[Vol . 5. No. 5. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OGUST 1, 1896. No. 5.
Litir a Alba.
Bodachan a’ ghàraidh
Cho friogadach ’s cho frogadach,
Bodachan a’ ghàraidh
Cho frogadach ’s a bha e riamh.
MO BHALACH GASDA, —Thoir mo bheannachd-sa gu Seumas A. Mac ’Illemhaoil, a tha fuireach anns na h-Eileanan Coille. Is math leam gu bheil na litrichhan a tha mi ’cur a d’ ionnsuidh a’ toirt toil-inntinn mhor dha. Tha amhrus aige gur e-fein a’s sinne na mise. Is docha gur e. Ach mar a dh’ fhaodas tu thuigsinn, cha bhi na bodaich deònach a bhith ’g innseadh gu bheil iad cho sean ’s a tha iad. Tha mi ’n dòchas gu’m bi de thoileachadh agam fhein ’s aig Seumas na chi am MAC-TALLA ’na lan neart mu ’m fàg sinn an saoghal. Nan cuireadh a h-uile Gàidheal ’s an dùthaich a lamh anns an obair cha b’ fhada gus am bitheadh am MAC-TALLA cho mòr ’s cho foghainteach ri aon phaipear-naigheachd anns an dùthaich gu léir. Mar a tha an sean-fhacal ag ràdh, “Is e lionmhorachd nan làmh a dh’ fhagas an obair eutrom.”
Tha boinne math de dh’ fhuil Chlann ’ic Illemhaoil annamsa. B’ ann diùbh a bha mo sheanamhair. Is math a tha cuimhne agam oirre. A reir ’s mar a chuala mise, bha i glé chiùin, còir, foighidneach. Ma tha Seumas de ’n aon nàdar rithe cha chuir e dragh no tuasaid air daoine eile.
Is gle’ thoigh leam a bhith faicinn litrichean anns a’ MHAC-TALLA o’n duine uasal sin a th’ ann an Lunnain, do ’n ainm, “Caber Feidh.” Is fior charaid dhut san co dhiubh. Anns an litir mu dheireadh a chunnaic mi uaithe dh’ innis e mu ’n obair mhath a tha Gaidheil Lunnain a’ deanamh air son a bhith ’cumail suas na Gailig. Ach is i a’ cheisd, “Am bheil na Gàidheil chòire so gu leir a’ ceannach agus a’ leughadh a’ MHIC-TALLA? Mur ’eil, their mise riutha sùil mu ’n t-sròin—agus cha nàr leam a ràdh— nach ’eil iad a’ deanamh an dleasdanais. Is iomadh fear is te a théid gu coinneamhan Gàilig uair no dhà ’s a’ bhliadhna aig nach ’eil suim no cùram sam bith de ’n Ghàilig. Cha ’n fhaicear leabhar Gàilig an dòrn a h-aon aca aig àm sam bith.
Thachair ni ann an Sasunn air an t-seachdain so a thug mór-thoileachadh dhomh fhein, agus b’ e sin, an càirdeas, an comunn agus an gaol a nochd na Bholuntìrs, Aosda, Urramach, a thàinig a nail a America, agus na Bholuntìrs a tha ’n Lunnain, d’ a cheile. Chuir a’ Bhanrigh de dh’ urram air na h-Americanaich gu ’n deachaidh i a dh’ aon ghnothach g’ am faicinn. Mhol i iad, mar a tha mi ’creidsinn, a dh’ fhaodadh i; agus thug i biadh is deoch dhaibh anns a’ chaisteal anns am bheil i aig an àm so a’ fuireach. An oidhche na dhéigh sin thug na h-Americanaich dinnear mhòr seachad do ’n cobhràithrean, na Bholuntìrs a tha ’n Lunnain. Agus bha Prionnsa Uales, am mac a’s sinne a th’ aig a’ Bhanrigh, agns fear eile de na mic aice, aig an dinneir. Dh’ òladh deoch-slàinte na Banrigh agus mar an ceudna, deoch-slàinte Phresident Clebhland, aig an dinneir. O’n a thachair an ni so, tha dòchas againn gu ’m bi sith agus co-chordadh buan eadar na Breatunnaich agus na h-Americanaich. Bu chòir do ’n t-sluagh aig am bheil an aon chànain, agus ann an tomhas mòr, na h-aon chleachdaidhean, a bhith ann an sìth ri’ cheile aig gach am. Tha dòchas againn gu ’m bi sin mar sin gu bràth tuilleadh.
Cluinnidh tu uam gun dàil, ma bhios mi beò agus ann an slàinte.
Is mi d’ fhior charaid,
Bodachan a’ Gharaidh.
13, 7, ’96.
IOMRADH AIR MO THURAS DO CHEAP BREATUINN.
(Air a leantuinn.)
Bho ’n thòisich mi air sgriobhadh ugad tha MAC-TALLA air co-ainm latha-bhreith a chumail ’s mar a bha ceart, a thaobh ’s gu bheil e fàs mor, fhuair e deise ùr. Tha bhonaid ghorm Ghàidhealach, a fhuair thu air a shon, a tigheann dha gle mhath. ’S toigh leam an suaicheantas a th’ oirre, an cluaran Albannach a’ cuartachadh na duilleig Mhéipil. Canaidh mi ri MAC-TALLA mar as minig a chaidh a chantuinn riam fhéin nuair gheibhinn deise ùr. “Gu meal ’s gu’n caith thu i.”
Rainig mi mo cheann-uidhe, ma ta, air an aonaibh latha deug da ’n og-mhios. Thàinig an t-Urr. Mr. Friseal gu caoimhneil ga m’ fhaicinn. Dh’ aontaich mi ri pàirt a ghabhail de sheirbheis na Sàbaid anns an eaglais aige. Bha aige fhéin ri bhi air falbh bho ’n tigh air an latha sin. Ghath mise agus gille og, missionary a mhuinntir Glace Bei, an t-seirbheis ’na àite. Bha comh-thional mor cruinn, mar is àbhaist air a Chladach-a- Tuath. Tha e ’na ni furasda labhaist ri sluagh a tha nochdadh spéis don aobhar le bhi frithealadh na meadhonan agus le bhi toirt deagh-aire da na tha air a labhairt. Tha parraiste farsuinn aig Mr. Friseal agus nochd an sluagh an speis d’ am pears’ -eaglais le bhi ’togail tigh-ministeir dha cho eireachdail ’s a tha ri fhaicinn anns an dùthaich. Tha mu thimchioll da cheud teaghlach anns an sgire so ’s cha mhor gu bheil mac màthar na ’m measg ach Gàidheal. ’S iomadh áireamh de ’n MHAC-TALLA bu chòir a bhi dhl sios an Cladach-a- Tuath gach seachduinn. Tha roinn as motha de’n sluagh a’ Leoghas agus as na h-Earadh. Labhraidh an òigridh a Ghàidhlig cho coimhlionta ’s a ni am pàrantan. Bho ’n dh’ fhàg mi mo dhachaidh an Strathalba cha mhor nach robh mi suibhal fad na h-ùine tre dhùthaich a tha air a h-àiteachadh le Gàidheil. ’S Gàidheil a chuid a’s lionmhoire do luchd-àiteachaidh Cheap Breatuinn. Innsidh ainmean cuid de na h-àitean co as a thainig an sluagh a tha comhnuidh annta. Tachraidh ainmean mar so ruit an Ceap Breatuinn, Cobh nam Muileach, Abhainn nam Muileach, Beinn nan Sgiathanach, Gleann nan Sgiathanach, Beinn nan Gearrloch, Beinn Leoghais, An Tarbeart, Baoghasdal, agus mar sin sios. Bhiodh maid an comain do luchd-leughaidh nan tugadh iad min-chùnntas dhuiun mu’n àm anns an d’ thainig iad fhein no an aithrichean do’n dùthaich, am port bho ’n do sheòl iad, ainm na luinge, aireamh nan anman air bòrd, agus ciod na h-àitean an dùthaich so anns ’n do thunnich iad. Gabhaidh so uile deanamh fathast, ach ann am beagan bhliadhnachan eile bidh diochuimhn air na nithe so gu bràth mar bi iad air an sgriobhadh sios. Bu mhaith an obair do MHAC-TALLA eachdraidh de ’n t-seòrsa so a chruinneachadh. Bhiodh i ’na h-eachdraidh luachmhor leis an àl a thig ’nar deigh. Co a chuireas a lamh ris an obair so? Ni mise mo dhichioll ma ni muinntir eile an cuid fhéin dheth. Tha iomadh ni air chuimhne measg nan seann daoine tha fathast beò a bhiodh taitneach le iomadh neach fhaicinn air a chlo-bhualadh anns a MHAC-TALLA.
C. C.
[Vol . 5. No. 5. p. 2]
SILIS NIC-COINNICH.
SEAN SGEUL GHAIDHEALACH.
(Bho Bheurla Sheumais Hogg, Ciobair Ettrick.)
V.
CHA robh focal tuilleadh ri radh mu Oighrig aig an am ud; ach bha dian-chonaltradh am measg nan uaislean a thaobh na casaid a thog i ’n an aghaidh. Ged bha an dithis a bu chiontaiche dhiubh a’ gabhail orra, an lathair a’ Mhoraire, a bhi caoin-shuarach mu ’n chasaid ud, chiteadh ’n an gnùis gu ’n do chuir i campar agus buaireas orra nach b’ urrainn iad a chleth; agus gu ’n robh iad le cheile fo eagal gu ’n robh stoirm a’ tarmachadh mu ’n timchioll a bhristeadh gun dail le maoim fhuathasach air an cinn. Bha am buaireas ud ri ’fhaicinn gu ro-shoilleir air gnuis aog-neulaich Charnaich. Bha Carnach uile gu leir ’n a dhuine iongantach—bha e fearail, calma, cruaidh chridheach agus misneachail; dileas d’ a cheann-feadhna, agus baigheil teo-chridheach ris an iomlan de ’n fhine; ach cha robh riamh anns an duthaich ghrisreagaich ud aon chreutair eile a bu mho bha fo bhuaidh thrailleil an t-saobh-chreidimh. Bha lan chreideas aige anns an taibhsearachd, agus gheibhteadh e a’ sior-mheachranachd ris gach neach a bha ’g aideachadh a bhi ann an seilbh air an tiodhlaic dhiomhair sin. Cha rachadh e am air bith de’n bhliadhna, air thurus cuain, a dh-fhaicinn chairdean agus luchd-cinnidh dha, a bha ’chomhnuidh ann an Eirinn, gun sìd agus soirbheas fabharach a cheannach bho bhuidsich ainmeil a bha ’s an Eilein-Sgiathanach. Bha e ’creidsinn ann an tannasgan, bòcain, spioradan-mara agus tire, agus anns a’ chumhachd a bh’ aca tharais air beatha agus crannchur dhaoine. Uime sin, air do bhagraidhean Oighrig a bhi comh-chordadh ri faoin-bheachdan saobh-chreidmheach a bha ’luidhe air ’inntinn roimhe so, rinn a faistneachd mu na bha an dàn dha, deargadh cho domhain air a chridhe agus gu ’n robh e coltach ri duine as a chiall. Bu leoir e gu a reusan a thoirt uaithe, a bhi fo eagal gu ’n robh fianuis aogaidh, neo-thalmhaidh gu ’thighinn bho taobh thall na h-uaigh a dhearbhadh r’ a aghaidh, ann am fianuis a’ Mhoraire, an gniomh bruideil an-tromaichte d’ an robh e ciontach. Cho robh e freagarrach dha fuireach ni b’ fhaide air falbh bho ’theaghlach fein, agus mar sin, thoisich e ri deanamh deas gu tilleadh dhachaidh; ach chuir am Moraire gu naire e air son a chladhaireachd. “Ma tha tu ’dol a theicheadh air falbh o ’n chaisteal air an doigh so,” ars’ Eidirdeil, “is beag nach bi e comh-ionann dhuit ri saor-aideachadh air do chionta.” Air a’ bhonn sin, chuir e air ’fhocal e nach gluaiseadh e null no nall bho ’n Chaisteal gus am faicteadh ciod an fhinid gus an tigeadh casaidean agus faistneachd Oighrig. Air an ath oidhche as deigh do Oighrig a bhi air a ceasnachadh, thug Carnach mac a bhrathar a leth-taobh, agus thuirt e ris gu ’n d’ thainig e gu codhunadh nach robh ’nis leigheas a b’ fhearr air a’ chuis, na lan aideachadh a dheanamh air an cionta, gun tuilleadh dalach; ni ris nach aontaicheadh Bar-a- mhuilinn air chor sam bith, “oir tha mi dearbh chinnteach,” ars’ esan ri brathair ’athar, “gu ’m bheil bron a’ Mhoraire cho domhain agus cho geur, agus na’n aidicheamaid ar cionta, gu ’n crochadh e sinn le cheile, gun bhreith, gun deuchainn, gun dail, gun soradh; agus a thuilleadh air sin,” ars’ esan, “ciod is fiach focal caile shuaraich nach faca ciod a thachair, ach aig astar fada uaipe, an aghaidh teisteas ceathrar dhaoin’ -uaisle a bha ’n an suil-fhianuisean air. A Charnaich, cha ’n aidich sinn idir e; air dhuinn ar beatha ’chur an cunnart air son leas ar cinnidh, seasamaid gu daingean guala ri guala gus a’ chuid is faide mach.”
Bha an dinneir car anmoch air an fheasgar ud, agus air do ’n Mhoraire ’thoirt fainear gun robh a chairdean, a reir coslais, iosal ’n an spiorad, choitich e am fion orra cho suilbhir agus cho fialaidh ’s a b’ urrainn e. Bha Carnach anabarrach neo-fhoisneach agus mion-mhothachail, ach rinn am fion ni bu mhiosa e. Bha a shealladh fiadhaich, neo-shuidhichte, agus a ghuth air uairibh ard, sgalanta, agus air uairibh eile mabach, iosal, critheanach. Shileadh a shuilean gu frasach ’n uair a chluinneadh e am focal bu lugha mu bhàs na ban-mhoraire. Anns an t-suidheachadh bhuaireasach so bha fleadhachas an fheasgair a’ dol air ’aghaidh, agus direach mu ’n am ’s an do ruith an gloine-ùine an naoitheamh uair, chaidh stad a chur air an cridhealas le aoidh iongantach a bhrist a stigh orra gun sireadh, gun iarraidh.
B’ oidhche dhorcha i ann an treasamh mios a’ gheamhraidh. Shiolaidh an stoirm ghaillionnach ud a mhair moran laithean, gu fèath agus ciuine. Bha an sgeur fo mharbh-bhrat dorchadais. Bha an iarmailt coltach ri seomar-bais, ’n uair theid an ospag dheireannach seachad; agus bu leoir e gus a’ chuideachd a luasgadh agus a lionadh le uamhann agus le iongantas, gu’n tigeadh aoidh talmhaidh sam bith a dh-ionnsuidh a’ Chaisteil mu’n am ud, air oidhche a bha cho dorcha agus cho ùdlaidh. An uair a b’ airde fuaim agus farum a’ chonaltraidh am measg nan uaislean mu bhord a’ Mhoraire, chualas maoth-bhuille sgaiteach, sgiobalta aig an dorus-mhor; aig nach buaileadh uair sam bith, ach luchd-tathaich urramach, ard-inbheach. Is cinnteach gu ’n robh rud-eigin anabarrach sonruichte ann am fuaim na buille ud; oir ma-dh’ fhaodta nach cualas riamh buille eile de ’n t-seorsa, aig an robh a leithid de bhuaidh air cridheachan agus air aghaidhean dhaoine, a bha cho misneachail, cho fearail, agus cho calma ri aoidhean Eidirdeil. Chuir a’ bhuile ud grad-chasg air farum na poiteireachd; bha gruaim dhorcha, iomaguineach air gach gnuis; gach suil air an dorus, oir le meud na h-oillt agus an eagail a thainig orra cho obann, cha b’ urrain aon dhiubh sealltuinn direach ’san aodann air aon eile. Chualas ceuman aotram, subailte air an staidhir, agus a’ tighinn direach gu cul dorus an t-seomair, far an do stad iad gu samhach car tiota—agus b’ i sin an tosdachd uamhasach do na h-uaislean a bha air an taobh a stigh. Ri h-uine, chaidh an dorus ’fhosgladh gu h-athaiseach, agus dh’ èalaidh Oighrig Nic-Coinnich a stigh gu seimh, le a h-aodann cho glas-neulach ri tannasg; air a sgeadachadh le brai’ -lin gheal, agus neapaigin gheal mu ’ceann. Is math, a b’ aithne dhi cliu agus gne an duine ud d’ an robh sar-fhuath aice. Gun diog a radh, sheall i gu duairceach ann an aodann Charnaich; thog i a corrag ri ’aghaidh; thionndaidh i air a sail; dh’ fhosgail i an dorus, agus leig i stigh Silis. Ban-mhoraire Fidirdeil!
Cha’n ’eil focal anns an ursgeul so ach smior na firinn—cha ’n fhaoin-sgeul mac-meamnach e, no deilbh-inntinn baird no feallsanaich; ach firinn cho dearbhta ri eachdraidh teaghlaich sam bith, an taobh a a stigh do chriochan Bhreatunn. Is i Silis a bh’ ann gun teagamh, agus anns an dearbh eideadh leis an robh i air a sgeadachadh ’n uair a chaidh a tilgeadh ’bharr na drochaid mhaide. Bha a h-aodann glas-neulach; cha robh i idir cho aoigheil no cho failteach ’s a b’ abhaist dhi bhi; ach a thaobh gach dreach agus cruth, agus comharr-gnnise a bhuineadh dhi, cha bu chomasach do neach d’ am b’ aithne i an teagamh ’bu lugha ’altrum mu a timchioil. Chriothnaich gach mac mathar a bha mu ’n bhord. Ann am priobadh na sul, dh’ eirich Carnach, agus a dh’ aon sitheadh leum e mach troimh an uinneig a b’ fhaisge dha—bha uinneagan sean-fhasanta a’ chaisteil air an crochadh le ludagain, agus thachair do ’n uinneig ud a b’ fhaisge do Charnach a bhi leth-fhosgailte aig an am ud. Ciod air bith a b’ aobhar dha, dhearmaid Oighrig a crannadh an air fheasgar ud. Mu ’n gann a bha Carnach thar na h-uinneige, leum Bar-a- mhuilinn a mach as a dheigh; ach cha do ghluais a h-aon de na h-uaislean eile: bho nach roch lamh asasan, da-rireadh, ann am fuil na ban-mhoraire, chuir iad rompa gu ’n seasadh iad ris a’ chuis gus a’ chuid a b’ fhaide mach; ach bha iad uile air an grad-ghlacadh le a leithid de chaismeachd, agus nach d’ thug gin dhiubh fainear ’s a’ cheud toiseach gu ’n deachaidh Carnach agus mac a bhrathar am mach troimh an uinneig; ged a thug Oighrig sgread oillteil dhioghaltach aisde, an uair a chunnaic i fear an deigh fir dhiubh a’ dol as an t-sealladh. Ged a mheudaich sgreadail Oighrig breisleach bhuaireasach nan uaislean car tiota, cha b’ fhada gus an robh an inntinnean air an dusgadh suas leis an taisbeanadh iongantach a bha fa chomhair an sul. Sheas Silis car mionaid no ’dha air meadhoin an urlair, le a suilean silteach a’ dur-amharc ann an aodann a Mhoraire. Mu dheireadh, thog i suas a suil agus a lamhan ri neamh, agus ann an
[Vol . 5. No. 5. p. 3]
cruaidh-ghleachd anama, ghlaodh i a mach:— “Ciod e so a thainig orm, no ciod a rinn mi, nach ’eil duine an taobh a stigh de m’ thigh fein a chuireas failte no furan orm!” Bha gach teanga balbh, gach suil ris an lar; cha do ghluais, eadhoin Eidirdeil, e fein, lamh no cas, gus an do leum an tannasg ’n a dhail. Ghlac i e ’n a gairdeanan, leig i a ceann air uchd agus ghuil i gu goirt. “O, a Dhe m’ athraichean! mar is beo mi, is i mo Shilis fhein a th’ agam—Silis mo chridhe agus mo ghaoil,” thuirt Eidirdeil, agus e ’g a fasgadh gu teann ri ’bhroilleach. Is i Silis a bh’ ann gun teagamh.
(Ri leantuinn.)
AM BRITHEAMH LEOGHASACH.
A reir innse-sgeoil b’ e Iain Moiriston ainm an fhir mu dheireadh ris an abairteadh am “Britheamh Leoghasach.” Bha e còmhnaidh an Tàbast an Nis. Bu Bhan-Eirionnach a’ chiad bhean a bh’ aige. Theich i air an deaghaidh dhaibh ceathrar mhac a bhi aca de theaghlach. B’ e ainm nan gillean: Ailein, Dònull, Coinneach agus Aonghas. A null do dh-Eirinn thug am màthair orra, agus dh’ fhàg i iad fhein ’s an athair an Nis air an dlò. Cha robh am Britheamh gu bhi fada gun mhnaoi: goirid an deaghaidh do ’n chiad te fhàgail chaidh e null a dh-ionnsuidh na Mòrthir, agus thug e leis te eile á sin gu ruig Nis. Da bhliadhna an deaghaidh an dalla pòsaidh, chaidh Iain Moiriston a rithisd gu ruig a’ Mhòrthir, agus an uair a ràinig iad tir thug e air a chuid sgioba bothan a dhianamh dhaibh fhein agus dhàsan, gu cur suas annta fhad ’s a bhiodh iad ’s an duthaich aineolaich ud. Dh’ fhàs a’ mhuir cho fiadhaich an là bha sùil aca ri falbh air an ais do Leoghas agus gu’n seoladh an t-slige bheirnich oirre. Air an doigh chiadna dh’ fhàs a’ ghaoth cho ciuin s nach gluniseadh i an seol bho ’n chrann aca. Cha robh comas air, b’ éiginn daibh fuireach ’s an àite ’s an robh iad an oidhche sin. Mu mheadhon-oidhche chula fear de ’n sgioba an sgread oillteil ’s a’ bhuille throm ud. Dhùisg e càch cho luath ’s a b’ urrainn d’a agus ghrad-éirich fear dhiubh agus chuir e gabhail ’s an teine mar a b’ fhearr a dh’ fhaodadh e, agus chunnacas mar a bha chùis. Dh’ éubh an duine gu luath le guth uamhasach. “Mo chreach! mo chreach! a dhaoine, éiribh ’s am Britheamh marbh, ’s a cheann ’n a dhà leth. Chaidh gach fear ’n a bhreisiich, gach fear a’ suathadh a chadaill as a shùilean. An uair a dh’ éirich iad uile, fhuair iad a mach gu ’n robh a’ chùis mar a chuala iad. Anns a’ mhaduinn thigear oigeir le falt buidhe bhàn h-uca; agus na ’m b’ fhior, co bu duiliche air son mar a thachair do ’n bhritheamh na esan—ged gu fìrinneach a b’ e e fhein a mhort e.
Co luath ’s a chaidh an deò as a’ Mhoiristneach thàinig gaoth fhabhorach air son an toirt gu Leoghas. Thuirt fear an fhuilt bhàin riu, “Tha mise dol do Leoghas, agus bhithinn ’n ur comaine na ’n leigeadh sibh dhomh falbh comhla leibh anns a’ bhata. Cho-aontaich iad uile leigeil leis, agus sheòl am bàta gu ruig Leoghas. Thàinig e gu tir gu sàbhailte leo aig cladach Lerstein faisg air an Stoth Niseach. Air do ’n òganach tighinn air tir dh’ iarr e lorg air tigh a’ Bhrithimh. Agus gun a’ bheag a mhoille chaidh e gu ruig Tabast. An uair a ràinig e tigh a’ Bhrithimh, dh’ aithnich a’ bhean e, agus dh’ fhiosraich i dh’ e mu a companach pòsta. “Falbh, falbh,” os esan, “gheobhar deireadh gach sgeòil a nasgaidh.” Chaidh biadh a dhianamh dha, agus dh’ fhoighnich a’ bhean d’e an dalla h-uair am b’ aithne dha dad sam bith mu dheighinn a fir. “Ud,” os esan agus e labhairt gu dimeasach, suarach, “bhàsaich e air a’ Mhòrthir, ach coma leatsa mu thimchioll, bho’n a bha mi fhein ’s tu fhein a’ suirdhe roimhe so posaidh sinn a nise.” Bha bean a’ Bhrithimh riaraichte gu leoir gabhail leis an t-suirdheach òg; ach cha robh e fada fuireach ’s an tigh an uair a chnir e fhein agus Ailein am mac bu shine dh’ fhàg am Britheamh, a mach air a cheile. Là àraidh an deaghaidh dhaibh a bhi trod, dh’ èirich oide an deaghaidh Ailein leis a’ bhiodaig. Tra chunnaic Ailein so ruith e mach as an tigh ’s thug e leis còmhla an doruis air a ghualainn ’s lean an cù e. Dh’ fhàg Ailein car mu chnoc oide ’s dh’ fhalaich e e fhein an sloc mòr a bha ’n sin ’s fraoch a’ dùnadh a bheòil. Coma leibh na co dhiù, thachair do ’oide dol a dh-ionnsuidh an t-sluic, ach mar a bha sealbh an dán do Ailein, bha a’ chomhla aige os a chionn fhein, ’s bha ’n cu ’n a laidhne air a’ chomhla. Chuir ’oide amhurus gu’n robh e ’s an t-sloc agus shath e a’ bhiodag sìos ann. Chaidh a’ bhiodag anns a’ chù agus an uair a chunnaic an daoith fuil a bhi oirre shaoil leis gu ’n do chuir e as do Ailein a dhalta Ruith e dhachaidh ’s moit mhor air an deaghaidh an namhaid a chur gu dìth. Thuig Ailein nach b’ ion da dol dachaidh, agus chuir e roimhe seol a dhianamh air dol a dh-Eirinn far an robh a chàirdean ’s cuideachd a mhàthar. Ràinig e tigh an t-seann-duine a b’ àbhaist a bhi ’n a fhear-ciùil aig ’athair, agus fhuair e bhuaithe biadh us beagan airgid air son a thoirt air a thurus. Thàinig Ailein bochd gu ruig Steòrnabhadh, agus an ùine ghèarr fhuair e soitheach anns an deach e dh’ Eirinn. Gu sgial goirid a dhianamh dh’ e, thainig triuir bhràithrean a mhàthar a nall comhla ri Ailein athagairt a choraichean. Bu dhaoine calma, tapaidh iad, a reir coltais—cha robh duine dhiu a bu lugha na sia traidhean air àirde. Ràinig iad Nis air Oidhche-Callainn, ’s chaidh iad gu tigh an fhir-chiùil a bh’ aig a’ Bhritheamh. Dh’ fhiosraich iad dh’ e ciod an dòihg a b’ fhèarr air an tigh a ghlacadh. “Leanaibh mise, a dhaoine uaisle,” os esan, “agus chì sinn.” Tra a ràinig iad an tigh, chaidh am fear-ciùil a stigh ’s dh’ fhàg e càch aig an dorus. Bha bean a Bhrithimh ’s a cèile ùr ’n an suidhe aig cuilm na callainne, agus am bàrd ùr còmhla riutha. “Tha sibh ann an sin dà bhàrd,” os oide Ailein, “agus faiceamaid co is fhearr a ni rann agaibh.” Thuirt bàrd Iain Mhic Uisdein—b’ e sinn ainm oide Ailein—
“Làmh mo chridhe làmh Eoin,
Nach suidheadh an tigh gun cheol,
Mharbh e am Britheamh
Bho’n tigeadh an lagh cam.”
An uair a chuala bean-an-taighe so bhuail i a basan, agus thòisich i air gàireachdaich. Ach fhreagair seana-bhàrd a’ Mhoiristinich agus thuirt e: “A bhean bhaoth, ’s a bhean gun nàire, ghabh thu droch ceann de chlann an fhir a tha marbh, ’s ghabh thu leis a’ mhortair.” “Beiribh air, beiribh air, ’s marbhaibh e,” os ise. “Thoir toighe gu bheil mo luchd cuideachaidh gle fhaisg orm,” os an seann-duine agus gun éisdeachd ris a’ chòrr bhuail na fir a bha mach a stigh. Tra chunnaic Iain Mac Uisdein agus a bhean Ailein ’s na bha còmhla ris theich iad a mach air dorus-cùil a bh’ air an tigh, rinn iad luim air a’ Mhòrthir a thoirt orra. Mar so chaidh an tigh ’s an t-seilbh uile fhàgail aig Ailein ’s aig a bhràithrean. Cha robh a chòis fada mar so an uair a chuala Niall-Odhar Mac-Leòid, mac dìolain do sheann Ruari Mac-Leòid, an t-uachdaran dligheach mu dheireadh de na Leodaich a bh’ air Leoghas, gu’n robh am Britheamh marbh; thainig e fein ’s prasgan dhaoine a nall á Uige gu fearann a’ Mhoiristnich a thoirt a mach a chòir no éucoir. Fada an deaghaidh so bhiodh Mac-Leoid ’s clann a’ Bhritheimh ag aimhreit ’s ag còmhstrith. An deaghaidh bàs Aonghuis, chaidh a thriùir bhraithrean turus a null dh’ ionnsuidh na Mòrthir agus ghabh Niall eucorach a null air an toir. An uair a chunnaic na moirristnich so chuir iad am bàta aca air saile gu tilleadh do Leoghas. Rinn Mac-Leoid as an deaghaidh, ach bha na Moiristnich cho anabarrach tapaidh ’s nach robh an leithid ’s na h-eileinean tuath ’n an latha fhein, agus dh’ iomair iad cho làidir ’s gu’n robh iad ag gleidheadh astair mhath an ceann air Niall. Mar a bha am bàta dol air aghart bha Ailein a’ dianamh na h-iorraim so:
Iomair thusa Choinnich coidhe,
Gaol nam ban òg, ’s gràdh nan nighean,
Tha eagal mòr air mo chridhe
Gu ’m beil bìrlinn Neill a’ tighinn.
No sgoth chaol Mhic Thormaid oighre
Iomraidh mise fear ma dhithis
’S na ’m b eiginn domh fear ma thriùir.
Ach, ’s truagh nach robh mi fhein ’s Niall Odhar,
Slagan beag os cionn Dhùn-Odhail,
Biodag am làimh ’s esan fotham,
Dhearbhainn fhein gu’n rach’ i domhain,
’S gu ’m biodh fuil a chinn mu ghobhal,
’S gu’n dianteadh feòil ’s gu’n dianteadh sithionn,
’S gu ’m biodh biadh fo ghob an fhithich.
Cha d’ rinn mi fhathast beud no pudhar,
Mur do leag mi fiadh fo bhruthach,
No biast mhaol an caolas cumhang,
No dubh sgarbh an còis na tuinne.
Chi mi rudha, ’us slagan beag eile
Anns ’na mhilleadh mo chàirdean.
(Air a leantuinn air 30 taobh.)
[Vol . 5. No. 5. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ‘Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, OGUST 1, 1896.
A Framboise.
Co a thainig air chéilidh orm an dé ach mo chairide MAC-TALLA, le deise ùir air bho bhàrr gu bhonn. ’S gu firinneanach is math tha i tighinn dha, ’s mo bheannachd aig a’ làmh a shniomh i, ’si rinn gniomh na deagh bhean taighe. Ach cha ’n i an deise a mhàin ach mar a dh’ fhàs e cho mor bho’n chunnaic mi ma dheireadh e, a thug orm fàilte chridheil a chuir air. Agus tha e soilleir gu leòir nach eil e ach ’na òige fathast a thaobh e bhi tighinn air aghaidh ann a’ meudachd, ’na dhreach, agus na chòmhradh, ’s tha mi saoilsinn nach eil cagailte Gàidheal ’s an dùthaich anns nach bu chòir dha aoidheachd chàirdeil fhaighinn.
Bha againn air réir an t-sean fhacail “samhradh breac riabhach,” agus tha gach seòrsa barra a’ coimhead anabarrach math; agus ma gheibh sinn a nise “foghar geal grianach,” cha ’n ’eil teagamh nach bi barr ni’s fhearr na bha e bho chionn iomadh bliadhna. Cha do chuir daolag a bhuntata dragh sam bith oirnn cho fada so, agus mur do chuir mo thogair.
Cha deachaidh a bheag a dh’ iasg a thoirt air tir air na cladaichean so fhathast; bha ’n t-side glé stiormeil, co-dhiu airson iasgach lion na dhubhan, agus an t-iasg cho gann ’s gu robh iadsan a bha ’ga leantuinn a faicinn gu’m pàigheadh e iad ni b’ fhearr a leigeadh dhiu agus tòiseachadh ri glachdadh nan giomach. Agus thatar a’ gearain nach eil an creutair spògach sin féin cho pailt ’sa b’ àbhaist da, ach tha phris ni’s àirde na bha i riamh roimhe an so, agus cead gu iasgach gu toiseach an fhoghair; agus dh’ fhaodadh gu’n leasaich sin an call.
Tha am ministeir air falbh bhuainn bho chionn da Shàbaid; bha e air an t-Sàbaid s’a chaidh a cuideachadh Mr. Calder aig an robh comanachadh aig Aiseag Mhira, agus tha e gu searman a thoirt daibh ann an Leitches Creek air an t-Sàbaid s’a tighinn. Dh’ fhàg e an t-Urr. Mr. Sinclair againn ’na àite, agus ged tha an duine còir sin a nise gu math sean agus ged a leig e dheth a bhi searmanachadh bho cheann fhada, theid aige air searman math a thoirt seachad fhathast.
Thainig àireamh mhor dhachaidh ugainn as na Stàitean air an t-samhradh so, agus tha iad ag radh gu robh iomadh latha againn air a mhios so cho teth ’sa dh’ fhairich iad ’am Boston bho cheann fhada, ach na dheigh sin cha’n eil àite ann coltach ris an dachaidh leo; agus gun teagamh tha sinn uile tolichte na h-uidhir fhaicinn dhiu aig an tigh ged a bhiodh iad a co- ’lamadh na Gàidhlig ’s na Beurla fhein.
Ach stad ort mu’n dùin mi mo litir, gus an cuimhnich mi an do chuir mi thugad pàigheadh MHIC-TALLA airson na bliadhna so. Cha do chuir, air m’ fhacal! Gu dé so a rug orm? Mo nàire! Cha bu chòir dhomh sud, ach guidheam ort, thoir maitheanas dhomh san eucoir so, agus geallaidh mi cho fad ’sa bhios speir air an iomaire agam gu’m bi latha ’s bliadhna mu’n tachair a leithid a rithist do m’ thaobh. So agad do dholar.
CEANN LIATH.
24, 7, ’96.
Facal a Vermont.
MO CHARAID GASDA: —Tha mi an dòchas gu’n toir sibh mathanas dhomh air son a ghearain a rinn mi o chionn seachdain no dha air cho beag ’sa bha ’m paipear a’ fàs. Cha robh mi air a leughadh air fad nuair a sgriobh mi an litir.
Ged nach eil moran uisge tuiteam ann an so, tha na Geancaich a’ gearain nach eil an t-side suidhichte gu leòr air son faighinn air adhart le gearradh an fheòir cho math ’s bu mhath leotha. Tha iad a cumail a mach gu’m bi am fiar gann anns na Stàitean am bliadhna, agus mar sin gu’m bi e daor. Tha e cho pailt ’sa b’ àbhaist da bhi anns a’ sgire so; tha mar an ceudna gach seòrs’ arbhair agus meas gu bhi, a reir chltais, gle phailt.
Gu robh buaidh le peann BODACHAN A’ GHARAIDH; tha mi ’n dochas nach leig e leis fàs meirgeach. Agus thusa ’Iain ’ic Illeasbuig, a’ Ontario, na dean dearmad cho fada tuilleadh air sgriobhadh ’sa rinn thu air an turus ud. Bu deònach a bhithinn fhèin air làmh-chuideachaidh a thoirt dhuibh na’m biodh tide agam, ach tha mi na’m sheirbheiseach aig duin’ eile, agus mar sin cha’n i mo thoil féin a dh’ fheumas mi dheanamh ach toil mo mhaighstir.
Ur Caraide Dileas,
AM PEUTANACH.
Cabot,, Vt. 27, 7, ’96.
Tha sinn an dochas gu’n dean an luchd-gabhail an dichioll air pàigheadh a’ phaipeir a chur air adhart gun dàil. Tha moran againn ri phàigheadh a mach, agus cha’n eil dòigh againn air sin a dheanamh mur bi e tigh’n a stigh.
Air son aodaichean deante ruig an stor aig D. J. Domhnullach. Tha iad math ’s tha iad saor.
OGUST, 1896.
1 Di-sathairne, An Liunasdal.
2 DI-DONAICH, 9mh Donach nn Trianaid.
3 Di-luain, (2) An Cr. mu dheir. de’n t-Sol. 2. 20 F.
4 Di-màirt, (2) Bas an Ollaimh Mac Thomais, ’52
5 Di-ciaduin, Bas Rob Dhuinn, 1778.
6 Dior-daoin, (5) Blar Traigh Ghruinneart, 1598.
7 Di-haoine, A Ghrian ag eiridh, 4,58,
8 Di-sathairne, Duibhre air a Ghréin.
9 DI-DONAICH, 10mh Donach na Trianaid.
10 Di-luain, (9) An Solus Ur, 0.48. M.
11 Di-màirt, Blar Dhailrigh, 1306.
12 Di-ciaduin, A Ghrian a’ laidhe, 7.6,
13 Dior-daoin, Bacadh na Deise Ghaidhealaich 1746
14 Di-haoine, Bas Mhorair Chluaidh, 1863.
15 Di-sathairne, A cheud Chr’tl. dhe’n t-Solus, 4.49, F
16 DI-DONAICH, 11mh Donach na Trianaid.
17 Di-luain, Bas Fhearchair Mhor, Phruisia, 1786
18 Di-màirt, Blar Preston, 1649.
19 Di-ciaduin, Bliadhna Thearlaich, 1746.
20 Dior-daoin, Bas ’Ic Coinnich (Sar Obair. ), 1849.
21 Di-haoine, Blar Dhunchaillinn, 1689.
22 Di-sathairne, (23) Bas Uilleim Uallais, 1305.
23 DI-DONAICH, 12mh Donach na Trianaid
24 Di-luain, (23) An Solus Lan, 2.50, M.
25 Di-mairt, Pongannan Pheairt, 1618.
26 Di-ciaduin, A Ghrian ag eiridh, 5.20.
27 Dior-daoin, Sealg Bhraight Mhair, 1714.
28 Di-haoine, A Ghrian a laidhe, 6.39.
29 Di-sathairne, Blar Loch-Aillse, 1722.
30 DI-DONAICH, 13mh Donach na Trionaid.
31 Di-luain, An Car’tl mu dheir. de’n t-Sol.6 41 M
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
So a Mhic!
Ciamar a tha d’ Uaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu
Rhodes & Gannon,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c., Mainspring ,75c. An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.
AN CRANN TARA
(Am Fiery Cross. )
PAIPEAR MIOSAIL AIR SON ALBANNAICH CANADA, anns am bheil air a chlo-bhualadh Dealbhan agus Beath-Eachdraidhean Gaidheil Chanada; Eachdraidh nam Fineachan agus dealbhan an snaicheantais; Ceol, Bardachd, agus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu iomadh ni eile. Pris: — $1 .00 ’sa bhliadhna, no sia miosan air son 50c. Sgriobh us cuir airgead guT . D. MACDONALD 2591 St. Catherine Street, Montreal.
[Vol . 5. No. 5. p. 5]
NAIDHEACHDAN
Thug soitheach-smùide aSable Islandair an t-seachdain s’a chaidh da fhichead sa ceithir de dh’ eich bheaga ’n eilean sin. Bha iad gu bhi air an creic air rup ann a’ Halifax an dé.
Thatar ag radh gu’n deachaidh breac a ghlacadh ann an Loch Ainslie o chionn ghoirid a thomhais sia puinnd us aon ùnnsa deug, am breac bu mhomha air an d’ rugadh riamh anns an loch.
Tha fios a Labrador ag innse gu bheileas a glacadh moran éisg air cladach a deas na dùthcha sin, ach gu bheil an taobh a tuath air a dhùnadh le deigh air dhòigh ’s nach fhaigh soitheach no bàta, dhol ann idir.
Tha mèinn Victoria ’na tàmh a rithist; bhrist a phiob-thaomaich ùr a chuireadh air obair innte o chionn ghoirid. Tha sin a cur na mèinne air ais uair eile. Cha deachaidh ach fior bheagan obrach a dheanamh innte o’n thainig an samhradh.
Bha pic-nic aig Sgoil-Shàbaid St. Andrew’s aig Gut Mhira Dior-daoin s’a chaidh. Chaidh iad a mach air a charbad-iaruinn ’sa mhaduinn, agus thill iad air feasgar. Bha an latha briagha, grianach, agus chòrd an turus gu math ris na h-uile. Bha iad mu dha cheud ann air fad.
Chaochail fear Iain Mac Gilleain a mhuinntir Bhaddeck Mhor, anns an Ospidal a’ Halifax a sheachdain gus an dè. Cha robh e ann ach aon seachdain. Bha bràthair dha còmhla ris, agus thug e chorp dhachaidh gu bin air a thiodhlacadh, Bha e ’na dhuine air an robh an h-eòlaich uile gle mheasail.
Bha Sàcramaid na Suipeir air a frithealadh ann a Hogamah air an t-Sabaid s’a chaidh. Bha ministeir na sgire, an t-Urr. Alasdair Ros, air a chuideachadh leis an Urr. Alasdair Grannd. Air an t-Sàbaid bha a’ Ghàilig a muigh, agus a Bheurla ’san eaglais. Bha sluagh mor cruinn, agus bha iad gu rianail stòlda fad na seirbheis uile.
Fhuaireadh corp fir Iain Callaghan ann an dàma muillne, aig Newton, am Belfast, E. P. I., Di-ciaduin s’a chaidh. Bu sheann duin’ e a bha fuireach ann an tigh leis fhéin, Cha ’n fhaca duine a bhi ’ga bhàthadh, agus cha ’n eil fhios cìamar a thachair e dha. Cha ’n eil gin dhe chàirdean a’ fuireach faisg air laimh.
Bha moran sluaigh ann a Halifax air an t-seachdain so air a charnival. Thòisich e Di-màirt agus chuireadh crioch air an dé. Bha réisean each, réisean bhataichean-seòlaidh, réisean iomraidh, agus moran de chluich eile a b’ fhiach fhaicinn. Bha ’n t-arm tire ’s an t-arm mara a toirt cuideachaidh dhaibh, agus bha gach ni air a dheanamh le greadhnachas mor, ’Se ar barail gu robh iadsan uile chaidh ann buidheach dhe’n turus.
Tha dithis dhe na bha air bòrd an t-soithich “Herbert Fuller,’ a ràinig Halifax air an t-seachdain s’a chaidh, air an cur an sas air son mort, Bram, am meat, agus Brown, an seòladair a bha air an stiùir aig an àm an d’ rinneadh an gniomh oillteil. Cha’n eil teagamh sam bith nach eil Bram ciantach, ach tha amhrus mar an ceudna air Brown, oir cha b’ urrainn dad a bhi air a dheanamh anns a chèìbin aig an àm gun fhios d’a. An deigh do na priosanaich ’s do’n chuid eile de sgioba ’n t-soithich a bhi air an ceasnachadh ann a Halifax, chaidh an cur air falbh gu Boston, far am bheil iad ri bhi air am feuchainn aig cùirt. Tha am mort an deigh gluasad mor a chur air feadh na dùthcha, Tha e ’na ni cho graineil agus cho doirbh a thuigsinn ciod a b’ aobhar dha ’s gu bheil e cur iongantas ro mhor air na h-uile. Tha iomadh bliadhna bho nach cualas mu leithid.
Tha sgeul á Ruisia ag innse gu bheil e ro-choltach gu’m bi am bàrr anabarrach fad air ais anns an dùthaich sin air an fhoghar so, gu h-àraid anns an cheann a deas dh’i. ’Se ceann a deas Ruisia dùthaich criothnachd cho àluinn ’sa tha air an t-saoghal, agus ma bhios am bàrr cho dona ’sa thatar an dùil bidh e trom air biadh dhaoine fhàgail daor air a gheamhradh s’a tighinn. Ach theagamh gu’m bi bàrr cho math ann an dùthchannan eile ’s gu’n dean e suas call Ruisia.
Bha còmhstri aca ann an St. Peters o chionn treis a dh’ ùine a thaobh fearann nan Innseanach aig an àite sin. Mu’n deachaidh a chur air leth dha’ na h-Innseanaich, bha àireamh de dhaoine geala air suidheachadh air pàirt dheth, agus tha iad ag agairt còir air fhathast. Bha cuid de dh’ oifigich an Riaghlaidh a bhos o chionn ghoirid ag amharc thairis air, agus a reir an sgeòil a thug iadsan leotha, tha e coltach gu’m bi cùisean air an réiteach gu math an ùine gun bhi fada.
Bha Dr. Jamieson agus iadsan a bha còmhla ris a bristeadh a stigh air an Transvaal, air an toirt gu cùirt ann an Lunnainn air an t-seachdain so, agus air am faotainn ciontach. Fhuair iad eadar tri us coig miosan deuga priosain an urra, agus tha iad an diugh air an còmhdach ’s air am biadhadh mar chiomaich eile ann am priosan Holloway. Ach ged a dhit lagh agus ceartas iad, tha àite gle bhlàth aca ann an cridheachan an t-sluaigh; tha iad air am meas leotha mar mhuinntir a tha ’fulang gu neo-chiontach.
Tha e coltach gu bheil cuid de luchd-togail nan taighean anns na Staitean a stri feuch co thogas an tigh a’s airde. Thatar an dràsda tòiseachadh air togalach ùr ann an New York a tha gu bhi tri cheud ’s ceithir fichead us sia (386) troidhean a dh’ àirde. Tha sia lobhtachan fichead ri bhi ann, agus air mullach sin bidh da thùr anns am bi tri lobhtachan eile. ’Se so togalach a’s àirde bhios anns na Stàitean air fad, ach ’s cinnteach nach bi fada gus an teid fear a’s àirde na e thogail.
Tha am feur air fàs anabarrach a dheanamh air an t-samhradh so, agus tha na tuathanaich deiseil gus tòiseachadh air a ghearradh nan tigeadh an t-side gu bhi tioram gu leòr air son a chaoineachadh. Ma leanas an t-side cho fliuch ’sa bha i o chionn treis a dh’ ùine bidh moran dheth air a mhilleadh. Ach o’n thainig uisg us grian cho fabharrach fad an t-samhraidh air son fàs a chur air, bidh dòchas againn gu’n tig mar an ceudna turadh agus tiormachadh air an fhoghar leis am bi luchd-saoithreachaidh na talmhainn comasach air a chur gu feum.
Air do’n Onarach W. S. Fielding dreuchd àrd a ghabhail ann am Pàrlamaid Chanada, leig e dheth a bhi ’na Phriomhair air Nova Scotia, agus chaidh an t-Onarach Deòrsa Murray a chur ’san dreuchd sin ’na àite. Cha’n eil aite-suidhe aig Mr. Murray anns a’ Phàrlamaid, ach tha aig àireamh de shiorrachdan na mor-roinne ri fir-pàrlamaid a thaghadh, agus tha Mr. Murray dol a ruith ann an siorrachd Victoria. Tha sinn a cluinntinn nach eil duine dol a ruith ’na aghaidh. Tha ’n taghadh ri bhi ann air a chòigeamh latha deug dhe’n mhios so.
Chaidh fear Lipman, a bha ’falbh fo’n ainm uasal Count Zubof, a ghlacadh ann an New York Di-ciaduin s’a chaidh agus a chur dh’ an phriosan airson fhiachan, Bha e ’fagail a’ bhaile ’nuair a rugadh air. Beagan ùine ’n deigh dha bhi air a chur a stigh, chroch e e-fhein. Bha e o chionn àireamh bhliadhnaichean a dol mu’n cuairt o àite gu àite ann an iomadh riochd, agus anns gach àite ri ceilg ’s ri sloightearachd. Bha coig ceud dolair aig an fhear a chuir d’ an sas e air airson a bhùird. Cho fada ’s gu ’n teid obair dhe ’n t-seòrsa ud air adhart cuirear stad oirre.
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
SIDNI, - - - C. B.
F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn.
Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.
Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air.
Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.
Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c , &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.
THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin.
Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.
Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.
Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Illemhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitche’s Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.
[Vol . 5. No. 5. p. 6]
(Air a leantuinn o 27 taobh.)
Is truagh nach robh mi ’n Ròna romham,
Cha d’ thàinig mi riabh an cuan so roimhe,
Gun taod oirre, gun taod-cluaise,
Cuipeall ann am bord an fhuaraidh,
’S fiùran dìreach sheasadh suas innt’,
’S cranna fada rachadh mu’n cuairt air.
Bha na Moiristnich cho sgìth an uair a ràinig iad tìr ’s gu’n deach an triùir aca do uamha bhig a bha faisg, ’s chaidil iad an sin. Ach mo thruaigh mar a bha an cruaidh-fhortan ’n an lorg, co thainig gu tìr fo ’n àite sin ach an Leodach a bha ’n an deaghaidh, agus ’n a uile throm fheirg thuit e fhein ’s a sgioba air na Moiristnich sgìth, thruagh, a bha ’n an cadal, ’s mhort e an triuir gun fhathamas, gun tròcair.
A thuilleadh air a’ cheathrar mhac a dh’ ainmich sinn dh’ fhàg am Britheamh Leoghasach aon nighean. Goirid an deaghaidh bàs a bràithrean, rinn a’ chaileag so gealltanas pòsaidh ri oganach smiorail—Moiristneach eile—agus ’s ann ris an fhear so a chaidh cùisean teaghlach a’ Bhrithimh earbsa gus an tigeadh Murchadh Og am mac bu shine dh’ fhag Ailein gu inbheachd duine. Tha e coltach gur h-ann an sgìr nan Loch a rugadh an t-òganach. An la a dh’ fhalbh e dhachaidh gu tighinn do Nis thug a mhàthair dha fichead urad uibhe de dh-ìm, agus dh’ iarr i air gun leum seachad os cionn tuim bhuidhe coinnich gus an ruigeadh e ceann a thuruis, agus e dh’ iche crimein de ’n im an ceann gach greis. Cha robh e fada an sealbh air fearann us seilbhean eile a’ Bhrithimh an uair a thàinig Niall Odhar Mac Leoid ’s an luib a stigh. A réir coltais dh’ fheumadh Niall a spàin a bhi ’n càl a h-uile duine, Air an turus so thug e ceathairne mhath, laidir, leis a thogail féudail nam Moiristneach. Dh’ innseadh air dòigh air choir-eigin do na Nisich gu’n robh na h-Uigich air an t-slighe a thogail an cuid chreach. Chaidh Clann Mhic-Gille Mhoire a ghrad ’n an uidheam gu deannal còmhraig a thoirt do Mhac-Leoid. An uair a chunnaic Niall cho uidheamaichte ’s a bha iad, cha deach e an cinnseal arm riutha; is ann a thoisich e air trod ris a’ Mhoiristneach. Thuirt am Moiristneach ris gu ’m buineadh fearann Thàbast dhàsan ann an còir a mhnatha a fhuair i nuas bho h-athair ’s bho seanair ’s bho sinn-seanair. Thuirt Mac-Leoid an aghaidh sid gu’n do choisinn esan e le fuil ’s gu’m feumadh e fhaighinn. Tha ’n seanchaidh ag ràdh gu’n deach iad a dh-iomairt lagha, ’s dh’fhàg sinne an sin iad.
DONULL MAC-LEOID.
Is e gliocas gach neach toiseachadh turus na beatha le crionnachd iomchuidh agus le fior ghrunndalas. Tha e ro fhurasd a bhi anameasarra, struidheil, agus caithteach, oir cùimhnich gu’m fas ana-caitheamh de gach gnè ceart cosmhuil ri peileir sneachda a’ ruith le gleann.
An neach a théid fada o ’n dorus, cinnidh a shoraidh fuar.
Litreachas.
Leis an fhacal Litreachas tha sinn a’ tuigsinn na sgriobhaidhean anns am faighear smuaintean is faireachduinean na cuid do’n chinne-dhaonna air an do bhuilicheadh tomhas do thuigse. Ann am briathran eile is e Litreachas anns an t-seadh is àirde modh lubhairt troimh sgrìobhadh eadar fear agus fear ’nan nàdur agus ’nam faireachduin mar dhaoine. Gheibh sinn Litreachas mar so ’ga roinn féin a mach ann am meòir do eòlas aig am bheil am freumh ann an inntinn an duine. Tha meur na h-Eachdraidh ann; meur na Feallsanachd; meur na h-Ur-labhrachd no na h-Ealantachd; agus meur na Bàrdachd.
Ged is ann an sgrìobhadh a gheibhear gach gnè Litreachais, gidheadh cha’n ’eil a’ h-uile sgriobhadh airidh air a bhi air a ghabhail a steach fo’n ainm Litreachas. Tha mar so dà sheòrsa Litreachais ri ’m faotainn. Tha seòrsa ann a tha siubhlach, ag atharrachadh leis an là is leis an linn; agus tha seòrsa ann a tha buan a sheasas mairean cho fada agus a bhios cridheachan agus inntinnean dhaoine do’n ghné de ’m bheil iad a nis. Anns an Litreachas a tha siùbhlach no caochlach gheibhear na sgriobhaidhean a tha do ghnè shuaraich no shalaich, agus a’ chuid a tha tioram gun suspainn nach ruig no nach drùigh air anam coitcheann a’ chinne-dhaonna. Sgeul rùisgte nach ’eil air a shuidheachadh ann an corp do chainnt sgeineil shnasmhoir; prionnsapalan lethtromach nach ’eil ag éiridh a mach á fìor nàdur an duine; òraidean no searmoinean anns nach ’eil blas no brìgh; agus ranntachd nach ’eil binn no buadhach, —na leabhraichean no na sgrìobhaidhean anns nach faighear ach a’ ghnè dhiombuan so do litreachas cha bhuin do ’n t-seòrsa a tha buan no maireannach.
I. —EACHDRAIDH.
Cha chanar eachdraidh anns an t-seadh cheart ri leabhraichean ghinealach anns nach faighear ach stiall fhada do ainmean, Mac Dhòmhnuill, Mhic Iain, Mhic Choinnich, &c . ’S e eachdraidh anns an t-seadh is àirde sgeul fior mu ghniomh, mu euchd, is mu fhàs suas a’ chinne-dhaonna, mar tha an cinne-daonna ’na aon no ann an cinnich fa leth. Mar bhuill do ’n chinne-dhaonna tha sinn a’ gabhail tlachd coitcheann ann an eachdraidh mar chuspair meadhrachaidh. Oir tha sinn a’ faotainn iomraidh ann an eachdraidh air modh oibreachaidh cumhachdan agus feartan gineadail nàdur an duine. Chì sinn an sud reuson a’ tionnsgnadh agus ag gìulan a mach a chrìochan iomchuidh fein; agus mar an ceudna an toil, dian lasanta, do-lùbaidh is rag, no fulangach. A rìs tha e cho tlachdmhor leinn a bhi sealltuinn air féin-ghloir ’s féin-iarrtuis ’nan ròidibh ciontach agus a tha e bhi ag amharc air strì ionmholta an fhir aig am bheil gràdh agus math a dhùthcha a’ lasadh le cheile ’nan rùn teinnteach ’na chridhe. Oir ann an sud tha againn sruthadh a mach air dà haobh nàdur an duine; agus tha déigh againn air a bhi faicinn dhaoine ’nuair is miosa agus an uair is feàrr a tha iad. Cha ’n ’eil a bheag do eachdraidh is fiach againn anns a Ghàilig an taobh a mach do ranna ginealach is sgeulachdan nan seanachaidhean nach maireann. Cha deachaidh cnàimh eachdraidheil a chruinunich iadsan ri chéile a chòmhdach fathast le failuinn feòla ùr-dheiseach na h-eachdraidh. Thug Mac-Calum is Mac-Aoidh ionnsaidhean math air eachdraidh na h-Eaglais—mìr beag dhi co-dhiù—a thoirt duinn; agus thug Clann-Choinnich cùnntas nach dona air eachdraidh choitcheann ar dùthcha. Ach cha ’n ’eil an sud ach oidhearpan beaga làimh ris na sgrìobh Herodotus is Thucydides ’s a’ Ghreig, Livy is Tacitus ’s a’ Roimh, Guizot, ’s a’ Fhraing, agus Gibbon, Hume, is Mac-Aulai, &c ., ann an Sasunn. Tha eachdraidh a’ Ghàidheil ’na thuinneachadh is ’na fhas is ’na thighinn a mach ann am Breatunn agus ann an Eirinn fhathast gun sgrìobhadh.
II. —FEALLSANACHD.
Is e feallsanachd, no gràdh gliocais no eòlais, aithne bhi againn air cliù cumhachdan ar n-eòlais, ar faireachduinean, ar n-iarrtuis, agus ar toilean. Cha ’n ’eil moran am measg nan Gaidheal ’nan seann sgriobhaidhean air na cuspairean so; ach tha beagan do litreachas ri fhaotainn mu chuid do na h-ealainibh a tha toirt eòlas duinn air feartaibh na talamhainn is air laghan a chruinne ché. Canar fealisanachd ris an so mar an ceudna; ach cha bhuin e anns an t-seadh is àirde do litreachas. Tha eòlas nan ealan so cho caochlaideach, cho diombuan, an diugh ann is am maireach às, no co-dhiu air ’atharrachadh, gus nach gabhar e a steach fo’n ainm litreachas. Cha ’n ’eil teagamh nach robh fios aig na seann Draoidhean air moran mu chuspairean nàdurra do’n t-seorsa so; ach chaidh a’ chuid is motha d’an eolas am mughadh maille riu féin.
III. —EALANTACHD.
Se còirichean agus leas a’ chinne daonna na cuspairean air am bheil ealantachd, no ùr-labhrachd, ’ga chleachdadh fein. Feudaidh ùr-labhrachd a bhi ann an òraidean a chaidh a labhairt no ann am feadhainn nach robh air an sgrìobhadh. A bhàrr air ealantachd shearmoinean gheibh sinn ùr-labhrachd air a cleachdadh a dhìon còirichean an t-sluaigh—an seorsa, an glòir no an onoir chineadail, an neo-eiseamalachd, agus gach ni aig am bheil feum coitcheann; mar an ceudna a chur ás do olc, a sheasamh an neo-chiontaich, agus a ghiùlan a mach gach òrdugh modhannail.
IV. —BARDACHD.
Is e bardachd co-chòrdadh eugnaidh ann an cainnt bhinn bhlasda eadar an saoghal faicsinneach am muigh agus an saoghal neo-fhaicsinneach a stigh—eadar dathan, cruthan is coslais a’ ché nàdurra agus faireachduinean, staidean, agus iarrtuis anam duine, —is e bàrdachd còrdadh aonachd is tuigse a thoirt a mach mar so à coltas agus à prionnsapalan saoghal nan spiorad agus an t-saoghail neo-reusonta.
[Vol . 5. No. 5. p. 7]
DOIMHNEACHD A CHUAIN— ’N uair a sheallas sinn air aghaidh a’ Chuain tha sinn ullamh gu ’shaolsinn gu’m bhriagh am fearann a’ bhitheadh ann na ’n robh na h-uisgeachan as an rathad. Ach an aite leaba’ ’Chuain a bhi na chonard, ’s ann a tha ’n grunnd na shluic ’s na chnuic, na ghlinn dhomhain, s na bheanntan àrda mar a chitear o’n bheagan a leanas. A measg moran áitean ’s an deachaidh a thomhas ’s ’e so cuid dhiu.
Tha doimhneachd a’ Bhaltic mu 20 Aitheamh: an Caol eadar an Fhraing a’s Sasuinn 50 Aitheamh; cuid do’n Mhedeterranean 800 Aitheamh; Baffin ’s Bay1000 Aitheamh; taobh an Iar a’ Chip(Cape of Good Hope)2,660 Aitheamh; taobh an Iar do EileanSt . Helena4,500 Aitheamh—corr agus sia uibhir ’s a tha dh’airde am Beinn Neamheis!
Tha e moran ni’s fearr géilleadh ann an nithibh beaga, na connsuchadh a dhùsgadh suas. Tha e ’na chleachdadh aig cuid a bhi ’seasamh gu dian air son an dlighe fein dh’ aindeoin a shuaraichead. Is minic tha ’n giulan so a’ togail aimhreitean nach furasd an casgadh. Tha beatha an duine tuilleadh’s goirid air son connsachaidh gu’n diu dhe’n t-seorsa so. Agus mar bi a’ chùis mòr agus cudthromach ’se a’s glice gu’n teagamh, agus a’s lugha trioblaid striochdadh ann an neoni, na bhi coireach an comhstri sam bith a dheanamh. Tha fior ghliocas “air tùs glan, agus an déigh sin siochail.”
Tha Breatunn a lion beagan us beagan ’ga saoradh féin bho fhiachan. Anns a bhliadhna 1816, bha ’n ainbhfhiach cho àrd ri ochd ceud ’s ceithir fichead us ceithir muillein punnd Sasunnach ( £884 ,000,000,) ach an diugh tha i na’s lugha na sia ceud muillein. An deigh blar Waterloo, bha da fhichead punnd s’a coig de dh’ ainbhfhiach air an dùthaich mu choinneamh gach duine bean us pàisde bha chòmhnuidh innte. An duigh cha’n eil mu choinneamh gach duine ach ochd puinnd deug.
SLOINNTEARACHD. —Bha dithis iasgairean anns an dùthaich so uair a coimhead áir bàta bha fear dhiubh air ùr-cheannach. Ars am fear eile ris. “Co rinn am bata?” “Leòra, ’ille,” arsa fear a bhàta, “rinn direach Steaphain Mor mac Antoni ’ic Alasdair ’ic Eoghain Mhoir ’ic Dhughaill ’ic Dhomhnuill ’ic Iain ’ic Eoin ’ic Iain ’ic ’Illeasbuig ic Gille-Phoil ’ic Gille-Pheadair.”
Tha ’n elephant air fas cho gann ann an Africa ’s gu bheil an Riaghladh Breatunnach a bruidhinn air fearann a chur air leth dhaibh anns am faod iad còmhnuidh ann an sith, agus far nach bi cead aig duine dragh sam bith a chur orra. Tha so gle iomchuidh, oir bhiodh e na chall am beothach a’s mo air an t-saoghal a leigeil bás gu buileach.
C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
Bathar Tioram.
20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir.
Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3 .25.
Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na th’ againn gle shaor.
IAIN A. Mac COINNICH & CO.
STOR UR TAILLEARACHD
ANN AN
StorW . E. Peters.
Aodaichean Mathadhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.
Theid sinn an urras air an obair.
MacCoinnich & Co.
Sidni, C. B.
CARADH
Uaireadairean.
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.
Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar uthcha tha ’nar beachd.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.
Siosal & Crowe.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
[Vol . 5. No. 5. p. 8]
Mort Ghlinne-Comhann.
O chlàrsair dhomhsa, cuir an cèill
Cia fàth do chaoidh ’s do chumha géur;
Am fàs Ghlinn-Comhann shìos leat féin
A bheag cha ’n éisd ri d’ cheòl-bhinneas:
Do ’n cheò a shiùbh’leas bheil thu séinn,
Do ’n chiar-dhamh luath mar ghath na gréin’,
Do ’n iolair shuas an àird nan spéur
Tha sgrèuchail séisd ri d’ òrainibh?
Cha ’n eil, gheibh iadsan tàmh dhoibh féin;
Bidh ’n coron ceò air bharr na beinn’,
Bidh ’m fiadh ’n a chos, ’s ’n a nead bidh ’n t-éun
Gun eagal beud bho shealgairean:
Ach dhaibhsan, och! mu ’m bheil mo dhàn,
Na beanntan glas, no coilltean fàs,
No n t-slochd so fein nach faic an là
Cha dheanadh sgàil bho mhealltaireachd.
Bha ’m bratach fillt’, bha ’n druma balbh,
Na madraidh féin bha iad ’n an tàmh,
Ri neach a thig mar charaid gràidh
Cha b’e an abhaist tathunnaich:
Le ceileir ait bha phìob ri ceòl;
Bu riomhach ribean-gruaig na h-òigh;
’S a cuigeal dh’ fhàg a máthair fòs
A dheanadh còir bhean-tigheachd.
An làimh a mheasg leò anns an tràth,
An claidheamh ghlac aig uair na tàimh,
A dhìoladh duais do chridhe blàth
An fhir thug tàrmunn ’s aoibhealachd:
Bho ’n teinntean theoidh gu càirdeil i
Aig meadhon oidhch’ am bioran spìon
A rinn an gleann so thoirt gu dìth
Le lasraibh mìllteach boisgeacheil.
Bha sgreadail bhan ri chluinn gun stà;
Bior-chaoineadh leanaba ris n’ bhàs
Na osnaich throm na’m fir ga’n cràdh
Cha cheann’cheadh dàil bho’n chasgaireachd:
An luath ghaoth gheamhraidh dh’ fhead’laich geur,
An sneachd bha ’n oidhch’ ud air an fheur,
Ged b’ fhiadhaich fuar bha iadsan féin
Ni b’ iochdmhor gné nan Sachunnach.
Bho chian a fonn mo chlàrsach chaill,
Tha’ teudan tearc, tha ’fuaim ro fhann,
’S cha chluich i chaoidh ’s na coiltibh fas
Ach truaigh a maighstir chiar-fhaltaich:
Ged robh gach riobag liath ’n ’a teud
’S e mallachd thilgeadh iad gu lèir
Ach gus an glaoidheadh Alb’ gu geur,
“Gu’n diolar ceilg is fiar-bheartean.”
—Eadar. le DOMHNULL MAC CALLUM.
An Gille Dubh.
SEISD.—
An gille dubh cha treig mi,
’S le fear a’ chruidh cha teid mi;
An gille dubh cha treig mi,
O’n thug mi fein mo ghealladh dha.
Tha mo chairdean deonach,
’S iad toileach mise ’phosadh,
Ri fear airson a storais,—
Nach gorach leibh ’n am barail iad!
Is e mo ghaol an t-uasal
A dh’ imich thar nan cuantan;
Bu shealgair choileach-ruadh e,
M’ an gluaiseadh iad ’s a’ chamhanaich.
’N uair dhireadh tu na stucan
Le d’ ghunna caol nach diulltadh,
Bhiodh coileach dubh na durdail
A’ lubadh bharr gach meangain leat.
’N uair theid thu thun na feille
Do ’n chlachan ri la greine;
Cha ’n fhaicear measg uan ceudan
Fear eugais a’ ghille dhuibh!
Gur e mo ghaol an t-oigear
Aig ’bheil a’ phearsa bhoidheach,—
Troidh chuimir am broig chomhnaird
Nach toir air feoirnein carachadh.
Gur e mo ghaol an t-oigear
Aig bheil a’ mheall-shuil bhoidheach;
Gu ’n aithnichinn do cheum comunard,
A mach air lòin a’ bhaile so.
Gur e mo ghaol an t-armunn
A chaidh a nunn thar saile;
Na ’m faighinn cead mo chairdean,
Gun dail gu ’n deanainn banais dhuit.
Cha b’ ioghnadh mi bhi ’n toir ort,
’S do ghruaidhean mar na rosan;
Do chneas mar chanach lointean,
’S mar ite ’n eoin do mhalaidhean.
’S ann an raoir a rinn mi bruadar
Am chadal air a’ chluasaig—
’S a’ mhadainn, ’n uair a ghluais mi,
Gu ’m b’ fhada bhuam an gille dubh.
Gur mise th’ air mo lionadh,
’Bhi cuimhneach air do bhriathran;
Gu ’m b’ fhearr nach fhacas riamh thu,
Ma thug thu ’m bliadhna ’n car asam.
Ma rinn thu mise ’threigsinn
Le comhairle luchd-breige,
Cha ’n fhiosrach mi fo ’n ghrein
Ciod am feum a th’ anns an leannanachd.
Ma rinn thu mise ’threigsinn
Le comhairle luchd-breige,
Mo mhile beannachd fein leat
O’n ’s e gu ’m b’ eudar dealachadh.
NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B,
Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha.
NUAIR THEID THU ’BHADDECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram, Bathar Cruaidh
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile.
An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.
McDonald Hanrahan & Co,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wentworth
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bhil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do ’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhea gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MHAC-TALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean.
Am bheil thu gabhail Mhic-Talla?
mu eil
Cuir ’ga iarraidh $1 .00 sa bhliadhna
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .,
SIDNI, - - C. B.
title | Issue 5 |
internal date | 1896.0 |
display date | 1896 |
publication date | 1896 |
level | |
reference template | Mac-Talla V No. 5. %p |
parent text | Volume 5 |