear-saoraidh beò, agus seinnidh mi fhathasd a chliù maille ri spioradaibh nan daoine maite, foirfe ann an glòir. Tha mo thaic an tròcair Dhé ann an Criosd. O! cia mòr a mhaitheas!”
Mar so chriochnaich Màiri a’ Ghlinne a h-eachdraidh. Cha robh latha fhad ’s bu bheò i ’na dhéigh so, nach deachaidh mi g’a h-amharc. Bu shoilleir gu robh crioch a turuis shaoghalta ’n impis bhi seachad—bu shoilleir gu robh an teud òir a’ fàilneachadh. Bha a tùr ’s a tuigse agus comas labhairt aice air gach àm. Cha’n iarradh i ach a bhi leughadh a’ Bhìobuill; “O! leabhar an àigh!” arsa Màiri bhochd— “cliù dhàsan a dh’ fhàg againn e mar fhuaran fionnar beò san tìr airsneulaich so!” ’S iomad seanchas taitneach a bh’ againn le chéile. Thogadh i gu tric laoidh le guth fann briste. ’Nuair a shaoileamaid gu robh i ’na suain, dh’ fhosgladh i a sùil chiùin le aomadh àrd— “Tha mi ’n so, a Thighearna, a’ feitheamh t’ àma-sa, deònach togarrach gu falbh; ach ma tha ’m barrachd agad-sa mu m’ choinneamh ’s an t-saoghal so, do thoil féin gu robh deanta.”
Latha do na làithean, mar bha mi suidhe aig taobh a leapa, agus mo chùl ris an dorus thug Màiri sgread àrd aisde, agus chunnaic mi neul a’ bhàis air a gruaidh. Dh’ fhosgail i ris a sùilean—thug i oidheirp air a làimh a thogail—“ ’S è gun teagamh,” deir ise, “th’ ann—cha ’n eil mo fhradharc ’gam mhealladh— ’S e th’ ann. O! ’Mhànuis, a Mhànuis, an tu th’ ann!” Tuille cha b’ urra’ dhi—thuit i thairis. Thug mi sùil a dh’ ionnsuidh an doruis, agus chunnaic mi ard uasal eireachdail ’na sheasamh maille ri lighiche ’n tighe. Cha robh suim aige do nì, oir cha chual’ e na thubhairt Màiri. “Thig a nall,” arsa mise, “agus amhairc san eudan so.” Shaoil mi gu’n do chaochail i, agus chuir mi romham innse’ dha cò i. Bha ’dhealbh féin aice ’na laimh. Dh’ amhairc e gu geur—dh’ fhàg an fhuil ’eudann—thainig seòrsa do chrith air. “Is i th’ann,” arsa mise, “Màiri a’ Ghlinne. Sin agad buil agus crìoch do cheilge!”
Thuit e air a’ chathair—thilg e nèapaiginn shìoda bha ’na làimh thairis air ’eudan—tharruing e osna thròm—thug e taobh na leapach air—thilg se e féin air a ghlùinibh—ghlac e a làmh fhuar, agus chunnaic mi a dheòir a’ tuiteam gu frasach.
Thigibh an so, a luchd na ceilge—a luchd nam breug, a mhealltairean! faicibh toradh an uilc! éisdibh na h-osnachean tha dùsgadh as a’ choguis leònte so. Thigibh an so, sibhse tha le geallaidhnibh pòsaidh a’ dùsgadh dòchais nach ’eil a mhiann oirbh a choimhlionadh—faicibh an t-àilleagan truagh so air leabaidh a bàis air tàil geallaidhne’ briste!
Thainig Màiri as a’ phaiseanadh—dh’ fhosgail i a sùil ghorm a ris—bha’m fallus fuar air a bathais gheal, ach bha fiamh a ghàire air a h-eudann ciùin. “Tha thusa ’n sin, a Mhànuis,” ars’ ise; “thig ni’s dlùithe dhomh—tha mi lag, lag. Tha mi toirt maitheanais duit—tha, o ghrùnnd mo chridhe. Mhealladh thu. O! ’s mòr a dh’ fhuiling mi air do shon—ach nach coma cò dhiùbh—tha fuasgladh dlùth. Tha mise sona, ’Mhànuis. O! gu’n robh thusa mar a ta mise, ’nuair chàirear thu air leaba bàis. Tha thu pòsda, ’Mhànuis: gu’n robh thu sona, ach O! cha ghràdhaich té thu gu bràth mar rinn mise. C’àite ’m bheil thu? Tha tuainealaich am cheann. A Mhànuis, na fàg mi—tiota beag.” — “Cha ’n fhàg—cha’n fhàg. O! nach robh mi riamh air t’fhàgail! Cha robh mi sona latha o’n thréig mi thu. Cha do mheall duine mi ach mo chridhe uaibhreach féin. Cha robh mi sona— ’s cha bhi; slàn le sonas an t-saoghail-sa dhòmhsa! Mhurt mi thu, agus bidh mallachd an uilc air mo shiubhal fhad ’s a’s beò mi. Cha d’ thug thu maitheanas domh, a Mhàiri—cha ’n urrainn duit maitheanas a thoirt domh!” — “Thug,” ars’ ise; “aige-san thug dhomh an comas sin a dheanamh, tha fios gu’n d’ thug mi làn-mhaitheanas duit; —ach na fòghnadh sin leatsa—guidh air Dia maitheanas a thoirt duit.”
Thug i mach an dealbh a bha crochta r’a muineal— “So,” ars’ ise; “gabh air ais an cuimhneachan so. Bha Màiri a’ Ghlinne dìleas—thubhairt thu rium, ‘Gléidh e, a Mhàiri, gu latha do bhàis.’ Thainig an latha sin a nis—cha ’n ’eil feum air ni’s faide. So, a Mhànuis gabh air ais e; ach stad—leig dhomh aon sealladh eile ’ghabhail de—leig dhomh a chur aon uair eile ri m’ chridhe. Is iomadh latha thug e dhomh sòlas. Cha d’ thainig atharrachadh air an dealbh sin riamh; tha blàs na sùl sin—tha fiamh a’ ghàire sin—tha àilleachd na mala sin, agus cumadh a’ bheòil sin, co bàigheil neo chaochlaideach dhòmhsa gu latha mo bhàis, ’s a bha iad air a’ cheud latha anns an d’ fhuair mi uait e air an tràigh. O! ’s iomad faothachadh a fhuair mo chridhe bochd o’n chuimhneachan bheag sin. So, a Mhànuis, gabh air ais e—Slàn leis—slàn leis an t-saoghal!”
Thuit i seachad tamull beag. Cha do labhair sinn focal. Thog i rithist a ceann— “Tha mi,” ars’ ise, “dol air mo thurus—tha mi deònach. Tha mi mothachadh gu bheil tobar na beatha a’ traoghadh—gu bheil an teud airgid a’ fuasgladh. Tha dorchadas a’ tighinn orm. Tha mo chridhe fuar, fuar. Na fàg mi, ’Mhànuis. An dùin thu mo shùil sa’ bhàs? Cha léir dhomh thu—O! tròcair do m’ anam, a Dhé!”
Thuit a ceann air uchd Mhànuis—tharruing i aon osna—mhothaich mi aon spàirn lag. Bha ’n uspairn dheireannach seachad. Bha Màiri a’ Ghlinne am fois shiorruidh!
Cho mear ri ceann sìomain air latha gaoith.
[Vol . 5. No. 42. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ‘Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton
SIDNI, APRIL 20.1897.
Tha na Greugaich agus na Turcaich a’ cogadh. Chaidh an cogadh a ghairm leotha le chèile toiseach na seachdain, agus tha iad uaithe sin a’ sabaid gu searbh. Tha na Turcaich a feuchainn ri bristeadh a stigh air criochan na Gréige, agus tha na Greugaich a’ cur ’nan aghaidh gu duineil. Bha dha no tri de bhlàir fhuilteàch air an cur, anns an do thuit moran taobh air taobh; tha aon sgeul a thainig ag radh gu’n do mharbhadh fichead mile ann an aon bhlar, ach tha sin glé mhi-choltach, oir ’nam biodh uiread sin air am marbhadh cha mhor a bhiodh air am fàgail; cha’n eil na h-armailtean aig taobh seach taobh gle lionmhor. Tha e gle choltach ma leanas an cogadh a bheag a dh’ uine, gur h-iad na Turcaich a bheir buaidh, oir ged a tha na Greugaich cho treum ri sluagh a ghabhas faotainn, cha’n eil iad cho lionmhor ris na Turcaich, no ma dh’ fhaodte cho ionnsaichte ann an cleasachd-airm. Ach bidh deagh ghuidhe na Criosdachd leis na Greugaich, oir tha ceartas air an taobh, agus tha dòchas, ged a gheibheadh an Turcach buaidh orra, nach leig na rioghachdan mora leis droch cheartas a thoirt daibh. Bidh e ’na ghnothuch nàr agus maslach ma leigeas.
B’e Di-satharna s‘a chaidh Di-dònaich na Càisge aig na h-Iudhaich; ‘s ann air Di-satharna a tha iad a‘ cumail na Sàbaid. Air seachdain na Càisge, cha‘n eil iad ag ithe seòrsa bidh sam bith ach feòil uan air a ròstadh agus aran neo-ghoirtichte. Chaidh mir dhe‘n aran sin a shealltuinn dhuinn an la roimhe le caraid a fhuair e bho fhear de shliochd Abrahaim fhéin. Tha e air a dheanamh air flur crithneachd, agus cha‘n eil ni ga chur ann an àm a dheasachaidh ach am flur ‘s an t-uisge. Tha e ‘na bhreacagan tana, cruaidh, gle choltach risoda biscuit.Tha e air a dheanamh ann am baile New York, leis na Rabbis, agus tha iad ‘ga bheannachadh mu‘n teid a chreic. Ged a tha ‘n sluagh so o chionn còrr us ochd ceud deug bliadhna ‘nam fògarraich air feadh an t-saoghail, tha iad gidheadh, gu h-eudmhor a leantuinn ri creideamh agus beul-aithris nan seann làithean o shean, ‘nuair a bha iad an seilbh air an duthaich fhéin.
Tha lighiche ainmeil ag radh nach eil caraid aig fear no aig mnaoi a’s fhearr na ’n t-uisge teth. Leighisidh e cion-cnàmhaidh le ghabhail romh ’n bhiadh-mhaidne, agus cuiridh e ’n teicheadh air ni crithean an deigh do neach tigh’nn a stigh as an fhuachd. Gle thric leighsidh e ceann-goirt, agus bheir e faoth’chadh do shùilean a tha air àt agus sgith. Tha e anabarrach math air bruthaidhean, ’s air siachaidhean, agus cuiridh e stad air sileadh-fala. Tha e mar-an-ceudna math do neach nach bi faotainn cadail mar bu chòir dha.
Tha na Gàidheil ann an Lunnainn a’ faotainn searmoin ’nan cainnt fein da uair ’sa mhios. Tha ministeirean as gach cearna de’n rioghachd a toirt shearmonan dhaibh; tha duin’ òg de mhinisteir Gàidhealach ann an Lunnainn fhéin a bhios aca gu math tric, an t-Urr. Mr. Connell. Tha an t-Urramach òg so ’na shearmonaiche math Gàilig, agus ged a tha e ’n ceangal ri coi-thional anns nach eil feum air cainnt sam bith ach Beurla, cha nàr leis aideachadh gu fhearr leis gu mor a bhi ’searmonachadh ’na chainnt mhàthaireil fhéin.
Tha righ Siam a tigh’nn air chuairt do na Stàitean air an t-samhradh so, agus cha’n eil teagamh nach toir e sgriob do Chanada mar an ceudna. Ged nach eil dùthaich an urra rioghail so cho mor ri iomadh rioghachd eile, gidheadh tha àireamh mhuilleinean sluaigh innte, a tha air an riaghladh gu glic, agus a tha ’mealtuinn sith agus soirbheachadh. Anns an dòigh sin cha’n eil dùthaich anns an Asia air fad, a mach o na tha air an riaghladh leis na h-Eòrpaich, a thig suas ri Siam.
Duine Striochte.
An uair a bha ’m flath ainmeil, Diùc òg Bhurgundi, fiùran co àillidh dhreachmhor ’sa chunnacas r’a linn, air a shìneadh ’na chiste-mhairbh, agus Maithean agus Cùirteirean an rìoghachd, mu ’timchioll fo bhròn tròm, a’ gul agus a’ caoidh; thàinig Ard-Easpuig Fenelon a stigh do’n t-seòmar, esan aig an robh cùram an òganaich òirdheirc so ’an àm òige, agus a dh’ fhòghlum e; ghabh e ’nùnn gu taobh na ciste, agus an déigh beachdachadh car tamuill air an aogas mharbh, labhair e mar so:— “Tha e’n sin ’na shìneadh prionnsa mo ghaoil, do’n d’ thug mi gràdh co blàth teas-chridheach ’s a thug an t-athair bu chaomhala riamh d’a leanabh: agus cha bu ghaol gun chomain mo ghràdh dhà-san; ghràdhaich e mi le toighe agus dealas mic. Tha e’n sin a nis ’na shìneadh—agus tha m’uile shòlais shaoghalta ’nan sìneadh maille ris. “Ach,” deir esan, “ged a bhiodh e comasach le aon fhuiltein a spìonadh o m’ cheann a ghairm air ais do thìr nam beò, ’s mise nach gabhadh deich mìle saoghal, agus am fuiltein faoin sin a spìonadh an aghaidh toil De.”
STOR UR TAILLEARACHD,
Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.
Theid sinn an urras air an obair,
MacCoinnich & Co.
Sidni, C. B.
F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn.
Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.
Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air.
Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.
Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c , &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.
THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin.
Tha Factoridh Eureka air aon de ’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.
Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.
Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitche’s Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.
[Vol . 5. No. 42. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Thainig fear Stephen Hatt, a mhuinntir Bear River, N. S., ri bheatha fhéin a sheachdain gus a bhòn-dá; ghearr e a sgòrnan le ràsar. Thug e an ionnsuidh cheudna uair us uair roimhe, ach cha deachaidh leis. Bha e leth-cheud bliadhna dh’ aois.
Tha iomadh bliadhna air a dhol seachad o’n rinneadh sgrios cho mor anns na Stàitean ’sa rinneadh am bliadhna leis an amhuinn Mississippi a bhi cur thar a bruachan. Tha i air call uamhasach a dheanamh, a bàthadh dhaoine agus ainmhidhean agus ’g am fàgail-san a fhuair as, gun dòigh air a bhi beò mar deanar cobhair orra le muinntir eile.
Dh’ fhalbh soitheach seòlaidh á Sidni Tuath gu ruige Newfoundland air an t-seachdain s’a chaidh le luchd guail. Tha an acarsaid a nise saor o dheigh, agus ma dh’ fhalbhas an deigh mhor bhar nan criochan, tòisichidh na soithichean-guail air ruith gu riaghailteach, agus bidh timeannan na’s fhearr. Agus gu dearbh sin rud air am bheil an dùthaich feumach.
Tha ’n t-side air car briagha thoirt aisde; tha blàths air tighinn; tha an deigh air bristeadh, agus aig àm sgriobhaidh, cha ’n eil ach gann mir dhi ri faicinn anns an acarsaid so. ’Nam biodh an deigh mhor a nise cho math ’s gu ’m fanadh i air falbh, bhiodh dòchas againn nach b’ fhada gus an tigeadh an samhradh. Ach fhad ’sa bhios ise mu ’n cuairt bidh sinn car teagmhach d’a thaobh.
Thatar a’ deanamh moran siùcair mèple ann am mor-roinn Chuibeic air an earrach so; tha cuid de na tuathanaich an deigh corr us sia mile punnd a dheanamh cheana. Tha aon chuideachd mharsantan a feuchainn ri greim a dheanamh air uile, agus tha iad an deigh coig ceud mile punnd a cheannach mar tha. Ma theid leotha, faodaidh iad am pris fhéin a chur air, agus a dheanamh moran na’s daoire na bu chòir dha bhi.
Thainig boirionnach ri ’beatha féin ann am Moncton, N. B., oidhche Di-luain s’a chaidh, bean Uilleam Wilbur. Ghabh i deoch de phuinnsean radan, agus bha i marbh mu ’n robh fhios aig a fear, a bha ’na chadal ’san aon rùm rithe, air dad. Bha eagal oirre gu robh a fear ri bhi air a chur do ’phriosan air son reic deoch làidir, agus dh’ oibrich sin air a h-inntinn gus ’n do chuir i crioch oirre fhéin.
Chaidh an t-Urr. Maighstir Corbett, sagart a bh’ ann an St. John, N. B, a mharbhadh air dòigh chianail air oidhche Di-satharna s’a chaidh. Bha e ’cur seachad ha h-oidhche ann an lùchairt an easbuig, agus ’sa mhaduinn fhuaireadh e marbh ri taobh an taighe, an deigh tuiteam a mach air té de na h-uinneagan. Bha e dona le tinneas a’ chridhe, agus thatar a’ deanamh a mach gu ’n d’ thainig laigs’ air, ’s gu ’n do thuit e ’se feuchainn ris an uinneag fhosgladh. Cha robh e ach deich bliadhna fichead a dh’ aois, agus bha e anabarrach measail aig luchd na sgireachd, ’s aig gach neach a chuir eòlas air.
Tha ’n taghadh a nise seachad, agus cha mhor dhaoine air nach do chuir e ioghnadh. ’S i bharail chumanta a bh’ aig a’ mhor chuid mu ’n d’ thainig an latha, gu robh na Liberals gu bhi air an cur an dreuchd a rithist, ach gu ’m biodh barrachd de bhuill na pàrlamaid an aghaidh an Riaghlaidh ’sa bha ann re nan tri bliadhna chaidh seachad. Ach an àite sin ’s ann a choisinn iad barrachd mor ’sa bh’ aca roimhe. Anns a phàrlamaid mu dheireadh bha deichnear bhall an aghaidh an Riaghlaidh. Air an turus so cha bhi ann ach a ceathrar. ’S iad na Conservatives a fhuair a stigh, Fitzpatrick ann an siorrachd Phictou, McMullen ann an Colchester, Wolf ann an Lunenburg, agus Wilcox ann a Hants.
Bhrist teine mach ann an tigh-sgoile am baile Halifax, a sheachdain gus an dé agus rinn e call ceithir mìle dolair.
Tha Canada a’ dol a chur da cheud saighdear a null do Bhreatuinn aig Iubili na ban-righ’nn. Bha i deiseil gu sia ceud a chur a null, ach ’se da cheud na bh’ air an cuireadh.
Chaidh fear Daibhidh Mac Callum a mharbhadh air Amhuinn Avon, N. S., an la roimhe. Bha e mach le ràth; chaidh e ’n sàas eadar na logaichean, ’s bha e air a mhilleadh cho dona ’s nach robh e beò ach beagan mhionaidean. Dh’ fhàg e bantrach us teaghlach mor.
Ann an Eilean a’ Phrionnsa tha am buntàta a creic air 20c am buiseal; an coirce air 24c; am fiar air sia dolair an tunna; ’s na h-uidhean air 6c an dusan. Cho math ’s gu bheil sin dhaibhsan a bhios a’ ceannach, ’s bochd na prisean iad do na tuathanaich a tha ’g an creic.
Tha e air aithris gu bheil coig mile deug air fhichead de Fhrangaich Chanada ann an stait Maine, gun ghuth a thoirt air na tha air an sgapadh air feadh nan stàitean eile. Tha àireamh mhor sluaigh anns na Stàitean an diugh a fhuair am breith ’s an arach ann an Canada.
Dh’ fhàg soitheach-smùide d’ am b’ ainmState of Georgia,Dantzic, ’sa Ghearmailt, air an treas latha fichead Dhesember, agus cha chualas sgeul oirre tuilleadh. Tha e ro-choltach gu ’n deach i fodha am meadhon a chuain. Bha i luchdaichte le siùcar, ’s i tigh’nn gu ruige Halifacs.
BAS.
Chaochail Domhnull Mac Amhlaidh, mac do Aonghas Mac Amhlaidh, aig a dhachaidh ’am Port Morien, feasgar na Sàbaid s’a chaidh, aois 24 bliadhna. Chaidh a thiodhlacadh, anns a chladh aig an Allt Dhubh, agus moran de chàirdean ’s de luchd-eòlais a lathair, a bha mar sin a nochdadh cho measail ’sa bha iad air. Bha e àireamh bhliadhnaichean ag obair mar fhear-inneil ann a Weytonsville, Mass. Bha e na dhuine cùramach air an robh deagh chliù aig na h-uile.
Am feadh a bha sinn ’san dùthaich so a’ gearan ’sa talach air flichead na side—agus dh’ fhaoidte nach còir a bhi ’g ar coìreachadh gu mor air son sin—tha uisgeannan troma ag aiseag aoibhneis agus dòchais do shluagh bochd nan Innsean. Bha an tiormachd cho mor ’s gu robh choltas air gu’m biodh bliadhna ghann eil’ aca, ach tha ’n t-uisge an an deigh dreach eile chur air a chùis. Tha gach ni a’ cinntinn ’sa fàs, agus ma leanas an t-side cho fàbharrach ’sa tha i, bidh ann an ùine ghoirid, biadh gu leòr agus ri sheachnadh acasan a bha roimhe so an impis bàsachadh leis an acras.
Ann an Chicago, o chionn da sheachdain air ais, chaochail Tormoid MacLeoid, mac do’n Urr. Tormoid MacLeoid, ministeir sgireachd na Barony an Glaschu, agus ogha do’n Urr. Tormoid MacLeoid, “Caraid nan Gaidheal.” Bha e o chionn còrr us deich bliadhna ’na fhear sgriobhaidh do na paipearan-naigheachd, agus bha e air a laimh fhéin a’ cur a mach leabhran miosail d’ am b’ ainm “The Rambler.” Bha e na bhall de bharrachd us aon chomunn Gáidhealach us Albannach ann a bhaile, agus ghabh aon diubh sin cùram deth ’na thinneas agus an deigh a bhàis. Chaochail e ann an aon de thighean-eirrdinn a’ bhaile le tinneas-sgamhain.
C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
THA D. J. Domhnullach air son rùm a dheanamh do bhathar an earraich, agus tha e ’creic na th’ aige de bhathar geamhraidh gle shaor. Reicidh e ni sam bith a tha ’san stor, ach a mhain brogan, 20 p. c. na’s isle na bha iad roimhe so. Rud air am pàigheadh tu $1 .00 roimhe so, cha chosg e dhut an drasda ach 80c. Cha mhair so ach mios. Thig trath agus faigh bargan.
NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B,
Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha.
[Vol . 5. No. 42. p. 6]
SGEULACHDAN ARABIANACH.
V. —EACHDRAIDH AN IASGAIR
Dh’ fhalbh i ’s a mhionaid am mach a Talla nan Deur. Thug i leatha cupa lan uisge, agus labhair i briathran os a cheann a thug air an uisge a bhith goil mar gu ’m biodh e air an teine. ’Na dheigh sin chaidh i do ’n t-seomar anns an robh am prionnsa ’na shuidhe, agus thilg i an t-uisge air, ag radh, “Ma chuir Cruithfhear nan uile nithean thu anns a’ chruth ’s am bheil thu an drasta, no ma tha fearg air riut, bi mar a tha thu; ach ma ’s ann le mo dhraoidheachd-sa thainig thu gu bhith anns a’ chruth sin, bi mar a bha thu roimhe.
Cha bu luaithe a labhair i na briathran so na dh’ eirich am prionnsa as an aite an robh e, agus e ’na chruthachd nadarra mar a bha e mu ’n do chuireadh fo na geasan e. Air dha bhith lan aoibhneis thug e taing do Dhia.
Thuirt ise ris, “Gabh’ am mach as a’ chaisteal, agus na tig air ais gu brath tuilleadh, ar neo ma thig, cha bhi ’n tuilleadh saoghail agad!”
An uair a chuala e so, dh’ fhalbh e am mach gun aon fhacal a radh rithe, agus chaidh e do dh’ aite iomallach far an d’ fheith e gus am faiceadh e cia mar a rachadh gnothaichean leis an righ.
Aig a’ cheart am thill ise do Thalla nan Deur, agus air dhi duil a bhith aice gu ’n robh i labhairt ris an duine dhubh, thuirt i, “A ghaol mo chridhe, rinn mise mar a dh’ iarr thu orm; na cumadh ni sam bith a nis thu o gach toileachadh a bha dhith orm o chionn uine fhada thoirt dhomh.”
Thuirt an righ rithe, ann an cainnt nan daoine dubha, “Cha dean na rinn thu an gnothach air mise a leigheas idir. Thug thu faothachadh mor dhomh; ach feumaidh tu freumh an tinneis a thoirt a bun.”
“Mo ghradh dubh,” ars’ ise, “ciod a tha thu ’ciallachadh le freumh an tinneis?”
“A bhoirionnaich mi-shealbhaich,” ars’ an righ, “nach ’eil thu idir a’ tuigsinn, gu ’m bheil mi a’ ciallachadh a’ bhaile, agus an luchd-aiteachaidh, agus na ceithir eileanan a sgrios thu le d’ dhraoidheachd. Tha ’n t-iasg a h-uile oidhche aig a’ mheadhain-oidhche a’ togail an cinn as an lochan, agus a’ glaodhaich dioghaltais ’nad aghaidh fhein ’s ’n am aghaidh-sa. Is e so is aobhar nach ’eil mise air mo leigheas. Bi falbh cho luath ’s a rinn thu riamh, agus cuir gach ni mar a bha e roimhe, agus an uair a thilleas tu, bheir mise dhut mo lamh, agus cuidichidh tu mi gu eirigh.”
An uair a chuala i na briathran so thog i a guth le iolach aoibhneis, agus thuirt i, “Mo chridhe, mo bheatha, bidh do shlainte air a h-aiseag dhut gun dail, oir ni mise mar a tha thu ’g iarraidh orm.”
Anns a’ mhionaid dh’ fhalbh i. An uair a rainig i bruach an lochain thog i lan a boise de ’n uisge, agus an uair a labhair i briathran os a cheann, chrath i air an lochan e, agus bha am baile ann an tiotadh air a chur mar a bha e roimhe. Bha ’n t-iasg ’nam fir ’s ’nam mnàthan ’s nan cloinn—Mahomadanaich is Criosduidhean is Persianaich is Iudhaich, daoine saora is traillean, mar a bha iad roimhe ’nan cruth nadarra fhein. Bha na taighean ’s na buithean lan dhaoine mar a bha iad mu ’n do chuireadh fo gheasan iad. Ghabh an sluagh a thainig thun an lochain comhladh ris an righ ioghnadh mor an uair a fhuair iad iad-fhein ann am meadhain a’ bhaile.
Cho luath ’s a thog ise na geasan bhar a’ bhaile ’s bhar nan daoine, thill i le cabhaig do Thalla nan Deur. An uair a rainig i far an robh an righ ’na laidhe, thuirt i, “Mo thighearna graidh, tha mise air tighinn a dheanamh gairdeachais maille riut a chionn gu ’n d’ fhuair thu do shlainte. Rinn mi gach ni a dh’ iarr thu orm a dheanamh. A nis, eirich, tha mi ’guidhe ort, agus thoir dhomh do lamh.”
“Thig dluth dhomh,” ars’ an righ, agus e ’bruidhinn rithe ann an cainnt nan Innseineach.
Rinn i so.
“Cha ’n ’eil thu dluth gu leor dhomh,” ars’ esan, “thig ni ’s dluithe dhomh.”
Rinn i mar a dh’ iarr e oirre.
An sin dh’ eirich e, agus rug e air ghairdean oirre cho ealamh ’s nach robh ’dh’ uine aice na thug an aire nach e an duine dubh a bh’ ann, agus le aon bhuille de ’n chlaidheamh rinn e da leith dhith. Dh’ fhag e i far an robh i, agus chaidh e am mach a dh’ iarraidh a’ phrionnsa, a bha ’gabhail fadachd ’g a fheitheamh an aite eiginn faisge air a’ chaisteal. An uair a fhuair e e, rug e air ’na ghairdeanan, agus thuirt e, “A phrionnsa, dean gairdeachas; cha ’n eagal dhut a nis, tha do dhearg namhaid marbh.”
Thug am prionnsa og mile taing do’n righ air son a’ chaoimhneis a nochd e dha, agus ghuidh e dha saoghal fada is sonas mor.
“Faodaidh tu ’na dheigh so,” ars’ an righ, “comhnuidh a ghabhail aig fois is sith ann an ceannabhaile do rioghachd fhein, mur falbh thu comhladh rium fhein, o’n a tha ’n rioghachd agam cho faisge oirnn. Is e do bheatha falbh ’comhladh rium, far am faigh thu gach meas is urram mar a gheibh ’na do luchairt fhein.”
“A righ chumhachdaich, a chuir mise cho mor fo chomain,” ars’ am prionnsa, “am bheil thu ’smaointean gu ’m bheil thu cho faisge air ceannabhaile do rioghachd fhein?”
“Tha,” ars’ an righ, “tha fhios agam air; cha ’n ’eil e ach mu astar leith-latha as a so.”
“Tha e astar bliadhna as a so,” ars’ am prionnsa. “Tha mi ’lan-chreidsinn gu ’n d’ thainig sibh an so anns an uine a tha sibh ag radh o’n a bha mo rioghachd-sa fo gheasan; ach o’n a thogadh na geasan dhith, tha cuisean air atharrachadh. Ach cha chum sin mise gun fhalbh comhladh ribh. Rachainn comhladh ribh do’n chearn a’s iomallaiche de’n t-saoghal. Thug sibh dhomh mo shaorsa; agus mar dhearbhadh gu’m bheil mi fo chomain anabarrach mor dhuibh, tha mi gle dheonach falbh comhladh ribh, agus mo rioghachd fhein ’fhagail.”
Bha ioghnadh anabarrach air an righ an uair a thuig e gu’n robh e astar cho fad’ air falbh o ’rioghachd fhein, agus cha robh e ’tuigsinn cia mar a b’ urrainn a leithid a bhith. Ach thug Prionnsa nan Eileanan Dubha lan-dhearbhadh dha mu’n chuis.
An sin thuirt an righ, “Is coma co dhiubh; ged a bhios e draghail dhomh tilleadh do ’m rioghachd fhein, tha mo thurus an so gle phaighte dhomh. Tha e ’n a thoileachadh ro mhor dhomh thusa a chur fo chomain, agus d’ fhaotainn gu bhith agam mar mhac, o nach ’eil mac eile agam. Tha mi, ann an ionad nam bonn, ’g ad dheanamh ’n ad oighre air mo rioghachd.”
Gun dail sam bith thoisich am prionnsa og ri deanamh deas air son an rioghachd ’fhagail. An ceann tri seachdainean bha gach ni aige deas gu falbh. Bha maithean is uaislean na rioghachd gu leir ro bhronach an am a bhith ’dealachadh ris. Dh’ fhag e an rioghachd aig an aon bu dluithe dha de ’chairdean.
An uair a dh’ fhalbh an righ agus am prionnsa, thug iad leotha ceud camhal luchdaichte leis gach ni bu luachmhoire a bh’ ann an ionmhas a’ phrionnsa, agus leith-cheud marcaiche, uasal, og, a b’ eireachdaile a bh’ anns an rioghachd. Chaidh an turus leotha cho math ’s bu mhiann leotha. Chuir an righ teachdairean roimhe, a dh’ innseadh gu ’n robh e air an t-slighe dhachaidh, agus a thoirt cunntas do mhaithean na rioghachd air gach ni a thachair dha fhad ’s a bha e air falbh. An uair a rainig e faisge air a’ cheanna-bhaile, chaidh mor-mhaithean na rioghachd, agus ceannardan an airm am mach as a’ bhaile ’na chomhdhail, agus dh’ innis iad dha gu ’n robh gach ni a bhuineadh do ’n rioghachd cho ceart ’s cho ordail ’s a dh’ fhag e iad.
Chaidh aireamh mhor de ’n t-sluagh am mach g’ a choinneachadh mar an ceudna, agus rinn iad fodhail mhor ris. Bha mor-ghairdeachas anns an rioghachd gu leir an uair a chualas gu ’n do thill an righ dhachaidh gu sabhailte.
An latha ’n deis dha ruighinn dhachaidh, thug an righ min-chunntas do na h-uaislean mu thimchioll a thuruis, agus mu ’n aobhar a chum cho fada o’n taigh e. Dh’ innis e dhaibh gu’n robh Prionnsa og nan Eileanan Dubha gu bhith mar mhac aige, agus gu ’n robh e gu bhith ’na righ air an rioghachd an deigh a bhais fhein. Thug e tiodhlacan luachmhor do gach aon de mhaithean na rioghachd.
A thaobh an iasgair, o’n a b’ ann air a thaillibh a fhuair am prionnsa og a shaorsa, thug an righ dha moran fortain, agus bha e fhein ’s a theaghlach gu math dheth fad uile laithean am beatha.
(A’ chrioch.)
[Vol . 5. No. 42. p. 7]
Ceilidh Gaidheil Ghlascho.
B’ i oidhch Dhi-sathuirne seo ’chaidh (Mar. 27), oidhch mu dheireadh na seisein aig Céilidh nan Gaidheal. Dh’ fhiach na Gàidheil an spéis a bh’ aca do ’n chéilidh, agus an tlachd a bh’aca innte leis a chruinneachadh mhòr agus toil-ìnntinneach a bh’ ann an Talla na h-Aithne air an oidhch sin. Bha Murchadh Màrtuinn, an ceann-suidhe, anns a’ chathair. Dh’ fhosgail e a’ choinneamh le h-ùirnigh a réir gnàtha, agus thug e fa-near do ’n chuideachd gum b’ i sin a’ choinneamh bhliadhnail, nach d’ fhuaireas fios ag iarraidh atharrachaidh air na riaghailtean; agus gun tòisichear le a bhi a’ gairm air an Rùn-chléireach Iomradh thobhairt air obair na seisein. Dh’ aithris an Rùnair gun do stéidhicheadh Céilidh nan Gàidheal an uiridh cothrom a thobhairt do Ghàidheil Ghlaschu a bhi ’labhairt an cànain ’an cuideachdas a’ chéile, agus a bhi ’rannsachadh chùisean a bhuineadh do ’n eachdraidh agus do ’n dùthaich. Dh’ ainmich e gun d’ thugar ceithir òraidean air fhichead troimh ’n t-seisein, agus gun robh iad air am frithealadh le bho ceithir-fichead gu ciad-gu-leth pearsa aig gach coinneimh; gun robh ’s an t-sàmhradh cuirm-cnuic aca ann an cille chaluim, agus gun robh cuirm-chaidreach aca air an dara là dhiag de ’n Mhàrt. Dhaingnicheadh le làn aonta na cuideachd. Air sin ghairmeadh air an Ionmhasair a thobhairt cunntas á ’dhreuchd. Dh’ ainmich e aig ceann nan cunntasan gun robh £1 12s 6½d de bharrachd aca. Dh’ aontaichear ris an iomradh, agus chaidhtear air aghaidh gu taghadh luchd-dreuchd agus comhairle air son na h-ath seisein. Thaghar mar a leanas: —Ceann-suidhe Urramach, Donnachadh Bàn (Coir an t-sithe); Ceann-suidhe, Murchadh Màrtuinn; Iar-Cheannsuidhe, Raonall Dòmhnullach; Rùnair, Gilleasbuig MacCullach; Cléireach Iomraidh, Iain Caimbeal; Ionmhasair, Eachann Mac-Phàidein; Bàrd, Nial Mac ’Illeathain. Luchd-comhairle: —Mnathan ’s Gruagaich —Mairearad Dhòmhnullach, Fionghall Nic Dhòmhnuill-Chàrdaidh, Mairearad Nic Ionmhainn, Raonailt Nic Dhòmhnuill, Ealasaid Nic Alastair, Mòr Nic Ionmhainn, Màiri Corcadail, agus Beitidh Phiotach. Fir: —Gilleasbuig Snodgras, Domhnull Mac ’Illeathain, Iain R. Mac ’Illebhrataich, D. Mac Corcadail, Uilleam Lobhraidh, Dughall Mac ’Illeathain, Murchadh Mac Coinnich, Gilleasbuig Mac ’Illemhaoil, Coinneach Dòmhnullach, Iain Mac-a- Phì, Iain Mac Neacail, agus Domhnull Mac Dhomhnuill. Thugas taing na Céilidh do Dhughall Mac Phàil air son mar a lion e a dhreuchd mar Rùn-chléireach ré ’n t-seisein a bha a nis air a chriochnachadh. Air sin thilgeadh a’ choinneamh fosgailt chum còmhraidh. Thuaireas an deigh sin Ceòlraidh bho Raonailt Nic Dhomhnuill, agus Eimilidh Dhomhnullach, an cois òrain bho Criostain Mac Ionmhainn, Mairearad Dhòmhnullach, Pàdruig Dòmhnullach, Fionghall Dhòmhnullach, Uilleam Mac Phail, Raonailt Nic Dhomhnuill, Gilleasbuig Mac ’Illemhaoil, agus Eimilidh Dhomhnullach. Thugas taing do ’n luchd-ciùil agus do dh’ fhear na cathrach, agus air sin sagoil a’ chiad seisean aig an aon Chomunn a tha cumail suas na Gàidhlig gu glan agus gu h-iomlan le a bhi ’g a cleachdadh ’na h-aonar aig na coinneimhean aca. —Highland News.
Na Gaidheil ann an Crete.
Bha réiseamaid Ghàidhealach (na Gàidheil Sith-portach) air a cur do Chrete air a mhios a dh’ fhalbh air son an t-sith a ghleidheadh eadar na Turcaich ’s muinntir an eilein. ’Nuair a chaidh na Gàidheil air tir, chuir an éideadh annas mor air na Creitich; tha am féilleadh cho coltach ris an deise thatar a’ cleachdadh ’san dùthaich sin fhéin. Chaidh iad air tir mu aon uair deug, agus mhèars iad gu h-uallach do na barracks le ’n cuid phiobairean air an ceann, ’s iad cho sgiobalta ’nan deise ’s cho tapaidh nan gluasad ’s gu ’n d’ fhuair iad cliù mor o gach aon a bha air an laimhrig ’g an amharc. Tha “gillean an fhéilleidh” a’ sior tharruinn aire ’n t-sluaigh, agus b’ fheudar luchd-faire a chur timchioll air an àite ’sam bheil iad a chumail an t-sluaigh o thighinn tuilleadh us faisg orra. Chualas a bhi feòrach uair us uair, “Ma ’s e so deise nam firionnach, gu de ’n seòrsa còmhdaich a th’ aig na boirionnaich.”
Tha muinntir na Seann Dùthcha glé throm air an òl. Ri ’n gabhail thar a chéile tha gach teaghlach anns na h-Eileanan Breatunnach a cur ochd puinnd deug (mu $87 ’san airgiod againne) a’ cheannach deoch-làidir na h-uile bliadhna.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar uthcha tha ’nar beachd
CARADH
Uaireadairean.
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.
D. A. Mac FHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.
Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .,
SIDNI, C. B.
McDonald Hanrahan & Co,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4.; ’95
[Vol . 5. No. 42. p. 8]
Oran an Amadain Bhoidhich.
Tha e air aithris gur e mac ministeir a bh’ ann, a mhuinntir Ghearrloch ’s gu’n do ghabh e gaol air banarach ’athar. Cha robh am ministear ro thoileach air seo. Coma co dhiubh chuir e a mhac do’n Oil-thigh ’s chaidh na litrichean a bha e ’cur chuice a cheapadh. La dhe na lathaichibh chaidh innseadh dhi gu’n d’fhuair e ’m bàs ann an tigh-eiridinn. Ghabh i gus an leabaidh ’s cha d’éirich i tuillidh. Air dhàsan bhi air tilleadh dhachaidh co choinnich e mu’n phàirc, treis bho’n tigh, ach searbhant agus dh’fharraid e dhi ciamar bha a bhanarach. “Oh,” ars ise, “nach cuala tu fhéin mar tha?” Na dheighidh seo chasdh e ’s laigh e air an urigh aice; bha e a caoidh ’s ri bròn ro mhor, ’s a réir mar a chuala mise chaidh e cho mor bho ’aire fhéin ’s gu’n robh e ag itheadh an fhieor a bha fàs os cionn na h-ùrach. Thàinig ’athair an sin ’s ghabh e dha leis an t-sréin. Se buil a bh’ann gu’n do thréig a chiall e ’s bhiodh e air uairean na shlaod an sid ’s an seo mar neach gun mhoineid. Ged bha e air dul bho ’reusan bha e siubhal na dùthcha—gu math tric gun aodach. Fhuaras e na laigh là fuar sneachdaidh air taobh shios na manachainn, ma’s math mo chuimhne, ’s gun air ach caob de sheòl luinge agus sin fhéin air reothadh air. Chaidh adhlaiceadh an cladh Chille Chriosd faisg air Blàr an Uird. Is e ’n t-amadan bòidhheach bh’ aig an t-sluagh air, ’s theireadh cuid ris an t-amadan rùisgt. Tha mi ’dianamh dheth gu’n do chaochail e bho chionn còrr agus leth-chiad bliadhna.
Cha chadal, cha chadal
Cha chadal ’s cha tàmh
’S mi bhi smaointinn mo leannain
Ribhinn thairis chiùin thlàth.
Seo a bhliadhna ’chuir as domh
’S thug a falt ’bhàrr mo chinn
A chuid nach eil deth air glasadh
A’ falbh na shad leis a ghaoith,
Tha mo shuilean a’ sileadh
Cheart cho mire ri allt,
Tha mo bheul air fàs tioram
’S tha mo chridhe air fàs fann.
Tha osach throm air mo chridhe
Nach tog fiodhull na pìob
Bho’n là dhealaich mo leannan
Rium air cladach Port Rìgh.
Is diombach mis’ air mo chàirdean
’S air mo phàrantan féin
Nach do leig ead dhomhs’ phòsadh
An ribhinn òg a b’ fheàrr beus.
Tha gach aon diubh ag ràdhtinn
Fhir gun nàire gun chéill
Is ann a thoill thu do shràcadh
Ann san làraich le stréin.
Nuair a chuir ead mi ’n Oil-thigh
Cha robh seol orm ’s cha bhì
Nuair a shuidheas mi ’m ònar
Bidh mo smaoin ort a’m’ chridh.
Innsidh mise mu m’ leannan—
Gruaidh thaná dhearg mar ’n ròs,
Suil ghorm fodh chaol mhala
Slios mar eal’ air an lòn.
Beul is binne na teudan
Falt na chleitein de’n òr
Calpa cruinn a cheum eutrom
A thogadh m’ éislein ’s mo bhròn.
Is truagh nach robh mi ’s mo leannan
Urrad fad’ ann sa bheinn
Ann an lagan beag soilleir
Far ’m biodh an coileach a’ seinn.
Gun duine bhi faisg oirnn
Far a faiceadh ead sinn
Ach mise ’s an òigh so!
Righ bu shòlasach sinn.
Dhianainn treobhadh a stearrach
’S chuirinn gearran an crann
Ghleidhinn seòl dhut air aran
Ged tha ’m beartas air chall,
Bheirinn fiadh dhut á fasach
Thogainn amhran le fonn
’S gu stiùirinn am bàta
Air mòr àirdead nan tonn.
Ged bhiodh agam do stòras
Na bheil a dh’òr aig an Rìggh
B’fhearr bhi comhla ri m’ Sheònaid
Ann an seomar leinn fhìn.
Dh’fhuaighinn balt dhut ri brògan
Bileach boidheach s cho tean
Gheobhainn corc dhut us eòrna
Cha bhiodh do stòras-sa gann.
Och nan och! mo chùis-mhulaid
Mu ni nach urrainn mi ìnns’
Laigh sachd air mo chridh
Nach tog fiodhull na pìob.
Us an cadal an cadal
Cha’n eil an cadal an dàn
O nach fhaic mi no leannan
An rìbhinn tairis chiùin thlath.
Cha dian lighich bonn feum dhomh
No sugh fodh ’n ghréin ach t-aon ni
Mi bhi ’faicinn mo cheud-ghradh
S mi ’call mo chéil air a tì.
A dà ghruaidh mar an caorunn
A slios mar fhaoilinn air chàrn
Is e bhi gealltuinn na t’aoduinn
A bheireadh, ’ghaoil, dhomh mo shlaint
Tha mo shùilean air sileadh
Cheart cho mire ri allt
Tha mo bheul air fàs tioram
S tha mo bhil air fàs mall.
Chaidh m’astar am mailled
S chaidh mo mhisneachd air chall
Is truagh nach d’chuir sibh mi’n tasgaidh.
Ann sa chlachan ud thall.
Mo shùilean ni sileadh
Mo chridh air fas fann
Chaill mo chasan an coiseachd
S tha mo cheuman air chall.
Och! an cadal cha chadal
Cha chadal s cha tàmh
Mi bhi shaointinn mo leannain
An ribhinn thairis chiùin thlàth.
An do phàigh thu MAC-TALLA?
DO BHIADH
Do Neart—Ma bhios o air a dheagh chnàmh. Mur eil do stamag a deanamh a h-obair, feuch K. D. C. Cha’n eil duine air am bheil Cion-cnamhaidh a cur dragh nach cuidich e—do nach toir e slàinte agus comhfhurtachd. ThaK . D. C. Pillsanabarrach math air son a chuim. Leighsidh iad Teanntachd, ma-ghabhair iad maille ri K. D. C.
AIR AN SAR MHOLADH.
Sampuill de K. D. C. ’sK . D. C. Pillsa Nasguidh.
K . D. C. Company, Limited, New Glasgow, N. S, & 127 State St., Boston, Mass.
NUAIR THEID THU ’BHADDECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram, Bathar Cruaidh
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile.
An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.
Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.
Indurated Fibreware
Tha an seòrsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire.
THE E. B. EDDY Co LIMITED
HULL, CANADA.
title | Issue 42 |
internal date | 1897.0 |
display date | 1897 |
publication date | 1897 |
level | |
reference template | Mac-Talla V No. 42. %p |
parent text | Volume 5 |