[337]

[Vol . 5. No. 44. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, MAIGH 8, 1897. No 44.


Sgeul mFhir-treorachaidh.

(Air a leantuinn.)

Ghreas mi adhart gu luath. Bha mo chasan asileadh fala leis mar a bha na clachang an gearradh, achs mise bha coma co-dhiu.

Mu dheireadh thainig mi gu lùb eile anns an amhuinn, agus chunnaic mioh, an sealladh uamhasach! —ni-eigin dubh coltach ri corp duinena shineadh aig bonn creige anns an uisge. Cha mhor nach do stad mo chridhe leis an eagal. Chan eil fhios agam co-dhiu bha no nach robh mi a smaoineachadh gu faighinn mo bhràthair anns an t-suidheachadh ud, ach air ball bha mi cinnteach gum be bhann. Dhfhàs mi tinn agus lag, agus cha mhor nach do thuit mi, ach chaidh agam air leantuinn romham.”

Stad mo chompanach an so, agus chomhdaich eaodann lelamhan mar gum bàil leis an sealladh uamhasach a dhùnadh a mach gu buileach [ ? ] . Dhfhuirich e mar sinsa cheann crom àireamh mhionaidean ach mu dheireadh chaidh aige air labhairt:

“ ’S e,” ars esan, mar gum biodh e freagairt na ceiste nach do ghabh misorm fhéin a chur, “ ’s e mo bhràthair a bhann. Bha e air a bheul-fodha anns an amhuinn agùs an t-slat-iasgaich fhathast na laimh. Leis cho fuars a bha an t-uisge bhuail greim e, agus thuit e gun chomas eiridh, agus mar sin chaidh a bhàthadh ann an àite anns nach robh an t-uisge bhar troigh a dhoimhnead.

Thog mi an corp agus choisich mi air falbh leis. Gu fortanach bha bruach na h-aimhne afàs na bisle, agus an ùine ghoirid bha e cho iseals gun deach agam air a dhol gu tir, ’s corp mo bhràthar a churna shineadh air an làr.

Ghuidh mi air bruidhinn rium, ach bha na bilean balbha air an dùnadh gu bràth. Dhfhuasgail mi a chuid aodaich, agus rinn mi na burrainn domh gus a thoirt uige, ach bu diomhain mo shaothair. Thainig faireachduinnean neònach orm; cha burrainn domh ach gann a chreidsinn gum bu ni sam bith eile bha mi faicinn ach bruadar uamhasach, air an tigeadh criochnuair a dhùisginn, achnuair a sheall mi air a chorp fhuar udna shineadh air na creagan, chan fhaodainn ach a thuigsinn gu robh e tuilleadh us fior.

Tha mi creidsinn gun dthainig mi gle fhaisg air a dhol as mo rian air an fheasgar ud. Bha mi an sud, miltean on tigh a bfhaisge, agus neòil dhorcha na h-oidhche acruinneachadh. Cha burrainn domh fhàgail gu dol a dhiarraidh cuideachaidh air eagal gum faigheadh beathach fiadhaich e. Bha min làn dhuil gum biodh agam ri fuireach ri thaobh gus am faighinn bàs leis an acras, agus gu faigheadh cuid-eigin sinnnar sineadh comhladhmarbh.

Dhùisgeadh mi o na smuaintean brònach so le glaodh a chuala mi fada thall anns a choille. Cha do sheirm guth duine na bu bhinnenam chluais riamh na rinn an glaodh sin. Fhreagair min glaodh, agus ruith mi an cois na h-aimhne an rathad a chuala min guth, agus an ùine gun bhi fada fhuair mi sealladh air buidheann de shealgairean a bhag éigheach ri fear dan companaich. Rainig mi iad, agus ged bu doirbh e ri dheanamh leis an t-suidheachadh anns an robh minntinn, chaidh agam air innse dhaibh ciod a bh[ ? ] cearr.

Bha iad gle chaoimhneil rium, agus chuir iad ri cheile maidean airn do ghiùlain iad corp mo bhràthair dhachaidh. Leis a chràdh cridhe, agus leis an sgiths, thainig laigse orm, aguss en ath ni air am bheil cuimhnagam mo mhàthair a bhi crom os mo cheann anns an leabaidhnam sheòmar beag fhéin, agus coltas cho muladach oirre, —oh cho muladach, —ach shaoil leam gun dfhàs i beagan na bu toilichtenuair a chunnaic i misefosgladh mo shùilean.

A mhàtbair,” arsà mise, “gu de tha cur oirbh?” Agus an sin thainig gach ni gum chuimhne. Oh, mar a bhuail mo chridhe mi, oir cha burrainn dhomh gun a bhi smaoineachadh gu robh mi coireach ri bàs mo bhràthar, agus ri cràdh mo mhàthar. Dhinnis iad dhomh, ’nuair a bha mi comasach air a ghiùlan, gu robh mi tinn o chionn treis mhor a dhùine, agus gu robh mo bhràthair o chionn fhada air a chàradh on fhòd.

“ ’Nuair a chaidh mi ma dheireadh am feabhas, bha atharrachadh mor air tighnn orm; lean sin rium an deigh dhomh tighnn gu ire duine, agus an diugh chan eil mi idir mar a dhfhaodainn a bhi mur biodh mo dhroch nàdur.”

Stad mo chompanach tiotadh beag, agus an sin thuirt e rium gu socair: “Sin agaibh mo sgeul-sa; agus tha fhios agaibh a nise ciod is aobhar mi bhi cho trom inntinneach an diugh.”

Cha robh sùnnd sam bith orm gu dhol a dhiasgach an deigh na chuala mi. Thill sinn air ais don bhaile anns a charbad, agus dhfhàg mi beannachd aig mfhear-treòrachaidh, ach cha burrainn domh ach a bhi smaoineachadh air an sgeul mhuladach a dhinnis e dhomh, agus is tric itighinn air minntinn eadhon fhathast.

A mhuinntir òg, ceannsaichibh ur droch nàdur. ’Nuair a bhios sibh air son briathran searbha no mi-chaoimhneil a labhairt, duinibh ur bilean, agus cumaibh air ais gach ni nach bu chòir dhuibh a radh. ’S beag fhios a thagaibh ciod an t-olc a dhfhaodas iad a dheanamh. —Bho Bheurla E. M. Halliday.


Bha seirbheis Ghailig air a cumail ann am Manchester, an Sasunn, air an aonamh latha deug de dhApril. Ben searmonaiche an t-Urr. Dr. Ard, Chraoich, a tha air a dhol a dhfhuireach don bhaile sin on dhfhàg e an sgireachd anns an robh e saoithreachadh ùine cho fad. Bha coithional mor sluaighga éisdeachd, agus fhuair iad searmon briagha uaithe. Thainig fear de na seinneadairean astar dha fhichead mile gu bhi aig an t-seirbheis. Cha robh searmon Gàilig ann am baile Mhanchester roimhe o chionn ochd bliadhndeug.


Nuair a bha Alasdair IIna righ air Alba, bha tuathanach a leigeadh le luibhean sam bith fàs gus am biodh an cuid frais air abachadh, air a mheasna nàmhaid don righ. Air leinn nach bolc an ni reachd dhen t-seòrsa sin a dheanamh anns an dùthaich so air an lathan diugh. Tha aon droch luibh againn ris an canar an giogan, a bhiodh furasda gu leòr a chur asnan deanadh na tuathanaich an dleasanas leghearradh a h-uile bliadhna mun tigeadh fras air; ach an àite sin tha chuid mhor dhiubh nach eil a toirt oidhearp sam bith air cur as da.


Tha e air aithris gum bi Ard-Bhaillidhean nan ceithir bailtean as motha than Canada air an deanamhnan ridirean leis a Bhanrighnn aig àm na h-Iubili. ’S iad na bailtean air an cuirear an t-urram sin, Cuibec, Montreal, Toronto, agus Hamilton. Bha duil aig muinntir Halifax gun cuirte an t-urram ceudna orra fhéin, ach a reir mar a chuala sinn mu dheireadh, tha iad gu bhi air am mealladh.


Thatar adol a mheudachadh Drochaid Victoria air an t-samhradh so. “Tha muillein gu leith dolair ri bhi air a chosg oirre.



[338]

[Vol . 5. No. 44. p. 2]

SGEULACHDAN ARABIANACH.

VI. —EACHDRAIDH NAN TRI CHALADAIREAN AGUS NAN COIG MNATHAN-UAISLE.

CAIB. I.

Ri linn Righ Haroun Alrashid, bha ann am Bagdad, ceannabhaile na rioghachd, portair, a bha gle dheadh-chainnteach, eibhinn, ged a bha e ann an suidheachadh iosal. Air madainn araidh thachair dha a bhith ann an aite anns am babhaist dha bhithfaotainn beagan obrach. Bha bascaid mhor aige, agus bha suil am mach aige feuch am faiceadh e neach sam bith a bheireadh obair dha. Thainig bean-uasal og le srol air a h-aghaidh, agus i ann an trusgan anabarrach maiseach, far an robh e, agus thuirt i ris ann am briathran caoimhneil, “An cluinn thu, ’phortair, thoir leat abhascaid, agus lean mise.”

An uair a chualam portair mar a labhair i cho caoimhneil ris, ghrad thog e abhascaid, agus chuir e air mullach a chinn i, ag radh ris fhein, “Oh, lathan aigh, nach mitha fortanach an diugh!”

An uair a chaidh iad beagan air aghart, stad abhean-uasal aig geata, a bha duinte, agus bhuail i aige. Dhfhosgail seann duine liath, a bha gle thlachdmhorna choltas, an geata dhi. Gun fhacal a radh ris, chuir i airgiodna laimh. Thuig esan gle mhath ciod a bha dhith oirre. Thill e steach, agus an uine ghoirid thainig e am mach le siuga morna laimh luma lan de dheadh fhion.

Beir air an t-siuga,” arsa bhean-uasal ris aphortair, “agus cuir anns a bhasciad e.”

An uair a rinn e so, dhiarr i air a leantuinn. Mar a bha iad acoiseachd air an aghart, bham portair ag radh ris fhein, “Oh, lathan aigh! Nach mi tha fortanach?”

Stad a bhean-uasal aig buth-mheasan, far an do cheannaich i a h-uile seorsa meas, agus luibh-fhaile, a bha rifhaotainn anns abhaile. Dhiarr i air aphortair an cur anns abhascaid agus a leantuinn.

An sin chaidh i do bhuth an fheoladair, agus cheannaich i coig puinnd fhichead den fheoil a bfhearr a bhaige, agus dhiarr i air aphortair an fheoil a thoirt leis anns abhascaid. Chaidh i o bhuthaidh gu buthaidh air feadh abhaile far an do cheannaich i corr is fichead seorsa de gach biadh is deoch air am burrainn taigh sam bith feum a chur. Mu dheireadh bhabhascaid cho lan aig aphortairs nach gabhadh i an corr. Thuirt e ris amhnaoi-uasailBu choir dhuibh a bhith air innseadh dhomhsa, gun robhnur beachd na h-uiread a cheannach, agus gheibhinn each a ghiulaineadh e; oir ma cheannaicheas sibh abheag tuilleadh, cha teid agamsa air abhascaid a ghiulan.”

An uair a chuala i so, rinn i gaire, agus dhiarr i air a leantuinn. Choisich iad air aghart gus an drainig iad taigh anabarrach mor, briagha. An uair a sheas iad aig agheata, bhuail abhean-uasal aig an dorus. Am feadhs a bha iadnan seasamh afeitheamh gus an fosgailteadh an geata dhaibh, smaoinich am portair air mile ni. Bha ioghnadh air gum biodh bean-uasal cho ciatach rithe adol am mach a cheannach bidh. Ach dhaithnich e air a doighs air a coltas, nach bu shearbhanta a bhinnte idir; agus air an aobhar sin, smaoinich e gum feumadh gur e fior bhean-uasal a bhinnte. Direach an uair a bha edol a chur cheisdean oirre mun chuis so, dhfhosgail bean-uasal eile an geata. Chan fhace boirionnach riamh mu choinneamh a dha shul cho briagha rithe. Cha mhor nach do leig e leis abhascaid tuiteam an uair a chunnaic e i.

Thug abhean-uasal a thainig comhladh ris thun agheata an aire dha, agus bha ideanamh a leithid de spors airna h-inntinn fheins nach do mhothaich i gun dfhosgladh an geata. Thuirt an te a dhfhosgail an geata rithe, “A phiuthar, thig a steach. Car son a tha thunad sheasamh an sin? Nacheil thufaicinn gum bheil an t-eallach a thair an duine bhochd cho troms gur gann is urrainn da fuireachna sheasamh fodha?

An uair a chaidh i fheins am portair a steach, dhuin an te eile an geata. Chaidh iadnan triuir a steach don taigh. Be sin an taigh aluinn. Chan fhacam portair taigh riamh roimhe cho aluinn ris anns gach doigh. Bha gach ni a bhan taobh a staigh den dorus ann an ordugh cho eireachdails a ghabhadh deanamh. Ach ma bhabhean-uasal a dhfhosgail an geata maiseach, bu mhaisiche na sin an treas bean-uasal a bhana suidhe air cathair anns an taigh. Dheirich i bhar na cathrach cho luaths a chunnaic i an dithis bhan-uasal eile, agus chaidh inan coinneamh. Leis an urram a nochd an dithis eile dhi, dhaithnich am portair gum bi bana-mhaighstir an taighe. Be h-ainm, Sobaide; be ainm na tedhfhosgail an geata, Safi; agus be Aimini ainm na te a chaidh am mach a cheannach abhidh.

Thuirt Sobaide ris an dithis eile, “A pheathraichean, nacheil sibh a faicinn gum bheil an duine laghach so an impis tuiteam as a sheasamh leis an eallaich? Carson nacheil sibh atogail na h-eallaich dheth?” An sìn rug iadnan triuir air abhascaid, agus chuir iad air an lar i. An uair a dhfhalamhaich iad i thug Aimini deadh thurasdal don phortair air son a shaoithreach.

Ged a bham portair gle riaraichte leis an tuarasdal a fhuair e, sheas e far an robh e. Bha na mnathan uaisle cho maiseachs cho aoidheils nach iarradh e falbh as an cuideachd, nan leigeadh iad leis fuireach. Ghabh e ioghnadh gu leor nach fhace firionnachs an taigh, gu h-araidh an uair a thug e fanear gum bann air son fhirionnach bu fhreagarraiche a bhachuid bu mho den bhiadh a ghiulain e don taigh anns abhascaid.

Shaoil le Sobaide an toiseach gur ann aleigeadhanalach a bha e, on a bha e air a sharachadh agiulan na bascaid. Mu dheireadh an uair a chunnaic i nach robh guth aige air falbh, thuirt i ris, “Carson nacheil thufalbh? An e tuilleadh tuarasdail a tha dhith ort?” Thionndaidh i ri Aiminis thuirt i rithe, “Thoir dha tuilleadh a chum gu falbh e riaraichte.”

A bhoirionnaich choir,” arsam portair, “chan e sin a thagam chumail idir: fhuair mi barrachd mor air na choisinn mi. Tha fhios agam nacheil e modhail dhomh fuireach ro fhada; ach tha min dochas gun toir sibh mathanas dhomh ma dhinnseas mi dhuibh gum bheil ioghnadh orm nacheil firionnach anns an taigh so. Chan eil moran tlachd ann an taigh gun fhirionnach, agus cha mho a tha tlachd ann an taigh gun bhoirionnach. Mar a than sean fhacal ag radh, ‘Chan fhiach bord mur bi ceathrar aige. ’”

An uair a chuala na mnathan-uaisle so thoisich iad ri gaireachdaich. ’Na dheigh sin thuirt Sobaide, agus i mar gum biodh gruaim oirre, “A charaid, tha thu tuilleadh is dana; agus ged nach ruig mise leas minntinn a leigeadh ris dhut, gidheadh faodaidh mi innseadh dhut, gur triuir pheathraichean sinn a thadeanamh ar gnothaichean fhein gu bog, balbh, gun fhios a thoirt do dhaoine eile ma dheidhinn. Tha h-uile aobhar againn air a bhithcumail ar gnothaichean an cleith o dhaoine gun mhothachadh. Mar a sgriobh duine tuigseach o shean, ‘Cum do dhiomhaireachd dhut fhein, agus na innis do neach sam bith i. Aon uairs gun innis thu do dhiomhaireachd do dhaoine eile, cha leat fhein tuilleadh i. Mur urrainn dut fhein do dhiomhaireachd a chumail an cleith, na biodh duil agad gun cum neach eile an cleith i. ’”

A mhnathan-uaisle,” arsam portair, “an uair a chunnaic mi sibh dhaithnich mi oirbh gum bu bhoirionnaich sibh anns am bheil tur is tuigse, agus tha mi nis atuigsinn gu math gun robh abharail cheart agam oirbh. Ged nach robh mise cho fortanachs gun dfhuair mi suidheachadh ard, gidheadh cha drinn mi dearmad air eolas is fiosrachadh fhaotainn o bhithleughadh leabhraichean ealainn, agus eachdraidh. Mas e bhur toil e, ceadaichibh dhomh briathran a sgriobh duine ainmeil innseadh dhuibhbriathran a bha micur ann an cleachdadh o chionn iomadh bliadhna. So agaibh iad: ‘Cha chum sinn ar gnothaichean an cleith o neach sam bith ach uathasan a tha cho beag turs nach ruigeamaid a leas ar n-earbsa chur annta; ach cha bhi dad againn an aghaidh ar gnothaichean agus ar n-inntinnean a leigeadh ris dhaibhsan a tha cho glics cho earbsachs gun cum iad an cleith iad.’ Cumaidh mise diomhaireachd a cheart cho sabhailte ri ni a bhiodh ann an seomar



[339]

[Vol . 5. No. 44. p. 3]

glaistes an iuchair air chall.”

Thuig Sobaide gun robh am portairna dhuine anns an robh tomhas de thur, agus dhaithnich i gun robh fior thoil aige a chuid den chuirm fhaotainn. Thuirt i ris, agus fiamh gaire oirre, “Tha fhios agad gum bheil cuirm gu bhith againn, agus tha fhios agad mar an ceudna gun do choisg i gu leor dhuinn, agus chaneil e ceart gum faigheadh tusa do chuid dhi gun dad a chosg rithe.”

Thuirt Safi, agus icur a h-aonta ris na thuirt a piuthar, “A charaid, an cualthu riamh na briathran a thag radh, ‘Ma bheir thu ni leat gu cuirm, is e do bheatha; ach mur tabhair, tillidh tu dhachaidh falamh. ’”

A dhaindeoin cho deadh-chainnteachs gun robh am portair, a reir choltais gun tigeadh e air falbhs e air a narachadh mur be gun do sheas Aimini air a thaobh. Thuirt i ri Sobaides ri Safi, “Mo pheathraichean gaoil, tha miguidhe oirbh gun leig sibh leis fuireach comhladh ruinn. Tha fhios agaibh gum bheil ena dheadh fhear-cuideachd. Mur be gun robh e cho easgaidhs cho tapaidhs a bha e, cha burrainn dhomhsa bhith cho trath air maiss a bha mi. A bharrachd air sin, nam biodh fhios agaibh air cho modhails a bha elabhairt rium on a thachair e rium, cha chuireadh e ioghnadh oirbh mi bhithseasamh air a thaobh.”


CAIB. II.

An uair a chualam portair cho maths a labhair Aimini air a thaobh, bha e air a lionadh le aoibhneis anabarrach mor. Thuit e air a ghluinean air a beulaobh, agus phog e an t-urlar. Thog e a cheann, agus thuirt e, “A bhean-uasal mhaiseach, chuir thu fortannam rathad an diugh roimhe, agus leis achaoimhneas a tha thu toileach a nochdadh dhomh, tha thu nis acur an tuilleadh ris. Chaneil e comasach dhomh mo thaingealachd a chur an ceill mar bu mhath leam. Agus a thaobh na bheil mi gus fhaotainn de bhur caoimhneas na dheidh so, a mhnathan-uaisle,” arsesans elabhairt ris an triuir pheathraichean, “on a chuir sibh urram cho mor orm, na smaoinichibh gun dean mi mi-fheum dheth, no gum bheil mimeas gur airidh mi air a leithid a dhurram. Chaneil idir. Tha mig am mheas fhein mar aon de na seirbhisich as isle a thagaibh.”

An uair a labhair e na briathran so, bha edol a chur air ais an tuarasdail a fhuair e uapa, ach dhiarr Sobaide air a chumail aig fhein. “Cha ghabh sinne gu brath air ais an tuarasdal a thug sinn don mhuinntir a rinn seirbhis dhuinn,” arsise. “Ach, a charaid, tha mig ad churn ad fhaireachadh nach fhaigh thu cead fuireach ach air chumhnanta nach innis thu gu brath mu aon ni a chi nochluinneas tu, agus gun gluais thu thu-fhein gu h-iomchuidh anns gach doigh.”

Anns an am, chuir Aimini dhith an trusgan a bhoirre, agus chuir i uimpe gun eile, a chum gum biodh i ni bu sgiobalta gus an dinnear a chur air abhord. Gu h-ullamh, eallamh, easgaidh, chomhdaich i am bord, agus chuir i am pailteas air de gach seorsa bidh. Chuir i botuil fhiona agus cupanan oir air abhord-taoibh. An uair a bha gach ni air abhord, shuidh an triuir mhnathan-uaisle aige, agus thug iad air aphortair suidhe comhla riutha. Bha aoibhneas anabarrach air aphortair an uair a chunnaic e e-fhein aig abhord comhla ri triuir mhnathan-uaisle a bha anabarrach maiseach. An uair a ghabh iad beagan den bhiadh, dheirich Aimini on bhord, agus thug i botuil fiona agus cupan oir bhar abhuird-taoibh, lion i an cupan, agus dhol i fhein an toiseach e, a reir cleachdadh na duthchadh. An sin lion i an cupa da dithis pheathraichean, agus dhol iad e. Mu dheireadh lion i an ceathramh uair e, agus thug i don phortair e. Mun dol e am fion ghabh e oran. So brigh an orain: —Mar a bheir aghaoth leatha faileadh cubhraidh, fallainn, as na h-aiteachan maiseach troimh am bheil iseideadh, mar sin bha am fion a bha e gus ol ni bu mhisle blas a lamhan Aimini na bhiodh e air doigh eile.

Chord an t-oran cho math ris na mnathan-uaisles gun do sheinn iad oran an te. Agus bu mhath a baithne dhaibh sin a dheanamh.

Gu sgeula goirid a dheanamh dheth, bha iad cho cridheils cho sunndachs a burrainn a bhith fhads a bha iad aig an dinneir agus feumar a radh nach robh cabhag orra gu eiridh on bhord.

Mu dheireadh, an uair a bha e teannadh dluth air deireadh an latha, thuirt Safi ris aphortair, agus ilabhairtnan ainmnan triuir, “Eirich, agus bi falbh; tha lan-am agad a bhith falbh a nis.”

Ach on a bhachuideachds achuirm acordadh cho math ris aphortair, cha robh iarraidh sam bith aige air falbh. “Ochan! a mhnathan-uaisle,” arsesan, “caite am bheil sibh ag iarraidh orm a dhol anns an t-suidheachadh anns am bheil mi: Is gann a tha mo chiall fhein agam an deis na chunnaic mi on a thainig mi an so; agus on a dhol mi barrachd air na babhaist dhomh, tha eagal orm nach amais mi air a dhol dhachaidh. Leigibh dhomh tamh na h-oidhche a ghabhail ann an aite sam bith an togair sibh; oir cha teid minam aite fhein ann an uine nis lugha. Ach an uair a dhfhalbhas mi, fagaidh mi achuid as fhearr dhiomnam dheigh.”

Ghabh Aimini taobh aphortair an dara turus, agus thuirt i, “A pheathraichean, tha e ag innseadh na firinn; tha mi deonachiarrtas a thoirt dha, on a thug e mar tha aleithid de thoileachadh dhuinn; agus ma ghabhas sibh mo chomhairle, no ma tha uibhir de ghradh aga bh orms a tha mismaointean, cumamaid e, a chum gun cuir sinn seachad le cridhealas na tha romhainn den oidhche.”

A phiuthar,” arsa Sobaide, “cha diult sinn ni sam bith dhut.” An sin thionndaidh i ris aphortair, agus thuirt i, “Tha sinn deonach aon uair eile diarrtus a thoirt dhut, ach air achumhnanta so, nach tig facal as do bheul gu brath mu thimchioll ni sam bith a bhuineas dhuinn fhein no do dhaoine eile, agus nach mo na sin a chuireas tu ceisd oirnn mu thimchioll ni nach buin dut, is docha gu faigh thu fios air ni nach bi air chor sam bith taitneach dhut; thoir an aire, air an aobhar sin, nach bi thug iarraidh fios fhaotainn car son a bhios sinn adeanamh ni sam bith a chi thu sinn adeanamh.”

A bhean-uasal,” arsam portair, “tha mi gealltainn gun cum mi cho dluth ris na cumhnantan sins nach bi aobhar agaibh mo chronachadh air son am bristeadh, agus nach mo a ruigeas sibh a leas peanas a dheanamh orm. Chan fhosgail mi mo bheul, agus bidh mo shuilean mar sgathan, nach cum air chuimhne ni sam bith a chuirear ma choinneamh.”

A chum a leigeadh fhaicinn dut,” arsa Sobaide, “nacheil sinn ag iarraidh ort ni a dheanamh nach diarr sinn air duine riamh roimhe, eirich agus leugh na briathran a tha sgriobhte air taobh a staigh agheata.”

Chaidh am portair thun agheata, agus leugh e na briathran so, a bha sgriobhte ann an litrichean mora: “Esan a labhras mu nithean nach buin da, cluinnidh e mu nithean nach taitinn ris.” An uair a thill e, thuirt e ris an triuir pheathraichean, “A mhnathan-uaisle, tha mimionnachadh nach cluinn sibh mi gu brath alabhairt mu nithean ris nacheil gnothach agam, no a bhuineas dhuibhse.”

An uair a chord iad mun chuis so, chuir Aimini an t-suipeir air abhord; las i na coinnlean, agus shuidh iadnan ceathrar aig abhord. Ghabh iad den bhiadhs den dibh na thainig riutha. Cha bi achuirm gun a comhradh a bhaca; oir eadar gabhail orans gach comhradh eibhinn, taitneach a bhacanan ceathrar, bhan oidhchedol seachad gun fhios daibh. Bha deur math air aphortair; oir bha e gu math tric ag ol deoch-slainte nam mnathan-uaisle. An uair a bha iad an teis-meadhain an cridhealais, chualiad bualadh aig agheata. Ghrad dheirich an triuir pheathraichean on bhord gus a dhol a dhfhosgladh agheata. Ach on a be Safi a babhaist a bhithfosgladh agheata, is i bu luaithe a bhair a bonn, agus an uair a chunnaic an dithis eile gun deachaidh i am mach, shuidh iad gus an dthainig i air ais a dhinnseadh co aige a bha gnothach riutha cho anamoch air an oidhche.

An uair a thill Safi, thuirt i, “Faodaidh sinn, a pheathraichean, oidhche gle chridheil a chur seachad, ma ghabhas sibh mo chomhairle-sa. Tha triuir chaladairean aig agheata; agus rud a tha gle iongantach, than t-suil dheas cam acanan triuir, agus

(Air a leantuinn air taobh 342.)



[340]

[Vol . 5. No. 44. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton


SIDNI, MAIGH 8, 1897.

Tha na Staitean an deigh cìs 75c an tunna chur air a ghual; cha robh aca air roimhe so ach 40c. Dùinidh sin a mach gual na dùthcha so gu h-iomlan. Rachadh aig luchd-guail an àite so air a chur do na Stàitean a tuath fon t-seann chìs, agus bha roinn mhath air a chreic annta an uiridh, ach ni àrdachadh na cìse a chumail a mach gu buileach air a bhliadhna so. Ni sin call mor do mhèinnean na dùthcha so, agus fuilingidh Louisburg gu h-àraid, oirs ann troimhn phort sin a bhatar a cur air falbh a ghuail a bha dol do na Staitean. A reir coltais cha ruig Canada a leas suil sam bith a bhi aice ri fabhar o Riaghladh nan Stàitean, agus chan eil teagamh nach dean Riaghladh Chanada a nise cìs nas àirde a chur air gual nan Stàitean. Thugadh tairgse dhaibh cheana a chìs a lughdachadh air an cuid guail nan deanadh iad san sin ri gual Chanada. Chan fhac iad iomchuidh sin a dheanamh, agus a nise ni Canada mar a chi i fhein freagarrach. Chan eil teagamh nach biodh moran malairt a bhi dol air adhart eadar na Stàitean us Canada buannachdail taobh air thaobh, ach o nach eil na Stàitean deònach cothrom sam bith a thoirt do Chanada a thanan comas-san a chumail uaipe, chan eil aig Canada ri dheanamh ach a leigeil fhaicinn daibh gun teid aice air a bhi beò as an aonais.

Tha aGhréig a réir coltais ullamh gu striochdadh don Tuirc, agus cha mhor leis nach duilich a chluinntinn. Tha eadhon rioghachdan mora na Roinn-Eorpa duilich gu bheil an Sultan e faotainn buaidh. ’N uair a thòisich an cogadh bha iad gle thoilichte bhi faicinn nan Greugach air an ruagadh, a chionn gum biad fhéin a thòisich, agus mar sin nach bu mhisdiad tilleadh a thoirt asda le faotuinn na cuid bu mhiosa. Ach a nise on tha an Sultan afaotainn buaidh orra anns gach blàr, agus ega fhaotainn fhéin làn chomasach air aGhreig a chur fodha gu buileach ma leigear leis, tha eagal orra gu fàs e féin-earbsach agus neor-thaingeilda ni nach robhcur mor-dhragh air roimheagus mar sin nach bi e idir cho umhail no cho striochdte don toil-sansa bfheairrd an Roinn-Eòrp e bhith. Tha iad uime sin gle mhi-thoilichte na Greugaich a bhi call cho dona, agus cha tachradh ni sam bith a bfhearr a chòrdadh riutha na blàr no dha a dhol an aghaidh nan Turcach. Ciod sam bith a thachras, tha fhios nach mair an cogadh moran nas fhaide.

Thachair ni uamhasach ann am baile mor Pharis, ceanna-bhaile na Frainge Di-mairt sa chaidh. Bha àireamh mhor de na mnathan a buaisles bu bheairtiche anns an Fhraing cruinn ann an tigh mor anns an robh bazaarga fhosgladh, agus chaidh an tighna theine. Sgaoil e cho luaths nach dfhuair ach àireamh gle bheag dhiubh teicheadh lem beatha. Chan eil fhios fhathast cia lion a chaill am beatha, oir tha gach ni cho troimhe-chéiles nach eil sin comasach, ach thatar adeanamh cinnteach gu robh thairis air ceudsa deich air an losgadh gu bàs, agus bha suas ri da cheud eile a fhuair as lem beatha ach a bha air an losgadhs air an leònadh gu dona, cuid cho donas nach urrainn daibh a bhi ro fhada beo.

Tha Riaghladh Bhreatuinn an dràsda bruidhinn air tolladh fon chuan eadar Breatuinn us Eirinn gus rathad-iaruinn a chur a dhobair eadar an da eilean. Tha cosguis na h-obrach air a mheas aig coig muillein deug air fhichead dolair ( $3 ,5000,000) ach ma shaoileas iad gun gabh e deanamh cha chuir an t-suim sin tilleadh sam bith orra. Tha an saoghal agluasad; coig bliadhna fichead air ais cha robh duine beò a chreideadh gun gabhadh a leithid so deanamh, ach an diugh cha chuir na daoines glice teagamh ann.

Bha conaltradh aig an admiral a tha air ceann nan soithichean-cogaidh a thagabhail cùram de Chrete, ri ceannardan na ceannairc, toiseach na seachdain so. Gheall e dhaibh gu faigheadh Crete féin-riaghladh, agus gum biodh guth aig na Creitich fhéin ann an taghadh an riaghlaidh a chuirte thairis orra. Ach cha dfhuair e éisdeachd; thuirt iad ris gur h-e bha dhith orra Crete a bhi air a h-aonadh ris aGhréig, agus gum bfhearr leotha bàsachadh na gabhail le ni sam bith eile.

Sen t-eilean as lugha thair an t-saoghal air am bheil daoinefuireach, an t-eilean air am bheil tigh-soluis Eddystone. ’N uair a than làn a mach, tha e deich troighean fichead a leud, achnuair a than làn a stigh, tha e troigh no dha nas lugha na sin, agus than tigh-soluis gaghabhail fodha fhéin gu h-iomlan. Tha triuir dhaoine fuireach air.


STOR UR TAILLEARACHD,

Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.

Theid sinn an urras air an obair.
MacCoinnich & Co.
Sidni, C B.


F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC

An aon fhear dhe sheòrsa thair Eilean Cheap Breatunn.

Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.

Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dhas coir dha toghal air.

Tha stoc math de speuclaireans de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.

Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c , &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.

THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHANEUREKAair a cheart phris air am beilearg an creic aig na muillin.

Tha Factoridh Eureka air aon den fheadhain as fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar adeanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.

Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.

Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitches Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd lathan deigh a chloimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.



[241]

[Vol . 5. No. 44. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Tha teintean adeanamh call mor ann am Manitobas anns an Iar-Thuath.

Chaidh dithis dhaoinòga a bhàthadh ann an acarsaid Yarmouth a sheachdain gus an de. Bha iad a mach ag iasgach ghiomach, agus chuireadh am bàta anns an robh iad fodha le soitheach-smùide bha dol gu cuan.

Bha crith-thalmhainn mhor ann an cuid de dheileanan man Innsean an Iar. Anns naLeeward Islands, ”air a cheud latha den mhios bha crith no dha ann leis an drinneadh call mor, agus a mharbh àireamh mhor dhaoine.

Chaidh Tigh-òsda Shidni a reic leis an t-siorram Di-satharna sa chaidh, agus chaidh a cheannach le Mr. Daibhidh McKeen air son ochd mile dolair. Bha mortgage aig Mr. McKeen air. Cha dfhuaireadh ach aon tairgseile aircoig mile dolair le Mr. Rowland.

Thainig seoladair gu Sidni Tuath Di-dònaichsa chaidh, an deigh coiseachd a h-uile ceum á Port Hawkesbury. Cha chuireadh sin annas sam bith air daoine deich bliadhna fichead air ais, ach anns na h-amannan sose duinainneamh a ni astar cho mor dha chois mur bi geall aige ri chosnadh.

Chaidh searbhanta a chur an sas ann an Sidni Tuath Di-luain sa chaidh, air amhrus gun do ghoid i fàine. Bha i afalbh do Bhostonnuair a dhionndraineadh e, agas chaidh a glacadhnuair a bha i direach afalbh. Cha deach a chuis a dhearbhadh oirre idir, agus chaidh a leigeil ma sgaoil.

Thatar ag radh gu bheil W. C. Domhnullach, fear-deanamh an tombaca ann am Montreal, an deigh an fhactoridh a dhùnadh, agus mar sin acur seachd ceud gu leth duine á cosnadh. ’S en t-aobhar a tha e toirt air son sin, nach eil fhios aige ciod an t-atharrachadh a dhfhaodas achis ùr a thoirt air pris an tombaca.

Thaghail duinòg a mhuinntir an eilein so ann a Halifax o chionn ghoirid, ’se air a thurus gu Boston agus smaoinich e air an oidhche gu rachadh e mun cuairt am baile feuch ciod a chitheadh e. Rinn e sin, achn uair a dhùisg en lar- na-mhàireach, cha robh airgead no ticket aige. Cha robh ni a bfhiach an t-saothair air a shiubhal nach do ghoideadh, ach an t-uaireadairs an t-slabhruidh, agus bfheudar dha iad sin a chreic air son airgead a bheireadh gu Boston e.

Chaidh fear Iain Lunn a mharbhadh ann am mèinn a Reservesa mhaduinn Di-màirt sa chaidh. Bha e coiseachd sios an slope, ’nuair a bhuail fear de na bocsaichean air, ’ga leònadh cho donas nach robh e beò ach mu dha uair. Bha eg obair anns a mhéinn so a h-uile samhradh o chionn da bhliadhndeug, agus be so a cheud latha dha air an t-samhradh so. Bu Shuaineach e, agus bha a dhachaidh airCarribou Marsh,far an dfhàg e bean us teaghlach. Chaidh fear a bhag obair comhla ris, Fionnladh Mac Suain, a mharbhadh ri thaobh anns a mhèinn an uiridh, le tuiteam guail.

Fhuaireadh ceathrar eile de sgioban t-soithich Fhrangaich a chailleadh air na bancaichean. Chaidh an togail le soitheach a thainignan rathad an deigh dhaibh a bhisa bhàta fad shia latha. Bha duinair fhichead anns a bhàta sin afagail an t-soithich, ach chaochail seachd duine deug dhiubh leis an fhuachds leis an acras. Tha iadsan a fhuair as lem beatha ag radh gun do chum iad iad-fhéin beò le fuil us feòil coin a bhacasa bhàta, agus a mharbh iad an treas lathan deigh dhaibh an soitheach fhàgail. Tha na daoine bochda anabarrach fad air ais; caillidh dithis dhiubh an casans an lamhan, agus an dithis eile an casan.

Thainig soitheach Gearmailteach a stigh do Halifax a sheachdain gus an , agus ceithir cheud gu leth de luchd-imrich air bord aice.

Bha Cùirt na Siorrachd ri bhi na suidhe air an t-seachdain so, ach air don Bhreitheamh Dodd a bhi gu tinn, bfheudar a cur seachad gus an ath sheachdain. Ma bhios e nas fhearr, agus air chomas tighnn a mach, suidhidh achuirt Dimàirt sa tighinn.

Thatar an deigh meinn oir luachmhor fhaotainn faisg air Milford ann an siorrachd Halifax. Tha iad ag radh gur h-i mèinn as fhearr a fhuaireadh ann an Nobha Scotia riamh. Thig fiach ceithir dolair fhichead de dhòr as gach tunna stuth a chuirear a mach.

Thainig an soitheach-smùideHarlawgu beul na h-acarsaid toiseach na seachdain so, ach bha an deigh mhor air tighnn roimhpes air a dunadh a mach, agus cha dfhuair i stigh gu maduinn Diciaduin. Tha luchd mor bathair air bòrd aicega thoirt gu marsantan Shidni us Shidni Tuath.

Chan eil an samhradh againn fhathast. Tha an t-side air car eile chur, aguss ann as coltaichen aimsir a nise ri meadhon an earraich. Thuit oirleach no dha de shneachd oidhche Dior-daoin agussa mhaduinn an . Tha an deigh mhor a stigh anns an acarsaid, agus thug sin comas ruith bho na bàtaichean.

ThaLieutenant Pearya cur roimhe sgriob eile thort don taobh a tuath air an t-samhradh so. Tha efastadh soitheach-smùide ann an Newfoundland, agus bidh dùil aige falbh á Sidni air an ath mhios. A dhaindeoin cho cunnartachs cho cruaidh-chàsachsa tha bhi dol don àirde tuath, gidheadhnuair a theid duine ann aon uairs miann leis a dhol ann a rithist.

Tha fear Fred Hallman ri bhi air a chrochadh ann an Gobson, an Illinois, air a cheathramh latha deug dhen mhios so, agus thatar a deanamh a mach gun drinn e coig muirt an taobh a stigh de bhliadhna. Is seòladair Gearmailteach e, agus bu mhnathan Gearmailteach an coignear. Tha e mar gum biodh fuath aige do na boirionnaich gu h-iomlan agus air son cur as do uireads is urrainn da.

Tha Ban-phrionnsa Wales an deigh litir asgriobhadh gu Morair Baillidh Lunnainn, ag iarraidh nach bi bochdan a bhaile sin air an diochuimhneachadh aig àm na h-Iubili. Tha i air son gum bi dinnear air a thoirt do gach aon aca a h-uile latha fad seachdain na h-Iubili agus tha i-fhéin a cur ceud punnd Sasunnach anns an ionmhas air son cuideachadh gu sin a dheanamh.

Tha càise Chanada a faotainn deagh reic ann am Breatunn, agus tha sin a toirt air muinntir nan Stàitean a bhi cur an cuid càise fhéin a nullna ainm. Air a bhliadhna sa chaidh, bha còrr us da mhuillein punnd air a chur as na Stàitean gu Montreal, agus as a sin do Bhreatunn an ainm càise Chanada. Mur cuirear stad air an obair sìn, chan fhada gus an caill càise Chanada a dheagh ainm, agus ma chailleas, cha bhi e cho furasda fhaotainn air ais.

Thainig soitheach-smùide a stigh do Vancouver, B. C., air an t-seachdain sa chaidh, agus àireamh de na bhair bòrd tinn leis abhric. ’N am measg bha Chang, an teachdaire a tha Iompaire Shina a cur a null do Bhreatunn gu bhi lathair aig Iubili na Ban-righnn, agus tha e gle fheargach air son a bhiga chumail air ais gus am faicear a bheil no nach eil abhreac air a shiubhal, Chuir e fios dhionnsuidh Riaghladh Chanada ag iarraidh a leigeil ma sgaoil, ach cha dfhuair e éisdeachd. Feumaidh e bhi toilichte le chuibhrionn far am bheil e gus am faigh e cead falbh.


C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


Seall an so air an ath sheachdain.


NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B,
Tha e na fhear-gnothuich don MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha.



[342]

[Vol . 5. No. 44. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 33.9)

than cinns am feusags am malaidhean air an lomadh. Tha iad ag radh gur ann anamoch feasgar a thainig iad don bhaile; agus o nach robh iad riamh roimhes abhaile, cha robh fhios aca caite an cuireadh iad seachad an oidhche. An uair a bha iad adol seachad air agheata smaoinich iad gum buaileadh iad aige. Tha iad aguidhe oirnn, as leith ni math, an leigeadh a steach, agus cuid na h-oidhche a thoirt dhaibh. Tha iad coma caite an cuirear iad, ma gheibh iad fasgadh fo dhruim taighe. Bhiodh iad toilichte gu leor le faighinn a steach don stabull. Tha iadnan daoine oga, dreachar gu leor, agus tha coltas dhaoine turail, tonnisgeil orra. Ach chan urrainn mi gun bhithgaireachdaich an uair a smaoinicheas mi air an eideadh iongantach anns am bheil iad.”

An uair a thuirt Safi so, thoisich i ri gaireachdaich, agus thoisich a dìthis pheathraichean agus am portair ri gaireachdaich comhla rithe. An sin thuirt i, “Am bheil sibh deonach an leigeadh a steach? Ni iad fearas-chuideachd gu leor dhuinn, agus on a tha iad gu falbh aig soilleireachadh an latha cha chuir e call mor oirnn fasgadh na h-oidhche, ague greim den bhiadh a thoirt dhaibh.”

Cha robh Sobaide agus Aimini an toiseach deonach na daoine a leigeadh a steach; ach mu dheireadh, an uair a chunnaic iad gun robh a leithid de thoil aig Safi an leigeadh a steach, dhaontaich iad leatha.

Bi falbh, ma ta, agus leig a steach iad,” arsa Sobaide. “Ach cuimhnich gun innis thu dhaibh gu saor, soilleir, nach fhaod iad aon fhacal a radh mu dheidhinn ni sam bith nach buin daibh; agus abair riutha an sgriobhadh a thair agheata a leughadh.” Leum Safi am mach gu toilichte, agus ann an uine ghoirid thill i steach agus an triuir dhaoine comhladh rithe.

An uair a chaidh iad a steach don t-seomar, chrom iad an cinn le umhlachds le urram an lathair nam mnathan-uaisle, mar a bha dligheach iomchuidh dhaibh a dheanamh. Chuir na mnathan-uaisle failte orra gu caoimhneil, agus thuirt iad riutha, gum be am beatha fuireach anns an taigh fad na h-oidhche, on a bha iad cho sgith an deigh an turuis.

(Ri leantuinn.)


An Tuil.

EADAR-THEANGAICHTE LE DONNRUA.

Bham breitheanas aig laimh. Adùbhradh na gréine
Chruinnicheadh neultan doinionach;
Agus asgaoileadh a machn am mealltaibh tiugha,
Chomhdaich iad thairis leth-chruinne an latha,
Gu clis, shiubhail am mòr-dhubhradh bho chuairt gu cuairt an domhain,
Acuir gruaime air aimsir dhorcha na h-oidhche,
Agus acòmhdachadh na h-iarmailte mar le brat-mairbh ro mhòr.
Iosals an duslach
Chrom na fineachan uile le eagal, ag aoradh,
Gu grad bhrùchd a mach le toirmus fuaim,
Ionaidibh-tasgaidh na stoirme, len uallaichibh troma;
Gu dians gu garg dhòirt na h-uisgeachan
Nach daom m le neart nan gaothan, ach a thuit,
Mar shaighead, gu direach neo-luasganach gu talamh,
Achlisgeadh, dhathadh na h-aibhnichean, agus le beucadh
Dhfhàg an claisean; mhosgail lochain chiuine bhon samhadas,
Agus dhoirteadh leo sgrios air an claidaichibh sithcheal,
Dhealraich an dealanachs an adhar,
Agus gu fann, troimh chomhlchadh tiugha nan tonn,
Chluinnten tairneanach arùchdail.
A no dhoidhch cha do stad doirteadh nan dianshruth
Agus ma bhan dorchadas air a shoillseachadh ach beagan,
Nuair adheirich maduinn ghruamach air meadhon-oidhche neo-reulach,
Bann a nchdadh eiridh nan uisgeachan,
Tha na còmhnaird fuidh uisge, agus air an treigsinn le eun agus beathach;
Le ball-chrith, tham mòr-shluagh asaorachadh suas,
Roimhn dùil do-shasachaidh.
Chomh-mheasgadh na cuantan, agus ghiulanadh an lebhiàtan mòr,
Suas air na h-uisgeachaibh, gu aite neadachaidh na h-iolaire.
Bha na beanntan a mhain, a nis rim faicinn;
Bhan sliosan, bho àirden uisge, gu ruig an cirean-mullaich,
Comhdaichte le mìltean: bhuail lamh abhais iad, ’s iad adìreadh;
Nis dluithe agus nis dluith,
Tha na fineachan adomhlaicheadh air acheile
Mar tha na stuadhan ardatogail an cinn
Agus acumhangaicheadh an saoghail bhig.
Agus anns an uair sin
Cha do chuidich neach a chompanach. Bé gradh beatha
An t-aon aomadh nadurra; bhuail am mac laidir
An t-athair aosdabhan crochadh ris airson cuideachaidh.
Tha boirionnach, le ceumaibh turamanach
Agluasad air oir achais-bhruthaich,
Ach cha dfhuair i gairdean air an greimicheadh i
Air abhruaich uamhasaich thar an robh i air chrith, ag aomadh.
Shuidh féinealachd, mar throm-luidhe air gach cridhe,
Amuchadh guth graidh. Bha cas an fhir laidir
Air muinneal an òganaich: agus bu tric aghlacadh
An stàillinn cruaidh-ghlas, ann an laimh an eu-dochais
Agus adhathadh e ann am fuil luchd-daimh,
Atruailleadh achuid mu dheireadh den talamh sin
A bha Dia adìleachadh chum aghlanadh.
Bha uile-bheisteano na comhnardaibhan craidhnichean
Nach do mhill liath-reothadh cheudan bliadhna
Len uile neart abriseadh troimhn mhorshluagh;
Agus eunlaith fhiadhaich an adhair,
Air an leagadh sios le neart nan uisgeachan troma,
Len sùilibh air an dalladh le iteach luidrichte, agus sgiathaibh slaodach
Agluasad, gu neo-mhothail, thar na closaichibh.
Bha na beanntan fuidh uisge; bha na comharran-criche
A bha deallachadh nan duthchannan air dol fodha,
Gus nach robh ach aon mhullach beinne a mhain,
Os ceann nan ard-thonnmar chuspair-amhairc air saoghal baghta;
Agus de na treubhan uile a dhubh gach àirde,
Aon duine mhain, tha beo: agus air chrith,
Gun dochas; ’s gun fhasgadh, sheas e air a bhloigh sin den domhan.
Bha càthadh-mara ard-thonn achuain mhoir sin
A bha nis acomhdachadh an t-saoghail, abriseadh aig a chosaibh.
Air a cheann liathgealaichte le eagal, ’s cha bann le aois
Tha nèultan dubha, gun iochd adoirteadh an dile;
Mun cuairt dhafaicinneach le solus fann na maidne ghruamaich
Tha miltean de chorpaibh air an luasgadh a null agus a nall,
Agus len gairdeanaibh sinte, mar gun robh iad asmeideadh air
A dhol gus a chor chéudna.
Bhuail e bhathais, agus air call a chéile,
Leumadh e gan caidribh; ach feuch!
Fachomhair, a marcachd air bharr nan tonn,
Chunnaic e dealbh ro mhor, agus ga chluais
Thainig fuaim aoibhneach a thug sanas dha gun robh i àitichte.
Dheirich dochas aon uair eilen a chridhe.
Agus asineadh a ghairdeanan a mach a dhionnsuidh na h-àirce
Ghlaodh e le guth ard airson cuideachaidh,
Ach, air adhìteadh le Dia,
Cha burrainn duine urnuigh-san afhreagairt.
Mar shaighead as a bhogha,
Chaidhn airce gu luath seachaddhéirich na tuinn
Agus shlug iad a suas an duine deirionnach.
An sin thogadh an dùbhradh bho aghaidh nan speur,
Agus dhealraich solus na gréine air cuan gun chladach,
Agus air àircna dìdein.


Eolas an Deididh.

Chunnaic mi Tàbhart (sic!)
Siubhal air beanntaichean Nabot
A chnei(mh) nadheud,
Gun tuigse nabheul,
Dhianag leigheas dhadheud,
Ach tha mise ga dleigheas
An ainm Mhic Dhé.
[An t- ainm]

Is e so an t-eòlas bha aig Iain Macillineain (an Lùb), nach maireann airson an déididh. Dhionnsuich e an t-eòlas seo bho chionn còrr agus ceithir fichead bliadhna sa deich bho fhìor sheana bhoirionnach aig taobh Loch Monar, mar a bha e air a chleachdadh, nabarailse, bho làithean an t-Soisgeil. A réir a beachd-sa bha e ri chreidsinn gun do leighis an Slànuighear a chnaimh. Bhan duine seo ainmeil airson casgadh an déididhs bhiodh etoir biorain seachad a rachadh a chur san fhiacail. Nuair bha e sireadh a bhiorain bha e gabhail an Duain. “Mas e a bhiast tha sa chnaimh,” os es, “ni mi do leigheas.’ Sgriobh mi na focail bho Padruig Stiubhart.



[343]

[Vol . 5. No. 44. p. 7]

Neo-bhasmhorachd.

Chunnaic mim blàth aseargadh air aphreas, ledhuilleagaibh bòidheach sgapta air an làr. Dhamhairc mirithist: thog echeann as ùr; bhrùchd a mach am maothan ogna bhàrr; thàinigfhàileadh cùbhraidh orm ann an uchd na gaoithe.

Chunnaic mighrian adol fodha san iar agus neòil chiar-dhubh na h-oidhche asgaoileadh mun t-saoghal; cha robh dath, no dealbh, no àilleachd, no ceòl; ach aon duìbhre dhorcha atuinneachadh mun cuairt. Dhamhairc mi; dhéirich aghrian a ris san ear ann an àilleachd a neirt, asgaoladh a gathan òr-bhuidh air àirde nam beann: áneadan còinnich dhéirich an riabhag a chur fàilte oirre; agus theich an oidhchena ciar-imeachd air falbh. Chunnaic min durrag air teachd gu làn mheudachd; dhfhàs i fann; dhiùlt i lòn; shniomh i uaigh dhi féin, agus chunnaic mi i air a righena léine-bhàis shioda; luidh i gun chosan, no dealbh, no lùth, no comas gluasaid. —Dhamhairc mi rìs; bhris i cuibhreach abhàis; thàinig i beò as ùr; air a sgiathaibh dearg-bhreac àillidh ghabh i mach air blàs chéitein na gaoithe; rinn i gàirdeachasna h-ùr bheatha.

S amhuill so a thachras dhuitse, O dhuine! —mar so ath-ùraichear do bheatha-sa. Cinn-àilleachd as an ùir, agus beatha as an duslach. Tamull beag, agus luidhidh tu fon fhòid, mar luidheas an sìol san fhonn; ach togair thuna dhéigh so, agus a chaoidh cha bhàsaich thu.

esan a tha teachd a bhristeadh cuibhreach na h-uaighe, a dhùsgadh nam marbh, agus a chruinneachadh a mhuinntir shaorta féin o cheithir àirdibh an domhain? Tha etùirling air neul lasarrach; tha mìlte do ainglibh air a dheas làimh.— ’S e Iosa mac Dhé a tann, Fear-saoraidh achinne-dhaonna; caraid nam ionracan. Tha eteachd ann an glòirAthar; fhuair e cumhachd on àirde.

A mhic na neo-bhasmhorachd, na bi fo bhròn! oir tha am miltear an-iochdmhor a thug sgrios air oibribh Dhé, air a cheannsachadh. Thug Iosa buaidh air abhàs. A mhic na neo-bhàsmhorachd! na bi nis faide fo bhròn! —Leabhar nan Cnoc.


AGhort anns na h-Innsean.

Cha dthainig gort air na h-Innsean anns an linn so cho fior dhona ris a ghort a bhann air a bhliadhna so. Chan eil teagamh nach robh i anns an dùthaich sin iomadh uair on bha i air a h-àiteach leis a chinne-daonna an toiseach, achs i cheud te air am bheil cunntas againne, aghort a bhannsa bhliadhna 1770, ’nuair a bhàsaich deich muilleinean sluaigh le cion a bhidh. Bha gort eile anns an dùthaich eadar na bliadhnaichean 1876 us 1878, leisn do bhàsaich coig muilleinean. Bhiodh aghort am bliadhna moran na bu sgriosaile na bha i nam biodh an dùthaich fhathast fo riaghladh nam prionnsachan nàisinneach. Than dùthaich moran nas fhearr fo riaghladh Bhreatuinn. ’S ann fo riaghladh Bhreatuinn a thainig i gu bhi cho làn de rathaidean-iaruinns gu bheil e comasach, nuair a thig luchd soithich de bhiadh gu acarsaid, a sgaoileadh air feadh na dùthcha an ùine gle ghoirid, agus gu faigh iadsan a tha anns na h-iomaill as fhaide mach den dùthaich an riarachadh cho mathsa gheibh iadsan a tha còmhnuidh anns na bailtean-mora. Agus chan e mhàin sin, ach tha leithid de chùram air a ghabhail den bhiadh leotha-san a thaga riarachadhs nach eil a bheag sam bith air a mhi-bhuileachadh. Tha gach luchd soithich air a riarachadh air an dòigh as fhearr a ghabhas deanamh chums nach bi ana-caitheadh sam bith ann, ach gum bi e uile air a chur a thearnadh beathan t-sluaigh.

Tha cliù mor dligheach do Bhreatunn air son a carthannachd, agus bheirear urram dhi gu bràth air son mar a shìn i mach a gàirdean cumhachdach a thearnadh nam muilleinean air taobh eilen t-saoghail. Ach buinidh cliù mar an ceudna do na Stàitean Aonaichte. Chuir Riaghladh na dùthcha sin soitheach-smùide mor air aChuan Chiùin gu bhigiulan flùir eadar San Francisco us Bombay. Nach briagha an sealladh e, —dùthaich mhor Chriosdail a cur bidh gu Pàganaich a tha bàsachadh le acras deich mile de mhiltean air falbh.


Is duilich ri chreidsinn e, ach leugh sinn e an la roimhe, gun dfhuair gach seachdamh duine anns na Stàitean a bhreith us àrach ann am baile-mor Lunnainn.


Cuir a dhiarraidh MHIC-TALLA.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar uthcha thanar beachd


CARADH
Uaireadairean
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.


D. A. Mac FHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIGOs cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.


Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C. B.


McDonald Hanrahan & Co,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co
Mai 4.; ’95



[344]

[Vol . 5. No. 44. p. 8]

Oran

LE GILLEASPUIG S. DUGHALLACH, ’AM MARGAREE.

Tha e coltach ged a rachadh aiggoirteas cinnair a chumail far frolic nach burrainn da a chumail gun bhibàrdachd.

Fàth mo mhulaid mi bhi fuireach
Mulach nam beann àrda,
S càch air cruinneachadh le cuireadh
S iad ri iomadh mànran,
S mi fhéin leam fhéinan so gu tinn
Le goirteas cinng am chràdhadh,
Gur beag mo shunnd ri dhol a nùll
Farbheil iad cruinn afràimeadh.

Chan e cion cuiridhrinn mo chumail
Diugh á measg nan càirdean,
Ach liunn-dubh a bhi air ghur
Air tuinneachadham nadar;
Oir fhuair mi cuireadh farsuinn, ciatach,
Fialaidh mar a babhaist
Bhon fhear dhiadhaidh, ghasda chriosdail,
Nacheil giomh nan nadar.

Sud na leoghain ghuineach, bhréun,
Nan tigeadh feum air àrdan;
Nach gabh gioragn àm na h-iomairt
Ro ruinn bhiorach stàillinn;
An am na sìth, a tha cho mìn
Ri sìodabhiodh an làmhain;
S tha fiosam fhìn, nan tigeadh strith
Nach cìosnaichtiad le nàmhaid.

S iomadh nighean bhoidheach, chridheil,
Tha na suidhen dràsda;
S iad amire ris na gillean,
Mar is minigbha iad;
Iad gu toilichtair afhrolic,
Cumail conas graidh ris
Na gillean òga, ’tha le dochas
G iarraidh, “Seall dhomhm faine.”

Bha misuairs bu mhor mo spéis
Do thé na no dha dhiubh;
Ach bhon a chaidh mi nisbho fheum,
Sanns fheudar domh lem nàire
Bhi toirt mo chùil ri ait’ ’m bi sùnnd,
Bhon dhfhalbh mo shùrds mo mhànran,
S bhon theann an aois a nall rim thaobh,
S a chaochail i mo nàdar.

Nuair a bha mi nam ghillòg
Bu ghòrach mar a bha mi,—
An duil gu maireadh neart is òige,
Orain is ceol-gàire;
Ach an diugh gur ann is léir domh,
Bhon a threig mo shlàinte,
Gum beil gach aon adol a chaochladh
S nach teid aon duinfhagail.

S corr domh nise thoirt fanear,
An t-anamchaidh a chàradh
Air mo chùram, gus a ghiùlain
Glan a dhionnsmo Shlànair;
S a bhig ùrnuigh ri mo Chruithear
na h-ùine ghearr so
E fhein na iùl-fhear bhos mo chionn
Gam ghiulainstigh gu Pàras.

Ach Iain Ruaidh na biodh ort gruaim
Ged nach dfhuair min drasda,
Dol measg nan uaislean tha gu h-uallach
Acur suas an fhraim duit:
Ach guidheam piseach, mics deagh run
A bhi gu dlu na nàbaidhean
Dhut gach bliadhna, gur an triall thu,
S Dia a bhin ad fhàrdaich!


Laoidh.

AIR FONN: “Eilean an Fhraoich.”

Rinneadh na rainn so le banntrach Ailean Pheutain, no mar a theirte rithe na h-òige, Caitriona Bhàn, nighean Iain Mhic Ruairidh Oig an Raasaidh. Tha i o chionn iomadh bliadhna a fuireachsan Ròs Ghleann an sgire Strathalba, an Eilean aPhrionnsa. Ma bhios àite anns a MHAC-TALLA don aon oidheirp a thug i riamh air bardachd a chur ri cheile, bidh a sean-chairdean toilichte fhaicinn. C. C.

Achs truagh nach robh misan Irusalem nuaidh
Gun ghearain gun bhròn ann ach solas bith-bhuan,
Chan fhaigh naimhdean do ghloire chaoidh coir a dhol suas
Ach bidhn dream a fhuair trocair seinn oran an Uain.

O deansa ar teagasg le focal do ghrais,
Is thoir dhuinn an creìdimh bhios seasmhach gach trath,
S an namhaid gar buaireadhs gar tuairgneadh gun tamh,
S ag radh nach eil suamhneas no fuasgladh od lamh.

Ach o nach ath-bheothaich thu nise do shluagh
Gu tagradh le durachd air son ùrachadhuat,
Oir tha stor ud cho làn gun traghadh air uair,—
Bho amhuinn an t-solais thig beo-uisge nuas.

Le firinn a Mhuires ann anad bhan gradh!
Nuair dhfhan thu ga fheitheamh gun eagal, gun sgath,
Gun dubhairt e, “Na bean rium, cha deachaidh min aird
A dhionnsuidhurn Atharsas mAtharsa ghnath.”

Ach o nach labhair thu nisris an oige
Tha siubhal gu mi-rianail gun striachdadh don choìr,
Deanamh tair air an t-slaint’, bhearadh gras dhaibhus gloir,
Leantuinn slighe Bhalaambheir bàs orras bròn.

Ach deonaich gu faic sinn deadh laithean do ghloir
S am bith Iudhaichus Cinnich a pilleadh le deoin
A cur earbsann am buaidh fuil an Uain do gach seorsa
Is fo fhasgadh do sgeithe gun gleidh thu iad beo.

Thoir comhnadh is teasuirgin dhuinne bhon Fhein
Mun dean i ar milleadh mar inneal ro gheir;
Ar suil a bhi suass ann ri buachailan treud
S ann bho gheallaidhean buadharthig fuasgladh nar feum.

Agus o nach tugadh thun ais-eirigh bheo
Air cnamhan tha tioram, gan tional don chrò,
S gun cluinneadh an cluasan guth a bhuachaille mhoir,
S iad mar chaoraich an tuaineil fo thuaicheals a cheo.

Ach o gun robh leaghadh air cridheachan cruaidh
Bho eisdeachd an t-soisgeil is gun e toirt buaidh.
Thoir eisdeachd do ùrnuighs do dhurachd do shluaigh,
Dheanadh gairdeachas ur ris an driuchd theachd a nuas.

A Shlanuighear beanaichsa focal do ghrais
A nis don luchd-eisdeachds iad feumach a ghnath
S do theachdairean dileas ag innseadh gach la
Mar beirear a ris sinn gun dìtear gu brath.


Faisg air

da bhliadhna air ais, sgriobh an t-Urr. Job Roadhouse, á Seeleys Bay Ont., ’g ar n-ionnsuidhCeadaichibh dhomh innse dhuibh cho measailsa tha mi air K. D. C. Bha mo stamag cho donas gu robh i deanamh coire do mamhaich, air uairibh bhiodh eagal orm gun caillinn mo ghuth, ach thug K. D. C. a leithid a dhfhaothchadh dhomh, ’s gu bheil mi creidsinn gur h-e leigheas stamaig as fhearr a dhfheuch mi riamh.

A RITHIST sgriobh air Maigh 25, 1896, mar a leanas— “Cha chuala mi neach sam bith a dhfheuch K. D. C. ag radh dadna aghaidh, ach tha gach aonga mholadh mar leigheas math. Tha ega mholadh fheins gach àiten teid e.”

Cha toir tim smal air a chliù, agus gun teagamhs en leigheas air cion-cnàmhaidh as fhearr a gheibhear an Canada. Tha K. D. C. Pills mar an ceudna anabarrach math air son a chuim.

Sampuill a nasguidh.
K . D. C. Company Limited, New Glasgow, N. S., and 127 State St. Boston, Mass.


NUAIR THEID THUBHADDECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram, Bathar Cruaidh
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile.
An seorsas fhearrs aphris as isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.


NIALL Mac FHEARGHAIS,
Taillear.
SIDNI - - - - C. B.


Indurated Fibreware
Tha an seòrsa so nas daoire na na bucaideans na tubaichean cumanta, achs math is fiach iad sin; tha iad nas buaine, agus mar sinsiad as saoire.
THE E. B. EDDY Co LIMITED
HULL, CANADA.

titleIssue 44
internal date1897.0
display date1897
publication date1897
level
reference template

Mac-Talla V No. 44. %p

parent textVolume 5
<< please select a word
<< please select a page