[Vol . 5. No. 46. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, MAIGH 22, 1897. No 46.
Litir o’n Chuairtear.
[Fhuair sinn an litir so o chionn corr us mios; chaidh i ann an cuil oirnn, agus cha d’ amais sinn oirre tuilleadh gus air an t-seachdain so. Tha sinn an dochas nach gabh an “Cuairtear” gu h-olc e. ]
A CHARAID: —O’n sgriobh mi ugad mu dheireadh shiubhail mi astar còrr us leth-cheud mile, eadar Grand River an Siorrachd Richmond agus am Bras d’ Or ann an Siorrachd Victoria, a gabhail troimh Loch Lomond agus am Beighe ’n Ear. Chaidh mi troimh bhancaichean sneachda a bha ann an iomadh àite cho àrd ris na fensichean, agus b’ fheudar dhomh mar an ceudna faotainn thairis air piosan mora de thalamh dubh mar a b’ fhearr a dh’ fhaodainn.
Dh’ innis mi cheana gu robh mi ’sa Bheighe ’n ear: cha robh uiread de pholitics anns an àite sin ’sa bha ann an Grand River, ach bha barrachd mor grip ann; chaidh innse dhomh an dé gu’n do chaochail a dithis leis an tinneas sin. Ann an Loch Lomond chunnaic mi feadhain air an robh mi-fhin ’s tu fhéin [ ? ] an sgoil, a tha ’n diugh ’nan cinn theaghlaichean. Chuir mi oidhche seachad anns an t-seann dachaidh aig Aonghas I. Domhnullach a tha o chionn àireamh mhor bhliadhnaichean ’na mharsanta ann an Sidni. Mar anns gach àite eile ’s an do shiubhail mi, fhuair mi an sin aoidheachd agus caoimhneas a nochdadh rium nach fhaighear an àite sam bith ach am measg nan Gaidheal. Tha sealladh eireachdail ri fhaicinn o’n aite so; tha e gu math na ’s airde na’n dùthaich mu’n cuairt, air chor ’s gu faic thu cho fad’ sa chi do shuil dhuit. Tha e ’na àite anns am faod thu sealltuinn sios air moran. ’Sann an so a rugadh ’sa dh’ àraicheadh, mar a dh’ ainmìch mi cheana, fear de na marsantan a’s motha ’sa bhaile, agus a bha mar an ceudna ’na àrd-bhàilidh air a bhaile ’s na bhall de phàrlamaid Nobha Scotia. Anns an àite so cuideachd dh’ àiricheadh an Dotair I. L. Peutan am Baddeck, a tha na bhall de’n aràd-phàrlamaid air son siorrachd Victoria; agus an t-Urr. Iain Mac cuthais, D. Ph.; agus an Dotair Siosal, fear de na lighichean a’s fhearr a tha ’n tigh-eiridinn Halifacs. Tha moran eile de sholuis a’s lugha na iad so a thog Loch Lomond gu bhi ’soillseachadh an t-saoghail. ’S iongantach leam fhin, am bòsd ’s ’an fhearas-mhor a gheibhear am measg sluaigh nam bailtean; tha moran dhiubh an dùil, a chionn gu’n d’ rugadh iad anns a’ bhaile, gur e ’s crioch àraidh dhaibh a bhi sealltainn sios orrasan a rugadh air an dùthaich. Ach na’n deanadh an dùthaich a cuid mhac a thoirt as na bailtean, cha bhiodh na bailtean ach mar dhilleachdain; cha’n e mhàin gu’m biodh iad gun athair, gun mhàthair, ach bhiodh iad gun chasan, gun làmhan, agus gun a chuid a’s fhearr de ’n eanchainnean, agus cha bhiodh air fhàgail dhiubh ach am bial.
Tha Loch Lomond air a roinn ’na dha no tri de lochainn; theirear ris an aon a’s motha dhiubh, Loch na h-Earradh, ainm a tha gle fhreagarrach, oir cha’n eil ach gann mac no nighean màthar a’ còmhnuidh timchioll oirre ach Earagaich. Tha ’n ath te a dol fo ’n ainm Loch Uidhist, agus cha’n eil duin’ ach Uidhistich timchioll oirre. Mu choig mile deas air sin, tha ’n Loch Beag, ris an canar Loch Chloinn Fhearghais; tha de ’n fhine sin m’a timchioll ’s nach biodh eagal sam bith gu ’n deanadh tu mearachd ged a chuireadh tu failte air gach aon a thachradh ort mar “Mhr Mac Fhearghais,” co-dhiu chunnaic thu e riamh roimhe no nach fhaca.
Chuala mi sgial iongantach ann an so—agus tha iad ag innse dhomh nach eil facal bréige innte—mu each a thainig ri bheatha fhéin anns an loch uair-eigin air a’ bhliadhna s’a chaidh. Chaidh duin’ òg aon oidhche a choimhead air a leannan, agus air dha a h-àite-còmhnuidh a ruigheachd, dh’ fhàg e an t-each na sheasamh anns a’ charbad aig ceann an taighe. Ni a bha nàdurra gu leòr, ’nuair a fhuair an gille còir an comunn a rùin, bha an ùine dol seachad gun fhios d’a, ach cha b’e sin do ’n ainmhidh a bha ’na sheasamh a mach. Mu ’dheireadh chaill e fhoighidinn gu buileach am measg gach ni eile bha cur air bha ’m pathadh mor air, agus air son a chasg rinn e direach air an loch. Bha a’ cheann air a chumail suas gu teann le iallan na sréine, air chor ’s nach b’ urrainn d’a cromadh, agus air an aobhar sin choisich e mach gus an robh ’n t-uisge suas gu bhial, ach chaidh e tuilleadh us fada, anns cha do thill e. ’N uair a thug an t-òganach, maighstir an eich, fa-near cho anmoch ’sa bha e air fas, rinn e air son a dhol dhachaidh, ach cha robh sgial air an each no air a’ charbad; bha an t-each air a bhàthadh ’s an carbad an ceangal ris. ’Illean, bheirinn comhairl’ oirbh, ’nuair a theid sibh a shuiriche, feuch gu ’n ceangail sibh ur cuid each mu ’n teid sibh a stigh. ’Nam bithinn-sa ’n ur n-àite, agus nach biodh an t-astar tuilleadh us fada buileach, dh’ fhàgainn an t-each aig an tigh, agus dheanainn an t-astar a choiseachd, oir ’san t-saoghal a th’ ann tha e doirbh do dhuine fhios a bhi aige gu de dh’ fhaodas tachairt.
Is mi do charaid,
AN CUAIRTEAR.
An Gaidheal ’s na h-Orain.
Bha oran deas aig a’ Ghaidheal airson gach suidheachadh agus gach am. Cha ’n ioghnadh leinn, uime sin, an uair a chruinnich iad uile a dh’ ionnsaidh a’ bhuird agus a ghreimich gach aon air gach cirb de ’n anart, ged a chluinneamaid duanag ag eirigh, mar a chuala sinn bho Alasdair Mor an uair a chaidh gairm air gu a ghuth a shineadh, mar a leanas—
“Teann, teann, teann, a bhodaich,
Teann, teann, teann, a bhodaich,
Teann, fuirich thall a bhodaich
’S na bi tigh’nn a chogadh orm.
“Cha b’e lan a chupain bhraosgaich
A chleachd mo chur air an daoraich,
Ach na botail ’bhi ga ’n taomadh
Air an taobh sin thall d’ an bhord.
“Ged bhios cach gu tric toirt beum duinn
Chionn bhi ’ghnath cho cridheil eibhinn,
Bidh sinn fhathast mar ri cheile
’S piob an gleus leinn mar bu nos.”
Ni a tha gle iongantach, is bitheanta a chitear am fior Ghaidheal, an uair is doimhne tha e ann am fearas-chuideachd, gur e sin direach an t-am anns am bruchd gach ni a stigh air ’inntinn a bha na aobhar-mulaid anns na laithean a dh’ fhalbh. Ann an comhlan beag na ceilidh nach ’eil an ceann-teaghlaich aosda a’ cuimhneachadh air a mhac a b’ abhaist a bhi sa’ chuideachd agus a tha ’nis fada air falbh am measg choigreach. An ioghnadh, ma ta, ged a tha Eachann Ruadh, ged nach ’eil e ro mhath air na h-orain, a’ seinn le guth tuchanach, trom, na rannan a sheinn a mhac m’an d’fhag e sealladh a’ bhothain anns an d’ fhuair e arach—
“Och nan och na bheil air m’ aire!
’S truagh a nochd na bheil am dhith;
Sud e righ, gur mor mo ghaol ort,
Ged nach faod mi bhi ga ’inns’.
“A bheinn bhreac nan creachann arda
’S tric a sharuich thusa mi;
Ach tha mi ’m bliadhna dol ga d’ fhagail—
Soiridh slan leat gus an till!
“Soiridh leis gach beinn a’s fireach—
A bheinn o’m mithich dhomh bhi triall!
Guidhean fada feidh ad ghlacaibh;
B’e bhi ’n taice riut mo mhiann!”
[Vol . 5. No. 46. p. 2]
COMHRADH
EADER MURACHADH BAN AGUS COINNEACH CIOBAIR.
(Air a leantuinn.)
M. Cha ’n eil slat astair, a Choinnich, oir tha i air an laidh-chuige, agus cha’n eil i a’ carachadh; ach chum mo sgeoil: ri taobh Neptuin chithear Amphitrite a bhan-righinn fein, na ’suidh air carbad eile, a ta air a tharruing le seisear ghillibh làidir, borb, agus air an sgeadachadh cosmhuil ri luchd-tarruing carbaid a companaich. Cha ’n eil ann an Amphitrite ach fear ann an éudach boirionnaich. Tha sleagh aig a’ bhan-righinn mar an ceudna na ’laimh, agus na h-uchd tha aon de bhalachanaibh na luinge mar naoidhean. Tha banaltrum aig an leanabh sin a tha ’taomadh brochain le ladar-iaruinn na ’bheul. A bhàrr air so, tha moran de luchd-frithealaidh aig Amphitrite, maighdeana-mara, le sgathanaibh, cìribh, bruisibh, agus nithibh eile mar sin, air an siubhal. An uair a bheirear na carbadan chum a’ chaisteil-dheiridh, thig Caiptean na luinge a làthair le fion agus deochaibh eile, chum beatha Neptuin agus Amphitrite altachadh air bòrd. Ann an sin, grad-thilgidh Uachdaran a’ chuain, agus a chéile an sleaghan air an làr, chum mar so ùmhlachd a thoirt do phriomh-fhear na luinge, agus do Bhan-righinn na dùthcha as an d’ thainig e.
An sin labhair Neptun, agus thubhairt e, “Thainig mise chur fàilt ortsa, a dheagh Bhreatunnaich, agus chum innseadh dhuit gu ’m bheil mi ro thoilichte d’ fhaicinn an taobh a stigh dhe ’m ’chriochaibh. So agad Amphitrite mo cheile urramach fein, agus so agad mo leanabh gràdhach. Ceadaich dhomh a nis foighneachd air son mo bhancharaid choir Bhictoria, ban-righ Bhreatunn, agus Ban-Iompair nan Innsean, agus air son a cuid mhac agus nighean, ach gu sonruichte air son Diuc Dhuneideann, aig am bheil e mar dhreuchd a bhi ’taoghail a’ chuain.”
CAIPTEAN. Dh’ fhàg mise slan, fallain iad uile.
NEPTUN. Is taitneach gun teagamh an naigheachd sin leamsa, a Chaiptein chòir, ach cionnas tha ’n teaghlach rioghail air fad eadar bheag agus mhòr?
C. Tha iad gu leir na ’n slàinte, agus a nis a’ fàs lionmhor. Cha ’n eil dùil agam, gidheadh, gun sàmhlaichear iad a thaobh maise agus neart, ris an òganach ionmhuinn so agad fein. Cha ’n fhaca mi riamh ar leanabana rioghail fein, ged a fhuair mi a nis an t-urram agus an toilinntinn, mo Righ a’ chuain mhòir fhaicinn ’am luing fein, agus is beothail, sultmhor, tapaidh e, ged is minic tha an leabadh aige fliuch agus fuar d’a rireadh.
N. Tha thu sa’ bharail, ma ta, nach eil a’ chlann rioghail agad fein, a ta gu seasgair, sàmhach ’san lùchairt Bhreatunnaich, co tapaidh, tomadach, sultmhor, ris an leanabh-mic so agamsa, nach ’eil fathast ach beagan mhios a dh’ aois, a rugadh am measg nan tonn atmhor, geala, gàireach; agus aig nach eil pàilliun sam bith ach garbh-aigeal a’ chuain ànradhaich?
C. Cha ’n eil coimeas eatorra idir air an dòigh sin. Cha bu dual màthar do shliochd rioghail Bhreatunn a bhi mòr, oir is boirionnach beag a’ bhan-righinn againne.
N. Ciod a thubhairt thu, a Chaiptein? Ciod? Ban-righinn Bhreatunn na ’boirionnach beag! Am boirionnach a’s mò air an talamh, gidheadh ’ad bharail-sa tha i beag! Smuainich car tiota co i, agus co iad na sinnseara mòra, gaisgeil, cruadalach bho ’n d’ thainig i. B’ eòlach mise air righribh Shasunn agus na h-Alba ré iomadh lìnn, agus b’ iad fein an laochraidh thréun agus chalma. Smuainich air fad, agus léud, agus farsuingeachd nan righeachdan, nan tìrean, agus nan eilean, thairis air am bheil uachdaranachd an diugh aig ban-righ Bhreatunn, agus an abair thu an sin, gu ’m bheil i beag? Cha ’n eil a’ ghrian a’ laidhe air na tìribh thairis air am bheil i a’ riaghladh! Tha i na ’culaidh-fharmaid do chumhachdaibh an domhain, agus na ’cùis-eagail do gach righeachd nàimhdeil. ’N aon fhacal, tha i mòr, mòr!
C. Tha fios agam gu ’m bheil i mòr mar bhan-righinn, ach beag mar bhoirionnach. Tha i mòr a thaobh dréachda, ach beag a thaobh pearsaidh.
N. Ro cheart, ro cheart, ach, a chaiptein, cha ’n eil ùine ri chall—so ma ta, òlamaid a nis deoch-slàinte teaghlaich rioghail Bhreatunn gu leir, agus gu ’m b’ ann a lionas sliochd nan daoine còire brògan an aithrichean. Sud, sud, suas e, agus guidheamaid,
“Beatha shona is bhuan doibh,
Slainte bhos agus shuas doibh,
Sliochd an sliochd, ’s gach sliochd uathasan,
Feadh gach linn gu robh sluaghmhor us mòr!”
C. Tha mi fad ad’ chomain, a Righ nan tonn, air son do dheagh rùin do’n righeachd sin d’ am buin mise, agus da riaghlairibh— ’s eadh do dheagh rùin a chuir thu an céill co h-ullamh, h-eallamh, deas-chainnteach.
N. A nis, a chaiptein, feumar a bhi ’deanamh deas gu dealachadh. Is maiseach gu cinnteach an long so, agus a reir coslais, is gleusda, agus is ealanta an sgioba; ach air leamsa gu ’m bheil mi ’faicinn mòran sluaigh air bòrd nach robh riamh roimhe ’am chriochaibh-sa, agus saoilidh mi nach bu mhisd iad a nis an aghaidhean a nigheadh, agus am feusagan a bhearradh mu’n teid iad thairis air a’ chrios mhòr.
C. Tha sin, a Righ Neptuin, gu h-iomlan aig do thoil-sa.
N. Is i mo thoil-sa, ma ta, gu’n deanar e, agus sin air ball.
Air do Neptun labhairt mar so, buailidh e an clàr-uachdar leis an t-sleagh a ta ’na làimh, a chuireas an long gu h-iomlan air chrith mar gu ’m buailteadh i le beithir dealanaich. An sin, glaodhaidh e ri a luchd-frithealaidh, “Thigibh ’an so, mo ghillean tapaidh, nighibh, glanaibh, agus bearraibh gach mac mathar a ta na ’n coigrich, ach tha mi ’g àithneadh dhuibh a bhi bàigheil riu, agus na deanaibh dochunn air uasal no ìosal. Cha mhothuichear a nis ach cabhag, ùspairn, odhail, agus gleadhraich eagallach thall agus a bhos. Cuid ’an so ag call an treoir trid eagail; cuid eile ’an sud a chunnaic a leithid roimhe, làn toilinntinn leis an fhearas-chuideachd, air doibh a bhi ga ’m faicinn fein tearuinte, agus saor bho gach dolaidh agus trioblaid. Chithear Neptun fein le sealladh àrd agus uaibhreach na ’shuidhe air a’ charbad, ann am meadhon a luchd-frithealaidh! Ach ged is grinn an carbad sin, ann an sùilibh Uachdarain a’ chuain, agus a chuid sheirbhiseach, is suarach e an coimeas ri carbad-cogaidh Chuchullin minc Shéuma, air am bheil Oisean liath nan ceilearan a toirt a’ chunntais oirdheirc a leanas:—
“Carbad! carbad, garbh a’ chòmhraig,
’Gluasad thar chòmhnard le bàs;
Carbad cuimir, luath, Chuchullin,
Sàr-mhac Shéuma nan cruaidh chàs.
Tha ’èarr a’ lùbadh sios mar thonn,
No ceò mu thom nan carragh géur;
Solus chlocha-buadh mu ’n cuairt,
Mar chuan mu cathar ’s an oidhche.
Dh’ iuthar faileasach an crann.
Suidhear ann air cnaimhibh caoin,
’Se tuineas nan sleagh a t’ ann,
Nan sgiath, nan lann ’s nan laoch!”
Cha bhi Neptun ach a mhàin na ’shuidh air carbad aoin de ghunnachaibh mòra na luinge, ach freagraidh sin fein na bhios r’a dheanamh leis.
Air do Neptun a bhi nis air a chuairteachadh leò-san a bhios deas agus deònach gu géill a thoirt d’a iàrrtasaibh, cuirear sios do bhroinn na luinge gach mac màthar nach robh riamh roimh aig crios-meadhon an talmhainn, agus suidhichear freiceadan làidir orra gus an gairmear nios iad aon an deaghaidh aon.
An sin theid ballan mòr uidheamachadh, agus bithidh ochd no deich de bharaillean uisge air an taomadh ann. Thairis air beul a’ bhallain so, cuirear sgealb fiodha mar àite-suidh dhaibh-san a tha gu bhi air an glanadh, agus air am bearradh le seirbhisich Neptuin. Air do gach ni a bhi ma so air a dheasachadh, gairmear a nìos as an luing a’ cheud fhear a tha gu bhi air a laimhseachadh leis an luchd-frithealaidh aig righ a’ chuain. Cuirear e na ’shuidh’ os ceann a’ bhallain le faluch air a shùilibh, chum nach faic e ciod a tha gu tachairt ris. Cuirear a’ cheist so air; “C’ait an d’ rugadh e?” —agus co luath ’s a dh’ fhosglas e a bheul chum sin innseadh, sparraidh am bearradair bruis làn tearra, agus iomadh gnè shalachair eile a stigh na ’bheul, agus còmhdaichidh e a ghnùis gu léir leis na nithibh sin a ta e ’gnàthachadh ’an àite siabuinn. An sin glacaidh e an cearcall meirgeach ’na laimh mar ealtuinn, agus sgrìobaidh e gnùis an truaghain a bhios fo ’laimh leis, co cruaidh
[Vol . 5. No. 46. p. 3]
agus co garbh ’s gu ’n sil a shuilean, agus gu ’m bi a ghruaidh dearg le ’fhuil fein! Aig an àm cheudna dlùthaichidh léigh Neptuin ris an duine bhochd, agus cumaidh e searrag-fàile ri ’shròin, dheth nach bi, gu ’n teagamh, fàile ro chùbhraidh. Agus rud a’s miosa na sin, bithidh an t-searrag làn de bhioraibh co géur ris na snathadaibh, a bheir gu h-ealamh fuil an duine bhochd a mach. An uair a nithear mar so gach droch càramh air le luchd-dreuchd Neptuin, tilgear e a’n coinneamh a’ chìnn ’s a’ bhallan mhor, chum faotuinn as air an doigh a’s fhearr is urrainn da. Nithear an cleas ceudna air gach duine ’s an luing nach robh riamh roimhe sa’ cheàrnaidh sin dhe’n chuan, agus is iongantach an sgiobadh iad an déigh dhaibh a bhi air an tumadh, agus air am béubanachadh co searbh! Chithear iad bog, fliuch, salach, agus comhdaichte le fuil, a’ deanamh spàirne cruaidhe a dh’ fhéuchainn co a’s luaith’ a gheibh iad fein a ghlanadh. Is minic tha aimhreite agus tuasaidean ag éirigh bho na cleasaibh mi-thaitneach so. Tha cuid ann nach strìochd air chor sam bith do ’n droch cleachdadh so, gus an toirear iad a dh’ aindeoin chum a’ bhallain mar a dh’ ainmicheachadh. Tha cuid eil ag ceannachadh saorsa dhaibh fein le deoch agus airgiod a thoirt do sheirbhisich Neptuin—nithe air an dean iad gréim le ’n uile chridhe.
C. Ubh! ubh! ubh! a Mhurachaidh, a’ leithid do sgeul cha chuala mi riamh! B’e Neptun fein an gille! Ochan! be ’n diùlnach eagallach e! Gu cinnteach cha bu mhaith leam tuiteam fo spòig, agus gu sònraichte fo spogaibh nan créutair uamhalta sin a tha na ’n luchd-glanaidh agus na ’m bearradairean aige. A ghràidh nam fear, cha ’n eil iad soitheamh.
M. ’Nam faiceadh Seònaid thu ’s a’ bhallan mhor air do thumadh, agus air do chòmhdachadh le tearr agus fuil, shaoileadh i nach faiceadh tu gu bràth tuilleadh an Goirtean-Fraoich. Bhiodh do chàramh na bu mhiosa gu mòr na càramh an duineachain sin mu thimchioll an dubhairt bean a ghràidh:—
“Na’m biodh agam trudair bodaich,
Bhogainn anns an allt e.”
C. Cha robh an càramh ion-mhiannaichte, a Mhurachaidh, ach na ’m feuchadh iad mar sin ruim-sa spealgainn na claigeannan aca leis a’ chromaig dhuibh. Uime sin, tha e ’cur iongantais orm cia mar a tha iad a’ cur suas leis an droch dhioladh sin. Tha mi da rireadh, a charaid, oir na ’m buineadh iad mar sin riumsa, cha bu Choinneach Cìobair mi, mar tugainn am bat mu ’n t-sròin dhaibh, agus sin le cabhaig.
M. Ma ’s fior thu fein, dheanadh tusa gaisge, a Choinnich, gaisge gun teagamh. Ach ciamar a rachadh agad air seasamh an aghaidh còmhlan oillteil righ a’ chuain mhòir? Na biodh eagal ort, gidheadh, oir ma tha dùil agad dol, uair air bith, a nùll air cearcall-meadhoin an talmhainn, cha ’n eil na cleachdanna so a nis air an ceadachadh air moran de’ na longaibh, agus orra-san air am bheil iad air an ceadachadh, cha ’n fhéudar dol fad air an aghaidh leò. Uime sin na cuireadh Neptun eagal no geilt sam bith air mo dheagh charaid Fear a’ Ghoirtein-Fhraoich.
C. Cha chuir e, agus cha ’n fhearr dha, ged a bhiodh an comas aige, ach is dualach nach bi. Tha na bacain a ta ri m’ shailtibh tuilleadh ’s lionmhor agus tuilleadh ’s làidir gu dol fad air astair o’n Ghoirtean-Fhraoich. Feumaidh sinn a bhi riaraichte le ’r crannchar far am bheil sinn. Ach, a charaid mo ghràidh, cha chuirinn suas aon mhionaid leis na cleasaibh aig luchd-frithealaidh Neptuin, oir bhiodh e ge b’ oil le m’ amhaich.
M. Tha mi ga ’d dheagh chreidsinn, a charaid, ach na ’m biodh tu an sin, dheanadh iad e ge b’ oil le d’ fhiaclaibh. O cheann beagan bhliadhnaichean, bha duin’ -uasal àraidh a’ dol a null air fairge, agus dhiùlt e a shaorsa a cheannachadh, agus mar an ceudna cha strìochdadh e do ’n chleachd sin air an d’ thug mi cunntas. An uair a chunnaic cuideachd Neptuin so, bhris iad a steach do sheòmar an duin’ -uasail, shlaod iad leò e dh’ ionnsuidh a’ bhallain mhòir—bhearr agus bhog iad e gu maith ’s gu ro mhath, agus an sin leig iad cead a choise dha. Lìonadh an duine le corruich, tàmailt, agus farran, agus thog e fianuisean air a’ chàramh a dh’ fhuiling e. An uair a ràinig an long ceann a turuis, chaidh e gu lagh ris a’ chaiptean, do bhrigh gu ’n do cheadaich e a leithid de ghiùlan mi-riaghailteach air an lùing aige, agus thug e tri cheud punnd Sasunnach dheth.
C. Gle cheart, a ghoistidh, bheirinnsa a mach a’ bhinn cheudna na ’m bu bhreitheamh mi. Cha ’n eil teagamh nach ’eil fearas-chuideachd na ’ni taitneach air cuan-thuras fada, an uair a bhios cuideachd mhor air an druideadh suas ann an luing, agus nach faic iad ni ré iomadh mios ach na speuran os an ceann, agus an cuan mor, farsuing, fosgailte, ceithir-thimchioll orra. Ach an deigh sin uile, cia aca tha daoine air muir no air tìr, bu chòir do gach sùgradh agus cridhealas a ghnàthaichear leò, a bhi air gach seòl gun chron, gun dochunn do dhuine sam bith, agus na ’n nithibh neo-lochdach annta fein, do nach faighear coire le lagh Dhia no dhaoine.
M. Tha mise ag aontachadh leis gach lide a labhradh leat, a ghraidh nam fear; ach, a dh’ innseadh na firinn, a Choinnich, tha mi sgith a nis de bhi ’leughadh, labhairt, agus ’g eisdeachd, agus air duitsa a bhi, gun teagamh, an ni ceudna, rachamaid a dh’ fhaicinn am bheil a’ bheag no mhor aig bean-an-tighe a dh’ fhliuchas ar sgòrnain. Tiugainn, ma ta, maille rium-sa, a dh’ fheuchainn ciod a thuiteas oirnn. —ALASDAIR RUADH, ’sa Ghaidheal.
Cha lugha na deich muilleinean fichead sluaigh a chaidh a mharbhadh ann an cogadh, o thoiseach na linne so.
SGEULACHDAN ARABIANACH.
VI. EACHDRAIDH NAN TRI CHALADAIREAN AGUS NAN COIG MNATHAN-UAISLE.
CAIB. III.
An uair a chunnaic na daoine cho fior eireachdail ’s a bha ’n taigh, agus am modh ’s an caoimhneas leis an do ghabh na mnathan-uaisle riutha, ghabh iad barail mhath orra. Mu ’n do shuidh iad, thug iad an aire do ’n phortair. O’n a bha ’n t-aodach a bh’ air coltach ris an aodach a bh’ orra fein, shaoil leotha gur e fear de na daoine nach robh deonach geill a thoirt do ’m beachdan fhein a bh’ ann, agus labhair iad le suarachas uime.
Bha am portair eadar a chadal ’s a dhusgadh, agus o’n a bha e car blath le fion, chuir na briathran a labhair iad tamailt air. Sheall e gu gruamach orra, agus thuirt e, le guth garg, “Suidhibh, agus na gabhaibh gnothuch ri ni nach buin duibh. An do leugh sibh an sgriobhadh a bh’ air a’ gheata?”
“Dean air do shocair, a dhuine choir,” arsa fear de ’n triuir dhaoine, “cha’n ’eil sinne toileach dragh sam bith a chur ort; an aite sin, tha sinn deonach ni sam bith a dheanamh a dh’ iarras tu oirnn.”
An uair a chunnaic na mnathan-uaisle gu ’n robh na fir air thuar a dhol thar a cheile, chaidh iad ’s an eadraiginn, agus chuir iad gu sith iad.
An uine ghoirid chuireadh biadh agus deoch de gach seorsa air a’ bhord, agus shuidh an triuir aig a bhiadh, agus bha na mnathan-uaisle ’frithealadh dhaibh.
An uair a ghabh na caladairean na thainig riutha de ’n bhiadh ’s de ’n dibh, thuirt iad ris na mnathan-uaisle, gu ’n robh iad toileach ceol a chluich, ma thachir gu ’n robh innealan ciuil anns an taigh. Gun dail sam bith fhuaradh inneal-ciuil do gach fear dhiubh, agus thoisich iad ri cluich comhladh. Sheinn na mnathan-uaisle oran a bha freagarrach air an fhonn a bha na fir a cluich; agus bu mhath a b’ aithne dhaibh sin a dheanamh. Eadsr a h-uile ceol is orain is cridhealas a bh’ aca, bha ’n oidhche a’ dol seachad gun fhios daibh.
An uair a bha iad ann am mullach an solais, chualas bualadh aig an dorus. Chuir e ioghnadh orra gu leir gu ’m biodh neach sam bith a’ bualadh aig an dorus cho anmoch sid. Chaidh Safi a dh’ fhaicinn co a bh’ aig an dorus. Co a bh’ ann ach an righ, agus an t-ard-chomhairleach ’s an t-ard-chaillteanach. Bha e mar chleachdadh aig an righ a bhith gu math tric a’ falbh ann an aodach duine chumanta, air feadh a’ bhaile anns an oidhche, feuch cia mar a bha cuisean a’ dol air aghart air feadh a’ bhaile. Air an oidhche so, bha e ni bu traithe na b’ abhaist da, agus an uair a chuala e an ceol agus a’ ghaireachdaich a bh’ anns an taigh an am dha bhith ’dol seachad air an dorus, dh’ iarr e air an ard-chomhairleach bualadh, o’n a bha toil aige fios fhaotainn c’ar son a bha
(Air a leantuinn air taobh 358.)
[Vol . 5. No. 46. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ‘Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton
SIDNI, MAIGH 22, 1897.
Litir o Choinneach Odhar.
MU IUBILI NA BAN-RIGH’NN.
A CHARAID: —Ceadaichidh sibh dhomh aig an àm so, ged a tha mi cho dripeìl ’s nach urrainn domh litir fhada sgriobhadh ugaibh, beagan fhocal a radh mu choimhead Iubile na Bàn-righ’nn.
Tha mheud againne ’sa bhios beo gus an fhicheadaibh latha dhe’n ath mhios ri ni fhaicinn nach fhacas riamh roimhe anns an Iompaireachd Bhreatunnach; ’se sinn urra rioghail an deigh crioch a chur air an tri ficheadaibh bliadhna de riaghladh, agus sin thairis air an Iompaireachd a’s motha chunnaic an saoghal so riamh. Cha’n fhaca ar n-athraichean coimeas an ni so, agus ge be de thachras do na linntean nach d’ rugadh fhathast, cha’n fhaic sinne a leitheid ach an aon uair so, agus uime sin bu chòir dhuinn an cothrom a ghabhail, agus ar dilseachd d’ ar dùthaich ’s ar gràdh d’ ar ban-righ a chur an céill air an latha th’ air a chur air leith leatha fhéin air son sin a dheanamh. Agus ’s ann air an dòigh anns an dean sinn sin a tha mi rùnachadh tigh’nn thairis.
Cha’n eil mi dol a thoirt iomradh air an liuthad doigh anus am bheil na daoine beairteach a dol a chur an gàirdeachais an ceill; faodaidh iad sin a dhol gu iomadh greadhnachas agus othail nach air a cheadachadh do’n mhor-shluagh le cion maoin. Tha mi tuigsinn gu bheil latha mor ri bhi agaibh féin ann an Sidni, agus tha fhios gu’m bi sin aca mar an ceudn’ anns na bailtean uile air feadh na h-Iompaireachd, a reìr an comais. Annta sin bidh moran sluaigh cruinn, agus iad fhéin ’s na saighdearan mara ’s tire cho math ris na soar-dhionadairean, a màirdseadh no ri ni sam bith eile leis an deonaich iad an gàirdeachas a nochdadh, agus gach aon a feuchainn ri bàrr a thoirt air gach aon eile ann an sgiamhachd a dheise ’s ann an sgiobaltachd a ghluasaid. Tha romham fhin an latha chur seachad anns an dòigh sin, agus bheirinn a chomhairl’ air gach neach is urrainn deanamh mar an ceudna.
Ach ’si ’n dòigh air an robh mi dol a labhairt, dòigh nach cosg a bheag agus a bheir toilinntinn do mhoran, dòigh a tha air a cleachdadh gu mor ann am Breatunn, ’s a bhatar a cur an cleachdadh ann o chionn iomadh linn aig amannan éibhneis, ’se sin a bhi losgadh theinntean. Air feasgar an dara latha fichead de’n ath mhios, cha bhi ach gann cnoc no beinn eadar rudha Cheann-tire an Sasunn agus Taigh Iain Ghròt an ceann a tuath na h-Alba air nach be teine mor a losgadh; agus ’nuair a dhorchaicheas an oidhche, ’s eireachdail an sealladh iad. Carson nach deanamaid an ni ceudna anns an dùthaich so. Cha’n eil ach gann tuathanach an Ceap Breatuinn nach fhaodadh, le beagan saothair, teine briagha dheanamh air a chnoc a’s àirde air a chuid fearainn, agus na’n deanadh iad uile sin, bu bhòidheach an sealladh e, agus dh’ innseadh e do na h-uile aon a chitheadh e gu robh mhiann orra-san a bheothaich na teinntean, urram a chur air a’ bhean-uasal chòir a tha riaghladh os an cionn. Agus ma tha so fior mu Cheap Breatunn, tha e mar an ceudna fior mu Nobha Scotia, Eilean a’ Phrionnsa, Cuibec, Ontario, agus gach cearn eile de Chanada. Cha’n eil teagamh agam idir nach bi moran de na teinntean-éibhnis sin a’ soillseachadh air feadh na dùthcha air an oidhche ud, agus tha mi ’n dòchas nach bi na Gàidheil air deireadh air càch anns a’ chuis. ’S iongantach leam fhin ma bhitheas.
Is mi ur caraid,
COINNEACH ODHAR.
Cha do sguir an cogadh aig na Turcaich ’s na Greugaich fhathast. Ged a tha a’ Ghreig an dràsta ’sa rithist a toirt buaidh ann am blàr, cha’n eil dòigh aic’ air buaidh fhaotainn gu h-iomlan; tha i fhéin a’ faicinn sin cho math ri rioghachdan eile, agus tha i nise ’n deigh a cùis a thogail dh’ ionnsuidh nan rioghachdan mora‘ agus air aontachadh a bhi leagte le ’m breith-san. Tha an Tuirc, air an laimh eile, air fas ladarna leis gach buaidh a tha i faotainn, agus tha na cumhachan-sith bu mhiann leatha sparradh air a Ghréig buileach neo-reusanta; ach ’se ’s coltaiche nach leig na rioghachdan mora leatha ana-ceartas sam bith a dheanamh. ’Se ’n ni a’s miosa mu’n chùis nach eil na rioghachdan mora aon-ghuthach ’nam measg fhéin a thaobh ciod is còir a dheanamh; ’se sin gu mor a’s cunnartaiche do ’n Roinn-Eorpa na ’n cogadh beag so, oir ma theid iad troimhe-cheile, bidh an cogadh a thòsichicheas eatorra ’na chogadh uamhasach.
Chaidh tigh na theine ann an St. Andrews, N. S., oidhche Di-màirt s’a chaidh, agus bha dithis nighean a bha còmhnuidh ann, Flòiri agus Peigidh Nic-Ille-Mhaoil, air an losgadh gu bàs. Cha’n eil fhios ciamar a thòisich an teine. Bha bràthair dhaibh air fhaotainn ann an Rossland, B. C., ’sa gheamhradh s’a chaidh, air a reothadh gu bàs. Bha piuthar aca a bha fuireach còmhla riutha, ach gu fortanach, cha robh i aig an tigh an oidhch’ ud, agus mar sin ghleidh i a beatha.
MacCoinnich & Co.
Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh
ANN AN LOUISBURG,
agus tha sinn aig an àm cheudna a’ cumail air adhart air an t-seann laraich,
ANN AN SIDNI.
Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitcheil, an New York.
Theid sinn an urras air an obair.
Mac Coinnich & Co.
F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn.
Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.
Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air.
Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.
Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c , &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.
THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin.
Tha Factoridh Eureka air aon de ’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.
Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.
Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitche’s Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.
[Vol . 5. No. 46. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Tha pàrlamaid Eilean a Phrionnsa air a sgaoileadh, agus a’s t-fhoghar nuair a bhios a bhuain seachad, agus na tuathanaich air an socair, bithear a’ taghadh pàrlamaid ùr.
Thug Reuben Camaran, ann aWestville , N. S. ,ionnsuidh air e-fhéin a chrochadh air an t-seachdain s’a chaidh, ach chaidh fhaotainn an àm, agus fhuaireadh a thoirt uige. Bha inntinn air a dhol air aimhreit le gaol, ma ’s fior an sgeul.
Tha soitheach a mhuinntir an Eiiein a stigh air an t-seachdain so le luchd feòir, sil, us buntàta. Tha ’m buntata faotainn pris na ’s fhearr na bha e o chionn àireamh bhliadhnaichean—leth-dolair am buiseal; ’se cho gann ’sa bha e air an fhoghar ’sa chaidh is coireach ri sin.
Cha ’n eil iasgach an sgadaìn ’s an truisg ach fad air ais gu ruige so; ach tha iasgach nan giomach a’ gealltuinn a bhi gle mhath ma bhios an t-side idir fàbharach. Tha na giomaich gu math pailt, agus tha ’n luchd-iasgaich moran na ’s pailte na bha iad bliadhna sam bith roimhe so.
Thug an soitheach-seòlaidh ùr, F. A. Palmer, air an d’ thug sinn iomradh roimhe, luchd tri mile ’s tri cheud tunna de ghual á Louisburg gu ruige Boston air an t-seachdain s’a chaidh. ’S e an luchd bu mhotha ràinig Boston riamh ann an soitheach-seolaidh. Rinn i an turus ann an tri latha.
Tha an t-side fuireach fuar gu leòr, agus tha ’n t-uisge sileadh gu math tric. Cha ’n eil na tuathanaich a’ faotainn air adhart ro mhath leis a’ churachd leis cho tais ’s a tha ’n talamh. Tha am fiar a fàs gu math, ach cha bhi adhartas mor air fochann gus an tig tuilleadh blàiths. Bha reothadh ann oidhche Di-ciaduin.
Tha cruinneachadh gu bhi aig Comunn nan Daoin’ Oga (Y. M. C. A.) anns a’ bhaile so Diluain. Tha daoine ri bhi ann as gach àite dhe ’n t-siorrachd ’sam bheil meur dhe ’n chomunn, agus tha dùil ri coinneamh mhor a bhi aca. Tha coinneamh gu bhi aig Comunn na Sgoil Shàbaid ann an Glace Bay, Di-màirt.
Chaidh muc-mhara mhor suas troimh lochan a Bhras d’ Oir air an t-seachdain s’a chaidh. Chunnacas i le moran ach bha coltas cho garg oirre ’s nach miontraigeadh iad a dhol na còir. Bha iad dhe ’n bharail aig an àm gu ’m bu mhath a chomhairle, “An rud nach buin duit, na bean da,” agus leig iad leatha dhol mu chùl a gnothuich.
Tha aon de na soithichean mora smùide a bhios a ruith a null ’sa nall air an Atlantic, d’ an ainm an Arcadia, air tir aigCape Rayair cladach Newfoundland. Is soitheach Gearmailteach i, agus bha i air aon de na soithichean bu bhriagha thainig riamh gu Montreal. Bha i air a turus a null as a’ phort sin, agus i luchdaichte le gràn, a chuid bu mhotha dheth á Canada. Chaidh i air tir ’sa mhaduinn Di-dònaich ann an ceò trom, agus thòisich i air lionadh le uisge. Bhatar a tilgeadh an luchd thairis feuch an gabhadh i sàbhaladh, ach cha ’n eil fhios fhathast co-dhiu ghabhas no nach gabh sin deanamh.
Air taobh deas a Bheigha ’n Ear, a sheachdain gus an Di-ciaduin s’a chaidh, chaochail Domhnull Mac Gilleain, duine air an robh deagh eòlas air feadh na siorrachd air fad, leth-cheud bliadhna s’a sia a dh’ aois. Bhuaileadh e leis a ghrip ’sa gheamhradh ’sa chaidh agus dh’ oibrich e air gus an d’ thug e fiabhrus eanchainn air, tinneas a dh’ aobharaich a bhàs. ’N uair a bha Comhairle na siorrachd air a cur air chois an toiseach bha Mr. Mac Gilleain air a thaghadh air son sgireachd a Bheighe ’n Ear, agus bha e ’san dreuchd sin gu àm a bhàis. Bha e mar an ceudna ’na cheannsuidhe air a’ chomhairle àireamh bhliadhnaichean. Dh’ fhàg e bantrach us aon duine cloinne.
’S e Di-luain co-ainm latha breith na banrigh’nn. Tha an latha ri bhi air a chumail mar is àbhaist. Bidh na taighean-gnothuich uile air an dùnadh, agus bidh gach duine a gabhail latha saor dha fhéin.
Bha còmhstri mhor a’ dol air adhart ann an Toronto o chionn ghoirid a thaobh charbadan-sràide, am bu chòir no nach bu chòir a bhi ’g an ruith air an t-Sàbaid. Air an t-seachdain s’a chaidh bha a chùis air a chur air beulaobh sluaigh a bhaile, agus Di-satharna bha ’n taghadh aca. Chaidh 32,387 bhòt a thoirt seachad air fad, 16,433 air son, agus 15,953 an aghaidh a bhi ’g an ruith air Di-dònaich.
Iadsan a Phaigh.
Seumas Mac Neill, Amaguadus Pond.
D. T. Domhnullach, Mabou.
Iain Gillios, Sidni.
D. I. Mac Leoid, Sidni.
T. C. Harold, Sidni.
Iain Gunn Mac Guaire, Loch Ban.
Ceit Nic Fhionghain, Kirkwood
Gilleasbuig Mac-a- Phearsain, Glace Bay.
D C Domhnullach, Birch Grove
Donnacha R Mac Rath, S S Boulardarie
Uilleam Patterson, Fork ’s Shidni
Donnacha Gillios, Sea Side P O 75c
Iain Mac Ille-mhaoil, Hawthorne , 25c
Iain A Mac Ille-mhaoil, Hawthorne , 25c
Mairi Nic-an-t- Saoir, Shenacadie, 25c
Aonghas G Domhnullach, S W Margaree, 25c
Aonghas Domhnullach, Boulardarie, 25c
Mor Nic-a- Bhiocair, Ware , Mass. ,
A B Mac Leoid, South Plymouth, Mass., $3 . 00
Aonghas Gillios, Beaver , Wash.
I D Mac Phàrlain, Knappa , Oregon.
Iain Mac Ille-mhaoil, Cincinnati , O.
Donnacha Mac-an-Leigh, Portsmouth , O.
Iain L Brower, New York
Bean Dhomhnuill ’Ic Fhionghain, Moreton, N . Dak.
Iain Mac Phaidein, Oak Bank, Man.
Aonghas E Moireastan, Marsboro, Que. $3 .00
Padruig L Mac Iomhair, Tolsta, Que.
Domhnull D Mac Leoid, Milan , Que.
Raonull Domhnullach, Arochar, Assa. 25c
An t-Easbuig Domhnullach, Alexandria , Ont. $2 .
Dr. Domhnull Mac Dhiarmaid, Maxville , Ont.
Eoghan Mac Eoghain, Maxville , Ont.
Anna P Lamont, Tiverton , Ont. 25c
Am Breitheamh Mac Isaic, Antigonish , N S $2 . 00
Iain I Siosal, Pictou , N S
Iain Mac Gilleain, Gleann-a- bhaird, N S
Iain R Caimbeul, Halifacs, N S 50c
Mairi M Nic-a- Phearsain, Allt Mhic Ara, 25c
S M Màrtuinn, Heatherdale , E. P. I.
Aonghas Bruce, Grand View, E. P. I.
Alasdair D Mac Leoid, Kinross , E. P. I.
Iain Mac Calamain, Point Prim, E. P. I.
Iain Caimbeul, Beinn Mhic Mhannain, E. P. I.
BAS.
Air a cheathramh latha fichead de ’n Mhàrt, chaochail ann an Gleann Sandfield, an Ontario, Iain Mac ’Ille-mhaoil, fear de na daoine bu shine ’s bu mheasaile ’s an sgireachd; bha e ceithir fichead bliadhna ’sa h-aon a dh’ aois. Rugadh Mr. Mac ’Ille-mhaoil ann an Cinntàile, an sgireachd Ghlinn-Shiel, ann an siorrachd Rois, anns a’ bhliadhna 1816; thainig e air imrich do Chanada ’sa bhliadhna 1841, maille ri ’athair ’s ri ’mhàthair, dithis pheathraichean us triùir bhràithrean. Bha e ’na dhuine còir, caoimhneil, a bha ’n còmhnuidh deiseil gu lamh chuideachaidh a thoirt do neach a bhiodh feumach. Dh’ fhàg e ’na dheigh, bantrach, mac agus nighean; bha sianar de ’theaghlach air an gairm dhachaidh roimhe fhéin. Ni a bha gle iongantach a thaobh Mhr. Mhic Ille-mhaoil, ged a rainig e aois cho mor, bha e làn chomasach air leughadh gun ghlaineachan, agus bha e tùrail, tuigseach, agus na dheagh shlainte gus mu dha sheachdain mu ’n do chnochail e, ’nuair a bhuail an grip e, tinneas a dh’ obraich air gus an d’ thug e a bhàs. Bhuineadh e do ’n Eaglais Chléirich d’ an robh mor ghradh aige, agus anns an robh e gle mheasail. —Com.
C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
Seall an so air an ath sheachdain.
NIALL Mac FHEARGHAIS,
Taillear.
SIDNI - - - - C. B.
NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B,
Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha.
[Vol . 5. No. 46. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 355.)
muinntir an taighe cho mear agus cho aoibhneach.
Thuirt an t-ard-chomhairleach ris nach robh anns an taigh ach mnathan, agus gu ’n robh iad ri spors ’s ri feala-dha mar a bha e nadarra dhaibh a dheanamh; agus o’n a bha ’chuis coltach gu ’n do ghabh iad deur beag a bharrachd de ’n fhion air na bu choir dhaibh a ghabhail, gu’ m b’ fhearr leigeadh leotha gu ’n dragh sam bith a chur orra. A bharrach air sin, o nach robh an uair mi-iomchuidh, nach bu choir stad a chur air a’ chridhealas a bh’ aca.
Thuirt an righ gu ’m buaileadh iad aig an dorus. An uair a dh’ fhosgail Safi an dorus, thug an t-ard-chomhairleach an aire gu ’n robh i na boirionnach anabarrach briagha, agus air ghaol cead fhaighinn dhol a steach, rinn e umhlachd dhi, agus thuirt e, “Is triuir mharsantan sinn a thainig a Mosul. Thainig sinn do’n bhaile so o chionn deich latha le moran de bhathar luachmhor. Fhuair sinn cuireadh o aon do mharsantan a’ bhaile gus a dhol gu cuirm comhladh ris feasgar an diugh; agus bha am biadh ’s an deoch pailt, agus chuireadh fios air luchd-ciuil ’s air dannsairean, a chum an tuilleadh a chur ri ar toil-inntinn. Leis a h-uile gleadhraich is straidhlich a bh’ againn, chuir luchd-riaghlaidh a’ bhaile maoir g’ ar glacadh; ach gu fortanach thug sinne ar casan as gun fhios daibh. A nis, o nach ’eil annainn ach coigrich, agus sinn rud eiginn blath le fion, tha eagal oirnn gu ’n tachair na maoir oirnn mu ’m faigh sinn a dh’ ionnsuidh an aite anns am bheil sinn a fuireach. An uair a bha sinn a’ dol seachad air an taigh so, chuala sinn fuaim a’ chiuil, agus smaoinich sinn, o’n a bha sibh gun dol a laidhe, gu ’m bu choir dhuinn bualadh aig an dorus, gun fhios nach leigeadh sibh leinn an oidhche a chur seachad fo fhasgadh an taighe. Ma tha sibh a’ smaoineachadh gu’m bheil sinn airidh air cuideachd a chumail ribh re na h-oidhche, bidh sinn cho modhail ’s cho iomchuidh ri daoine a chunnaic sibh riamh, agus ni sinn fearas-chuideachd agus cridhealas nach toir oilbheum sam bith dhuibh. Ach mur ’eil sibh deonach fasgadh an taighe a thoirt dhuinn, bidh sinn toilichte le fasgadh an fhor-dhoruis.”
An uair a bha ’n t-ard-chomhairleach a’ labhairt nam briathran so, bha Safi ag eisdeachd le ro-aire, agus ag amharc gu geur ann an aghaidhean nan triuir dhaoine. Thuirt i riutha nach b’ i bean an taighe idir, agus, air an aobhar sin, nach faodadh i an leigeadh a steach. Ach nam fanadh iad tiotadh beag far an robh iad, gu ’n tigeadh i le fios do’n ionnsuidh am faigheadh iad a steach.
Thill Safi do ’n t-seomar far an robh a peathraichean, agus dh’ innis i dhaibh na briathran a thuirt an duine rithe aig an dorus. Cha robh fhios aca an toiseach ciod a dheanadh iad; ach o’n a bha iad gu nadarra gle chaoimhneil, smaointich iad gu ’m b’ fhearr dhaibh na daoine a leigeadh a steach, agus cuid na h-oidhche a thoirt dhaibh.
An uair a chaidh iad a steach do ’n t-seomar, chuir iad failte air na mnathan-uaisle a bha stigh rompa, agus mar an ceudna, air an triuir Chaladairean. Bha na mnathan-uaisle modhail, caoimhneil riutha, agus iad an duil gur triuir mharsantan a bh’ annta. Thuirt Sobaìde riutha, agus i ’labhairt gu ciuinn, siobhalta, “Is e bhur beatha an oidhche a chur seachad an so. Ach mu ’n abair mi an corr ribh, tha mi an dochas nach gabh sibh gu h-olc e, ma dh’ iarras mi aon fhabhar oirbh.”
“Ochan! ciod e am fabhar a tha sibh ag iarraidh? Cha dhiult sinne fabhar sam bith a dh’ iarras bhur leithide-sa de mhnathan uaisle oirnn,” ars’ an t-ard-chomhairleach.
Thuirt Sobaide ris, “Tha mi ag iarraidh a dh’ fhabhar oirbh, nach abair sibh aon fhacal mu dheidhinn ni sam bith a chi sibh, agus nach cuir sibh ceist sam bith oirnn mu thimchioli aon ni a chi no a chluinneas sibh fhad ’s a bhios sibh an so; no, ma chuireas, cluinnidh sibh nithean nach cord ribh air chor sam bith.”
“A bhean mo ruin,” ars’ an t-ard-chomhairleach, ni sinne mar a tha sibh ag iarraidh oirnn. Cha ’n eil sinn aon chuid math gu beum fhaotainn do dhaoine eile; agus cha mho a tha toil againn a bhi farraid mu nithean nach buin duinn. Tha sinn riaraichte gu leor le bhith ’gabhail beachd air gach ni a bhuinneas do ar gnothach fhein, gun ghuth a thoirt air nithean a bhuinneas do dhaoine eile.”
An uair a chuala iad so, shuidh iad uile mu ’n bhord, agus dh’ ol iad deoch-slainte na feadhnach a thainig mu dheireadh.
Am feadh a bha ’n t-ard-chomhairleach a’ cumail nam mnathan-uaisle ann an seanchas, cha b’ urrainn àn righ gun bheachd sonraichte a ghabhail air cho maiseach ’s a bha na mnathan-uaisle; air cho iomchuidh ’s a bha iad nan gluasad, air cho geur-chuiseach, tlachdmhor, ’s a bha iad ’nan comhradh. Air an laimh eile, bha ioghnadh anabarrach air, a chionn gu ’n robh an t-suil dheas cam aig an triuir Chaladairean. Ged bu mhath leis fios fhaotainn cia mar a chaill iad an leth shuil ’nan triuir, cha ’n fhaodadh e fios an aobhair fhaighneachd, o’n a gheall e fhein ’s a dhithis chompanach nach cuireadh iad ceisd mu thimchioll ni sam bith fhad ’s a bhiodh iad ’s an taigh. Bha ’n taigh ’s an t-ordugh maiseach anns an robh gach ni a bha ’n taobh a staigh de ’n dorus, a toirt air a bhi ’smaointean gur ann a bha e ann an taigh a bha fo dhruidheachd.
An uair a bha iad a’ comhradh mu thimchioll gach doigh anns am faoidteadh spors agus fearas-chuideachd a dheanamh, dh’ eirich na caladairean thun an urlair, agus thoisich iad ri dannsa. Chord an seol dannsa a bh’ aca araon ris na mnathan-uaisle, agu ris an righ ’s ri chompanaich.
An uair a bha iad sgith dannsa, shuidh iad. An sin dh’ eirich Sobaide, agus rug i air laimh air Aimini, agus thuirt i rithe, “Eirich, a phiuthar, oir cha ghabh a’ chuideachd gu h-olc e, ged a ghnathaicheamaid ar saorsa ’n ar taigh fhein mar a b’ abhaist duinn, agus ged a dheanamaid ar dleasdanas mar a chleachd sinn.”
Thuig Aimini gu math ciod a bha a piuthar a’ ciallachadh. Dh’ eirich i as an aite an robh i ’na suidhe, agus thug i air falbh na soithichean a bh’ air a’ bhord, agus na h-innealan-ciuil air an robh na caladairean a’ cluich.
Thoisich Safi ri sguabadh an t-seomair, agus ri cur gach ni ’na aite fhein gu h-ordail. Chuir i na soluis air doigh, agus thug i air an triuir chaladairean suidhe air an dara taobh de ’n t-seomar, agus thug i air an righ ’s air a chompanaich suidhe air an taobh eile.
Thuirt i ris a phortair, “Faigh thu fhein deiseil a chum gu ’n tugadh tu cuideachadh dhuinn. O ’n a bhuineas tusa do ’n teaghlach, cha ’n fhaod thu bhith ’nad thamh.”
Dh’ eirich am portair cho luath ’s a bh’ aige; thruis e a mhuilchionnan, agus thuirt e, “Tha mise deas gu ni sam bith a dheanamh a dh’ iarras sibh orm.”
“Ceart gu leor,” arsa Safi, “Seas far am bheil thu gus am faigh thu ordugh; cha bhi thu fada ’na do thamh.”
Chuir Aimini cathair air meadhon an urlair; agus an sin chaidh i steach do chlosaid. Smeid i air a’ phortair, agus thuirt i ris, “Trobhad an so, agus cuidich mi.
Chaidh e do ’n chlosaid, agus an ceann tiotadh thill e do ’n t-seomar, agus da ghallaidh dhuibh aige air lomhainn. Bha iad cho similidh ’nan coltas ’s ged a bhiodhte an deis gabhail orra le slait.
Dh’ eirich Sobaide as an aite an robh i na suidhe, agus ghabh i ceum no dha far an robh am portair ’na sheasamh. Tharruing i osna throm, agus thuirt i, “Trobhad agus deanamaid ar dleasdanas.”
Thruis i a muilchionnan as cionn a h-uillean, agus rug i air slait a lamh Safi. Thuirt i ris a phortair, “Thoir te de na gallaichean do m’ phiuthar Aimini, agus thoir dhomhsa an te eile.”
(Ri leantuinn.)
An t-Urr. Aonghas Mac Coinnich, Mhoidh.
UGHDAR “EACHDRAIDH NA H-ALBA.”
Cha ’n fhaca sinn fathast iomradh sam bith air a dheanamh air bàs an deadh sgoileir Ghàilig so ann an Mìosachan Beurla ar n-Eaglais. Cha ’n fhuirich sinn na ’s fhaide gun clach a chur an càrn ar caraid.
Bithidh mu ’n cuairt air ceithir fichead bliadhna o’n a rugadh Aonghas Mac Coinnich ann an Eilein an Fhraoich, Leòdhais. Cosmhuil ri iomadh òganach tapaidh eile, rùnaich Aonghas a bhi ’n a mhinisteir. Le strith chruaidh agus le dioras duineil chrìochnaich e ’fhòghlum air son na ministreileachd. ’S e aon de na h-àitean ’s an robh Mr. Mac Coinnich car tacan ’n a mhaighstir-sgoil, Port-na-h- aimhne ’s an
[Vol . 5. No. 46. p. 7]
Eilein Ileach. Ann an àm iomchuidh fhuair e cead an Soisgeul a shearmonachadh. Ach ged a shaoithrich e car ùine ann an iomadh coimhthional a bha bàn, cha d’ fhuair e riamh gairm o choimhthional, gus an do roghnuich Mòidh e, an uair a bha e a’ bruachaireachd air coig deug agus tri fichead (75) bliadhna a dh’ aois. Chuir so ioghnadh air moran, oir aig an aois so, is gle tric a tha ministeir a’ leigeadh dheth cùram coimhthionail. Ged nach d’ fhuair Mr Mac Coinnich gairm gus a so, is iomadh fear a fhuair gairm nach tigeadh ann an uisge na stiùrach dha. Bha e ’n a dhuine òrdail, tapaidh, cliùiteach. Theagamh gu ’n robh e grad ’n a nàdur, neonach ’n a dhoigh, agus cosmhuil ri iomadh sgoileir aonaranach, aineolach air dòighean a chuireadh saod air daoine. Bitheadh na nithean so mar a dh’ fheudas iad; ach rinn Mr Mac Coinnich obair mhaith a bhitheas ’na carragh-cuimhneachain air, an uair nach bi iomradh air feadhainn a bu luaithe theirteadh ’n a e.
Cha ’n eil fhios againn ciod na duileadasan a bha aig ar gineadair Iaphet, roimh ’n dìle ruaidh, an uair a bha e ag iarraidh mnatha; ach tha fhios againn, gu ’n robh iomadh cnap-starra ’n an rathad air Mr Mac Coinnich, an uair a rainig e Glascho ’s a’ bhliadhna 1867, an tòir air clò-bhualadh. Chuir e cuairt air iomadh clò-bhuailteir, a ghabhadh as laimh a leabhar a chlò-bhualadh. Chuir e cuairt air iomadh clò-bhuailteir ann an Glascho mor na stìobull; ach feudar a thuigsinn ciod a theireadh daoine geur chuiseach ri ùghdar aig nach robh ainm’ sam bith ann an litreachas, le làimh fhalamh, agus le a leabhar air a sgrìobhadh air criomagan de phaipeir, ann an làmh-sgriobhaidh a bha gu dearbh faisge air a bhi do-leughaidh. ’San éigin so rainig Mr MacCoinnich an Gàidheal dìleas, teò-chridheach, Mr Gilleasbuig Mac-na-Ceardadh, nach maireann, a bha fad iomadh bliadhna ’n a chlò-bhuailteir ann an 62 Sràid Earraghàidheil, ann an Glascho. Dh’ innis an t-ùghdar a dhuileadas do ’n chlò-bhuailtear. Dh’ éisd an clò-bhuailtear le ro aire ri sgeul éigeannach an ùghdair. O a ghràdh do Ghàidheil agus do ’n Ghàilig, ghabh e an obair as làimh, agus thug e aoidheachd ’n a thigh féin fad àireamh mhìosan do ’n ùghdar. Air dhuinn féin a bhi a’ frithealadh Oil-thigh Ghlascho aig an àm so, chunnaic sinn tric an t-ùghdar, agus a làmh-sgriobhaidh chùbach, dhuilich a leughadh. Tha e air innseadh an uair a bha ’n Dr. Chalmers ’n a ghille òg ’s an Oilthigh, gu ’n robh na litrichean a chuir e’g a phàrantan, cho duilich an leughadh, gus an do ghléidh ’athair iad gu ’bhi air an leughadh leis féin, an uair a thigeadh e dhachaidh! De ’n ghnè so bha sgriobhadh ùghdar Eachdraidh Ghàilig na h-Alba. B’e an leabhar so a chuir an eagaibh a chéile, a’ cheud obair a thug ’athair do Ghilleasbuig òg Mac-na-Ceardadh, agus gun ann aig an àm so ach balachan beag a’ tòiseachadh air clò-bhualadh Gàilig fhòghluim. Ach rinn an obair so a’ Ghàilig a dheineadh ’na chuimhne agus ’na cheann, gus am bheil e a nis ’n a bhreitheamh comasach air an dòigh anns an còir de ’n Ghàilig a bhi air a sgriobhadh agus air a clò-bhualadh.
’S e Mr MacCoinnich a’ cheud ùghdar a thug dhuinn Eachdraidh na h-Alba ann an cànain bhinn bhlasda ar màthar. ’S e an t-ainm a thug an t-ùghdar d’a obair, “Eachdraidh na h-Alba, anns am bheil geàrr-iomradh air na nithibh is cudthromaich’ a thachair ’s an Rioghachd, o na ceud linnibh, gu meadhon an naoidheamh linn deug.” Tha ’n t-ùghdar ag radh gu cuimir, snasmhor anns an Roimhràdh, “Bha trì nithe àraidh air an cumail ’s an amharc ann an sgrìobhadh na h-Eachdraidh so, a bha mar shnàthainn-riaghailt air gach mìr fa leth dhi mar a bha i dol air aghart. 1. I bhi fìrinneach. 2. I bhi goirid. 3. Uiread ’s a ghabhadh deanamh a bhi air a dheinneadh innte.” A chrioch so ghiùlain an t-ùghdar a mach gu seadhail, riaghailteach. ’S an Eachdraidh so, nochd Mr Mac Coinnich deadh bhreithneachadh ann a bhi a’ fasgnadh an t-sìl as a’ mholl, agus a’ toirt duinn anns a’ ghiorrachadh so air Eachdraidh na h-Alba, cunntas fìrinneach, agus soilleir, air fàs, agus air soirbheachadh ar Rìoghachd, còmhla ri euchdan gaisgeil ar sinnsearachd. Tha ’n leabhar so air a sgriobhadh ann an Gàilig ro chothromach, tha na facail air an litreachadh gu ceart, agus air an cuir an altaibh a chéile, a réir rian agus cruth na Gàilig. O Ghàilig an leabhar so, bhitheadh e duilich fhaighinn a mach, gu dé an cearn d’ ar tìr d’ am buineadh an t-ùghdar. Tha Gàilig an leabhair so, ann an tomhas mor, air a co-chumadh ri Gàilig a’ Bhìobuill. A réir ar beachd-ne, a mach o na Sgriobtuirean, ’se so aon de na leabhraichean a’s cothromaiche a tha air a sgrìobhadh agus air a chlò-bhualadh, a tha againn ann an seana chainnt nan Gàidheal.
Chaochail Mr MacCoinnich ’n a thigh féin ann an Steòrnabhagh air a’ chòigeamh latha fichead de Dhesember ’s a’ bhliadhna 1896. Mar chuimhneachan air, sgriobh Cléir Inbhirneis ’n a mionaidean na briathran a leanas:— “Chuala a’ Chléir le mòr bhròn gu ’n do chaochail Mr MacCoinnich, Ministeir Mhòidh, air a’ choigeamh latha fichead de Dhesember. Chaochail Mr MacCoinnich ann an tìr a dhùthchais ann an Eilein Leòdhais, far an do ghabh e còmhnuidh an deigh dha, a thaobh aois agus droch shlàinte, obair na ministreileachd a leigeadh dheth ’s an fhoghar so chaidh. Ged nach robh e ach ann an dreuchd na ministreileachd fad coig bliadhna, shaothraich e gu dileas fad iomadh bliadhna mar phrobationer. Bha Mr MacCoinnich ’n a dhuine diadhaidh, mion-eòlach air teagasgan a’ Bhìobuill, agus ro mheasail air fìrinnean an t-Soisgeil. Bha e ’n a sgoileir cothromach, ’n a fhior sgoileir Gàilig, agus bha eòlas farsuinn aige air litreachas na Gàilig. Tha a’ Chléir a’ cur an céill an co-fhaireachdainn mhòr ri a chàirdean agus ri a choimhthional.” — “An Fhianuis.”
D. A. Mac FHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.
Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C. B.
McDonald Hanrahan & Co,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co,
Mai 4.; ’95
[Vol . 5. No. 46. p. 8]
Oran Gaoil.
Thoir mo shoraidh le dùrachd,
’Dh’ fhios na h-ur-chailin òig;
Air an d’ fhas na meoir ghrinne
O’n tig binneas is ceol.
’S e do ghradh ’chuir orm mulad
Agus duilichinn mhòr,
Bho nach d’ fhaod mi dol lamh riut
’Dh’ éisdeachd manrain do bheoil.
Moch maduinn ’s tu ’g eirigh,
’S tu an ribhinn ghlan, ùr;
Cha b’e ruaidhe nan eibhleag
Chit’ ag eirigh nad ghnuis,
Ach fhuil shoilleir, ghlan, uasal,
Mar shruth fuarain o ghrunnd,—
Corp a’s gìle na ’n fhaoileann
’Snamh gu h-aotrom air burn.
Gur-a h-iomadh duin’ -uasal
’Th’ air a bhuaireadh mu ’d ghradh,
’S e na shineadh air uilinn,
’S e gu buileach fo phramh.
Ged-a dheantar dha leaba,
Cha ’n fhaigh cadal no tamh,
Ach a smuain air bean t-fhasain,
’Ribhinn ghasd’ a chuil bhain.
’Ribhinn ghasda chuil speiseil
D’am beil ceutaidh ro-mhor,
Tha do dheud mar na disnean’,
’S blas fiona air do phoig.
Slat de ’n abhall ur uasal
D’am bu dual ’bhi ri spors,
’S lionmhor sruthan ard, uaibhreach,
’G eirigh suas ann ad phor.
Tha trom mhulad air m’ inntinn,
Agus mi-ghean gu leoir;
Mur-a gabh thu grad thruas diom,
Bidh mi ’n chruaidh-chàs ro-mhor.
Air chinnt’ ’s gorach a bharail
Do dh’ fhear falamh, bochd, òg,
A bhi stri ri bean fearainn,
’S e gun earras, gun stor.
C’ait a bheil i ’ga chruinne
Te a chumadh riut beus
Ann an gilid do phearsa;
’S gach aon tlachd tha d’a réir.
Calb a’s cuimire ’n osan,
Troigh nach dochainn am feur,
Beul a’s tairise comhradh,
’S tu a’s boidhche ’tha fo ’n ghrein.
Bheirinn mionnan air Biobull,
Cheart cho cinnteach ’sam bàs.
Ged bhiodh agam-sa oighreachd,
Agus staoile gle ard,
Ged bhiodh agam an dùthaich,
Gun aon duil ri dhol aisd’;
Nan deanadh tu lubadh
Na bu leam gu ’m bu leat.
Duanag.
LE AILEIN DALL.
Do dh’ adhairc an tombaca, air dhi a bhi falamh.
LUINNEAG.
Hug o rin o, ’s mi fo airtneal,
Hill u hill o, tionndaidh ceart rium,
Fiachaidh mi do ghrunnd an geartair
’S bheir thu seachad na bheil shios.
Ged tha mise gun tombaca,
’S ann ’tha ’n cunradh thall am Faicheam;
’S lionmhor punnd, is unns’, is cairteal,
’Tha ’sa phac aig Mac-Gillios.
Ged tha m’ adharc lùbach, slisneach,
Gun chleit, gun snaoisean, gun ite,
Bu mhor an diubhail a bristeadh,
’S gleidhidh mis’ i agam fhìn.
Ged tha i gun deann ’san uair so,
’S duilich leam a ceann a bhualadh;
Nam biodh aice gheibhinn bhuaipe,
’S mis’ ’tha truagh i bhi ga dhith.
’S ann oirre chuirinn-sa failte
’S a mhaduinn ’s bu chubhridh ’faileadh;
Thogadh i mo shunnd gu manran
Ged a bhithinn craiteach, tinn.
’S ged tha i falamh an trath so,
Cha b’e ’n t-iargaltas a h-abhaist;
Bha i roimhe fialaidh, pairteach,
Aig Eoghan bàn Mac-a- Phi.
Ged shiubhlinn Albainn is Sasunn,
Bailtean margidh agus machir,
Cum’ a deilbh cha ’n eil ri ’fhaicinn,
’S i-fhein a tha taitneach, grinn.
’N adharc bhuadhail, chuachach, ordail,
Shnasmhor, chuairsgeach, dhualach, bhoidheach,
’N latha ’fhuair mi ann am dhorn i
Cha b’e gini òir a fiach.
Tha ’slios cho mìn ris an lamhainn,
Gun ghaoid, gun sgoltadh, gun sgaineadh,
Gun pheasg, gun eagan, gun ghagan,
’S dh’ fhaodadh i bhi ’n laimh an righ.
Am measg cheathairne, no uaislean,
’S fheudar dhomhs’ a cur fo dhuathar,
Air eagal gun doir iad bhuam i,
’S chuireadh sud gu buaireadh mi.
Tha i suaicheant’ ann an coisreadh,
Le slabhraidh bho laimh an or-cheird,
’S nuair a theid i ann an comhail
Their gach duine coir “Cia dh’i. ”
Ged a gheibhinn gun da pheighinn,
Ba-bheothach air an d’ fhas a leithid,
B’ fhearr leam i na ’fheoil ’s a leathar;—
’S gasd’ a ghleidheas i ’n rapee.
’S tric a thug i dhomhsa gliocas
’N uair thairninn ri m’ shroin an ite;
’S ann na beul a gheibhinn fios
Air sgeula misneachail na sith’.
’Nuair a tharlainn a’ s’ taigh-osda,
Thairninn am mach as mo phoc’ i,
’S air a clar gum faighinn sòlas;
B’ fhearr i na bhi ’g òl air fìon.
B’ ait leam agam air a bhord i,
An àm bhi seinn dain no orain;
Ghleusadh i mo chail gu ceol dhomh,
’Chur nan rann an ordugh binn.
“Cha b’e lan a’ chupain uidhir
Chleachd mi chur air mo chridhe;
Cha b’ fhearr e na ’m bainne-suidhe—
Lion a rithist duinn an stop,
“Lion a’ chuach d’an chruaidh stuth-laidir;
Sin mu’n cuairt i do na h-armuinn,
Gleus an duanag cheolar, chairdeil,
Chumas baigheil sinn ri ’r beo.
FAICEALL
a mhuinntir òga, cha mhair na suilean boillsgeach, no na gruaidhean dearga sin agaibh fada ma bhios tinneas stamaig oirbh. Ma bha sibh gòrach ’s ma tha sibh a nise air ur cradh le cion-cnamhaidh, gairmibh g’ur cuideachadh an lighiche tapaidh sin, K. D. C. Cuiridh e ruaig air an nàmhaid, agus aisigidh e lathaichean briagha, sona dhuibh. Bu chòir K. D. C. a bhi anns gach tigh, oir leighsidh e gach seòrsa tinneas stamaig.
Sampuill de K. D. C ’s de na Pills a nasguidh.
K . D. C. Company Limited, New Glasgow,
N. S. and 127 State St., Boston, Mass.
NUAIR THEID THU ’BHADDECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram, Bathar Cruaidh
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile.
An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar uthcha tha ’nar beachd
CARADH
Uaireadairean.
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.
Indurated Fibreware
Tha an seòrsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire.
THE E. B. EDDY Co LIMITED
HULL, CANADA.
[TD 361- 368]
[No . 47 a dhìth]
title | Issue 46 |
internal date | 1897.0 |
display date | 1897 |
publication date | 1897 |
level | |
reference template | Mac-Talla V No. 46. %p |
parent text | Volume 5 |