[Vol . 5. No. 43. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, MAIGH 1, 1897. No 43.
Sgeul m’ Fhir-treorachaidh.
O chionn àireamh bhliadhnaichean air ais, fhuair mi mi-fhéin air ceann gnothuich ann am baile beag de ’n ainm L’ Anse, ann an cearna de stàit Mhichigan. Rainig mi ’m baile trath ’sa mhaduinn, cha b’ urrrinn domh falbh as gu anmoch feasgar, agus o nach robh de ghnothuch air m’ aire ach na chaidh agam air a dheanamh ann am beagan ùine, chuir mi romham a dhol a dh’ iasgach bhreac, oir chuala mi gu robh iad gu math pailt anns na h-aimhnichean air feadh na dùthcha mu’n cuairt. Gun ùine sam bith a chall, dh’ fhastaidh mi each us carbad agus fear-treòrachaidh, ’s dh’ fhalbh sinn; bha slatan, dubhain, cuileagan ’s gach ni dhe’n t-seòrsa sin aigesan. Chaidh sinn àireamh mhiltean troimh choille dhlùth, agus thainig sinn gu amhuinn bheag d’ an goirte an Amhuinn Airgeid.
Air dhuinn a dhol a nall thairis air an drochaid, thug sinn an t-each as a charbad agus cheangail sinn e, agus an sin rinn sinn deiseil gu luchd-àiteachaidh na h-aimhne a ghlacadh.
A falbh an cois na h-aimhne, thilg sinn ar dubhain an toiseach ann an linne dhomhainn, shàmhach a bha aig bonn agus beagan an dara taobh de dh’ eas, far an robh an amhuinn bheag a dòrtadh le gàir mhòr eadar da bhalla creige nach robh barrachd us tri troighean bho chéile.
Cha do shoirbhich leinn anns an àite sin, agus chaidh sinn astar math sios an amhuinn, agus mu’n d’ thainig àm dinnearach bha ’n deagh ghad bhreac againn. An sin thill sinn dh’ ionnsuidh a charbaid, agus an deigh dhuinn teine bheothachadh aig bonn creige taobh an rathaid, thòisich sinn air deasachadh ar dinneir.
’S i mo bharail nach d’ fhuair mi greim bidh riamh cho fior bhlasda ris na bric ud. Bha an latha briagha—am mios meadhonach an t-samhraidh—agus shuidh sinn an taice na creige ’g ar grianadh féin ’sa gabhail na cùise air ar socair.
Bha m’ inntinn gu mor air a tarruing gu bhi smaointeachadh air mo chompanach. Bu duine foghainteach, air dheagh chumadh e, mu dha fhichead bliadhna ’sa coig a dh’ aois; bha aghaidh thuigseach, dhreachmhor air, agus air leam gu robh ni-eigin ’na ghnùis a bha ’g innse mu thrioblaid mhoir troimh ’n deachaidh e. Ged nach robh mionaid de ’n latha anns nach robh so gle shoilleir ri fhaicinn, bha e moran na bu chomharraichte aig an an àm so na bha e ’sa mhaduinn, agus cha robh e idir cho bruidhneach ’sa bha e, agus bha e daonnan a’ dlùth-amharc air an làr.
Air dhomh fheòrach ciod a bha ’cur dragh cho mor air inntinn, thug e treis ag amharc orm gun fhacal a radh, agus an sin fhreagair e:
“Tha sgeula beag an ceangal ris an àite so, a dhuine chòir, agus cha ’n eil uair a smaointicheas mi oirre nach cuir i mulad mor orm. Ma ’s e ur toil e innsidh mi dhuibh i.”
Air dhomhsa radh ris gu ’m bithinn ro-thoileach a’ cluinntinn, chaidh e air adhart:
Tha gle fhaisg air deich bliadhna fichead o’n thainig mi fhéin ’s mo bhràthair aon latha mach a dh’ iasgach air an amhuinn so. Bha an dùthaich an uair sin na b’ ùire na tha i ’n diugh, agus cha b’ annas sam bith mathan fhaicinn. Bha an latha gle choltach ris an latha ’n diugh, agus choisich sinn gu cridheil troimh ’n choille, na feòragan a’ ruith ’sa leum am measg nan geug os ar cinn, agus na coilich-thomain a drumaireachd air gach taobh dhinn. Bha esan ceithir bliadhn’ deug a dh’ aois, agus bha mise da bhliadhna na bu shine na e, agus bhitheamaid daonnan cuideachd.
Thòisich sinn air iasgach dlùth do ’n eas sin thall, agus ged nach robh sinn air ar n- uidhea[ ? ]nachadh le slatan ’s le dubhain cho grinn ’sa tha againn an so an diugh, chaidh againn air iomadh breac bòidheach a thoirt gu tir. Lean sinn romhainn sios an amhuinn a bogadh nan dubhan anns gach glumag a ruigeamaid. Bha mise beagan air thoiseach air mo bhràthair, agus aig aon àite bha mi ’n deigh mo dhubhan a leigeadh sios, ’nuair a thàinig esan as mo dheigh, agus gun a bhi ro fhaicilleach càite ’n cuireadh e ’chas, leag e cnap cloiche do’n uisge, a deanamh plub mor a chuir an teicheadh air na bric.
Chuir e seòrsa de chlisgeadh ormsa, agus dh’ fhaoighnich mi dheth gu crosta an robh de thùr aige na dheanadh air a shocair, gun a bhi starbraich air an dòigh ud. Bha esan cho cas na nàdur rium fhéin, agus fhreagair e mi mar a labhair mise ris-san, agus dh’ fhàs an connsachadh na bu teotha ’s na bu teotha, gus mu dheireadh an d’thug esan leis a shlat, ’s chaidh e sios an amhuinn leis fhéin.
Bha ’n fhearg ormsa, agus leig mi leis falbh, ach cha b’ fhada mhair i ’s mi leam fhéin ag eisdeachd gàirich an eas, agus an ùine gun bhi fada chuir mi romham a dhol sios ’ga iarraidh chum ’s gu ’n deanamaid réit.
Thainig mi gun dail gu lùb a th’ anns an amhuinn, agus beagan astair á sin tha ’n t-uisge air a dhùnadh a stigh eadar da bhalla chas creige a tha bho fhichead gu deich troighean fichead a dh’ àirde. Bha agam an so ri grunnachadh, mar a bha fhios agam a bh’ aig mo bhràthair ri dheanamh romham; ach o’n bha ’n t-uisge tana, bha sin soirbh gu leòr. Chuir mi uidhreachd air cho fior fhuar ’sa bha ’n t-uisge, ach ghreas mi orm, agus ged a bha ’n amhuinn gle dhireach fad cairteal mile romham, cha robh mi ’ga fhaicinn.
Bha mi nise air mo bhualadh le iomguin mhor d’ a thaobh; cha ’n eil teagamh nach e bu choireach ri sin, ann an tomhas co-dhiu, mi dhealachadh ris ann am feirg, agus gach ni a bhi cho sàmhach timchioll orm. Dh’ éibh mi air uair us uair, ach cha d’ fhuair mi guth air ais ach mac-talla nan creag ’g am fhreagairt, agus mar gu ’m b’ eadh a’ deanamh fanaid orm; agus mar a b’ àirde dh’éibhinn ’s ann bu mhotha ’m’ eagal.
(Ri leantuinn.)
Sean Fhacail.
Is leir do‘n dall a bheul.
Cha chuimhnich cù comain.
Bidh an iomchoir‘ ‘an lorg a ‘ chall.
Cha‘n fhaig a chroich dàn na mara.
Cha bhi each-iasaid a chaoidh sgìth.
Ceò a’ Gheamhraidh càth an Earraich.
Dithisd a chaidh fo rath ‘san t-saoghal.
Bean a ‘ feadaraich ‘s cearc a glaodhaich,
Cadal gun fhaireachadh cailleach an tàilleir.
Barail a‘ bhruic air a ladhran—barail bhochd.
A’ call nan scuab ‘sa’ truasadh nan siobhag.
Bidh bean-mhuinntir aig an fheannaig a‘s t-Fhoghar.
An uair a bhuaileas tu cù no balach buail gu math e.
Cha ‘n ann gun fhios car-son a ni ‘n croman fead.
Am fear a chumas a dhubhan fliuch gheibh e iasg uair-éigin.
An uair a‘s Ciadaoineach an t-Samhuinn is iargaineach fir an domhain.
Beathaich thusa mis‘ an diugh, is beathaichidh mise thus‘ am màireach.
[Vol . 5. No. 43. p. 2]
PIOBAIRE AN DIUC.
Bha ’n droch-thuiteamas ann—am fìor dhroch-thuiteamas, agus cho réidh ’s a bha pìobaire ’s gìomanach an Diùc; cha do choinnich iad riabh ’s a’ Chlachan gun deoch-eòlais a bhi aca; cha’n e sin, ach mar is dù do dhàimhich an uair a thachras iad— ’s bhìteadh ag cur ’an umhail do’n dithis so cho ro-thric ’s a thuiteadh dhaibh, le eòlas-chas, tachairt aig teintein dubh Beitidh Nic-Dhònuill ’s a’ Chlachan—cha b’ fhòghnadh leotha, mu’n dealaicheadh iad, gun chuairt no dhà òl, ’s eadh, “rud beag eile,” air son deagh choimhearsnachd. Agus leis gu’n robh fios gu math aig Beitidh gu’n robh Iain Camran am pìobaire, agus Dònull Tolm an gìomanach—na h-aoidhean a b’ fhearr do’n tigh de na thaghladh eadar dha cheann na bliadhna, ’s eadh, gu’n robh iad na’n sàr aithneadairean air mac-na-bracha, agus nach cuirteadh seachad iad le druaip no le iargainn, bheireadh i an t-seal-aire nach fhaigheadh iadsan co-dhiubh ach an stuth a b’ fhearr, agus na stuip—an cron a bhiodh orra, na’m biodh a leithid ann, gur h-e a’ ro-mhiad ’s a chumadh iad. ’S e thàinig, mar bu dù gu’n tigeadh, as a’ chompanas so ’s á co-chomunn an òil, gu’n robh gaol mar a dhearbh-bhràthair aig Iain pìobaire air Dònull, agus bu mhinig a dhearcnaich Dònull do dh’ Iain, ’s iad ’an guaillibh a chéile ’an ciaradh nan tràth, no mar bu trice ri solus na gealaiche, a’ tuisleachadh feadh a’ mhaim a’ dol dachaidh, nach robh gin dh’a ochdnar bhràithrean fhéin idir a chuireadh e ’n coimeas ris, aig ro-mhiad na spéise a bh’aige dhà, ’s e sin aig Dònull-gìomanach.
Breithnichibh fhéin, ma ta, an staid ’s an robh Beitidh, anmoch feasgar mìorath Foghair, an uair a thill i stigh as a bhàthaiche bho bhleoghunn Blàraig, ri faighinn an da ghoistidh so ’s collaid aca ag cruaidh-chònnsachadh—fear air gach taobh de’n bhòrd ’s an stòp air fhathast leth-fhalamh, agus na cuachan, agus an gnùis fhearail, chalma, air thuar is gann a léughteadh air sheòl sa bith ciùine ann! Agus sin ’an làthair aithnichinn, uasal lòineagach, grìsionn, a bha Beitidh ’an dùil gu’m bu leth-chiallach e, a chionn e ’bhi bho chionn thrì seachdainean roimhe sin, a’ plàsdadh dath air àirce de sheann chainbe, ’s e, ’s drochuair, ag radh Beinn-sluaigh ris, ach a dh’ aindeoin sin, fear a bha i ’n ion a bhi sìbhealta, modhail dha, leis cho math ’s a bha e ’pàidheadh air an t-seomar-mhòr. Bha ’n t-uasal so gu soistinneach na ’shuidhe na ’chathair ’s còrn de dheoch-thùngta air a bhialthaobh, ’s e air bheag umhail de’n chònnsachadh, agus smùid gharbh aige air cutaig de phìob-thombaca agus dreamadh na ’aodunn leatha, mar a thug Beitidh fonear le dorran, an uair a chaidh i suas a’ figheadh a stocaidh, ’s iomagain oirre a bhi ’cluinntinn a’ chònnsachaidh a’ dol ’an labhrad. Cleas nam ban uile dh’ oilltich Beitidh romh ’n Chònnsachadh. ’S a’ Chlachan b’e ’n cònnsachadh mar bu trice, toiseach na tuasaid. ’S e beachd air an robh i mu ’dheighinn nach bu chòir a bhi ann ach réidh-cho-sheanchus; ach cha chuireadh i ’n aghaidh tionndadh a thoirt da fo chaochla neòil (mar a theireadh an dealbhadair mu Bheinn-sluaigh), ach sin gun atharrachadh baralach, agus ’fhàgail meinneil, leis a’ chuis a leigeil an drasta ’s a rithist gu radh a’ bhotuil—cha droch-cordadh e idir rithe sgiala math ’innseadh dà uair. Ach ’an so Iain ’us Dònull, a’ sealltainn gu fiadhaich, gruamach, air a chéile; agus Iain, nach fuilgeadh urad na ròinneig a thighinn na ’aghaidh, a’ bualadh a spràille dhuirn air a’ bhòrd le gleadhar a bha ’cur an stuip ’s nan cuach a dhannsadh.
“Tha thu air chul do sgeòil, a Dhònuill, bho’n is éudar dhomh cur ad aghaidh—bha e bruich.”
An gìomanach, ’s ann ris a chas Iain mar so, cha d’ rinn e ach crathadh beag a null ’s a nall a thoirt air a cheann maol, agus le snodha-gàire fir a b’ fhearr fios—rud a chuir bradhadair ri feirg Iain, thuirt e air a mhìnathais— “U, ’Iain, cha robh e bruich, cha’n ’eileas ga ’bhruich idir.”
“Ge tà thàthas ga ’bhruich, agus daonnan ga ’bhruich, agus, ga ’bhruich ’am bainne-blàth cuideachd. —Cha’n ionnan mise ’s cuid de fheadhainn, le’r cead-se, ’dhuin’ -uasail,” os am piobaire ’s e ’tionndadh ris an fhear a bha ’s a chathair-dà-làimhe, a leigeil na cuise ’na ’mhèinn “cha’n ionann mise ’s cuid de dh’ fheadhainn a bhios ag cur sgeilm dhiubh mu ghnothuichean, ’s ro-bheag de dh’ fhios aca air ni mu’n deighinn.”
“Ach codhiu ’chaidh an t-oil-cake a bhruich dha no nach deach,” os an dealbh adair, “tha ’n tarbh na bheathach cho àluinn ’s a chunnaic mi bho’n a thainig mi do ’n Ghaidhealtachd, ged nach robh mi diombach, an uair a bha mi ’tarainn a dhealbh, an t-allt agus bruach mhath chas a bhi eadarainn.”
“Nis ’Iain, tha thu fiachainn ri brath a ghabhail air aineolas an duin’ -uasail, gu’m beil, Iain, agus cha b’ àbhaist dut a bhi mar sin. Is fìor-mhì-chiatach an gnothuch e an Sasunnach so a dh’ fhàgail na duthcha ’s a’ bheachd sin; bidh e ’m barail nach ’eil ’s na Gàidhil ach daoine-fiadhaich, a bhi ’togail ar cuid tharbh air oil-cake bruich mar gu’m biodh ar tairbh òga ’am freasdal oil-cake ’s deagh fhiar gorm gu’n cluasan aca ’s gu leòir dheth; cha’n e sin ach ged a bhitheadh iad na ’eisimeil, ciamar a ruigeadh iad a leas a bhruich dhaibh ’s fiaclan aca phronnadh na clachan na’n tigeadh e mu’n coinneamh. B’e ’chulaidh-àbhachd e, ma chualas riabh e, a bhi ga d’ chluinntinn a’ bruidhinn air oil-cake bruich, ’Iain Chamrain.”
“Tha mi ’g innseadh dhut gu’m beil thu air chul do sgeòil,” os am pìobaire gu catharra ris, “agus nach ’eil agad ach cainnt-burraidh, a Dhònuill Thuilm—ach, o, le’r cead, os esan ’s e rithist a’ leigeil na cuise gu breth an dealbhadair, “dé an t-eòlas mòr a th’ aig gìomanaich air àrach tharbh òga; dh’ aithngheadh iad coileach-ruadh seach cearc-thomain air fasbhuain ged a bhiodh an oidhche ann, ach iad a thighinn mu’n casan, tha mi ’g aideach’, ’s e ’toirt tionndaidh dh’a ghuth ionann ’s a chiallachadh gu’m b’e sin uile e; ach àrach tharbh cha’n ann dhe’n cèaird e; cha’n e sin ach duine nach d’ fhàg a dhuthaich fhéin, eadar a bhreth ’s a bhàs, ’dol a thoirt seòlaidh do dhuine ’bha ceithir thimchioll an t-saoghail, agus sin ’an cois an Diuc— ’dol a dh’ innseadh dhàsan mu dhaoine-fiadhaich—”
“Tha mi ’g aideach,” osa Dònull, ’s e ri suaipe le làimh, ag ’cur stad air a sheanchus, ’s e ’n deaghaidh cuach a lìonadh ’us òl ’fhad ’s a bha Iain ag cur dheth, “tha mi ’g aideach nach ’eil pìobaire ’s an t-siorrachd, no ’s a’ Ghàidhealtachd, ge mor am facal e, cho math riut, ’Iain Chamrain, agus chuala mi an Diuc fhéin ga radh, is iomad uair sin, agus bha pròis orm air a shon, agus tha dochas agam gu’n toir thu port do’n duin’ -uasal so agus dhomh fhein mu’n dealaich sinn a nochd; ach cha’n urrainn dhomh ’aideach gur tu ’s eòlaiche air àrach tharbh. Agus faodaidh tu fhein farraid mu’n chùis de Alastair Mac-an-t- Saoir sgalag an Diùc, bha e ’s a’ bhàthaiche an uair a rugadh an tarbh, agus innsidh—”
“Am fear-mor port no port a gheibh sibh bhuamsa nochd, ’s tu cho daobh rs taghan, a Dhònuill Thuilm, agus bha riabh; agus air son Alastair Mhic-an-t- Saoir, sgalag an Diùc, am bheil duine eadar dà chrioch na dùthcha aig nach ’eil fhios nach ’eil ann ach an t-ùmpaidh aineolach, briagach.”
Thug an dithis dhaoine, ’an so, glideachadh air an an ais air na cathraichean aca, agus sheall iad an aodunn a chéile ’s cha b’ ann idir le faoilte. Bha Iain piobaire na ’Ghaidheal sìnteach àrd air a’ chnàimh, gun mhòrnaich feòla—a shùil beò na’n seasamh na ’cheann—a bhathais leacach, cas, iosal, ’s i air a tubhadh le tom fuilt cho donn ris an fhraoch; bha e moran na bu chorruigeanta na ’ghoistidh an gìomanach—fear a bha corran a ghruadhach, ’s a bhial mor, goilleach, ’s a leac a dh’àraich giùthasach fiasaig, a réir coltais, air chost claban a chinn a bha cho lom ri ’bhois, ’s eadh, a bha ’fiachainn fuil Ghallta bhi ’n cuidiginn bho ’n do thàrmaich e, ged a bha agalladh a chainnte, agus deisead a Ghàidhlig, a’ nochdadh gur h-ann ’s an Airde-niar a bhuaineadh e. Na ’shuain-chadail fo chathair a’ phiobaire bha Fionn a chù chaorach, ’s e ach beag cho catharra ri ’mhaighistir; agus air a bhlian thall an oisinn làmh ri gunna ’ghiomanaich, bha Jet cù-ianaich còir Dhònuill. An uair ràinig an cònnsachadh an ìre so, chuir Beitidh le seorsa de bhalla-chrith bhuaipe an stocaidh, agus theann i stigh dh’ fhiach an cuireadh i sith orra. Fhuair i am piobaire air a bhonnaibh air an ùrlar ’s a phiob na ’achlais, ’s e ’s a’ chrogairt ’s an dorcha a’ siubhal a bhoineid agus tuar fior dhroch
[Vol . 5. No. 43. p. 3]
ghean air.
“Gabhaidh sibh aon chuach eile bhuam fhein, a Mhr Camran, mu’m falbh sibh ’s an oidhche cho fuar,” osa Beitidh.
“Is fior phuinnsein uisge-bheatha a fhuair sinn bhuaibh a nochd, a Mhrs MacDonald, bheireadh e ’fhoighidinn bho dhuine sa bith,” os am piobaire cho ascaoin ’s a b’ urrainn da.
“Gu dearbh, a Mhr Camran, cha’n ’eil sibh fada ’m mearachd,” osa Beitidh gu bith, ’s i ’n ti air gean a chur air an aoidh ge b’ann air chost ainm an tighe e, “agus tha mi glé thoilichte gu’n d’ thàinig sibh thairis air—b’ éudar dhomh stuth Ghlaschu a thairgse dhuibh a nochd. Na h-uaislean, an uair a bha ad ’s a’ bheinn-sheilg an dé, thug iad leotha ’s na searragan aca a h-uile diar a bh’ agam de Bheinn-Nibheis—cha d’ fhàg iad fiu a’ bhoinne agam. Ach bho’n nach ’eil comas air, a Mhr Camran, cha’n fhaod sibh a bhi cho diumbach dhiam ’s m’ fhàgail ’s an doigh sin.”
“Tha ’n t-uisge-beatha math gu leoir, ach a ghabhail le cridhe taingeil, a Mhrs MacDonald,” osa Dònull. “Ach tra a bhios duine ann air am bi pròis ’us moit a chionn cuairt a thoirt ’an cois urracha-mora—ni, le cead duibhse, a rinn abhac an Diuc; bidh e ’n duil, ma dh’ fhaoidte, nach aithnich duine ach e fhéin Na Tulaichean’ seach ‘Seann-triubhas.’ Stòp eile, ’bhean-an-taighe, Oidhche mhath dhut, ’Iain—sid air do bharrachd mèinars!”
Mu’n àm so fhuair Iain a bhoineid agus ràinig e an stairsneach, ach thionndaidh e stigh air a shàil a ràdh ’s e ’tomhadh a dhuirn ri Iain: “Tha thu cho aineolach ris a’ chu, a Dhònuill Thuilm, agus cha’n fhiach leam corrag a chur ort; ach iarraidh tu fhathast orm a’ phiob a thoirt leam oidhche do’n Chlachan, agus bidh Aonghus do mhac toileach mi ga ionnsachadh air a’ phiobaireachd, agus an uair a thig e bidh duil aige ri cuicheineachd fhaotainn de Pheigidh! Ach, a Dhònuill, a charaide, bidh tu beò ri ’fhaicinn nach b’ oidhche an àigh dhut a dh’ òl thu air mo bharrachd oilein-sa!”
Leis a’ bhrà-stròiceam so a chrun e le cith-foghair de spliunnsaig-dhulain a dheanamh ri sròin a’ ghiomanaich, choisich e cho uallach ’s bu choltach dha, ’s làn leth-bhodaich de uisge-beatha garg a bhi aige fo chrios—a mach as a’ Chlachan rathad a’ mhaim, dhachaidh; agus leis cho dalma ’s a bha e ’cur roimhe an fhearg a chumail, cha do ghabh e dha fhéin, ge bu déigheil air e, agus ge b’ ònrachdach an t-slighe, urad ’s “Fàilte-a’ -Phrionnsa,” air eagal ceòl na pioba ga ’tàladh air falbh. Agus bha Fionn a chu ag coiseachd fo ghruaman ri ’shàil.
Cha d’ fhuirich an giomanach ach goirid an deaghaidh a’ phiobaire; rinn e lachan beag gàire mar a bha esan a’ dol as an t-sealladh; agus ’an sin thosd e gu sàmhach, dòmh. ’An ceann greiseige, thuirt e ’s e ’g éirigh gu falbh: “Tha bhuam mo chòir de ’n lach a phàidheadh, a bhean-an-taighe.”
“Coma leibh sin a nochd, a chialain. Bidh sibh a bhos a màireach no ’n earrar, agus còrdaidh sinn.”
“Togaibh an t-airgiod,” os an Tolmach gu dalma, “iarraidh e mathanas ormsa mu’n òl mi boinne tuille na ’chuideachd.”
“Tha ‘n gnothach gu h-olc,” osa Beitidh thruagh, ’s i ’sileadh nan diar a’ sineadh a’ mhùthaidh dha.
Feasgar an latha sin fhéin bha Peigidh níghean a’ phiobaire ag obair gu sùrdail ’s an tigh-bhainne. Bha aitreamh a’ phiobaire gu geal leis fhéin ’am bun a’ Ghlinne, a mach ’s a stigh mu leth-mhile bho’n Ionbhar. An gràinne chaorach a bh’ air feadh a’ ghlinne, agus I. C. air a thearradh air an cliathaichean ceigeach, bu leis a’ phiobaire iad. Bu leis cuideachd an crodh a bha ri àin an latha a’ fionnarachadh an cas ’s an allt-mhòintich a bha ’ruith do’n loch romh mheadhoin a’ ghlinne seach fearann ’us treabhair a’ phiobaire. Bha e gu soimeach air a chothrom, agus cleas feadhnach a tha ’fhios aca fhéin tuilleadh airgid a bhi air chul an làimhe na ’th’ aig an coimhearsnaich, bha e ’n duil gu’n robh còir aige air fearas-mhòr a bhi ann na ’uaireannan. An fheadhainn dh’ am b’ aithne am piobaire bha ’fhios aca, co sa bith air am biodh a shealbh còir bho’n chéir fhaighinn air an aon nighinn aige, Peigidh, nach ann falamh a gheabhadh e i. Agus bha e soilleir nach bu rud gun fhios ciod e a bhiodh ’s an tochradh, leis mar a thòisich muinntir an Ionbhair air cunntadh-chorrag a dheanamh air a liuthad tobar a bha ’cur a stigh do’n phiobaire. ’S a’ chiad dol-amach nach robh am fearann ann: ’s e bàrr a’ phiobaire a bu luath-thorraiche agus a bu truime ’s an duthaich; bha mhuilt-fheoil daonnan sultmhor, agus cha robh am piobaire gun deagh-fhios aige cuine agus càite an reiceadh e. Agus cha robh uile air oighreachd an Diuc nèapan a b’ fhearr cinneachadh. Agus co am bainne a chuirteadh ’an coimeas ri bainne ciodh a’ phiobaire; agus air son im a’ phiobaire dheth—air a mhaistreadh le lamhan grinne-glana a Pheigidh fhéin, dé ’th’ air ach nach fhaìghteadh, air ghaol no air airgiod, anns a’ sgireachd no aisde, im a b’ fhearr. A thuilleadh air sin, nach robh tigh a’ phiobaire air àilein deisearrach, os cionn an loch air an dalla taobh, agus air an taobh eile fradharc aige air a’ ghleann, ’s gun e ach uidhe chrion bhò’n t-sealladh-fhuinn ’bu chiataiche, bho thaghadh ’s rogha na seilge, agus bho’n iasgach a b’ fhearr ’s an Airde-niar— ’s e ’bh’ air dheth, cha robh fios dé a bha e ’tilgeil dha ’s a’ mhios. Air a shuidheachadh ri “uaislean” gach Earrach, ’ns Samhradh, ’us Foghar— ’d eile ’bh’ ann ach fear de na gocan sin a bha ’sputadh òir ’am pòcaid a’ phiobaire.
A chuid bu mho de’n bhliadhna bhiodh daoine-mòra air aoidheachd air an Diuc ’an caisteal an Ionbhair; agus b’i obair a’ phiobaire, agus a thoilinntinn, a bhi dà uair an uaireadair, a h-uile latha, (ach Di-dònaich agus bhiodh e ’doichioll an Dònaich) a’ spaidsearachd air ais ’s air aghart ’an talla-mor a’ chaisteil, ’fhad ’s a bhiodh an Diuc ’s na h-uaislean aig an dinneir, ’s a phiob a’ rusgadh ciuil a ghiarachadh caile ’s a dhileadh lòin; agus cha bhiodh ach spiocaire no fear gun oidheim ’s an fhear nach cuireadh gu h-eireachdail rud a dh’ fhairgheadh e—peighinn-phisich, ’an làimh a’ phiobaire. Bha gaol a chridhe aige air an airgiod, agus cha bu duine e air an robh a’ choltas airgiod a ruith romh chorragan ach e dh’ fhaighinn aon uair greim air, ’s cha mho ’bha fear ’s an Ionbhar aig an robh a’ leithid de chothrom air a stòras a chur ’am miad. Ach gaolach ’s g’an robh e mu’n airgiod, gaolach ’s g’an robh e mu ’chuid chaorach, ’us chruidh, ’us each, ’s mu dhram, ’s mu’n phiob, b’i Peigidh, a’ mhuirneag ghaolach, a nighean, aon ionmhas a chridhe. Dh’ fhaoidte nach robh buaidh na fìnealtachd air, ach ’an ceilt fo shlige chruaidh an duine, bha cridhe blath a’ Ghàidheil ’s a’ phlosgail le tlàth ’s ’us caoimhneas dise.
Mar a thuirt sinn, bha Peigidh na ’seasamh air leacan grinne-glana an tighe-bhainne ’s i ’g obair gu sùrdail. A measraichean sgùrte bainne fo stràc de smear an uachdair air fraidhean ceithir thimchioll a’ bhalla. Bha ’n tigh-bainne fionnuar, duatharach, ’s fàileadh ùror a’ bhainne ’s nan luibhean a bha ’stréupadh ris an uinneig, ag co-thlamadh ’an ceann a chéile gu cùbhraidh, caoin. Eadar thu ’s lias romh na luibhean chitheadh tu bho’n uinneig cian le leathad, sealladh de’n loch, de’n spéur liath-ghorm, agus, fada thall na beanntan fo thrusgan fraoich. Bha’n dorus fosgailte, agus deò-ghréine an fheasgair sin cha d’ éirich air cruth a bu taitniche na ’chruinneag aobhach, chuimir, Ghaidhealach, ’s a muilchinnean ’an trusadh mu ’gàirdein, prìne na ’gùn air a chùlthaobh, agus sùrd aice air pullagan ciatach ime a chumadh le càdhmus, agus gach pullag mar a chumadh i, ga ’leigeil, le tionndadh deiseal, ealanta, a làimhe, ann an currusan de dh’ uisge an fhuarain, a bha na ’sheasamh làmh rithe. Bha luinneag bhinn òrain aice ga ’gabhail—seann fhonn tiamhaidh, Gaidhealach, ’s gun de luchd éisdeachd no ’chuideachdas aice ach Diàna ’s i na ’surram-suaine ga ’grianadh fhéin air an stairsnich. A’ chlisgeadh thug Diàna togail air a ceann ’s air a cluasan, agus rinn i comhart; dh’ fhairich i tartar ’s léumar i sìos am frith-rathad; agus chuala Peigidh ’s i air sgur de’n chrònan, guth a’s math a dh’ aithnich i, ag radh: “Laidhe, Diàna; laidhe—nach dian thu laidhe!” Chum an rìbhinn air a h-obair, agus dh’ fhaoidte laiseadh beag rughaidh na gruaidhean a’ brùchdadh romh losgadh an latha, ri cluinntinn di aig dorus an tighe-fhuine, “A Pheigidh!” agus fear a’ tionndadh a cheum thun dorus an tighe-bhainne.
“O, ’Aonghuis, an tusa ’th’ ann!” osa
(Air a leantuinn air taobh, 334.)
[Vol . 5. No. 43. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ‘Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, MAIGH 1, 1897.
Tha eagal oirnn nach eil na Greugaich a’ dol a thoirt buaidh air na Turcaich idir; ’s ann a tha e gle choltach gu ’n toir na Turcaich buaidh orra-san. Chaidh a’ chuid bu mhotha de na blàir leis na Turcaich, agus tha iad a lion beagan us beagan a toirt air na Greugaich tuiteam air an ais. A reir mar a tha iad a’ deanamh an dràsda cha bhi ’n ùine fada gus am bi iad air an ruagadh gu Athens, ceana-bhaile na rioghachd, ach ’se ’s docha nach leig na rioghachdan mora leis na Turcaich sin a dheanamh. Tha sluagh Athens a’ cur na coire gu h-iomlan air an righ; tha iad a deanamh a mach nach robh ceannardan an airm air an taghadh air son an eòlais air cleasachd airm, no air son an treubhantais, ach a chionn gu robh iad ’nan càirdean do’n righ. Tha e soilleir gu leòr nach robh cùisean an airm Ghreugaich mar bu chòir dhaibh a bhi, agus tha ’n righ air a choireachadh leis an t-sluagh; agus tha e cunnartach gu’n éirich ceannairc na aghaidh. ’S i bharail chumanta nach mair an cogadh ach beagan lathaichean na’s fhaide, oir cha’n eil a Ghréig comasach, anns an t-suidheachadh ’sam bheil i ’n dràsda, air a chumail air adhart.
A sheachdain gus a bhòn-de bha ’n tariff ùr air a cur air beulaobh na pàrlamaid leis an Onarach Mr. Fielding, agus thainig e air ball gu bhi na lagh anns gach cearna de’n dùthaich. Cha robh atharraichean mora sam bith air an deanamh—bha chis air a h-isleachadh air cuid de nithean agus air a h-àrdachadh air nithean eile. Bha cis an fhlùir air a h-isleachadh bho 75c am barailte gu 60c; tha a’ chis air a mhin-bhuidhe 15c na’s isle; agus tha i air a toirt bhar a’ chorn gu buileach; bha cis na’s àirde air a chur air tombaca ’s air deoch-làidir; tha sent am punnd air an ti chumanta, agus da shent air an ti a’s fhearr; tha cis an t-siùcair rud beag na ’s isle na bha i. Tha ’n aon chis air a ghual ’sa bha air roimhe, ach ma dh’ islicheas na Stàitean cis a’ ghuail, nithear sin an Canada mar an ceudna. Tha ’n tariff mar an ceudna a’ rùnachadh bathar a thig á Breatunn a leigeil a stigh air cis a bhios an ochdamh cuid na’s lugha na a’chis a bhios air bathar a thig á dùthchannan eile; agus an deigh a cheud latha de dh’ Iulaidh air an ath bhliadhna, bìdh i an ceathramh cuid na’s isle. Mar sin, far am bi dolair de chis ri phaigheadh air bathar a thig as na Stàitean no á dùthaich cháin eile, cha bhi ach tri-chairteil dolair ri phàigheadh air bathar a thig á Breatunn. Bheir so cothrom do Bhreatunn a thaobh Chanada nach bi aig dùthaich sam bith eile, agus tha dòchas aig an Riaghladh gu ’m bi barrachd malairt a dol air adhart eadar Canada ’s an t-seann dùthaich ’sa bh’ eatorra riamh roimhe. Dh’ fhaoidte gu ’n toir sinn cùnntas na’s mionaidiche air an tariff aig àm eile, ach tha na h-atharraichean bu mhotha rinneadh air an ainmeachadh an so.
Leis cho tuaireapach ’sa bha cùisean eadar a’ Ghréig ’s an Tuirc, o chionn da sheachdain air ais, cha robh daoine toirt moran aire do na bha ’dol air adhart ann an Cuba; ach tha e coltach nach robh ceannaircich an eilein sin idir ’nan tàmh, ach gu robh iad gu dichiollach ag obair, agus tha sinn a’ cluinntinn gu bheil greim na Spainne air an eilean a sior dhol na ’s laige. A dh’ aindeoin na h-ùine tha iad a’ tarruing, tha dòchas laidir aig moran gu’n tig air an Spàin an t-eilean fhàgail.
“Gug-ùg,” arsa chuthag, latha buidhe Bealltuinn. ’S e ’n diugh Latha Bealltuinn, agus ’s iomadh aon nach smaoinich air gus am bi e seachad. Anns an duthaich so tha chuid mhor cho aineolach air Latha Bealltuinn ’sa tha iad air a’ chuthaig.
Aobhair Cogaidh.
Mu ’n àm a bha na Stàitean ’g an ùr-àiteach leis na daoine geala, bhrist cogadh a mach eadar da thrèibh Innseanach, agus ’s e leumadair-feòir bu cheann-aobhair dha. Rug gille de dh’ aon treubh air leumadair, agus bha gille de ’n treubh eile air son fhaotainn dha fhéin; mar sin thòisich an tuasaid eadar na gillean, agus m’a dheireadh thainig an da threubh a mach an aghaidh a chéile, ’s mar a b’ àbhaist, rinn iad sgrios uamhasach mu ’n do sguir iad. Theirte “Cogadh an leumadair” ris a’ chogadh so.
Thòisich cogadh eadar an Fhraing us Sasuinn uair air son ni a cheart cho faoin. Thainig soitheach Sasunnach agus soitheach Frangach aig an aon àm gu Bayonne ag iarraidh uisge; agus cha ’n fhoghnadh ach blàr a chur feuch co aca gheibheadh an t-uisge ’n toiseach. Air son sin chaidh an da dhùthaich d’ am buineadh iad a chogadh, agus bu chogadh searbh e; mu ’n do sguir iad, bha mu leth cheud mile duine air am marbhadh air gach taobh.
Bha taghadh fir-pàrlamaid ann an da shiorrachd am Manitoba Di-màirt s’a chaidh, agus ann an siorrachd a’ Phrionnsa, E. P. I. Fhuair na liberals a stigh anns na tri àiteachan.
STOR UR TAILLEARACHD.
Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.
Theid sinn an urras air an obair,
MacCoinnich & Co.
Sidni, C. B.
F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn.
Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.
Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air.
Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.
Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c , &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.
THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin.
Tha Factoridh Eureka air aon de ’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.
Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.
Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitche’s Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh, Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.
[Vol . 5. No. 43. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Tha an soitheach-smùide Harlaw air tòiseachadh aìr a cuairtean àbhaisteach eadar Halifax us Newfoundland.
Chaidh sianar dhaoine a mharbhadh ann an Rossland, B. C., o chionn ghoirid le meall de chreig ’s de dh’ ùir a thuit orra, ’s iad ’nan cadal ann an campa air taobh beinne.
Bhrist teine mach air laimhrig ann an Newport, Virginia, Di-màirt s’a chaidh, agus loisgeadh soithichean a bha ’n ceangal rithe, agus moran bathair. Tha ’n call air a mheas aig da mhuillein dolair.
Ann an rathad curachd thatar ag radh gur fhad o nach robh earrach cho tràth ann an Ceap Breatunn ris an earrach so. Tha na tuathanaich ag obair air deanamh an talmhainn deiseil, agus cha ’n fhada gus an tòisich iad air cur an t-sil.
Tha fear Aonghas Caimbeul a’ fuireach air taobh siar na h-Aimhne Meadhonaich, a tha ceud bliadhna ’sa tri a dh’ aois, agus thug e seachad a bhòt cho math ris na daoin’ òga. Tha cuid dhe ’n bharail gur h-e fear-bhòtaidh a’s sine th’ anns a’ mhor-roinn.
Thainig nighean d’ am b’ ainm Mabel Clements ri beatha fhéin ann a’ Halifax oidhche Di-satharna s’a chaidh, le i-fhein a thilgeadh thar laimhrig do ’n acarsaid far ’n do bhàthadh i. Thatar ag radh gur h-e thug oirre sin a dheanamh gille ris an robh i deanamh suas ’ga fàgail.
Chaochail nighean d’ am b’ ainm Emma Mhàrtuinn anns an ospidal am Boston o chionn ghoirid, agus dh’ fhairtlich orra fhaotainn a mach càite ’m bheil a càirdean a’ fuireach. Bhuineadh i do dh’ àit-eigin an Nobha Scotia, agus bha i mu sheachd bliadhna fichead a dh’ aois.
Tha e coltach gu bheil an deigh mhor air a fuadach air falbh bho Cheap Breatunn gu buileach. Bha i ri faicinn á caochladh chearnan de ’n eilean toiseach na seachdain, ach na fiosan mu dheireadh a thainig, cha robh iomradh oirre; tha dòchas a nise gu fan i air falbh ’s gu leig e leis an t-samhradh tigh’nn ugainn.
Chaidh fear Domhnull Domhnullach, a mhuinntir Chanso, N. S., a bhàthadh ann an acarsaid Ghloucester, Mass., oidhche Dior-daain, air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e ’g obair air soitheach-iasgaich a bh’ aig an laimhrig, agus fhuaireadh a chorp anns an uisge ’sa mhaduinn. Thatar a’ deanamh a mach gur e tuiteam a rinn e ’s e dol air bòrd. Bha e mu cheithir bliadhna fichead a dh’ aois.
Thainig soitheach a stigh do New York Di-luain s’a chaidh air a turus á Brasil, an ceann a deas America, agus bha aice air bòrd àireamh de luchd-imrich a dh’ fhalbh á Canada air an t-samhraidh s’a chaidh, ’sa tha nise tigh’nn dhachaidh. Is Frangaich a mhuinntir Chuibeic iad, agus chaidh iad do Bhrasil an dùil gu ’m biodh am fortan deante na ’m faigheadh iad ann; ach bha iad gu mor air am mealladh. Thugadh dhachaidh iad air cosdas an Riaghlaidh ’s iad fhéin gun sgillin ris an t-saoghal aca.
Chaidh soitheach iasgaich Frangach a bhristeadh air meall deighe mach air na bancaichean air an 16mh latha de ’n mhios a dh’ fhalbh. Bha tri fichead ’sa tri deug air bòrd, agus thug iad na bàtaichean orra, ach uige so, cha d’ fhuaireadh sgeul ach air luchd aon bhàta, agus cha ’n eil beò dhiubh sin ach a ceathrar, Bha iad sin anns a bhàta da latha dheug mu ’n deach an togail le soitheach; bha iad uile air a dhol as an rian, cho mor ’s gu robh iad an deigh feòil fear de ’n companaich itheadh. Cha’n eil fhios co-dhiu bhios iad beo no nach bi.
Tha dùil ri deich muillein buiseal de chrithneachd a chur a null do ’n t-seann dùthaich am bliadhna troimh phort Mhontreal. Bidh an gràn air a ghiùlan air soithichean-smùidhe.
Tha càraid ann am Maitland, N. S., Seumas Caimbeul agus a’ bhean, a tha pòsda o chionn tri fichead bliadhna ’sa tri. Phos iad ’sa bhliadhna 1834, agus tha iad le chéile dlùth air ceithir fichead bliadhna ’sa deich a dh’ aois.
Tha cuid a’ deanamh a mach nach bi Bram air a chrochadh idir, ged a fhuaireadh ciontach e, ’s ged a chaidh a dhiteadh gu bàs. ’S neònach an lagh a th’ aca ’sna Stàitean ma leigear a bheatha le leithid sid de dhuine, an deigh a chiont a dhearbhadh cho soilleir.
Chaidh Frank Butler, am fear a chaidh a ghlacadh air bòrd soithich ann an San Francisco toiseach Februaraidh, air amhrus gu’m bu mhurtair e, a thoirt air ais do dh’ Astralia, agus tha e nise seasamh cùrtach ann an Sidni, N. S. W. Tha àireamh mhurt air an cur as a leth.
Tha Eilean Phòil o chionn choig miosan air a dhunadh a mach o’n chuid eile dhe ’n t-saoghal. Ann an Desember bhrist an càball eadar e ’s tir-mor, air chor ’s nach robh dòigh air fios telegraph a chur as no ann. Agus bha ’n deigh mhor cho dlùth timchioll air ’s nach faigheadh soitheach no bàta ’na chòir.
Chaidh caileag bheag, aois cheithir bliadhna a mharbhadh le aon de na carbadan electric ann an St. John, N. B., a sheachdain gus a bhòn-dé Chaidh an carbad thairis oirre, agus riabadh i air dòigh eagallach. Bha a màthair ’g a h-amharc ’nuair a chaidh marbhadh, agus tha i uaithe sin air a dhol as a rian.
Thaghail an t-Urr. Domhnull Mac Leoid, M. A., a stigh againn Di-ciaduin, ’se air a thurus do na Narrows Bheaga far am bheil e gu bhi ’searmonachadh fad a mhios so. Bha e ann an Grand River air a mhios Mhàrt, agus ann an Louisburg an April. Thainig e mach á Leòdhas o chionn cheithir bliadhna, agus bha e chuid mhor dhe ’n uine uaithe sin ann am Manitoba.
Tha na bàtaichean-aiseig a nise ruith eadar Sidni us Sidni Tuath mar a b’ àbhaist daibh. Thòisich iad air ruith mu mheadhon na seachdain. Tha, mar an ceudna, soithichean-smùide air tigh’nn a dh’ iarraidh guail ’s cuid diubh air falbh le luchd. ’N uair a chluinnear fideagan nam bàtaichean, cha ’n urrainn neach gun a thuigsinn gu bheil an geamhradh seachad, ge b’e de cho fad as ’sa tha ’n samhradh.
Tha moran Ghreugach a fuireach ann an America, agus tha àireamh mhor dhiubh ag ullachadh air son a dhol dhachaidh a chogadh ris na Turcaich. Tha grunnan math a fàgail Montreal an ùine gun bhi fada. Bhatar a’ meas gu robh mach ’sa stigh mu mhile dhiubh a’ gabhail an aiseig o’n taobh so dhe ’n chuan air an t-seachdain so.
O chionn da sheachdain air ais, mhort fear Kelly cléireach a bh’ ann am banca an Great Falls, New Hampshire, agus an sin ghoid e da mhile ’s còig ceud dolair de dh’ airgead. Theich e do Chanada, ach an ceann beagan ùine bha na maoir air a thòir, agus chaidh a ghlacadh ann am Montreal, far am bheil e nise fo ghlais. Tha e doirbh do fhear-deanamh an uile, air an latha ’n diugh, e-fhéin fhalach far nach beir lagh us ceartas air.
BAS.
Aig Stirling, an siorrachd Richmond, air an 21mh latha de dh’ April, Iain Mac Dhiarmaid, tri fichead bliadhna ’sa naodh a dh’ aois, a fàgail bantrach, dithis mhac, us triùir nighean a chaoidh céile agus athair gràdhach. Chaochail a mhac bu shine ann an Stockton, California, o chionn da mhios.
C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
THA D. J. Domhnullach air son rùm a dheanamh do bhathar an earraich, agus tha e ’creic na th’ aige de bhathar geamhraidh gle shaor. Reicidh e ni sam bith a tha ’san stor, ach a mhain brogan, 20 p. c. na’s isle na bha iad roimhe so. Rud air am pàigheadh tu $1 .00 roimhe so, cha chosg e dhut an drasda ach 80c. Cha mhair so ach mios. Thig trath agus faigh bargan.
NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B,
Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail thoirt dha.
[Vol . 5. No. 43. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 331.)
Peigidh le clisgeadh, na’m b’ fhior i, “shaoil leam gu’n d’ thuirt thu ’n dé gu’n robh a’ Bhìrlinn a’ dol gu Rugha-nan-caorach ’an coinnimh uaislean?”
“Dh’ atharraich an Diuc beachd, no fhuair e fios-dealain no rudiginn. Ach nach ’eil thu toilichte m’ fhaicinn—cha dian thu urad ’s crathadh-làmh ri duine?”
“Tha mi sin glé thoilichte d’ fhaicinn, ’Aonghhis, agus ’s math ’tha ’fhios agad gu ’m beil, ach tha mo lamhan fliuch leis an uisge ’s leis an im, ’s gabhaidh tu mo leisgeul.”
“B’i ’n fhàilt fhuar i, gu dearbh, ga ’cur air duine, gun urad ’s crathadh-làmh a dheanamh ris,” os Aonghus; ach glacar e misneach le miogshuil Peigidh ’s leis an leagadh ’s an robh a gruaidh ris, agus thuirt e: “dh’ fhaoidte gur sid a bha dhith ort,” agus thugar gu fearail té bhuaipe.
“O, ’Aonghais Dhònuill, tra a dheanadh tu fhéin a leithid ’s tu ’faicinn gu’n robh mo lamhan ’an greim nàistinneach, agus nach b’ urrainn domh deanamh air mo shon fhein!”
“Ma ’s ann mar sin a tha,” os Aonghus, “thoir dhomh air ais i,” ’s bha sid aige mu’n d’ fhairich Peigidh thall no bhos e.
“O, ’s tù e! ’s olc is fhiach thu an deoch de’n bhainne-bhlàth so a tha mi ’dol a thoirt dut.”
Thiormaich Peigidh a lamhan na ’h-aparan glan fhéin ’s thionndaidh i ’lionadh cuirn á té de na measraichean.
“Ma ta, ’Pheigidh, cha’n ’eil ’fhios nach ’eil tuilleadh ann ’s a tha mi ’toilltinn,” os Aonghus ’s e ’breith air a’ chòrn as a làimh, ’s ga ’chur ri ’cheann, “ach, sid air do dheagh shlàinte, a Pheigidh!
“Gu dearbh tha mi ’làn-chreidsinn gu ’m b’ fhearr leat na ’uisge-beatha e,” os an nighean ’s Aonghus ga ’òl. Ach thug Aonghus a bhriathran gu ’n robh i ’togail alla air.
“Nise, a Pheigidh, cuir ort d’ ad, agus tiugainn leam,” os Aonghus tra a dh’ òl e a dheoch.
“Leat! ’Aonghuis, an ann a riribh a tha thu? nach ann a dh’ fhaighinn leasain air’ a’ phiob a thàinig thu? Ach cha ’n eil Daid aig an tigh an diugh—chaidh e null rathad a’ Chlachain còmhla ri d’ athair—bidh e gle dhuilich nach fhac e thu?”
“Tha toil tur agam thu ’dhol leam thun na tràghad, a Pheigidh, tha mi ’dol a dh’ fhiachainn rudiginn dut, agus cha ghabh mi ’n diùlt.”
“A dh’ fhiachainn—rudiginn—domh—Aonghuis! ach bhiodh Daid diùmbach dhiam na’n tigeadh e dhachaidh ’s mi bho’n tigh, ’s fhaighinn a mach mi ’bhi ’gloidhcealachd leatsa air an tràigh.”
“Gabhaidh mis’ an urruinn ri sin, a Pheigidh Chamran.”
“Teann ma ta, tha ’m maistreadh deas agus faodaidh mi an t-aran fhuineadh an uair a thilleas mi, ach” —theann i ri teabartaich.
“Ach so,” os Aonghus, agus togar leis an currusan ’s an robh an t-ìm do’n tigh-fhuine, ’s lean Peigidh e. “Nise cuir ort d’ ad agus tiugainn.”
Fhad ’s a bha Peigidh a’ toirt làimhe-sgioblachaidh oirre fhéin, ghlais Aonghus dorus an tigh’ -bhainne, ’s chroch e ’n iuchair air tarraing ’s an tigh-fhuine. Dh’ fhag iad Seònaid aig an tigh a chualach a’ chruidh agus g’am bleoghann; agus thog an dithis orra gu h-aotrom, sùnntach air cheann an turuis.
Bha iad na’n càraid mhuirneach, thlachdmhor, agus sheas Seònaid, ’s cha robh i fhéin ro mhì-chiatach, sheas i greis air an stairsnich a ghabhail beachd orra, ’s theagamh cìocras-fadail oirre mu Chalum—mar a choisich iad sìos am frith-rathad a bha ’g iathadh mu’n lòn, thun na drochaid aig a’ chachleith,agus bho sin tarsainn an t-achadh a dh’ ionnsuidh an loch.
Bha miadachd mhath àirde ’am Peigidh agus i cuimir, dealbhach, ga réir, ach cha ruigeadh i ach a’ ghualainn do Aonghus. Bha ’h-aodunn ùror, grianach, soillse ’s neòil a’ mireag air le saighdeadh a réir an fhuinn a thuiteadh a bhi oirre. Bha i òg, cha deach i fhathast a mach as na diagaichean, làn de impidh ’s de reachd na h-òige, a bha ga’n nochdadh fhein gu tric ’s an lachan chridheil ghàire nach bu duilich a thogail; a cridhe caoimhneil, tlàth, mar a bha a sùil chraobhach, ghorm, ag còmhdach le brùchdadh dhiar ri cluinntinn sgial truaighe, no an uair a thuiteadh do neach no do nì mealladh oirre. Bha Aonghus na ’sheòladair; sia traidhean air àirde ann, slinnean gasda aige, ach gu’n robh sith bheag chruime ann an uair a bhiodh e ag coiseachd, ’aodunn iarnaidh, ach geanail, agus an t-sùil sin bu tlàithe ’s bu lugha gò, a shealladh gun fhiamh dìreach ’s an aodunn air urra. Thug e ùine mhor air Bìrlinn an Diùc, na ’làimh cho cinnteach ’s a bh’ oirre; agus bha iasgairean an Ionbhair a’ sealltainn-suas ris leis gach meas a bu dù do ghille-rùm an Triath, agus mar fhear a chuir ’eòlas ’an liad le taisdeal a thoirt uair ’us uair a suas am Mediterranean.
“Ach ceana tha sinn a’ dol?” osa Peigidh ’an ceann greiseige, ’s Aonghus ag cumail thun rathad mor a’ bhaile— “Tha mi ’n dòchus nach ann do ’n Ionbhar còmhla mar so!”
“Agus am beil nàire ort a bhi ’falbh còmhla riumsa, a Pheigidh Chamran?”
“Nàire! carson a bhiodh nàire orm? Ach cha’n ’eil e ro ghrinn dol am bial an t-sluaigh an lòm an latha ghil sholuis, ’s gur h-ann ’bu choir dhòmhsa, ma dh’ fhaoidte, a bhi aig an tigh air cheann m’ oibre.” Thug e air Peigidh a bhi na b’ iomaguiniche mu ’h-ainm mar dheagh mhnaoi-thighe, an ceannaiche-bìdh a chur a làimhe na ’bhoineid ’s an àm ’s e na ’sheasamh gu luidneach air stairsnich a bhùth.
“Dé ’s mo ort an sluagh, a Pheigidh; so an rathad,” os Aonghus ’s e ’tionndadh bharr na Sràid’ -Airde thun na laimrig.
“E! ’Aonghuis, nach bòidheach am bàta! Nach fìor bhòidheach e?” thuirt Peigidh tra a ràinig iad ceann na laimrig ’s a choimhead i sìos air bàtachan bòidheach a bha gu socair air an loch.
“ ’S tha thu ga ’shaoilsinn bòidheach, a Pheigidh,” thuirt Aonghus ’s e ’sealltainn le pròis na h-aodunn lurach.
“Cha ’n fhaca mi riabh a cho bòidheach—bho ’n nach faoileann a th’ ann air uchd an uisge!”
“Geall riut nach urrainn dut a h-ainm a leughadh, a Pheigidh—eh?”
Sheall an rìbhinn sìos gu fòil, agus ri sealltainn d’i, mhùth i nial. Bha Aonghus le làn-aighir ag coimhead oirre. An litrichean soilleir, gorm, air ghrùnnd daraich, bha ’n t-ainm—PEIGIDH CHAMRAN, ’S AN ION BHAR.
Eadar. le CORRADHUIL.
Fearas-chuideachd nan Gaidheal.
Tha e aìr a chur as leth nan Gaidheal gu minic nach ’eil annta ach treubh dhaoine aig nach ’eil moran speis do ghnothuichean a tha feumail air son inntinn an duine a thogail a tura-chadal na steidhealachd gu toileachas-inntinn agus fearas-chuideachd neo-lochdach. Tha sinn am bitheantas a’ cluinntinn gu’n robh an Gaidheal cho lan de shaobh-bharailean agus de dh-eagal uilc ’s gur gann a thogadh e a ghuth os cionn ’analach, air eagal gu ’n toilleadh sin da miothlachd a mhinisteir. Tha mi ag aideachadh gu’n do rinn a chleir moran tuilleadh ann a bhi a’ cur fearas-chuideachd nan Gaidheal ann an lughad na bha ceart dhaibh a dheanamh; oir cha ’n e a mhain gu ’n do chuir iad fo chois moran de na cleasan neo-lochdach a bha na ’n caitheamh aimsir aig na Gaidheil, ach bhath iad gu buileach na faireachdainnean a bha air an cumail beo trid nan cleasan sin, le bhi a’ sparradh air an t-sluagh nach sealbhaicheadh iadsan a bha ’deanamh an leithide sin de nithe Rioghachd Neimh. Chuir so, faodaidh sinn a radh, sgarachdainn buileach eadar fearas-chuideachd agus diadhachd ann an suilean nan Gaidheal, air chor ’s a nis nach faicear ach fior bheagan de na cleasan a bha aon uair cho lionar, air gnuis a thoirt daibh idir. Cha ’n ’eil teagamh, air a shon so, nach e math an t-sluaigh a bha aig a’ chleir anns an amharc anns an ni so, agus uime sin cha ’n fhaod sinn a bhi cruaidh orra; agus ged a dh’ fhalbh an la anns am biodh oigridh a’ bogadh orra gu dol “air cheilidh” mar a chleachd ar n-aithrichean romhainn, tha aobhar toilinntinn againn ann a bhi ’smaointeachadh air gach fearas-chuideachd a bha ann, mar chaitheamh-aimsir as nach ruig leas naire bhi oirnn—cleachdainnean anns an robh fior thoileachas-inntinn neo-lochdach ri fhaotainn, agus far nach robh boilich no sglamhrainn no tuaileas ri chluinntinn. Cha robh feum air fearcathrach gu riaghailt
[Vol . 5. No. 43. p. 7]
a ghleidheadh, no air ceann-iuil gus an t-slighe a chomharrachad a mach do ’n chomhlan le ’m b’ ard-thoilinntinn a bhi
“ ’G innseadh sheanchusan sporsail,
Agus oran math Gaidhlig,
Aig fear mu seach.”
Ach ged a tha na gnothuichean so a’ siubhal seachad gu luath, agus ged nach ioghnadh ged a tha, am measg gach fasain uir agus gach spleadhachais a tha ’dol ’n ar lathainne, is iomadh gleannan samhach agus iomadh bothan iosal anns a bheil fathast ri ’m faotainn ga ’n cleachdadh moran de sheana chleasan nan Gaidheal agus is ann diubh so, “an gleann ’s an robh mise og.”
Tha an doighean fein aig muinntir gach cearn agus sgireachd air fearas-chuideachd a ghiulan air aghaidh, agus leis a sin is e tha mhiann orm aig an am, siul a thoirt, cha ’n ann air fearas-chuideachd nan Gaidheal anns gach aite, ach nadur de bheachd a thoirt seachad air an t-seorsa fearas chuideachd a bha dol air aghaidh anns an sgireachd d’ am buin mi fhein, agus biodh gach fear ag aithris a sgeoil fhein mar a chi e freagarrach an deigh sin. Cha ’n eil mi ag radh nach faod cuid de na ceart chleasan air a bheil mi ri iomradh a thoirt a bhi lan-aithnichte ann an cearnan d’ an Ghaidhealtachd fo ainm eadar-dhealaichte o’n ainm a tha agamsa orra. Ma ’s e is gm ’m bi sin mar sin bu mhath leam cuideiginn ga ’n comharrachadh a mach. Mar tha fios aig gach aon, cha mhor nach ’eil e eucomasach ceartas a dheanamh do chuspair d’ an t seorsa so ach a mhain le bhi ga ’r cur fein mar gu ’m b’ann am broilleach na cuideachd, agus a cluinntinn air ar son fein de tha ’dol air aghaidh, agus mar sin tha mhiann orm seorsa de beachd a tharruing air fardach na fearas-chuideachd.
Is ann an uair a tha an oidhche fhada gheamhraidh le a neulaibh gruamach air tighinn, is bitheanta leis a’ cheilidh dol air bonn. An deigh ciaradh an fheasgair ged a tha plosgail eagallach na stoirm ri chluinntinn air feadh shlugan a ghlinne, agus tailmrich nan eas a’ dusgadh mic-talla nam beann; ged tha tonnan uaibhreach a chuain bhith-bhuain ri boile-chatha air gach rugha agus sgeir, cha chum sud luchd na ceilidh aig an cagailt fein. Tha an cuireadh air a thoirt seachad, agus cha chluinn thu fad an latha o bheag ’s o mhor ach “Bidh tu thall a nochd.” Is e sin a chabhag; Dughal Ciobair-crithneach ’s mar tha e, a sgriobadh dheth na feusaig, am feadh a tha Peigi bheag a faotainn an ordugh a h-aodaich uir; Alasdair mor, an deigh cuairt a chur air Cruach an Uillt Fhearna, agus e gun sgios no allaban, ged a bha aobhar ga leoir aige air son a h-uile cuid dhiubh, a’ seisdeadh air glananh ’aodainn gun fhios nach ann air a rachadh ballachadh an toiseach air son “dallan-da;” Sine a’ Ghlinne a freasdal thall ’s a bhos, a’ cur ghnothaichean an ordugh mar a b’ fhearr a b’ uraainn di. Ma dheireadh tha gach rubail seachad, agus am measg uisge gaoth, tha aon an deigh aoin a ruigheachd tigh Chaluim-dhuibh far an robh a cheilidh ri bhith. Ciod a chuireadh fuachd no sneachd oirnn! Ged bha, mar thuirt am fear eile e—
“An oidhche nis air fas ro shalach,
Bhruchd na tuiltean troimh na gleannaibh,
Fhreagair creag a’s beinn le farum
Fuaim na gaillinn air an raon.”
Cha deanadh so ach ceum a ghreasad gus an tigh bhlath, sheasgair, a bha taobh eile a’ ghlinne.
Tha an comhlan a nis cruinn, agus is i a’ cheist ciod a theid sinn na dhail an toiseach. “Tha mi fhein cho lan an deigh na dh’ ith mi d’ an bhuntata agus de na piocaich chruaidh sin,” arsa Donnachadh-fada, “ ’s nach urrainn domh ni air bith a dheanamh an traths’ mur an innis mi sgeulachd.” Thoisich Donnachadh agus dh’ innis e mu ’n ghaidsear a thuit leis a’ chreig, an uair a bha e as deigh Raoghnail Bhain air son a bhi ’grudaireachd ann an Uamh-na-sgurra; agus is iomadh langan mor gaire a thug sinn asainn mu ’n robh e troimhpe.
“Thoir a nall an neapaicin fada sin cul an doruis agus cuir air mo shuileansa, e,” arsa fear an tighe. Chaidh an neapaicin fhaotainn agus a cheangal gu teann, gramail, mu shuilean a’ bhodaich, agus m’ an abradh tu sud e, bha gach speir a bha stigh air an urlar. “A nis,” ars’ am bodach, “an uair a chunntas mise fichead, faodaidh gach aon deanamh air a shon fein;” agus is ann mar sin a bha. An taice an dallain-da ghabh iad, a’ brath an cinn ’s an cesan a bhristadh a’ teicheadh roimh ’n bhodach, agus aige theagamh ri breith air gach aon tri
(Air a leantuinn air taobh 336.)
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar uthcha tha ’nar beachd
CARADH
Uaireadairean
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.
D. A. Mac FHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.
Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .,
SIDNI, C. B.
McDonald Hanrahan & Co,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4.; ’95
[Vol . 5. No. 43. p. 8]
(Air a leantuinn o thaobh 335.)
uairean. Mar a bha gach aon air a ghlacadh bha e a’ falbh agus a’ deanamh suidhe as an rathad agus ge b’ e co a bha air dheireadh is ann airsan a thigeadh an neapaicin a chur suas a rithist.
Chaidh so seachd agus ghlaodh cuid-eigin ciod an ath rud a bha ri bhi againn. “Theid sinn a rionn an fheidh,” arsa fear an tighe. Bha gach aon toilichte deonach; agus an dail an fheidh ghabh iad. Ghabh fear an tighe a’ chroic, mar is abhaist, agus an deigh fios fhaotainn bho gach aon ciod a’ chuid a roghnaicheadh esan no ise d’ an fhiadh, thoisich fear an tighe air eigheach a mach. “Tha mo chroic a’ direadh bruthaich; tha mo chroic a’ togairt eirigh; tha mo chroic a’ dol do ’n bhuireadh,” &c ., agus gach aon an deigh a cheile a caradh nan ceart fhacal ris an roinn a bha aige fein. A thaobh ’s gu ’n robh aireamh mhath a lathair agus roinn an t-aon aca uile, cha robh ni air an robh ainm timchioll a bheathaich nach robh air a ghabhail, agus creid thusa gu’n robh lanaighear an sin an uair a bha gach aon ag ainmeachadh na bha a chuid-san dol a dheanamh. Is e so roinn an fheidh, agus is iomadh gaire cridheil a dhuisg e. Ach, coltach ris a h-uuile rud, thainig crioch air roinn an fheidh agus chaidhear an taice “Capull a’ Pharsoin air chall.”
Is e so cleas eile coltach ri “Roinn an fheidh,” ach gur e seorsa de chuirt a tha ’s an fhear so, a chum fios fhaotainn co a ghoid capull ’a Pharsoin, oir cha robh teagamh nach e so a chaidh a dheanamh. Bha ainm air gach aon ’s a’ chuirt so, mar bha “Slabhraidh oir,” “Brogan beaga,” “Pearsan bagach,” “Streap ri goisein,” agus sgaoth eile de dh-ainmean a reir na bha cruinn. Bha am breitheamh a’ fosgladh na cuirte leis an rann so—
“Tha cupall a’ Pharsoin air chall,
Is mor an beud i bhi ann;
Am measg na bheil a’ so de chuideachd,
Cha ’n ’eil fhios a’m fhein co ghoid i,
Mur an do ghoid—”
Co sam bith de na h-ainmean so a bha air a ghairm leis a’ bhreatheamh mar an ciontach, bha e anns a’ mhionaid a’ glaodhaich a mach, “Is breugach dhuit e.” “Feuch co eil’ e,” ars’ am breitheamh. Bha, an so, am fear mu dheireadh a’ cur na buille air aon eigin eile gus an robh gach aon air ruith orra, gus a’ chiad fhear a dheanadh mearachd ann am freagairt, no an tilgeil na coire air cuid-eigin eile. B’ e am fear so, ann an suil na cuirte, an ciontach. Ach feumar stad de so cuideachd agus greis a thoirt air “Trom an oir.”
De gach cleas a bha againn cha robh aon a thogadh a leithid de lan-aighear ris a’ chleas so. Bha aon a’ dol air a ghluinean air an urlar, agus a’ cur a chinn fodha ann an uchd fir eile le a dha shuil duinte, agus gach aon a stigh a’ cruinneachadh gach ni a b’ iongantaiche ora cheile, agus ga ’n toirt de ’n aon aig an robh am priosanach na uchd, eadar a ghluinean. Theireadh am fear so na facail so—
“Troma troma ’n oir.
’D e so do choir?”
Theìreadh am fear a bha gu h-iosal a h-uile rud ach an rud ceart, agus cha ’n fhaigheadh e de bhinn ach, “Biodh so ann gus am bi sin ann.” Bha so a’ dol air aghaidh gus, mu dheireadh, am biodh carn air druim an duine thruaigh nach mor nach mortadh e—gle bhitheanta cudthrom bolla mine air neach aig aon am. Cha ’n iarrteadh stad d’ an cleas so idir, ach “an rud is fheudar ’s fheudar e,” agus mar sin fagaidh sinn “Trom an oir” as ar deigh, agus bheir sinn greis air cleas eil. —AONGHAS OG ’sa Highland News.
An t-Ailleagan.
Till dachaidh, till, O Ailleagain,
Thoir leat mo thàmh ’s mo shuain,
Oir cha’n ’eil aon diubh nis air sgéul
Bho’n dh’fhalbh thu fhéin Diluain;
Ach thuit na’n àite iarguinn mhór.
Mar oidhche dhuibh mu’n chruaich,
Nach falbh a chaoidh mar till thu, ’chiall,
Mar ghrian na maidne nuaidh’.
O’n thriall thu bhuainn tha fann ghuth gaoil,
Mar fhaochaig taobh a’ chuain,
Ag dortadh ’mach a luinneig faoin’
’S ga m’ chlaoidh le caochladh duain;
Ag cur na m’ chuimhn’ mu aon a bhà
Làn sòlais gràidh gach uair,
E nis na ’aonaran gun stàth,
’S an t-Ailleagan fad bhuaith’.
C’arson a rinn thu falbh cho tràth,
Réul àillidh, fath mo dhuain?
Till dachaidh, till, tha Samhradh blàth
Air sgrath ’us àrd ’toirt buaidh’;
Tha’n uiseag bhras ’toirt as gu dàn
Gu sléibhte bàna shuas,
’S ga ’r gairm a rìs le òran gràidh
Gu mullach àrd Dhun-cuaich.
’S ’n uair ’thig thu falbhaidh sinn a rìs
Mar anns an tìm ’chaidh bhuainn,
A suas an frith-rath’d ’g éisdeachd strìth
Luchd-ciùil nan tèampull uain’;
A nìos an gleann thig osag bhlàth
Le gàire bhàrr nan stuadh,
’S bheir àilleachd Nàduir mosgladh mòr
Do dh’àros dorch nan smuain.
’Us suidhidh sinn, O Ailleagain,
Taobh abhainn bhlàth na fuaim’,
Bithidh ’m barrach òg na ’sgàile dhuinn,
Gach ni na’r làthair gun ghruaim;
Bithidh grian an àigh a’ dearrsadh ’nuas
Troimh fhosglainn àrd ’s an uair?
Sruth donn ’dol seach a’ gaireachdaich
Air grinneal ’s aillidh snuadh.
’S cha labhair sinn an sin na’s mò
Le bròn mu sgaradh cruaidh,
Ach fuadaichear gach smuain de’n t-seòrs’
Air falbh mar cheò na cruaich’;
’Us gus an tréig an ceòl an sruth,
’S an tréig a guth a’ chuach,
Cha’n fhaicear caochladh air ar gràdh,
Chaomh Ailleagain mo luaidh.
MAC-OIDHCHE.
AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leigsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD.
Cuir a dh’ iarraidh sampuill, teisteannais us urrais.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia. —agus—127 State St., Boston, Mass.
NUAIR THEID THU ’BHADDECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram, Bathar Cruaidh
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile.
An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.
Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.
Indurated Fibreware
Tha an seòrsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire.
THE E. B. EDDY Co LIMITED
HULL, CANADA.
title | Issue 43 |
internal date | 1897.0 |
display date | 1897 |
publication date | 1897 |
level | |
reference template | Mac-Talla V No. 43. %p |
parent text | Volume 5 |