[377]

[Vol . 5. No. 49. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. V. SIDNI , C. B., DI-SATHAIRNE, IUN 26, 1897. No. 49


[Dealbh]

BAN-RIGH VICTORIA;

Gearr-chunntas air Eachdraidh a Beatha.

LEIS AN URR. CALUM CAIMBEUL.

Tha Iubili Dhaoimean na Ban-righ air achumail le sluagh Bhreatuinn anns gach àite den impireachd uile. Tha e iomchuidh gum biodh sin mar sin. Chan ann a h-uile latha bhios cothrom air a leithid sud a thachartas a chumail. Cha do thachair a leithid riamh roimhe an eachdraidh Breatuinn, agusse as dòcha gun teid iomadh linn seachad man tachair a leithid a rithist.

Ma tha Gaill mar so a nochadh an speissan dilseachd, cha bhuin e do Ghàeil na h-Alba, na don cloinn am mor-roinn Chanada, a bhi air deireadh ann a bhi nochdadh an deagh dhùrachd dom Ban-righ. ’S mo làmhsa nach bi iad ann a sin. ’S comuin daibh an gràdh do n Bhan-righ a thaisbeanadh mar so; ’s fhada on thòisich ise air a nochdadh gun robh deadh rùn aice dhaibhsan agus mòr-earbsa nan dìlseachad.

Thainig Uictoria thun na Righ-chathrach anns an Og mhios an 1837tri fichead bliadhna an ama-sa. Bha in uair sin na maighdinn òig, ochd bliadhna deug a dhaois. Baon duine cloinne a h-athar, Diuc Chent, i. Chaochail enuair a bha i na naoidhean beag. Bha i mar sin air a fàgail gu h-iomlan fo chùram a màthar, a thog suas i le mor aire, agus a thug dhith foghlum freagarrach air son a h-inbhe mar bhan-phrionnsa rìoghail. Bha i mar sin ullaichte air son na h-àrd-inbha dhionnsaidh an robh i air a gairm, chan ann a mhàin le àrd-bhuadhan inntinn a bha aice, ach mar an ceudna le teagasg agus eisimpleir mhaith a deagh mhàthar.

Anns a bhliadhna 1840 phòs i PrioinnsAlbert á Sacs CoburgPrionnsair an robh mor mheas aig sluagh Bhreatuinn fhads bu bheò e agus air an robh mor chaoidh an deigh a bhàis.

Tha àireamh de chaistealan aig a Bhanrigh anns abheil icur seachad greis deh-uine gach bliadhna, ach nam measg uile, chaneil dachaidh aice a tha cho taitneach leatha ri caisteal Bhalmoral anns a Ghaidhealtachd. Than caisteal so a measg nam beann ri taobh abhuinn Dee, am Bràigh Mhar. ’Sen Dr. Clark, aon do lighichean na Ban-righe fhéin o thir nam beanna chomhairlich, an 1848, don teaghlach rioghail dol don Ghaeltachd air so an slàinte. Ghabh Prionis Albert aonta de chaisteal beag am Braigh-Mhàr o ThighearnAbaireadhain. Chòrd an t-àite ris a Phronnsa agus ris a Bhan-righ cho maiths gun do cheannaich e mir fearainn á ghrunnd, ’s gun do thog e caisteal maiseach Bhalmoral ann; uaithe sin chaneil bliadhna nach eil a Bhan-righ a cur seachad greis, de a h ùine anns a Gàeltachd. Am Balmoral chaneil feum air freiceadan ann. Theid i mach a measg [ ? ]ich , gabhaidh i straid-cheum an cois na h-aibhhne, no theid i suas uchdach na beinne os ceann a chaisteil, gun cnùran, gun eagal, le làn earbsa gu bheil gach Gàel anns an tir càirdeil agus dileas dhith. Cha robh i riamh air a mealladh anns an earbsa so. Bha ionnsaidh air a thoirt caochladh uairean air a beatha, ach cha banns a Gaeltachd, agus cha bu Ghàel aon duine de na ciontaich.

Anns a bhliadhna 1871 phòs Marcus Lathuirn ban-phrionnsa Louisa, ceathramh nighean na Bàn-righ. Bha mar so aon don teaghlach rioghail air a pòsadh ri neach a bhuineadh da rioghachd fhéin, ni nach do thachair a leithid fad da cheud bliadhnair ais. Dhaon so an teaghlach rioghail agus aon do theaghlaichean urramach na Gàeltachd, teaghlach Earraghael, gle dhlùth ri chéile. Thug e mòr thoileachadh do na Gael gur anns a Ghaeltachd a fhuaradh duine do nighean na Ban-righ, rud nach dfhuaireadh am Breatuinn gu léir fad cheudan bliadhna roimhe sin. Cha robh dearbhadh bu mhotha na sud a burrainn Uictoria a thoirt air a gràdh do na Gael; agus air a bheachd àrd a bha aicorra.

S fhadon bhuinig Ban-righ Bhreatuinn inntinn an t-sluaigh do bhrigh caomhalachd a cridhe. Tha e air innse gun robh sean duine, air latha a crùnaidh, a tighinn am

(Air a leantuinn air taobh 380.)



[378]

[Vol . 5. No. 49. p. 2]

SGEULACHDAN ARABIANACH.

VI. —EACHDRAIDH NAN TRI CHALADAIREAN AGUS NAN COIG MNATHAN-UAISLE.

CAIB. V.

An uair a chuala Sobaide na briathran so, sheall i le aghaidh ghruamach air na fir. Thuirt i ris an righ, agus ris achuid eile den chuideachd, “Am bheil e fior, a dhaoin’ -uaisle, gun diarr sibh air acheisd so a chur ormsa?”

Dhaidich iad gu leir, ach an t-ard-chomhairleachna onar, gun diarr iad air aphortaira cheisd a chur oirre.

Ann am briathran a bhanochdadh gun robh i gle fheargach riutha, labhair i mar so:—

Mun dthug sinn cead dhuibh tighinn a steach don taigh, air eagal gun cuireadh sibh dragh oirnns gun againn ach sinn fhein, chuir sinn mar chumhnant oirbh nach abradh sibh facal mu dheidhinn ni sam bith nach buineadh dhuibh, air eagal gun cluinneadh sibh nithean nach cordadh ribh; agus an deis dhuinn ur leigeadh a steach, agus caoimhneas a nochdadh dhuibh, cha drinn sibh mar a gheall sibh. Tha e fior gun teagamh sam bith gur e an doigh shaorsnail anns an do ghnathaich sinne sinn fheinnur lathair bu choireach ri sibhse a dheanamh mar a rinn sibh; ach cha leithsgeul dhuibh sin air son sibh a bhith cho mi-iomchuidhnur gluasads a bha sibh.”

An uair a thuirt i so, bhuail i a cas gu laidir tri uairean air an urlar, agus bhuail i a basan tri uairean richeile, agus thuirt i, “Greasaibh a steach.”

Ann an tiotadh dhfhosgladh an dorus, agus leum seachdnar de dhaoine dubha steach don t-seomar le claidhnean ruisgten an laimh. Rug iad air fear an t-aon de na daoine a bhanns an t-seomar, agus leag iad air teis meadhain an urlair iad gus na cinn a thoirt dhiubh.

Tha e furasda dhuinn a thuigsinn gun robh eagal gu leor air an righ. Bha aithreachas gu leor air nach dfhan e samhach mar a dhiarr an t-ard-chomhairleach air. Ach cha deanadh aithreachas feum sam bith anns an àm. Bha iad uile air thuar am beathachall air shaillibh a bhithgabhail gnothaich ri nithean nach buineadh dhaibh.

Ach an deis dhaibh na daoine a leagadh air an urlar, thuirt fear de na daoine dubha ri Sobaides ridithis pheathraichean, “Mo bhana-mhaighstirean moralach, urramach, am bheil sibh ag ordachadh dhuinn na cinn a thoirt dhiubh.”

Deanaibh foighidinn,” arsa Sobaide. “Feumaidh mi an ceasnachadh an toiseach.”

Thuirt am portairs e air chrith leis an eagal: “An aimn ni math gabhaibh truas dhiom, agus na cuiribh gu bas mi air son cionta dhaoine eile! Tha mise gle neo-chiontachis ann acasan a thachoire. Mo leireadh! nach bu taitneach a chuir sinn seachad an uine mun dthainig na caladairean. Is iadsan a thug am mi-fhortan so oirnn. Tha iad adeanamh draghagus aimhreit anns gach baile don teid iad. A bhean-uasal choir, tha miguidhe ort nach cuir thu an neo-chiontach gu bas maille ris achiontach. Thoir fa near gum bheil e moran nis cliuitiche mathanas a thoirt do chreutair truagh mar a tha mise, aig nacheil doigh air mi fhein a chuideachadh, na mo chur gu bas ann am feirg.”

Ged a bha fearg air Sobaide, cha burrainn i gun ghaire a dheanamhna h-inntinn an uair a chuaia i achaoidhs aghearain a bhair aphortair. Ach cha do leig i oirre gun cuala i e. Thionndaidh i ris an t-siathnar eile, agus thuirt i, “Innsibh dhomhsa co sibh, ar neo cha bhi an tuilleadh saoghail agaibh. Chaneil micreidsinn gur daoine onarach a thannaibh, agus cha mho a tha micreidsinn gum bheil ughdarras no urram agaibh anns na duthchannan dom buin sibh; oir nam biodh sibh modhail, uasal, urramachnur duthaich fhein, bhiodh sibh air acheart doigh anns an duthaich so.”

Bhan righ gu nadarra gle neo-fhoighidneach, agus bha e moran ni bu neo-fhoighidniche na cach an uair a chunnaic e e-fheinna shineadh air an urlar, agus a bheatha fo bhinn boirionnaich a bhair a brosnachadh gu feirg. Ach an uair a chunnaic e gun robh i toileach fios fhaotainn co iad, ghabh e rud eiginn de mhisnich; oir bha esmaoineachadh gun leigeadh i a bheatha leis an uair a gheibheadh i am mach co e. Air an aobhar sin thug e cogar don ard-chomhairleach, ag iarraidh air innseadh dhi gun dail co e. Ach bhan t-ard-chomhairleach ni bu ghlice na gun cuireadh e leithid a dheas-urram air a mhaighstirs gun innseadh e gun do chuir e e-fheinna leithid de chrois le cion smaointean. Thuirt e gu beag ris an righ, “Tha sinn afaighinn an ni a thoill sinn.”

Ach ged a bhiodh toil aige comhairle an righ a ghabhail, chan fhaigheadh e uine gu labhairt; oir labhair Saobaide ris na caladairean, agus thuirt i, “An e triuir bhraithrean a thannaibh?”

Fhreagair fear diubh agus thuirt e, “Chan e; oir ged a tha sinn acaitheamh ar beatha air an aon doigh, agus acaitheamh an aon seorsa eididh chaneil sinn daimheil dha cheile idir.”

An robh an t-suil dheas gur dith an uair a rugadh sibh?” arsise.

Cha robh,” arsesan, “Chaill mise mo shuil ann an doigh a chuireadh ioghnadh oirbh, agus a bheireadh fiosrachadh do gach neach, nam biodh e air a sgriobhadh. Agus an deis don mhi-fhortan so tighinnnam rathad, thug mi dhiom mfheusag agus lom mi mo mhalaidhean, agus chuir mi umam eideadh caladair.”

Dhfhaighneachd Sobaide acheirt cheisd den da chaladair eile, agus thug iad an fhreagairt cheudna oirre. Ach thuirt am fear mu dheireadh a labhair; “Cha daoine cumanta sinn idir. Is ethannainn clann thri righrean. Agus ged nach do thachair sinn richeile riamh gus an diugh, fhuair sinn uine gus ar n-eachraidh innseadh do chach a cheile; agus tha mi ginnseadh dhuibh le firinn gun robh na righrean on dthainig sinn ainmeil anns an t-saoghal.”

An uair a chuala Saobaide na briathran so dhfhas i ni bu shiobhalta riutha, agus thuirt i ris na seirbhisich dhubha a bha deas gus na daoine a mharbhadh, “Leigibh an cead fhein dhaibh car uine, ach fanaibh anns an t-seomar. An fheadhainn a dhinnseas dhuinn eachdraidh am beatha, agus an t-aobhar air son an dthainig iad an so, cha dean sibh cron sam bith orra, ach leigibh leotha a dhol taobh sam bith a thogras iad. Ach an fheadhainn nach dean so, cuiribh gu bas iad.”

Bhan t-seachdnar fhearnan suidhe air an urlar, ann am meadhain an t-seomair mu choinneamh nam mnathan-uaisle. Bha iadsannan suidhe air langsaid, agus bha na seirbhisichn an seasamh, deas gus ni sam bith a dhiarrtadh orra a dheanamh.

Thuig am portair gun rachadh aige air e fhein a thoirt as achunnarts an robh e le eachdraidh innseadh, agus be acheud fhear a labhair. Thuirt e, “A bhean choir, tha fhios agad air meachdraidh mar tha, agus car son a thainig mi an so; agus mar sin, chaneil agam ach beagan ri radh. Bhruidhinn do phiuthar ruims amhadainn an diugh, agus mifeitheamh feuch an tugadh neach sam bith obair dhomh leis an coisninn mo lon, agus dhiarr i orm a leantuinn a chum gun giulaininn gach ni a bha i gus a cheannach. Lean mi i o bhuthaidh air feadh abhaile gus an do cheannaich i luma-lan na bascaid a bhagam. An uair a bhabhascaid cho lans nach gabhadh i an corr, thainig mi an so leatha. Rinn sibh de dhfhabhar rium na leig dhomh fuireach gus a nis, —fabhar nach dichuimhnich mi ro mo bheo. Sin agad, a bhean choir, meachdraidh-sa.”

An uair a dhinnis am portaireachdraidh fhein, thuirt Sobaide ris, “Bi gabhail air falbh, agus na faiceamsa an so thu gu brath tuilleadh.”

A bhaintighearna choir,” arsan portair, “tha miguidhe ort, leig dhomh fuireach. An deis do chach meachdraidh-sa a chluinntinn, cha bhiodh e ceart mo chur air falbh gus an cluinn mi an eachdraidh acasan.” An uair a thuirt e so, shuidh e ann an aite air leith, agus bha e toilichte gun dfhuair e saor as achunnarts an robh e.

An sin thoisich fear de na caladairean ri innseadh eachdraidh a bheatha fein. Thuirt e mar so:— “A bhaintighearna, a chum gun tuig thu cia mar a chaill mi mo shuil dheas, agus car son a tha mi ann an eideadh caladair, feumaidh mi innseadh dhut gur mac righ mi. Bha brathair mathar mar an ceudnana righ air rioghachd a bha faisge air an rioghachd aig mathair. Bha mac aig brathar mathar a bha mun aon aois rium fhein.



[379]

[Vol . 5. No. 49. p. 3]

An deis dhomh lan fhoghlum fhaighinn mar a bha freagarrach dom shuidheachadh bha midol uairs abhliadhna a dhamharc, air brathair mathar, agus bha mifuireach da mhios maille ris. Mar a bha nadarra gu leor, bha micaitheamh an earrann bu mho den uine so ann an cuideachd mhic brathar mathar. Dhfhas sinn gle mheasail, agus gle mhiadhail air a cheile, mar a bha sinn afas ni beolaiche air a cheile. An uair mu dheireadh a chunnaic mi e, bha e ni bu chaoimhneile rium na bha e riamh roimhe. Air latha araidh rinn e cuirm mhor mar urram dhomhsa. Thug sinn uine fhada aig abhord. Agus an deis dhuinn ar suipear a ghabhail, thuirt e rium, “Is gann gun tomhais thu cia mar a bha mi cur seachd na h-uine on a bha thu an so mun am so an uiridh. Bha moran dhaoine agam aig obair a bha toil agam a chriochnachadh. Thog mi taigh mor, agus tha e nis deas air son a dhol a ghabhail comhnuidh ann. Cha mhisde leat mig a shealltainn dhut. Ach feumaidh tu an toiseach do mhionnan a thoirt dhomh nach innis thu do dhuine beo ni ma dheidhhinn.”

On a bha meas mor agus eolas fada againn air a cheile, cha burrainn domh ni sam bith a dhiultadh dha. Thug mi mo mhionnan gu toileach dha mar a dhiarr e orm. An sin thuirt e rium, “Fan an so gus an till micha bhi mi tiotadh air falbh.”

An uine ghoirid thill e, agus bean-uasal og aige air laimh. Bha i ann an trusgan anabarrach riomhach, agus bha in a boirionnach cho briaghas a chunnaic mi riamh. Cha dinnis e dhomh co i, agus bha e mi-mhodhail leam fhaighneachd. Shuidh sinn a rithist aig abhord, agus abhean-uasal comhladh ruinn. Thug sinn greis mhath air comhradh mu chaochladh nithean, agus bha sinn an drastas a rithist ag ol air a cheile.

Mu dheireadh thuirt e rium, “Chan fhaod sinn a bhith call na h-uine. Eirich agus thoir leat abhean-uasal so air laimh, agus rach leatha a dhionnsuidh ionaid anns am faic thu aite-adhlacaidh a tha air ur-thogail, agus mullach cruinn air. Tha e furasda gu leor dhut aithneachadh, oir than dorus aige fosgailte. Theirigibh a steach ann le cheile, agus fanaibh ann gus an tig mise, agus cha chum mi fadafeitheamh sibh.”

(Ri leantuinn.)


Ian Caimbeul, Bard na Leideige.

LE FIONN.

Is ann le mor mhulad a chuala sinn an sgeul cràiteach gun do chaochail Bàrd caoin na Leideige air acheathramh den Bhealltainn, na dhachaidh fhéin

“ ’S an Leideig uainri taobh na tràigh.”

Bu mhiann leinn beagan aithris mun Bhàrd, oir chan eil teagamh nach eil moran dar luchd-leughaidh a chualiomradh air, oir chaidh a chliù am fads am fagus.

Rugadh am bàrd anns an Oban Lathurnachs abhliadhna 1823, ach chaidh a mhuinntir air imrich don Leideign uair a bha esann a naoidhean. Bhaathair, Cailean Caimbeul, ’na mhaighstir-sgoil anns an Leideig, taobh Loch-éite, chòig-bliadhn’ -deug thar fhichead.

Be togradh Iain, miannathar agus rùn a mhàthar, ebhina mhinistear, ach bfheudar dha dùil thairis a thoirt den togradh so, oir bhrist air a shlàinte mun robh e achna ghiullan. Le cridhe goirt chuir e a leabhraichean air chùl, agus thug e am baile-mòr air, an tòir air obair. Cha robh e fadan Glaschon uair bfheudar dha tilleadh dhachaidh. Cha do chòrd tòcharus ùpraid a bhaile-mhòir ris-san a chleachd àile ghlan nam beann agus anail fhuar na mara. Mu bhruachaibh na Leideige fhuair e tomhas de shlàinte agus thòisich e ri gàirneilearachd. Fhuair e air aghaidh uidh air n-uidh, gus mu dheireadh an robh sgeòd mhath thalaimh aige fo mheasan. A bharrachd air aghàrneilearachd, bha enapostmasteranns acheàrnadh sin den dùthaich, agus mar so bha e féin agus a theaghlach cliùiteach, air an cumail ann an làn obair.

An àm an Dealachaidh thilg echuids a chranuchur leis abhuidheann a dhfhàg an Eaglais Stéidhichte, agus bha e na fhoirfeach ann an Eaglais Shaoir Aird-Chatain, air thùss air thoiseach anns gach deadh obair. Bho chionn còrr agus fhichead bliadhna bha e air ceann Sgoil Shàbaid a bhacruinneachadh gach Dònach ann an uamh a tha faisg air dachaidh abhàird. Thuit dhuinn a bhi air aoidheachd ler caraid o chionn beagan bhliadhnachan agus chuir sinn seachad feasgar na Sàbaid leis féins lechròilean anns an uamh so. Tha an uamh blàth, seasgair, le àite-teines le uinneig, agus mar so thachlann comhfhurtachail a shamhradhs a gheamhradh. Anns achùileig uaignich so, a chumas mu dhà fhichead de chloinn, agus a tha mar is trice lomalàn, tha am bàrd mar athairs mar oide-fòghluim don òigridh. Bha am bìobull air a leughadh leis achloinnn an cànain féin, agus bha teagasg, comhairleus eòlas air an toirt dhaibh ann an Gàidhlig bhlasda na dùthcha. Bu taitneach rireadh a bhig éisdeachd ris abhàrd theò-chridheach ann am briathran caomha, càirdeil, aguidhe gu dùrachdach air an òigridh iad a bhi glic, stuama; cuimhneachail air Dia, ùmhal dam pàrantan, uasalnan dòighsnan giùlan, agus caoimhneil ris na h-uile. Bha mar so an òigridh air an earalachadh agus air an uidheamachadh air son cath na beatha a dhfheumas sinn uilechur. Mun do sgaoil iad bha òran-molaidh, salm no laoidh Ghàidhligair a sheinn leis achloinn, a bha air a ghiùlan air oiteig an fheasgair mar iobairt-chùbhraidh, taitneach do Dhias do dhaoine.

Mar bhàrd bha ar caraid ann am mòr mheas. Cha do sgriobh e riamh rann nach eil fìor-ghlan, fallain ann an smaoin agus riarachail ann an aigne. A bharrachd air a so uile, tha a dhàin grinn òirdhearcn na cainnt, agus air leth Gaidhealachn na dreach. Chaidh na rannan a leanas a dhealbh leis abhàrd oidhche dhorcha, shallachs etighinn dachaidh bog, fliuch. Thog inntinnn uair a chunnaic e solus an uinneig a thaighe, ’s a chuimhnich e air an fhàilte chaoin a bha air thoiseach air ann am fàrdach a ghaoil, fo sgàil Dhùn-Bhallaire.—


TAOBH MO THEINE FEIN.

SEISD.

S e taobh mo theine dhòmh-sa chlann,
S e taobh mo theine féin;
Gum be sud àite blàth mo ghaoil,
Aig taobh mo theine féin.

N uair thig mi dhachaidh anns an oidhch
S mi fann, ’us fliuch, ’us sgìth;
An saoghal cosmhail ri bhin gruaim
Cho duaichnidh bidh gach ni
S a chi min solus tighnn gum shùil,
Troimhn uinneig dhuint’, mar reult’,
Gun tog mo chridhe suas le sunnt,
Bhi dlùth dom theine féin.

Sn uair chi min lasair dheàrrsach dhearg,
S gach àite sguabte grinn,
Us fiamh aghàir’ ’s gach aghaidh ghràidh
S gach aontoirt fàilte bhinn
O, càitbheil sonas cosmhail ris
An saoghal so abhròin?
S cha tugainn taobh mo theine féin
Air mìle bonn den òr.

N uair gheibh mi comunn caomh mo rùin
S iad dlùth dhomh air gach taobh,
Gach aontoirt bàrran tluss am bàigh,
S bann gràidhna cheangal caoin;
Mo bheans i cur gach nina àit’,
S mo phàisdean air mo ghlùn
Cha suaipinn taobh mo theine féin
Air sonas rìghnachùirt!

Chaill am bàrd giullan seanagarra, a bha glic os cionn a bhliadhnachancha robh e ach ochd bliadhna dhaoisn uair a chaidh a ghearradh ás

Liobhair a mhàthair, ’s deurna sùil
A fiùran lurach, òg,
An dùil rifhaicinn fhathasd slàn
An Aros Rìgh na Glòir.

An Buanaiche cha robh fo ghruaim
Gedbhuain em blàthan sèamh;
S e aingeal glòrmhorthàinignuas,
Sthug leis esuas do nèamh.”

Sgriobh ministear Eaglais Shaoir Aird-Chatain leabhran beag taitneach mun bhalachan chaomh so, agus rinn am bàrd cumha dha a tha dol mar so:—

A Chailein, a Chailein,
A Chailein a rùin,
Gur cràiteach mo chridhe
S na deòir ann am shùil;
Tha minntinn fo mhulad
Is maigne gun sunnd
Bhon dhfhàg mi mo Chailean
S achaibeal fon ùir.

(Air a leantuinn air taobh 382.)



[380]

[Vol . 5. No. 49. p. 4]

[Dealbh]

CAISTEAL BHALMORAL.

Anns am bheil aBhan-Righ agus an Teaghlach Rioghail acur Seachad Aireamh Mhiosan gach Bliadhna.


(Air a leantuinn o thaobh 377.)

fagus a chum làmh na Bàn-righ a phògadh. Thuslich e aig bonn na cathrach. Air ball dhéirich i dhen Chathair-rioghails shìn i lamh dha ga chuideachadh suas. Bu ni beag sud ann fhéin, ach leig e ris caoimhneas a cridhe, agus thaitinn e ro mhaith ris a mhor shluagh a bha lathair agus a bhanan sùil-fhianuisean air an ni. ’Nuair thill na saighdearan, a chaidh a leòns a Chrimea ri linn cogadh Russia, air ais, chaidh i don tigh-eiridinn gam faicinn. Bha gach earrann den tigh-eiridinn cairteal a mhile dhfhad. ’Nuair chaidh i tren cheud earrainn thuirt na h-uaislean a bha làthair gun robh sud gu leòr dhi a choiseachd. “O,” ars ise, “chi mi uile iad; bidh na gillean bochda duilich mur teid mi gam faicinns fhios aca gu bheil mistigh.” Thug i le làimh fhéin bonn-cuimhne(medal)do gach saighdear us oifigeach a nochd a ghaisge an Alma, am Balaclabha, agus an Incerman. “Mo ghillean gaolach,” ars ise, “tha mo chridhe cho blàth dhaibhs ged be mo mhic fhéin iad.” Cha dthugadh iad na buinn-chuimhne seachad air son an ainmean a ghearradh orra, air eagals nach faigheadh iad air ais na ceart-fheadhainn a shin a Bhan-righ dhaibh. ’Nuair tha isa Ghàeltachd tha i gu tric a tadhal air bantraicheans muinntir bhochd nan tighean beaga fhéin, gu bhi còmhradh riu agus a thoirt tiodhlacan feumail dhaibh. Tha gniomharan mar so a cosnadh gradh an t-sluaigh dom Ban-righ.

Choinnich roinn phailt de thrioblaidean na beatha so ri ar Ban-righ urramaich. Chan e mhàin gun do chaill i aonan deigh aoin de a h-àrd-chomhairlichean, ni a bha na mhor mhulad dhi, ach thàinig mar an ceudna, brisdidhean na teaghlach fhéin. Chaill i dithis de cloinn, ban phrionnsAlice an 1878 agus Prionus Leopold an 1884. Ach thar gach builleilese bàs a companaich, Prionns Albert, bu dorragiulaìn. Bha iad pòsda beaganus bliadhnar fhichead. Bha mor ghràdh aca do chach a chéile. “Feumaidh sinn,” ars ise ris a Phrionnsaon latha, “trioblaidean fhulang, ach fhads a bhios sinn cuideachd theid againn air an giulain.” Aig àm eiles am Prionnso n tigh, sgriobh i mar so gu aon de càirdean. “Tha fios agam gu feum càraid phòsda bhi aig amaibh dealaichte o chéile, ach air mo shon fhéin cha burrainn domh gu bràth a bhi toilichte marsud. Ach thainig an t-àm anns am beigin dealachadh. Chaochail deadh PhrionnisAlbert, mar theirte gu minig ris, anns a bhliadhna 1861, afàgail bearnasan teaghlach rioghail nach gabhadh càradh tuille. Tha a Bhan-righ ùine fhada na bantraichdluth air sea bliadhna deug ar fhichead. Tha i nis a tighinn air adhart am bliadhnaichean, agus a reir cùrsa nàduir, dlùth air àm a siubhail. Ach cha robh àm de beatha, on chaidh an crun air a ceann, anns an robh an laoidh dhùthchasachDhia gle a Ban-righair a sheìnn leis am barrachd durachd cridhe na tha en diugh, aig an Iubili Dhaoimein, air a sheinn le mor-shluagh Bhreatuinn anns gach ceàrn den t-saoghal.

Agus an uair a thuiteas an crun talmhaidh bharr a cinn, ’s e arn earbsa agus ar guidhe gum bi an ti a thog suas i gu bhi riaghladh, le maitheas agus le gliocas anns a ghinealach so, a buileachadh oirreCrun gloire nach searg as.”

C. C.
Strath-Alba, E. P. I.


MacCoinnich & Co.

Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh
ANN AN LOUISBURG,
agus tha sinn aig an àm cheudna acumail air adhart air an t-seann laraich,
ANN AN SIDNI.

Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitcheil, an New York.

Theid sinn an urras air an obair.
Mac Coinnich & Co.


F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC

An aon fhear dhe sheòrsa thair Eilean Cheap Breatunn.

Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.

Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dhas coir dha toghal air.

Tha stoc math de speuclaireans de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.

Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c , &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.

THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHANEUREKAair a cheart phris air am beilearg an creic aig na muillin.

Tha Factoridh Eureka air aon den fheadhain as fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar adeanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.

Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.

Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitches Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd lathan deigh a chlòimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.



[381]

[Vol . 5. No. 49. p. 5]

[Dealbh]
A Bhan-Righsa bhliadhna 1840.

[Dealbh]
Prionns Albertsa bhliadhna 1840.


Dhia, Gleidh an Crun.

Dhia, gléidh an sluagh le dghràs!
An rioghachd ás gach càs!
Dhia, gléidh an Crùn!
Biodhmaid a ghnàth fo dlàimh
Le buaidh os ceann gach nàimh,
Nad ghràdhsa faotainn sàimh!
Dhia, gléidh an Crùn!

A Thighearna, Dhia na glòir,
Dean air gach diblidh fòir
Is gléidh an Crùn!
Cum suas Uictoria chaomh:
Roinn ceartas air gach taobh:
Dìon oighreachd bhochd do naomh!
Dhia, gléidh an Crùn!

Ar sùil tha Riutsa suas:
Seall air ar cor le truas;
Is gléidh an Crùn!
Cuir cuibhreach uile mu sgaoil!
Tog sinn á slochd an t-saoghil!
A steach do thìr aghaoil!
Dhia, gléidh an Crùn!


An Iubili ann an Sidni.

Ged nach eil ann an Sidni ach baile beag, an coimeas ri moran eile anns an Impireachd Bhreatunnachcho beags cho leth-oireachs gu bheil iomadh àite anns nach cualas riamh iomradh air— ’se ar barail nach eil aon bhaileile dhe mheudachd fo riaghladh Victoria anns an deachaidh latha na h-Iubili a chumail na bfhearr. Bha àireamh mhor sluaigh anneadar seachd us ochd mileair an cruinneachadh as gach cearna dhen eilean; bha an t-side gle bhriagha, agus chaidh gach ni air adhart gu rianail, òrdail. Bha brataichean agus dealbhan dhe gach seòrsa an crochadh a mach trathsa mhaduinn, acur sealladh eireachdail air a bhaile. Aig ochd uairean loisgeadh urchair air fhichead leis abhataraidh. Aig aon uair deug bha aphàirc ur air rudha nam barracks air a fosgladh agus air a h-ainmeachadh, mar bu chòir, air Ban-Righ Victoria fhéin. Bha achlann as na sgoilean, dha no tri cheudan an aireamh, a lathair, aseinn, agus bha òraidean air an liubhairt le dithis no triuir de dhaoininbheach a bhaile. Bhuineadh a chuid so den dol air adhart don bhaile, agus thainig e gu crich aig da-uair dheug nuair a thoisich na h-urchraichean a rithist. Loisg a bhataraidh urchair-air-fhichead mar a rinn iadsa mhaduinn, agus loisg an soitheach-cogaidh, amPelican,” tri fichead, urchair air son gach bliadhna a thaBhan-righ air riaghladh. Aig leth-uair an deigh a dha, thoisich ansiubhal,” anns an robh mu thri mile duine, saighdearan, seoladairean, comuinn-stuamachd, agus comunn nan luchd-obrach. Be so an ni a bfhearr a bhann fad an latha. Bha ena shealladh briagha buidheann cho mor fhaicinn asiubhal gu h-ordail, gach aon fobhrataichs fo shuaicheantas fhéin, agus ochd bands a cumail ciuil riutha. Bha na sraidean bho cheann gu ceann dhen bhaile air an domhlachadh cho mor le sluaghs gu robh e, ann an aiteachan, gle dhoirbh do luchd an t-siubhail faotainn trompa. An deigh dhaibh cuairt a chur air a chuid a bfhearr dhen bhaile rainig iad a Phàirce beagan roimh cheithir uairean, agus an sin bha seinn, ceol, agus oraidean aca fad uair eile. Bha an t-seinn, mar anns amhaduinn air adeanamh leis na sgoilearan, agus bha e anabarrach taitneach a bhigan éisdeachd. Bha na h-oraidean agus an ceol gle mhath mar an ceudna. Thainig crioch air a so le urchair air fhichead a bhi air a losgadh, agus an deigh sin bha réis bhàtaichean a tarruinn airen t-sluaigh gu beul na h-oidhche. An sin bha tuilleadh ciuil aca gus an robh an oidhche dorcha. Aig naodh uairean bha taighean agus buithean abhaile air an soillseachadh gu h-eireachdail, agus eadar sin us deich uairean thoisich an obair-theine; fhadsa mhair sin bha an acarsaids an t-athar os a ceann air an cumail breac dearg us gorm us uaines gach lath eile ghabhadh deanamh. Chuir so crioch air an obair, agusse ar barail nach robh aobhar aithreachais aig duine thainig don bhailechur seachad an latha. Ged a bha sluagh cho lionmhor cruinn, cha robh sabaid no troimhe-cheile sam bith nam measg; bha a mohr-chuid dhiubh cho sitheils cho stuamasa bhiodh iad atighnn as an eaglais air latha na Sàbaid. Cha robh ach gle bheag de choltas an oil orra. Bu latha so air am bi cuimhne fad iomadh bliadhna ri teachd. Chan eil mor dhuil againn gun cluinn aBhan-Righ mu na bha dol air adhart anns a chuil so de h-impireachd, ach ged a chluinneadh, cha leig muinntir Cheap Breatunn a leas nàire sam bith a bhi orra air son mar a chaidh latha na h-Iubili a choimhead anns a cheanna-bhaile. Ma rinn gach àit eile cho math a reir an comais sa rinn an t-aite so, rinn iad gle mhath.


Tha sinn duilich gu bheil am MAC-TALLA cho fad air deireadh air an turus so. Nuair a thainig e mach mu dheireadh cha robh sinn cinnteach nach rachadh againn air a chur a mach mar a bàbhaist: an deigh sin bha sinn an duil gu rachadh againn air a chur a mach Di-sathairne sa chaidh: ach mheall an da chuid oirnn. Bha na clo-bhualadairean cho ganns nach faighte na dheanadh an obair dhiubh air ghaol no air airgead. Tha sinn an dòchas gun gabh ar luchd-leughaidh ar leisgeul anns a chuis, oir cha robh comas againn air. Feuchaidh sinn ris a chall a dheanamh suas an deigh so mar as fhearr a dhfhaodas sinn. Tha sinn den bharail gu bheil sinn ann an tomhas mor, adeanamh suas air a shon anns an àireamh so fhéin leis na dealbhan a thann, agus an eachdraidh thaitneach air beatha agus cliu na Bàn-Righnn a tha ar caraid Urramach, Calum Caimbeul, a toirt dhuinn.



[382]

[Vol . 5. No. 49. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 379.)

Tha t- ’aogas gach latha
Fa chomhair mo shùl
S gun saoil mi mar bàbhaist
Gubheil thu dhomh dlùth,
Le daghaidh mhìn bhòidheach,
S do mheall-shùilean gorm’,
S do bhilean a nis
Nach dean mànran na toirm.

Chaneil bràthair a nis
Aig do pheathraichean gaoil,
S tha t-athairs do mhàthair
G ad ionndrainn on taobh,
Ach dhiarr thu mun dfhàg thu
Nach robh sinn ri caoidh,
Is sùilbhi ri dachaidh
A mhaireas a chaoidh.

Nuair a shiab thu na deòir
O ar sùilean bha làn,
S a phisg thu ar muinneal
Adghàirdeannan ban’,
S a phòg the le aiteas
Gach sean agus òg,
Gun dfheum sinn a ghealltainn
Nach bithmid ri bròn.

O athair, a mhàthair,
A pheathraichean gràidh,
Mo bheannachd a nis leibh
Gu siorruidhs gu bràth,
Is leanaibh an Caraid
Thug misás gach càs,
S gun coinnich sinn far
Nach tig sgaradh le bàs.”

Cha robh thu ach òg
Ann an saoghal abhròin,
Ochd bliadhnis seachd làithean
A fhuair sin ort còir;
Ach Esan thug dhuinn thu
S a nis a thug uainn,
Bheir neart gu bhi strìochte
Da thoil anns gach uair.

A bharrachd air na h-òrains na dàin a sgriobh am bard dheadar-theangaich e laoidhean on Bheurla. Mar eisimpleir airobair anns an rathad so faodar an laoidh so a ghabhail.


LONG AN T-SOISGEIL.

Long an t-Soisgeil, ’s fhad i seòladh
Dhionnsuidh tir Chanàain shuas
Thigibh uile, sibhstha deònach,
Seòlaibh inntgu glòir bhith-bhuan.

SEISD.

Glòir! O, Glòirus Allelùia!”
Tha gach seòladair aseinn,
Chi sinn shuas le sùil achreidimh
N caladh glòir is miannach leinn.”

Milltean thug i sàbhailt thairis,
Fad o shaoghal so abhròin;
Milltean innteseòladh fathast,
Fathast rùm do mhìltean còrr.

Lìon a siùil a ghaoithean nèamhaidh;
Greasaibh i air aghart luath,
Feuch! gach seòladair lan éibhneas
Luaidh air glòir nan nèamhan shuas.

Giùlainibh an soitheach àillidh,
Ghaoithean àluinn Shoisgeil Dhé,
Giùlainibh gach aon tha dìleas
Dhionnsuidh rìoghachd Athar fòin.

Tionndaidhn long a stigh gu caladh;
Làmh ri dacair seas a nis;
Gheibh thu fàilte bhon Ard-cheannard;
Gheibh thu àitaig a làimh dheis.

Bha gaol, seircus caranntachd a ghnàth rim faotainn ann an dachadh ghreadhnach abhàird. Bha e féin, a chéile cheanalta, chaoimhneil agus a theaghlach fiùghail fo mhòr mheas aig na h-uile, agusn am beannachadh don choimhhearsnachd.

O chionn bliadhna no dhà bha e ri fhaicinn gun robh an aois a luidhe air a Bhàrd, ged a bha e deanamh mar a bfheàrr a dhfhaodadh e gu bhi“ ’githeadh na h-òiges e còmhdach na h-aois,” agus smaointich a chàirdean gun robh an t-am air tighinn anns am bu choir dhoibh a meas air a Bhàrd a nochdadh ann an dòigh fhollaiseach. Chuir iad an comhairle ri cheile aguss e thainig as gun do shocraidh iad, nam biodh e idirnan comus gun togadh iad dachaidh ùr don Bhàrd air an t-seann làraich. Chaidh aca air so a dheanamh agus chaneil neach a chuir a ghualainn ris an obair, nach eil taingeil an diugh gun robh enan comus so adheanamh mun do ghairmeadh am Bàrd air falbh.

Chaidh am Bàrd a thiodhlacadh ann an cladh Ach-nam- air Di-sathuirne so chaidh ann an làthair ceathairne na dùthcha a thàinig cruinn a nochdadh am mor speis dhàsan nach maireann. Tha fhios againn gur e dùrachd gach Gàidheal aig an tigh agus thairis a chual iomradh air aBhàrd agus airobair gum bi Esan a gheall a bhi na athair do na dìlleachdain, agus na chòmhnadh don bhanntraich, a toirt dhaibhsan a tha caoidh, le cridhe goirt— “maise an àite luaithre, oladh aoibhneas an aite bròin, éididh mholaidh an aite spiorad airsneil.”

Tha am bàrd a nis anns an dachaidh bhuan agus a bharrachd air dileab na bàrdachd a dhfhàg e aig a luchd-dùthcha, dhfhàg e ni is luachmhoire na sin, eiseimpleir an dheagh bheatha, oir nochd e na ghiùlans na theagasg ciod e fior uaisleoir mar thuirt am bàrd mòr Sasunnach nach maireann

An déigh gach s e smuain mo chrìdh
Nach uasal ach an ti tha math,
S feàrr crìdhgun ghò na coron òir,
Is creideamh beò na glòir nam flath.”


Long Mhor nan Eilthireach.

EARRANN II.

Ann an deireadh na luinge, bha buidheann dhaoine a thuig mi bu luchd-dùthcha air an earradh; agus mhothaich mion cainnt, gum bann o aon do na h-eileanaibh tuathach a thàinig iad. Bha iad gu geur iomaguineach ag amharc a mach airson bàta beag a bha ateachd a stigh an rugha fo shiùils fo ràimh. Co luaths a ghabh i steach don chala, ’s a rinn i airson na luinge, ghlaodh iad amach, “ ’Se féin a thann, —piseach air a cheann.” Bha aon neach am measg nan daoine so a bha a réir coslais ni bu mheasala na càch. ’Nuair a dhaithnich em bàta beag so, chaidh e far an robhn sgiobair, agus mhothaich min sin gun do ghairmeadh orrasan a bha shuas anns na crannaibh, ’s a mach air na slataibh-siùil, teachd a nuas; agus gun deachaidh stad air an uidheamachadh a bha dol air aghaidh chum an long a chur fa sgaoil. Dhlùthaich am bàta, dhéirich seann duine àrd uasal dreachmhor a bhana deireadh, agus le ceum daingeann làidir ged a bha a cheann co geal ris a chanach, dhìrich e suas, gun chuideachadh sam bith, ri taobh na luinge. Chuir an sgiobair fàiltair le mòr urram. Dhamhairc e mun cuairt da, agus gu grad mhothaich ebhuidheann ghaolach a bhan deireadh na luinge, agus ghaibh e gan ionnsuidh. “Dia bhi maille ribh,” arsesan, ’nuair dheirich gach aon diubh, lefhoineidna làimh, a chur failtair. Shuidh enam measg; air an luirg a bhana làimh, leig e car tamuill taic a chinn; agus mhothaich mi gun robh na deòir mhòra asruthadh a nuas air an aon eudann bu taitniche leam fhaicinn a chunnaic mi riamh. Tharruing gach aon diubh mun cuairt da, agus shuidh cuid don chloinn aig a chosaibh. Bha ni-eigin ann an coslas an duine bheannaichte so nach feudadh gun daoine a thàladh ris: bha do mhaitheas agus do chaomhalachd mun cuairt da, ’s gum feudadh an neach bu lag-chridhiche misneach a bhi aige teachdna làthair; agus, anns an àm cheudna, bha do smachd àrdna shùil agusna bhathais, na bheireadh air an spiorad bu dalma meatachadhna fhianuis. “Thàinig sibhse, ler cead,” arsiadsanmar a gheall sibh; cha drinn sibh dearmad riamh oirnn ann an ar teinn. Tha sinn an nochd adol a ghabhail achuain for ceann; ’s mun éirich aghrian air na beanntaibh ud thall, bithidh sinne gu bràth as an sealladh. Is culaidh-thruais sinn an diugh, ar dunaich!” — “Na cluinneam,” arsam ministeir, “a leithid so de chainnt. Bithibh misneachail; chan e so an t-àm dhuibh meatachadh; cuiribhur n-earbsa ann an Dia: oir chan ann gun fhios -san a tha sibh adol air an turus so. ’S annna fhreasdal féin a tha gach ni teachd mun cuairt; achs ann a tha sibhse, alabhairt mar gum biodh sibh afàgail rìoghachd an Uile-chumhachdaich, agus adol far nach ruigeadh a chaoimhneas athaireil oirbh. Mo thruaighe! an e sour creidimh?” — “Tha sin fior,” thubhairt iad; “ach an fhairge, an cuan mòr farsuing!” — “An fhairge,” fhreagair e; “carson a chuireadh sin sibh fo dhìobhail misnich; —nacheil Dia ri fhaotainn sachuan co maths air tìr-mòr? Fo stiùradh a ghliocais, fo dhìon a chumhachd, nacheil sibh co tèaruintair achuans a bha sibh riamh ann an gleann tìorail? Nacheil an Dia a chruthaich an cuan adol a mach air a thonnaibh uaibhreach? chan éirich a h-aon diubh roimhibh gun fhios da; ’se féin a chaisgeas onfhadh na fairge; tha e mach air achuan ann an carbad na gaoithe, co cinnteachs a tha e ann an neamh shuas. ‘O! sibhse air bheag creidimh, car son a ta sibh fo eagal?”

Tha sinn afàgail ar dùthcha,” fhreagar



[383]

[Vol . 5. No. 49. p. 7]

iad. “Thà gun teagamh,” arsesan, “tha sibh afàgail an eilein san dfhuair sibhur togailsur n-àrach; gu cinnteach tha sibh adol air imrich fhada; cha ruigear a leas a chlei h, gu bheil ioma cruadal afeitheamh oirbh: ach cha dthàinig so oirbh gun fhios diubh. Afàgailur dùthcha, an dubhairt sibh; am bheil ceangal seasmhach aig m aon duine ri aon dùthaich seach dùthaich eile? Chaneil dùthaich bhunaiteach againn air thalamh; chaneil sinn air fad achnar n-eilthirich; chan anns an t-saoghal chaochlaideach so a tha e air a cheadachadh dhuinn le Dia, an dachaidh sin iarraidh as nach bi imrich.”

Gun amharus,” fhreagair iad, “tha sin fior; ach tha sinn afalbh mar chaoraich bhochda gun bhuachaille, gun a h-aon ris an cuir sinn ar comhairle; ’s adol fada, fadair falbh. O! nam biodh sibhse”— “Bithibhnur tosd,” deir esan; “na cluinneam a leithid so do cainnt. Am bheil sibh adol nis faide o Dhia, na bha sibh riamh? nach en Dia ceudna dhfhosgail rosga do shùl an diughs a dhùisg thu á suain na h-oidhche, a thag oibreachadh taobh thall an t-saoghail? sheas le Abrahamnuair a dhfhàg ethìrs a dhaoine? a thaisbein e féin do Iacob, ’nuair a dhfhàg e tighathar, ’s a chaidil e muigh air an raon? Mo nàire! a dhaoine; cait am bheilur creidimh? An dubhairt sibh gun robh sibh mar chaoraich bhochda gun bhuachaille? am bheil aon leanabh beag làimh rium an so, nach aithris na briathran sin, “Se Dia féin is buachaille dhomh, cha bhi mi ann an dìth?” nach esan àrd-bhuachaille a chuid caorach féin, a thubhairt, ‘Na biodh eagal ort, a threud bhig, bi fo dheagh mhisneach, oirs mise do Dhia.’ Chaneil gu dearbh,” deir esan, “tighean aoraidh far am bheil sibh adol; agus ìs dòcha nacheil luchd-teagaisg ann; ach cuimhnichibh an Tighearna. Cruinnichibh fo sgàil na craige, no fo dhubhar nan craobh; agus togaibh le cheile laoidhean Shioin, acuimhneachadh nacheil làthaireachd Dhé fuaidhte ri àite seach àite, gu bheil e ri fhaotainn anns gach àite leòsan a dhiarras e gu tréibhdhireach ann an ainm Chriosd, air mullach na beinne as àirde, —aig bonn aghlinne as ìsle, no ann an dubhar na coille as uaigniche, co maths ann am meadhon abhaile-mhòir, no san teampull as dreachmhoire a thogadh riamh dha le làmhaibh. Tha gach aon agaibh comasach air focal a leughadh; mur bitheadh bu tròm mo chridhe da rìreadh, ’s bu bhrònach an dealachadh. Tha fios agam gu bheil Biobuillnur cuideachdaibh: ach gabhaibh uamsa an diugh Bìobuill ùra, air an ùr chlò-bhualadh, ann an tomad beag, soirbh ran giùlan: agus cha shuaraiche leibh iad gu bheilur n-ainmean sgrìobhta orra leis an làimh sin a bhaist an earrann as mo dhibh, a thogadh iomad uair ann an asluchadh asur leth gu nèamh; agus a thogar fathast ann an deagh dhòchas ann an ainm Chriosd airur son, gus an tig marbhantachd abhàis thairis oirre. Agus sibhse, mo leanaba beaga, am badan lurach dom chuid uan, a tha nisga mfhàgail, thug mi dur n-ionnsuidhse cuimhneachan beag air mo mhòr-ghràdh dhuibh; Dia gur beannachadh.”

O!” arsiadsan, “cia taingeil a tha sinne gum faca sinn sibh aon uair eile, agus gun cuala sinn fathastur guth.” Bha muinntir na luinge gu léir atarruing ni bu dlùithe air an àite san robh ena sheasamh; ma biad na seòladairean féin, ge nach do thuig cuid diubh a chainnt, thuig iad gum bu ghnothach anama a bha dol air aghaidh. Bha uiread do dhùrachd, do bhlàthas, do chaoimhneasna choslas agusna chainnt, ’s gun do sheas iad gu ciùin sàmhach; agus chunnaic mi iomadh aon diubh acleith nan deur a bha tuiteam a nuas air na gruaidhibh as an dthug iomad latha garbh o chionn fada an leanabas.

Thug an duine beannaichte a chòmdachcinn deth, agus sheas e suas; thuig gach aon na bhana beachd. Thuit cuid diubh air an glùinibh, is dh’ -amhairc gach aon air an làr, ’nuair a thubhairt e, le guth glan fallain, “Iarramaid beannachd Dhé; deanamaid ùrnuigh.” O! bu chruaidh an cridhe nach leaghadh, agus cha chùis-fharmaid an spiorad sin nach gabhadh suim, fhadsa bhan ùrnuigh dhurachdach theas-chridheachga cur suas leis an duine mhath so, a bha a nis e féin air àrdachadh os ceann an t-saoghail so. Is ioma dùile bhochd lag-chridheach a fhuair misneach; thuit a bhriathra mar dhrùchd an fheasgair, as fhuair na meanglain laga fhann fionnachd agus sòlas. Bu tròm acain an cléibh, ’nuair a bha iad air an glùinibh, ’s na h-osnaichean a dhfheuch iad ri chumail fodha; achnuair a dhéirich iad, air leam gun robh misneach ùr ri fhaicinnnan sùilibh troimh cheò nan deur goirt a bha iad a nis atiormachadh air falbh. Dhfhosgail e leabhar nan Salm, is thogadh an t-aon naomh cheòl bu tùirseiche, bu deuchainniche air gach dòigh, gidheadh bu shòlasaiche, a chuala mi riamh.

Ràinig an fhuaim thiamhaidh gach long agus gach soitheach sachala. Cha robh ramh a mach nach robh air a phasgadh; cha chluinnte fead no farum; ach an aon sàmhchair bheannaichte, mar a sheinn iad an dara Salm thar an fhichead, aig acheathramh rann:

Tha manam air a dhòrtadh mach,
Trà chuimhnicheam gach ni;
Oir chaidh mi leis achuideachd mhòir,
Dol leò gu teampull .

Seadh, chaidh mi leò le gàirdeachas,
Is moladh fòs le cheil’;
S ann leis achuideachd sin a bha
Acoimhead làithe féill’.

O manam! cuim a leagadh thu,
Be diobhail misnich sìos?
Is cuim am bheil thun taobh stigh dhiom
Fo thrioblaid is fo sgìos?

Cuir do chas daingean ann an Dia,
Oir fathast molam e;
Airson na furtachd is na slàint
Thig dhomh oeudan réidh;”

Leabhar nan Cnoc.—


D. A. Mac FHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.


Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C. B.


Gach seorsa bathair
AIG
McDonald Hanrahan & Co. ,
SIDNI C. B.
BATHAR MATH. PRISEAN ISEAL.



[384]

[Vol . 5. No. 49. p. 8]

NAIDHEACHDAN.

Tha parlamaid Chanada na suidhe fhathast; chan eil moran a dol air adhart ach gu bheileas a sgioblachadh ghnothuichean air choinneamh sgaoileadh an tighe, ni a tha dùil a thachairt an ùine ghoirid.

Chaidh dithis dhaoine, Curtis agus Umlah, a bhàthadh Di-luain sa chaidh, a mach on chladach eadar Bridgeport us Glace Bay. Bha iad ag iasgach ghiomach ann an bàta fosgailte, agus chaidh e thairis orra.

Bha fear Deòrsa E. Cann ann an Yarmouth, ag obair air spealladh mu choinneamh a thaighe fhéin aon latha air an t-seachdain sa chaidh, agus thuit e ann an laigse. Cha do labhair e tuilleadh, agus chaochail e an ceann latha no dha.

Tha Mr. Laurier agus Mr. Davies an deigh trodal fhaotainn on Bhan-righ. Feumaidh sinn an deigh so an ainmeachadh mar Sir Wilfred Laurier, agus Sir Louis H. Davies. Tha Sir Domhnull Smith a nise na Mhorair Ghlinn-Comhain.

Chaidh Milton Connoly, a bhatar a feuchainn air son mort ann an Kentville, a shaoradh leis achùirt. Cha robh fianuis sam bithna aghaidh a dhearbhadh gu robh lamh aige anns amhort. Tha e coltach, mar sin, gu bheil an duine ciontach gun a chur an greinn fhathast.

Tha Righ Siam a nise ann an Breatuinn, far an dthàinig e air son a bhi làthair aig Iubili na Bàn-righnn. Air a thurus dhachaidh, thig e thairis air an Atlantic, agus theid a troimh na stàitean; á San Francisco seòlaidh i gu dhuthaich fhéin. Tha e mar sin adol a chur cuairt air an t-saoghal.

Bha latha na h-Iubili air a choimhead anns gach cearna den Impireachd Breatunnaich, ach bha greadhnachas sònruichte an -cheangaltris ann an Lunnainn. Bha aBan-righ ann an deagh shlàinte, agus chaidh gach ni air adhart cho mathsa dhiarrte. Bha ena latha nach teid air diochuimhnfhadsa bhios a bheag de dheachdraidh na dùthcha air chuimhne.

A sheachdain gus an Di-luain sa chaidh tha geall air a chun eadar méinn an Reserve agus meinn Chaledonia feuch co aca bu mhotha chuireadh a mach de ghual ann an aon latha. Ghleidh mèinn a Reserve, a cur a mach da mhile thunna anns na deich uaireanan tomhas guail bu mhotha chuireadh a mach à aon mhèin i ann an Nobha Scotia riamh an ùime cho goirid.

Tha iadsan aig am bheil deagh chuimhne ag radh gu robh earrach agus samhradh na bliadhna 1872 a cheart cho fuar, fliuch, agus fad air aissa than samhradhsan t-earrach am bliadhna. Ach ged a bha, ’nuair a thàinig am blàths dhfhás gach ni cho luaths gu robh deagh fhiar us bàrr ann aig an àm àbhaistich. Ged nach eil an t-sidem bliadhna mar bu mhath leinn i gu ruige so, chan eil fhios nach bi an talamh gle thorach, agus mar sins fhearr dhuinn gun a bhi gearanach feitheamh gu foighidneach. ’S dàna do dhaoine bhi tallach.

Tha Laurier agus abhuidhean shaighdearan a chaidh a null còmhla ris a nise ann an Sasuinn, agus tha Riaghladh agus sluagh Bhreatuinn a deanamh am beatha gu h-uasal. Tha Breatuinn gach bliadhna a fàs nas measaile air Canada, agus air an turus so, nuair a tha greadhnachas mor a dol air adhart mu Iubili na Ban-righnn, tha a luchd-ionaid afaotainn urraim nach eil air a bhuileachadh air luchd-ionaid aon de na colonies eile. Ni an càirdeas sin a thatar a nochdadh dhi an dùthaich so a thoirt ann an dlùth-dhàimh don dùthaich mhàthaireil nas motha na bha i riamh roimhe.

Thachair ni muladach ann am Port Moriensa mhaduinn Di-màirt; chaidh mac don Urr. Mr. Grannd aois choig bliadhnas seachd miosan, a losgadh cho donas gun do chaochail e an ceann cheithir uairean. Bha e cleasachd mun teine agus ghabh a chuid aodaich, agus air dha bhi leis fhéin cha dfhuaireadh ga chuideachadh an àm gus a bheatha shàbhaladh. Tha co-fhaireachdain aig gach aon a chualan sgeul bhochd so ri Mr. Grannd agus ri chéile.

Thatar ag ràdh nach eil cùisean anns a Ghearmailt ach gle mhi-dhòigheil. Tha an t-Impire na dhuinòg, ceannasach, a thasa bharail gum bu chòir riaghladh na dùthcha a bhi gu h-iomlan na laimh fhéin, agus tha esior chur feirge air an t-sluagh le bhi bacail dhaibh nithean a tha air an ceadachadh gu saor ann an dùthchannan eile. Chan eil pàrlamaid na Gearmailte cho cumhachdach ann an riaghladhsa tha pàrlamaid Bhreatuinn, ach ma leigear leis an Iompaire dhol air adhartsa chùrsa tha e cur roimhe, chan fhada bhios guth aicanns a chùis idir. Tha iad ann a thag radh nach eil an t-àm fad as anns an dean an sluagh éirigh na aghaidh, agus anns am feuch iad rin còir a bhuntainn uaithe le faobhar a chlaidheimh.

Sa mhaduinn Di-mairt chuir a Bhan-Righ am fios so dhionnsuidh Ard-Riaghladair Chanada:— “Bho mchridhe tha mi toirt taing do mo shluagh ionmhuinn: gum beannaicheadh Dia iad.

VICTORIA R. & I.


AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leigsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD.
Cuir a dhiarraidh sampuill, teisteannais us urrais.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia. —agus—127 State St., Boston, Mass. ,


NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B,
Tha e na fhear-gnothuich don MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha.


CUIR A DHIARRAIDH A MHAC-TALLA
$1 .00 SA BHLIADHNA.


C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


NIALL Mac FHEARGHAIS,
Taillear.
SIDNI - - - - C. B.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar uthcha thanar beachd


Indurated Fibreware
Tha an seòrsa so nas daoire na na bucaideans na tubaichean cumanta, achs math is fiach iad sin; tha iad nas buaine, agus mar sinsiad as saoire.
THE E. B. EDDY Co LIMITED
HULL, CANADA.

titleIssue 49
internal date1897.0
display date1897
publication date1897
level
reference template

Mac-Talla V No. 49. %p

parent textVolume 5
<< please select a word
<< please select a page