[369]

[Vol . 5. No. 48. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE IUN 5, 1897. No. 48.


Crann nam Buadh.

A chrois nam buadh, a chraobh an àigh,
Coimeas dhutsa riabh cha dfhàs
An coill non doire;— ’s tusan crann
As bòidhche duilleachs blàth a thann.
S caomh na tàirneans caomh a chraobh
A ghiùlain sac cho taitneach. naomh.

Tog do ghuth le caithrim bhinn,
Cliù Mhic Dhé le durachd seinn;
Mol an caths an dfhuair e buaidh,
N uair thog iad air a chrann e suas.
Farn dthilg en deò, o, deo nan gràs,
Lebhàstoirt buaidh air guin abhàis.
S caomh na tàirnean, &c .

diachainn chunnaic Dia bho thùs,
Gniomh a làmh rifhàintcur cùil;
N uair dhich iad leis a ghòraich meas
Na craoibhbha bacte dhaibhs an Lios.
N sin rùnaich Dia gun tugtair falbh
Air craoibh, an t-olcchuir craobh nan lorg.

Mar so naghliocas dhordaich Dia,
Bhon pheacadhus bhon bhas ar dion.
Dhfhàg eòlas Chriostmaraons a ghaol,
Innleachdan an deomhain faoin.
Bhon bhalls an d’ ri[ ? ] mealltair leòn,
Shruth uisgeachan na beatha oirnn.

N uair ruith an ùin’ ’bha sgriobhte shuas,
Gu gaol a thaisbeanadh dha shluagh,
Bhochathair naoimhs na flaithis àrd’,
Chuir Righ na glòira Mhac a bhàn;
S air talamh, lagan truagh nan deòir,
An com na h Oighe, ghabh e feòil.

Féuch! Dia nadhuineNaoidhein suairc
Na laidhegals aphrasaich fhuair;
Gun suaineadh tlàth mucholuinn naoimh,
Ach ciotagan le Moire chaoimh.
Tha lamhans casan Righ na glòir’,
Paisgte suas gun uaisle sròil.

Deich bliadhna ficheads còrr ri chùl,
Air fògradh cruaidh chaidh Righ nan dùl;
N sin dheònaich e le neart a ghràidh,
Fhuil fhéinbhi dòirt’, ’s ar féich bhi pàidht’.
S air fiodh aChroinn-chéusaidh chruaidh,
Thairg e iobairt dhiolaidh suas.

Bidheoch an domblasreub iad fheòil
Le tàirnean garbha, ’s drisean mòr.
Chaidh sleagh nachliathaich gusna ruith
An fhuil measg uisge mach nasruth.
O, sruth nam beannachdfuil an Uain,
A ghlan an tir, an speur, ’s an cuan.

Do gheugan, lùb, a chraobh an àigh,
Biodh dfhiodh gu sùbailt’, faoilidh, tlàth.
An raigechinn ad chuislean daor,
Nis taisichidh mar fhiùran maoth,
Us glac ad asgail mùirneach sèamh,
Coluinn naomh Ard-Righ nan Nèamh.

Ortsa mhàin fhuair bàs, an t-Uan,
A thoill don pheacadh saorsainn bhuan.
Snuair bha air chuaintean gàbhaidh caillt’,
Sliochd-Adhaimh truaghs an saoghal bàit’,
Gu cala ciùin thug thu, gun bheud,
Iad coisrigte le fuil Mhic Dhé.

Glòir don Trianaid Naoimh, aon Dia,
Gloirus aoradh dhà gu sior,
Don Athair, ’n Mhac, ’s don Spiorad Naomh,
Biodh taing, ’us moladh, ’s cliù maraon.
Bhon domhan uile éireadh fuaim
Don Aons don Triartoirt glòir bith-bhuan.
S caomh na tàirnean, ’s caomh a chraobh,
A ghiùlain sac cho taitneach naomh.


Litir a Alba.

Bodachan aghàraidh
Cho friogadachs cho frogadach,
Bodachan a ghàraidh
Cho frogadachs a bha e riamh.

MO BHALACH GASDA. —Than t-àm agam sgriobhadh ugad. Nacheil a nis? Cha be cion toile bu choireach nach do sgriobh mi ugad o chionn raidhe, ach on a bha gillean tapaidh eile air do chùl, bha mifaicinn nach robh aobhar dhomhsa dragh a chur ort.

Ged tha mo cheann air liathadhs mo chiabhagan air tannachadh,” chan fhaca mi riamh side cho fluichs cho fuars cho gaothars a bhagainn on a thàinig an t-Earrach. Than t-àiteach gle fhadalach; oir ged a chaidh aig daoine air beagan treabhaidh a dheanamh mu mheadhain an earraich, an uair a thainig àm cur an t-sìl, bhan t-sìdecumail cho fliuchs nach burrainn daoine cur no cliathadh a dheanamh.

Bha earrach na bliadhna so gu math tric acurnam chuimhne naigheachd bheag a chuala mi o chiònn iomadh bliadhna mu dhroch sheirbhiseach a bha aig tuathanach beag a bha aon uair ann an Uidhist aChinn a Tuath. Anns an àm ud bhiodh daoine adeanamh mòran de bhuntata-taomaidh.

Dhfheumadh am buntata-taomaidh a bhith air a dheanamh gu math tràths an earrach, a chum gum faigheadh an talamh-taomadh beagan reothaidh mun tigeadh àm cur abhuntata. Bann air taobh an ear Uidhist aChinn a Tuath a bhan tuathanach. Dhfheumteadh an fheamainn a ghearradh, oir air an taobh so den dùthhaich, cha tig feamainn dearg gu cladach aig àm sam bith. An uair a bhiodh an reothart ann, bhithteadh agearradh na feamann, nam biodh an t-side cho ciùins gum faigheadh daoine a dhol timchioll nan cladaichean le eathraichean; agus an uair a bhiodh achonn-traigh ann, bhiodh iad afeamanadh, asgaoileadh na feamann, agus abristeadh air talamhs ataomadh. Bhan droch sheirbhiseach air am bheil mi ag iomradh aguidhes ag urnuigh, “a chonntraighna reothadh, ’s an reothart a bhithna stoirm.” Nam bidh so mar so cha ghabhadh obair an earraich deanamh idir.

Bhachuid bu mhò den earrach so chaidh seachadna reothadhs na stoirm.

Bham fodar anabarrach gann am bliadhna. Ach on a theid aig daoine air biadh spréidhe fhaighinn dhachaidh as aGhalldachd, cumaidh iad an spréidh beò.

Aig àm breith nan uan bhan t-side fliuch, fuar stoirmeil. Chailleadh mòran uan air feadh na dùthchadh gu léir. On a bha na caoraich cho lag, bha na h-uain glé mheatagam breith, agus mar sin cha seasadh iad ris na frasan troma sneachda a bhann a dhoidhches a latha, faodaidh mi a ràdh, fad choig latha deug.

Chualas achuthag seachdain roimhn Bhealltainn uir; agus an uair a chualas i, bha seann daoine ag ràdh, gun robh ena dhroch comharradh air an aimsir. A reir choltais tha so fior gu leòr; oir thàinig fuachd is gaillionn gu leor on a chualas i.

Gug gug,” arsa chuthag, latha buidhe Bealltainn.” Cha be latha buidhe Bealltainn a bha againn am bliadhna idir. Is ebhann latha fuar, fiadhaich, fliuch. Bha Bha uisge ann abheireadh na h-earbaill as na h-eich.”

Is en diugh latha seana Bhealltainn, agus than t-side blàth, ciuin, briagha. Tha dòchas agam gum faigh sinn side mhath a nis.

Tha mi glé fhad air dheireadh le obair a ghàraidh am bliadhna. Cha robh side mhath gàradaireachd ann. Cha chuimhne leam riamh na frasan fhaicinn cho fadalach atighinn. Cha leigeadh am fuachds am fliuchadh leotha fàs. Ach ma thig side mhath bhlàth, faodaidh bliadhna mhath, thorach a bhith againn fhathast.

An la a chis nach faic,
Is mi do charaid,
BODACHAN AGHARAIDH.

Taobh an Locha, Latha Seana Bhealtainn.


So an t-àm air son cur a dhiarraidh MAIC-TALLA. Bidh a bhliadhna tòiseachadh le Iulaidh. Cha chosg e dhut ach dolair uaithe so gu toiseach Iulaidh 1898. Tha moran acurga iarraidh as ùr aig an àm so, agus tha dùil againn ri moran eile bhi cur a stigh an ainmean gach seachdain an deigh so.


An do phàigh thu MAC-TALLA.



[370]

[Vol . 5. No. 48. p. 2]

NA MARBHRANNAN.

Ma sheallas sinn air bardachd na treas linne a dhainmich mi, chi sinn gu bheil na cumhachan ro lionmhor. Tha Mac-Coinnich, aon anSar obair nam Bard Gaidhealachacruinneachadh an roinn is luachmhoire, a reir a bharail-san, de shaothair -bhard-dheug-thar-fhichead air abheil cunntas creideasach againn, atoiseachadh le Mairi nighean Alastair Ruaidh, agus acriochnachadh le Bard Loch-fine, Eoghan Mac-Colla. Mar thuirt mi cheana, ’s ann acumhadh no caoineadh ni-eigin a tha moran dar n-orain Ghaidhealach cia air bith an steigh; ach tha roinn mhor dhiu is e cumha no marbhrann an steigh cho maith ran cainnt. Gabh mar eisempleir saothair nam bard is ainmeile mar a thagh Mac-Coinnich i. Tha naoi de orain Mhairi nighean Alastair Ruaidhs an leabhar. Is cumhachan ceathrar dhiu. Tha tri-orain-dheug le Iain Loms an leabhar; tha ceithir dhiu so nan cumhachan. Chan eil ach aon mharbhrann am measg tri thar fhichead de orain Mhic-Mhaighstir-Alastair, agus is ann do pheata calamain a rinn am bard an t-aon sin. Chan eil marbhrann idir aig Dughall Buchannan; ach tha ochd aig Rob Donn, cuig aig Donnachadh Bàn, agus ceithir aig Uilleam Ros. Agus am measg nam bard is isle cliu, gheibh sinn marbhrannan, ma dhfhaodte, nas lionmhoire.

Chan eil earrann dar bardachd, saoilidh mi, is fearr a bheir seachad cunntas air faireachduinean agus air beachdan an t-sluaigh na na marbhrannan. Tham bard amoladh aghaisgich nach maireann airson nam feartan is cliuitiche a tha air am measn a latha fein. O shean gheibh sinn misneach, gaisge, firinn, caoimhneas, fialachd, dilseachd air an cur as leth nan treun a tha airidh air cliù. Anns an linn mu dheireadh a dhainmich mi, gheibhear gu tric na h-uiread de fheartan agus nach eil mi cho earbsach gu bheil an fhirinn daonnan aig abhard. Ach than comhnuidh deise, maise, gaisge, fialachd, déigh air ceol, air seilg, agus gu tric air deoch, air an ainmeachadh le h-urram. De bhaird spioradail a sheinn marbhrannan, tha an t-ollamh Domhnullach, Iain Moristan, agus Mac-Illeathain Ghlinn-Urchaidh, airidh air an ainmeachadh. Bhiodh a chuid so de bhardachd nan daoine urramach sin na bairidh air cliu na tha i, mur biodh an dain cho fada, agus cho cosmhuil ri searmoin. Feumar na gibhtean bardail is airde fhaotainn mun toirear gu crich shoirbheachail tri no ceithir de cheudan rann mu chliù an neach is urramaiche no is naomha a sheas ann am broig. Anns a mharbhrann ainmeil a sgriobh Tennyson, In Memoriam, chan eil ach beagan iomradh air acharaid; agus ged tha buaidhean abhaird gu leir air an cur a mach a shoilleireachadh doimhneachd fhaireachduin agus neart abhroin, cha mhor a leughas an dàn gun sgios.

Aon a bhi coimeasn am marbhrannan Gaidhealachseanus ògri cheile, is eigin aideachadh gur iad na seana mharbhrannan gu mor is airde cliù. Chan eil teagamh nach robh iomadh rann don mharbh agus don bheò, o shean, air bheag luach, oirchan fhaicear ach caol na bhann;” ach chan eil aon idir a thig a nios ris an t-seana chumha ri fhaotainn a nis. Tha da ni gu sonruichte anns abheil na seana mharbhrannan, agus an t-seana bhardachd thar cheann, dealaichte o na marbhrannan a tha againns an linn mu dheireadh a dhainmich mi.

I. Theirinn gu bheil an t-seana bhardachd thar cheann, na marbhrannans gu leir, oirdhearc ann an smuain cho maith ri bhi maiseach ann an cainnt; —gu bheil abhardachd nomha mar is trice nas cumhachdaiche ann an cainnt na tha i ann an smuain. Tha inntinn mhor, fharsuing aig an t-seana bhard; tha a smuain reachdmhor; agus tha chainnt fo smachd. Chan urrainn mi bheag den bhardachd ùir aleughadhis e sin a chuid is airde dhigun a bhi fo ni-eigin de amhurus gu bheil am bard car coma ciod a dheireas don smuain ma gheibh e focail shnasmhor a ni fuaim thaitneach. Gheibh thun seana bhard adeanamh greim teann air na faireachduinean is bunaitaiche bhuineas duinn, agus tha fhiosrachadh farsuing adusgadh smuaintean ann an dlù dhaimh do na faireachduinean sin, agus tha cainnt fhreagarrach ag eiridh a chum na smuaintean sin a chur an ceill; ach saoilidh mi gu tric gu bheil a chainnt ariaghladh abhaird ùir agus adusgadh na smuain mas e agus gun teid a dhusgadh. ’S e is aobhar dha so ann an tomhas mor gu bheil aig an t-seana bhard duthaichus sluagh fa chomhair a shùl; agus nach eil aig a bhard ùr ach sgireachdus fine. Tha morachdus greadhnachasus maise aig an t-seana bhard; ach ged tha maise gu tric aig abhard nuadh, tha an comhnuidh criontachdus beagadas aige. Chithear an dealachadh son ar mharbhrannan. Chan abair neach nach eil bron an t-seana bhaird cho goirt; ach chan ionann smuain a tham bron atogail dhasan agus don bhard ùr. A chum an dealachadh so shoillearachadh seall airTuireadh Armhoir,” a thug mi seachad roimhe; agus leugh e taobh ri taobh ri aon de na cumhachan is fearr a tha againn a sgriobhadh o chionn cheud bliadhna— ’s e sinCumha Chailein Ghlinn-Iubhair,” le Donnachadh Bàn Mac-an-t- saoir. Thuit Cailein Ghlinn-Iubhair le urchair thuairmeis o chul tuim; agus chaoidh Donnachadh Bàn e ann an marbhrann ochd-fichead sreath. So a cheud rann:

Smuaintean truagh a thair maigne,
Dhfhag orm smuaireanus airsneul,
An àm gluasad amleabaidh,
Cha chadal ach dusg’;
Tha mo ghruaidhean air seacadh,
Gun dion uair air mo rasgan,
Mun sgeul a chualas on Apuinn,
A ghluais achaismeach ud dhuinn;

Fear Ghlinn-Iubhair a dhìth oirnn,
Le puthar luchd mi-ruin,
Mo sgeul dubhach ri innseadh,
Thu bhi dshineadhs an ùir;
S truagh gach duine do ddhilsean,
On a chaidh do chorp priseil,
An ciste chumhainn, chaoil, dhionaich,
S ann an lion-anart ùr.

A rìs, gabhCaoidh Chriminea thug mi seachad mar eisempleir air an t-seana chumha; agus ri thaobh leughCumha do Uilleam Siseal, fear Inns’ -nan-ceann an Strath-Ghlas, a thuit latha Chuilfhodair, le mhnaoi fein,” mar a gheibh thu e ann anSar-obair nam Bard Gaelach,” taobh, 373. A reir achunntais a tha againn, cha robh dearg no dubh dar cinneadh a bairidh air barrachd cliù nan Sisealach airson gach feart a mheasadh Gaidheil toillteannach air urramneartus gaisgeus maise. Bha buaidh na bardachd aig a mhnaoi; bha a cridhe briste, agus cha bioghnadh e. Thaom i mach a gearan ann an cumha ochdus ceithir-fichead sreath de fhad. So a cheud rann:

Och! a Thearlaich Oig Stiubhart,
S e do chuis rinn mo léireadh,
Thug thu bhuam gach ni bhagam,
Ann an cogadhn a daobhar:
Cha chrodhus cha chaoraich,
Tha mi caoidh ach mo chéile,
Ged a dhfhagtemi maonar,
Gun nis an t-saoghal ach léine,
Mo rùn geal òg.

Co nis thogas an claidheamh,
No ni chaithir a lionadh?
S gann gur h e tha air maire,
O nach maireann mo cheud ghradh,
Ach cia mar gheibhinn amnadur,
A bhig aicheadh nas miann leam,
As mo thogradh cho laidir
Thoirt guaite mo righ maith?
Mo rùn geal òg.

Saoilidh mi gun aidichear cia be sgriobhTuireadh Armhoirgun robh inntinn dhomhainn, gheur, fharsuing aige; agus gun robh comas aige air inntinnean dhaoine eile a lubadh le smaoinus cainnt air nach do rainig Donnachadh Bàn. Agus saoilidh mi air a cheart doigh gum faighear ann anCaoidh Chhriminebron cho trom agus a gheibhear ann an cumha na ban-Sisealaich; ach geddhimichs an dàn a h-anam,” tha suilus smuain Chrimine ag amharc nas airde na suilus smuain bantrach Inns’ -nan-ceann.

II. ’S en dara ni anns abheil na seana mharbhrannan atoirt barr air marbhrannan ar latha-ne, an t-urram agus an t-soluimteachd anns abheil an seana bhard an comhnuidh aseinn mun bhàs agus mu na mairbh. Ann an coimeas ri rioghachd agus ri cinnich eile, tha Gaidheil na h-Alba comharraichte airson an urraim leis an labhair iad mu na mairbh. Dearbhaidh ar doigh-chainnt so gu soilleir. Chan abair sinndheug enobhasaich ero-thric. ’S eFhuair e bàsis trice their sinnacur beul-boidheach air achuis. Chan eil sinn ag amharc leis an doigh-chainnt so air



[371]

[Vol . 5. No. 48. p. 3]

abhàs mar namhaid an toir air an duine, ach air an duine mar gum bann adol an coinneamh abhàis, ’g a shireadh— “Fhuair e bàs” (he found death) .Ach chan e so a mhain. Anns na cearnan den Ghaidhealtachd anns an eolaiche mi, cha toirear ach ainmig guth air abhàs idir. ’S echaochail e” (he changed) ; “shiubhail e” (he walked) ; “dhfhalbh e” (he went) ;—is trice their sinn. A rìsAm fear nacheil a lathair” (the absent one) ; “Am fear nach maireann” (the non-enduring one) .Thaghne chainnt so acur an ceill, tha mi saoilsinn, gu soilleir, gun robh an Gaidheal a creidsinn nach robh an ceangal eadar e fein agus am marbh gu tur air a bhriseadhnach drinn na cairdean a dhfhalbh ach imeachd romhainn, agus

An uair bhitheas an obair criochnaicht’,
Gum bi sinne trialln an deigh.”

Bha mar so ceangal dlù air a ghleidheadh eadar am marbh agus am beò; agus bha cuimhne nam marbh air a gleidheadh ùr, le ni-eigin de uamhas ach le tlachd. Innsidh ar sean-fhocail an sgeul cheudna; agus is gann a labhras neach an diugh air failinn ann an aon a chaochail gun a radh— “Chan ann ri churn a dheigh e.” Is ann, da rireadh, le bhoneidn a dhorn agus le bhrogan bharr a chos a sheas an Gaidheal aig bruaich na h-uaighe.

Ach ged tha so fior mu thimchioll ar sluaigh ann an coimeas ri cinnich eile, tha e fior ann an doigh ro shonruichte mu thimchioll nan Gaidheal o shean cho fad agus a tha iomradh orra. Bha agus tha iadn an daoine calma, treunaair bheag eagail roimh chunnart; ach bham bàs na ni uamhasach dhoibh. Chan aithne dhomh earrann den t-seana bhardachd anns abheil am bàs no na mairbh air an ainmeachadh ann an cainnt eutroim no shuaraich. Ach gheibhear eisempleir no dhan ar bardachd nomha anns abheil am marbhrann air uisneachadh airson cridhealaisus spors. Cha bhi mig ainmeachadh na h-Aoir sgreamhail, bhreun a rinn Mac-Mhaighstir Alastair fo ainmMarbhrann na h-Aigeannaich” —oran a bheireadh masladh air sluagh gu teachd air bard. Ach gheibh sinn Gilleaspuig na Ciotaig acaoidh a charaid Iain Ruadh Piobaire ann an rann shunndaich, eutroim, adearbhadh nach robh cridhe a bhaird ro ghoirt, agus cha robh aobhar air, oir thachair nach robh am piobaire idir marbh. Than spliucan, an gloine, ’s am pige cho maith ris abheag agus ris amhor acaoidh aphiobaire, agus tham bard an sin acur an ceill achliu:—

Dhfhalbh an deagh ghille cuideachd,
Nach robh sgrubails an òsd’;
Dhfhalbh fear traghadh nan searrag,
Chosgadh barrachd thar stòp.
Dhfhalbh fear deanadh nan duanag
Leis an luaightegach clò,
Cha be ghnas a bhi gearan
Ge h-iomaglainthug dha pòg.

* * * * *

Bha thu ddhamhsair air urlar,
Bha thu siubhlach air snàmh;
Bha thu dchairiche lùghmhor,
Cha bhiodh tu dluirich fo chàch.
Urram leum, agus ruithe,
Glac threun a ruitheadh an ràmh,
S an àm caitheadh na cloiche,
Bu leat an toiseach air càch.

Thoir mo shoraidh-sa thairis,
Dhionnsuidhn fhearainn ud thall;
O nach faod mi bhi mar ribh,
S leibh mo bheannachds an àm.
Biodh an uaigh air a treachladh,
Ann am fasan nach gann;
Buideal rùm aig a chasan,
S rol tombac aig a cheann.

Mar dhainmich mi cheanas ann do pheata calamain a tha Mac-Mhaighstir-Alastair adeanamh an aon mharbhrann a thug Mac-Coinnich leis de shaothair abhaird ainmeil so. An deigh a mhulaid ás deigh apheata chur an ceill, agus cliu nan calaman o shean a sheinncho feumails a bha an t-eun so do Noah seach Dughall (am fitheach) —an caithe-beathas an doigh leannanachd, tham bard acriochnachadh:—

Cha do chuir thu dùil an airgiod no spréidh,
No féisd am biodh sùgh;
Ach spioladhus criomadh an t-sil le dbheul,
S ag òl abhùirn;
Aodach no anart, sioda no sròl,
Cha cheannaicheadh tum bùth,
Bhiodh t-eideadh de mhin-iteacha gorm,
Air nach druigheadh an driùchd;
Cha do ghabh thu riamh paidir no créud,
A ghuidh nan dùl;
Gidheadh, chan eil t-anam am péin,
O chaidh tu null,
Chan e gun chiste no anart
Bhi comhdach do chré,
Fo lic anns an ùir,
Tha mise, ge cruaidh e, ’g acain gu léir,
Ach do thuiteam le .

Ma rinn Mac-Mhaighstir-Alastair marbhrann do chalaman beigin do Dhonnachadh Bàn marbhrann a dheanamhdo chù a chaidh a bhàthadhs amhaigheach tarsuinnna bheul” :—

Bha mhaigheach tarsuinnna bheul,
Thuit iad le cheile ann an slochd;
Bha iad bàite bonn ri bonn,
S muladach sin leam an nochd.

Cha chuimhne leam an trathsma tha bard Gaidhealach againn a rinn marbhrann dha fein ach Mac-an-t- Saoirn a aonar. Tha an t-oran am measg nan oran is fearr a rinn am bard; agus chan ann idir ann am feal-a- dha a rinn e e. Tha am marbhrannn a dhearbhadh maireannach an chuid air buaidhean bardail agus air fein-speis Dhonnachaidh Bhain. Dhuisnich Rob Donn am marbhrann uair no dha mar cheann teagaisg airson earailus achmhasan a thoirt seachad; ach toigheach air abhachdas agus mar bha e, cha do ghabh e marbhrann airson culaidh-mhagaidh a dheanamh do ni no do neach.

Mas maith mo bheachd gheibhear marbhrannan den t-seorsa so nas cumantan ar latha-ne na gheibhteadh iad ceud bliadhna roimhe so. Cluinnear gu maith tric agus chithear air uaireann ar leabhraichean oran o chionn ghoirid marbhrann air a h-uisneachadh airson spors. ’Se tiomnadh tuirc no cullaich a bu steigh don aon oran a bu ghleusta a rinneadh anns an sgireachd air an eolaiche mi on is cuimhne leam. Ghabh am bard cothrom air a bharail mu choimhearsnaich innseadh leis na dleasdanais a bha aca ri choimhlionadh ri linn bàis an tuirc, agus leis an dileab a dhfhag an torc aca. Their cuid, gun teagamh, gu bheil an rian so acomharrachadh a mach ni-eigin de chul-shleamhnachadhn ar sluagh; bithidh cuid eile de atharrach barail. Chan fheuch min trathsri freagairt a thoirt, taobh seach taobh, don cheist chiogailtaich so. Mar tha aig a mhor chuid de cheistean a theid a chur, saoilidh mi gu bheil tuillidhus aon fhreagairt aice.

De na baird ainmeil Ghaidhealach a sgriobh marbhrannan on linn Oiseinich, ’se Rob Donn, a reir mo bheachd, is airde cliù. Chan ann airson na marbhrannan a sgriobh e a than duine ainmeil so cho airidh air urram am measg nam bard Gaidhealach; agus a chionn gur e so mo bharail gabhaidh mi air maghaidh an trathsgun moran iomradh air, ann an dùil ri cothrom is fearr. ’S e fior chliù Rob Dhuinn am measg nam bard gum faod thu bhi cinnteach gum faigh thun a rann a bheachds a bharail fein, gu saor, gun sgath, gun eagal. A rìs cha sgithich e thu, mar a ni a mhor chuid de na baird eile, le fad aChumha.” Bha Robn a fhoirfeach anns an eaglais; agus tha mi meas gur mor achliu dha fein agus da mhinisteir mar a sheinn e mu dheibhinn:—

Fhuair mi car ann ad rianaibh-s’ ,
Le do ghibhtean bha fialaidh,
Nach do dhearc mi mas fiòr dhomh,
An aon neach riamh ach thu fein:
Càil gach cuideachd a lionadh,
Leis na theireadh tu diomhain,
S crioch do sheanchais gun fhiaradh,
Tighinn gu diadhaidheachd threun.

Agus bliadhna an deigh baisMhr. Murchadhcha deachaidh bron abhaird an lughad:—

S caomh leam an teaghlach,
S achlann sin a dhfhàg thu,
S caomh leam na fuinn,
Bhidhteseinn ann ad fhàrdaich;
S caomh leam bhig ùrachadh,
Chliù nach tug bàs dhiot;
S caomh leam an ùir thair do thaobh,
Dheth na Bhaghan.

Mu Uistein Mac-Aoidh, a chaochailna òige, bu shnasmhor agus bfhior a thuirt e:—

Ma sgriobhar cliù do bheatha air duaigh,
Gur lionmhoirbuaidh na bliadhnachan.

Be Iain Mac-Eachainn an caraid a bu dlùithe bha aige a bheatha; agus is urramach air gach cor an teisteannas a tha Rob atoirt air acharaid; ach is eigin gabhail seachad airMarbhrann Iain Mhic-Eachainn,” agus air marbhrann eile air gach doigh is comasaiche— “Marbhrann Eoghainn” —an traths’.

(Air a leantuinn air taobh 374.)



[372]

[Vol . 5. No. 48. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,

J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton


SIDNI, IUN 5, 1897.

Tha saor-dhionaidearan Shidni adol don champa Di-luain, agus tha a mhor-chuid de dhaoinòg a bhaile adol còmhla riutha, agus na clo-bhualadairean am measg chàch. Tha e mar sin gu bhi gle dhoirbh na paipearan-naigheachd a chur a mach mar is abhaist, agus tha sinn air son rabhadh a thoirt do luchd-leughaidh MHIC-TALLA, ged a bhiodh e car anmoch gun ruigheachd air an t-seachdainsa tighinn, gun ioghnadh sam bith a bhi orra. A dhinnse na firinn, chan eil sinn fathasd cinnteach an urrainn dhuinn a chur a mach idir a cheud seachdain, oir tha ar cuid-ne de na clo-bhualadairean a dol dhan champa gu h-iomlan. Ach mur urrainn duinn a chur a mach a cheud sheadhdain, ni sinn ar dichioll air àireamh na seachdain an deigh sin a bhi cho maths nach bi aithreachas sam bith air an luchd-leughaidh air son a bhi as aonais aon seachdain. Chan eil coire sam bith ri chur air na clo-bhualadairean air son iad fhéin a cheangal ris an arm, oir tha an obair a thaca gle chuingeil, agus bidh e na fhaothchadh mor dhaibh faotainn a mach don àile fad che’ -la-deug. A bharrachd air sin, chan eil teagamh nach eil toil aca nochdadh gu bheil iad dìleas don bhan-righ agus ullamh gus an dùthaich a dhion uair sam bith a bhios feum aic air.

Tha muinntir Phort Morien agearan gu mor air mar a tha Cuideachd a Ghuail adéiligeadh riutha, agus tha na h-aobhair aca. O chionn da bhliadhna nise, chan eil ach gle bheag obrach ga deanamh anns a mhèinn, agus tha choltas air gur ann a tha i dol a sgur gu buileach. Tha an sluagh a nise cur tagradh air beulaobh Riaghladh Nobha Scotia, agus tha iad a cur rompa mur dean sin feum dhaibh, gun cuir iad a chùis nas fhaide air falbh. Ma dhùinear suas a mhèinn, bidh ena chall mor dhaibhsan aig am bheil fearainn agus taighean timchioll oirre, agus is còir dhaibh gach ni a thanan comas a dheanamh an aghaidh sin.

Gheibhear anns an àireamh so litir oBhodachan aGhàraidh.” Tha e coltach a reir a sgeòil-san nach bin dùthaich so na h-aonar aig an robh earrach agus toiseach samhraidh fliuch. Ma bha uisge aca anns an t-seann-dùthaich a bheireadh na h-earbaill as na h-eich, bha e cheart cho dona sin anns an dùthaich so Agus bheir e beagan faothchaidh do mhtinntir na dùthcha so a chluinntinn nach iad-san a mhàin a bha fulang le droch shide.

Tha Sgoil nan Dall atairgse foghlum a thoirt a nasguidh do neach sam bith eadar sia bliadhna us bliadhnair fhichead a dhaois, a tha dhith am fradhairc. Tha rùm aca anns an sgoil an dràsda do shia ficheda.

Cha do shuidh cùirt na siorrachd fhathast; Tham breitheamh Dodd cho tinns nach burrainn da a frithealadh, agus tha i air a cur seachad gu Iulaidh.

Tha bòrd-sgoile na siorrachd ri bhi cruinn an tigh-na-cùrtach Di-ciadainn sa tighinn.


Sgeul mu Eirionnach.

Tha e air aithris gun dthainig Eirionnach turas a dhaon de mhèinnean Cheap Breatuinn air seòl cosnaidh. Cha robh e riamh roimheg obair am mèinn agus mar sin bha e tur aineolach oirre. Bha e glé dhéigheil airMac-an-Tòisich,” agus cha robh e ach gann air tighinnnuair a thòisich e air òl gus ma dheireadhn do ghabh en daorach. Agus air dhaibh fhaotainn a mach nach robh e riamhsan toll-ghuail thug iad sios e, gun aithne, gun chuimhne agus chàraich iad e ann an aon de na seòmraichean. ’Nuair a thug e greisna chadal, dhùisg e am breislich, ’sa, fosgladh a shùilean, dhamhairc e le uamhann mun cuairt dha, ’s ga fhaighinn fhéin an àite uaignidh, oillteil, dorcha, gun solus oidhche no latha, shaoil leis gur ann an ifrinn a bha e, agus le crith anama us diteadh cogais dhéubh e mach. “O mo thruaighe! mo thruaighe! Nach truagh gun do bhlais mi riamh air boinne dhen stuth mhallaichte a choisinn dhomh fhéin an t-àite aingidh so.” Thòisich e ri gul gu goirt, a caoidhamaideachd agus a ghòraiche, ’nuair a chunnaic e duine anns an robh solus, dorcha, tacan bhuaidhe. Rinn e mach gur h-aon dhe na droch spioraid a bhann. Cha dheanadh eagal feum; thriall e le eagal bàis ga ionnsuidh. Bha ena thosd. Cha burrainn dha bruidhinn. Chuir am fear sin fàilte chridheil air, ni a thog a mhisneach gu mor, agus atoirt fanear gu robh e sgith, lag, fann, thug e mach botull de Mhac-an-Tòisich us thairg e dram dha. Thug an t-Eirionnach greis acoimhead air le ioghnadh agus toileachas, agus an sin rug e air a bhotull isga òl thuirt e:— “Air do shlàinte, ’Fhir-mhosaich, gu dearbhnam biodh fhios agam gu robh a leitheid so de stuth ri fhaotainn agad cha bhiodh urad eagail agam romhadsa bha.”
A. S.


MacCoinnich & Co.

Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh
ANN AN LOUISBURG,
agus tha sinn aig an àm cheudna acumail air adhart air an t-seann laraich,
ANN AN SIDNI.

Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitcheil, an New York.

Theid sinn an urras air an obair.
Mac Coinnich & Co.


F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC

An aon fhear dhe sheòrsa thair Eilean Cheap Breatunn.

Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.

Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dhas coir dha toghal air.

Tha stoc math de speuclaireans de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.

Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c , &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.

THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHANEUREKAair a cheart phris air am beilearg an creic aig na muillin.

Tha Factoridh Eureka air aon den fheadhain as fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar adeanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.

Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.

Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitches Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd lathan deigh a chloimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.



[373]

[Vol . 5. No. 48. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Thainig soitheach-cogaidh Frangach, La Clocheterie, a stigh don acarsaid maduinn na Sàbaid sa chaidh, agus tha i stigh fhathast. Tha dùil ri àireamh de na soithichean Frangach a bhi stigh an t-samhraidh.

Tha buidheann de robairean a cur iomguin air muinntir Ontario. Aon oidhche air an t-seachdain sa chaidh, bhrist iad a stigh do bhanca ann am Blackbridge, agus ghoid iad mile dolair de dhairgead a bharrachd air paipearan a bfhiach naodh mile.

Tha am bàta-smùide Marion gu tòiseachadh air a dhol air a cuairtean àbhaisteach air lochan Bhras dOir Di-luain. Bidh i afagail Shidni gach maduinn Di-luain, Di-ciaduin, ’s Di-haoine, agus atilleadh gach feasgar -màirt, Dior-daoin, ’s Di-satharna.

Tha trioblaid a rithist am measg nan Innseanach anns an Iar Thuath, Mhort Innseanach, dam bainm Guth Cumhachdach, buachaille spréidhe faisg air Batoche, agus an sin dhfhalaich e e-fhèin ann an tom coille, agus mharbh e dithis no triùir eile fhadsa bha e an sin. Mu dheireadh chuireadh daoinena dheigh le gunna gatling agus chaidh a mharbhadh.

Bha coinneamh cléire ann an Eaglais St. Andrews Di-ciaduin, aig an dfhuair Mr. Iain Mac-an-Tòisich cead searmonachaidh. Fhuair Mr. Mac-an-Tòisich a mach á colaiste air an earrach so le cliù mor dha fhéin, agus chan eil teagamh againn nach bi en ùine ghoirid air a shuidheachadh ann an coithional. Tha sinn an dòchas gu faic e iomchuidh fuireach ann an Ceap Breatunn.

Tha muinntir Mhontreal agus mor-roinn Chuibeic o chionn treis a dhùine acur eolas air critheanna-talmhainn. Oidhche Dior-daoin air an t-seachdain sa chaidh, bha crith uamhasach ann a chuir na taighean air chrith, agus a chuir eagal mor air na h-uile. Mhair a chrith faisg air cairteal mionaid, agus mu leth-uair na deigh bha fuaim mor ann a mhair àireamh mhionaidean.

Chaidh soitheach-seòlaidh a dhfhalbh á Sidni Tuath a sheachdain gus an diugh, a chall le dhol air tir faisg air St. Pierresa mhaduinn Di-dònaich. Chaidh an sgioba shàbhaladh, ach chaill iad an cuid gu h-iomlan. Cha robh de dhairgead urrais air an t-soitheach ach sia ceud dolair, agus cha robh sgillinn air an luchd. Bhuineadh an soitheach do Chaiptean Hickey, an Sidni Tuath.

Tha àireamh mhor de mhèinneadairean Nobha Scotia air tighnn do Cheap Breatunn air an t-samhradh so. Tha mòran dhiubh a Springhill; tha cùisean cho mi-dhòigheil anns amhéinn sins gu bheil moran de na daoinega fàgail. Tha eagal oirnn nach mor is fheaird iad tighnn an taobh so; tha chuid mhor de na mèinnean cho fad air aiss nach eil obair eadhon aig na daoine bha annta roimhe.

Tha soitheach-cogaidh Breatunnach ri bhisan acarsaid so air latha Iubili na bàn-righnn. Chaidh litir a chur dhionnsuidh an admiral deireadh an earraich ag iarraidh air, nam burrainn da, aon de na soithichean a tha fo chomannda a chur don acarsaid air an latha sin. Oidhche Dior-daoin sa chaidh, fhuar an t-ard-bhaillidh, Mr. Crowe, fios uaithe ag innse gu robh e dol a chur a Phelican gar n-ionnsuidh. Chan eil anns a Phelican ach soitheach beag, ach tha féill mhor air na soithichean-cogaidh air son an lathud, agus tha àireamh de bhailtean a tha moran nas motha na Sidni aig nach bi uiread us aon soitheach fhéinbeag no mor. Chan eil teagamh, mar an ceudna, nach bi soitheach Frangach a stigh, air chors nach e h-uile h-àite bhios cho math dheth ri ceanna-bhaile Cheap Breatunn.

Chaochail Mairi Dhomhnullach, nighean do Chailean Domhnullachsan Eilean Chruinn am Mira, ann am Boston a sheachdain gus an Di-ciaduin sa chaidh. Thugadh a corp dhachaidh gu bhi air adhlacadh.

Tha tigh-òsda Shidni a nise ann an làmhan Mr. Hannington, á Truro, chan ann aig Mr. Mitchell mar a thuirt sinn air an t-seachdain sa chaidh. Bha Mr. Hannington roimhe so acumail tigh-òsda ann an Truro.

Chaidh bristeadh a stigh do bhùth dealbhadair, Mr. Allen, ann an Sidni Tuath, oidhche Di-haoine air an t-seachdain sa chaidh, agus bha gach ni air an dfhuair na béistean greim air a mhilleadh. Cha dfhuaireadh a mach fhathast co iad.

Chaochail fear Beniamìn Cann, a mhuinntir Sidni Tuath, anns an tigh-chaothaich an Danvers, faisg airGloucester , Mass.Cha robh e anns an tigh ach ùine ghoirid; chaidh e as a rian le buille a fhuair e anns acheann, air dha tuiteam le staidhir.

Chaidh fear Uilleam Mac Neachtain a chur an greim o chionn ghoirid ann an Lunenburg, N. S., air son a bhi deanamhsa creic stuth-làidir gu mi-laghail. Chaidh a phoit-dhubh a thoirt uaithe, chuireadh ceud dolair de chàin air, agus fhuair e mios dhen phriosan.

Chaidh gillòg dom bainm Iain Burrows, aois choig bliadhndeug, a mharbhadh ann am mèinn Springhill Di-satharna sa chaidh, le torr cloich a thuiteam air. Bha aca ri chladhach as, agus mun dfhuair iad sin a dneanamh bha e marbh. Tha bràthair dha ag obair ann an aon de mhéinnean Cheap Breatunn.

Tha Connolly, am fear air am bheil àmhrus gur h-e mharbh Oliver Fuller ann an>Avonport , N. S. ,mu mheadhon an earraich, aseasamh cùrtach ann an Kentville air an t-seachdain so. Cha do chuireadh crioch air a chàs fhathast, ach a reir gach coltais, tha Connolly ciontach, agus diolaidh e air a shon.

Chaidh duin òg a mhuinntir Cheap Breatunn, Ioseph Mac Néill, a mharbhadh air an rathad iaruinn faisg air New Glasgow, ’sa mhaduinn Di-màirt. Bha e mu ochd bliadhna fichead a dhaois, agus bha e anns an obair-iaruinn am Ferrona o chionn da bhliadhna. Bu mhac e do Niall Mac Nèill, an Còbh a Bheabheir. Chaidh a chorp a thoirt dhachaidh gu bhi air adhlacadh.

Tha na h-uisgeachan a bhann air an t-samhradh so an deigh fàs math a thoirt air an fhiar, agus air corcas siol eile far an dfhuaradh a chur; ’s fhada bho nach robh coltas cho math orra mun àm so. ’S e chuis as miosa gu robh an t-side cho fliuch gu ruige sos nach robh dòigh aig daoine air moran curachd a dheanamh, gu h-àraidh ann an àiteachan far an robh an talamh bog. Ach theagamh gun tig side mhath an deigh so, agus ma thig, chan eil e tuilleadh us anmoch fhathast.

Tha muinntir Shidni a niseg obair air pàirce bhriagha dheanamh air rudha nam barracks. Tham fearann sin a nise aig abhaile air fhaotainn on àrd-riaghladh; tha beagan màil ri phàigheadh gach bliadhna, agus tha na barracks ri bhi air am fàgail aig na saighdearan, cho math ri àite air am bi iad a dol troimh chluich-airm; ach a mach o sin fhéin, ’s leis a bhaile an rudha, agusse ar barail gu bheiltearga chur gu deagh bhuilnuair a thatar adeanamh pàirce dheth. Tha daoineg obair ann o chionn da sheachdain, ’ga ghlanadhs ga thiormachadhs acur chraobhan ann. Tha iad air son e bhi ann an deagh uidheam romh latha na h-Iubili. Tha a phàirce gu bhi air a h-ainmeachadh air an latha sin.


C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


Seall an so air an ath sheachdain.


NIALL Mac FHEARGHAIS,
Taillear.
SIDNI - - - - C. B.


NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B,
Tha e na fhear-gnothuich don MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha.



[374]

[Vol . 5. No. 48. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 371.)

Ged tha aon no dha dar marbhrannan Gaidhealach airidh air urram, chan eil moran, a mach bho na marbhrannan a gheibhear anns an t-seana bhardachd. Agus ged bhiodh iad na bfhearr na tha iad, tha iad, thar cheann, tuillidhus fada; agus, gu sonruichte, tha tuillidhs a choir ann diu. Ma bhitheas tu acumhagach ni a chailleas tu, agus adeanamh marbhrann do gach neach a gheibh bàs, fasaidh anCumhaagus amMarbhrannair bheag luach. Tha mi meas gur ann mar so a thachair anns aGhaidhealtachd. Chan eil bàta a theid air creig, no gamhainn a bhriseas a chas, nach faighear cuid-eigin a ni oran cho tuirseach agus ged thigeadh sgrios air an duthaich. Chan eil neach a gheibh bàs, ma chaidh en urras ort ann am fiach crùin, no ma bha e cho caoimhneil agus nach burrainn e ainfhiach a phaigheadh, no cho fialaidh agus gun dthug etheaghlach gu bochduinn, nach faighear sgonn-bhard anns an sgireachd a bheir éubh cho goirt agus ged rachadh Cuilfhodair a churs a chall as ùr. An ni a tha aig gach neach cha mhor is fiach e. ’S e gainnead an òir ann an tomhas mor a dhfhàg cho luachmhor e. Agus bhiodh na marbhrannan Gaidhealach na bairidh air cliù nam biodh iad na bannasaiche na tha iad. Theirear air uaireann ar measg: “Is fearr sgàineadh na biadh maith a leigeadh am mughadh;” ach saoilidh mi gur e is firinniche agus is freagarraiche a radh: “Is fearr sgur na sgàineadh.”

Anns an linn Oiseinich bha am marbhrann buadhmhor mar theagasg; agus, mar a chunnaic sinn, bha i cliuiteachna gnè. Ach eadhon anns an àm sin bha i aontaobhach. Tha mi smuaineachadh gum faod àm a bhi ann an eachdraidh sluaigh anns an coir leigeadh leis na mairbh cliù nam marbh a sheinn, mar a tha fios againn, air ughdarras neo-mhearachdach, gum faod àm a bhi ann am beatha an duine an uair is edhleasdanasleigeadh leis na mairbh am mairbh fein adhlac.” Chan eil mi ro chinnteach nach dthainig a leithid so de àm ann an eachdraidh nan Gaidheal an Albainn. ’S e cron ar latha-ne, tha mi meas, gu bheil ar suil a mhainn ar deigh. Chan eil sinn asealltainn mun cuairt duinn no idir air thoiseach oirnn cho tric agus a bu choir dhuinn. Cha bu mhaith leam iarraidh air neach na bu lugha de thlachd altrum mun àm a dhfhalbh, no na bu lugha de urram a thoirt do na daoine treuna a dhfhag an aimsir sin cho ionmholta agus cho iomraiteach. Is falluinn mhaiseach gradh do dshinnsearan airson sgeudachadh do ghiulain; ach ma bheathaicheas tu an inntinn a mhain air cuimhne na chaidh seachad, gheibh thu mach, an uair a bhitheas e tuillidh agus anmoch, gun robh thug a beathachadh air plaoisg. ’S e ar dleasdanas amharcn ar deigh le tlachd agus le h-urram; ach is e gu sonruichte ar dleasdanas amharc mun cuairt oirnn agus romhainn. Cuiridh sinn an t-urram is freagarraiche air an àm a dhfhalbh, agus bheir sinn achliù is airde do na daoine on dthainig sinn, le bhi coimhlionadh dleasdanais ar latha fein air a leithid de dhoigh agus gum bi ar giulan cothromach ann an sealladh an t-saoghail, agus gu sonruichte ann an sealladh ar coguis fein; —air a leithid de dhoigh agus an uair a thig an t-àm anns am bi sinne air ar n-aireamh am measg nam marbh, gum bi ar cuimhne air agleidheadh urail aig na ginealaich a thign ar deigh, co-dhiu bhitheas no nach bi i air a sgriobhadh ann an leabhar no air lic, air chor agus gum faodar a radh mur dheibhinn le firinn: “Ghluais na daoine ud iad fein air dhoigh a bha airidh air an latha fein, air an duthaich iomraitich dam buineadh iad, air na daoine treuna a bha air thoiseach orra, agus oirnne a thainign an deigh.” D. M‘. K


Long Mhor nan Eilthireach.

LE TORMAID MAC LEAID, D. D.

Air pileadh dhomh air mais o I Chalum-Chille, thàinig sinn, air an aon fheasgar shàmhraidh a bàillidh a chunnaic mi riamh, do àite tearuinte fasgach, a tha ann an ceann a tuath an eilein Mhuilich. Air leam, nach faca mi cala loingeis idir a tha air a dhion o éirigh fairge agus o chumhachd stoirm mar tha e. Tha eilean fada caolga chuairteachadh air an taobh a muigh, asgaoileadh a sgiathan gu càirdeil mun cuairt air gach soitheach beag agus long, a thag iarraidh fasgaidhna thaic o dhruim achuain, no tha feitheamh ri sìd mara gus an rugha-mor a ghabhail. Air an làimh dheis mar chaidh sinn a stigh, tham fearann ag éiridh gu corrach cas. Bha sinn aseòladh ri bile nan creag, agus bha geuga nan craobh alùbadh dlùth dhuinn. Thàinig fàileadh abharraich oirnn air oiteag an t-sàmhraidh, agus bha mìleun beag len ceileiribh binn aseinn air preas, acur failte oirnn, ’nuair a bha sinn a seòladh seachad orra gu réidh sàmhach. Cha robh taobh a thionndaidhinn mo shùil nach robhn sealladh taitneach. Bha na beannta àrda Mòrchuanach, ’s iad uaine gum mullach; Suaineart le chnocaibhs le thulaichibh bòidheach, ’s an Leathar-Morthairneach asineadh uainn, adeanamh gàirdeachas ann am blàthas an fheasgair shàmhraidh. Aig ceann shuas achaoil chi mi,

— “Bheinn àrd as àillidh sniamh,
Ceann-feadhna nam mìlte beann;
Bidh aisling nan damhna ciabh,
S i leaba nan nial a ceann.”

An uair a dhlùthaich sìnn a stigh, cha robh ri fhaicinn ach croinn nan loingeas, am brataichean asnàmh gu fann ris an t-soirbheas; ’s cha robh ri chluinntinn ach farum ràmh, as torman nan allt agus nan eas, a bha tuiteam o iomad sgàirneach àrd don chaladh a bha nis afosgladh gu farsuing romhainn. O thaobh gu taobh don tràigh air an dara làimh, tha sràid do thighibh mora co geal ris an t-sneachd; ’s gu grad air an cùl tha uchdach chorrach chas, far am bheil an calltuinn, an caorann, agus an t-uinnseann afàs gu dosrach, co dlùth direach os ceann nan tighean a tha fodhpa, ’s gu bheil an geugan, air leat, alùbadh mam mullach. Air bràigh abhruthaich chi thuchuid eile den bhaile eadar thus fàire, ionnus gur duilich dhuit aites bòidhche agus as neo-chumanta fhaicinn. Achs ann a mach sachaladh a bhan sealladh a bfhiach fhaicinn; na ficheadan soitheach eadar mhòr agus bheag, iomad eithear caol len ràimh uaine, abhìrlinn riomhach lesiùil gheala, ’s an long-chogaidh lecroinn ardas le brataich rioghail. Achnam measg uile chomharraich mi aon long mhòr a thug bàrr orra air fad: bha iomad bàta beag agabhail da h-ionnsuidh, as mhothaich mi gun robh iad a deanamh deas ga cur fa sgaoil. Bha aon duine leinn a thainig oirnn aig cùlthaobh Mhuile, as gann a thog a cheann fad an latha, a bha nis ag amharc gu h-iomaguineach air an luing mhòir so. “An aithne dhuit,” thubhairt mi ris, “ciod i an long mhor so?” “Mo thruaighe,” a deir esan, “ ’s ann dhomh is aithne; ’s duilich leam gu bheil barrachdsa baill leam do mluchd-eòlais innte: innte tha mo bhràithrean agus moran dom chaomh chàirdibh adol thairis air imrich fhada mhuladach do Anerica mu thuath; agus is bochd nach robh agamsa na bheireadh air falbh mi cuideachd.”

Tharruing sinn a hunn gan ionnsuidh; oir tha mig aideachadh gun robh toil agam na daoine blàth-chridheach so fhaicinn, a bhan diugh a dol a ghabhail an cead deireannach a dhAlbuinn, air tòir dùthcha far am faigheadh iad dachaidh bhunaiteach dhoibh féin agus dan teaghlaichibh. Chan eil e comasach a thoirt air aon duine nach robh san làthair, an sealladh a chunnaic min so a thuigsinn. Cha tig an a theid e as mo chuimhne. Bha iad an so eadar bheag agus mhor, on naoidhein a bha seachduin aois a dhionnsuidh an t-seann duine a bha tri fichead bliadhnas a deich. Bu deistinneach ri fhaicinn an tròm-mhuladan iarguinn inntinn, —an imcheist, ’s am briseadh cridhe a bha air a dheargadh gu domhainn air aghaidh na cuid bu mho dhiubh, a bhan so cruinn o iomad eilean agus earrann don Ghaeltachd.

Bheachdaich mi gu h-àraid air aon duine dall aosmhor, bha anashuidhe air leth, as triùir no cheathrar do chloinn ghillean mun cuairt da, a shean ghàirdeana thairis orra, iad afeuchainn co bu dlùithe a gheibheadh a stigh ra uchd, a cheann crom os an ceann, ’fhalt liath agus an cuaileanna dualach donn-san ag amaladhna chéile, agus a dheòir gu trom frasach atuiteam thairis orra. Dlùth dha aig a chosaibh bha bean thlachdmhorna suidhe ag osnaich gu tròm ann an iomguin bròin; agus thuig mi gum be a fear-pòsda a bha spaisdearachd air ais agus air aghart le ceum



[375]

[Vol . 5. No. 48. p. 7]

goirid, agus le làmhaibh paisgte. Bha sealladh a shùl luaineach neo-shuidhichte, agusaghaidh bhuairte ag innseadh gu soilleir nach robh sithna inntinn. Tharruing mi dlùth don t-seann-duine, agus dhfheòraich mi dheth ann an caoimhneas cainte, an robh esan ann am feasgar a làithean adol a dhfhàgail a dhùthcha? “Mise,” deir esan, “adol thairis! chan eil! Air imrich cha teid mise gus an tig an imrich a tha feitheamh oirnn air fad; agus an uair a thig, an sin a theid fo mcheann don chill? Dhfhalbh sibh! dhfhalbh sibh! dhfhàgadh misem aonar an diugh, gu dall aosda, gun bhràthair, gun mhac, gun chùl-taice; agus an diugh, mo dhunaich, Dia thoirt maitheanas domh, tha thusa, ’Mhairi, mo nighean, maon duine cloinne, le moghaichibh geala gaolach, adol gu mfhàgail. Tillidh misan nochd don ghleann ud thall; ach chan aithnich mi an làmh a thaga mthreòrachadh: cha tig sibhse, a leanaba mo ghràidh, a mach an coinneamh an t-seann-duine: cha chluinn mi tuillidh briagailur beóil ri taobh na n-aibhne; ’s cha ghlaodh mi tuillidh, ge nach bu léir dhomhn cunnart. Fuirchibh airur n-ais on t-sruth: ’nuair a chluinneas mi tabhunn nan con, cha leum mo chridhe nis faide, ’s chan abair mi, Tha mo lean aban ateachd. a nis a stiùras mi gu fasgadhn tuim, ’s a leughas dhomh an leabhar naomha: cait, an ath-oidhche, ’nuair a theid a ghrian fodha, am bi sibhse, a chlann mo rùin; agus a thogas leamsa laoìdh an anmoich?” “O! athair, arsan nighean, ’s i dlùthachadh ris, “na bristibh mo chridhe.” “Am bheil thun so, a Mhàiri,” a deir e; “càit am bheil do làmh? Thig nis dlùithe dhomh, mfheudail thu do mhnàibh an domhain, is sòlasach leam do ghuth. Tha thudealachadh rium: —chan eil mi cur iomchoirort, ’s cha mho tha mi gearan. Falbhh, tha mo làn chead agad, tha beannachd do Dhé agad. Bi thusa mar bha do mhàthair romhad, dleasdanach. Air mo shonsa, chan fhada bhitheas mi: chaill min diugh mo gheugan àillidh, agus is faoin an oiteag a leagas mo cheann; ach fhads is beò mi seasaidh Dia mi: bha e riamh leam anns gach cruaidh-chàs, agus cha tréig e nis mi. Dalls mar tha mi, tha e féin, buidheachas da ainm, a toirt domh sealladh air mo charaid is fèarr air a dheas-laimh, agusna ghnùis is léir dhomh caomhalachd agus gràs. Tha mi sacheart àm so afaotainn neart uaithe. Thagheallanna teachd dhachaidh gu mchridhe. Feudaidh meanglain eile fàilneachadh; ach cha searg craobh na beatha. —Am bheil sibh air fad làimh rium?” a deir e: “éisdibh; tha sinn a nis adealachadh: tha sibhse a dol do dhùthaich fadas, agus is math a dhfheuidte mun ruig sibh, gum bi misanns an dùthaich àrd-ghrianach, far am bheil dòchas agam gun coinnich sinn fathast a chéile, far nach bi imrich no dealachadh a chaoidh: cha bhi; oir chan eil sannt no ciocras oir air nèamh. Bithidh sinn an sin gu siorruidh le chéile, agus gu siorruidh le Dia. Siabar gach deur on t-sùil, agus bithidh la a bhròin thairis. Bithibh cuimhneach air Diaur n-aithriche, ’s na tuitibh o aon deagh chleachdadh a dhfhoghluim sibh. Moch agus anmoch lùbaibh an glùn, mar a bàbhaist duinn, agus togaibh an laoidh. Agus sibhse, mo leanabana, a bha mar shùilean agus mar luirg dhomh; sibhse a shaoil mi a chàireadh an fhòid ghorm tharam, an éigin duinn dealachadh? —Dia a chuideachadh leam!”

Cha burradh dhomh fuireach ni bfhaide: bha gheola bha gus an seann duine a thoirt gu tìr atarruing suas ri cliathach na luinge: chaidh iadsan a bha feitheamh air a dhinnseadh dha gum feumadh e falbh. Theich mi uatha: cha robh e ann am chomas a bhim fhianuis air an dealachadh bochd.


Thachair tarbh crosta uair air duine bha car faoin, agus ghabh e na bhad gus a reubadh. Bha bata mor glas aig an duine, agus chum e a nàmhaid air falbh leis, gus an dfhuair e cothrom air greim a dheanamh air earball a bheothaich. Chum e a ghreim gu daingeann, agus dhéirich e air leis a bhata mu na cliathaichean, gus mu dheireadh an robh an tarbh bochd a raoiceil aige. “Faodaidh tusa sin,” ars esan, “achs math an airidh; tha fhios agad gle mhath gur tu fhéin a thòisich.


Cha mhor is fhiach an càirdeas nach ruig thunuair a bhios trioblaidean agus ànraidhean an t-saoghail a cur cruaidh riut. Chan eil annta-san nach binan càirdean dhuit ach a mhàin nuair a bhios gach ni adol gu math leat, ach nàimhdeanmadaidh-alluidh ann an cullaibh chaorach.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar uthcha thanar beachd


CARADH
Uaireadairean.
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.


D. A. Mac FHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.


Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C. B.


Gach seorsa bathair
AIG
McDonald Hanrahan & Co.,
SIDNI C. B.
BATHAR MATH. PRISEAN ISEAL.



[376]

[Vol . 5. No. 48. p. 8]

Iain Ghlinne Cuaich.

Ach Iain Ghlinne Cuaich
Fear do choltais cha dual da fàs
Do chùl bachlach nam buadh
Air a phleatadh mun cuairt gu bhàrr;
Beir an t-soiridh seo bhuam
Dhionnsan fhleasgaich is uaisle dreach
Air na bhuilich mi mghaol
S a chuir saighead an aoig fo mchneas.

Shaoil, nach cuimhnleat an la
A bha sinn san àth leinn féin
stu nach dianadh, ghaoil, màicheadh
Nam bithinn-ssan àm ga dréir;
Ach cuim bhithinn-sfo ghruaim
Ged tha mi san uair gun chéill,
chaora bhi slàn
S am madadh bhi làn da réir.

Cha tug mise mo speis
Do dhfhear eiltha fon ghréin ach thu,
S cha toir as do dhéigh
Gus an càirear min céis tha dùint;
Ach Iains a ghaoil
Ce mar chuir thu mi faoin air chùl,
Gun chuimhnair a ghaol
Thug sinne mar aon an tùs.

Cha be doire gun diù
As na bhuainear a fiùran àrd.
Slat na choille thiugh dhlùth
Air a lùbadh le mios gu làr;
Is e do phearsa dheas ghrinn
Dhan tug mise mo ghaol thar chàch;
Chan eil cron ort ri inns
O mhullach do chinn gu dshail.

Slat dhen chraoibh a bàillt
As a ghàradh am biodh na h-eòin,
S cha be umaidh nan Gall
Dhan do chrom mi mo cheann co mòr,
Far am biodhn t-abhull fo bhlàth
Sa ghàradh am biodh na seòid,
S cha be crionach nan crann
Dhan tug mise mo ghaols mi òg.

Is iomad maighdinn ghlan òg
Thig le furan adchòir air stràid,
Ged tha mfhorstan-scho cruaidh
S gun dthug mi dhut luaidh thar chàch;
Ach an trian chuid de dchliù
Cha chuir mise an céill an tràths,
Gun eòlas as ùr
Gus am fiosraich mi thu nis fheàrr.

Be miann mo dhà shùl
Bhicoimhead gu dlu addhéigh,
S gum bairidh mo rùin-s’ ,
Air bean-oighre a chrùin fo sgéith.

Bha mi uairs cha do shaoil
Gum bithinn cho faoin mi féin,
S gun tugainn mo ghaol
Do dhfhear a choimhdeadh cho faoin amdhéigh.
Achse beus do gach aon
De mhnathan an t-saoghail gu léir,
Bhi gam mealladh araon
Le sgeulachdan faoin a béul.

Cha dthug mise mo ghaol
Air dhòighs gum faod mi chleth,
Cha ben giullan bochd truagh
Ris na tharruinn mi suas mar fhear;
Ach an t-òigear deas ùr
Cas a dhireadh nan stùc-bheann bras,
Dhianadh fuil air an driùchd
Leis a ghunna nach diùlt an t-srad.

Ach Iain a ghaoil
Nach truagh leat mi mar a tha,
Liuthad agus uair
Chuir thun céill gum bu bhuan do ghràdh,
Ma rinn mi ni suarach
No ma choisinn mi tfhuath no tfhearg
Mo bheannachd ad dhéigh
Fiach an gléidh thu dhut féin nis fheàrr.

Nis imich thusa mars àill
Dhionns an dham beil gràdh agad fhéin,
Ach mas e mise tan dàn
Chan fhaigh téile gu brach mo bhréid;
S ce mar bhithinn fo bhròn
S a liuthad fear òg as mo dheigh
Nach cunntadh an t-òr
Chur a cheannach mo bhròg gu féill.


Gath-soluis o na Laithean a dhAom.

Geds cian uam an tirm beil mo shinnsrean nan cadal,
S an làrachbha caidreachs na bliadhnaibh a thréig,
Mo dhurachd don àit tha mar bha e gun chaitheamh,
Achs tric thug fonn maigne orm frasadh nan déur,

S mi meorachadh annsachd sean am, ’s mi gun chùram,
Streap stallachan udlaidh, rim bruchd am muir-lan,
No sios taobh nan altruith gu cam-mheurach lùbach,
Le cairdean nach dhomhbhin dluths riu gu brach.

N sin madainn na h-òigbha gun cheò oirralaidhe,
As deothas lan-aighear thog caisteil ri neamh,
Bhan inntinn gun chùram mu chùis an ath-latha,
S bha dòchas na beatha air dhreach bhogh na spéur.

S an tir mun iadhn Cuan-deas, as nualanach seitrich,
S am faicear an Réul-chrois afaire na h-oidhch’,
S Firchlise na h-iarmailt nan stialaibh aleumraich,
Gu mireagach, eibhinn, crith-dhearsach, ri soills’,

Than diughm ionad taimh, —achs iad beanntan na h-Alba,
Ni neoil dhubh a chearbadh, ’s ri stoirm chumas gleachd,
S na coireachan garbhlaich, len sruthanan airgid,
A mhosglas an aimsir a dhfhalbh ann am bheachd.

A nis mar tha laithean nam bliadhna atriall orm,
Mar aghriancromadh sios a chum paillian a taimh,
Tha solus do mchois air mo rathad, gun chiaradh.
Mar dhealradhs an iar, ann am briadhadtoirt barr.

Le foighidin feitheam-sa gairm Thriath na tire,
M beil ailleachd gun dith, ’s far nach ciosnaich am bròn,
S fiamh bais agus uaigh theid air fuadach da rireadh,
S, le faoilteachas cri, thig seann dislean am choir.


Chuir maighstir-sgoile a cheist o chionn ghoirid:— “n duines àirde tham Breatunn aig an àm so? “Fhreagair gille beag, “Ler cead, an duine thag innse na sìde air mullach Beinn Nimheis.”


THA DROCH ANAIL
mi-thaitneach.

Tha géireachd, losgadh-bràghaid, gaotharachd, agus meuran eile de Chion-cnamhaidh a deanamh iomadh neach mi-shona.
Bheir K. D. C. agusK . C. C. Pillsan anail gu bhi mar is còir dha bhi, agus leighsidh iad cion-cnamhaidh, ’s gach seòrsa tinneas-stamaig.
AIR AN DEAGH MHOLADH.

Sampuill a Nasguidh.
K . D. C. Company, Limited, New Glasgow, N. S., and 127 State St. Boston Mass.


NUAIR THEID THUBHADDECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram, Bathar Cruaidh
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile.
An seorsas fhearrs aphris as isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.


CUIR A DHIARRAIDH A MHAC-TALLA
$1 .00 SA BHLIADHNA.


Indurated Fibreware
Tha an seòrsa so nas daoire na na bucaideans na tubaichean cumanta, achs math is fiach iad sin; tha iad nas buaine, agus mar sinsiad as saoire.
THE E. B. EDDY Co LIMITED
HULL, CANADA.

titleIssue 48
internal date1897.0
display date1897
publication date1897
level
reference template

Mac-Talla V No. 48. %p

parent textVolume 5
<< please select a word
<< please select a page