[Vol . 5. No. 7. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OGUST 15, 1896. No. 7.
IOMRADH AIR MO THURAS DO CHEAP BREATUINN.
(Air a leantuinn.)
Chuir mi m’ aghaidh air an dachaidh air Dior-daoin, an ochdamh latha deug de ’n Og-mhios. Cha’n fhuilingeadh ùine dhomh fuireach ni b’ fhaide. Ghabh mi mo chead do m’ chairdean agus bha mi ’n oidhche sin am Baile-nan-Gall mar ri m’ charaid an t-Urr. Calum Mac Leoid, ministeir na sgìre. Rugadh ’us dh’ àraicheadh Mr. Mac Leoid anns an sgìre anns a bheil e nise na mhinistir suidhichte. Fhuair e gairm do’n pharraiste so an uiridh. Nochd an sluagh deagh thuigse bhi aca ann a bhi ga roghnachadh mar an ceann-iuil; agus, ged bha sinn duilich air son a chomh-thionail a dh’ fhag e, se ardurachd mor bheanachd a leantuinn a shaothair agus gu ’m bi iomadh bliadhna thaitneach agus shoirbheachail aige na ’m measg.
Bha mi air aoidheachdean a tigh Dhomhuill Mhic Asguill, Eildeir. Be sin an teaghlach coir geanail. Tha an dachaidh an aite boidheach air leth-taobh suas os ceann an uisge le sealadh farsainn thar mara ’s tire. Is brathair fear an tighe do’n duine iomraiteach sin Aonghas Mac Asguill nach mairean, (the C B giant) .Tha cuimhne agam air Mac Asguill fhaicinn aon uair. Bha e na shuidhe ann an sleigh. Bha e soilleir, ged bha an t-aite-suidhe ard gu leòr air son duine cumanta, gu’n robh e tuille is iosal air a shonsan oir bha a ghluinein suas ri a bhroilleach mar neach na shuidhe air stol leanamh. Bha e neo chumanta thaobh meudachd agus neart ach na dhuine anabarrach ciuin sìobhalta, agus na shàr dhuine uasal air gach doigh. Chaochail e anns a bhliadhna 1863, anns an ochdamh bliadhna deug thar fhichead de aois. Tha e na shìneadh fo ’n fhòd ann an cladh Baile-nan-Gall. Bu mhaith an obair do Ghaidheil Chanada carragh-cuimhne fhreagarach a thogail aig ceann a ghaisgaich agus an fhir-duthcha so a bha cho ainmeil na latha agus na linn.
A measg na feadhnach air na thaghail mi bha Mr. Mac ’Ille Mhoire, fear parlamaid, duine tha geanail, cairdeil ri coigrich agus daonan ullamh gu gniomh caoimhneil a dhianamh, leis am bheil e a cur iomadh neach fo chomain da; agus gu firinneach is ann mar sin a bhuin e rium-sa air an turus so. Thachair mi mar an ceudna ri bana-charaid air an robh mi aon uair eolach, agus bho ’n d’ fhuair mi aoidheachd iomadh bliadhna air ais. ’Se sin banntrach Iain Mhic Ritchie air an Amhuinn-a- Tuath. Bha mi toilichte a faicinn slàn. Tha a mac Aonghas Mac Ritchie na mharsanta anns a bhaile so.
Dh’ fhàg mi Baile-nan-Gall Di-haoine. Thainig’ Mr. Mac Leoid maile rium gu Baddeck. Bha Sacramaid na Suipeir gu bhi air a frithealadh anns a bhaile sin air an t-Sàbaid. Thug Mr Mac Leoid searmon taitneach dhuinn, ann an Gáilig, air Di-sathairne. Bha aige ri bhi ann an Sidni air an t-Sàbaid ach dh’ fhan mise gu cuideachadh le Mr. Dughallach air an la ud. Bha maille ruinn, mar an ceudna, duine og do chloinn ’Illeain a Strath Lathairne, an C. B., far am beil an t-Urr. Domhnal Domhnullach na mhinisteir. Tha ’n gille og gealltannach so a saoithrachadh mar mhissionari am Baddeck Mhor air an t-samhradh so. Is mac e do ’m charaid nach mairean Alasdair Mac ’Illean, Eildeir ’nam shean cho-thional, Strath Lathairne. Bha Sàbaid a chomanachaidh na latha fabharach agus chruinnich sluagh mor as gach àite mu’n cuairt. Bha ’n t-seirbheis ann an toiseach an latha an Gàilig agus anns an fheasgrr am Beurla. Bha stòladh maiseach air an t-sluagh; agus rinneadh na h-uile nithe gu deagh mhaiseach agus a réir orduigh. Choinnich mi ri àireamh de chàirdean ’s de sheann luchd eolais a bha mi tolaichte fhaicinn, agus bha mi ag ionndrain iomadh aon ris an b’ abhaist dhomh coinneachadh aig a leithid sud a dh’ àm anns an aite ud. Tha an t-Urr Mr. Dughallach a saoithrachadh le durachd a measg an t-sluaigh so agus tha fios againn nach bi a shaothair ann an dìomhain.
C. C.
(Ri leantuinn.)
Dh’iarr fear de luchd-teagaisg Oil-thigh Chamòridge air caraid dha iasad de leabhar a bha toil aig’ fhaicinn. Chuir a charaid am fios a leanas thuige: “Cha ’n ’eil mi uair sam bith a leigeadh mo leabhraichean a mach as an tigh, ach ma thogras tusa tighinn an so ’s i do bheatha bhi ’gan leughadh fhad ’s a thogras tu.” Beagan laithean na dhéigh so chuir a charaid a dh’ iarraidh iasad de ’n bhalg-shéididh air an fhear-theagaisg. A’ cuimhneachadh mar a dhiultadh na leabhraichean dha chuir e fios air ais mar so: “Cha ’n ’eil mi uair sam bith a’ leigeadh a bhuilg-shéididh a mach as mo sheomar: ach ma thogras tusa tighinn an so ’s i do bheatha bhi séideadh leis cho fad’ ’s a thogras tu.”
As an Iar-Thuath.
FHIR-DHEASAICHIDH, —Bho’n tha MAC-TALLA nis air fàs mor, tha n’ Iar-Thuath a smaointeachadh gu’m bheil i fhein mor gu leor, ged a tha i òg, airson facal a chur ann an daast’ ’s a rithist. Cha ’n eil cearn de ’n t-saoghal anns nach eil Gàidheil a gabhail còmhnaidh, ach càit air bith am bi iad bidh toil aca (se sin ma bhios faireachduinean Ghàidheal annta) fhaotainn am mach ciamar a tha ’n co-bhràithrean ’s an luchd-duthcha a’ cur seachad an saoghail ’s gach àite fa leth. Agus gu de meadhoin a b’ fhearr na bu drùitiche na innse nan cànain mhathrail troimh ’n MHAC-TALLA, ’tha taghal gach cearn. Tha ’n Iar-Thuath ag amharc glé bhòidheach aig an àm le raointean mora ’us tomain choille cho fad ’s a chi an t-sùil, air a sgeadachadh le feur mìn gorm ’s gach seorsa flùr fo’ bhlàth. Bha toiseach an t-samhraidh neo-chumanta fliuch ’s dh’ fhag sin a churachd fadalach, ach thainig blàths us taise an deagh àm a bhrùchd a mach gu bras gach pòr, agus tha iad aig an àm so air bachadh na’s fhearr na bha iad an uiridh mu ’n àmso. Tha daoine nis trang ris an fheur a tha fàs gu nàdurra anns gach àit iosal; ’s bi’dh a bhuain ann le da sheachduin eile, agus ma theid i leotha gu math, tha mi ’smaointean gu’n cuir cuid dhiu cuireadh air MAC-TALLA airson na h-oicheannan fada geamhraidh a chur an giorad. Tha beagan (ach se glé bheag) de Ghàidheil ghallda na’r measg, a b’ fheairrde cuairt de’n taod fhliuch aig Bodachan a Ghàraidh, na’n deanadh i feum, ach tha eagal orm nach cuir i cùram orra so. Anns an ath litir, ma gheibh i seo àite, innsidh mi na’s fhearr cor nan daoine so, a thaobh eaglaisean ’us sgoiltean ’s am fein-fhiosrachadh, an uair a thainig sinn ann an toiseach. Ceadaichibh dhomh a radh gum bheil am paipeir a taitinn gu mor rium ’s gu h-àraid ’s an trusgan ùr; ’s bhuanaich e ’n dreach ’s am pongalachd, ged nach robh e cearr roimhe, ach na leigeamaid air di-chuimhne gur ann air dha fàs mor, a’s feumaich e air tuilleadh chàirdean agus air deagh rùn na bha aige roimhe. A guidhe gu soirbhich gu math leibh, ’s mi ur caraid,
SEMUS N. MAC FHIONGHAIN.
Moosomin, 3, 8, ’96.
An ni nach ’eil air chall, gheibhear e.
An rud nach gabh leasachadh, is fheudar cur suas leis.
[Vol . 5. No. 7. p. 2]
ISEABAIL ODHAR AGUS MONAGAN.
BHA duine còir ann aon uair aig an robh gabhaltas beag fearainn faisge air aon de bhailtibh mòra na dùthcha. Bha e greis aoise mu ’n do phòs e, agus ’s e aon phàisde nighinn a bh’ aige. Nuair a bhàsaich a’ bhean cha robh an nighean ach mu shé-bliadhn-deug a dh’ aois. Bha i anabarrach glic a bhean a h-aoise. Bha i ro stòlda ’na h-inntinn, agus nuair a bhiodh i còmhradh ri neach, shaoilte gur seana bhean a bh’ ìnnte leis mar a labhradh i cho poncail, ’s cho réidh, ’s cho socrach. Nuair a bhàsaich a mathair rinn a h-athair suas inntinn nach pòsadh e gu bràth, ach gu ’m fàgadh e chuid a ’n t-saoghal aig a nighinn. Bha fhios aige gu’n deanadh i deadh bhean-tighe, ach ged a bha, bha e soilleir gu leor dha, a thaobh nach robh i dreachmhor, nach faigheadh i pòsadh gu bràth mur faigheadh i e air son a stòrais. Thug so air a bhi ni bu dìchiollaiche ’s ni bu chùramaiche na bha e riamh roimhe a chum na b’ urrainn da chur cruinn a dh’ airgiod, air dhòigh agus gu’m fàgadh e aig latha ’bhàis na chumadh Iseabail suas fhad ’s bu bheó i, a chionn ’s nach faigheadh i deadh phòsadh leis. An déigh bàis a màthar thug a h-athair dhi riaghladh gach ni bhuineadh do ’n tigh. Og ’s mar a bha i chum i gach ni an òrdugh, ’s ghiùlain i gach gnothach air aghaidh cho math ri aon bhean-tighe ’s an dùthaich. ’S ann a bha ioghnadh nach bu bheag air na h-uile aig an robh dad a dh’ eòlas oirre, ann a bhi faicinn mar a bha gach ni a bha i ’làimhseachadh a’ soirbheachadh cho gasda. “Ni làmh an dichiollaich beartas.” Ged a bha beagan airgid aig a h-athair a’ cur réidh dheth ’s a’ Bhanca cha ’n aithnicheadh neach sam bith air Iseabail co dhiu bha gus nach robh. Cha robh pròis, no meud-mhòr, no uaill, no sroineis, no ni dhe ’n t-seòrsa fuaighte rithe. Cha robh dad a choltas aice ris na guanagan sgaomach, leomach a tha ’n diugh air an t-saoghal. ’S e bh’ innte caileag ghlic, chrìonnta leis nach bu nàr a làmh a chur ann an obair sam bith a thigeadh gu feum an tighe. Dh’ éireadh i moch ’s mhaduinn, ’s bheireadh i làmh-chuideachaidh do ’n bhanaraich an àm an eadraidh; bhiodh am biadh-maidne deas ann an àm, ’s gach ni eile gu deas, òrdail, mar bu chòir dhoibh a bhi. Bhiodh i ’n còmhnuidh mu ’n cuairt air deanamh an ime ’s a’ chàise. Bhiodh im agus càise gu leòr aice, agus a bharrachd air a sin bhiodh na laoigh air leth maith air am beathachadh. Ged a bha i mar so deanadach, glic, gleusda, agus ro fhaicleach mu ’gnothach, bha i air leth truacanta agus caoimhneil ri daoinibh bochda. Gheibheadh an diol-déirce biadh, ’us deoch, ’us fasgadh uaipe mar a gheibheadh iad o’n mhàthair a rug i. Shaoileadh cuid a chionn gu ’n robh i cho maith airson gnothach an t-saoghail a chur air aghart nach ruigeadh na bochdan a leas a dhol a dh’ iarraidh dad oirre. Ach cha b’ ionnan sin ’s mar a bha; cha robh té eile, ge mòr am focal e, an taobh a stigh de chriochaibh na sgireachd bu teò-chridhiche na i. Theireadh i iomadh uair, ’s i nis na ’làn-bhoireannach, nach robh aig muinntir ach làimhseachadh; gu ’m bu le Dia na h-uile nithean; nach robh daoine ach ’nan stiùbhardaibh fo a làimh; ’s gu ’m b’e ’n gnothach a bhi deanamh an dichill an còmhnuidh a chum saoibhreas fhaotainn le onair, cha’n ann a mhain a chum iad fhein a bhi comh-fhurtail, ach mar an ceudna, chum cuideachadh a deanamh leis a’ mhuinntir bhochd agus aimbeartaich. B’e so am beachd a bh’ aig a h-athair air gnothaichibh an t-saoghail, agus, mac an ceudna, aig a mathair fhad ’s a bha i làthair.
Cha ’n ’eil teagamh nach saoil cuid gu’n do mhol mi Iseabail tuilleadh ’s a choir, ach gabhadh iad mo leth-sgeul ’nuair a their mi nach do mhol mi i dad n’a b’ fhearr na b’ airidh i air. A dh’ innseadh na firinn, ged a bha i cho grànnda ’s gur e Iseabail odhar a theirte gu cumanta rithe, cheannaicheadh i luchd luinge de na maighdeannan grinne, greannor, nach teid a mach air dorus air eagal gu ’m fliuchar an casan, no gu ’m faigh iad fuachd, ni ’s lugha na bhios an la cho grianach ’s cho blath ’s gu ’m faodadh a’ chuileag-bhuidhe fhéin a dhol a mach. Maigheannan an là ’n diugh! A mhic ’s a ghoistidh! Cùl mo làimhe riutha; ged a bhithinn a’ m’ sheana-ghille ri m’ bheò, agus fada, fada ’n déigh mo bhais, cha ghabhainn a nasgaidh te dhiubh. Na’n gabhadh bhiodh an gnothach glé dhaor dhomh air a’ cheann mu dheireadh, eadar na dheanadh iad a ghurramal, ’s a thrògmhail ’s a chànran mur bitheadh na h-uile ni ’feitheamh dhoibh mar gu’m b’iad a b’ uaisle fo ’n ghréin ghil. Ma ’s e sin fhéin e, ged a bhiodh toil aig gille bochd, amaideach, teannadh ri deanamh suas ri te dhiubh ’s docha nach ’eil maith dha a shuil a chaogadh riu.
Seallaidh ’na ghnùis le tàire,
’N sin ni iad faite-gàire,
’S togaidh iad an cinn an àirde;
Cha ’n ’eil stà bhi stri riu.
Cha ’n ’eil, cha ’n ’eil! Gu h-araid ma bhios coltas a’ chosnaidh air fear—ma bhios fàileadh na tearra dheth; no ma bhios ribeag de chlòimh nan caorach a’ leantuinn r’ a aodach; ma bhios toil no tuthag air a chuid aodaich, no calg an eòrna ann; ma bhios fàileadh an todhair, no samh an éisg dheth; ma bhios poll, no criadh, no ni de ’n t-seorsa air a chais-bheart; a dh’ aon fhocal, mur bi e cho glan, sgiolta ’s ged a bhiodh e air a ghleidheadh ann am bocsa gloine cha ’n fhiach e bonn-a- h-ochd! Mar a chunnaic am fortan mòr iomchuidh cha ’n ’eil an seorsa so a’ faotainn pòsaidh ach gu maith ainneamh, ’s gu cinnteach, ceart, cha b’ fhearr gu ’m biodh. “Cha ghabh iad na coisichean, ’s cha ’n fhaigh iad na marcaichean;” agus mar sin, tha na ficheadan diubh gach bliadhna a’ dol thun an fharaidh cuide ris na cearcan guir. Gu ma h-e dhoibh! Bliadhna mhaith nan deigh!
Ubh! ubh! chaidh thar mo shiubhail! Sin agad na boirionnalch. Ach cha mhi cheud fhear a chuir iad a cheann na bhoil, agus is cinnteach nach mi am fear mu dheìreadh. Cha ’n fheud mi Iseabail, odhar a leigeil air dichuimn’ gus an innis mi mar a dh’ éirich dhi.
Ciod e th’ agam air ach gu robh na bliadhnaichean ’ dol seachad cho luath ’s a b’ urrainn doibh; an saoghal a’ cur nan car dheth cho luath ri gilìe-mirein; (agus, a dh’ innseadh na firinn, is iomadh là bha ioghnadh orm nach deachaidh a cheann ’na bhoil o chionn fada!) Bha athair Iseabail a’ cur airgid ’s a’ Bhanca, agus an t-airgiod a bha ’s a’ Bhanca a’ cur réidh dheth mar a b’ fhearr a dh’ fhaodadh e. Rud a bha nàdurra gu leòr bha daoine a’ fàs sean mar bu tice, ach bha té ’s té thall ’s a bhos nach robh a’ fàs sean idir. Cho luath ’s a sguireadh iad a dh’ fhàs mor sguireadh iad a dh’ fhas sean; agus, ged nach freagair e dhuinn a bhi ag ràdh bheag mu ’n chùis mu ’n gabh iad gu h-olc e, tha daoine glice ’cumail a mach ’nuair a sguireas na boirionnaich a dh’ fhàs sean gu ’n sguir iad a dh’ fhàs glic mar an ceudna. Coma co dhiu, biodh so fior no na biodh, bha Iseabail a’ fàs sean na h-uile bliadhna mar a bha gach creutair eile. Agus ged a bha cha robh leannan riamh aice; agus ma ’s fhìor an sgeula cha ’n ann aice, an creutair, a bha choire, ach aig na fleasgaich chòire nach do theann ri deanamh suas rithe, agus fios gle mhaith aca gu ’n robh tigh, ’us fearann, ’us crodh, ’us caoraich, ’us airgiod gu leòr, a’ feitheamh air a cheud fhear a thigeadh g’ a h-iarraidh. Ach, rud a b’ fhearr na sin, ge b’ e gheibheadh i gheibheadh e ’n aon bhean-tighe a b’ fhearr ’s bu ghràinnde a bh’ anns an dùthaich gu léir. Ciod e maith a bh’ air na fleasgaich nach do ghabh an cothrom maith so air faighinn air aghaidh ’s an t-saoghal? Bha Eachann mòr ag ràdh rium an là roimhe ’s mi ’g innseadh na naigheachd so dha nach tugadh e fhéin am brochan guu salann adh ’ fhear nach gabhadh a leithid a chothrom. “Phòsainn i,” ars’ Eachann, “nam faighinn tigh, ’us fearann, us airgiod gu leòr leatha ged a bhiodh i cheart cho odhar ri craicionn na guite, ’s ged nach biodh cas oirre a chuireadh i foidhpe, no làmh leis an cuireadh i greim thun a beoil; dìreach ged nach biodh beul fhéin oirre; agus cha ’n ’eil fhios agam an ann gun bheul fhéin dad bu mhiosa i. A dh’ aon fhocal, phòsainn i ged nach biodh ann di ach an dà shùil.” “Gu dearbh? Eachainn,” arsa mi fhéin, “ ‘tha fior ioghnadh orm am beachd dhe ’m bheil thu, cha phòsainn fhéin tè ghrànnda ged a b’ i a’ Bhan-righ air a’ chrùn. Fheudail, fheudail, ’s mise nach deanadh e. Na’m biodh deadh nàdur innte b’ i mo roghainn i ged nach biodh sgilinn ruadh an t-saoghal aice.” “Saoilidh tu sin,” ars’ Eachann. “An cuala thu ’n sean-fhocal so Eachainn.” arsa mi fhéin:— “Phòs mi ’n luid airson na cuid, dh’ fhalbh a’ chuid ’s dh’ fhan an luid.” Agus
[Vol . 5. No. 7. p. 3]
mar a tha ’m port ag ràdh—
“Bean an droch nàduir ’s coma leam fhein dhi,
Bean an droch nàduir neònaich,
Bean an droch nàduir ’s coma leam fhein dhi
B’ fhearr leam bhi falamh na ’pòsadh.”
“Dìreach sin,” ars Eachann, “ach stad ort, càite am bheil bean an deadh nàduir? Ma ’s ann a’ feitheamh gus am faigh thu bean an deagh nàduir a tha thusa bithidh tu greis air an leagadh sin. An cuala thu riamh an sean-fhocal so;— “ ’Na h-uile nighean ’n a deagh nighinn, ach co as a tha na droch mhnathan a tighinn.” “Fhalbh, fhalbh, Eachainn,” arsa mise, “tha iomadh deadh bhean ’us deadh nigheann ’s an t-saoghal, ’s tha feum aig an t-saoghal air sin. Feasgar maith dhuit.” Ach chaidh mi thar mo sgeoil a rithist do luath ’s a theann mi ri bruidhinn air pòsadh. Cha ’n ’eil cothrom air.
(Ri leantuinn.)
MU BHRUADAIR.
Thus’ a tha eòlach air gach ni, innis domh, ma’s e do thoil e, ciod is ciall do bhruadair, no aislingean na h-oidhche? Tha iad a’ cur iongantais mhòir orm, agus cha ’n ’eil mi idir ga’n tuigsinn. Ma dh’ fhaoite nach ’eil duine sa bith a’ bruadar mar tha mise. Cha ’n ’eil dùil agam gu’n d’ thainig cadal riamh air mo spiorad. N uair a tha mo cholainn ag gabhail tamh na h-oidhche, tha mo spiorad ag itealaich gu saor fuasgailte amach air feadh an t-saoghail. Cha ghabh esan tàmh, agus cha ’n ’eil e air a chlaoidh le saothair. Air leam nach ’eil ann an aisling na h-oidhche ach fearas-chuideachd an anma, an deigh dha uallach na collaine a chur dheth. Saoilidh mi gu bheil a’ cholainn mar leanabh trom gun tùr, fo churam agus aire an anma; agus an déigh do ’n leanabh so dol na ’chodal gu bheil a mhuime a’ dol a mach gu h-aighearach, inntinneach a dh’ fhaicinn an t-saoghail.
Is duine aosmhòr mise, a tha chòmhnuidh fada bho thir m’ eolais, snn am fròig bhochd dhorch’ an aon de chaol-shràidibh a bhaile-mhòir. Is daor a tha mi cosnadh m’ arain, agus tha iarguin na h-aois a’ laidhe gu trom orm. B’ e miann mo chridhe bothan beag fhaotainn ann an deireadh mo làithean, ann an dùthaich nam beann, agus mo chorp, an déigh bàis, a bhi air a chàramh fo lic mo shinnsir; ach ’s e so dòchas nach fhaod mi àrach, agus cha ’n ’eil feum a bhi ’gearan. Bha là nach do shaoil mi gur ann mar so a bhitheadh. Bu mheanmnach àrd-thogarrach mi latha gan robh mi. B’e mo thlachd a bhi fiadhach nam beann, ’s a bhi leantuinn na faoghaid, agus ga rireadh bu mhi nàmhuid a’ choilich-dhuibh agus na liath-chirce. Cha n’ iarrainn caithe-aimsir bu taitniche na bhi ’luinneireachd air a’ chaol. Ghabhainn mo dhuanag agus dheanainn i; bha mi anabarrach déigheil air ceòl, bheireadh an fhigheal orm dannsa, ge b’ ann casruisgte ’s an dubh-chladach, agus cha b’ fhearr mi na amadan fo nuallan na pioba. Bha mi ann an gaol o’n is cuimhne leam, ge nach do phòs mi riamh. Bha gaol mòr agam air ainnir àillidh, a rugadh, agus a thogadh làmh rium; boinne fala co lurach ’s a chunnacas le sùil. Is minic a bha mi leatha ann an coille nan cnò, a buachailleachd nam meann, ’s a’ buain nan dearc air an tòm. O, bu bhòidheach i: bu mhilis leam briagail a beòil, bu taitniche leam fiamh a gàire, agus blàithead a sùl, na aon ni eile a chunnaic, no chi mi gu bràth; ach chuir tuaileas nam briag eadaruinn, agus cha chuala i riamh ciamar. Ach is coma cò dhiubh. Tha mis a nis am dhuine bochd; tha uallach trom air m’ inntinn, agus tha imcheist an t-saoghail so an impis mo chridhe a sgàineadh; mur b’ e bruadair, agus aisling na h-oidhche cha ’n eil fhios ciod e a dheanainn. Is mor am faochadh a tha iad so a’ toirt domh. Cha luaithe ’dhùineas mo shùil, na tha mo spiorad a’ falbh air a chuairt do thir m’ òige. Ann an sin tha mi co òg, uallach, aighearach ’s a bha mi riamh; gun suim do’n aois mhosaich, no do ’n t-saoghal bhuaireasach. Tha leth-cheud bliadhna de m’ laithean mar gum biodh iad air an dubhadh a mach. Tha mi a rìs ann an tigh m’ athar, agus tha e mar bha e riamh. Tha mo bhràithrean agus mo pheathraichean mar a b’ àbhuist doibh. Tha mi an dara cuid, ag camanachd air a’ bhlàr, a’ sealgaireachd air a bheinn, no a’ luinneireachd air a chaol, a deanamh falach-chuain air gach bàt a thig am charamh. Tha mi gu tric ann an aisling na h-oidhche ri mànran milis le m’ chaileig ghaolaich, a’ siubhal ri taobh nam fuaran, ise cho àillidh òg ’s a bha i air an là air an dubhairt mi, nach robh air an t-saoghal uile na chuirinn ann an coimeas rithe, agus mise co aotrom sunntach. Ann an aon fhocal, cha ’n ’eil ni a thug riamh sòlas do m’ chridhe ’s mi og, air nach ’eil m’ inntinn a’ ruith ann am bruadar na h-oidhche. Ach a thuilleadh air so, tha mi am chadal far nach robh mi riamh am fhaireachadh. Tha mi gu tric ann an saoghal ùr, le buaidhibh agus le cumhachd ùr nach d’ fhiosraich m’ inntinn riamh ’s mi ’m dhùsgadh. Tha mi ’n cuideachda righrean agus flaithean an domhain. Bheir mi sgriob do ’n Fhraing, agus gu grad théid mi as a sin do na h-Innsibh. Dìridh mi, ann am prioba na sùl, do ’n ghealaich, agus téarnaidh mi cho grad do uamhaibh dorcha na talmhuinn. Marcaichidh mi an cearban air a’ chuan, no am fiadh air a bheinn. Bidh mi ’n dara h-uair ag gabhail dhuanag leis a’ mhaighdinn-mhara fo ’n fhairge ghuirm, no a’ dannsa leis na sìthichean air an tulaichibh uaine. Saoilidh mi gu bheil comas agam air uairibh siubhal gun chas a ghluasad, ach ag iathadh gu h-aotrom uallach gun fhios agam ciamar, mar ian beadarach, o chnoc gu cnoc, no a’ snamh gu h-aithiseach mar cheò an t-sàmhraidh. Mo bheannachd aig bruadair na h-oidhche, is iomad aotromachadh thug iad riamh dhomh; ach ’s éigin domh aideachadh gu bheil, air uairibh, aislingean mi-thaitneach agam. Ma thuiteas dhomh bhi sealgaireachd ’s a’ bheinn, tha mo ghunn’ a diùltadh agus am fiadh ag amharc orm an clàr an aodainn. Ma ’s ann a luinneireachd a bhitheas mi, tha ’n stiùir air m’ fhagail, tha ’n crann-toisich a mach air a’ chliathaich, agus taoim gu tobhtaichean. Ma théid mi do ’n choille chnò tha leannan mo ghràidh a’ sleamhnachadh bhuam leis an eas, agus chi mi a suailean donn, ’s a làmh fhada gheal ’s a chuairteig dhorcha dhomhain a tha gu h-iosal fotham. Ma théid mi chreach nead na h-iolaire, tha mi ’tuiteam o sgorr na caeige, ’s an crochadh ri preas beag a tha ’n cunnart géilleadh leam. Air uairibh, ’s mi ’m chadal, saoilaidh mi gu bheil mo cholainn air àt gu tomalt anabarrach, a h-uile cas agam mar shac mine, ’s a h-uile miar cho garbh ri buideal. Tha mi air uairibh a bruadar gu’n do thuit mi bharr an eich, ’s gu bheil e an darra cuid na laidha air mo mhuin, no ga m’ shlaodadh as à dhéigh. Bha mi o cheann oidhche no dhe crochte le fuiltein mo chinn ris a’ ghealaich, agus i ’falbh le luaths’ mòr ’s an iarmailt. Bha ’n cuan mòr gu h-iosal fotham, cha bu mhò Breatunn na eilein Mhuile, no an luingeas mòr na na frìdean. Bha eagal mo chridh’ orm gu ’m bristeadh an ròinnein, ’s gu’n tuitinn ’s an àbheis oillteil a bha fotham. Ma dheireadh mhothaich sgiobair na gealaiche de rionnaig-earballach a’ dlùthachadh air, na ’caoiribh dearga, agus ghlaodh e mach. “Gearraibh an ròinnein, leigibh as e, tha e cur moille oirn;” an uair a chunnaic mi chorc a’ dol air, thug mi sgriach oillteil asam a dhùisg as mo shuain mi.
A nise nach iongantach an gnothach so uile, agus nach do-thuigsinn buaidhean inntinn mhic an duine. Is tric a chuala mi mo mhuime Seònaid ni’n Eoghainn ag inseadh mu chladh na dùthcha anns an d’ rugadh mi, gu’m b’ àbhuist do spiorad nam marbh éirigh air mheadhon oidhche a shiubhal an t-saoghail, agus aig gairm nan coileach, tilleadh a ris a dh-ionnsuidh an tighean caola còmhnuidh. ’S ann mar so, ann am bharail-sa, a tha inntinn an duine, co luath ’s a tha cholainn na ’suain tha ’n t-aoidhe so a’ dol a mach a shiubhal an domhain, agus tillidh e a rìs ’n uair a dhùisgeas i.
Thugaibh dhuinn fiosrachadh air a chùis so. Ge h-aineolach mise seach sibhse, tha mi tarruing a cho-dhunadh so uaithe, gu bheil an inntinn à eisimeil na colainne, gu bheil buadhan aig an spiorad nach urrainn cadal a mhilleadh: tha mi tuigsinn o so gu bheil a’ cholainn na ’nasgaidh no na h-uallaich air an spiorad, agus an uair a chuireas an t-anam dheth an corp truaillidh so gu ’n ’éirich e gu àirde agus foirfeachd nach urrainn duinn a nis a thuigsinn. Caidlidh a’ cholainn car seal ’s an uaigh, ach bithidh an spiorad sìor-bheo; a nis tha e air a chumail fodha le uallach na feòla, agus do ’n uallach sin is tric a tha e sgith ach an uair a shaoras cadal a bhàis e o’n uallach so, èirigh e gu coi’ -liontachd neo-chriochnaich.
[Vol . 5. No. 7. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ‘Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, OGUST 15, 1896.
An do phàigh thu am MAC-TALLA? Mur do phàigh na dean maile; cuir a nall e ’s na cuir dàil ann, ’s ni thu fàbhar ruinn is math leinn.
Cha mhaith an sùaimhneas sin a dhruideas ann fhirin a mach air an dorus. Mur teid suaimhneas agus firinn lamh air laimh, is coir an fhirinn a roghnachadh, agus greim a dheanamh oirre mar bhan-chompanach an àite suaimhneas.
Thatar a deanamh a mach gu robh air a chuid bu lugha muillein bàs ann an Armenia air tàilleabh nan Turcach, eadar na mhort ’s a mharbh iad agus na bhàsaich leis a’ ghort. Agus tha rioghachdan Criosdail na Roinn Eorpa a seasamh timchioll gun uiread us bacadh a chur air an t-Sultan.
Thubhairt teallsanach àraidh roimh so “gu’m bi ùine oighreachd-san.” Is oighreachd i gun teagamh a ta luachmhor, ach cha toir i toradh sam bi a mach gun ath-leasachadh. Is oighreachd i gun teagamh a dh’ ath-dhiolas gu pailt saothair an dichiollaich, mur fàgar earran di fàs trid mi-churaim, agus mar cuirear a mach i nis mo air son seallaidh, na air son feuma.
Bha Dughall a’ dol gu Paisley, air an trein, agus bha e ’g iarraidh seoladh an rathaid air Domhnull. “Ma ta” arsa Domhnull “theid thusa stigh dh’ an trèin ’s falbhaidh an trèin, agus thig i gu àite-stad, agus saoilidh tusa gur e Paisley a th’ ann, ach cha’n e Paisley a th’ ann idir, agus falbhaidh i, ’s falbhaidh i, agus thig i gu aite-stad eile, agus saoilidh tu gur e Paisley a tha ’n sin, ach cha’n e Paisley a th’ ann, agus falbhaidh us falbhaidh i rithist ’s thig i gu àite-stad eile, agus saoilidh tu nach e Paisley a th’ ann idir, ach ’se Paisley a th’ ann, agus thig thu as an trèin an sin.
Aodaichean Deante dhe gach seòrsa, Adan, Curraichdean, Leintean agus Brogan, aig D. J. Domhnullach. Tha a phris iseal, ’s tha gach ni a gheobh thu aige math.
Ciod air bith is miann leat a leantuinn anns an t-saoghal, cha téid a’ chuis leat ach a mhàin le dìchioll cruaidh. Buainich gu foighidinneach gus am bi an inntinn ’na làn uidheam, agus gus am bi an cridhe air a cho’ -dhaingneachadh ann an creideamh agus gràdh.
Tha àimhreit eadar càraid phòsda cosmhuil ri seòmar aig am bheil uinneag air gach ceann dheth. Ma dh’fhosgailear an da uinneag còmhladh, bithidh gaoth-tharruing agus fuachd ’san t-seòmar, ach ma dhùnair a h-aon diubh, bithidh an seòmar tiorail agus taitneach. Mar sin, air an t-seòl cheudna, an uair a dhùisgeas connsachadh eadar fear agus bean, ma dhruidear aon bhéul bithidh sìth ’san fhàrdaich air ball.
Thachair sgiorradh craiteach ann an East Point, E. P. I., Di-luain s’a chaidh. Chaidh nighean do Joseph Mac Eachairn, aois naodh bliadhn’ deug, a mharbhadh le tuiteam bhar cartach. Cha d’rinn i ach tigh’n dhachaidh beagan lathaichean roimhe sin, agus chaidh i air a chairt comhla ri gille beag a bha dol a thoirt uisge dhachaidh. Air an rathad ghabh an t-each sgaoim, agus theich e; chaidh a chairt thairis agus bha an nighean bhochd air a marbhadh.
Is iomadh màthair fo lag-mhisnich a ta filleadh nan làmh sàruichte aice air an fheasgair, an duil nach d’ rinn i a bheag ré an latha, ged nach do chuir i seachad aon mhionaid ann an diomhanas o’n dh’eirich i ’sa mhaduinn. Nach mor e do’n mhàthair a bhi làthair an uair a thig a cuid leanaban d’a h-ionnsuidh le’n gearanaibh agus le’n gairdeachas! Nach mòr e do’n mhathair an uair a théid a companach a mach le tlachd chum a chuid oibre, agus a phileas e le toil-inntinn aig an fheasgair gu’ dhachaidh shona fein O! a mhathair shòruichte agus dhilis na smuainich nach d’ rinn thu nithe mòr’ agus luachmhor, an uair a rinn thu do dhleasnas dod’ chèile s’ dod, chloinn, oir cha ’n ’eil fios agad air do chumhachd agus air do chudthromachd fein gus an cuirear chum cleachd iad.
Sean Fhacail.
An rud nach leam cha tarruinn.
An rud a bhios ’san dàn tachraidh e.
An rud nach faic sùil, cha chiùrr cridhe.
An onair nach fhaigh duine a ghnàth, na biodh e ’ga h-iarraidh aon tràth.
An rathad a chuir thu an gruth, cuir ’na shruth am neòg.
An rud a ghabhas ise ’n h-aire, cha chuir an rìgh fhein as e.
An rud a’s fhiach a ghabhail, is fhiach e ’iarraidh.
An rud a ni Domhull dona, millidh Domhull dona.
An rud a thig gu dona, is eutrom a dh’ fhalbhas e.
An rud a thig leis an t-sruth, falbhaidh e leis a ghaoith.
OGUST, 1896.
1 Di-sathairne An Liunasdal.
2 DI-DONAICH 9mh Donach nn Trianaid.
3 Di-luain (2) An Cr.mu dheir.de ’n t-Sol. 2. 20 F,
4 Di-màirt (2) Bas an Ollaimh Mac Thomais, ’52
5 Di-ciaduin Bas Rob Dhuinn, 1778.
6 Dior-daoin (5) Blar Traigh Ghruinneart, 1598.
7 Di-haoine A Ghrian ag eiridh, 4,58,
8 Di-sathairne Duibhre air a Ghréin.
9 DI-DONAICH 10mh Donach na Trianaid.
10 Di-luain (9) An Solus Ur, 0.48. M.
11 Di-màirt Blar Dhailrigh, 1306.
12 Di-ciaduin A Ghrian a’ laidhe, 7.6,
13 Dior-daoin Bacadh na Deise Ghaidhealaich 1746
14 Di-haoine Bas Mhorair Chluaidh, 1863.
15 Di-sathairne A cheud Chr’tl. dhe’n t-Solus, 4.49, F
16 DI-DONAICH 11mh Donach na Trianaid.
17 Di-luain Bas Fhearchair Mhor, Phruisia, 1786
18 Di-màirt Blar Preston, 1649.
19 Di-ciaduin Bliadhna Thearlaich, 1746.
20 Dior-daoin Bas ’Ic Coinnich (Sar Obair. ), 1849.
21 Di-haoine Blar Dhunchaillinn, 1689.
22 Di-sathairne (23) Bas Uilleim Uallais, 1305.
23 DI-DONAICH 12mh Donach na Trianaid
24 Di-luain, (23) An Solus Lan, 2.50, M.
25 Di-mairt Pongannan Pheairt, 1618.
26 Di-ciaduin A Ghrian ag eiridh, 5.20.
27 Dior-daoin Sealg Bhraight Mhair, 1714.
28 Di-haoine A Ghrian a laidhe, 6.39.
29 Di-sathairne Blar Loch-Aillse, 1722.
30 DI-DONAICH 13mh Donach na Trionaid.
31 Di-luain AnCar’tl mu dheir.de’n t-Sol.6 41M
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
So a Mhic!
Ciamar a tha d’ Uaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu
Rhodes & Gannon,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c., Mainspring ,75c. An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.
AN CRANN TARA
(Am Fiery Cross. )
PAIPEAR MIOSAIL AIR SON ALBANNAICH CANADA, anns am bheil air a chlo-bhualadh Dealbhan agus Beath-Eachdraidhean Gaidheil Chanada; Eachdraidh nam Fineachan agus dealbhan an snaicheantais; Ceol, Bardachd, asus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu iomadh ni eile. Pris: — $1 .00 ’sa bhliadhna, no sia miosan air son 50c. Sgriobh us cuir airgead guT . D. MACDONALD, 2591 St. Catherine Street, Montreal.
[Vol . 5. No. 7. p. 5]
NAIDHEACHDAN
Bha boirionnach do’m b’ ainm Mairearad Falconer, ann an Eureka, am Pictou, a mach ag iarraidh a chruidh feasgar o chionn ghoirid, agus thuit i marbh le tinneas a’ chridhe.
Tha’n tiormachd a cur tilleadh mor anns a’ bhárr eadar Montreal us Kingston, agus tha na pastair air an losgadh gu dona. The biastagan mar an ceudna a deanamh milleadh mor air an arbhar.
Tha an t-Urr. T. C. Jack, á Maitland, N. S., an deigh gairm fhaotainn o choithional na h-Eaglais Chleirich ann an Sidni Tuath. Tha sinn a’ tuigsinn gu bheil e ’n deigh a’ ghairm a ghabhail.
Bha stoirm uisge ’s chlachan-meallain ann am Manitoba air an t-seachdain s’a chaidh, agus thatar a’ deanamh a mach gu’m bi am bàrr cruithneachd faisg air da mhuillein buiseal na’s lugha air a tailleabh.
Thainig bàs cianail air fear Iain Dowling o chionn ghoirid aigGay ’s River, N. S.Bha e toirt each òg a stigh as a phastar, agus theich e air, ’ga shlaodadh-san leis air ceann ròp. ’N uair a chaidh a thogail bha e marbh.
Bha fear Iain Whitman, ann an Lunnenburg, N. S., air fheuchainn o chionn ghoirid air son a bhi deanamh droch dhial air crodh coimhearsnaich. Fhuaireadh ciontach e, agus chaidh seachd bliadhna dhe’n tigh-obrach a thoirt dha.
Tha a’ phàrlamaid ùr ri bhi cruinn Di-ciaduin s’a tighinn. Tha an Riaghladh a’ gealltuinn nach bi i ’na suidhe ach beagan ùine, fhad ’sa bhithear a bhòtadh an airgeid gus riaghladh na dùthcha chumail air adhart gus am bi i cruinn a rithist.
Tha fios a thainig á New York Di-ciaduin ag innse gu’n do dh’ aobharaich an teas mor a bh’ aca anns a bhaile sin air an t-seachdain so, o’n thòisich e, bas thri ceud ’s sia air fhichead, agus cha robh choltas aig an àm sin gu robh an teas idir seachad.
Bha teine ann an New York Di-màirt s’a chaidh, agus thatar a’ deanamh a mach gu robh eadar coig duine deug us fichead duine air an losgadh gu bàs ann, agus tha choltas air àireamh de dh’ fheadhain a fhuair as le’m beatha gu ’n toir an losgadh a fhuair iad am bàs fhathast. Cha’n eil fhios ciamar a thòisich an teine.
Thatar a smugaladh moran deoch làidir a stigh do Chuibeic. O chionn ghoirid chaidh soitheach a ghlacadh ris an obair, ach bha i air pairt dhe’n luchd a chur air tir mu’n d’ thainig na h-oifigich oirre. Chaidh an soitheach ceudna a ghlacadh roimhe ris an obair, agus chaidh a creic air rup, ach fhuair a sgioba fhein air ais a rithist i.
Bha teas anabarrach aca ann am Montreal, agus ann an cuid de bhailtean mora nan Stàitean toiseach na seachdain so. Ann am Montreal bha ’n teas cho ard ri 90° , na b’ àirde na bha e o chionn iomadh bliadhna. Ann am Providence, R. I., bha seachdnar air am marbhadh le teas na grèine eadar Di-satharna ’s Di-màirt. Ann an New York chaochail coig duine fichead ’san ùine sin air an aon dòigh.
Tha àireamh de sheòladairean anns a’ phriosan ’sa bhaile aig an àm so air son diùltadh an obair a dheanamh air bòrd an t-soithich Landsdowne, soitheach a bhuineas do Riaghladh Chanada, agus a bha mach air a chuan mhor aig an am. Bha na daoine air am feuchain aig cùirt ann an Sidni Tuath air an t-seachdain s’a chaidh, agus fhuair gach fear dhiubh ceithir seachduinean priosain. Bha na daoine a’ gearain nach robh iad a faighinn biadh ceart air bòrd an t-soithich, agus gu’m b’e sin a thug orra seasamh a mach. Tha e gle iongantach mur urrainn Riaghladh na dùthcha biadh ceart a chumail riuthasan a bhios ag obair dhaibh.
Tha bazaar gu bhi aig muinntir an C. M. B. A. anns a bhaile so Di-màirt ’s Di-ciaduin s’a tighinn. Tha iad an deìgh talla bhriagha ùr a chur suas dhaibh féin, agus ’s ann air son a’ phàigheadh a tha ’m bazaar gu bhi aca. Tha sinn an dòchas gu n soirbhich gu math leotha.
Tha tigh-òsda ùr a nis ann an Sidni. Bha e air a chur suas le Mr. Raonull Gillios, agus bha e air fhosgladh a sheachdain gus an Di-mairt s’a chaidh. Tha e ’na thigh mor rùmail, agus air a shuidheachadh ri oir a’ chladaich. Tha e air aon de na taighean-òsda ’s briagha th’ air an eilean.
Thuit fear Philip Ryan fo’n charbad-iaruinn ann an New Glasgow, oidhche Di-mairt s’a chaidh, chaidh na cuidhlichean seachad air a chasan ’gan gearradh dheth os cionn nan gluinean. Bha e dol air a’ charbad air son a dhol gu Halifax nuair a thachair an sgiorradh dha. Bha e 34 bliadhna dh’ aois.
Bha an t-Onarach Deòrsa Murray air a thaghadh gu h-aon-ghuthach le luchd-taghaidh Victoria Di-sathairne s’a chaidh. Cha robh sin ach mar bu chòir a dheanamh; oir ’se a cheud phriomhair a thug Ceap Breatunn do Nobha Scotia riamh, agus bu chòir da cho-luchd-dùthcha an t-urram sin a thoirt da ge air bith de phàirtidh dhe ’m bitheadh e.
’N uair a thainig ban-righ Victoria air a chrùn, bha da fhichead duine ’sa seachd as gach ceud de luchd-àiteachaidh nan eileanan Breatunnach nach b’ urrainn aona chuid leughadh no sgriobhadh a dheanamh. An diugh cha’n eil ach seachdnar as gach ceud dhiubh cho gann sin de dh’ fhoghlum. Tha ionnsachadh agus eòlas an deigh adhartas mor a dheanamh measg an t-sluaigh o chionn thri fichead bliadhna.
Tha ar deagh charaid, Mr. Seoras Mac Gilleain, anns a bhaile rithist air a chuairt àbhaistich, as leth anStandard Life Assurance Co.Tha a’ chuideachd so a deanamh gnothuich o’n bhliadhna 1825. Tha i air aon de’n fheadhain a’s làidire ’s a’s fiadhluidhe dhe’n t-seòrsa, agus mholamaid i air thoiseach air aon sam bith eile. Tha corr us $40 ,000,000 aig an Standard air cùl a làimhe, agus $12 ,000,000, dhe sin ann am bancaichean Chanada.
Tha aig arm na Spainne ri cath a chur ri namhaid a’s guiniche ’s a’s marbhtaiche ann an Cuba na na ceannaircich. Tha am fiabhrus buidhe an deigh am bualadh; tha na miltean dhiubh ’nan laidhe tinn leis, agus moran a bàsachadh. Cha’n eil e gle choltach gu bheil a soirbheachadh leis an Spàinn ann an cisneachadh Chuba ach gu h-olc; ’se ’s coltaiche nach teid aice air a chisneachadh idir.
Chaochail Alasdair I. Mac-an-Tòisich, duin’ òg a mhuinntir Mhalagawatch, ann am Boston toiseach na seachdain s’a chaidh. Chaidh e dh’ an bhaile sin o chionn cheithir bliadhna, agus latha no dha mu’n do chaochail e sguir e dh’ obair ’s e deanamh deiseil gu sgriob a thoirt dhachaidh. Oidhche Di-luain chaidh e chadal ’se ’na shlàinte àbhaistich, agus ’sa’ mhaduinn fhuaireadh marbh anns an leabaidh e. Cha robh e ach mu thri bliadhna fichead a dh’ aois.
Am feadh sa bha fear Seòras Dùghlach, tuathanach a mhuinntir New Glasgow, a dol dhachaidh oidhche Di-luain s’a chaidh, rug, dithis dhaoine air, leag iad e ’s thug iad uaithe na bha de dh’ airgead air a shiubhal, mu naodh dolair. Chaidh urchair a losgadh air, ach gu fortanach cha d’ amais i air. Ghlaodh e air son cuideachadh agus cho luath ’s a dh’ fhairich iad daoine tighinn, theich na robairean. Mur biodh sin cha’n eil teagamh nach robh iàd air droch dhiol a dheanamh air.
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
SIDNI, - - - C. B.
F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn.
Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.
Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air.
Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.
Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c , &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. A seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.
THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin.
Tha Factoridh Eureka air aon de ’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.
Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.
Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitche’s Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.
[Vol . 5. No. 7. p. 6]
AN D’THAINIG NA GAIDHEIL AN IAR ROIMH AM NA DILE?
Feudaidh a’ cheist so a bhi air a cur le neach ’sam bith; ach mar tha fìor a thaobh cheistean mu nithibh eile cha ’n ’eil freagradh fhaotainn di idir cho furasda. Tha am beagan a leanas air a thoirt air aghaidh mar bharail a dh’ fheudas a bhi ’na cuideachadh gu cùisean a réiteachadh air son fuasgladh fhaotainn do ’n cheist.
Cha bu mhaith leam gu’n togadh neach ’sam bith ceàrr mi, le bhi smuaineachadh gu’m bheil mi a’ ruith gu h-eutrom is gun tùr an aghaidh teagasg neo-fhàilneach a’ Bhìobuill ann a bhi eadhon a’ cur na ceist, —ann a bhi a’ feòraich gu teagmhach mu’n chùis. A thaobh na bheil againn anns a’ Bhìobull ’si mo chreud gabhail gu creidmheach neo-theagmhach ris gach fìrinn a tha againn air a leagadh sìos ann gu soilleir; ach air an làimh eile tha mi gleidheadh saorsa beachd no barail dhomh féin a thaobh nithean nach ’eil air am foillseachadh gu h-iomlan no gu coimhlionta anns an Fhocal. Tha mi saoilsinn gu’m bheil am beachd a tha mi gabhail air a’ chùis glan réidh agus co-shìnte ri rùn teagaisg a’ Bhìobuill cho fad agus a tha sin a’ toirt leis ’n a luib ni ’sam bith a chuidicheas fuasgladh do’n cheist. A bhàrr air so, cha ruig sinn a leas a bhi fo àmhghar gu’n téid creideamh no cràbhadh a charuchadh ás an àite le barailibh luaisgeach do’n t-seòrsa so, a tha ann an diugh is ás am màireach; oir gu tric cha’n ’eil iad ach ’nam meadhon a tha treòireachadh a dh’ ionnsuidh fìrinn is mò agus is cudthromaiche fhaotainn a mach no a dhaingeachadh.
Tha ceud ghluasad no imrich prìomh theaghlaichean a’ chinne-dhaonna ’na chuspair mu’m bheil mòran air a labhairt agus air a sgriobhadh. Ach far nach ’eil eachdraidh ag ìnnseadh le guth dearbhte mu na ròidibh a ghabh na fògaraich sgapte dhoibh féin tha beachdan luchd-rannsachaidh tur eug-samhuil gu tric, agus cha’n ’eil riarachadh ach gann ri fhaotainn. Cha bhi ioghnadh ormsa, uime sin, ged nach faigh a’ h-uile fear riarachadh anns na leanas:
I. —Teisteannas luchd-Ealain.
Tha cuid a cur na cùis air an dòigh so. Tha Ealain am beòil a luchd-riochdachaidh a’ tagradh gu’m bheil aois agus eachdraidh aig cuid do chinnich a tha dol fada ni ’s fhaide air ais na àm na Dìle o’n do shaoradh Noah. Tha aon a’ sgrìobhadh mar so: “Tha dòigh sgrìobhaidh Aibidealaich ann a nis o cheann tri mile bliadhna no còrr, agus tha modhan sgrìobhaidh dealbhaich ri ’m faotainn a’ dol air ais trì mìle bliadhna eile.” (Humphreys’s Origin and Progress in the Art of Writing. )Tha sinn mar so air ar toirt a dh’ aon leum ar air n-ais gu làithibh Adhaimh. Tha e cumail a mach gu’n robh modh sgriobhaidh coimhlionta aig na h-Eiphitich roimh àm Abrahaim; gu’m bheil sgriobhaidhean d’an cuid a làthair, far am bheil iomradh air rìgh sònruichte, Souphi, a bhuineas do lìnn “air a’ chuid is lugha ceithir mìle bliadhna roimh theachd Chrìosd.” Tha e nochdadh mar an ceudna gu’n robh eòlas sgrìobhaidh ri fhaotainn am measg nan Chinese “trì mìle bliadhna” mu ’n d’thàinig Crìosd. Ach cha ’n ’eil an so ach aois bheag an coimeas ris na lìnntibh a chùnnt Epignes, air am bheil Pliny ag iomradh; tha esan ag rádh gu’n d’ fhuair e cùnntas mu reul-eòlas am measg seann mhuinntir Bhàbiloin a bha a’ sìneadh air ais gu còrr is seachd ceud mìle bliadhna (720,000! ), agus gur h-ann air clachaibh creadha a fhuair e an sgrìobhadh. Ach ged nach ’eil e duilich an spleadh so a chur á dealbh fìrinn, gidheadh cha ’n ’eil e cho soirbh beachdan a tha air am bonntachadh air rannsachadh Young agus Chempollion a choinneachadh. O’n mhìneachadh a tha iadsan a’ deanamh air seann sgrìobhadh agus gràbhaladh a gheibhear air clachdaibh agus air leacaibh aosda na h-Eiphit, thatar a’ codhunadh gu’n robh Ealain a’ Sgrìobhaidh air a cleachdadh am measg nan Eiphiteach fagus do chûig mile bhliadhna roimh àm teachd Chriosd.
II. —Teisteannas a’ Bhiobuill féin.
Gheibh sinn mar an ceudna anns na Sgriobtuiribh féin suidheachadh agus iomradh air nithibh a tha ag amharc air ais ri tùs o’n d’ fhas iad, —tùs ni ’s aosmhoire na am beachd coitcheann a thatar a’ togail o’n Bhìobull
Ann an làithibh Abrahaim tha sinn a’ leughadh mu ’n staid eòlais agus ealain air an d’ ràinig na h-Eiphitich. Tha iad air an cur f’ ar comhair mar chinneach agus mar rìoghachd ann an làn òrduigh, crutha, agus coimhliontachd. Bha eòlas aca air Ealainibh, mar chunnaic sinn mu Ealain a’ sgrìobhaidh, air nach ’eil cinnich a’ faotainn greim ann an ùine bhig. ’S ann a mhàin mar thoradh air mòran feuchain, oidheirp, agus saothair, a tha a leithid so do dh’ àirde eòlais ri a faotainn am measg chinneach, —mar thoradh air fàs cuairt mhòr do bhliadhnachan. Am measg nan nithe eile a dh’ oibrich iad a mach dhoibh féin, gheibh sinn rian a’ sgrìobhaidh. Ràinig iad aig an àm so air ceum àrd na h-aibideil—ceum air nach d’ ràinig mòran do chinnich na h-àirde- ’n-ear gus an latha ’n diugh. Is ann le saothair mhòir o mhodh sgrìobhaid le deilbh a ruigear air inbhe na h-aibideil. A nis bha an Eiphit an làn sheilbh air so agus air ioma rud eile ann an lìnn Abrahaim. Agus ’n uair bheir sinn fainear nach robh ann an Abraham ach an deicheamh o Noah, tha e ’na aobhar ioghnaidh gu ’m b’ urrainn do chinneach mòr, a ràinig air mòran eolais, ealain is innleachd, a bhi air fàs suas anns an Eiphit ann an ùine cho goirid. Agus cha ’n e a mhàin gu’n robh an Eiphit air fàs suas ’n a cinneach treun anns an ùine ghoirid ud; ach gheibh sinn mar an ceudna moran do rìghrean agus do shlòigh eile mu ’n cuairt anns a’ cheáirn ud. Feudar so a thuigsinn o chogadh Chedarlaomeir agus a chompanach. Os bàrr so, bha sluagh tiugh sgaoilteach ann an Canaan; agus mar an ceudna ann am bailtibh a’ chòmhnaird, Sodom, Gomorrah, Adman, is Seboim.
A nis is e an ni duilich fhosgladh air dòigh riarachail, cionnus a b’ urrainn an Eiphit, anns an ùine ghoirid a bha eadar Noah agus Abraham, fàs suas gu cruth agus staid cho coimhlionta agus a tha ’ga cliùthachadh ann an làithibh Abrahaim? Tha e soilleir gu’n gabhadh e cuig no sè linntean o Noah mu ’m b’ urrainn sluagh gu leòir a bhi ri fhaotainn ’s an Eiphit a dh’ oibricheadh a mach ealain is innleachd. Bhiodh na ceud ghinealaich ’nan luchd-gleidheidh bhuar is threud. A rìs tha e doirbh a thugsinn cionnus a b’ urrainn an Eiphit is cinnich eile tighinn gu h-inbhe cho àrd ann an ceithir no cuig a linntean ’na dhéigh sud. Bha aithrichean an là gun teagamh a’ faotainn aois mhòir, ach cha réitich so a’ chùis gu buileach. A réir mo bheachd-sa gabhaidh an gnothuch a bhi air a shoilleireachadh gu Sgrìobturail agus sin an còrdadh ri eachdraidh mar an ceudna, le aobhar agus run na Dìle a chumail ’n ar cuimhne.
III. —Run agus Farsuinneachd na Dile.
Tha a’ chuid is mò do dhiadhairibh maille ri luchd-ealain ag aideachadh a nis nach robh an Dìle a’ còmhdachadh aghaidh na talmhain gu h-iomlan. Tha iad ag ràdh nach robh e feumail gu ’m biodh sgrios tuileil ’s am bith air a thoirt air ceàrnaibh anns nach robh daoine a chòmhnuidh. Nach robh e feumail mar so a thaobh rùn Dhia gu’m biodh an tuil uile-fharsuinn. A ris ri taobh so tha e soilleir a réir a’ chùnnntais a tha againn air meud ua h-àirc nach b’ urrainn dithis do gach creutair beò air thalamh a bhi air an gabhail a steach innte. Tha an àireamh diubh so air am bheil eòlas mionailteach a’ toirt cùnntais dhuinn a nis cho mhòr, agus gach latha a’ fàs, ’s gu ’m biodh e tur mi-reusonta a smuainteachadh gu ’n d’ fhuair iad àite ’s an àire. Ach chì sinn nach ’eil aobhar àraidh ’s am bith a bhi cumail a mach gu ’m feumadh iad uile a bhi innte. ’N uair a sheallas sinn ri rùn, modhannail no crìoch shònruichte na Dìle, gheibh sinn, a réir mo bheachdsa mìneachadh riarachail air a’ chùis. Tha rùn Dhia ann a bhi toirt sgrios air an t-saoghal leis an Dile air dheanamh glé fhoillsichte. Chunnaic Dia iomchuidh, agus feumail d’a riaghladh modhannail air daoinibh, gu ’m bu choir peanas a dheanamh air an aingidheachd uamhasaich ud a thàinig an lorg a’ chomhcheangail mhi-naoimh agus mhi-nàdurra a rinneadh eadar sluagh sònruichte Dhé féin agus a’ mhuinntir a bha an taobh a mach do chrìoch an fhìor chreidimh agus aoraidh. Ghabh mic Dhé nigheana dhaoine d’ an ionnsuidh an aghaidh a’ chleachdaidh agus na h-àithne. Tha an leithide sud do chuingibh mi-naomha air an dìteadh o thoiseach gu deireadh a’ Bhiobuill; agus gheibh sinn gu bheil Dia a’ fiosrachaidh air dòigh ro gheur an toraidh uile a thig ’na
[Vol . 5. No. 7. p. 7]
dhéigh sud. Sgriosadh bailtean a’ chòmhnaird air son aingidheachd a bha car do shamhuil sud; agus a rìs air son gu ’n robh iad cho fagus do shluagh sònruichte Dhia féin. Chi sinn mar so gur h-ann a chronachadh aingidheachd agus a bhacadh a fàis a tha Dia a’ tighinn gu h-uamhasach aig àmanna àraidh le dìoghaltas air peacadh; agus mar an ceudna a ghlanadh oighreachd féin agus a’n gleidheadh cuimhneachail air an crìoch nèamhaidh. Ann a bhi a’ sealltuinn air rùn Dhia anns an dàimh so chi sinn nach ’eil e, air a’ chuid is lugha, mi-reusonta a bhi ag altrumas a’ bheachd nach ruigeadh Dia a leas gach treubh air thalamh a sgrios a dhìon no dh’ fhirineachadh a cheartais no a dheadh riaghlaidh am measg dhaoine. B’ urrainn e, agus rinn e gu tric, a chliù agus a cheart uachdranachd fhoillseachadh agus a dhearbhadh le làimh a bhreitheanais a leagadh air ceàirn no cuid gun na h-uile bhi air ghabhail a steach ann an sguib a dhioghaltais. A thaobh teaghlach a’ chùmhnaint am measg am feum e ghnàth fianais a bhi aige dha féin, tha e soilleir cionnus a bhiodh e iomchuidh agus ceart labhairt air sgrios na dile mar bhreitheanas a ghabh gach beò ’na luib, —aig an robh na h-uile ach Noah a mhàin agus a theaghlach an glaic. Agus fo bhuaidh sgriosail slat an dioghaltais mar an ceudna thigeadh na treubhan a b’ fhaisge do shluagh a’ gheallaidh; do bhrigh agus gu’n robh iad ’n am buaireadh agus ’nan ceap-tuislidh dhoibh. Dh’ fheudadh Maois sealltuinn agus labhairt air teaghlach a’ chumhnaint mar a’ teachd fo sgrios uile-fharsuinn a’ gabhail a steach nan uile. Feudaidh na facail, “an saoghal uile” a bhi air an tuigsinn ann an seadh cumhann mar dh’ fheumar a dheanamh a thaobh cuid eile do’n Bhiobull.
IV. —Codhnuadh.
Mhineachadh am beachd so mu fharsuinneachd na dile cionnus a bha mòran slòigh a rainig air àirde ealain is innleachd ri fhaotainn anns an Eiphit cho tràth ri àm Abrahaim. Dheanadh e mar an ceudna ni ’s so-thuigsinn cionnus a gheibhear luchd-àiteachaidh, cho fhad agus a tha eachdraidh a’ dol, ann an cèarnaibh eug-samhuil na talmhain; mar an ceudna an ni iongantach gu ’n robh sìol nàistneach do dhaoinibh anns gach dùthaich a fhuaradh a mach riamh fathast. Bhiodh e ni b’ usa ceud àiteachadh na Roinn-Eòrpa a thuigsinn a réir a’ bheachd so; agus mar an ceudna an t-àm tràth aig an d’ fhàg na Gàidheil an àirde- ’n-ear, agus a thriall iad troimh cheàrnaibh deas na h-Eòrpa, anns an robh iad uine mhor roimh éiridh na Gréige agus na Ròimh. Bhiodh an triall no an cuairt troimh ’n Ghréig agus troimh ’n Eadailt aig an aon àm anns an robh an Eiphit ’n a séis; agus anns an robh an h-Iùdhaich no na h-Eabhraich a’ fàs ’n an cinneach. Dheanadh am beachd so màr an ceudna ni bu choslaiche cionnus, mar tha na Greugaich ag innseadh dhuinn, a bhiodh e comasach do Fheallsanach Druidhneach o na h-Eileanaibh Tuathach so, —“the hyperborean philosopher, ”—dol a dh’ fhaicinn na sgoil fheallsannaich ’s a’ Ghréig air an robh Pythagoras ’n a cheann. Bha meas mòr aig na Greugaich theuma air an eòlas agus air an fheallsanachd a nochd Abaris a bhi aige. Is tha e gun teagamh iongantach cionnus a b’ urrain fear cho fòghluimte dol às na h-Eileinibh so cho tràth ri sé ceud bliadhna roimh theachd Chrìosd; agus aon seachd ceud bliadhna roimh ’n àm anns robh Fionn is Oisein beò. Ann an solus nan nithe so mar an ceudna tha e ni ’s usa a chreidsinn agus a thuigsinn gu dé mar a bha tùir dhion nan Gàidheal agus an clachaireachd ag amharc aosda ri lìnn nan Ròmanach. Tha mi a nis a’ fàgail na cùis so agus mo bharailean féin mu déibhinn aig feadhainn eile aig am bheil theagamh fradharc is faide agus is géire. Ach their mi fathast gu feud e an déigh so a bhi air a dhearbhadh air bonn fìrinn nach e sgeulachd tur gun toinisg a bh’ ann an uaill Mhic-Neill Bharra, Nach robh esan an eiseimeil àirc Noah, gu ’n do sheachain e an tuil ’n a dheadh Bhìrlin féin!
SEANN RAMH.
C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
Bathar Tioram.
20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir.
Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3 .25.
Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na th’ againn gle shaor.
IAIN A. Mac COINNICH & CO.
CARADH
Uaireadairean
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.
Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar uthcha tha ’nar beachd
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.
Siosal & Crowe.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
[Vol . 5. No. 7. p. 8]
LAOIDH.
Thig, a thobair mhéir gach tìodhlaic,
Gléus mo chridh’ a sheinn do ghràis;
Sruthean tròcair ’ruith gun dìocadh;
Gluaisidh mi gu cliù is gràdh.
Tugam an so m’ Ebenéser,
’S tu is téarmunn domh gach uair;
’S tha mi ’n dùil gu d’ àros nèamhuidh
Gun dèan thu mo ghiùlan suas.
Thàinig Iosa Crìosd ga m’ shireadh,
’S mi air seachran uait ’s an càs;
’S chum mo theasairginn o mhilleadh,
Dhoirt e ’fhuil is dh’ fhuiling bàs.
O, do ghràs, cia domhain m’ fhiachan,
’S mi na fheum gach oidhch’ is là!
Biodh e dhomh mar gheimhlean iarainn,
’Ceangal m’ anma riut gu bràth.
Tha mi ullamh—mar is nàr dhomh—
Gu bhi ’fàgail Dia mo ghràidh;
Gabh mo chrìdh’, a Shlàn’gheir ghràsmhoir,
Séulaich e chum Tìr an Aigh.
ORAN.
Chuala mi na ceathrannan a leanas aig caraide domh, agus shaoil leam gu’m bu mhath a b’ fheach iad an clo-bhualadh, agus na’n deanadh sibh sin bhithinn fada ’n ur comain. B’e ceann-aobhar an òrain bhig so teachd dhachaidh Uilleim A. Mhic Fhionghain do Christmas Island à Boston. Co rinn e ach Ailein Mac Gill-Fhaoilain, mac brathar do Dhomhnull Gobha. Tha Ailein an drasda ’m Boston. Tha tomhas math de bhàrdachd anns an duine so, agus tha dochas agam fhathast tachairt air fhein, agns pairt de rannan a sgriobhadh.
DOMHNULL.
AIR FONN: —Bonnie crossing the Alps.
Tha samhradh tlachdmhor, iochdmhor, neartmhor
Nis air teachd chur fàilte oirnn,
’S a’ ghrian le ’teas cur brigh ’s gach meas
’Tha lubadh phreas gu pailte oirnn;
Tha anail neòil( ’s fharsuinn beòil
A seideadh sheòl gu cosnadh)
Air thalamh tlàth le pòg gach la
Toirt fionnachd tràth le osnadh.
Gach craobh le buaidh bho ’h-eideadh nuadh
Nach eil fo fhuachd ’ga furtachd,
Do phairc ’s fàl an crodh le ’n ál
Tha tràigh us sàl neo-ghortach.
’Nuair shiubhlas uainn ar caraid buan
Dhe’r beinn no cuan ’g ar fàgail,
Cha dean bun-stàth gach ni so tha
Cridh fear no mna a thogail.
’S co-ionnan Mairt le naimhdeil neart
Bho eadadh gairteach geamhraidh
Gach tinneas gruaidh, gach binneas uaidh,
’S milis snuadh an t-samhraidh
Cha’n ann air slirdh bho’n reothadh liath
’Nan dealtadh fion na ròsan
Ach anns a chom ’s an inntinn teann
Tha bàrr us bun ar sòlais,
Tha iomadh gruagach òg fo ghruain
Mu’n cuairt so ’s Baile-Thearlaich,
A’ caoidh do chruth ’s nach cluinn iad guth
Ma’n t-seòd air ’n robh iad eòlach.
B’e sin an ceòl le “Deigh a Bhal”
A bheireadh càil gu dannsa,
Do fhear us te le ceumaibh reidh
A falbh le cheil’ mar b’ annsa.
Ma thig ’nan cuimhne ’m “Bowery” sheinn
No “Auld Lang Syne” mar b’àbhaist,
Air ionndrain uile thig gu h-ullamh,
’S ni iad fuireach sàmhach.
O chuidhle ’n fhortain le deagh chosnadh
Thoir e Bhoston direach,
Bho àrd Cheap Breatunn bheanntail, easail,
Dhubh-ghorm, liosail ghàireach.
A dhi do theachd air “Bromley Park,”
Tha “Mac” bho thaic an annraidh.
’S air iomadh sràid tha te nach fheaird
Ged dheanadh bàrd dhi mànran.
Na cuir ruinn cùl, na searg ar dùil,
Mar fhuaran ùr a mhillt oirnn;
Mar shamhradh tlachdmhor, iochdmhor, neartmhro,
Thig chur feart us failt oirnn.
STOR UR TAILLEARACHD
ANN AN
StorW . E. Peters.
Aodaichean Mathadhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.
Theid sinn an urras air an obair.
MacCoinnich & Co.
Sidni, C. B.
SANAS.
Ma tha thu air son Deise mhath dheante fhaotainn air prisis eil, rach a choimhead air
D. J. DOMHNULLACH.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .,
SIDNI, - - C. B.
NUAIR THEID THU ’BHADDECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram, Bathar Cruaidh
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile.
An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.
NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B,
Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha.
McDonald Hanrahan & Co,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram,tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co
Mai 4. ’95;
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MHAC-TALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean.
title | Issue 7 |
internal date | 1896.0 |
display date | 1896 |
publication date | 1896 |
level | |
reference template | Mac-Talla V No. 7. %p |
parent text | Volume 5 |