[Vol . 5. No. 6. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OGUST 8, 1896. No. 6.
COMUNN GAILIG INBHIRNIS.
Coinneamh Chairdeil.
Tha an comunn so a’ coinneachadh gach bliadhna air feasgar Diordaoin, a’ chiad latha de mhargadh na cloimhe, an Inbhirnis. Air an fheasgar so tha àireamh mhòr de luchd-reic is ceannaich a’ tighann do’n Bhaile, agus ged a tha mòran diubh aig nach eil facal Gailig bidh iad mar a’s trice, aig a’ Choinneamh Chairdeil. Aig a choinneamh so tha ’n aireamh a’ mò de na h-òraidean agus de na h-orain ann am Beurla, do bhrigh gu bheil an àireamh a’s mò de’n t-sluagh a bhios a’ làthair gun aon fhacal Gailig ’nan cinn. Agus feumar aideachadh gu bheil mòran diubhsan aig am bheil Gailig cho suarach mu deidhinn ’s gur fhearr leotha na h-òraidean agus na a-òrain a bhith ann am Beurla na ann an Gailig.
Air an t-samhradh so b’ e an T-Urramaeh A. Stiubhart, D. D., a Bun-Lochabar, a bh’ anns a’ chathair. Thug e seachad òraid a bha fior thaitneach agus deadh chainnteach, mar bu ghnàth leis a dheanamh. B’ anns a Bheurla a labhair e: oir, eadhon aig Coinneamh a’ Chomuinn gach samhradh is i a’ Bheurla a dh’ fheumas an t-àite a’s urramaiche fhaotainn. Is e sgoilear Gailig fior mhath a th’anns an Dr. Stiubhart; och is e fior bheagan Gailig a sgriobh e riamh. Tha e na sgriobhaich Beurla neo-chumanta math. Cha ’n eil crioch air na bheil de naigheachdan eibhinn aige, agus innsidh e iad ann an doigh cho eibhnn ’s nach mòr nach tugadh e gàire air gamhainn.
B’ ann air Mr. Mac Bheathain a mhaidich luchd-riaghlaidh a’ Chomuinn gus an òraid Ghàilig a thoirt seachad. Ach gu mi-fhortanach thachir gu robh e tinn air an fheasgar ud. Thug Mr. A. Mac Coinnich, deasaiche a’ Ghaidheil Albannaich, (no a Chlaeh, mar a theirear ris gu cùmanta), seachad an òraid Ghailig. Sheinneadh an sin beagan de dh’ òrain Ghàilig.
Bha ceol is dannsa aca; ach cha robh a dannsa ach beagan de na gillean òga Gaidhealach a bha làthair. Bha na h-òganaich so air an éideadh o am bonn gu ’m bathais ann an deiseachan Gaidhealach. Cha’n anns a h-uile àite a chiteadh an leitheidean.
Mar a tha fhios aig mòran, is e Niall Mac Leoid, an Duneidionn, Bard a Chomuinn. Tha e ’deanamh òrain do’n Chomunn gach bliadhna. So agad an t-òran a rinn e am bliadhna:—
COMUNN GAILIG INBHIRNIS.
Tha samhradh eil air teachd mu’n cuairt,
Tha ceòl ’us luathghair feadh nan crann;
Tha maise ’sgeadachadh nam bruach,
Tha trusgan ùr air cluain ’us gleann.
Tha clann mo rùins’ a rithist cruinn
Am baile rioghail tir nam beann;
A deanamh iomradh air na suinn,
’S air eachdraidh bhuan nan linn a bh’ ann,
A chumail suas na Gàilig bhinn,
’S a h-ionmhasan gun dith gun chearb;
Seasaidh a cliù bho linn gu linn
Air chuimhne mhaireannach nach searg.
Canain nam bladhnaibh cian a thriall,
’S a gniomharan cha teid air chùl,
Tasgaidh ar ’n anam cainnt nan triath,
’G a h-altrum suas le miadh ’us mùirn.
Dh’ fhag iad an eachdraidh glan ’n deigh,
Dhearbh iad an treubhantas gu tric;
Leanadh an sliochd air luirg an ceum
Gu fearail, fiùghail, gleusda ghlic.
Cho fad ’s a shiubhlas uillt gu cuan,
Cho fad ’s a bhuaileas tonn air traigh;
Biodh clann mo dhuthcha’ ’s cainnt mo sluaigh
A’ chonadh buaidh fo àl gn àl!
Gu mu fada Niall còir beò gu òrain a dheanamh!
F. O. S.
17, 7, ’96.
Litir a Ontario.
FHIR-DEASACHAIDH, —Feumaidh an gobha an t-iarrunn a bhualadh am feadh a bhios e dearg, oir mur buail, cha’n urrainn e ’n cumadh a bu mhath leis a chur air. ’S ann mar sin a tha mise. Mur sgriobh mi fhad ’sa bhios a shunnd orm, tha mi, coltach ris an iarunn ’nuair a dh’ fhàsas e fuar, —duilich toirt orm tòiseachadh air sgriobhadh.
Tha ’n t-side gu math blàth, agus cha’n fhada gus am bi am foghradh againn ’na làn theas. Tha ’m bàrr moran na’s fhearr na bha daoine ’smaoineachadh a bhitheadh e. Thainig uisgeachan gu math fliuch, agus rinn iad moran feuma. Ach tha glaodh a chruadail ann le gainnead airgeid, —prisean iseal, ’s gu de nach eil ann; biastan air a bhuntàta, agus a nise gaiseadh a tigh’n air a chruithneachd.
Tha mi fua’sach toilichte fhaicinn gu’n d’ fhuair am MAC-TALLA deis’ ùr, agus gu bheil i na’s modha dha na bha ’n t-seann te. Le bhi mar sin thug i comas dha fàs na bu mhotha, agus gu cinnteach tha e nise na phaipear maiseach, agus rùmail gus ar litrichean a dheanamh na’s motha—agus cha ’n eil sin furasda. Bi’dh Dughall Mac Gilleain toirt dhomh leasain air uairean air mar is còir dhomh Gàilig a sgriobhadh. Na’m biodh pàirt dhe na tha ’sa cheann aige ’se cheann agamsa, agus pàirt dhe na tha ’sa laimh agamsa ’sa laimh aigesan, dheanamaid le chéile eachdraidh mhor a chuir g’ ad ronnsuidh, oir bhiodh againn le chéile gu leòr agus ri sheachnadh an deigh an roinn a dheanamh. Cha n eil moran de naigheachdan agam an dràsda dhuit, oir am bitheantas is math leis an luchd-leughaidh na naigheachdan a bhi air an sgriobhadh ann an cainnt bhlasda, agus tha eagal orm nach comasach dhomhsa sin a dheanamh.
Air an 12rra latha de ’n mhios a dh’ fhalbh, chaochail Seumas Camaran, aois tri fichead us ceithir bliadhna. Rugadh e ann am Muile. Thainig e do’n dùthaich so o cheann da fhichead bliadhna. Bha e ’na dhuine caoimhneil, càirdeil. Chunnaic e chuid bu mho de theaghlach air an toirt bhuaithe leis a bhàs mu’n d’ fhalbh e-fhéin.
Tha iad ag radh gu bheil an corca a reic air deich sentichean am buiscal. Aig a’ phris sin cha ’n fhiach do dhaoine dol a chosg ri bhualadh. Bidh ’n crodh ’sna h-eich gu math reamhar air a’ gheamhradh a tha romhainn. Tha cuìd nhath fheòir ’sa choimhearsnachd so. Tha fear laimh rium do’n ainm Hinks, Sasunnach, agus tha da fhichead tunna aige, agus tha e coltach ris an fhear nach reiceadh a chearc air latha fliuch—cha reic e e gus am faigh e pris mhor air.
Tha mi smaoineachadh gu’n dean mi sgur an dràsda. Sgriobhaidh mi an ùine gun bhi fada rithist, agus feuchaidh mi ri naigheachdan ùra bhi agam dhuit.
Do Charaid Dileas,
IAIN MAC ILLEASBUIG.
Priceville , Ont. ,29, 7, ’96.
Bha duin’ -uasal a dol seachad air amhainn araidh, agus chunnasc e Eireannach ’na sheasumh air cloich gu dian ag iasgach ann am pòll mòr, domhain a bha roimhe. “Tha thusa an sin ,a Phat, a’ cur gu tréun ris an iasgach; is cinnteach gur taitneach, grinn, gasda an sruth sin air son nam breac.” “Ochan! a’ ghraidh mo chridhe, is esan a th’ ann sin oir bha mi ’nam sheasamh an so, o cheann tri uairean a dh-uine, agus cha’n fhàg seolag dhiubh am poll.
[Vol . 5. No. 6. p. 2]
SILIS NIC-COINNICH.
SEAN SGEUL GHAIDHEALACH.
(Bho Bheurla Sheumais Hogg, Ciobair Ettrick.)
VI.
AIR taobh thall na h-aibhne mu choinneamh a’ Chaisteil, bha, a reir dualchainnt an aite, duthaich eile nach buineadh do oighreachd Chlann-Choinnich. Is i an abhuinn ud a bu chomharradh-criche eotarra. Air an taobh ud de’n abhuinn, goirid bho ’n Chaisteil, bha ceatharnach foghainteach a chomhnuidh, d’ am b’ ainn Mangan Mac-Rath—muilleir Lag a’ -mhuilinn. Anns na laithean ud, cha robh muilnean na Gaidhealtachd—le an clachan, le an acfhuinn, le an cuibhlean, le an linnteachan uisge agus le an tuildhorsan, air an togail, no air an deilbh cho diongmhalta, cho snasmhor agus cho ealanta agus a tha iad a nis. Is ioma tuil ghailbheach a chunnaic Mungan; ach bi a bharail, mar theireadh e, “Nach facas riamh o laithean Noah, agus nach faicear tuille gu latha ’bhreitheanais leithid na tuil a thainig le aiteamh na Nollaig air a’ bhliadhna ud.” Chuir i Mungan ’n a chabhaig, oir bhruchd i thairis le maoim air callaidean-taobh na linne-mhuilinn air chor agus gu ’n robh am muileann agus gach tigh eile a bhuineadh dha, ann an cunnart a bhi air an sguabadh air falbh. Thug e ’mach a bhean, a mhac agus a nighean, a dh-fheuchainn ciod a b’ urrainn iad a dheanamh gu bhi ’tionndadh an uisge seachad air a’ mhuileann, le bhi a’ torradh suas callaid-dhidein air culthaobh na comhla-uisge, le maidean, le clachan, le sgrathan agus le lòid de ’n inneir as an dun-aolaich.
Bha Mungan a’ cur na smuid dheth, a’ camadh agus a dinneadh ri cul na comhla-uisge, gach ni a thigeadh gu ’laimh; agus a’ smàdadh ’s a brosnuchadh a luchd cuideachaidh gu barrachd adhartachd agus dichill. “A bhean gun mhath, siuthad, siuthad, crom do dhruim ris an obair; na biodh eagal ort do lamhan min a shalachadh; bi falbh gu luath agus lion gaca poca a tha anns a’ mhuileann leis an innear; luathaich do cheum, bi grad-charach. A Sheonaid, a ghleosgaid bhog, luideach, ciod e air am bheil thusa a’ smaointeachadh? Mar is beo mi; cha ’n ’eil os cionn deich clachan de ’n inneir agad anns a’ phoca sin air do dhruim. Uisdein, a shlaodaire leisg, cha tusa dad is fearr na cach; nach ’eil thu ’faicinn mar tha sinn an impis a bhi air ar sguabadh air falbh as an t-saoghal, mur dean thu barrachd dichill.” “Athair, an bheil urchair anns a’ Cheapaich?” “Mo mhile mallachd ort, a bheisd gun chiall, gun naire. Is beag na bheireadh orm do chlaigionn a bhristeadh; ciod e a tha dhith ort a dheanamh leis a Cheapaich aig an am so?” “Chi mi coslas eala bhreagha a’ tighinn a nuas leis an t-sruth.” “Ruith, cho luath ’s a rinn thu riamh; greas ort; tha a’ Cheapach daonnan lán, gu tioram, glan; greas ort, agus cuiridh sinn smuid ris an eala, ciod air bith a dh’ eireas do ’n mhuileann.” “O! a Mhuire ’s a Righ! Cha ’n i eala a th’ ann, ach boirionnach baite.” “Obh! obh! nach mise an duine truagh ’n ur measg. Ciod a thainig ri Uisdean; ciod a tha ’g a chumail cho fada; agus sibhse, a luidean boga, gun tapadh, gun chruadal ri am na h-eiginn, ach caoineadh agus bas-bhualadh.” Anns an dol seachad, rinn Mungan greim bais air a’ chorp, agus ann am priobadh na sul, shlaod e gu tir e; ach ’n uair a sheall e mu ’n cuairt, bha a bhean, agus a nighean a’ teicheadh uaithe cho luath ’s a bheireadh an casan iad. “C’ aite a nis am bheil sibh a’ dol, a’ chreutairean gleadhrach, neo-smaointeachail. Pillibh agus cuidichibh leam a giulan a stigh. Na cluinneam tuilleadh d’ ur donnlaich. So, a nis, glacaibh mo dha laimhse; leigibh sios a ceann, a dh’ fheuchainn an cuir i mach pairt de ’n uisge a tha air a giulan; cha ’n ’eil fhios nach faod an deo bhi innte fhathasd.”
“O, a Mhungain, na dean sin, cum suas mo cheann; cha’n ’eil moran cearr orm: cha deachaidh mo cheann riamh fodha ’s an uisge.”
“O, mo chreach ’s mo dhiubhail!” arsa Mungan, “cho cinnteach agus a theid mise chur air m’ fhocal aig a bhreitheanas mhor, is i baintighearna uasal Eidirdeil a tha againn. Gu ’m beannaich an t-Athair Naomh sibh; ciod e a chuir an so sibh; cia mar a thainig sibh; an cualas riamh a leithid?”
“Thainig mi direach mar a chunnaic thu; coma co dhiu, cuir ann an leabaidh bhlath mi, agus innsidh mi dhuit an t-iomlan ri h-uine; oir bha taisdeal eagalach agam a dh-ionnsuidh do thighe-se; turus cabhagach da-rireadh. Cha ’n ’eil thar mionaid de thim bho ’chaill mi greim air laimh a’ Mhoraire, a’ dol thairis air an drochaid-mhaide.”
Cha b’ fhada gus an robh Silis air a cluthachadh gu seasgair comhfhurtachail ann an leaba bhlath, thioram a’ mhuilleir, agus air a h-eiridinn leas gach curam agus frideam a b’ urrainn a theaghlach caoimhneil a bhuileachadh oirre. Dh’ asluich i orra a’ chuis a chumail ann an diomhaireachd gus am faiceadh i iomchuidh i fein a dheanamh aithnibhte; ach cha deachaidh i am feobhas cho luath ’s a bha duil aice. Thug an clisgeadh uamhasach a fhuair i, caisleachadh goirt d’ a caileach agus d’ a h-inntinn. Bha i air a cur thuige gu mor le amharus paintach gu’r h-e am Moraire, e fein, a thilg thar na drochaid i. Cha b’ urrainn i an t-amharus so, a rinn deargadh craiteach air a cridhe, a dheanamh aithnichte do theaghlach a’ mhuillear; ach chuir i roimpe fuireach leo ann an uaigneas folaichte, gus an cluinneadh i ciod an cunntas a bhelrteadh leis a’ Mhoraire agus le a chairdean mu thimchioll a bais.
An deigh beagan laithean, thairg i duais mhor do Uisdean, na ’n gabhadh e os laimh dol gu h-uaigneach a dh-ionnsuidh a’ chaisteil, agus sanus a thoirt d’a comh-dhalta, Oighrig Nic-Coinnich i ’thighinn g’ a faicinn.
“Mo chreach leir?” ars’ a mhathair, “Is beag a ruigear a leas duais bheag no mhor a thairgseadh do Uisdein còir airson dol air gnothuch uaigneach gu Oighrig Nic-Coinnich. Tha mo ghille math ni ’s trice ann an cuideachd Oighrig, na ’chithear ’s an Eaglais e; cha bu duais fhaoin a chumadh uaipe e; agus tha ise cho seolta agus cho cuireideach agus nach d’ fhuaradh a mach iad riamh fhathasd, aon chuid leibhse, no le neach eile timchioll a’ chaisteil. Theid mise an urras dhuibhse, nach ‘ceum air ghàig’ le Uisdein dol leis an teachdaireachd gu Oighrig; ach ma ghabhas e aon ruadh-bhonn copair airson a shaothair, beathaichidh mise e air dubh-bhrochan eorna, gun im, gun bhainne gu ceann mios an deigh so.”
An uair a chuala Oighrig bhochd, sgeul Uisdein, bha a cridhe an impis sgaineadh le aoibhneas, ghuil i gu frasach, agus phaisg i a lamhan geala mu mhuineal garbh a’ mhuilleir, phog i e; ach cho robh furas no foighidinn aice airson a bheag d’ a bhriodal aig an am ud; ann an tiota, bha i deas, agus ghoid i air falbh le Uisdein, a dh’ fhaicinn a caomh bhan-charaid.
Cha bhiodh e comasach cainnt a chur air na faireachduinnean measgaichte leis an do choinnich Silis agus Oighrig ri ’cheile, n’ an aonar, ann an seomar samhach Mhungain Mhic-Rath. Aig a’ choinneimh ud, dh’innis Oighrig gu saor d’ a bancharaid, a mheud agus a b’ aithne dhi de gach comh-chordadh, agus de gach innleachd dhorcha agus dhroch-mheinneach a bha air an deilbh le maithean a’ chinnidh, gu dealachadh a chur eadar i fein agus a ceile uasal, beo no marbh; agus mar an ceudna, cho daingean agus cho dileas ’s a sheas am Moraire an aghaidh an uile chomhairiean, a dh-aindeoin gach bagraidh agus dian-iarrtuis leis an do sharuich iad e d’ a taobh o chionn bhliadhnachan; gus mu dheireadh an do bhuadhaich iad air gu aontachadh ris an turus chrabhaidh ud gu uaigh Naoimh Bhothain; agus gu ’r h-e Carnach, gu sonruichte, le cuideachadh mac a bhrathar—Bar-a’ -mhuilinn—a thilg thar na drochaid i; agus gu ’n do ghiulain iad am Moraire eatorra ann an riochd mairbh, air ais do ’n chaisteal; agus nach b’ fhada gus an d’ thug iad air a chreidsinn gu ’m b’ ann le a saorthoil fein, fo eagal breisleachail, a leum i thar na drochaid mhaide.
Thug am fiosrachadh a fhuair Silis bho Oighrig, faothachadh agus lan-shaorsa dhi bho gach amharus leis an robh i air a sarachadh a thaobh neochiontas agus treibhdhireas a’ Mhoraire; agus air dhi a nis, a bhi lan-earbsach ’n a dhilseachd agus ’n a ghradh, bha i caoin shuarach mu gach ni, no neach a dh’ fhaodadh a bhi ann an droch run dhi, air uachdar an t-saoghail. Mu ’n do dhealaich i fein agus Oighrig, rinn iad suas eatorra, an oidhche, agus an uair, air an tilleadh i dhachaidh, ann an cuideachd, agus fo sheoladh Oighrig. Thachair so oidhche
[Vol . 5. No. 6. p. 3]
no ’dha, mu ’n robh Oighrig air a ceasnachadh leis a’ Mhoraire, an lathair nan uaislean; agus bha e air a choimhlionadh gu seolta, sgiobalta le tapadh Oighrig, mar a chaidh ainmeachadh cheana, agus mar an ceudna, a’ chrioch eagalach gus an d’ thainig e.
An uair a chaidh iad a mach a shealltuinn as deigh nan uaislean a leum troi an uinneig bha Oighrig, gun sgath gun eagal air toiseach na cuideachd, le leus ’n a laimh. Fhuair iad Carnach ’n a shineadh eadar an caisteal agus bruach na h-aibhne; bha e cheana marbh, oir bha e as an amhaich, agus a chorp air a phronnadh gu deistinneach. Goirid o ’n aite ’s an robh Carnach ’n a luidhe, fhuair iad Bar-a- mhuilinn air a dhroch bhruthadh ach cha robh e marbh. An deigh dha dol am feobhas, dh’ aidich e do Shilis, an t-iomlan de gach innleachd mhallaichte a bha air an runachadh leis na maithean airson a cur as an rathad. Air dhi a thuigsinn, nach b’ ann le falachd no le mi-run d’ a taobh fein, gu pearsanta, ach le suil ri leas coitchionn a chinnidh, a bha iad air an gluasad gu feuchainn ri a dealachadh bho ’n Mhoraire, thug Silis saor-mhaitheanais dha; agus le a h-eadarghuidhe as a leth, fhuair e as gun pheanas; ach bha e’n a eirbhleach crubach cho fad ’s bu bheo e. Tha an t-aideachadh a rinn e do Shilis, ’n a thaisbeanadh riochdail air dilseachd uaislean nam fineachan Gaidhealach d’ an iochdarain, anns na laithean a dh’ fhalbh. Dh’ innis e dhi nach b’ ann gus an d’ fhairslich orra, an deigh ioma deuchainn, am Moraire eigneachadh gu dealachadh rithe, agus bean eile a ghabhail ’n a h-aite, a smaointich iad air an turuschrabhaidh gu uaigh Naoimh Bhothain, a dh-asluchadh air, na ’m b’ fhior, ise a bheannachadh le leanabh mic, a bhiodh ’n a cheann-feadhna do ’n fhine ann an aite ’athraichean; ach gu ’r h-e a bha da-rireadh ’n an run, nach tilleadh, aon chuid, i fein no aon de na mnathan-coimheadachd a bha gu bhi comhla rithe beo air an ais bho ’n fheisd chrabhach ud. Cha robh e riamh ’n an run, a bathadh; gus a’ mhionaid air na d’ fhuair iad i air mullach na drochaid-mhaide. Bha searrag de fhion puinnseanaichte aca, a bha gu bhi air ’òl le Silis agus leis na baintighearnan ard-inbheach eile a bha gu bhi ’n a cuideachd, a cupan-comanachaidh òir; oir mar nach biodh e comasach dhoibh eadar-dhealachadh a dheanamh, chuir iad rompa gu ’n iobradh iad beatha gach aon de na baintighearnan eile, gu iad fein a shaoradh bho amharus d’ a taobhse.
Ach is e deireadh mo sgeoil a’ chuid is fearr de ’n iomlan. Co aca is ann o bhi a’ cadal fad cheithir-la-deug air leaba chruaidh fhraoich, no le bhi air a beathachadh re na h-uine ud air brochan-bainne agus im; no co dhiu a bha no nach robh buaidhatharrachaidh aig a ghàbhadh troi an denchaidh i ’n a cuairt eagalaich air uchd na tuil gu Lag-a’ -mhuilinn, air a caiieachd agus air a slainte —coma, co dhiu—mu ’n deachaidh bliadhna eile thairis, rugadh nighean dhi, agus ri h-uine, dithis mhac. Chaith i fein agus a companach uasal feasgar an laithean ann an sonas agus ann an siochainnt; chaochail iad aig seann aois, ann an urram agus ann an ard-bhiuthas; ach tha an gineil gus an latha an diugh, fhathast ann an seilbh dhligheach air cuibhrionn chuimseach da sheann oighreachd fharsuing, iomraideach Eidirdeil.
—Muileach ’sa Ghaidheal, 1874.
A’ CHRIOCH.
MU SHEALG DHEIRINNEACH OISEIN.
Bha Oisian na shean aois ann an Tigh a muigh na aonar ann am Baile gan ainm Gleann-caoin-fheoir an Sgithreachd Thorasa. Chuir Pàdruig agus nighean Oisian, cul ris, le ro mheud sa dhichidh e. Chair Pádruig cuireadh air Oisian athir-ceile chum feusd a dh’ umhluiche do dhream araid dheth na cairdibh. Chuir aon do na daoinibh oga, reasgach a bha nan suidh aig an fheusd, aig an robh Calpa Feidh ga chreim, a cheist air Oisian a faca e riamh calpa feidh bu mho nan calp ud. Rug Oisian air a chalpa agus mheurich e e, oir bha e na dhall an uaìr sin. Agus fhreagair e ’n t-oganach, agus thubhairt e ris gu fac e calpa Luin moran ni bu mho, agus gum b’ aithne dha ’n t-aite ’n robh e, mar a bhi dith na Leirsin. O! se ’n t’ amadan truadh ars a nighin a fear ata tabhairt creideis dhuit led Bhosd agus led Bhriagaibh. Thug i an togail ghrad sin air Eachdraidh na Feinnidh bha sgriobht’ aig a companach Padruig, agus thilg i ’n t-iomlan ann am meadhoin ’n teinidh, agus chaidh iad re theinidh, mun do rug iad ach air ro bheag a shabhaladh dhiubh. Bha Padruig ro dhuilich air son. Mata ars Oisian dearbhidh mise dhuibh, gar i ’n fhirinn ata agamsa. Agus a Phàdruig mo cheadichis tu dod mhac falbh leamsa lorgadh mi mach fathast Calpan Luin. Dh’ aonntuich Pádruig a leigidh leis. Dhalbh Oisian agus mac Phàdruig, ga ’m b’ ainm an Gille-blar-odhar. Choisich iad gu iochdar Beinn an t-sealluidh, agus thog iad a mach ri achadh gan ainm Lurg Iarinn. Thubhairt Oisian ri odha ciod e laochain a thu nis a faichdinn, oir tha mi cluinntinn monmhor bruidhne. Tha ars odha daoine tha air Seisrich lamh rinn. Thoir mise laochain an rathid a tha iad; rinn odha mar a dh’ iarr e air. ’S math a gheibhar sibh fhearamh ars Oisian. Tha sinn a deanamh mar dhaodas sinn ars a na fiolr. Thoir dhomh do lamh ars Oisian ris a chrannaorean cha tabhair ars odha, ach thabhair an colltair’ as a chrann, agus thabhar dha e. Rinn an duine mar sin, agus ghlac Oisian ’n colltaire agus lùb e air a cheil’ e.
Na dheidh sin tbog iad a mach re màm bradhadil, agus theirinn iad air Leitir Luin, air a bheil an t-ainm sin gus an la ’n diu’. Deir Oisian re odha bi furachair a faic thu seana chraobh mhor dharuich agus cos na taobh. Thuair an Gille-blar-odhar i gun ro mhoran saothrich, le seoladh a Shean-athir. Chuir Oisian a lamh a stigh sa chòs ’us thug e mach as calpa ’n Luin. Dh’ imich iad rompa mach as a choillidh. Seall a laochain ars Oisian a faic thu cnoc mor anns a bhlar an iochdar na coille. Chi ars odha. Treoruich mis’ ’n sin ars Oisian. Se ainm a chnoic sa Ceann a chnocain. Cnoc-fraorc bu ghnath leis an Fheinn a bhi a tathich gu tric ann sma linnibh roimhe sin. Ceart lamh ris a pholl na thoidhluichd Fionn athair Oisin an coire ris an canar gus an la ’n diù’ poll choir Fhinn. Thuigh iad air a chnoc agus ghabh iad mo thamh an sin re na h-oich’.
Ghuidh Oisian gu duthrachdach gum biodh Biorach-Mac-Buidheag an t-aon chu bu dona bha riamh san Fheinn air dheonuchadh dha. Mhosguil e mu dheiridh na h-oich’ ’us e mothachadh trom air muin a chos, agus dh’ athnich e gun d’ fhuair e athchuimhnich. Dh’ fhan e mar a bha aige gu briseadh na faire. Dhuisg Oisian an Gille-blar-odhar, agus thug Oisian eibh na iolach mhor as a chuir geilt-chrith air gach creutair gluasdach a bha anns na coilltichean man cuairt dha. Ciod e chi thu ars Oisian ris a Ghille-bhlar-odhar? Tha mi faicinn aireamh lionmhor do chreutairibh beaga seang ruadha. Leigidh sinn seachad iad sin deir Oisian. Cha ’n eil a sin a Laochain ach sliochd na Luaithe-Luinnich. Thug Oisian an ath-éidh as. Ciod e nois a chi thu laochain. Chi mi ars odha na h-urid do bheathichibh seanga donna. Tha sin sliochd na Deirge-Dasnuiche. Leig sin seachad fathasd. Thug e an treas èidh as. Dh’ fheoruich e da odha ciod e bha e faicinn. Tha mi faicinn ars odha moran de fheidhibh troma-donna. Bi stuig Biorachmachd buidhaig. Re siubhal a laochain a faic u ’n cu a tighin. O! chi mis e ars an Gille-blarr-odhar agus a chraos fosgailt. Cha neil mo chuileins buidhich seilge fathasd agus marbhich e sinne. Ach feuch a stiur thusa mo lamhs a stigh na bheul nuair a thig e ’m fogasg. Rinn e mar a dh’ iarr Oisin air, agus chuir e lamh na chraos ’us mharbh se e.
Tha air a nis mi far a fac u na feidh a tuitim. Chruinnich e leis iad air mullach a ghualinn ’us air uallich a dhroma, gus an ruig e ’n cnoc air an do chaidil iad an oiche roimh sin. Chuir iad suas an turhach. Chruinnich iad connadh. Chuir iad na feidh as bein. Thog Oisian Coir Fhinn athair as a pholl ’us bhruich iad na feidh. Nis a laochain ars Oisian ri odha fan thusa fad na laimhe uamsa man ich mi thu ’n riochd toitein. Mo gheibh mise mo leoir an diugh cha bhi dith na failinn ortsa r d bheo. Ma b’ fhior na fuidhidh e leoir an la sin gum fàsadh e ogail, laidir, neart-mhor treubhach. Bha ’n fhagails aiga on leannan Shith. Bha crios ma mheadhoin air son a bhrù theannachd air a cheila. Bha naoi tínnachan dhe ’n chrios air a chuir seach a
(Air a leantuinn air 39 taobh.)
[Vol . 5. No. 6. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ‘Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, OGUST 8, 1896.
Tha an t-Onarach Wilfred Laurier a nise na Phriomh Mhinisteir air Canada, agus tha e fhéin ’sa phàirtidh a’ riaghladh na dùthcha. Tha a phàrlamaid ri suidhe air an naodhamh latha deug dhe’n mhios, ach roimhe sin tha aig a Phriomh Mhinisteir ’s aig na ministeirean eile tha còmhla ris ’sa chabinet ri bhi air an taghadh a rithist le sluagh nan siorrachdan a thagh iad air a mhios s’a dh’ fhalbh. Iadsan nach robh air an taghadh an uair sin, feumaidh iad àite-suidhe fhaotainn o shiorrachd air chor-eigin, oir cha ghabhar riutha mar mhinisteirean gus an taghar iad. Cha’n eil dùil ri fior mhoran a bhi air a dheanamh aig suidhe na pàrlamaid air a mhios so, ach a mhàin gnothuichean a chur air dóigh a thaobh riaghladh na dùthcha chumail air adhart gus am bi i cruinn a rithist. Aig suidhe na pàrlamaid toiseach na bliadhn’ ùire, tha dùil aig an Riaghladh ur ri caochladh atharraichean a dheanamh a tha iad a’ meas a bhios a chum feum na dùthcha, ach gus a sin theid cùisean air adhart direach mar a bha iad a’ deanamh roimhe so. Tha Mr. Laurier ag gealltuinn na còmhstri a thaobh sgoilean Mhanitoba a chur air dòigh gu siochail agus air mhodh a chordas ris na h-uile an taobh a stigh de shia miosan.
Tha muinntir nan Stàitean a nise gu bhi ann an teas ’s an cruas blàir an taghaidh. Tha na Republicans an deigh McKinley a roghnachadh air son a bhi ’na Cheannsuidhe air an dùthaich, agus tha na Democrats an deigh Bryan a roghnachadh. Eadar an dithis so bidh an cath cruaidh agus searbh, oir tha iad le chéile ’nan daoine tapaidh, agus gle ghleusda air an teangaidh, ach cha ’n eil teagamh nach e McKinley a gheibh buaidh.
Tha factoridhean nan giomach air dùnadh. Tha an lagh a bacadh gin a ghlacadh an deigh a cheud latha ’n fhoghar. Cha ’n eilear a ceadachadh an glacadh am bitheantas na’s anmoiche na meadhon Inlaidh, ach air do ’n t-side bhi gle stoirmeil air a bhliadhna so, fhuair na h-iasgairean cead a bhi riutha gu toiseach Ogust. A dh’aindeoin sin cha deach urad dhiubh a ghlacadh ’sa chaidh an uiridh.
Bha na Sineich a dòrtadh cho tiugh à stigh do Chulombia Bhreatunnach ’s gu’n do dh’òrduich an Riaghladh cis leth-cheud dolair a chur air gach aon dhiubh a thigeadh dh’an dùthaich. Ach tha e coltach nach eil sinn gu leòr gus an cumail a mach, oir tha muinntir na mor- roinne ’n drasda deanamh suas tagradh gus a chur air beulaobh pàrlamaid Chanada ag iarraidh gu’m bi a chis air a h-àrdachadh o leth-cheud dolair gu coig ceud dolair. Tha e coltach gu feum an Sineach fuireach air a chriochan féin an deigh so, air neo gu’m bi an gnothuch gle chosgail dha. Tha na Staitean o chionn iomadh bliadhna a’ cur cis throm orra; ’s iad a thoisich air sin a dheanamh an toiseach.
Cha’n eil Riaghladh Bhreatunn o chionn treis a dh’ùine ach gle lag. Tha barrachd mor de na fir-pharlamaid leis a’ phàirtidh a tha riaghladh (na Tories) na tha leis a phairtidh a tha ’nan aghaidh, ach ged a tha cha’n eil an neart a réir an àireamh agus air an t-samhradh so b’fheudar dhaibh “bill” no dha a leigeadh seachad a bha lan rùn aca dheanamh ’na lagh. Tha riaghladh na seann dùthcha ag atharrachadh gu math tric, agus theagamh nach misd i sin dad,ach ge b’e co phàirtidh a bhios a stigh, tha an dùthaich a’ soirbheachadh, agus an Iompaireachd a’ dol na’s farsuinge ’s na’s saoibhire; tha laghannan agus reachdan matha air an deanamh, agus tha Breatunn ag gleidheadh a h-àite os ceann rioghachdan an t-saoghail air fad.
Litir o Fhior Ghaidheal.
A CHARAID: —Gheibh thu anns an litir so dolair, pris bliadhn’ eile dhe dò phaipear gasda, am MAC-TALLA. Cha’n ann a chionn gu bheil ni gle mhath air a’ Ghàilig a tha mi ’ga fhaotainn, ach a chionn gu bheil mi air son a bhi ’gad chuideachadh anns an oidhrip chliùitich a tha thu toirt air a bhi cumail beò na Gàilig, a chainnt rioghail, bhrioghar, bhlasda, a bha ’n cleachdadh aig na daoine o’n d’thainig sinn. Tha mi ’ga fhaotainn riamh o’n thainig e mach an toiseach, agus tha mi ’n dòchas gu’m bi mi ’ga fhaotainn fhad ’sa bhios mi comasach air a phàidheadh. An dòchas gu ruig an litir so a ceann-uidhe gu sàfhaille, is mi.
Ur Caraid Dileas
AONGHAS MACAONGHAIS.
Georgeville , N. S.
Na cuir fios air fear-comhairle le run fantuinn co’ -dhaingnichte ’nad bharail fein. Dh’ fheudadh tu ceart co maith fios a chur air leigh ’nad’ thinneas agus òrdugh a thoirt dha ciod a’ ghné leigheis du chòir da a thoirt dhuit.
Na biodh uaill ’nad’ chridhe gu’n d’ rinn thu ni sam bith a ta gu sonraichte glic, oir feudaidh cùisean a nochdadh an deigh so, gu’m bi an nì sin gu sònraichte amaideach. Na deanadh duine sam bith uaill as a dheanadas fein.
OGUST, 1896.
1 Di-sathairne, An Liunasdal.
2 DI-DONAICH, 9mh Donach nn Trianaid.
3 Di-luain, (2)An Cr. mu dheir. de’n t-Sol. 2. 20 F,
4 Di-màirt, (2)Bas an Ollaimh Mac Thomais, ’52
5 Di-ciaduin, Bas Rob Dhuinn, 1778.
6 Dior-daoin, (5) Blar Traigh Ghruinneart, 1598.
7 Di-haoine, A Ghrian ag eiridh, 4,58,
8 Di-sathairne, Duibhre air a Ghréin.
9 DI-DONAICH, 10mh Donach na Trianaid.
10 Di-luain, (9) An Solus Ur, 0.48. M.
11 Di-màirt, Blar Dhailrigh, 1306.
12 Di-ciaduin, A Ghrian a’ laidhe, 7.6,
13 Dior-daoin, Bacadh na Deise Ghaidhealaich 1746
14 Di-haoine, Bas Mhorair Chluaidh, 1863.
15 Di-sathairne, A cheud Chr’tl. dhe’n t-Solus, 4.49, F
16 DI-DONAICH, 11mh Donach na Trianaid.
17 Di-luain, Bas Fhearchair Mhor, Phruisia, 1786
18 Di-màirt, Blar Preston, 1649.
19 Di-ciaduin, Bliadhna Thearlaich, 1746.
20 Dior-daoin, Bas ’Ic Coinnich (Sar Obair. ), 1849.
21 Di-haoine, Blar Dhunchaillinn, 1689.
22 Di-sathairne, (23) Bas Uilleim Uallais, 1305.
23 DI-DONAICH, 12mh Donach na Trianaid
24 Di-luain, (23) An Solus Lan, 2.50, M.
25 Di-mairt, Pongannan Pheairt, 1618.
26 Di-ciaduin, A Ghrian ag eìridh, 5.20.
27 Dior-daoin, Sealg Bhraight Mhair, 1714.
28 Di-haoine, A Ghrian a laidhe, 6.39.
29 Di-sathairne, Blar Loch-Aillse, 1722.
30 DI-DONAICH, 13mh Donach na Trionaid.
31 Di-luain, AnCar’tl mu dheir. de’n t-Sol. 6 41M
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
So a Mhic!
Ciamar a tha d’ Uaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu
Rhodes & Gannon,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c., Mainspring ,75c. An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.
AN CRANN TARA
(Am Fiery Cross. )
PAIPEAR MIOSAIL AIR SON ALBANNAICH CANADA, anns am bheil air a chlo-bhualadh Dealbhan agus Beath-Eachdraidhean Gaidheil Chanada; Eachdraidh nam Fineachan agus dealbhan an snaicheantais; Ceol, Bardachd, agus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu iomadh ni eile. Pris: — $1 .00 ’sa bhliadhna, no sia miosan air son 50c. Sgriobh us cuir airgead guT . D. MACDONALD, 2591 St. Catherine Street, Montreal.
[Vol . 5. No. 6. p. 5]
NAIDHEACHDAN
Bha dha no tri de lathaichean matha feòir ann air an t-seachdain so, agus cha’n eil teagamh againn nach do ghabh na tuathanaich an cothrom.
Shearmonaich an t-Urr. Dr. Murray a shearmon dealachaidh ann an Sidni Tuath air an t-Sábaid s’a chaidh. Tha e gu dhachaidh a dheanamh an deigh so ann an New Glasgow.
Chuir Innseanaich Eìlean a’ Phrionnsa suas eaglais air an t-samhradh so air eilean Lenox. Chuir iad eatorra fein tri mile dolair cruinn air son a pàigheadh. Tha àiteachan-suidhe innte do thri no ceithir cheud. Choisrig an t-Easbuig Domhnullach i air an t-Sàbaid s’a chaidh.
Tha an cholera gle dhona anns an Eipheit air an t-samhradh so, gu h-àraid ann am baile Alexandria. Tha i ann o chionn naodh mìosan, ach bha na dotairean ’ga cumail fodha gu math gus o chionn ghoirid, ’nuair a sgaoil i air dhòigh ’s nach b’urraìnnear casg a chur oirre.
Tha fios a fhuaireadh o aon de chuideachd Peary, a bha anns a’ bhaile so o chionn beagan sheachduinnean air a thurus gu Greenland, ag innse gu robh an soitheach aige air a cuartachadh le deigh air chor ’s nach b’urrainn di carachadh. Bha an litir air a sgriobhadh gu cabhagach, ach, cha d’thug i iomradh co dhiu bha no nach robh an soitheach ann an cunnart a bhi air a bristeadh.
Chaidh losgadh air Mhicheil Nowlan a tha ’na mhaor-sith ann an Glace Bay, oidhche Di-luain s’a chaidh le duine dubh a bha anns a’ bhaile còmhla ri cuideachd cluich a tha dol mu’n cuairt. Bha na daoine dubha deanamh troimhe-cheil anns an tigh-òsda ’san robh iad a’ fuireach, agus chaidh Nowlan a dheanamh sithe, ’nuair a loisg fear dhuibh air. Chaidh am peilear ’na cheann, ach cha d’ rinn e leònadh gle dhona. Chaidh triuir dhe’n chuideachd a chur an sàs.
Tha daolag ùr air tigh’n air a bhuntàta anns na Staitean, a tha moran na’s draghaile ’s na’s milltiche na ’n t-seann tè. Tha i mu thri uiread ri cuileig, agus air dhath dubh. Ithidh a bàrr a’ bhuntàta dh’ ionnsuidh na talamhainn, agus cha’n fhag i bileag dheth. Chaidh gach puinnsean a b’ àbhaist a bhi cleachdadh ris an t-seann daolaig fheuchainn rithe so, ach cha chuir iad as dhi no taing. Cha’n eil fhios aig na tuathanaich no aig duin’ eile de ghabhas deanamh rithe. Bitheamaid an dòchas nach tig i ’m feasda ’n rathad na dùthcha so.
Tha ann am Parlamaid Chanada air an turus so 63 fir-lagha, 33 tuathanaich, 26 ceannaiche, 21 dotair, agus àireamhan na’s lugha na sin de mhuinntir tha deanamh am beòlaind air gairm mo ceaird eile, a bharrachd air naodh duine deug aig nach eil ceaird no gairm sam bith, ach a tigh’n beò air an cuid airgeid, agus ris an canar daoin-uaisle. Mar is tric a thachras tha an cuid fhèin gu math aig na fir-lagha, ach tha e car iongantach nach bìodh ann an àireamh cho mor, —da cheud ’sa tri deug—barrachd us naodh deug de dhaoine nach eil ri obair sam bith, no mar theirear riutha, daoin’ uaisle.
Chaill tuathanach ann anZero , Ontario,pàirce eireachdail de chorca o chionn ghoirid le cnuimheagan a thainig air. Cha do sheas i dhaibh ach tri latha. Chaill tuathanaich eile moran de ’n cuid corca cuideachd, ach cha robh an call cho mor ’sa bha a chall-san. Chunnacas na cnuimheagan sin ann an New Brunswick air an t-seachdain s’a chaidh, agus a reir coltais tha an aghaidh air an àirde ’n ear. ’N uair a tha ’n corca ’s gach bàrr eile cho gealltannach am bliadhna ’s bochd nach fuiricheadh gaisidhean dhe ’n t-seòrsa so uaithe.
Chaidh bàthadh cianail a dheanamh ann am Pictou a sheachdain gus an dè. Chaidh triùir bhràithrean, mic Iain Bhrown, a mach còmhla ri; ’n athair ann am báta; chaidh am bàta thairis, agus bha ’n triùir ghillean air am bàthadh. Cha robh iad ach glè òg; Alasdair, bliadhn’ air fhichead Iain, ceithir bliadhn’ deug; agus Domhnull, aon; bliadhn’ deug. Cha robh an athair ach gann beò nuair a fhuaireadh thoirt as an uisge.
Rinneadh call-beatha uamhasach ann an cearna de Shina air an 26mh latha dhe’n mhios a dh’fhalbh, le tonn-mara, an ceart ni ’sa rinn call mor ann an Japan ùine ghoirid roimhe sin. Tha feadhain a chunnaic e ag radh gu robh an tonn mu choig mile dh’fhad, agus gu robh e cho àrd ri cnap bruthaich. Sguab e roimhe gach ni a bha roimhe, taighean, daoine agus spreidh. Thatar a deanamh gu robh mu cheithir mile sluaigh air am bàthadh, agus iadsan a fhuair as le ’m beatha, tha iad an impis bàsachadh leis an acras, oir sguab an tonn air falbh gach ni a bha fàs anns an talamh air ’n do ruith e. Tha e na chùis eagail gu’n cuir a ghorta moran ri àireamh nam marbh mur deanar cuideachadh leis an t-sluagh bhochd ann an am.
Gheibhear ainmean na phaigh o’n thug sinn seachad iad roimhe, anns an àireamh so. Cha’n eil an aireamh idir cho mor ’s bu chòir dhi bhith. Tha sinn an dòchas nach bi iádsan a tha fuireach air deireadh a tarruinn an còrr ùine, oir tha sinn gle fheumach air an airgead aig a cheart àm. Tha fhios againn gu bheil a’ bhliadhna cruaidh, ach ’s ann mar sin bu chòir do na Gàidheil an tuilleadh dichill a dheanamh air son am paipear fèin a chumail suas, air eagal gu’n dean an droch bhliadhna ’n gnothuch air. Cha toigh leinn a bhi gearan; cha bhitheamaid ris mur b’ fheudar dhuinn agus tha sinn an dòchas gu’m fritheil an luchd-leughaidh d’an dleasanas cho math ’s nach leig sinn a leas a bhi ri gearan sam bith an deigh so. Deanadh gach aon dhuibh a chuid fhèin, anns an dòigh sin, agus cha chluinnear guth mor no droch fhacal o MHAC TALLA mu phaigheadh no rud eile.
Iadsan a Phaigh.
Iain Domhnullach, Antigonish , N. S
Seumas Friseal, Alma , N. S
I. W. Mac Isaic, Georgville , N. S
Aonghas Mac Aonghais, Georgville , N. S
Eachunn MacFhionghain, Priceville , Ont.
Iain T. Dughlach, Argyle Shore, P. E. I.
Z. Peutan, Cabot , Vermont.
Iain D. Domhnullach, Great Beud, Pa.
An Dotair MacLeoid, Spokane , Wash.
Niall Mac Gilleain (Eildear) Roseburn , $2 . 00
Damhnull MacLeoid, Roseburn , 2. 00
Iain MacGilleain, Kennington Cove 3. 00
Cailean Caimbeul, Amhuinn Mheadhnach
Lachuinn MacGuaire , Amhuinn Mheadhnach
Samhairle MacNeacail, Amhuinn Mheadhnach
Deorsa D. MacLeoid, Amhuinn Mheadhnach
Alasdair MacRath, Amhuinn Mheadhnach
Tormoid Buchanan, Big Hill.
Bean R. ’IcGillinnein, Gilanders, Mtn.
Simon A. Gillios, B . C. Chapel.
A. W. Bethune, Loch Lomond.
Alasdair Johnstone, Bridgeport , $3 .00.
Aonghas Domhnullach, Bridgeport , 2.00.
Ioseph Mac-a- Phersain, Glace Bay.
Iain R. MacDomhnuill, Glace Bay.
Seumas MacGilleain, Clarke ’s Road.
Iain M. MacFhearghais, Port Morien.
Iain MacAmhlaidh, (Eildeir) Port Morien.
D. H. MacCuithein, Port Morien.
Niall MacLeoid (Eildeir) Port Morien.
Iain MacGillinnein, Port Morien.
Tormaid MacLeoid, Victoria Mines.
Micheil L. MacFhionghain, Point Clear.
Mairi A. Dhomhnullach, Ceann Dearg.
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
SIDNI, - - - C. B.
F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn.
Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.
Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air.
Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.
Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c , &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.
THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin.
Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.
Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.
Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitche’s Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh, Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.
[Vol . 5. No. 6. p. 6]
UILLEAM MAC DHUNLEIBHE, AM BARD ILEACH.
Is gann a b’urrainn dha labhairt mu Shasunn agus Sasunnaich gun ni-eigin searbh a radh mu’n deidhinn. Bha ’inntinn cho làn de dh-euchdan nan laithean ud anns an robh an da rioghachd an comhnuidh ann an naimhdeas, gu’n do leig e as an t-sealladh gu buileach, an caochladh àigh a thanaig ann an lorg na h-aonachd a tha nis eatorra. Bha e ’na ni ro ghoirt léis a ghiùlan gu’m b’e Lunnain, agus nach b’e Duneideann, Priomh Bhaile na rioghaachd, a’s gu’n robh Albainn do ghnath air a cur as an t-sealladh ann an nàidheachdan na duhcha a’s iomradh an comhnuidh air a dheanamh air “Arm Shasuinn.” “Cabhlach Shasuinn,” “Banrigh Shasuinn,” &c . Bha dubh fhuath aig air Sasunn a’s air gach ni a bhuinneadh dhi. Bu ni ro mhi-fhortanach gu’n robh a’ chuis mar so, oir chuir e grabadh an dà chuid air a shoirbheachadh fein mar fhear sgriobhaidh agus air a chliù mar fhear eachdraidh. Dhearbh e anns an leabhar a chuir e mach air an d’thug e mar ainm, “Tagradh nan Gaidheal,” gu’m b’ aithne dha Beurla a sgriobhadh air mhodh a dh’ fhaodadh naire chur air iomadh aon aig am bheil cliù cian sgaoilte mar ughdar; ach chuir a’ chainnt laidir a ghnathaich e, agus am fuath a nochd e a thaobh gach aon a rinn aig àm air bith, eucoir air na Gaidheil, cnapstarra ann an rathad soirbheachaidh na h-obair aige. Ach air a shon so uile tha iomadh ni a’s airidh a chumail air chuimhne ri fhàotainn ann an “Tagradh nan Gaidheal.” Sgriobh e mar an ceudna “Eachdraidh na h-Alba” a bha ri teachd a mach gach mios ’na pairtean aig aon tasdan am pairt. Thainig mu choig pairtean de ’n obair so a mach, ach chaidh stad oirre le di airgid gu a giulan air a h-aghaidh. Bha an Eeachdraidh ri bhi air a criochnachadh ann an sia earrannan déug. Cha ’n fhios domh ciod a thainig ris na sgriobhanna so, ach na’m biodh iad ri ’m faotainn, tha iomadh ni annta a dh’ fheudadh a bhi chum feum. A chum onair sheann Uilleam biodh e air innseadh gu’n do dhiult e suim mhaith airgid airson na h-obair so, o neach a thoilich a ceannach, a’s feum air bith a thogradh e a dheanamh dhi, ach cha dealaicheadh Uilleam rithe ach air aon chumhnanta, agus b’e sin, gu’m biodh i air a cur a mach direach mar a bha i. So cha ghealladh e a’s bho nach gealladh, fhreagair Uilleam “ged a bhasaichean leis an acras fagaidh mi as mo dheigh an obair so mar fhianuis air slaoight, agus an-tighearnas nan Sasunnach. Thig fear eigin a’m dhéigh-sa a chlo-bhuaileas i.” Ged nach urrain sinn ach meas a bhi againn air an spiorad fhearail so a bha as cionn duais a ghabhail, eadhon, an uair a bha cruaidh bhochduinn agus gainne ga theannachadh, gidheadh cha ’n fhaod sinn aicheadh gu’m bu ni amaideach dha an tairgse ’dhiultadh. Ach cha ’n ann mar Fhearachdraidh no mar Fhear Tagraidh nan Gaidheal a bhios cuimhne Uilleam Mhic-Dhunleibhe air a cumail beò ach mar Bhard. Oir tha an obair aige a’ dearbhadh gu ’n robh e comasach air a’ chlarsaich a dhusgadh gu ceòl, a’s gu’n do thuit air tonnag aon de na Fillidhean a dh’ fhalbh. Tha earrannan ’san obair aige nach cuireadh naire air Oisein, as a sheasas a bhi air an coimeas ri Mac Mhaighstir Alasdair agus Donnachadh Bàn. Tha smuaintean ard’ agus bardail ann am briathra snasmhor, fileanta, reidh ri amas orra air gach taobh, duilleig d’ a obair. Is i mo bharail nach eil neach air bith d’ an aithne bàrdachd nach tog fianuis gum bheil obair Mhic Dhunleibhe a’ dearbhadh gu soilleir nach e ranntachd a mhàin a tha innte ach fior bhardachd. Tha aon ni a tha comharraichte mu a deanamh, agus ’se so e, mar a’s trice leughas neach i, ’sann is deigheile ’dh’ fhasas e oirre, agus cha ’n ’eil uair a leughair i nach eil maise ùr eigin ri fhaicinn innte. Tha sinn beachdaidh as a so nach eil aon a tha mion eolach air a’ bhardachd so, nach tog fianuis gur airidh i àir aite fhaotainn taobh nam bard a’s measaile am measg luchd-ciùil na Gaidhealtachd. Chuir e ri cheile rannan ann an dealbhan eagsamhla, a’ gnathachadh ranntachd iomadh uair nach idir cumanta am measg obair nam Bard Gaidhealach. Ach cha ’n eil oidhearp a thug e uach eil fiughail. Ma bha cogadh a’s creach aige mar chuspair a chiùil, b’ urrain dha briathran garg’ agus brosnachail a chleachdadh, a’s ma bha tiamhachd a’s bròn mar sheisd an orain aige, b’ aithne dha a ranntachd a ghleusadh da reir. Ach ’se an doigh a’s fearr gu so a leigeil fhaicinn, cuid de na rannan aige a thoirt a lathair. Tha an da ni so agus iomadh dearbhadh eile againn air a chumhachd mar bhard anns an Duan a rinn e mu “Na Lochlannaich ’an Ile.” Anns an dàn so tha e a ’toirt fa’r comhar cabhlach Lochlainn a’ teachd ’sa’ leigeil sios an acair ann an Caladh Loch-na-Dalach, a’ seinn an orain eagallaich so:
“So sinne ’s cha ’n fhalbh mar thainig,
Tuagh, tuagh,
Gheibh sibh ’ur neonach am maireach
Le tuagh, tuagh,
Buidealaich dhearg troimh gach fardaich
Tuagh, tuagh,
’S bhur mnathan, ’s bhur creach gu traigh leinn,
Tuagh, tuagh.
Bithidh sibh a’ greasadh ’s a teicheadh,
Sgian, sgian,
Bheir sinne bh’ uaibh lùth nan easgaid,
Le sgian, sgian,
Na thig dhibh cha till iad am feasda,
Sgian, sgian,
Cha ’n fhaic iad a mhaduinn ’s am feasgar,
Sgian, sgian.
An t-oran fiadhaich, neo-chneasda so bha na biasdan bruideil a’ seinn, ach bha Maithean Ile aig an àm a cumail comhairle anns am bheil am Bard air briathra ùr-labhrach a chur ann am beul nan uaislean. An deigh na chmhairle anns am bheil iad air an inntinn a dheanamh suas coinneachadh ris na borb-dhaoine o Lochlainn air raon sliabh a’ chatha, a’s air uchdaichean “Ghart Loisgte,” thoisich na h-Ilich air cruinneichadh. Thainig Clann Artair o Pharoaig, agus Clann Dhomhnuill as na h-Earradh, Clann Illean o Thorra, agus Clann Aoidh o’n Rionn. ’Se so am port meársaidh a sheinn piobaire Chlann Aoidh, mar bha iad a’ direadh o’n Traigh a suas “Creagan a’ Chatha:”
“Tha an namhaid a’ tighinn
Air an traigh ’se ’gar sireadh,
Thug e tair dhuinn mar Fhine,
’S cha tig sinn gun éiric.
Tha iad mìl’ mar a chiad dhinn,
Leis gach cothrom a’s miann leo,
Muir a’s tir mar an iarrtus,
Maduinn ghrianach a’s reidhlein.
Cladach comhnard nach folaich,
Uath ar n’ aireamh ’s sinn annamh,
Chi iad cunntas na th’ againn,
’S bheir iad barail gu’n geill sinn;
Cha b’e bhòsd as a’ bharrachd
A ghleidh an còir do na Rannaich,
Ach buaidh siol agus clardhimh
A’ toirt a dhaindeoin na dh’ fheumadh.
Tha na coimhich ’an staillinn,
’S fhada chithear an deàrrsadh,
Boillsgeadh chlogaid a’s mhaille,
’Teachd air faire na Gréine,
’Sann th’ againn mar ábhaist
A bhi rusgadh nan gairdean,
O’n d’ fhuair Clann Aoidh an “Lamh Laidir,”
Nuas o laithean na Feinne.
Cha chluinn na h-Eileinaich thuathach,
A’s Tir mor ’dhruideadh uainn i
Le cearcal fairge mu’n cuairt duinn
Nach brist cruadal no eigin;
Bi’dh so seachad mu’n innsear
Do laoich Dhiùra ’s Chinntire
Gu’n do ghlèidh sinn ar dileab
Far nach lion deoch reite.
An lamh làidir gu bualadh,
Cinn tri Tuirc agus Ruadh Bhuic,
Riochdan gairg’ agus luathais,
A thoill, a fhuair a’s a ghléidh sinn,
A cheann catha nan Ileach,
Tha sinn fhathasd duit deleas,
’S ged a sgathar gu tri sinn,
Cha sriòchd sinn ’na dheigh sud.
Ach cha b’ ann a mháin ’nuair a sheinn e mu stri a’s mu chogadh a b’ aithne do dh’ Uilleam na teudan a ghleusadh. Bha suil aige gu maise naduir ’fhaicinn, a’s b’ aithne dha a dealbh a tharruing le laimh ealanta. Cha ’n eil iad ach tearc a bu ghrinne sheinn maise a’ chéitein na rinn esan ann an oran na Buaile, anns an Dan air ainmeachadh “Cuimhneachan Bhraidalba.” Tha an t-oran so a’ toiseachadh air an doigh a leanas, ’s a, dol eir aghaidh ann am briathran grinne gu maise maduinn chiùin chéitein a chur an ceill:
A Righ, gur boidheach án sealladh,
Mu’n cuairt do lagan a’ chro,
Doire cubhraidh nam meangan,
Mu’n iath ’sa’ mhaduinn an ceò.
R. I.
Air son aodaichean deante ruig an stor aig D. J. Domhnullach. Tha iad math ’s tha iad saor.
[Vol . 5. No. 6. p. 7]
(Air a leantuinn o taobh 35.)
cheila, man do thoisich e air itha nam fiadh. Dh’ fheumadh e fhaoitinn do shithinn na lionadh a bhrù ’n sin biodh an crios ann an ruidhidh gus an tinne b’ fhaide mach. Ach nair chunic an Gille-blar-odhar noch rabh coltas air Oisin gum fagadh e fuighlich, sgriob e leis pios mor do an bha air beulthaobh a Shean-athir, agus chuir e sud air a thaobh fein. Dhith Oisin na bha aig an uair sin ach cha rabh e air a shasuchadh. Dh’ ionndrain e na thug odha leis, agus thubhairt e. O! laochain us ro olc thuaras du na faga du an t-iomlan agam bhithinn cho mhath sa bha mi riamh.
Thiodhlaichd Oisin an coir ann am poll choir-Fhinn. Ghluais e fein agus odha chum pillidh do Ghleann caoinfheoir, ach se chomh airl’ chinn an ceann odha Oìsin gu feuchadh e fuidhidh e Oisin a shean-athir a chuir le craig. Chomhairlich a mhathir dha ra laimh sin a dheanamh. Threoruich se e gu bruaich Uiridh-Bhiatich ris an goirar gu cummanda nis Uiridh ’n-fhithich, agus dh’ fhag e sud e. Thuit e leis a chraig agus stad e meadhoin na h-uiridh. Bha e car uine mam buirinn dha gluasad, ach cho luath sa chuir e ’m preathal sin seachad thoisich e air meurachadh man cuairt da gus an d’ fhuair e fainne dhealluich ris uine roimhe so. Nis sann o Leanna sith a thuair e ’n toisich e. Bha do bhuaidh air nach cailidh, e radharc agus nach fuidhidh e bas. Thanic e ’n sin dhachaidh le fhainne agus le calpa ’n Luin, agus mar a thubhairt e riu man d’ fhalbh e, us amhluidh b’ fior, be calpa ’n Luin moran bu mho. —Leabhar na Feinne.
Tha gràdh an còmhnuidh deas chum gach seirbheis a dheanamh. Tha gràdh bunailteach agus tréibhdhireach ’na dhìchioll. Tha e do ghnàth ’ga thoirt fein seachad a nasaidh. Is ni e a tha deanadach dichiollach agus trèun. Tha e ’na shonas do ghràdh a bhi saorachail agus fialaidh. Ciod nach dean mathair ghradhach air son a leinibh fein? Ciod nach dean bean-phòsda dhleasnachail air son a companaich fein? Ciod leis nach cuir Gaidheal suas chum a righ, agus a thìr, agus a shaorsa a dhionadh, agus chum nàimhdean air an lionmhorachd a ruagadh air falbh?
Tha tlachd aig moran aun a bhi ’faotuinn coire do gach ni a nithear, no labhrar le muintir eile. Ma mholas tu ni sam bith, is comadh ciod e, di-molaidh iadsan e. Air an laimh eile, cha’n ’eil iad toilichte ma ghabhas tusa toilìnntinn ann an dad sam bith, agus an uair a chith iad sin, cuiridh iad gu dian ’nad’ aghaidh. Ni iad so air uairibh le dùil gu’m fèuch iad barrachd eòlais agus gliocais na bhuilicheadh ortsa. Ach tha iad ’ga dheanamh, mar a’s trice, trid peasanachd agus lonais a ta ’géiridh o fharmad ’na n cridhe. Thoill iad so gu leir gu’m biodh an sròn air a tarruing, chum nach tog iad co àrd i tuilleadh nis mo.
C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
Bathar Tioram.
20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir.
Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3 .25.
Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na th’ againn gle shaor.
IAIN A. Mac COINNICH &CO .
STOR UR TAILLEARACHD
ANN AN
StorW . E. Peters.
Aodaichean Mathadhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.
Theid sinn an urras air an obair.
MacCoinnich & Co.
Sidni, C. B.
CARADH
Uaireadairean.
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.
Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar uthcha tha ’nar beachd
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.
Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
[Vol . 5. No. 6. p. 8]
Miann an Oganaich Ghaidhealaich,
LE UILLEAM ROS.
AIR FONN. —“We’ll go no more a roving. ”
Tha sud do ghnà air m’inntinn,
Le iompaidh chinntich, reidh,
’S gur fada o’n bu mhainnach leam,
Gu’n triallamaid dha reir;
’Sa nise o nach urrainn mi
’Ga chumail orm gu léir,
Bi’dh mi fadheoidh ag aideachadh
Na th’agam dhut de spèis.
LUINNEAG,
An sin treigeamaid am fàrsan,
’S gu’m b’fhearr na bhi air chuairt,
Bhi maille ris a’ chailin ghrinn,
Le farasdachd gun ghruaim.
An sin treigeamaid, etc.
Gach aon a chi mi ’s beartaiche,
Bithidh spailp orr’ as am maoin;
Ach sud cha b’urrainn m’iasgach-sa,
Ge d’ laithainn leis an aois;
Mo nàdur ge d’bhiodh iarratach,
Dh’a mhiann ’s nach d’thugainn taobh:
Le snaim cho dian cha shnasaichinn,
Mur glactadh mi le gaol.
No ged’ bu shamhl’ an stòras mi,
Ge neònach sud leibh fein.
Dha’n neach dha’n liugh’ tha ’chòraichean,
Tha’m Breatainn mhòir gu lèir;
Ge soilleir inbhe ’n stàta sin,
Cha tàladh e mi ceum;
’S air mhìltean òir cha lùbainn-s’
Ach an taobh dh’am biodh mo dhèidh-
Gach fear dh’am beil na smaointean so,
Bithidh m’aonta dha gu mòr,
Air chumha gun ghnè theag-mhaladh,
R’a fhaotainn bhi na dhòigh;
A rùn-sa ’nuair a dh’fhiosraichinn,
Na’m measainn bhi air chòir,
Gu’m molainn gun a diobairt dha,
Cho fad ’s a bhiodh e beò.
Gu’m b’ait leam cailin finealta,
’S i maiseach, fior-ghlan, ciùin;
Ged nach biodh ni, no airgiod aic’,
Ach dreach a’s dealbh air thùs;
Ach sud na’n tàrladh aic’ a bhi
’S ga rèir bhi pailt ’an cliù,
Cha chreidinn gu’m bu mhisd’ i e,
’S i fein bhi glic air chùl.
Cha trèiginn fein a bharail sin,
A dh’aindeoin ’s na their càch,
Le iomluaths gu bhi caochlaideach,
’S nach aontaicheadh mo chàil;
Gach fear bi’dh mar a’s toileach leis
Gun choireachd uam gu brath,
’S leanas e gu dìchiollach,
A bheirt a chi è ’s fearr.
An Talla ’m bu Ghna le Mac-Leoid.
LE MAIRI NIGHEAN ALASTAIR RUAIDH.
Righ! gur muladach tha mi,
’S mi gun mhireadh gun mhanran,
Anns an talla ’m bu ghnà le Mac Leoid.
Righ! gur, &c .
Tigh mòr macnasach meaghrach,
Nam maca ’s na maighdean,
Far ’m bu tartarach gleadhraich nan corn.
Tigh mor, &c .
Tha do thalla mor priseil,
Gun fhasgadh gun dion air,
Far am faca mi ’m fion bhi ’g a òl.
Och mo dhiobhail mar thachair,
Thainig dil’ air an airtreabh,
’S ann a’s cianail leam tachairt ’n a chòir.
Shir Tormaid nam bratach,
Fear do dhealbh-sa bu tearc e,
Gun sgeilm a chur asad no bòsd.
Fhuair thu teist, a’s deagh urram,
Ann am freasdal gach duine,
Air dheiseachd ’s air uirghioll beoil.
Leat bu mhiannach coin lùthmhor,
Dol a shiubhal nan stùc-bheann,
’S an gunna nach diultadh re h-òrd.
’S i do lamh nach robh tuisleach,
Dol a chaitheamh a’ chuspair,
Le d’ bhogha cruaidh, ruiteach, deagh-neoil.
Glac thram air do shliasaid,
An deigh a snaitheadh gun fhiaradh,
’S barr dosrach de sgiathaibh an eoin.
Bhiodh ceir ris na crannaibh,
Bu neo-eisleanach tarruing,
’N uair a leimeadh an t-saighead bho d’ mheoir.
’N uair a leigteadh bho d’ laimh i,
Cha bhiodh oirleach gun bhathadh,
Eadar corran a gàine ’s a smeorin.
Ceud soiridh le dùrachd,
Bhuam gu leannan an t-sugraidh,
Gu ’m b’e m’ aighir ’s mo rùn bhi ga d’ choir.
’N àm dhut tighinn gu d’ bhaile,
’S tu bu tighearnail gabhail,
’N uair shuidheadh gach caraid mu d’ bhòrd.
Bha thu measail aig uaislean,
’S cha robh beagan mar chruas ort,
Sud an cleachdadha fhuair thu d’aois oig.
Gu’ m biodh faram air thailisg,
Agus fuaim air a’ chlarsaich,
Mar a bhuineadh do shàr mhac Mhic-Leoid.
Gur e b’ eachdraidh ’n a dheigh sin,
Greis air uirsgeul na Feinne,
Us air cuideachda cheir-ghil nan cròc.
SANAS.
Ma tha thu air son Deise mhath dheante fhaotainn air prisis eil, rach a choimhead air
D. J. DOMHNULLACH.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .,
SIDNI, - - C. B.
NUAIR THEID THU ’BHADDECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram, Bathar Cruaidh
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile.
An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.
NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B,
Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha.
McDonald Hanrahan & Co,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram,tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MHAC-TALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean.
title | Issue 6 |
internal date | 1896.0 |
display date | 1896 |
publication date | 1896 |
level | |
reference template | Mac-Talla V No. 6. %p |
parent text | Volume 5 |