[Vol . 5. No. 8. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OGUST 22, 1896. No. 8.
BAS AN NEO-CHIONTAICH.
Is dèisinneach ri leughadh na cunntais a gheobh sinn gu tric, ri linn laghannan na rioghachd a bhi moran na ’s cruaidh e na tha iad a nis, air muinntir a bhi ’g an diteadh gu peanas, agus iomadh uair gu bàs, air son amhrus cionta nach gabhadh dearbhadh na ’n aghaidh. Mar eisimpleir air an ni so gabh an sgeul cràiteach a leanas.
Bha ann an Sasunn o chionn greis mhath de dh’ ùine òsdàir a b’ àbhaist a bhi ri spuinneadaireachd air luchd-turuis. Chaidh e a mach oidhche agus comhdach air ’aodann, los nach aithnichteadh e, agus thachair fear air a gabhail an rathaid; leum e air, agus chreach e d’ a sporan e, anns an robh fichead bonn òir. Ghreas e dhachaidh, agus tacan as a dheigh, co thàinig gu trom, airsnealach ach an duine bho ’n do bhuin e ’n t-òr. Dh’ innis e mar a dh’ éirich dha, aig a’ cheart àm ag ainmeachadh gu ’n colm[ ? ]hara aige air gach bonn d’an ór, agus, uime sin gu ’n robh e ’n dòchas gu ’n rachadh greim a dheanamh air an fhear a rinn an reubainn air. Cha robh an t-òsdair fein a làthair an uair a bha an duine a’ cur an ceill na nithe so, agus an uair a chaidh innseadh dha le cuid de ’n luchd-taighe, chuimhnich e gu ’n d’ fheuch e ri aon de na buinn a mhùthadh, agus bhuail iomaguin chruaidh e cia mar a gheobhadh e as an rib anns an robh a choltas air gu ’n do thuit e. Bha eagal air gu ’n rachadh am bonn oir a lorgachadh g’a ionnsaidh, leis gu ’n robh comhara air. Cha ’n fhac’ e dòigh a bu choltaiche na feuchainn ris a’ chionta a chur air aon d’a ghillean. A chum ruigheachd air a so, fhuair e ’n dram a chur air an t-seirbheiseach, a charadh a laidhe tràthail, agus, an deigh dha tuiteam na ’chadal, chuir e `n còrr de na buinn òir agus an sporan ’na phòca. Chaidh e an sin a dh’ ionnsaidh an fhir a chaidh a robadh, a’ feòraich dheth am b’ fhior mar chual’ e—gu ’n deachaidh a robadh air an rathad gu thighe-san, agus fichead bonn oir a thoirt uaith. Thuirt am fear eile gu ’m b’ fhior. Fhreagair an t-òsdair gu ’n robh gille na ’sheirbheis-san a bha tric am mach ’s an oidhche, agus nach b’urrainn cunntas ceart a thoirt iomadh uair c’ àit am biodh e—gu ’n robh e mach toiseach na h-oidhche sin fein—gu’n robh gu bitheanta tuilleadh airgid aige ’sa mheasadh iad a b’ urrainn a bhi aige gu h-onarach—uime sin gu ’n robh e a’ cur roimhe dealachadh ris. “A bharr air sin,” ars’ esan, “chuir mi a mach an nochd e le bonn oir air tòir mùthaidh, agus thill e ag innseadh nach d’ fhuair e e; ach an àite a’ bhuinn a thug mi dha a thoirt air ais, thug e dhomh am fear so air am bheil mi a’ faicinn comharra. Cha b’ urrainn domh mar dhuine onarach gun so inseadh dhuit—faic an e so fear de na buinn a chaill thusa.” Dh’ aithnich an coigreach a bhonn oir fein, agus ghrad-iarr e an gille a rannsachadh—rud a chaidh a dheanamh gun dail agus fhuair iad an sporan agus na naoi buinn deug òir am pòca an t-seirbheisich. A reir gach coltais bha a’ chuis a nis dearbhte na aghaidh, a dh’ aindeoin gach àicheidh a rinn e air lamh ’s a bith a bhi aige anns a’ ghnothach. Chaidh a thoirt gu cùirt, agus leis gu ’n robh a chionta air a meas cho soilleir, rinn am britheamh a dhiteadh; agus air bheag an dàlach an deigh sin chaidh an gille neo-chiontach, bochd, a chur ga bàs air a’ chroich.
Bho ’n fhuair an t-òsdar as a’ gheambairne so cho soirbh cha do sguir e d’a dhrochbheart. Lean e air an spùinneadh gus an deachaidh a ghlacadh mu dheireadh, gun doigh aige air dol as, ann an gniomh eile d’ an t-seorsa cheudna. Chaidh binn bàis a thoirt a mach air fhein; agus cha b’ ann gus a sin a dh’ aidich e an lamh chiontach a bha aige ann am bàs a’ ghille bhochd eile. An uair a chaidh a’ bhinn a chur an gniomh air an òsdair bha gach duine a’ meas gu ’m bu dioghaltas e a bu gheal a thoill e diteadh bho nach dual do ’n mhortair dol as.
J. W. ’sa Ghaidheal.
IOMRADH AIR MO THURAS DO CHEAP BREATUINN.
(Air a leantuinn.)
Tha mi faicinn gu bheil Seumas Ailean Mac Illemhaoil am Muileach gasda, agus “Bodachan a Ghàraidh” a fàs gu math mòr aig a chèile. Tha mise creidsinn na’m biodh an tuille eòlais ac’ air a chéile nach b’ ann bu lugha an càirdeas. Na’n robh “Bodachan a Ghàraidh” cuide riumsa an latha chunnaic mi Seumas is e marsadh le a phiob na achlais ’s a bhonaid ghorm Ghàidhealach air leth-taobh a chinn, agus e ’leantuinn Dhonnachaidh Mhunn a’ Colonsaidh, mo dheagh charaid, a bha air muin steud-each glas, theireadh e gu’m b’ fhior Ghàidheal Seumas. Gu ma fada beò le chéile Seumas agus “Bodachan a Ghàraidh” gu bhi sgriobhadh ugainn ’sa MHAC-TALLA.
Dh’ fhàg mi Baddeck air Di-luain an darra latha fichead de’n Og-mhios agus agus ghabh mi’n rathad-iaruinn gu Sidni, Ceanna-bhaile Cheap Breatuinn. Tha e so na bhaile bòidheach, le mu’n cuairt air 3500 sluaigh ann. Tha Gàidheil pailt anns a’ bhaile so, agus mar dhearbhadh dhuibh air gu bheil cuid aca co-dhiu ’nan Gàidheil dhuin eil tha MAC-TALLA air a chlo-bhualadh gach seachdainn na theis-meadhoin. Bidh cuid a feorach am faca mi Mac-Fhionghainn, an Gaidheal òg a tha air ceann a ghnothaich. Chunnaic ma tha. Chaidh mi dh’ aon sgriob g’a fhaicinn, agus a chur beagan ùine seachad maille ris. Tha e gach seachdainn cho trang ri neach ’san tir, a cur air aghaidh cùisean a MHAC-TALLA. Tha càirdean math aige ’ga chuideachadh bho àm gu àm, ’s tha feum aige air sin. Ged nach eil MAC-TALLA na phaipear mor tha e ’tighinn a mach tric agus cha ’n ’eil a chuid mhor de dhaoine a meas an obair agus a chosgais a tha ’na chumail air aghart. Biodh gach neach a’ cuideachadh mar a dh’ fhaodas e le a pheann agus le a sporan. A chuid is urrainn deanadh iad comhnadh air an dà dhòigh, agus a chuid nach urrainn dad a dheanamh le peann deanadh iad gu math le ’n cuid dhollar a chur air aghaidh gun dàil. Tha mise mi-fhéin air dheireadh am bliadhna. Cha d’ fhuair mi gu so mo dhollair a chur air falbh air son na bliadhna so a thòisich air a mhios a chaidh seachad. Tha mi air mo nàrachadh! Ach tha mi ’cur dollair eile null bho ghabhaltach ùr a fhuair mi ’n la’ roimhe air a shon. ’S docha gu’n gabh sin mo leisgeul air son mo dhearmaid. Tha e duilich leam cho tearc ’s a tha iadsan a phàigh air a mhios so. Dùisgeadh na h-uile Gàidheal suas gu bhi deanamh a dhleasanas fhéin agus an sin ma thoisicheas MAC-TALLA ri trod cuiridh sinn na chuimhne an ni gheall, e “nach cluinnear guth mor na droch fhacal uaithe.”
C. C.
Tha eagal air “C. C.” gu bheil e deanamh ’iomradh mu ’thurus do Cheap Breatunn tuilleadh us fada; ’sin a tha e ’g radh ruinn ann an litir bhig a fhuair sinn uaithe air an t-seachdain s’a chaidh. Cha ’n eil eagal sam bith oirnne dh’ a thaobh sin, agus ’se ar barail gur h-ann mar a’s fhaide ni e ’n t-iomradh a’s fhearr a chordas e ris a chuid mhòr de leughadairean MHIC-TALLA.
Far am bi an toil, bidh an gniomh.
[Vol . 5. No. 8. p. 2]
ISEABAIL ODHAR AGUS MONAGAN.
MAR a thuirt mi roimhe bha Iseabail gun leannan aig aois a cuig bliadhna deug thar fhichead! Co chuala riamh a leithid! Ach, mo thruaighe, thàinig gnothuichean mu ’n cuairt a thug air falbh gach dòchas a bh’ aice. Cha ’n eil fhios agam, ged a thuirt mi sid nach ’eil mi fada cearr, oir chuala mi gu robh cailleach Eachainn mhòir ag ràdh nach tugadh na mnathan duil thairis de phòsadh fhad ’s a bheireadh an clobha-teine fuil as an luirgnean! A dh’ aon chuid chaill Iseabail a cùl-taic, agus so mar a bha.
Thachair gu ’n do bhàsaich am fear-ionaid a bh’ ann an Ard-chomhairle na Rioghachd airson na Siorramachd d’ am buinneadh am fearann a bh’ aig a h-athair. ’S e Mr. Dìleas a b’ ainm dha. Bha e ’na dhuine ro ghlic, tuigseach, agus gheibhte an còmhnuidh e na àite ’s an Ard-chomhairle a’ deanamh gach ni na chomas airson maith na Siorramachd ’s toil an luchd-taghaidh a chur air aghaidh. Nis bha e fad iomadh bliadhna ’s an Ard-chomhairle, agus bha bheachdan fhéin ’s beachdan an luchd-taghaidh gu léir, faodaidh mi ràdh, a’ co-chòrdadh. An déigh a bhàis thàinig dithis air aghaidh g’ an tairgse fhéin do’n luchd-taghaidh. Bha na fir so a dh’ atharrachadh beachd a thaobh ealainn-riaghlaidh. An rud a bha ceart a réir beachd an dar a fir, bha e tur cearr a réir beachd an fhir eile. Na’n canadh an dara fear fitheach dubh, chanadh am fear eile fitheach geal. Ach bha aon ni anns an robh iad ro choltach ri chéile, ’s b’ e mar a ghealladh iad gu ’n deanadh iad rud sam bith a chuireadh an luchd-taghaidh m’ an coinneamh a dheanamh. Cha robh mùthadh sam bith leo co dhiu a ghabhadh a’ chùis deanamh gus nach gabhadh; oir bha fhios gu maith aca na’m faigheadh iad aon uair a steach a dh’ Ard-chomhairle na rìoghachd gu ’m faodadh iad a ni thoilicheadh iad a dheanamh. Air do ’n chùis a bhi mar so, ghealladh na fir ged a dh’ iarrta orra cat air am biodh naoidh earbuill! Rinn fear dhiu òraid ro shnasmhor anns an do leig e fhaicinn gu ’n robh eòlas ro fharsuinn agus ro mhion aige air gach dòigh anns am bu chòir laghannan de gach seorsa bhi air an deanamh. Na’m b’ e ’s gun cuireadh iad a dh’ urram airsan na thaghadh e gu bhi na fhear-ionaid air an son ’s a’ Phàrlamaid, bha rùn air iomadh lagh agus aiaghailt a thoirt fa chomhair na Parlamaid. Agus is e a cheud achd a bha mhiann air a thoirt fa chomhair na h Ard-chomhairle, gu ’m feumadh na h-uile fear a bhiodh a dol a phòsadh a làmh a chur ri paipear am fianuis a’ phears-eaglais agus dithis fhianuisean, gu’n robh cnaimh na chois, ’us clach na shùil, ’us meall eadar a dha chluais nach bu lugha na cheann, agus gu robh e falbh crom crotach fo na neoil! Bha e cumail a mach gu ’n deanadh an t-achd so feum mor do ’n dùthaich gu léir, a thaobh gu ’n cumadh e suas na prìsean, agus mar sin, gu ’m feumadh na Frangaich fuireach aca fhéin olc air mhaith leo. So, mata, na tha air chuimhne de ’n òraid fhileanta ’thug Mr. Goileam seachad; agus, o ’n a b’ e uachdaran an àite, bha e ’n dùil gu’n tugadh gach ìochdaran am focal-taghaidh dha, agus, mar sin, bha na h-uile dòchas aige gu ’m faigheadh e do ’n Phàrlamaid.
Ach an rud a bhios ’s an dàn tachraidh e; agns o nach robh e ’s an dàn do Mhr. Goileam a dhol do’n Phàrlamaid cha do thachair e. Thug a chuid mhòr de na tuathanaich air an oighreachd aige am focal-taghaidh do ’n fhear eile; ach ma thug, cha robh sin an nasgaidh dhoibh air a’ cheann mu dheireadh. Bhòidich an t-uachdaran coìr, aon uair ’s gun ruitheadh an aonta a bh’ aca air an cuid fearainn a mach, nach faigheadh iad ploc tuilleadh air an oighreachd; agus mar sin gu’m bu cho maith dhobh a bhi deanamh nan sùgan. Am measg na muinntir a choisinn, mar so, diomb an uachdarain bha athair Iseabail; agus cha robh gun ruith a mach de ’n aonta aige ach da bhliadhna. Bha dòchas aige gu ’n rachadh an aonta ùrachadh dhasan co dhiu, a chionn gun robh e nis iomadh bliadhna ’paigheadh mail gu riaghailteach air an stall air an robh athair agus a sheanair; ach gu h-araidh, o’n bha e air fàs trom agus mall le aois ’us allaban, bha dòchas aige nach cuirte gluasad air fhad ’s bu bheò e. Coma co dhiu, ’nuair a ruith an aonta a mach cha robh aige ach gach ni ’reic, ’s triall do ’n bhaile mhòr; oir cha ’n fhaigheadh e uiread agus làrach tighe, ge bu bheag e, air an oighreachd, ’s cha mho bha chridhe fasgadh na h-oidhche a thoirt da. B’ éiginn triall do ’n bhaile-mhòr; agus gu cinnteach, ceart, b’ olc a chòrdadh dòighean a’ bhaile mhòir ri fear a chleachd a bhi air a thoil fhéin am measg nam beann ’s nan gleann, air a chuartachadh mòr thimchioll le maise agus gloir nàdair. Chaill an duine bochd a chàill, ’s a shunnd, ’s a shlàinte, cearta-cruinne-còmhladh, agus mu ’n d’ thainig ceann na bliadhna bhàsaich e leis a bhriste’ -chridhe. Dh’ fhag e sia ceud punnd Sasunnach aig Iaseabail a bharrachd air mòran innsridh. Rud nach b’ ioghnadh bha i ro bhrònach ’s ro thùirseach an deigh a h-athar; ach air a shon sin cha do chaill i a misneach. Shuidhich i dha no tri de na seomraichibh air luchd-fuirich, agus mar so bha i gach bliadhna a’ cosnadh mal an tighe, agus còrr ’s na chumadh i fhéin an ordugh. Bha ’n corr so ’ga chur an dràsta ’s a rithist do ’n Bhanca comhla ris na bh’ ann roimhe, agus o bhliadhna gu bliadhna bha ’n t-suim a’ dol a méud.
Air là àraid ’s aon de ’n luchd-fuirich an déigh an tigh aice fhàgail, co thigeadh mu ’n cuairt a dh’ fhaighneachd mu mhàl an t-seomair ach sgaomcire lachdunn, a rugadh ’s a a thogadh am Manainn, d’am b’ ainm Monagan. Chòrd e fhéin agus Iseabail mu mhàl an t-seomair, agus an ceann là no dha thàinig e dh’ fhuireach leatha. Bha bùth beag aig Monagan, agus bha e reiceadh bathar de gach seòrsa, mar a tha spiosraidh, bathar-tioram, obair-iaruinn, agus na h-uiread de threallaich eile ro lionar r’an àireamh. Na h-uile cothrom a gheibheadh e bheireadh e greis air seanachas ri Iseabail. Cha robh so a mi-chordadh rithe idir. Ach bha Monagan coir a’ gabhail misnich agus a’ fas dàna na h-uile latha, gus mu dheireadh, ’n uair a thuig e gu soilleir gum bu ro thoil le Iseabail an dol a mach a bh’ aige, an do thòisich e ri bruidhinn air cho fior comh fhurtail ’s a bha e riamh o’n là ’thàinig e dh’ fhuireach leatha, agus gu’m b’e ceann fortanach fear sam bith a gheibheadh a leithid a dheadh bhean-taighe gu bhi toirt an aire air a ghnothach. Cha dubhairt Iseabail ’s e no cha n-e mu’n chùis, oir chuir cainnt Mhonagain fior ioghnadh oirre. Bha i dol a steach gu maith ’s an dà fhichead bliadhna ’s a dhà, agus cha do labhair duine riamh rithe, bha i ’smuaineachadh, mar a labhair Monagan. Cha b’ urrainn i a bhriathran a leigeil air di-chuimhne. Bhiodh iad a’ seirm na cluasaibh na h-uile taobh a rachadh i. Mhothaich i ni-éiginn na shùilibh nach do mhothaich i ann an sùilibh aon mhic mna air an do phrib i ’roisg riamh. Bha i ’ga faireachadh fhéin mar nach d’ fhairich i i-fhéin riamh roimhe. Bhiodh i ’n dràsda ’s a rithist a dol fo a smaointean feuch an tuigeadh i ciod a bha cur oirre, agus cha b’urrainn i ràdh gu’n robh i tinn, no idir gu’n robh i slàn. Ged a bha i ’ga faireachadh fhéin car neonach ann an iomadh dòigh, bha aon ni mu a timchioll a bha ’cur anabhar ioghnaidh oirre, agus b’ e sin, an toil a bh’ aice a bhi ’ga h-amharc fhéin ’s an sgathan, ’s a bhi ’toirt sgriob de ’n chìr an dràsta ’s a rithist, air a logaidh.
Cha ruigear a leas a bhi ’toirt soilleireachaidh sam bith mu ghalar Iseabail do fhreasgaich ’s do mhaighdeannan an là’n- diugh. Tuigidh iad gu maith nach robh a dh’ euslain an t-saoghail air Iseabail ach mar a thuit i ann an trom ghaol air Monagan, agus o nach robh i na leithid a shuidheachadh riamh roimhe cha robh i ’tuigsinn ciod a bha ’cur oirre.
Coma co dhiu, an t-ath shealladh a chunnaic Monagan a dh’ Iseabail thuig e gu’n d’ rinn na briathran a labhair e rithe feum. Ma chuir ise umhail air a shùilibh-san chuir esan a cheart cho maith ùmhail air a sùilibhse. Dh’ amhairc iad air a chéile mar nach d’ amhairc iad riamh roimhe. An uine ’s e thainig as a chùis gu’n do phòs iad. Aig a cheann aimsreach a b’ fhaisge dhoibh dh’ fhàg iad an tigh ’s chaidh iad a dh’ fhuireach do thigh bu lugha, faisg air a bhùth.
Bha cùisean a dol air aghaidh mar nach b’ olc. Bha esan—ged nach robh dad a spéis a b’ fhiach aige dhise, do bhrìgh gur ann airson a bheagain bhearteis a bh’ aice ’phòs e i—a’ leigeil air gu’n robh e ro mhiaghail uimpe, agus bha ise cho lugha gò ’s nach do thuig i mar bha chùis. Be bheachd-san gu’m bu chòir dhoibh bùth
[Vol . 5. No. 8. p. 3]
mhòr a chur suas, agus bha e’g a deanamhsa a cinnteach nach biodh iad ùine sam bith a’ deanamh am fortain. Chaith e mar so oirre de bheul ’s de lìgiche na thug oirre aoutachadh leis gus ma dheireadh thall, an do liubhair i dha na h-uile peighinn a bha a dh’ airgiod ma seach aice. Bha na bheachd-san fad na h-ùine a chasan a thoirt as an uair a gheibheadh e greim air beann mhaith de’n airgiod, ach bha e ’feitheamh gus am faigheadh e ise as a faireachadh a chum ’s gum biodh an cothrom na b’ fhearr aige air lom-sgrìob a thoirt oirre.
’S iad na smaointean a thàinig ’na cheann gu n cuireadh e’n ìre dhise gu’m faigheadh iad gach bathar a bha dhìth orra moran n’a bu shaoire le stoc maith, mòr a cheannach dheth gach seorsa o’n fhear oibreachaidh, agus o’n bha suim mhaith airgid aca ma seach, gu’m bu chòir a bhùth ùr a lionadh gu maith ’s gu ro mhaith leis gach seorsa bathair a’ b fhearr na chéile, agus mar so gu’m briseadh iad an t-aran am beul gach ceannaiche eile a bha ’s a’ bhaile.
Nuair a thug e so fa comhair-se ghrad dh’ aontaich i leis, oir bha tomhas maith de chumadh na firinn air a’ bheachd so o thùs gu déis. Shuidhich iad eatorra gu’m falbhadh e’ cheannach a bhathair an ceann mios, agus thuige sin gu’m biodh iad a’ tional na b’ urrainn dhaibh a dh’ airgiod. ’De th’ agam air ach gu’n robh Monagan beannaichte cho làn de’n cheilg ’s a tha’n t-ubh de’n bhiadh. Mar a bha’n t-am a bha e gu falbh a’ dlùthachadh thòisich e ri leigeil air gu’n robh leithid a ghaol aige air a mhnaoi ’s nach b’ urrainn e’g a fàgail. Ma dheireadh thàinig an latha bh’aige ri falbh. “Feumaidh mi,” ars’ esan ’s e bruidhinn ris fhéin, “greis a thoirt air caoineadh am fianuis na béiste gràinnde ud a tha mi nis a fàgail gun sgilinn de’n t-saoghal, ach a cheart cho lom ris a chirc o’n chòcaire. Ach ciamar a shileas mi deoir ’s nach robh mi latha riamh cho subhach ’s cho sòlasach ’s a tha mi ’n diugh. Fhalbh! tha fhios agam a nis ciod e ni mi, cuiridh mi pìos uinnein ’n am neapaiginn agus bheir sin air mo shuilean, ’nuair a chuireas mi riutha e, sileadh cho frasach ’s ged a bhithinn a cheart da rìreadh.
An àm dealachaidh thàinig meall rac, ma b’fhior, an amhaich mhosaich Mhonagain bheannuichte, agus cha b’ urrainn da smid a ràdh. Chuir e an neapaiginn pòcaid tiotadh ri shùilibh, agus sin far an robh sileadh dheur! Cha robh boinne ’thuiteadh nach tugadh cnag rir an làr. Dh’ fhag e slàn aice ’s dh’fhalbh e. Braidean dubh!
’S an àm cha robh an rathad-iaruinn agus na goireasan a tha ’na fhochair air fios. Dh’fheumadh am fear-falbhain aon chuid a chas a ghabhail, air neo pàigheadh glé dhaor na’m b’e gus gu’n gabhadh e carabad. Ged a bha ’n truaighe agus an dunaigh air Monagan bu mhaith leis an aire a thoirt do’n airgiod, agus b’fhearr leis a chas a ghabhail na’n carabad a phàigheadh. A bharrachd air sin cha robh dùil sam bith aige ’dhol fada air aghaidh a thaobh nach robh dhìth air ach car-ma-chnoc a dheanamh air Iseabal.
’Nuair a bha e beagan mhiltean astair air falbh o’n bhaile agus a shaoil leis nach faiceadh neach sam bith co’n rathad a ghabhadh e, cuirear mo laochan mu’n cuairt i ’s gearrar tarsuinn a’ mhonaidh gu dhol a Ghlaschu. Thug e ri bruthaich i. Cha chuireadh gàradh no dìg dad a mhoille air; agus mar so cha robh e fada ’cur pios maith astair as a dhéigh.
(Ri leantuinn.)
Mar a Sguir an Duin’ eile dhe’n Ol.
O chionn beagan bhliadhnaichean, bha duin’ àraid ann am baile-mòr nach ainmich mi, a dh’ fhàs gu mi-fortanach dha fhéin, fuathasach trom air an òl. Uair no dha ghabh e ’n smùid cho dona ’s nach mor nach deach e as a rian gu buileach. Bha e ’n a dhuine còir, gasda, aig an robh ceann is comhairle is ionnsachadh. Uime sin, mur a ’bi an deoch, cha ’n ’eil teagamh nach biodh e ann am post ard air choir-eigin. Bha ’chairdean duilich air a shon agus a’g iarraidh air sgur de ’n òl, ach esan cha deanadh sin. Fo dheireadh, smaoinich cuid dhiubh gu ’n gabhadh iad dòigh eile dha. Thug iad a stigh do sheòmar e far an do chuir iad isean coilich air bòrd. Air daibh a bhi beagan ùine ann an sin, mhothaich esan do ’n isean, agus le clisgeadh dh’fhaighnich e,
“Co as a thainig an t-isean?”
“Dé ’n t-isean?” thuirt fear de chàch.”
“Nach ’eil an t-isean ud air a bhòrd,” ars’ esan.
“Cha ’n fhaic mis’ isean,” thuirt fear eile.
“Cha mhò chi mise,” thuirt gach aon de chàch.
“Nach seall sibh air a bhord,” ars’ esan. Sheall iad uile ach Ma ’b fhior, cha’n fhac iad sion.
“Am bheil sibh uile dall?” ars’ esan. Thòisich càch air sealltainn air a chéile. “Tha eagal orm gur h-ann tha ’n duine bochd air fas gòrach,” arsa fear dhiubh, “ ’S fhada bho ’n bha cùram orm gu ’m b’ ann uige so a thigeadh a chùis,” arsa fear eile. “Ciod a tha sibh uile a’ ciallachadh?” thuirt esan agus falas fuar a tighinn roimhe. “An duine truagh!” thuirt iadsan a bial a cheile. “An cuir sinn flos air an dotair? thuirt fear. Cha b’ urrainn esan cur suas leis a’ so. Smaoinich e nach deanadh e idir an gnothuch iad a bhi ’m barail gu ’n robh e air fas gòrach bho ’n òl. Ghabh e misneach, rinn e glag mor gàire, agus thuirt e, “An robh sibh an dùil gur h-ann da-rireadh a bha mi? Cha robh mi ach ri fala-dhà. Cha ’n fhaic mis’ isean na ’s mò ga chi sibh féin.”
Cha d’ ol e diar tuilleadh.
IAIN MAC SHEUMAIS BHAIN.
An rud nach buin duit, na buin da
An rud a théid fada o’n t-sùil, théid fada o’n chridhe.
GAIDHEIL HAMILTON.
Air an treas latha dhe ’n mhios so, thug Gaidheil Hamilton, Ontario, mar is àbhaist dhaibh o chionn iomadh bliadhna, sgriob a mach air an duthaich a chur seachad latha cridheil, sùnndach an co-chomunn a chéile. Air an turus so chaidh iad gu Eas Niagara, ’s am piobaire, Donnacha Caimbeal, air an ceann. ’N uair a ràinig iad a phàirce anns an robh iad gus an latha a chur seachad, chuir fear-gleidhidh na pàirce, Ruairidh Camron, fàilte chridheal orra anns a’ Ghàilig, a chainnt bu docha leotha a chluinntinn. An deigh mheadhon-latha, chaidh àireamh dhiubh, le ’m piobaire, thar na criche, do ’n phairc a tha air taobh nan Stàitean, agus ciod a b’iongantaiche leòtha na bhi an sin air am fàilteachadh an sin ann an cainnt aosda nam beann le Alasdair Mac Fhionghain, a tha gleidheadh na pàirce o chionn cheithir bliadhna deug air fhichead. Thug e ’n deigh sin iad a dh’ amharc air gach n a bha ri fhaicinn. Thug e gu mullach an tùir iad, agus chuir am piobaire port no dha air a phiob. Chuireadh an latha seachad gu “cridheil, sùnndach gu ’n bhi trom,” agus thill iad dhachaidh feasgar cho toilichte ’s cho aighearach ’sa bha iad riamh.
SGUIR E DHE ’N PHIOB. —Bha duine còir ann an cearn àraid de dh’ America a sguir de ’n phiob fuathasach ealamh agus gu brach, ged a bha e rithe mu dheich bliadhna fichead.
Tha iad ag radh nach robh fradharc math idir aige agus gun do chrath e luath na pioba, —gun fhios da, ’s mi tha cinnteach, —ann am buideal fùdair.
DONNACHADH AILEIN.
Tha seòrsa de chaoraich ann an dùthchannan na h-àirde ’n Ear, air am bheil earbaill cho mor ’s gu ’m bi na buachailean a cur piosan bhòrd fo ’m bàrr gus an cumail o bhi air an reubadh le bhi slìobadh air an làr. Tha cuid dhiubh a cur chuibhlichean fopa, air chor ’s gu ’m bi na ’s fhusa do na caoraich an slaodadh leotha. Tomhaisidh earbail caora chumanta so thairis air coig puinnd deug, agus ma bhios a chaora mor agus air a’ deagh reamhrachadh, tomhaisidh a h-earball uaìrean suas ri leth-cheud punnd. ’S gann a chreideas cuid so, ach cha ’n eil ann ach an tuil-fhirinn.
Thuirt Eirionnach uair ’s e bruidhinn air neo-chinnteachd beatha ’n duine:— “Nuair a smaoinicheas neach air an liuthad sgiorradh, cunnart agus euslaint a thig ’n an rathad ar beatha, ’s ann a chuireas e iongantas air gu ’m biodh duine beò gus am faigh e bàs.” Thuirt fear eile ’s cuid-eigin a tilgeadh air gu ’m bu ghealtair e, a chionn gu ’n do chrom e cheann ’nuair a loisg an nàmhaid aìr;— “ ’S fhearr do dhuine gu mor a bhi ’na ghealtaire fad mionaid na bhi marbh a chuid eile dhe ’bheatha.”
[Vol . 5. No. 8. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ‘Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, OGUST 22, 1896.
A PHARLAMAID.
Chruinnich a’ phàrlamaid air Di-ciaduin. Mu thri uairean, bha tigh nan cumantach cruinn, agus bha iad air ball air an gairm leis a “Bhata Dhubh,” aig an robh fios o fhear-ionaid an Ard-Riaghladair, ag iarraidh orra tigh’n ’na làthair ann an seòmar an t-Seanaidh.
Dh’ èirich an sin Dr. Bourinot clèireach an taighe, air a chompanachadh le àireamh de dh’ oifigeach a chrùin, ’s air a leantuinn le buill an taighe, agus chaidh iad mar a dh’ aithneadh dhoibh do sheomar an t-Seanaidh, far an d’ fhuair iad Sir Henry Strong, àrd-bhritheamh Chanada, an àite ’n Ard-Riaghladair air a chathair, ’s e air a chòmhdach ann an culaidh riomhach sgarlaid. Bha Mr. Pelliter, fear-labhairt (ceann-suidhe) ùr an t-Seanaidh ’na shuidhe air a laimh dheis, agus am Priomhair agus Rùnair na Stàite air an laimh chli. An sin labhair Mr Pelliter:— “Cha’n eil ’Oirdheirceas, an t-Ard-Riaghladair, a faicinn iomchuidh na h-aobhair air son ’n do ghairm e a Phàrlamaid gu bhi cruinn aig an àm so a chur an céill, gus an dean tigh nan cumantach fear-labhairt a thaghadh a réir an lagha, ach am màireach ni e na h-aobhair air son an do ghairm e a pharlamaid a chur an ceill.” An deigh sin thill na cumantaich dh’ an seòmar féin agus ghabh an cléireach a’ chathair. Shuidh Mr. Laurier anns a chathair ’s am b’ abhuist do Shir Iain Domhnullach ’s do na Priomhairean eile bhi suidhe, agus shuidh Sir Tearlach Tupper ’san àite ’s am b’ abhaist do Mhr. Laurier a bhi suidhe. Bha e car annasach a bhi faicinn nan Liberals air taobh deas na cathrach, agus na Conservatives air an taobh chli, suidheachadh anns nach fhacas an da phàirtidh roimhe o chionn ochd bliadhn’ deug. Bha Mr. Edgar, fear-parlamaid siorrachd Ontario ’n Iar air a thaghadh mar fhear-labhairt do’n tigh, agus chaidh e dh’ an chathair. Cha d’ rinneadh de bhruidhinn ach oraid ghoirid a rinn Mr. Laurier, agus Sir Tearlach Tupper mu thaghadh an fhir-labhairt, agus beagan fhaclan a thuirt Mr. Edgar a toirt taing do ’n tigh air son an urraim a chuir iad air. An sin sgaoil an tigh. Bha an oraid o’n chathair air a liubhairt Dior-daoin.
Tha litrichean a’ dol air ais ’s air adhart eadar Riaghladh Bhreatuinn us Riaghladh nan Stàitean, a feuchainn ri tigh’n gu córdabh sìtheil a thaobh gnothuichean Venezuela, agus mar an ceudna cuisean a chur air dhòigh ’s gu ’n teid aca air gach aimhreit a dh’ fhaodas eiridh eadar an da dhùthaich an deigh so a réiteach ann an sìth. Tha na fiosan mu dheireadh a fhuair sinn ag innse gu bheil iad ag aontachadh gu math, agus gu bheil e ro choltach gu ’n teid aca air an deagh rùintean a thoirt gu crich. Ma theid aca air sin a dheanamh, bidh e ’na ni math taobh air thaobh. Cha bu chòir gu ’m biodh aobhar air cogadh a bhi ’m feasda tuilleadh eadar Breatuinn ’s na Stàitean, oir is aon sluagh iad, a labhairt na h-aon chànain, agus bu choltach dhaibh a bhi mar aon a cur air adhart gach ni a bhiodh a chum am math fein agus math an t-saoghail gu léir. Cha ’n urrainn daibh a bhi mar sin ma bhios còmhstridhean no cogaidhean eatorra, agus uime sin bidh a chuid a’s fhearr dhe ’n t-sluagh air gach taobh an dòchas gu ’m bi soirbheachadh leotha anns an oidhirp chliùitich a tha iad a toirt air an cùisean a tha ’m feum réiteachaidh, a réiteach ann an sìth.
Bu mhath leinn cluinntinn na bu trice bho Dhonnachadh Ailein is bho Iain Bàn. Cha ’n eil teagamh nach eil ioma naigheachd ghasd aig an t-seann bhòchdan a th’ aig drochaid an uillt, na ’n rachadh e fo sheanchas idir.
Aodaichean Deante dhe gach seòrsa, Adan, Curraichdean, Leintean agus Brogan, aig D. J. Domhnullach. Tha a phris iosal, ’s tha gach ni a gheobh thu aige math.
AN CRANN TARA
(Am Fiery Cross. )
PAIPEAR MIOSAIL AIR SON ALBANNAICH CANADA, anns am bheil air a chlo-bhualadh Dealbhan agus Beath-Eachdraidhean Gaidheil Chanada; Eachdraidh nam Fineachan agus dealbhan an snaicheantais; Ceol, Bardachd, asus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu iomadh ni eile. Pris: — $1 .00 ’sa bhliadhna, no sia miosan air son 50c. Sgriobh us cuir airgead guT . D. MACDONALD, 2591 St. Catherine Street, Montreal.
OGUST, 1896.
1 Di-sathairne An Liunasdal.
2 DI-DONAICH 9mh Donach nn Trianaid.
3 Di-luain (2)An Cr. mu dheir. de ’n t-Sol. 2. 20 F,
4 Di-màirt (2)Bas an Ollaimh Mac Thomais, ’52
5 Di-ciaduin Bas Rob Dhuinn, 1778.
6 Dior-daoin (5) Blar Traigh Ghruinneart, 1598.
7 Di-haoine A Ghrian ag eiridh, 4,58,
8 Di-sathairne Duibhre air a Ghréin.
9 DI-DONAICH 10mh Donach na Trianaid.
10 Di-luain, (9) An Solus Ur, 0.48. M.
11 Di-màirt Blar Dhailrigh, 1306.
12 Di-ciaduin A Ghrian a’ laidhe, 7.6,
13 Dior-daoin Bacadh na Deise Ghaidhealaich 1746
14 Di-haoine Bas Mhorair Chluaidh, 1863.
15 Di-sathairne A cheud Chr’tl. dhe’n t-Solus, 4.49, F
16 DI-DONAICH 11mh Donach na Trianaid.
17 Di-luain Bas Fhearchair Mhor, Phruisia, 1786
18 Di-màirt Blar Preston, 1649.
19 Di-ciaduin Bliadhna Thearlaich, 1746.
20 Dior-daoin Bas ’Ic Coinnich (Sar Obair. ), 1849.
21 Di-haoine Blar Dhunchaillinn, 1689.
22 Di-sathairne (23) Bas Uilleim Uallais, 1305.
23 DI-DONAICH 12mh Donach na Trianaid
24 Di-luain (23) An Solus Lan, 2.50, M.
25 Di-mairt Pongannan Pheairt, 1618.
26 Di-ciaduin A Ghrian ag eiridh, 5.20.
27 Dior-daoin Sealg Bhraight Mhair, 1714.
28 Di-haoine A Ghrian a laidhe, 6.39.
29 Di-sathairne Blar Loch-Aillse, 1722.
30 DI-DONAICH 13mh Donach na Trionaid.
31 Di-luain An Car’tl mu dheir. de’n t-Sol.6 41M
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
So a Mhic!
Ciamar a tha d’ Uaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu
Rhodes & Gannon,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c., Mainspring ,75c. An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.
Am bheil thu gabhail Mhic-Talla?
MUR EIL
Cuir ’ga iarraidh
$1 .00 sa bhliadhna.
[Vol . 5. No. 8. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Air an t-seachdain s’a chaidh bhàsaich dlùth air aona ceud deug leis a cholera anns an Eipheit. Bho’n thòisich i tha dlùth air coig mìle deug air bàsachadh leatha-
Fhuair boirionnach ann an cearna de New Brunswick, Mrs. Hanson, litir á Washington an la roimhe ag innse gu’n d’ fhàg a bràthair, Iain Mac Gilleain, a chaochail anns a bhaile sin o chionn beagan mhiosan, aice mar dhileab a chuid an t-saoghal, mu fhiach choig mile fichead dolair.
Tha duine sgriobhadh á Bangor, Maine, gu Casket Antigonish, ag innse mu euchd a chunnaic e ’ga dheanamh anns a choille an sin le fear Donnacha Domhnullach á Dun-mor an siorramachd Antigonish. Thog e maide a thomhais, an deigh a thoirt a stigh do’n bhaile, ochd ceud punnd.
Cha’n eil an t-airgiod Geancach an dràsda ’seasamh uiread ’sa b’ àbhaist da anns an dùthaich so. Tha na bancaichean a toirt coig sentichean bhar an dolair. Tha so air sàileabh na trioblaid a th’ aca thaobh an airgeid anns na Stàitean, ach cha ’n eil teagamh nach bi e cho math ’sa bha e riamh roimh dheireadh na bliadhna.
Bhuail da shoitheach-smuide na chéile air amhuinn St. Lawrence o chionn ghoirid, agus gabhaidh e ceud mile dolair gus an call a rinneadh orra leasachadh. Bheir e mu dha mhios do na saoir tè dhiubh a chàradh, agus feumaidh iad a bhi ’g obair air an té eile a chuid mhor dhe ’n gheamhradh. B’e ’n gliocas do na soithichean gun a bhi bualadh ’na chéil idir.
Fhuair Mrs. Silas Hurton, bean ann an Hamilton, Ontario, fios o chionn ghoirid gu robh i-fhéin ’us àireamh do dh’ fheadhain eile tha fuireach ann an Canada a nise ’nan dileabaich air oighreachd mhor ann an Eirinn. Tha iad ag radh gur fhiach an oighreachd mu mhuillein dolair; bha i anns an lagh o chionn còrr us leth-cheud bliadhna. Cha’n eil ann am Mrs. Hurton ach bean bhochd, posda aig duine tha ris an obair latha.
Thainig an t-Urr. Iain Ròs gu Malagawatch air an t-seachdain sa chaidh, far am bheil e ri bhi air a phòsadh ris an eaglais an ùine gun bhi fada. Thug e sgriob dh’ an bhaile so air an t-seachdain so. Mu’n d’ fhag e ’n coithional a bh’ aige ’n Ontairo thug comunn na h-òigridh dha coig dolair fhichead de dh’ airgead maile ri òraid ghasda anns an robh iad a’ nochdadh an spéis dha agus an duilicheann air son e bhi ’g am fàgail.
Bha stoirm mhor thàirnneanach ann an Eilean a Phrionnsa a sheachdain gus an Dior-daoin s’a chaidh. Chaidh eaglais aig Kensington a bhualadh leis an dealanach ’s a losgadh. Bha àireamh de shaibhlean air an losgadh cuideachd, agus eich air am marbhadh. Bha stoirmeannan troma ann an ceann an iar Ontario mar an ceudna. Bha taighean, saibhlean, agus bùithean air an losgadh, agus crodh, eich ’us caoraich, agus eadhon daoine air am marbhadh.
Dh’ fhalbh da shoitheach-iasgaich à Gloucester ann an Nobhember s’a chaidh, air son a dhol dh’ ionnsuidh nam bancaichean, am “Falcon,” agus an “John W. Bray,” agus cha d’ fhuaireadh an corr sgial orra gus o chionn beagan us da mhios. Air an 10mh. latha de Iulaidh, fhuair sgiobair soithich eile botull anns a chuan anns an robh litir bheag o thé dhe na soithichean, ag innse gu robh an stiùir ’s an càpull air an toirt air falbh, dithis de’n sgioba air am bàthadh, agus an soitheach a’ dol fodha. Cha ’n eil teagamh nach ann mar sin a dh’ eirich dh’ an da shoitheach. Bha àireamh a mhuinntir an eilean so air sgioba té dhiubh.
Rinneadh iomadh bàthadh ann an Cuibec ’s an Ontario o chionn ghoirid. Tha ’n teas a toirt air moran aig nach eil eòlas sam bith air snàmh, a bhi dol dh’ an uisge, agus tha sin ag aobharachadh iomadh bàs.
Chaidh da fhichead us tri barailte de stuth laidir a bh’ air a smugaladh à St. Pierre a ghlacadh ann am Port Morien air an t-seachdain s’ chaidh, mu fhiach tri mile dolair. Bha e air fhalach anns a choille air taobh deas a bhéighe, agus chaidh a ghlacadh air a mharbh mheadhon-oidhche, ach fhuair na smugalairean fhéin teicheadh. Uaithe sin chunnacas soitheach eile a tigh’n do’n bhéighe gu falachaidh, agus chaidh Mr. Bown, fear an tigh-chusbuinn air a tòir, ach fhuair i rabhadh o chuideigin air tir agus thug i ’n cuan oirre.
Bha seann tuathanach do ’m b’ aimn Martin O’ Hara ann a’ Fitzroy, an Cuibec, agus bha e fhein ’s mac dha mach air a chéile. Bhac esan d’a mhac pios feòir a bh’ aige spealadh, ach cha d’ thug am mac feairt air. Chaidh esan an sin a mach as a dhéigh ’s loisg e air; cha do dh’ amais an urchair air, ach thug e buille dha ’athair a leag e agus a leòn e e cho dona ’s gun do chaocail e an ceann beagan us seachdain, Tha sinn a leughadh nach eileas a dol a chur dragh sam bith air a’ ghille, oir ’s ann ’ga dhion fhèin a bha e ’nuair a thug e bhuile-bhàis dha ’n seann duine.
Chaidh duin’ òg do’m b’ainm Iain R. Domhnullach, no “Iain Ruadh” a bhàthadh ann an Glace Bay Di-donaich s’a chaidh. Dh’ fheuch e ri snàmh thairis air an acarsaid, ach ’nuair a bha e faisg air tir chaidh e fodha air ball, gun uiread us éigh a leigeil as. Cha d’ thainig e air uachdar tuilleadh, agus fhuaireadh a chorp air a ghrunnd mu uair an deigh dha dhol fodha. Bha fear eile, Domhnull Welton, a snamh còmhla ris; bhuail greim esan cuideachd, ach bha e na b’ fhaisge air tir agus chaidh a shàbhaladh. Bhuinneadh am fear a chaidh a bhàthadh do Mhéinn Chaledonia; cha robh e pòsda idir.
Fhuaireadh corp boirionnaich do’ m b’ ainm Caitriona Whalen anns an uisge aig te de na laimhrigean ann an Sidni Tuath feasgar Di-dòmhnaich s’a chaidh. Bha i fuireach an tigh a mic, Padruig Whalen, gle fhaisg air an laimhrig, agus thatar a’ deanamh a mach gur h-e coiseachd a mach thar bile na laimhrig a rinn i gun fhios aice de bha i deanamh. Tha e coltach gun do thachair so mu thri uairean ’sa mhaduinn, ’nuair a bha cach uile ’nan cadal. Bha piuthar dhi air a cur dh’an tigh-chaothaich o chionn ghoirid, agus tha iad ag radh gu robh ise beagan as a rian cuideachd.
Sgaoil Pàrlamaid Bhreatuinn oidhche Dihaoine, a sheachdain gus an raoir. Tha i ri bhi air a fosgladh a rithist air an la mu dheireadh de dh’October. Bha iomadh facal searbh air fhàgail eatora fhad ’sa bha iad cruinn, ach tha iadsan aig an robh sealladh an sùl orra an oidhche mu dheireadh ag radh gu ’n do dhealaich iad mar chàirdean. Tha baile-mor Lunnainn a nise mar a their iad air fhàsachadh, ’se sin, tha chuid a’s mo de na h-uaislean, iadsan a bha fad an earraich ’s an t-samhraidh a frithealadh na pàrlamaid, air fhàgail agus air a dhol am mach do ’n dùthaich a shealgaireachd no ’dheanamh rud-eigin mar sin air son uallach na h-obrach agus cuingealachd a bhaile-mhoir a chur dhiubh.
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
SIDNI, - - - C. B.
F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn.
Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.
Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air.
Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.
Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.
THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin.
Tha Factoridh Eureka air aon de ’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.
Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.
Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitche’s Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chloimh a chur air falbh, Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.
[Vol . 5. No. 8. p. 6]
TUS AGUS NADUR DIBHE LAIDIR.
Tha anns an t-saoghal còrr a’s leth-cheud priomh-dhuil, de ’m bheil gach ni air a dheanamh suas, agus buaidhean air leth aig gach aon diu. Tha neart de na nithe a chi sinn air an deanamh suas de dha no tri de na duilibh so air an coimheasgadh. Tha cuid diu nach gabh faicinn idir. Dhiu so tha’n da stuth de ’m bheil an t-aile air a dheanamh suas. Tha’n cuigeamh cuid deth de ’n phriomh-dhuil ris an abrar oxygen, agus a chuid eile de nitrogen. Nise cha b’ urrainn neach air bith a bhi beò ach uine ghoirid ann an aon de na dùilibh sin air leth. Tha uisge, a rithist, air a dheanamh suas de hydrogen agus oxygen; da stuth a loisgeas mar ghual nuair nach ’eil iad measgta feadh a cheile. Mar so tha an staillin soilleir cruaidh a fas ’na luaithre ruadh, agus gach seorsa feòla na ni breun, nuair tha ’n t-aile a drughadh orra. Faodaidh tu nise a thuigsinn ciamar tha ni cho milis ri siucar air a tho’irt á eorna agus á buntata grod, agus ni cho garg loisgeach ri uisge-beatha, á siucar.
Tha siucar air a dheanamh suas de dha stuth ris an abrar ’sa Bhéurlacarbonic acidagus alcohol. Ma chuirear beirm ri siucar air a leaghadh ann am burn, agus gun d’ theid fhàgail air dhoigh a’s gun ruig an t-aile air, tha sgaradh air a chuir eadar an da stuth ud: tha blas milis an t-siucair a falbh agus ’na aite tha blas garg an alcohol, air a choimheasgadh le blas geur an acid. Ged a tha am burn agus iad so fhathasd an ceann a cheile, gidheadh tha iad an nise’ nam boinneagan air leth feadh an uisge. Roimh so bha an t-alcohol agus an t-acid air an coimheasgadh air dhoigh ’s gun robh gne gach aon diu air a chall, mar anns an t-siucar thioram. Tha an stuth an nise ’na leann. Gabhaid h stuth coltach ri so deanamh de gach deoch anns am bheil siùcar, mar a tha sùgh nan ubhlan agus nam fion-dhearcan. Oibrichidh sùgh mheasan mar iad so, gun bheirm idir, ma dh’ fhagair iad sgaoilte ’s an aile: ach ma dhuinear suas iad ann an soithich, cha’n oibrich. Ach far am bheil a mhàin siucar agus an t-uisge glan, no stuth mar bhrailis, cha’n oibrich e gun bheirm a chur ris. ’S e na tha de mhùthadh eadar fion agus leann, gur e fuigheall na fion-dhearc a th’anns an dara h-aon, agus fuigheall eorna no slait-shiucair a th’ anns an stuth eile, maille ri uisge, carbonic acid,agus alcohol. Ma leigear leotha seasamh anns a ghaoith car uine bheag, falbhaidh an t-acid feadh an athair agus caillidh iad am blas geur; ach tha iad cho garg agus cho laidir ’s a bha iad roimhe; oir is e an t-alcohol a mhain a tha a’ losgadh agus a’ togail misg. Ach ma bhlaithichear iad, tha ’n t-alcohol agus beagan de ’n uisge ag eiridh comhla ris an acid; agus mar is treise an teine, ’s ann is mugha a dh’ eireas de ’n uisge. Nise ma ghlacar an toit ann an feadan fada fuar, coltach ri cnuimheag na poite duibhe, tha an t-alcohol agus an t-uisge ag éirigh nam boinneachan an ceann a cheile, ach tha an t-acid a sgaoileadh feadh an aile. Tha, mar an ceudna beagan de stuithean sleamhain eile, a bh’ anns an leann no ’s an fhion, a leantuinn riutha; agus ’se so a mhain is aobhar air na tha de mhuth eadar branndi, rum, agus uisge-beatha, ach gum bheil beagan tuill’ uisge ann an cuid diu na th’ anns a chuid eile. Tha gach aon diu soilleir mar uisge-beatha gus am bheil dath ’ga chuir orra, an deigh a bhi air an tarruinn. ’S ann as an t-siucar a mhain a tha an t-alcohol a tighinn; agus cha ’n ’eil an t-atharrach’ is lugha eadar an t-alcohol a th’ ann an uisge-beatha agus an t-alcohol a th’ ann an leann, no ann am fion, no ann an dibhe sam bith eile.
Tha doigh aig daoine foghluimte air an t-alcohol a sgaradh gu tur bho gach ni eile—agus mar so fhuaras a mach gum bheil tuille as leth an uisge-bheatha ’na alcohol, agus gur uisge glan, gu inbhe bhig, a chuid eile. Is alcohol an ceathramh cuid de ’n fhion a thatar ag òl anns na rioghachdaibh so—agus mar sin tha e soilleir gum bheil dà ghloine fhion faisg air a bhi cho druighteach ri aona ghloin’ uisge-beatha. Mar is treise an stuth ’sann is mugha an diughail. Nuair a tha uisge an ceann alcohol, cha ’n ’eil an t-aon tomhas deth buileach cho garg ’s an uair a tha e gun mheasgadh agus uime sin feumar beagan tuille dheth òl mu ’n druigh e air neach cho searbh ’s a nuair nach ’eil sion ’n a cheann. Ach ’se so na tha de mhùth eadar a bhi ’g òl, alcohol ghlan ’s a bhi ’g òl leann, fion, uisge-beatha no deoch air bith de ’n t-seòrs’. Tha mi creidsinn gum bheil fhios agad fhein, a leughadair, gum feud duine a’ bhi air mhisg le leann no le fion cho math ’s le uisge-beatha: agus tha ’n tuille dhiubh sin cho diubhalach air gach dòigh ri tomhas na ’s lugha de ’n uisge-bheatha.
Feudar a thuigsinn, on bhlas a th’air alcohol, agus mar a sgaolas e’m beul, nach biadh no deoch e. Thug ar Cruitheir dhuinn ar blas agus ar faireachdainn a chomharachadh a ni a tha feumail bho ’n ni a tha cronail do ’r pearsa. Nise nan tugamaid uisge-beatha do neach nach cuala ni riamh mu dheibhinn, ’s ann a chuireadh e mach e agus braoisg air, mar is minig a chithear air daoine an deighe balgum dibhe a shlugadh; cha dean duine paiteach mar sin an deigh uisge òl; ni ma tha iotadh a fantainn an deighe dha gu leòir ol. Ach tha alcohol garg, loisgeach; agus an aite e chasgadh pathaidh, mar is mugha a dh’ olthar dheth, ’s ann is mugha ar pathadh, agus ’s ann is mugha ar deidh air tuille, a mheud ’s ga’n òl sinn. Tha clann an toiseach ’ga shlugadh gu scairteil, ged a bheir e deòir bho ’n suilibh, on a tha iad a smuaineachadh gum bheil e cliuiteach dhaibh gun smuairein a ghabhail a ni a tha ’g an goirteachadh; agus mar so tha iad ag ionnsachadh òl gu toileach.
Nuair a tha alcohol a ruigheachd a ghoile, tha e ’g a scaldadh; agus ma tha neach a leantainn fada air a bhi ’g a òl tric, tha e a losgadh air falbh a chochaill a tha a comhdachadh taobh a stigh a ghoile gu leir. * Nise tha so buileach cronail: oir nuair a loisgear an comhdach so, tha an sùgh a tha a’ sruthadh troimhe a’ call a chuid mhòr d’ a neart, agus ’se ’n sugh so is meadhon air a bhiadh a chnamh. Tha alcohol a cuir bacadh air cnamh a bhidh cuideachd, a cheann gun cum e ni air bith a chuirear ann gun chaochladh. Nuair is math le leigh ball-cuirp a chumail gun ghrodadh, cuiridh e an alcohol e. Loisgidh so an taobh a mach dheth ach cha tig muthadh tuilleadh air, ged chumtadh an sin mile bliadhn’ e.
An deighe a bhi uine bheag anns a ghoile, tha an t-alcohol a dol am measg na fala, agus a’ sgaoladh air feadh na h-eanachainn, agus gach ball de ’n chorp. Tha e nise a’ cuir teas feadh na colluinne gu leir; agus tha daoine a faineachadh a bhi ni’s beothaile, ni ’s misneachaile, agus ni ’s neo-omhailiche mu gach ni; agus tha an smaointean troi’ a cheile, air dhoigh ’s nach urrainn iad cuis dhomhainn a rannsachadh mar air uairibh eile. Mar so tha an lasanan agus an anamiannan air an rannsachadh, agus an tuigse aig a cheart am air a cuir fo mhi-riaghailt. Tha daoine an sin deas air nithean a labhairt nach bu choir dhaibh, air a bhi cuir bosd asda fhein, agus a deanamh tair air muinntir eile, agus air geilleadh do gach droch run a dh’eireas ’n an inntinn. “Amhaircidh do shuilean,” arsa Solamh, “air mnaibh coimheach agus cuiridh do chridhe an céill nithe claona; agus bidh tu mar an ti a luidheas sios ann am meadhon na fairge, no mar esan a laidheas air barr croinn siùil.’ Gnath-Fhocal, caib. xxiii. v. 33, 34. Mar so tha daoine fo chumhachd deoch laidir air an tarruinn gu braid agus neoghloine, gu connsachadh, trodadh, agus math a dh’eudte gu mort. Tha Breitheachan agus Maoir a Chruin ag radh gur h-e ’n t-òl is aobhar corr a’s da tririan de na ciontaibh a th’ air an cuir an gniomh air feadh Bhreatann.
Bheir bodach de dh’ alcohol, glan bas duine an uine ghearr agus foghnaidh leth-bhodach do neach òg. ’S e ’m fath nach ’eil daoine a tha ’g òl tuill’ a’s so a’ basachadh nach ’eil iad ag òl moran deth comhladh; oir an deigh sgaoileadh feadh na fala, tha moran deth gu h-ealamh a tighinn a mach troimh a chraicionn agus ’s an anail. Ged a tha e a’ dol am measg na fala, cha ’n eil boinne dheth a’ fas ’na fhuil , mar a tha gach seorsa bidh. Tha so a feuchainn nach ’eil toradh sam bith ann; oir tha dearbh fhios aig daoine foghluimte gur ann as an fhuil a tha an corp gu leir air a bheathachadh. Cha ’n eil an alcohol ach gual a’s uisge; agus cha ’n ’eil e a toirt neart do dhaoine ni ’s mugha na tha a chuip a toirt neart do’n each. Tha e cuir
* Fhuaras so a mach le dearg-lighichibh a dh’ fhosgail cuirp dhaoine a bha trom air an deoch: agus ’s ann mar so a fhuaras a mach gu coimhlionta an doigh anns am bheil deoch laidir ag oibreachadh air pearsa an duine.
[Vol . 5. No. 8. p. 7]
teas air feadh na fala; agus uime sin tha moran a smaoineachadh gum bheil e ’g an neartachadh. Ach beachdaicheadh iad ciod a tha tighinn ’n a dheighe; agus chi iad gur ann tha e ’fagail dhaoine fann agus anfhulanach. ’S e fois a’s biadh a mhain a shuidhich Freasdal chum neart ath-bheothachadh, agus foghnaidh iad so; ach cha ’n eil feum sam bith an ni eile. Ged a tha e cuir teas feadh a chuirp an toiseach tha e fosgladh pòran a chraicinn, agus tha an duine a rithist ni’s buailtiche do fhuachd agus ni’s fhuaire na bha e mu ’na dh’òl e boinne dheth. Mar so chualar mu iomad neach a mheilich le fuachd an taobh tuath America, a cheann gu ’n d’ òl iad mòran branndi ri latha reòta geamhraidh.
Labhair na baird moran mu ’n chridhealas a tha ’g eiridh bho dheoch laidir: ach b’ e sin cridhealas na boilich agus na connspoid, a dh’ fhagadh daoine tiamhaidh, crosda, an lath’ -arna-mhaireach. Cridhealas gu dearbh! Ciod an cridhealas a th’ aìg bean agus cloinn a mhisgeir nuair a tha iad ’n an crùbain gu luideagach, acrach, mu theallach fuar, lom, agus esa ag òl ’s an tigh-leanna an ni bu choir biadh agus aodach a cheannach dhaibh, agus a chuireas fuaim a cheuman a tighinn dhachaidh sgàth orra, agus cha’n e aoibhneas mar bu chubhaidh? Ciod an cridhealas a th’ aig a chairdean nuair a tha e ’g an ruigheachd cho goirt ’s gum beil iad cuid de uairibh a rùnachad gun tigeadh crioch air a laithibh? Ma ’s math le daoine stuth diubhail òl a ni cridheil iad car seal, faidheadh iad luach sgillinn no dha de ’n aile ris an abrar ’s a Bheurlalaughing gas.Bheir so orra garachdaich gun allsach, leum le aoibhneas; agus ged a tha e cronail, cha ’n ’eil e cho cronail ri alcohol, agus tha e moran ni ’s saoire: neo ma ’s math leo ni a bheir mor-shubhachas dhaibh, oileadh iad beagan opium. Bheir sin orra bhi cho sona ciùin ’s ged a bhiodh iad am flaitheas. Tha ’n stuth so gun teagamh ro chronail, laidir, oir ’s e a tha moran a gabhail an uair a tha iad a cur as daibh fhein; ach cha chur e daoine air chaothach mar, a ni alcohol. Tha so cuideachd cheart cho làidir, cronach; oir tha e toirt bas moran feadh nan rioghachdan so gach latha; agus ma dh’ òlas duine dheth uimhir ’s a dh’ òladh neach pàiteach de dh’ uisge, bheir e bàs obann air. Tha na nithe sin a feuchainn gu ’m faod iomad ni cronail gean a chuir air daoine, agus faochadh a thoirt daibh car tiota. Be cur as teine le bhi cuir connaidh air, bhi ’g òl alcohol chum pathadh a chasgadh: oir ’s ann a chuireadh e tart air daoine air nach ’eil pathadh.
Tha deoch laidir a fàgail dhaoine ni ’s buailtich’ do gach galair; agus ni’s taise an deigh a ghabhail: agus a bharr air a so tha i togail mòran ghalaran do dhaoine gun aobhur air bith eile. “Cha ’n aithne dhomh aon ni eile,” ars an Leigh Drotter, “a tha togail tuille eucail na deoch laidir.” “ ’S e ar barail” arsa tri air fhichead de na Leighibh a ’s ainmeile an Lunnunn, “nach ’eil ni a ’b fhearr chum anshocair a laodachadh, agus slainte a chumail ris gach neach, na sgur gu h-iomlan de bhi ’g òl deoch laidir.” “Air gach ball de ’n chorp air an druigh i,” ars an t-Ollamh Allen, “tha i ’g oibreachadh mar phuinsein. ” *
(Ri leantuinn.)
* Chitear na teistneasan sin, maille ri moran eile, an da leabhar a chuireadh am mach, lé Maighistir Beardsall agus Maighistir Parsons, da Mhinisteir Sasunnach.
Air an latha ’n diugh, tha barrachd cruadhach ’ga chosg air feadh an t-saoghail ann an deanamh pheann na th’ air a chur a dheanamh ghunnachan us chlaidheamhan. Tha am peann a toirt buaidh air a chlaidheamh.
’S i eaglais Naoimh Pheadair, anns an Roimh, an tigh-aoraidh a ’s motha th’ air an t-saoghal. Tha àiteachan-suidhe innte do leth-cheud ’s ceithir mìle duine (54,000.) ’S i eaglais N. Phòil, ann an Lunnainn, an eaglais a ’s motha tha ’m Breatuinn, agus cha toill innte ach mu choig mile fichead, na ’s lugha na darra leth na thoilleas ann an eaglais N. Pheadair.
C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
Bathar Tioram.
20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir.
Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3 .25.
Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na th’ againn gle shaor.
IAIN A. Mac COINNICH &CO
CARADH
Uaireadairean.
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.
Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar uthcha tha ’nar beachd
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.
Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W, CROWE.
[Vol . 5. No. 8. p. 8]
Marbh-rann do Phrionnsa Tearlach.
LE UILLEAM ROS.
Soraidh bhuan dha’n t-Suaithneas bhàn,
Gu là-luain cha ghluais o’n bhas;
Ghlac an uaigh an Suaithneas bàn—
’S leacan fuaraidh tuaim’ a thàmh!
Air bhi dhomh-sa triall thar druim
Air Di-dònaich, ’s comhlan leam,
Leughas litir naigheachd leinn,
’S cha sgeul ait a thachair innt’,
Soraidh bhuan, &c .
Albainn àrsaidh! ’s fathunn bròin,
Gach aon mhuir bhàit’ tha ’bàrcadh oirnn,
T’oighre rioghail bhi san Ròimh,
Tirt, an caol chist’ liobhta bhòrd!
Soraidh bhuan, &c .
’S trom leam m’ osnaich anns gach là
’S tric mo smuaintean fad’ o laimh—
Cluain an domhain truagh an dàil,
Gur cobhartach gach feòil do ’n bhàs!
Soraidh bhuan, &c .
Tha mo chrìdh’ gu briste, fann,
’S deòir mo shùl a’ ruidh mar allt,
Ge do cheilinn sud air am,
Bhrùchd e mach ’s cha mhisde leam.
Soraidh bhuan. &c .
Bha mi seal am barail chruaidh,
Gu ’n cluinnte caismeachd mu ’n cuairt;
Cabhlach Thearlaich ’thigh’n’ air chuan,
Ach thrèig an dàil mi gu la-luain,
Soraidh bhuan, &c .
’S lionmhor laoch a’s mill treun.
Tha ’n duigh an Albainn as do dheigh.
Iad fos n-iosal ’sileadh ghèur,
Rachadh dian leat anns an t-strèup.
Soraidh bhuan, &c .
’S gur neo-shubhach, dubhach sgì,
Do threud ionmhuinn anns gach tìr,
Buidheann mheamnach bu gharg clì,
Ullamh, arm-chleasach san t-strìth.
Soraidh bhuan, etc.
Nis cromaidh na cruiteran binn,
Am barraibh dhos fo sprochd an cinn,
Gach beò bhiodh ann an srath no ’m beinn
A’ caoidh an co’ -dhosgainn leìnn.
Soraidh bhuan, etc.
Tha gach beinn, gach cnoc, ’s gach sliabh,
Air am faca’ sinn thu ’triall,
Nis air call an dreach ’s am fiamh,
O nach d’ thig thu chaoidh nan cian.
Soraidh bhuan, etc.
Bha ’n t-àl òg nach fac thu riamh,
’G altrum gràidh dhut agus miagh,
Ach thuit an cridhe nis ’nan clìabh,
O na chaidil thu gu sìor.
Soraidh bhuan, etc.
Ach biodh ar n’ ùirnigh moch gach là
Ris an Tì a’s aird’ a tà,
Gun e dhioladh oirnn gu bràth
Ar ’n èucoir air an t-suaithneas bhàn.
Soraidh bhuan, etc.
Ach ’s eagal leam ge math a’ chlèir,
’S gach sonas ’gheallair dhuinn le’m beul,
Gu ’m faicear sinn a’ sileadh dhèur,
A chionn an Suaithneas bàn a thrèig.
Soraidh bhuan, etc.
Cuireamaid soraidh uainn gu rèidh,
Leis na dh’ imicheas an cèin,
Dh’ ionnsaidh ’n àit ’na laidh an rèul,
Dh’ fhògradh uainn gach gruaim ’us neul.
So;aidh bhuan, etc.
’S bitheamaid toilicht’ leis na tha,
O nach fhaod sinn bhi na ’s fearr,
Cha bhi nar cuairt an so ach gearr,
A ’s leanaidh sinn an Suaithneas bàn,
Soraidh bhuan do ’n t-Suaithneas bhàn,
Gu là-luain cha ghluais o ’n bhàs;
Ghlac an ùaigh an Suaithneas bàn
’S leacan fuaraidh tuaim’ a thàmh!
STOR UR TAILLEARACHD
ANN AN
StorW . E. Peters.
Aodaichean Mathadhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.
Theid sinn an urras air an obair.
MacCoinnich & Co.
Sidni, C. B.
SANAS.
Ma tha thu air son Deise mhath dheante fhaotainn air pris iseil, rach a choimhead air
D. J. DOMHNULLACH.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .,
SIDNI, - - C. B.
NUAIR THEID THU ’BHADDECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram, Bathar Cruaidh
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile.
An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.
NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B,
Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha.
McDonald Hanrahan & Co,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram,tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MHAC-TALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean.
title | Issue 8 |
internal date | 1896.0 |
display date | 1896 |
publication date | 1896 |
level | |
reference template | Mac-Talla V No. 8. %p |
parent text | Volume 5 |