[345]

[Vol . 5. No. 45. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, MAIGH 15, 1897. No 45.


Fearas-chuideachd nan Gaidheal.

FEAR AGHILL BHOIDHICH BHUIDHE.

Tha achuideachd a nise air suidhe mun cuairt a rithist, agus tha fear a dol mun cuairt le a cheann-aodach agus afaotainn geall air bith bho gach aons achuideachd, agus gan caradh uile anns an aid, aguus gan ruaimleadh air feadh a cheile. Tha e an sin asuidhe agus an ad aige na laimh, agus fear-eigin a dol air a ghluinnean ledha shuil duinte, direach mar thachair aigTrom an oir.” Bheireadh am fear aig an robh na gill a mach aon, agus ga chumail os cionn ceann an fhir a bha gu h-iosal, dhaithriseadh e na facail so:— “Ciod a ni fear a ghill bhoidhich, bhoidhich, bhuidhe so?” Bha am fear a bha gu h-iosal ag ainmeachadh ni eigin do gach aon, agus ge be air bith de cho cruaidhs a dhfhaodadh am peanas a bhith, dhfheumteadh dol nadhail. Thigeadh air fear, theagamh, na reultan a chunntas, air fear eile ruith ceithir-thimchioll an tighe air a leth chois, agus air maighdinn oig ceithir oisnean an tighe a phogadh, agus dhfhaodadh tu a bhi cinnteach nach biodh na h-oisnean aig an am sin falamh. An uair a bha crioch air na gillagus gach aon an deigh a chuid fein a dheanamh, bha crioch air a chleas so cho math ris achorr agus chaidh tarruinn a thoirt air fear eile.


GILLIDE GOC.

Is cleas so, tha mi creidsinn, nacheil ach ainneamh ri fhaicinn ga chluich a nis, ach a bha gle fharumach aon uair. Bha an comhlan nan suidhe gu socair soinbheirt mun chagailt, agus bha fear afaotainn bior caol fiodha agus acur an dara cinn deth anns an teine, gus am biodh lasair as. Bha so ga chur ann an laimh an fhir a bha aig ceann na sreatha agus adol o aon gu aon mun cuairt achuideachd, agus a h-uile h-aon riabh ag aithris, cho luaths adheanadh a theanga dha

Chaneil clach no crann,
No maide caol, cam,
S achoill ud thall,
Nach tuit mu dcheann,
Ma leigeas tu bàs Gillide-goc.”

Mar a dhfhaodar a thuigsinn, cha mhaireadh an lasair air abhioran fada, agus co sam bith lamh anns an rachadh i as bha a pheanas fein afeitheamh air. Bha so acur tuilleadh spread anns gach aon gus an rann aithris cho luaths a bha e na chomas, agus is ann an so a bha achuid a bu mho de thoil-inntinn achleas so ri fhaotainn. Cha luaithe bha am fear so seachad na thainig fear eile air bonn.

BIORAN BEO.

Tha an cleas so anns gach doigh cosmhuil riGillide-goc,” ach a mhain gur e abheolach a tha ri bhi air abhioran anns an fhear so an aite na lasrach anns an fhear eile. Tha e air a ghiulan air aghaidh anns acheart doigh ris an fhear a dhainmich mi; is e sin, am bioran atoiseachadh aig ceann na sreatha agus a h-uile h-aon mar a rachadh a shineadh dha ag aithris, cho cliss a burrainn da

Bioran, bioran beo,
Fhads is beo am bioran,
Ma theid am bioran bas,
Bidh an geall ort.”

Am fear aig an dthug am bioran suas an deo, bha an geall air, agus bha a dhuais fhein aige ri fhaotainn cho math agus anns achorr de na cleasan a dhainmich mi; agus cho math ris achorr bha a thoil-inntinn agus a lan-aighear daonnan aleantainn a chleas so. Tha a nis tarruinn ga thoirt air fear eile dan cheart seorsa.


SIMON AGUS NA SAOIR.

Tha achuideachd fhathast nasuidhe agus cha ruig iad a leas eirigh air son achleas so. Tha gach aon acur am basan air an gluinean gu teann, gramail, agus tha am fear air an ramh-ghuailne ag aithris nam facal so, agus aig acheart am atogail agus a leagail a bhasan afreagairt nam facal

Dhiarr Simon air na saoir
A bhig obair, a bhig obair;
Dhiarr Simon air na saoir
A bhig obairsin gun stad.”

An uair a gheibheadh e air siubhal iad gu math, agushuganaca air a chluich so, a h-uile h-aon atoirt barr as barrachd air a cheile ann an cur an òrdugh an gniomha, bha atharrachadh beag atighinn anns an rann, an uair nach robh fiughar ris, agus bha fear-na-stiurach ag aithris mar so

Dhiarr Simon air na saoir
A bhig obair, a bhig obair;
Dhiarr Simon air na saoir
A bhig obairsin stad.”

Is ann aig a so a bha an ceol air a chur feadh na fidhle. Am fear a bfhaide bha gun a bhasan a leagail cha robh atoirt grad gheill do dh-ordugh Shimon, agus, leis a sin besan an ciontach anns achleas so.

Bha moran tuille de chleasan a dol, mar bhaCruidheadh na laire bain,” “Falach-fead,” “Cuir air luing,” “Thug so gradh,” “An tigh mor a thog mathair dhomh,” “Lura bocan,” agus sgaoth eile de chleasan agus de thoimhseagain air nach comasach dhomh iomradh a dheanamh.

Leis nach robh ach roinn de dh-uine na ceilidh air a toirt suas leis na cleasan a dhainmich mi, feumaidh sinn a chuimhneachaph gun robh moran eile de fhearas-chuideachd aig na Gaidheil a bu choir dhuinn tighinn thairis air. Chan e a mhain gun robh gach aon de na cleasan taitneach ud a dhainmich mi (agus cuid nach dainmich mi idir) ach bha orain de gach seorsa dol agus aphiob mar bu choir an teis-meadhoin na cuideachd.

Chaneil e comasach ann an òraid ghoirid den t-seorsa so tighinn thairis air gach fearas-chuideachd abhaagus athaaig na Gaidheil. Ach anns an t-suil aithghearr a thug sinn air a chuspair so chunnaic sinn gu bheil cleas no dha ann a tha an cunnart a bhi air an di-chuimhneachadh, mur am bheil iad cheana ann. Nach sona a bhiodh a liuthad dachaidhnar measg nan robh cuid de na cleasan ud air an cumail beo fhathait, seach an fhearas-chuideachd a tha air ullachadh air son oigridh. Bha sonas, sith, agus duinealas ariaghladh eadar duine agus duine ri linn do na cleasan so a bhi air an cleachdadh, agus ma bha iad nan aobhar sonaissan am a dhfhalbh, chan fhaod e bhith gu bheil sinn cheana air atharrachadh cho mors nach tugadh iad toil-inntinn duinne mar an ceudna. Agus mas e is gu bheil sinn air fas sgith de ghnothaichean dan t-seorsa so (rud tha fhios agam nach eil) is urrainn duinn mar is lugha an cumail beo le bhi gan cruinneachadh ri cheile, agus mar so, aite bhann an eachdraidh nan Gaidheal air son an cleasan, cho maith ri an sean-fhocail, ri an ceol, agus ri an iomadh cleachdadh uasal, ionmholta. Fhads is beo mi bidh cuimhne agam air a liughad feasgar a chaidh a chur thairis anns an doigh so, far an dfhuair mi marach, agus ìs i mo bharail ma tha cearn eile dan Ghaidhealtachd anns nach robh an leithide so de chleasan adol air aghaidh, nacheil moran aobhair moit aca as cho Gaidhealach sa tha iad, agus mar is luaithe gheibh iad an teagasg anns an ni so, is ann is fhearr. Thigeadh fasan ur gach la; biodh toileachas inntinn ur ri fhaotuinn gach laidhe greine; siubhladh gach seana chleas seachad ma dhfheumar, agus siolaidheadh gach ni Gaidhealach ann an cuan nan nithean a threig

Is toigh leam na cleachdanna ceanalta bhann;
Na biodh iad air diochuimhna nis aig a chloinn;
An caoimhneas, an cairdeas abhàigh as an t-eud,
Thug cliu dhoibhs gach aite fo chuairtean nan speur.

AONGHAS OGsaHighland News.



[346]

[Vol . 5. No. 45. p. 2]

COMHRADH

EADER MURACHADH BAN AGUS COINNEACH CIOBAIR.

MUR. Thainig thu mar a gheall thu, a ghoistidh, agus a dhinnseadh na firinncha robh dùil agam riut gu feasgar. An dthug thu an gearran donn leat, an uair a chuir thu an t-slighe seachad co luath, oir cha bheag an t-astar a ta eadar so agus an Goirtean-Fraoich?

COINN. Ma ta, a Mhurachaidh, rinn mi an t-slighe na bu luaithna bu mhaith leam, oir cha robh cruidhean air aghearran agam fein, agus thug mi leam Eolus aig Sir Séumas, a bha diomhain aig abhaile; agus ruith agus leum e fodham, air chors gun robh mi adian-ruith na slighe mar a ghaoth.

M. Chan ioghnadh sin, a Choinnich, oir tha fios agad gur e Eolus dia na gaoithe, ceart mar a dhinnis mi dhut roimhe gun be Morpheus dia achadail. Tha dorran orm nach fhaca mi thu na ddheann-ruith air muin Eoluis, oir chuireadh tuna mchuimhneIain Gilpanmun cual mi mòran an uair a bha mi am bhallachan òg.

C. Coma co dhiubh, a Mhurachaidh, gheall thu dhomh an uair a bha sinn cuideachd mu dheireadh, gum mìnicheadh tu dhomh iomadh ni mu nàdar agus cleachdanna nan diathan-bréige sin dan robh na Cinnich Ròimheach agus Ghréugach atoirt geill.

M. Tha thu gle fhior, a charaid; rinn mi sin gun teagamh, ach aig an àm leigidh sinn ar n-inntinn air naigheachdaibh eile, agus air gach ni a thachair on chunnaic mi mu dheireadh thu.

C. Chan eil ùrachd idir agam, a Mhurachaidh, uime sin buaileamaid an t-iarunn an uair a tha e dearg, agus faigheamaid sgeul air gnathannaibh nan Cinneach iodhol-aorach sin an uair a tha iad againn os làimh.

M. Ma ta, a Choinnich, is fhad on chual sinnNach tig ubh mòr á nead an dreathain-duinn,” ceart mar sin na biodh dùil agadsa, a ghraidh nam fear, gum faigh thu cunntas farsuing air na nithibh sin o dhuine aineolach mar a ta mise.

C. ’S eadh, ’s eadh, a charaid ionmhuinn, ’se tìm a bheir teisteanas, mar a thubhairt an sean-fhacal, rach air daghaidh, agus chan eagal idir nach téid achùis leat, oir tha deagh eòlas agad air na cleachdannaibh eugsamhla a bha ann bho chéin.

M. Chan fhurast dol as bho dliontaibh, a ghoistidh, ach thainig ni àraidh nam bheachd leis am bi thu, feudaidh ebhi, air do riarachadh gus am bi tuilleadh ùine againn gu léudachadh nas farsuinge air na cùisibh sin. Bha mi aléughadh sgéul iongantach an raoir ann an Cuairtear nan Gleann mu thimchioll Neptuin, dia achuain. Sgriobhadh i le do charaid an Seann Sgiathanach, o cheann tri bliadhna deug thar fhichead, agus do bhrigh gum bheil i ùr dhutsa, feudaidh mi ruith thairis oirre gu luath chum do thoileachadh.

C. Dean sin, ma ta, a ghoistidh, agus ma thugadh an sgeul riamh seachad leis an Sgiathanach, mo làmhsa dhuit gum bi iomradh air na sithichibh ann, no air glòrais éigin mu na réultaibh, oir bha dùil agam riamh gun robh seillean ann an ceann an Sgiathanaich sin.

M. Ud, ud! a Choinnich, na bi co bras, oir is dona a thig e dhuitsa a bhicur sios air neach sam bith a thaobh nan sìthichean, oir bu dian an caraid thu fein dhoibh.

C. Tha mig iarraidh maitheanais, ort, a ghoistidh choir: chuir mi stad ort na dsgeul; rach air daghaidh agus bheir mise deagh chluas duit. Tha e naaobar taingealachd, gum bheil an Ti a thug comas labhairt dhuitsa, atoirt comais eisdeachd dhomhsa.

M. Ma ta, a Choinnich, cha mhor nach eil mismuaineachadh gur h-ann na dcheann fein a than seillean, agus gun do chuir an steud-each Eolus ear na deanchainn; ach coma co dhiubh, theid mi air aghaidh le msgeul. Tha moran, gun teagamh de luchd-leughaidh aphaipeir nach cual guth riamh air na cleasaibh iongantach a ta gan gnàthachadh air longaibh an uair a bhios iad aseòladh a null air crios-meadhoin an talmhainn. Nithear dichioll, uime sin, air cunntas goirid a thoirt air na cleasaibh sin, do bhrigh gum bheil iad air an cleachdadh gu ruig an n diugh air moran de na longaibh a taseòladh thar achrios sin do dhInnsibh na h-Airde-near, Astralia, no àite air bith eile ann an cuantaibh na h-Airde-deas.

C. Tha mi gu tur aineolach air na nithibh sin, ach rach air daghaidh, a ghoistidh choir.

M. Biodh fios agad gum faicear aghrian anns an rioghachd so deas oirnn aig meadhon-, ach nam biomaid ann an Astralia chitheamaid i mu mheadhon tuath oirnn. Than talamh cruinn, agus leth-char air chumadh uibhe; tha, uime sin, àite sònraiche aig meadhon an astair eadar ceann deas agus ceann tuath an talmhainn, far am bheil aghrian aig meadhon- direach os ar ceann, agusse sin an t-àite ris an abrar anns aBheurla an Line no an Equators e sin an crios, no an cearcall, a thacuairteachadh an talmhainn bhon àirde-near, gus an àirde-niar, agus garoinn nadha leth. Ach chum gun tuig thu so gu ceart, a Choinnich, feumar a thoirt fanear, mar a dhinnis mi dhuit a cheana, gun robh moran de dhiathaibh bréige aig na Cinnich bho shean dan robh iad atoirt geill. Is gann nach robh dia no ban-dia aca air son nan uile nithe. Mar so be Mars dia achogaidh; Baccus dia an fhiona; Pan dia nan coilltean, agus nan ciobair; Ceres ban-dia an arbhair; Minerbha ban-dia aghliocais, agus mar sin sìos.

C. Ochan! nach iad a dhealbh an armailt chumhachdach, chum iad fein a dhìon! Nach cianail tréun-mhealladh agus doille-inntinn achinne-dhaonna! Ach tha mifaicinn nach drinn iad dearmad air na ciobairibh bochda, oir thug iad Pan dhaibh.

M. Thug gun teagamh, ach tha eagal ormsa ma tha na cìobairean uile cosmhuil ri mo dheagh charaide-sa, nach bi mòran aig Pan bochd ri dheanamh.

C. Coma leat sin, a ghoistidh, gabh air adhairt le dsgeul, agus thoir cead a choise do Phan.

M. Ro cheart, a Choinnich, ach tha e cinnteach, air do na Cinnich a bhi mar so adealbhadh dhiathan nan inntinn fein gu bhiriaghladh thairis air gach ni, agus air creutairibh co suarach ris na ciobairibh, nach fàgadh iad an cuan mor agus doinionnach gun a dhia fein mar an ceudna. Be uime sin, Neptun dia mor achuain, agus bi Amphitrite a chéile rioghail, ban-dia achuain. An uair nach robh eòlas sam bith aig na cinnich thruagha sin air an AON DHIA bheò agus fhior, a chruthaich nèamh agus talamh bha iad gu diomhainan dùil gum be Neptun a baobhar do gach anradh agus doinionn air achuan mhor, agus gun robh uile uisgeachan an domhain aigesan fosmachd fein.

C Ochan! be Neptun gun teagamh sam bith an diùlnach tapaidh, ach bha gu leòir aige ra dheanamh. Ach lean air dadhart.

M. Chum sùgradh agus cridhealas a chumail suas air na longaibh a thaseòladh do dhùthchannaibh céin, tha na seòladairean aleagail orra gum bheil Neptun ann, agus gum bheil an t-àite-comhnuidh aige direach aig crios-meadhoin an talmhainn anns achuan mhor; agus nach ceadaich e do luing sam bith a dhol seachad air achrios sin gun fhàilt a chur oirre. An uair, ma ta, a ruigeas long an t-àite sin dhen chuan, theid seòladair suas gu mullach achroinnmhoir a ghabhail fradhairc air achuan ceithir thimchioll, agus chan fhad gus an glaodh e le uile neairt— “Tha mifaicinn ni eigin cosmhuil ri sgoth air taobh an fhuaraidh.” Ann an ùine ghoirid an déigh sin, cluinnear guth anns achuan aig toiseach na lùinge dan toir oifigeach àraidh freagradh. Their an guth ris an oifigeach so, “Cuir an long air an laidh-thuige, oir tha Neptun ateachd air bord.” Air ball cuirear suas an long, agus air acheart mhionaid sin leumaidh òganach sgiamhach suas air achlàr-uachdair, air a sgeudachadh gu riomhach le briogais ghoirid, le bucullaibh nabhrògaibh, agus leis gach ni eile a reir sin. Grad chuiridh e mòran cheistean, ag iarraidh fios air ainm na luinge, cia as di, càit am bheil idol, agus ciod leis am bheil i air a luchdachadh?

C. Cha chuala mi leithid sin riamh, a Mhurachaidh; cuiridh mi geall gur e sin Neptun fein.

M. Air do shocair, a charaid, chan e idir, ach an gille aige, oir innsidh e gu modhail gur seirbhiseach le Neptun esan, agus gun do chuireadh e a thoirt brath gum bheil a mhaighstir ateachd gu grad



[347]

[Vol . 5. No. 45. p. 3]

air bòrd. An sin, tha seòl mor air a thilgeadh tarsuing air meadhon na luinge, leis am bheil a toiseach air fhaluchadh o a deireadh. Ann an ùine ghoirid thig Neptun agus a luchd-frithealaidh a mach bho chùl an t-siùil sin, agus nochdaidh iad iad féin nam buidhinn eagallaich air achlàr-dheiridh.

C. Ochan! a ghoistidh, bfhearr leam a bhis aGhoirtean-Fhraoich, cruaidh creagach mar a ta e, nabhi maille riu; ach cia mar a streap iad air bòrd?

M. Dean foighidinn, a Choinnich, agus cuimhnich nacheil annta so gu léir ach na seòladairean fein air an sgeudachadh le culaidhibh iongantach, agus air an cur as aithne le dathaibh geala, dearg, agus dubh, agus le h-aghaidhibh coimheach dheth gach dealbh agus cruth. An sin, tha Neptun ganochdadh fein nashuidh air carbad a ta air a tharruing le seisear ghillibh tréuna. Tha na gillean sin ag gluasad mar bheathaichibh ceithir-chosach, len corpaibh ach beag ruisgte, agus air an còmhdachadh le ballaibh deargagus geala fa seach. Tha feamainn agus luibhean-mara mar fhalt air an cinn, agus tha sligean àraidh aca nan làmhaibh, leis an dean iad fuaim, agus gleadhraich eagallach. Tha Neptun nashuidh gu h-àrd air a charbad fein, le coron rioghail air a cheann, air a deanamh de chòrcaich-chalcaidh, agus tha féusag mhor, robach dhen stuth cheudna atuiteam sios airuchd! Aig uachdaran cumhachdach so achuain, tha moran luchd-frithealaidh a ta air an sgeudachadh le trusganaibh a thogas gàire na sgioba, agus leis gach ni eile a chuireas iad fo choslas fiadhaich agus gruamach.

C. Ubh, ubh! a Mhurachaidh, chan eil dùil agam gun seasainn ri leithid sin de shealladh fhaicinn, oir tha e eagallach air meadhon achuain mhoir; ach, tha mig iarraidh maitheanais, rach air daghaidh agus innis ciod tuilleadh a chithear.

M. Ciod tuilleadh! Cha dthainig achuid as fhearr fhathast, a Choinnich. Air doibh a bhi mar so cruinn air clàr-uachdair na luinge, chithearam measg chàich leigh Neptuin, leis gach cungaidh-leighis nalàimh, agus mar an ceudna bearradair Neptuin, aig am bheil ealtuinn da throidh air fad, eadhon mìr mor de chearcall iaruinn, a tha dearg le meirg. Aig abhearradair so tha gille mòr, dubh, drabasda, a thagiulan cuinneige nalàimh mar bhocsa-siabuinn, a tha làn tearra agus trusdaireachd eile.

C. Mo bheannachd agad, a Mhurachaidh, is ann agad féin thachòisridh eagallach; ach am bheil an luingeas na h-ùine so aseòladh?

(Ri leantuinn.)


Cha ghlòir gun cheannach glòir nan cailleach.

Chan en ro-sgoilearachd as fearr.


An do phàigh thu MAC-TALLA


Na Saoghail Eile.

Nam faiceamaid meall talmhainn, mìle gach rathad, air fad, air leud, ’s air àirdshaoileamaid gum biodh e ro mhòr; ach cha bhiodh ann ach neoni an coimeas ris an t-saoghal: agus ma sheallas neach air a chuan, o mhullach beinne, is farsuinn an sealladh; ach is ro bheag den t-saoghal mhor a chithear. Gidheadh tha an t-Uile-chumhachdach a tionndadh a chruinne gach latha, air dhoighs gum bheil an cearcal-meadhoin a ruith corr as mile mhilteans an uair; agus tha an cruinne a ruith corr as mile mhiltean gach mionaid mun cuairt don ghrein. Nan gluaiseadh carbad thun na greine, agus gun siùbhleadh e leth-cheud mìles an uair, dhoidhches a latha, ghabhadh e corr as da cheud bliadhna a ruigsinn na greine; ach than cruinne a dol mun cuairt don ghrein, an aon bhliadhna, astar a tha corr as uairean nis fhaide na astar na greine.

Anns a chruthachadh tha iomad saoghal eile, a bharr air a chruinne so, agus tha cuid diu moran nis mugha. Tha na planaidean Jupiter, Saturn, Uranus, agus Neptun iomad uair nis mugha nan saoghal so; tha Jupiter amhain mu dha cheud deug uair cho mor ris an talamh; agus tionndaidh i mun cuairt an taobh a staigh de dheich uairean a thìm. Ach is beag na planaidean uile an coimeas ris a ghrein. Than lòcran mor so corr as da cheud deug mile uair nis mugha nan cruinne; agus cuiridh i ceithir an coig latha fichead gu leith, air dhoighs gum bheil a cearcal-meadhoin a ruith corr as ceithir mile mhiltean gach uair agus tuigear gur uamhasach an teass an dealradh soluis air a h-uachdar, nuair a bheirear fanear gum bheil i corr as ceithir fichead muillein miles a deich air astar.

Nuair a sheallar air a ghrein troi ghloinneachan-amhairc, chithear moran de bhuill dhorcha oirre. Tha cuid diù sin corr as da cheud uair nis mugha nan saoghal gu leir; agus tha iad ag atharrachadh bho àm gu àm, gun allsachd; agus tha tuinn dheisneach theineil a sruthadh, agus gaothan loisgeach a seideadh mar dhoinnionn garg mun cuairt daibh. Nach eagallach cumhachd an Ti a bheothaich an teine mor so, agus a tha ga chumail a losgadh gun isleachadh fad linntean gun àireamh?

Tha corr as da cheud planaid a dol mun cuairt don ghrein, cuid nis ealamh nan talamh, ach a chuid mhor dhiubh nis moille. Tha Mercuri a criochnachadh a cuairt an taobh a stigh de ràithe; ach gabhaidh Uranus corr as ceithir fichead bliadhna, agus Neptun corr as ochd fichead bliadhna. Tha an saoghal so mu dheich uairean air fhichead nis fhaide bhon ghrein nan talamh, agus mar is fhaid as iad, ’s ann is moille an cùrsa.

Tha na reultan seasach a feuchainn neart a Chruitheir gu ro shoilleir. Nuair a chithear iad sin le gloinneachan-amhairc mora, tha iad gun àireamh; tha iomad muilleins a bhainne-shlighe amhain. Agus is grian gach aon diu: oir tha iad cho fad ass nach gabhadh iad faicinn le solus na greine. Bho cheann ghoirid, fhuair speucadairean amach astar àireamh ro bheag dhiu, le moran seòltachd agus innealaibh ro eagnaidh; oir chan eil en comas duine astar neart diu a thomhas. Tha an reul-sheasach as faisge oirnn, ris an abrar Alpha Centauri, corr us da cheud uair nis fhaide bhuainn na ghrian. Tha an reul shoilleir so fada gu deas, air dhoighs nach faicear i am Breiteann. Tha Sirius, no reul a choin, ceithir uairean cho fad as rithe sin: tha Polaris no an rionnag thuathach, a choig uiread, agus Arcturus a sheachd uiread cho fad as, no mu na tuairmeisibh sin. Cha ghabh astar speurail air bith tomhas gu pongail, mar astar talmhaidh, agus gu sonraichte astar cho mor ri so.

Nan deantadh samhla a chruthachaidh, air dhoighs gum biodh oirleach a seasamh airson ceithir fichead mile mhiltean, bhiodh pairt de mar so. Bhiodh an saoghal mar ghraine beag luaidhe: bhiodh a ghealach mar ghrainne mìn gainneamh, tri òirlich air astar, agus a ghrian mar chruinne, mu throigh crosgach, agus mu cheud troidh air astar. Bhiodh Iupiter mar pheileir, òirleach crosgach, agus mu choig ceud troidh air astar; agus bhiodh Neptun mar éitein peasrach, mu mhile slat air astar. Bhiodh Alpha Centauri corr as ceithir mile mhiltean air astar; Sirius, faisg air fichead mile mhiltean, agus Arcturus, deich mile fichead mile air astar.

Cha ghabh meud nan reultan-seasach tomhas; oir chan fhaicear an còm; ach ma bheirear breith bhon solus, tha cuid diu mòran nis mugha na ghrian. Tha Alpha Centauri a toirt tuilles a dheich uiread soluis ris a ghrein, agus Sirius corrs a cheud uiread.

Nuair a sheallar air na reultaibh seasach troi ghloineachaibh-amhairc, chithear gum bheil da reult an cuid, tri am pairt eile, agus ceithir anns na h-uibhir dhiu; agus tha iad sin a dol mun cuairt air a cheile gun tamh.

Bho cheann beul ri ceud bliadhna air ais, thug speuradairean an aire gun robh na reultan-seasach a gluasad gu mall: agus chunncas mar an ceudna gun robh cuid a réir coltais, a sgaoileadh bho cheile, am feadhs a bha na reultan mun coinneamh a dlùthachadh. Cha robh ach aon doigh air a so a shoilleireachadh. Beiginn gun robh a ghrian a dlùthachadh air a phairt sin den iarmailt far an robh na reultan a sgaoileadh, agus a falbh bhon phairt eile.

Mar so fhuaras amach gum bheil an cruthachadh mòr farsuinn uile air ghluasad gach ial, fo laimh an Ti Shiorruidh a dhealbh e. Gun teagamh, “Is mòr an Tighearn, agus is ro airidh e air moladh; agus chan fhaodar a mhòrachd a rannsachadh.”


Cha robh luath riamh nach dfhuair a leòr obair.

Cha téid gad air gealladh.



[348]

[Vol . 5. No. 45. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton


SIDNI, MAIGH 15, 1897.

Chan eil teagamh sam bith nach eil an cogadh eadar a Ghreigs an Tuirc seachad, agus nach eil a Ghreig air call gu dona. Cha bu chòir dhi tòiseachadh, oir bha i tuilleadh us lag airson na Tuirce, agus ged a bha taobh mor aig na Criosduidhean anns gach cearna dhen t-saoghal rithe, cha drinn sin feum sam bith dhi, oir cha do chuir iad cuideachadh sam bith uice. Tha na rioghachdan mora a nise feuchainn ris an réit a dheanamh; tha aGhreig an deigh striochdadh dhaibh gu buileach, agus chan eil ri dheanamh a nise ach cumhachan sithe. Cha toir na rioghachdan don Turcach ach na chi iad fhéin iomchuidh; ’s cha mho ni iad de lagachadh air a Ghréig ach cho beagsas urrainn daibh, oirse gle bheag a than dùthaich bhochd sin comasach air a ghiùlan.

Chan eil an réit air a dheanamh eadar Breatunn agus an Transvaal fhathast. Tha Cruger agus luchd-riaghlaidh eile na dùthcha sin an dùil gu bheil iadnan daoine cumhachdach, agus gum bfhurasda dhaibh buaidh fhaotainn air Breatunn nan tòisicheadh cogadh. Tha iad mar sin acur dragh nach beag air Riaghladh Bhreatuinn, agus air Riaghladh nan dùthchannan a bhuineas do Bhreatunn timchioll air an Transvaal. Ach tha sinn acluinntinn gun do tharruinn iad air an ais o chionn ghoirid, air dhaibh a thuigsinn gu robh iad adol tuilleadh us fada air adhart, agus nach cuireadh Breatunn suas leis achòrr.

Tha cuid de dhaoine mora New York acur rompa nach bi muinntir nan Stàitean air deireadh air an t-saoghal ann a bhi nochdadh an deagh-ghean do Bhan-righ Victorianuair a chriochnaicheas i an tri ficheadaibh bliadhna derioghachadh. Tha iad air son muillein gu leth dolair a chur cruinn gu bhi air a chur mar thiodhlaic da h-ionnsuidh. Ma ni iad sin cha ruig iad a leas eagal a bhi orra nach cuirear gu deagh bhuil e.


Comunn Gailig Halifacs.

Tha sinn toilichte chluinntinn gu bheil soirbheachadh math leis a chomunn so. Tha na coinneamhan air an cumail gu riaghailteach, agus tha na buill a cheart cho riaghailteach ann a bhig am frithealadh. Air oidhche Dior-daoin, an 29mh latha den mhios sa chaidh, thaghail an t-Urr. A. Mac Gilleain Sinclair orra, agus rinn em feasgar a chur seachad dhaibh ann an doigh gle thaitneach. Labhair e ann an Gàilig, gu math agus gu fada, agus thug e òraid dhaibh nach cluinnear a leithid na h-uile latha. Thainig e thairis air eachdraidh na Gàilig bho thùs a h-òige, agus shamhlaich e i ri cànainean eile. Chuir e beachdLachuinn na Gàilig,” gum bi a chainnt a bhaig Adhamh us Eubh, bun os ceann, agus thug e seachad iomadh reusan air son i bhi air a cumail beò. An dràsdasa rithist dhaithriseadh e sgeula beag, éibhinn, a chur soluis air na bha eg radh, agus chum e na bhasan talla adian éisdeachd ris fad còrr us uair de thìm. Aguss math a bfhiach e éisdeachd ris; cha toireadh iadsan a bha lathair an aon oidhchud seachad air son iomadh bliadhna den Bheurla. Tha buill a chomuinn gle thaingeil don uasal urramach air son na h-òraid thaitnich a thug e dhaibh, agus tha iad an dòchas nach fhada gus am bi ena chomas an comain ceudna chur orra rithist.


Ceistean Chloinne.

Tha e iongantach cho mathsa theid aig cloinn òg air nithean a reusonachadh a machnan inntinn féin. An àite bhigan cur seachad le freagairt fhaoin a thoirt air ceist sam bith a chuireas iad, ’s fhearr a bhi foighidneach riutha, agus cothrom a thoirt daibh air a fuasgladh air an son féin. Chaidh nighean bheag, aois shia bliadhna, far an robh a seanair, agus thuirt i ris,— “O, nach cluinn sibhsen rud a tha Rob (bràthair a h-athar) ag radh.” “ ’S eadh, a ghraidh,” ars a seanair, “gu de sin.” “Tha eg radh,” ars ise, “nach eil anns aghealaich ach mullachag chàise. ’N saol sibhsem bheil sin ceart?” “Ma ta, chan eil dòigh as fhearr na feuchainn ri sin fhaighinn a mach dhuit fhéin,” ars aseanair. “Ciamar a gheibh mise mach e?” ars ise. “Faigh am Biobull, agus faic ciod a chi thu ann,” arsa esan. “Ach càiten tòisich mi?” ars an te bheag. “ ’S an toiseach,” ars a seanair. Shuidh i air cathair, agus thòisich i ri leughadh. Mun dfhuair i troimhn cheud chaibideal de leabhar Ghenesis, agus a leugh i mu chruthachadh nan reul agus nan ainmhidhean, thainig i far an robh a seanair a rithist. “Fhuair mi e,” ars iseChan e caise thasa ghealaich idir, a sheanair, a chionn bha a ghealach air a cruthachadh mun robh an crodh.”


Di-ciaduin sa chaidh bha stoirm mhor shneachda ann an ceann a tuath Shasuinns ann an Alba, agus bhan t-side cho fuarsa bhiodh i ceud mios a gheamhraidh.


STOR UR TAILLEARACHD.

Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.

Theid sinn an urras air an obair.
MacCoinnich & Co.
Sidni, C. B.


F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC

An aon fhear dhe sheòrsa thair Eilean Cheap Breatunn.

Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.

Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dhas coir dha toghal air.

Tha stoc math de speuclaireans de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.

Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c , &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.

THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHANEUREKAair a cheart phris air am beilearg an creic aig na muillin.

Tha Factoridh Eureka air aon den fheadhain as fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar adeanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.

Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.

Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitches Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd lathan deigh a chloimh chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.



[349]

[Vol . 5. No. 45. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Chaidh boirionnach as a rian aigLow Pointo chionn ghoirid, agus theich i dhan choille. Fhuaireadh a lorgan far an deach i troimh àite bog, ach an deigh sin chailleadh iad, agus cha dfhuaireas sgeul oirre fhathast.

An deigh don deigh mhoir a bhi stighsan acarsaid fad cheithir no choig de lathaichean, chaidh a fuadach a mach mu mheadhon na seachdain so. Thòisich na bàtaichean-aiseig air ruith Di-ciaduin, agus tha sinn an dòchas nach sguir iad tuilleadh gus an cur deigh agheamhraidh sa tighinn stad orra.

Bha teine mor ann am baile New York, air an t-seachdain sa chaidh, agus an àm a bhi feuchainn ri chur as, chaidh leth-cheud duine a chur o fheum, agus aon fhear a mharbhadh. Bha an ceò cho tiughs cho mairbhteachs gu robh na daoinetuiteamnan dusain. Thatar adeanamh a mach gun do loisgeadh fiach leth muillein dolair leis an teine.

Chaochail seann chàraid, Iain Graham agus abhean, ann am Maria, faisg airBeaverton , Ont. ,air an t-seachdain sa chaidh, an deigh dhaibh a bhi cuideachd tri fichead bliadhnasa coig deug. Chaochail an duine oidhche Di-luain, agus a bhean oidhche Di-ciaduin. Bha esan còrr us ceud bliadhna dhaois, agus bha ise ceudsa, dha. Thatar adeanamh a mach gum biad achàraid bu shine bhan Canada.

Tha dùil aig luchd-riaghlaidh Lunnainn gum bi naodh muilleanan sluaigh anns abhaile air latha Iubili na Ban-righnn, agus tha eagal orra ma thachras sgiorradh sam bith gun deanar call uamhasachnam measg. Tham barrachd eagail orra leis mar a thachair ann am Paris air an t-seachdain sa chaidh, agus ann an St. Petersburg aig crùnadh an t-Sàir an uiridh. Tha iad uime sin acur rompa a bhi air am faiceall. Chan fhaod, air an latha sin, eich no carbadan a bhi air an t-sraid idir, agus tha buidheann mhor de mhaoir air an cur a stigh air son riaghailt a chumail air an t-sluagh.

Bha ceudsa h-aon deug air am marbhadh no air an losgadh gu bàs anns an teine a bhann an Paris a sheachdain gus an Di-mairt sa chaidh. ’Se bu cheann-aobhair don ghnothuchd mhuladach so lampa a bhristsa chaidhna teine. Am measg na chaill am beatha bhan Ban-diùc DAlenson, piuthar do Bhan-iompaire Austria, aon de na boirionnaich a buaisles bu mheasaile bhasan Fhraing. Chuir a bàs mulad mor air muinntir na Roinn-Eòrpa air fad. A bharrachd oirre-se bha moran eile de mhnathan-uaisle a bhaile air an call. Bha am bazaar aig an robh iadga chur air adhart air son airgead a dheanamh gus a riarachahh air na bochdan.

Thainig sgeul deireadh na seachdain sa chaidh air gniomh treun a rinneadh le gillòg ann am Michigan. Bha eg obair ann am mèinn-ghuail afrithealadh don inneal a bhiodh a leigeadh nan daoine sios us suas. Chuir cuid den luchd-obrach bocsa làn dynamite ann an cùil gus am biodh feum acair. Aig meadhon latha chaidh an gille so, don ainm Iain Thomas, a dhamharc air abhocsa, agus fhuair ena theine. Gun dàil sam bith thug e rabhadh do na daoine bhi fàgail na meinne, chuir en inneal an obair, agus ged a bhan dynamite mu fhaisg dheich troighean dha, cha do chairich e as an àitesan robh e gus an robh na daoine sàbhailte. An sin theich e, agus an taobh a stigh de chairteal mionaid, spraidh an dynamite, acur na h-inneil agus gach ni mun cuairt dinan spealgan. Shàbhail an gille am beatha do àireamh mhor dhaoine, agus adeanamh sin chuir e a bheatha fhéin gu mor an cunnart. Cha be h-uile fear a dheanadh e.

Chaidh oifieach Breatunnach agus deich air fhichead nàisinnich a bhag obair aige, a mharbhadh le beum-sleibhe anns na h-Innsean air an t-seachdain sa chaidh.

Thatar an deigh roinn mhor curachd a dheanamh ann am Manitobas anns an Iar-Thuath. Ann an cuid a dhàiteachan tham fochan air fàs gu math cheana, agus than aimsir mu thri seachdainean air thoiseach air mar a bha i bliadhnaichean eile. Tha barrachd mor fearainn fo bhàrrsa bha ann riamh roimhe.

Tha seana-bhean afuireach ann an Oregon a chunnaic, na h-ighinn òig, Blàr Waterloo. Bha i fada uaithe, ach coltach ri Sacheus shreap i suas ann an craoibh, agus chunnaic i ceò agus chuali tailmrich an latha mhoir a chur as do chumhachd Bhonipart. Is bana-Pholach i, agus tha i ceud bliadhnasa h-aon a dhaois.

Rinn deigh nan aimhnichean, an am dhi bhi falbh, call mor ann an cearnan de New Brunswick air an earrach so. Aig Deeside chaill aireamh de na tuathanaich an cuid shaibhlean agus an spréidh a bhannta. Chaill aon duine a chuid uile ach ceithir caoraich: chaill fear eile ochd eich, fichead ceann cruidh, agus fiach da mhile dolair de dhfhiodh.

Bha mor-roinn Chuibeic ataghadh pàrlamaid ùr Di-màirt sa chaidh, mar a rinn mor-roinn Nobha Scotia air an fhicheadaibh latha den mhios sa chaidh. ’S iad na conservatives a bha riaghladh roimhe so, ach air an turus so bha na liberals air an cur a stigh. Bha leth-cheud sa air dhiubh air an taghadh mu choinneamh aon air fhichead den phàirtidh eile.

Chaidh a cheud phòsadh Mormonach a rinneadh riamh an Canada a dheanamh ann an Toronto air an t-seachdain sa chaidh. Thòisich an t-seirbheis le seinn us ùrnuigh. An sin chuireadh aon cheist an urra air fears air bean na bainnse, ’s air dhaibh a cheist sin a fhreagairt thugadh am fàine air lom, agus an sin bu duines bean iad. Thug an t-abstol earrail ghoirid orra, agus chuireadh crioch air an t-seirbheis le seinn us ùrnuigh. Chan eil ach ùine ghoirid on rinn na cùirtean a mach gu robh e laghail do na Mormonaich pòsadh a dheanamh ann an Canada.

S lionmhor innleachdan mhic an duine. Tha e gle choltach nach teid moran bhliadhnaichean seachad gus am bi innealan-itealaich cho cumanta measg dhaoinesa tha carbadan no bàtaichean air an lathan diugh. Tha àireamh dhaoine an deigh innealan dhen t-seòrsa sin a dheanamh cheana, agus an la roimhe chuir duine ann an Nashville, an stàit Tennessee, aon air obair leisn drinn e astar choig mile deug anns an adhar; rachadh aige air barrachd astair a dheanamh, ach bhrist rud-eigin anns an inneil, agus bfheudar dha tilleadh. Cha robh e ach uair gu leth eadar falbh us tilleadh.

Chaidh sia duine deug a losgadh gu bàs, ’sa mhaduinn Di-dònaich sa chaidh, air bòrd soithich a bha ruith eadar New York us Galveston. Bha luchd mor aice air bòrd, am measg nithean eile moran cotain. Mu dha uairsa mhaduinn, nuair a bha gach aon air bòrdnan cadal ach an luchd-faire, bhrist an teine mach am measg a chotain, agus ghabh e le leithid de nearts nach robh doigh air casg a chur air. Bha àireamh mhor de na bhair bòrd, anns an steerage; fhuair cuid dhiubh sin teicheadh mun deach an teine ro fhad air adhart, ach bha sia duine deug a bha air an cuartachadh leis an teine mun do dhùisg iad; bha iad air an dùnadh a stigh leis, cha robh dòigh aca fhéin air teicheadh no aig càch air an cuideachadh, agus chaidh an losgadh gus bàs. Fhuaireadh casg a chur air an teine mu dheireadh agus thill an soitheach gu New York. Tha cuid a coireachadh an sgiobair air son cho beagsa rinn e gus na daoine shàbhaladh, ach chan eil fhios fhathast co-dhiu tha gus nach eil sin ceart.


C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


Seall an so air an ath sheachdain.


NIALL Mac FHEARGHAIS,
Taillear.
SIDNI - - - - C. B.


NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B,
Tha e na fhear-gnothuich don MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha.



[350]

[Vol . 5. No. 45. p. 6]

Teaghlach aMhisgeir.

Bha Ralph Ros na sheasamh an dorus an t-sabhail, ag amharc thairis air na h-achaidhean farn do dhobraich e cho cruaidh fad an earraichs an t-samhraidh, ri teass ri fuachd, moch us anmoch; dhobraich e gu dileas agus gu dòchasach, agus a nise bha edol a chall na dachaidh, oir cha robh dòigh air cùisean a thoirt gu crìch eile.

Bha neul dorcha air a ghnùis òig, agus dhfhàs e na bu duirche mar a dhamhairc e uaithe, agus labhair e ann am boil-inntinn; “Cha chuir mi suas leis idir; an deigh na rinn mi, gach ni fhaicinn a falbh air son na deoch làidir; tha eadhon an t-seann dachaidh ri dhol gu Seumas Ailein air son ruma. Fàgaidh mi an dùthaichs leigidh mi leis gach ni falbh.”

Chaidh lamh lag a leagadh air a ghuallainn, agus labhair guth muladach: “A Ralph, am fàgadh tu do mhathair agus do pheathraichean beaga a ghiùlan na trioblaid leotha fhéin! An i do dhachaidh an aon ni dom bheil gràdh agad?

A mhàthair, tha fhios agaibh nach i. ’S ann air ur sgàth-ses air sgàth mo pheathraichean a tha leithid de mheas agam oirre; ach gu des urrain dhomhdheanamhs an dachaidh cho troms na fiachan, oir tha fhios agaibh gu bheil en deigh na ghabhas faotainn an geall an fhearainn òl cheana, agus creicidh em bàrr an deigh dhuinne obrachadh cho cruaidh ga thogail; aguss ann air eigin a theid againn a bhi beò co-dhiu, gun ghuth a thoirt air ainbhfhiach a phàigheadh. A bharrachd air sin, is leibh-sa am fearann, agus chan eil còir aig duine air a thoirt uaibh air son ni sam bith, no idir airson ruma.”

A Ralph, cha teid am fearann a chreic idir. Chan eil còir sam bith agam-sa air dachaidh mo chuid cloinne a leigeil air falbh, agus cha mhò na sin a ni mi e. Chan urrainn do dathair a chreic gun maonta-sa, agus tha minntinn air a deanamh suas gum bi dachaidh aig mo chloinn fhads is beò iad.”

Ach, a mhàthair, bualaidh e sibh, —agus ma bhuaileas gu cinnteach marbhaidh misesan. Cha sheasainn ri fhaicinng ur bualadh a chaoidh.”

Bi sàmhach! a mhic, O, bi sàmhach! Cha dean math dhut labhairt mar sin mu dathair. Chan esan a tha feargach no an-iochdmhor rium idir, ach an deoch. Bàbhaist da a bhi cho caoimhneil agus cho gaolach ruinn, agus cuimhnich gur-a dathair e, ’s gur còir dhut an urram sin a thoirt da.”

Urram! nuair a tha ega dheanamh feéin nas isle na na brùidean, agus adeanamh droch dhiol oirbh-se, a mhàthair, a bhean as fhearr a thair thalamh; agus Sine! seallaibh oirre-seair a cur á cumadh ri beò aige. Agus sibh-seg iarraidh orm gràdh agus urram a thoirt da! A mhàthair, tha gràdh us urram agam dhuibh-se o ghrunnd mo chridhe, agus bheir mi umhlachd dhuibh anns gach nian urrainn mi, ach chan urrainn domh aona chuid gràdh no urram a thoirt dhà-san.”

Na labhair mar sin, a mhic, tha mi guidhort. Feuch ri bhi foighidneach, agus big ùrnuigh air a shon gum biodh e air a thoirt gu bhina dhuine stuama, ceart a rithist. Cha leig mise leis an dachaidh falbh, agus feumaidh tusa fuireach a thoirt an aire dhomh fhéins do dpheathraichean. So Fearchar a tighinn. Tha mi cinnteach gun dean mo ghillean aon a cheile chuideachadh, agus gun cuidich iad leamsa mar an ceudna.”

Bha na deòir ann an sùilean Ralph agus bhaghuth car bristeach, nuair a fhreagair e; “Ni sinn mar as fhearr is urrainn duinn, a mhàthair, mur bean e dhuibh féin no don chloinn, ach ma bheanascha dean mi gealladh sam bith. Thiugainn Fhearchair; bitheamaid adol gur n-obair. Tha misenam thàmh tuilleadh is fada mar tha,” agus ghreas iad air falbh, am feadhs a shil am màthair gu frasach na deòir a bha icumail air ais fhadsa bha na gilleanna fianuis. Thuit i air a glùinean, agus ùine fhada ghuidh i gu dùrachdach gum biodh an trioblaid so air a toirt air falbh air sheòl eigin nach cuireadh bròn bu mhothana h-àite.

Nuair a dhéirich i, ged nach robh i faicinn rathad sam bith as an trioblaid, bha ifaireachadh innte fhéin gun deanadh Esan a bha beathachadh ianlaith an adhair cùram a ghabhail dhi fhéins decloinn, agus chaidh i air ais gu h-obair alàn-earbsana Cruthaidhear, ged a bha a cridhe fhathast trom gu leòr.

Bha Ralph Ros a nise ochd bliadhndeug a dhaois, agus bha Fearchar a bhràthair da bhliadhna na bòige na e; bha iad le cheilenan gillean tapaidh, calma, agus o chionn còrr us ceithir bliadhna bha iad ag obrachadh an fhearainn leotha fhéin, agus an athair acur seachad na h-ùine gu diomhain, ag òl gach sgillinn air am faigheadh e greim, agusnuair nach biodh airgead aige gheibheadh e air chreideas e, gus an robh e nisen deigh bristeadh air a shlàinte, agus cho trom anns na fiachans gu robh seann Seumas Ailein an t-Osdair a cur roimhe a chuid fhéin fhaotainn mum biodh e ro anmoch; mar sin bha Iain Ros afeuchainn ri toirt air a mhnaoi sgriobhadh a thoirt do Sheumas air an àite, agusnuair a dhiùlt i sin a dheanamh, bhuail e i, agus mhionnaich e gun toireadh i seachad acòir air an àite neo gun creanaicheadh i air.

(Ri leantuinn.)


An Oighreachd as Luachmhoire.

Bha duinuasal àraidh a bha ro uaibhreach muchuid fearainn. Thachair do charaid diadhaidh a bha air aoidheachdna thigh, a bhi mach maille ris air mullach àrd, on robh sealladh maith aige air an dùthaich mun cuairt. Thòisich e air farsuingeachd na h-oighreachd a leigeil ris da. “Sud,” deir esan, ’s e sìneadh a mach a làimhe, “crìochan mo chuid fearainn-sa; agus seall chum na h-àird ud eile, an léir dhuit na tighean ud? is leamsam baile sin mar an ceudna: agus tionndaidh do shùil chum na h-àirde so, innis domh am faic thun aitreabh ùr ud a tha iad atogail?” “Chì,” deir am fear eile, “gu beachdaidh.” “Buinidh sin dòmhsa cuideachd.” “Amhairc thusa nis,” thubhairt a charaid ris, “mar a stiùras mise do shùil-sa. An leir dhuit am bothan beag ìosal ud aig iomall abhailud thall?” “Is léir gu soilleir; ’ dheth sin?” “Tha,” deir a charaid, “a chionn gu bheil boirionnach bochd anns abhothan ud, is urrainn barrachd a ràdh musaoibhreas, na thubhairt thusa fhathast.” “An ann da rìreadh a tha thu?” thubhairt esan, “cionnus a dhfheudas sin a bhith?” “Tha, chionn gum feud ise a ràdh, Is leamsa Criosd.” Thionndaidh am fear eile air falbh fo nàire, agus cha dthug e iomradh tuillidh air farsuingeachdoighreachd, am fadsa dhfhuirich a charaid maille ris.


Amhuinn Iordain.

Tha atharrachadh mor air tighnn air tir Phalestine o chionn beagan bhliadhnaichean. Tha rathad-iaruinn o chionn treis a dhùine eadar Irusalem agus Ioppa, agus a nise tha bàtg-smùide air Amhuinn Iordan, leis am faodar a dhol bho Iericho gu ruige Tiberiasastar tri ficheadsa deich no ceithir fichead mileann an còig uairean a thìm. Ged a bha àireamh mhor a taghal na dùthcha gach bliadhna, agus a toirt dhachaidh shearragan làn de dhuisge Iordain, cha robh eòlas sam bith aca air bruachan na h-aimhne. Than amhuinn aruith ann an clais dhomhainn, a tha eadar 680 us 1200 troigh nas isle nan cuan-mor, agus tha a bruachan ann an iomadh àite anabarrach cas agus doirbh an ruigheachd.


Feudaidh sibh caraid na firinn a chlaoidh agus a shàruchadh, ach mairidh an fhirinn fein gun truailleadh. Feudaidh sibh am Bàrd, am fear-eadhlain, agus an Criosduidh irioslachadh gu mor, ach chan eil enur comas abhàrdachd, no ealadhain, non Creideamh Criosduidh a mhilleadh, no a mhaslachadh air sheol sam bith.


Feudar a radh nacheil ann an Gamhlas achdomblas na seirbhe agus cuibhreach na h-eucarach.” ’Se Gamhlas an toradh as seirbhe a dhfhàsasas air craoibh a pheacaidh, agus chan urrainn ni sam bith ach teas-ghradh an Ti as Airde a smàladh as an anam.


Chan en rud a bha, an dràst a dhfhoghnas.

Chan fhacas fear na mnatha ruaidh riamh na bhantraich.

Chan fhaod (cha chòir) an cionntach a bhi rosgach.

Chan fhiach gille nan car, ’s chan fhiach gille gun char.

Duine gun seòls còir a chrochadh.



[351]

[Vol . 5. No. 45. p. 7]

Litir a S. W. Margaree.

FHIR MO CHRIDHE, —Than geamhradh mòr, fada a nise air dol seachad, agus tha toileachadh aig gach creutair ri blàths an t-samhraidh. Chan eil sin na iongantas; oir is mòr am fuasgladh e do gach duineus beathach a bha air a chrampadh suas fad na dubhlachd, a nise cead a choise fhaighinn.

Than samhradh mar so a toirt seachad saorsa agus toilinntinn nach eil ao-coltach ri faighinn mar sgaoil á prìosan no ri tilleadh à tir chéin. Achs iomadh fear a chaidh a leigeal a mach as aphrìosain, agus bfhearr dhan dùthaich gun deach a chumail a stigh; a chionn cha luaithe a fhuair e mar sgaoil, na thoisich e a rithist air na sean chleachdanan. Direach mar so a tha ma chuid de bheathaichean na coille agus creutairean eile a fhuair saorsa ri tighinn an t-samhraidh, —am mathans am madadh ruadh thig a nis air lom, seang, acrach, agus cha bheag an call a ni iad an iomadh aite, ’measg nan caorachs nan uan; toisichidh na cuileagan air criomadh ar n-aodanns air srannraich mur cluasan, agus, gle thric, chan ann leis achainnt as fhearr a theid an iomain air falbh.—

Na mathain bhéisdeil, gun dean iad éirigh,
Dhol feadh an tréuds gur a mor an call;
S achuileag inneach gu socach, puinsionta,
Gam lot gu lionmhor le roinn a lainn.”

Ach a dhaindeoin so uile, is math gun dthainig an samhradh. Than deigh mhor air togail a mach bho na cladaichean agusbliadhna mhathna deigh;” thig an t-iasg gu aite far an gabh e glacadh; teannaidh soithichean ri siubhal o phort gu port; gheibh sinn frasan de dhuisgeachan blatha, agus bruchdaidh am feur a mach le teis na gréine.—

“ ’Nuair thig an samhradh geugach oirnn,
Theid siann nan spéur on ghruamaiche,
Thig tlus as blàths as aoibhneas
Theid gach ni ga reir am buadhalachd.
Thig feart le neart na gréinoirnn
Nin saoghal gu leir a chuartachadh;
Thig teas osliosnuair dheireas i
Ni feums cha tréigear uainne e.”

Tha na tuathanaich a nisan teas na cuireachd, agus, da rireadh, cha ghnothuch ro dhuilich curachd a dheanamh anns an t-saoghal a thann an diugh. Is ann a bha am miomhagh aig ar n-athraicheans aig ar sean-athraichean bho chionn leth cheudus tri fichead bliadhna air ais, ’nuair nach robh uidheamnan no innleachdan a bfhiach ainmeachadh aca gu reiteach an talmhainn no gu cur fodh an t-sil. Cha be obair dhaoine gun treoir achoille ghruamacha leagail le droch thuaigh, a cur na teine, agus asiol a chuir am falach le tal-fuinn no le sgrioban, agus sin air uairibh ann an ùine gle ghoirid. Cha robh na ceud chroinn-treabhaidh no na ceud chliathan a theann na daoine còire so ri dheanamh cho math idir airson an gnothuich ris na h-uidheaman leis am bi òganaich an lathan diugh ag obair gu spaideil. Achiad chrann a fhuair Domhnull Bàns e Raghail a rinn e. Dhfhaighneach coimhearsnach dheth ciamar a bha eg a chòrdadh. Thuirt e gun robh gle mhath, —gun robh e urramach air gearradh! Tha e coltach nach tionndadh en fhoid ach athaiseach, ach bu mhor an gearradh fhein a thoirt á laimh Dhomhnuill bhochd. ’S ioma crann math a rinn Raghail as deigh sin, dha fhein agus do fheadhain eile, agus tha àireamh mhath bhliadhnaichean ann a nis bhon a fhuair Domhnull Bàn, coltach ri choimhearsnaich, fear de na croinn chaola, ghuineacha, Ghallda.

Do charaide,
NIC-NEC.
Am Maigh, 4mh la, 1897.


Moch-eirigh.

“ ’N am bithinn-sanam righ chan éirinnsa mhaduinn gus an tograinn fhéin.” So inntinn iomadh gillagus nighean òg a tha leisg air éiridhsa mhaduinn, ach tha iad ann am mearachd mhor ma tha iad asaoil sinn nach eil na righrean ag éiridh gus an togair iad fhéin. Tha Iompaire na Gearmailt agabhail a bhraiceist a h-uile maduinn romh shia uairean, agussan t-samhradh, ’s tric leis sgriob a thoirt amarcachd a mach air an dùthaich romhn àm sin. Tha Ban-Iompaire Austria ag éiridh aig leth-uair an deigh ceithir, agus an deigh abraiceist, tha i coiseachd àireamh mhiltean. Tha Ban-righ na Spainne ag éiridh aig seachd uairean, Ban-righ na h-Eadailte aig sia, agus Righ na Spainne aig sia. Tha Prionnsa Wales air fear de na h-urracha-rioghail as leisge air éiridh trath; tha teaghlach-rioghail Bhreatuinn air deireadh air teaghlaichean-rioghail na Roinn-Eòrpa a thaobh moch-éiridh.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar uthcha thanar beachd


CARADH
Uaireadairean
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.


D. A. Mac FHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.


Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C. B.


McDonald Hanrahan & Co,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co,
Mai 4.; ’95



[352]

[Vol . 5. No. 45. p. 8]

Bas Peathar.

Bu trom ar n-osnaidhean, ’s bu phailt ar deòir;
Oir bionmhuinn isedhfhalbh, s bu ghràdhach leinn.
Urailn ar cuimhneùr mar an ,
Than latha Céitein air an dfhuair i bàs.
Oigridh na Cruitheachd bha gu h-aoibhinn, ait
Abriosgail ann an gathan blàth na gréin’,
S agealltainn lànachd inbh’: as aoibhinn fòs
Bha sinne, agus léum an fhniln ar crìdh
Le aiteas fallain, ’n uair a fhuair sinn sgèul
Gun drugadh leanabh: ’s thainig fios a rìs
Gun robh an thug breth dha tinn gu bàs.
Cia dluth air sàiltean aoibhnis, céuma bròin!
Man cuairt a leaba thionail sinn gu léir,
As lùb ar glùn an guidhe dhùrachdaich
Ri Cathair Tròcair, as ler n-urnaighean
Chaidh osnan agus deura treibdhireach;
Achs ann bha sinn astrìth ri aingeal naomh
A chumail air an talamhspiorad deas
Chum glòir; as Trocair ann a maitheas dhiùlt
Ar n-iarrtas faoin: nas trocairiche ruinn
An uair as lugha shaoil sinn! grasmhor fos,
Mars tric, ’n uair shaoileas sinn i bhi fo ghruaim!
An seomar, as an leabas cuimhne leam,
Anns an do laidh i, as na h-aodainn fòs
A chruinnich dlùth as muladach man cuairt.
A h-athair, as a màthr, acromadh, sheas;
S a sìos an gruaidhean aosda thuit na deòir
Gu lìonmhor, goirt; as mar an ceudnan sin,
Bha a fear-posda gràidh, ’s a braithrean caomh,
S a peathraichean, acaoidh gun chomhfhurtachd;
Gach s an tigh fo mhulad bhas fo bhròn.
Sos cuimhne leam gu maith; achs mòr is feàrr
Am bheachd, ’s gu bràth cha di-chuimhnichear leam,
An t-sùilan t-sùil a mhàinbha soilleir, glan,
S a dhfhàs an soilleireachd mar dhlùthch am bàs!
Amhuil mar chunnaic mi am flùran séimh
Ag amharc na bu ghrìnn’ ’s an aiteal ghréin
A thilgeadh air troimh nèul dubh tàirneanaich,
Gu grad a dhiadh a nuas, a bhuail, ’s a sgap
Am flùran àillidh, sgiamhach, air an raon.
Smèid i an leanabh òg a thabhairt dlùth;
As chàirich sinn an naoidhean aig a taobh,
Dhearc i gu caoin airaghaidh, nach drinn gàir
No gal, ’s nach daithnich co bhasealltainn aìr;
Leag i a làmh airuchd, as dhaslaich i,
Le sealladh drùighteach suidhichte ri nèamh,
Don leanabh, beannachdan do-labhairt mor,
Bheir Dia a mhàin, aig ùrnaigh-bhàis na dream
Thafàgail naoidheanan an déighs an t-saoghl.
Dhia gleidh mo leanabh!” chuala sinn ig radh,
S cha chualach sin. Gu dìleas mar a gheall,
Sheas Aingeal aChomh-cheangail, deas gu triall
N a cuideachd troimh Ghleann Dorcha Sgail aBhàis.
S a nis a sùilean las, ’s cho dealrach dhfhàs,
Nach burrainn duinne amharc air a gnùis
Ler sùilean déurach lan: dhùin iad gun néul,
Chaidhn solus as mar réul na maidne gloin,
Nach teid a sìos feadh néula dorchs an iar,
S nach folaichearmeasg ghaillionn garg nan spéur,
Achshìolaidheas air falbh an solus nèamh.

Eadar. le MAC-MHARCUIS.


Oran.

Rinneadh an t-òran a leanas le Calum mac Iainic Phàdruig, ann am Beàrntraighs na h-Earradh, do charaide dha tha fuireach ann am Manitoba.

Cia mar tha thuDhòmhnuill?
Am bheil thu féin gu dòigheil?
Am bheil an fheadhainn og
Agus Mor uile slàn?
S maith leinn a bhi feòrach a leithid so an còmhnuidh,
Is gach naigheachd bhios ri sheachnadh agaibh anns an ait.

S iad naigheachd na seann dùthcha
A chuireas sinn dor n-ionnsuidh;
Nuair ruigeas iad a null
S in s uire dhiùbhs fhearr:
Ged a bheir mi cùnntais air càirdean a tha dluth dhomh,
Ruigidh mi ceann thall na h-Earradhs theid mi feadh nam bàgh.

Cha bhi misesgriobhadh
Aon lide ach an fhirinn,
Biodh i searbh na binn,
Mar a chi mis gach àit.
Bidh mo litir cinnteach, ’s na meoirean tha cur innte,
S iad nach cuireadh thugad facal nach biodh ceart gu bràth.

Tha mheudsa tha dhedchàirdean
Afuireach ann am Beàrntraigh,
Gun uireasbhuidh, gun fhàilinn,
Lan tàbhachd a ghnàth:
S do pheathraicheans na bàigh is an teaghlaichean gu stàtail,
Chan eil beud a tighnn na caramh, tha iad fallain slàn.

Tha na gillean òg
An deigh togail ris an t-seòladh,
Is ris na bailtean mòra,
Is co ann ach iad!
Ach ma bhios iad gòrach gu milleadh an cuid stòrais,
Bu cho math bhi aig a bhaile gu bhi dol don tràigh.

Ach gillean gasda, ciallach,
Fanaidh iad aig riaghailt,
S cha dean iad cron na miathlachd
Gu siorruidh air cach.
Faodaidh fear bhi fialuidh, ’s faicilleach mar an ciadna,
M fear a mhilleas a chuid uile, bidh abhuil sin da.

S iomadh gille cliuiteach
Tha mach aisde, is diùmhlaich,
Chan eil, tha min dùil,
A aon dùthaich nis fearr;
Chan eil mi dolgan cunntadh seach gu bheil iad grunnd ann,
Ben toileachadh a bhi gam faicinn a tighnn dhachaidh slàn.

Nuair a thig ann euslaint,
Lòinidh agus déideadh,
Cuiridh e o fheum sinn
Le lèireadhs le cràdh;
Sguiridh sinn a réist a bhi sgriobhadh thun a chèile,
Theid na naigheachdan ma seach oirnn gus a dean iad carn.

Bi misa cho-dhùnadh,
Cuir bheannachd, le deagh dhùrachd,
Thugad fein a null
S gus a giùlan gu càch,
Air dhòighs gun toir thu miomradh a dhionnsuidh mo luchd-dùthcha,
Innis dhoibh gu bheil mi maireannnuair thig iad naddhàil.

Thoir beannachd, ’s na dean dearmad,
Gu Mor nin Dhomhllic Thormaid,
Bha mi uair a dhaithnichinn
Mo bhana-charaid ghràidh;
Co-dhiu sann moch na anmoch a ruiginn i chan fhalbhainn;
Cha robh eis gu bhi air Calum ann an tallan àigh.

A Dhòmhnuil, ’s mor an caochladh
A thainig air an t-saoghal;
Chan eil an diugh na daoine
Cho faoillidhsa bha:
S tric a bhios mi smaointinn mar chunnaic mi iad aon-uair,
Bu choma dhomh cait an tachrainn, gheibhinn tlachd is blàths.

Cuimhnichidh tu orm
Nuar a leughas tu mo rannaghail;
Bha mi uair dhe maimsir
A dhaithnichte mo làmh,
Ged tha i nís air bhalla-chrith le aois a dhfhàgas cearbach.
Is lugach cam a h-uile facal mar nach dchleachd i tràth.


AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leigsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD.
Cuir a dhiarraidh sampuill, teisteannais us urrais.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia. —agus—127 State St., Boston, Mass.


NUAIR THEID THUBHADDECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram, Bathar Cruaidh
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile.
An seorsas fhearrs aphris as isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.


Indurated Fibreware
Tha an seòrsa so nas daoire na na bucaideans na tubaichean cumanta, achs math is fiach iad sin; tha iad nas buaine, agus mar sinsiad as saoire.
THE E. B. EDDY Co LIMITED
HULL, CANADA.

titleIssue 45
internal date1897.0
display date1897
publication date1897
level
reference template

Mac-Talla V No. 45. %p

parent textVolume 5
<< please select a word
<< please select a page