[Vol . 6. No. 1. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH, CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 2 IULAIDH, 1897. No. 1.
Litir a Ontario.
Cha ’n eil fhios agam co-dhiu bu chòir dhomh sgriobhadh aig an àm so no nach b’ eadh. Bi’dh mi smaoineachadh air uairibh nach eil mo chuid sgriobhaidh a’ tigh’nn ri cail luchd-leughaidh a phaipeir; theagamh gu ’n tuirt mi rud-eigin nach do chòrd riutha no thug oilbheum do ’n fhear-dheasachaidh. Tha mi faicinn nach d’fhuair an litir mu dheireadh a sgriobh mi ait anns a’ MHAC-TALLA idir. Sgriobh mi eachdraidh ghoirid air bàs an Urr. Domhnull Mac Leoid, a dh’ fhàg sinn air an deicheamh latha dhe ’n Mhàrt s’a chaidh. Ach faodaidh nach d’ rainig na sgriobh mi oifis MHIC-TALLA idir, agus gu bheil mi mar sin ag agairt an fhir-dheasachaidh mar nach bu chòir dhomh; ma tha sin mar sin, tha mi ’g iarraidh mathanais.
Bha side gle fhliuch againn an so fad na curachd. Bha mòran de na tuathanaich nach d’ fhuair a churachd [ ? ] gus an robh e gu math anmoch. Tha an t-side a fas briagha blàth a nis, agus tha gach ni a’ fàs gle mhath. Cha ’n eil na leumadairean-feòir ach ainneamh ri ’m faicinn fhathast, agus tha sinn an dòchas gu ’n teid a’ bhliadhna so seachad gun phlàigh sam bith a thighinn.
Bha ùpraid mhor ’ga dheanamh anns a’ chearna so de ’n dùthaich air son Iubili na Bàn-Righ’nn, air an darna latha fichead de ’n mhios so. ’S i mo bharail fhéin gu robh iad a’ deanamh tuilleadh ’sa chòir, oir cha ’n eil anns a’ Bhan-Righ chòir ach fuil agus feòil mar a th’ anns gach bean eile—agus feumaidh i pilleadh a dh’ ionnsuidh na duslaich o’n d’ thàinig i cho math ris an neach a’s isle a tha fo ’riaghladh. Ach tha sinn an dòchas gu ’m bi Ban-Righ Victoria beò, agus a’ riaghladh os ar ceann, iomadh bliadhna fhathast.
Tha duin’ òg againn anns an Eaglais Chléirich an so do ’n ainm Maighstir Mathanach. Tha e ’searmonachadh na Gàilig; cha d’ fheuch e riamh i gus an d’ thàinig e do Phriceville, ach tha ’dol aig oirre gle mhath. ’S fior an sean-fhacal, “Far am bheil an toil tha ’n comas.”
Chaochail a’ bhean bu shine bh’ anns an àite so air an t-seachdain s’a chaidh—Caitriona Nic Artair, bantrach Alasdair Dhomhnulliach—aois cheithir fichead us choig bliadhn’ deug. Cha robh i tinn riamh gus an t-earrach so, ach tha ’m bas cinnteach ged a ruigeamaid mile bliadhna.
Tha mi toilichte gu bheil Bodachan a’ Ghàraidh beò fhathast, ’s gu bheil e cho mear ’sa bha e riamh. Tha mi faicinn gu robh an t-side cho fliuch ann an Albainn air an t-samhradh so ’sa bha i ’san dùthaich so fhéin—gu dearbh, feumaidh gu robh i pailt na bu doirbhe ’nuair a bha i ’n impis na h-earbaill a thoirt as na h-eich, ar-neo cha ’n eil earbaill nan each cho daingeann anns an t-seann duthaich ’sa tha iad anns an duthaich so.
Bidh mi a’ sgur aig an àm so, an dòchas gu faigh na sgriobh mi àite anns a’ phaipear agus ma gheibh, cha ’n fhada gus an sgriobh mi a rithist. Is mi ur caraid.
IAIN MACILLEASBUIG.
Priceville , Ont.
(Faodaidh sinn a radh nach d’ fhuair sinn an litir eile a’ sgiobh ar caraid idir, neo ma fhuair chaidh i air chall ’s air diochuimhn’ oirnn. Dh’fhairtilch oirnn a faotainn am measg nan litrichean eile a th’againn air làimh, agus cha mho a tha cuimhne sam bith againn air a leithid fhaotainn. Faodaidh Iain MacIlleasbuig a bhi cinnteach nach ann a’ deanamh tàire no di-meas sam bith air a chuid sgriobhaidh a bha sinn. Tha sinn gle thaingeil dha air son an liuthad litir a tha e ’cur ugainn, agus b’ fhearr leinn gu robh moran eile cho cuimhneach oirnn ’san dòigh sin ’sa tha esan.)
Cath taobh na teallaich.
Calltachd na bliadhna leis.
Biodh sin mar a chithear dha.
Bithidh deireadh an latha salach.
Buille mu seach, a spadadh an eich.
Biodh do bheul mar bheul an fheusgain.
Cha chaith na feannagan thu ’n bliadhna.
Cha’n ann gun chomain a ni n croman fead.
Cha b’ ann air muileacha-màg a chaidh m’ arach-sa.
Ni duine sam bith airgiod, ach ’s e ’n duine glic a ghleidheas e.
Cha’n ’eil ach tri seachduinneam eadar an droch bhearradair ’s an deadh fhear.
Cha bhi ’n àirde na ’n isle nach fhaic suil an Ilich; cha bhith ’n cuil na cuilibh nach fhaic suil a Mhuilich.
Cha duine tàillear, is cha duine dhà dhuibh; ’s ann a chuireadh fitheach thar creige, dà fhichead ’s a dha dhuibh.
Cha d’ rinn crodh-laoigh d’ athar-sa agus m’ athar-sa ionaltradh cho dluth air a cheile, ’s gun tagair thu ’n t-seirbhis sin orm.
Sgeul Mu’n Bhan-Righ.
Aig àm àraidh, ’nuair a bha a’ Bhan-Righ ann caisteal Bhalmoral, ’sa Ghàidhealtachd chaidh i aon latha mach leatha fhéin gu dhol air chéilidh am measg nan taighean a b’ fhaisg’ oirre. Air dhi a dhol a stigh do thigh a bh’ ann an sin, fhuair i an sin seann duine liath air an leabaidh ’s gun duine aige, ach e-fhéin. “Gu de so?” ars’ ise, “nach eil duin’ agad idir a dh’fhuiricheas còmhla riut?” “Cha’n eil,” ars an seann duine, “tha mo mhuinntir uile air falbh a choimhead na Ban-Righ’nn; bha iad a’ smaoineachadh dòcha gu’m faiceadh iad sealladh dhi.” Shuidh a’ Bhan-Righ ri ’thaobh treis a dh’ ùine, a’ brnidhinn ris, agus a’ leaghadh dha. Air dhi a bhi ’ga fhàgail shin i not choig puinnd dha, agus thuirt i ris, “ ’Nuair a thig do theaghlach dhachaidh, abair riutha, ’nuair a chaidh iad-san a choimhead na Ban Righ’nn gu’n d’thainig a Bhan-Righ a choimhead ortsa.” Is ann le caoimhneasan beaga dhe’n t-seòrsa so a tha Ban-Righ Victoria an deigh àite cho blath fhaotainn ann an cridheachan an t-sluaigh. Bha i riamh cuimhneach air na bochdan, agus ’se ’s dòcha gu bheil iad-san ’ga faicinn na’s trice na tha urrachan mora na rioghachd. Ann an làithean a h-òige bha na croitearan agus na daoine bochda timchioll air a caisteal anns a Ghàidhealtachd gle eòlach oirre.
Ag Ionndrain Mhic-Talla.
A CHARAID: —Gu de dh’éirich do MHAC-TALLA air an t-seachdain a dh’fhalbh? Cha do thaghail e idir againn an so. Tha mi an dòchas nach do chuir an Iubili a cheann ’na bhoil ’s gu’n deach e air chall. Do charaid,
A. BAIN.
Port Hawkesbury,Iun 21, ’97.
Chaidh boirionnach do ’m b’ ainm Marr, ann anChatham , N. B. ,a losgadh cho dona aon la air an t-seachdain s’a chaidh ’s gu ’n do chaochail i an ath latha. Bha i togail poite bhar an teine, ’nuair a ghreimich an teine ri a cuid aodaich, ’s chaidh a losgadh dhith. Bha a fear-pòsda còmhla rithe aig an àm agus chaidh e-fhéin a losgadh gu dona a feuchainn ri ’sàbhaladh.
Choisinn réiseamaid Ghàidhealach Thoronto cliu mor dhi fhéin ann an Sasuinn o chionn ghoirid, agus tha muinntir a bhaile cur rompa gu ’n dean iad beatha Ghillean an Fhéillidh gu h-uasal ’nuair a thilleas iad dhachaidh.
[Vol . 6. No. 1. p. 2]
SGEULACHDAN ARABIANACH.
VI. —EACHDRAIDH NAN TRI CHALADAIREAN AGUS NAN COIG MNATHAN-UAISLE.
CAIB. VI.
Air eagal bristeadh air mo mhionnan, cha do chuir mi ceisd sam bith air, ach rug mi air laimh air a’ mhnaoi-uasail, agus leis an t-seoladh a thug mac bhrathar m’ athar dhomh, thug mi i a dh’ ionnsuidh an aite-adhlacaidh. Cha deachaidh sinn ceum iomrall; oir bha airde na gealaich ann. Cha robh sinn ach air ruiginn an uair a chunnaic sinn mac bhrathar m’ athar a’ tighinn ’n ar deigh. Bha soitheach uisge aige, agus pocan beag anns an robh criadh thioram.
Bhrist e urlar an aite-adhlacaidh le cul na tuaidhe, agus an uair a chladhaich e an talamh, leig e ris an dorus-falaich a bha fo ’n aite-adhlacaidh. An uair a dh’ fhosgail e an dorus so, thug mi an aire gu ’n robh staidhre a’ dol sios do dh’ ionad-comhnuidh a bha fo ’n talamh. An sin thuirt e ris a mhnaoi-uasail, “A bhaintighearna, is e so an rathad a dh’ ionnsuidh an aite a bha mi ag radh riut.”
An uair a chuala ’bhean-uasal so, tharruinn i osna throm, agus ghabh i sios an staidhre. Mu ’n deachaidh esan sios thuirt e rium, “A mhic bhrathar m’ athar, tha mi anabarrach fada ’nad chomainn air son na chuir mi ort de dhragh. Gu’n robh math agad. Slan leat”
“Ciod is ciall dha so?” arsa mise.
“Coma leatsa; till an rathad a thainig tu,” ars’ esan.
Cha dubhairt e an corr rium. Thill mi gun dail do ’n luchairt aig brathair m’ athar, agus chaidh mi do ’n leabaidh. An la- ’r-na-mhaireach an uair a dhuisg mi, thoisich mi ri smaointean air na thachair an oidhche roimhe sin. Agus an uair a chuimhnich mi air gach ni iongantach a thachair, is ann a bha mi an duil gur bruadar a chunnaic mi. Leis mar a fhuair so a leithid de ghreim air an inntinn agam, chuir mi fios a dh’ fheorachadh an robh mac bhrathar m’ athar deas gus m’ fhaicinn. Ach an uair a dh’ innseadh dhomh nach do chaidil e ’na leabaidh fhein an oidhche roimhe sin, agus gu’n robh muinntir an taighe fo dhragh mor m’ a dheidhinn, thuig mi nach bu bhruadar a bh’ anns na nithean iongantach a chunnaic mi an oidhche roimhe sin. Chuir an gnothach a bh’ ann dragh mor air m’ inntinn. Gun fhios do dhuine beo chaidh mi do ’n chladh, agus mi ’n duil gu’n amaisinn air an aite-adhlacaidh do ’n deachaidh e; ach o’n a bha aireamh mhor ann de’n aon seorsa, cha b’ urrainn mi a dheanamh am mach co an t-aon do ’n deachaidh e. Ged a chaith mi ceithir latha ’g a iarradh, cha d’ fhuair mi e.
Fad na h-uine, bha brathair m’ athar anns a’ bheinn-sheilg. An uair a bha mi ’gabhail fadachd nach robh e tighinn, chuir mi romham gu’m falbhainn dhachaidh. Ghuidh mi air na comhairlichean iarraidh air an righ an uair a thilleadh e dhachaidh mo leithsgeul a ghabhail; agus gun dail sam bith thug mi m’ aghaidh air luchairt m’ athar.
Bha luchd-comhairle an righ, brathair m’ athar, fo iomagain mhoir mu thimchioll a’ phrionnsa; ach o ’n a thug mise mo mhionnan nach innsinn ciod a chunnaic mi, cha b’ urrainn domh fiosrachadh sam bith a thoirt dhaibh m’ a dheidhinn.
An uair a rainig mi ceannabhaile na rioghachd aig m’ athair, far an robh ’m athair a gabhail comhnuidh, bha ’n luchairt air a cuartachadh le armachd laidir. Rug na saighdearan orm, agus rinn iad priosanach dhiom. An uair a dh’ fheoraich mi ciod bu chiall do ’n ghnothach, thuirt ard-cheannard an airm rium, gu ’n do chuireadh m’ athair gu bas, gu ’n d’ rinneadh an t-ard-chomhairleach ’na righ, agus gu ’n d’ ordaicheadh mise e ghlacadh ’n am phriosanach ann an ainm an righ.
Gun dail sam bith thugadh an lathair an righ mi. Tha e furasda ’thuigsinn gu ’n robh ioghnadh agus bron gu leor orm.
Bha fuath agus gamhlas mor aig an ard-chomhairleach dhomh fad uine mhoir roimhe sin air son an aobhair so: —An uair a bha mi’n am bhalach og, bu ghle thoigh leam a bhith gu math tric ag obair le bogha-saighead. Air latha araidh air dhomh a bhith faisge air an luchairt, chunnaic mi eun a’ dol seachad. Thilg mi saighead ’na dheigh, ach cha d’ amais mi idir e. Thuit gu mi-fhortanach gu ’n do bhuail an saighead anns an t-suil air an ard-chomhairleach, an uair a bha e sraidimeachd dluth orm, agus chuir e as i. Cha bu luaithe a thuig mi mar a thachair na chaidh mi a dh’ aon ghnothach far an robh e gus e a ghabhail mo leithsgeil, agus a dh’ iarraidh mile mathanas air. Ach ged a rinn mi so cha do leig e riamh as ’aire gu ’n do chuir mi as an t-suil. A h-uile cothrom a gheibheadh e bha e ’nochdadh gu soilleir dhomh gu ’n robh e toileach dioghaltas a dheanamh orm. Ach an uair a thugadh air a bheulaobh mi mar phriosanach, chuir e a dhroch nadar an ceill ann an doigh a bha gle chruaidh-chridheach. Leum e far an robh mi mar gu ’m biodh fear-caothaich, agus spion e asam an t-suil dheas. Sin agaibh, a bhaintighearna; mar a chaill mi mo shuil.
Ach cha d’ fhoghainn sid leis; dh’ ordaich e mo dhruideadh ann am bocsa, agus thug e aithne do ’n fhear-marbhaidh mo thoirt do ’n fhasaich, agus an ceann a thoirt dhiom, agus mo chorp fhagail gu bhith mar bhiadh aig eunlaith an adhair. Thug am fear-marbhaidh leis mi air muin eich do ’n fhasaich gus a dheanamh orm mar a dh’ aithneadh dha; ach an uair a bha e ’dol g’am chur gu bas, ghuidh mi air gu durachdach le deuraibh e a leigeadh mo bheatha leam. Ghabh e truas dhiom, agus thuirt e rium, “Bi falbh as an rioghachd cho luath ’s is urrainn dut, agus thoir do cheart aire nach tig thu air ais gu brath tuilleadh; air neo ma thig, cha bhi an tuilleadh saoghail agad, agus cuirear mise gu bas cho math riut fhein.”
Thug mi mile taing dha air son an fhabhair a rinn e rium; agus an uair a leig e as mi thug mi mi-fhein as. Ged a bha mi craiteach, bronach air son gu’n do chaill mi mo shuil, gidheach bha mi gle thoilichte gu’n do ghleidh mi mo bheatha.
Anns an t-suidheachadh thruagh anns an robh mi cha robh mi comasach air moran astair a chur ’nam dheigh. Re an latha, bha mi ’g am fhalach fhein anns gach a te a b’ uaigniche na cheile a thachradh rium, agus re na h-oidhche, bha mi ’siubhal troimh an fhasach chomath’s a leigeadh mo neart leam. Mu dheireadh rainig mi ceanna-bhaile na rioghachd aig brathair m’ athair. Dh’ innis mi dha facal air an fhacal mar a thachair do ’m athair ’s mar a dh’ eirich dhomh fhein.
“Ochan!” ars’ esan, “thainig gu leor ormsa an uair a chaill mi m’ aon mhac, ged nach cluinninn mu bhas mo bhrathar gaoil do’n robh speis cho mor agam. Agus cha ’n e thusa fhaicinn anns an t-suidheachadh mhuladach anns am bheil thu a’s lugha a tha ’cur de bhron orm.”
Dh’ innis e dhomh gu’n robh e fo dhragh-inntinn ro mhor a chionn nach robh e ’cluinntinn guth no iomradh mu thimchioll a mhic a dh’ aindeoin gach rannsachadh a rinn e fad’ is farsuinu air a shon. An uair a dh’ innis e so dhomh bhrist a ghal air, agus bha e ’na leithid de chruaidh-dheuchainn le caoidh ’s le bron ’s nach robh e ’n comas dhomh an diomhaireachd a bh’ agam a chumail an cleith air ni b’ fhaide. Agus ged a thug mi mo mhionnan nach tugainn guth gu brath air na chunnaic ’s na chuala mi an oidhche mu dheireadh a chunnaic mi mac bhrathar m’ athar, dh’ innis mi gach ni air am b’ fhiosrach mi.
Fhad ’s a bha mi ag innseadh mo naigheachd dha, dh’ eisd e rium le mor aire. Agus an uair a chuir mi crioch air na bh’ agam ri radh, thuirt e, “A mhic mo bhrathar tha na dh’ innis thu dhomh ’g am chur ann am misnich. Bha fhios agam gu’n d’ ordaich mo mhac ait’ -adhlacaidh a thogail; agus o’n a tha rud eiginn de bheachd agadsa air an aite, tha mi, ’smaointean gu’n amais sinn air. Ach o’n a dh’ ordaich e a thogail gun fhios a bhith aig daoine air, agus o’n a thug thusa do mhionnan nach innseadh tu ni m’a dheidhinn, is e mo bharail gur coir dhuinn sealltainn air a shon gun ghuth a radh ri neach eile m’ a dheidhinn.”
Ach bha aobhar eile aig brathair m’ athar air a’ ghnothach a chumail falachaidh ged nach d’ innis e dhomhsa e aig an am. Tuigidh sibh an t-aobhar mu’n cuir mi crioch air na bheil agam ri radh.
Chuir sinn sinn-fhein as aithne, agus chaidh sinn am mach air dorus-cuil a’ gharaidh. Ann an uine ghoirid dh’ amais sinn air an aite a bha sinn ag iarraidh. An uair a chunnaic mi an t-ait-adhlacaidh ghrad dh’ aithnich mi e, agus bha mi gle thoilichte gu’n d’ amais sinn air, gu h-araidh o ’n a chaith mi uine mhath ’g a iaraaidh roimhe
[Vol . 6. No. 1. p. 3]
sid. Chaidh sinn a steach ann, agus fhuair sinn an dorus-falaich a bh’ aig barr na staidhreach air a dhruideadh gu math ’s gu robh mhath. Theab nach rachadh againn air ’fhosgladh, o ’n a bha e air a dhruideadh o ’n taobh a staigh leis a’ chreadhaidh ’s leis an uisge. Ach mu dheireadh chaidh againn air ’fhosgladh.
An uair a dh’ fhosgail sinn e chaidh brathair m’ athar sios an toiseach, agus lean mise e. Bha leith cheud ceum anns an staidhre; agus an uair a rainig sinn a bonn, thachair seomar oirnn anns an robh solus mugach, agus a bha lan de cheo ’s de dhroch aileadh. Chaidh sinn as an t-seomar sin a steach do sheomar mor, farsuinn eile. Bha biadh is deoch gu leor ann, agus bha na h-uiread de choinnlean laiste ann. Cha robh duine ri fhaicinn ann, agus chuir so ioghnadh mor oirnn. Thug sinn an aire gu ’n robh na cuirteanan air an tarruinn ri ’cheile. Chaidh an righ thun na leapadh, agus chunnaic e a mhac fhein agus a’ bhean uasal anns an leabaidh comhladh, agus iad air an losgadh ’nan gnal, mar gu ’m biodh iad air an tilgeadh ann an teine mor, agus air an toirt as a rithist mu ’n do chnamh iad.
Ged a bha ’n sealladh so eagalach ri ’fhaicinn, ghabh mi ioghnadh mor an uair a chunnaic mi cho beag doilghis ’s a chuir e air brathair m’ athar a mhac fhaicinn ’na leithid de staid eagalaich; oir an aite teannadh ri caoidh air a shon, is ann a thilg e smugaid anns an aodann air, agus thuirt e le guth taireil, “Is e so peanas an t-saoghail so, ach mairidh peanas an ath shaoghail gu siorruidh.” Agus mar nach biodh e riaraichte le so a radh, thug e dheth a bhrog, agus bhuail e a mhac anns a’ cheann leatha.
CAIB. VII.
Cha ’n urrrainn domh cainnt a chur air an ioghnadh a ghabh mi an uair a chunnaic mi an droch dhiol a rinn brathair m’ athar air a mhac ’s e ’na laidhe marbh ’s an leabaidh. “Mo thighearna,” arsa mise, “ged a tha ’n sealladh muladach so a’ cur broin orm, cha’n urrainn mi gun fheoraich dhibh, gu de’n cionta a chuir bhur mac an gniomh an uair a tha sibh a’ deanamh a leithid de thair air a chorp?”
“Feumaidh mi innseadh dhut,” ars’ esan, gu ’n do thuit mo mhac ann an trom ghaol air a phiuthair an uair a bha iad le chile gle og. Ged a bha fhios agamsa air so, cha do chuir mi an toiseach bacadh air a’ chuis, do bhrigh nach do smaoinich ni gu’n tigeadh olc sam bith as. Mu dheireadh, an uair a ghabh mi eagal gu ’n tigeadh an gaol a bh’ aca air a cheile gu olc air a’ cheann mu dheireadh, rinn mi gach ni a ghabhadh deanamh a chum stad a chur orra. Chronaich mi mo mhac gu searbh, eadar mi fhein ’s e fhein, agus chomharraich mi am mach dha cho graineil ’s a bha na miannan a bha e ag arach. Leig mi ris dha, gu ’n tugadh e masladh siorruidh air fhein ’s air an taghlach gu leir, nan leanadh e roimhe air an obair a bh’ aige.
Leig mi ris a’ cheart ni do m’ nighinn mar an ceudna. Dhruid mì ann an seomar i far nach fhaiceadh ’s nach cluinneadh i a brathair. Ach bha an creutair truagh cho lan de’n droch ghne ’s nach robh e an comas ciall no gliocas a chur innte. Mar bu mho a bheirteadh de chomhairle oirre, agus a chuirteadh fo stamhnadh i, is ann bu mho a bha i ’cur roimhpe gu ’m faigheadh i a toil fhein.
Bha mo mhac lan-chinnteach gu ’n robh a phiuthar dilaes dha. Thoisich e air togail ait-adhlacaidh; ach cha robh an so ach leithsgeul a ghabh e, a chum gu’n rachadh aige gun fhios do dhuine sam bith, air taigh fo-thalamh a thogail, ann an dochas gu’m faigheadh e cothron, latha no lath’ eiginn, air a phiuthar a thoirt leis sios ann. An uair a fhuair e mise o ’n taigh ghoid e leis a phiuthar. Ach cha leigeadh mo naire leamsa an gniomh olc a rinn iad a dheanamh aithnichte do’n t-saoghal; oir tha e ’na ni graineil an sealladh nan uile sluagh. Ach chunnaic Dia iomchuidh breitheanas a thoirt orra le cheile air son gach obair ghraineil a bha iad a’ cur an gniomh. An uair a thuirt e so bhrist a ghal air, agus thoisich mise ri gul maill ris.
An uair a thug e greis mhath air gul ’s air caoidh thuirt e rium, agus e breith orm ’na ghairdeanan, “A mhic mo bhrathar, ma chaill mise droch mhac, is docha gu ’n seas thusa aite mic dhomh ni ’s fhearr na rinn esan.”
Thoisich e a rithist ri labhairt mu ’n droch chrich a thainig air a mhac ’s air a nighinn; agus thug so oirnn le cheile teannadh ri gul ’s ri caoidh.
Mu dheireadh, dhirich sinn suas an staidhre; dhuin sinn an dorus-falaich cho math ’s a b’urrainn duinn. Leag sinn an t-ait-adhlacaidh, a chum gu’n cuireamaid falach air a’ bhreitheanas a thug Dia air na creutairean truagha a chuir a leithid a mhasladh orra fhein.
Chaidh sinn air ais do’n luchairt gun duine ’g ar faicinn. Cha robh sinn ach uine ghoirid a staigh an uair a chuala sinn fuaim thrumbaidean is dhrumachan a’ teannadh oirnn. Thuig sinn gu’n robh armailt laidir a’ tighinn do’n bhaile. Co bh’ ann ach an t-ard-chomhairleach a chuir m’ athar gu bas, agus a ghabh seilbh air an rioghachd aige. Cha ’n fhoghnadh leis greim a dheanamh air rioghachd m’ athar, ach dh’ fheumadh e greim a dheanamh air rioghachd bhrathar m’ athar mar an ceudna.
Thainig a’ chuis cho ealamh air brathair m’ athar ’s nach robh uine aige gus a chuid shaighdearan a chur an ordugh catha; agus mar sin, cha b’ urrainn e e-fhein ’s a rioghachd a dhion o’n armailt mhoir a bha ’cuartachadh a’ bhaile. Ann an uine ghoirid bhrist iad a steach do’n bhaile, agus thainig iad do’n luchairt. Chog brathair m’ athar agus freiceadan a’ bhaile an aghaidh na namhaid cho treum, duineil ’s a b’ urrainn a bhith; ach bha tuilleadh ’s a’ choir mu’n coinneamh. Cha do gheill brathair m’ athar gus an do thuit e marbh. Air mo shon fhein dheth, chog mi cho math ’s a b’ urrainn mi. Ach an uair a chunnaic mi nach deanadh cogadh-feum ni b’ fhaide, smaoinich mi gu ’m b’ fhearr dhomh teicheadh le m’ bheatha na fuireach ri m’ mharbhadh. Gu fortanach fhuair mi air falbh le m’ bheatha, agus bha mi am falach car uine ann an taigh aoin de sheirbhisich an righ.
Air dhomh a bhith mar so air mo chuart achadh le bron agus le mi-fhortan, cha robh rathad agam air a bhith sabhailte mur cuirinn mi fhein gu buileach as aithne. Air an aobhar sin, thug mi dhiom a h-uile ribe feusaig a bh’ orm, lom mi mo mhalaidhean, agus chuir mi umam eideadh caladair. Air an doigh so fhuair mi gu sabhailte am mach as a’ bhaile. ’Na dheigh sin fhuair mi air falbh, mar a b’ fhearr a dh’ fhaodainn, as an rioghachd a bh’ aig brathair m’ athar, le bhith ’gabhail frith-rathaidean agus a’ seachnadh gach aite anns an saoilinn am biodh daoine a dh’ aithnicheadh mi.
An uair a thainig mi do ’n rioghachd aig an righ chumhachdach, Haroun Alraschid, bha fhios agam gu ’n robh mi saor o chunnart. Bha mi ’dol fo m’ smaointean feuch ciod a b’ fhearr dhomh a dheanamh, agus bhuail e ’s a’ cheann agam tighinn do Bhagdad, agus cuideachadh iarraidh air an righ; oir tha e air aithris anns gach aite gu ’m bheil e ’na dhuine cho iochdmhor ’s cho trocaireach ’s a tha beo. Thuirt mi rium fhein, gu ’n gabhadh e truas dhiom an uair a dh’ innsinn dha gach cruaidh fhortan troimh ’n deachaidh mi. Tha mi cinnteach gu ’n dean e sin; oir cha duilt e cuideachadh a thoirt do mhac righ a tha cho feumach air cuideachadh ’sa tha mise.
An deigh dhomh a bhith aireamh mhiosan air mo thurus thainig mi an de gu geata ’bhaile so, agus thainig mi steach ann am beul an anamoich. Stad mi car uine ghoirid a leigeadh m’ analach, agus a smaoineachadh co an t-aite air an tugainn m’ aghaidh. Thainig an caladair so eile a tha ri m’ thaobh far an robh mi. Chuir e failte orm agus chuir mise failte airsan, “Tha e coltach,” ars’ esan, “gu ’m bheil thu ’nad choigreach ’s a’ bhaile so mar a tha mi fhein.”
“Tha thu ceart gu leor,” arsa mise.
Cha bu luaithe a thuirt e so na thainig an treas caladair a tha sibh a’ faicinn, far an robh sinn. Chuir e failte oirnn, agus dh’ innis e dhuinn gu ’m bu choigreach e a bha air ur thighinn gu ruig Bagdad. Agus, mar a bha nadarra gu leor dhuinn, rinn sinn braithreachas ri’ cheile, agus runaich sinn gu ’m biomaid a’ falbh an cuideachd a cheile. Aig a’ cheart am bha e air fas anamoch ’s an fheasgar, agus cha robh fhios againn c’aite an rachamaid a dh’ iarraidh aite fuirich, o nach robh luchd-eolais againn anns a’ bhaile, agus nach robh sinn ann riamh roimhe. Gu fortanach thainig sinn
(Air a leantuinn air taobh 6.)
[Vol . 6. No. 1. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobhad ach air aon taobh d’ an duileig, agus, nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ‘Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton
SIDNI. 2 IULAIDH, 1897.
Tha sinn a’ leughadh an dràsda ’sa rithist mu réiseamaidean Gàidhealach a thatar a’ cur air chois ann an caochladh àitean an Canada. Tha reiseamaid de Ghillean an Fhéillidh ann am Montreal o chionn treis a bhliadhnaichean, te eile ann an Toronto, agus ma ’s math ar beachd, tha te ann an Vancouver. Tha iad so uile air an sgeadachadh anns an deise dhùthchasaich, agus tha iad air am meas am measg nan réiseamaidean a’s fhearr a tha ’n Canada air fad. Nach bu chòir réiseamaid no dha dhe ’n t-seòrsa sin a bhi againn ann an Ceap Breatunn? Cha ’n eil cearna de Chanada anns am faighear na fior Ghàidheil cho pailt ’sa gheibhear iad air an eilean so, ach ged nach eil fhéin, cha ’n eil réiseamaid de shaor-dhionadairean againn a tha air an éideadh anns an deise Ghàidhealaich. An aon réiseamaid de dh’ arm-coise a th’ againn, ’sa tha aig an àm so anns a’ champa faisg air Baddeck, abrar na “Gàidheil Earra-ghàidhealach” riutha, ach cha ’n eil féilleadh no breacan m’ an timchioll idir. Cha ’n aithne dhuinn gu bheil ni ’gan comharrachadh o réiseamaidean eile, ach gur h-i bhonaid is còmhdach-cinn dhaibh, agus gu bheil piobairean aca. Cha ’n eil so mar bu chòir idir. Cha ’n eil an Riaghladh deònach cosg ri deiseachan Gàidhealach a chur air réiseamaid sam bith de shaor-dhionadairean, oir tha iad moran na ’s cosgaile na na deiseachan cumanta, agus ’se ’n dòigh air an d’ fhuair réiseamaidean Mhontreal, Thoronto, agus Vancouver iad, gu robh airgead air a chur cruinn le muinntir nam bailtean sin air son an aobhair. Nach bu chòir oidhearp a thoirt air an ni ceudna dheanamh ann an Ceap Breatunn? Tha sinn cinnteach nam biodh oidhearp cheart air a toirt gu ’n gabhadh airgead gu leòr cur cruinn. ’Nam b’i ’n deise Ghàidhealach deise na reiseamaid so, bhiodh barrachd mor spéis aig òigridh na dùthcha bhi innte, agus cha b’ fhada gus am biodh i air aon de ’n fheadhainn a’s fhearr a tha ’n Canada. Tha sinn an dòchas gu ’m feuchar an ùine ghoirìd ri airgead a chur cruinn agus nach ruith moran time gus am faic sinn na “Gàidheil Earra-ghaidhealach,” anns
“An fhasan sin a chleachdadh leo;
An t-eille grinn ’s an gartan,
An cota gearr, ’s am breacan
Air a phasgadh air a ghuallainn.”
B’e Dior-daoin latha-breith Chanada. Tha deich bliadhna fichead air a dhol seachad o’n rinneadh na mor-roinnean, a bha roimhe sin a’ deanamh air an son fhéin mar a b’ fhearr a dh’ fhaodadh iad; aonadh ri chéile, agus tha iad uaithe sin air an riaghladh mar aon dùthaich. Tha Canada an deigh adhartas mor a dheanamh o’n uair sin. Aig àm an aonaidh cha robh ann dhith ach na ceithir mor-roinnean, Nobha Scotia, New Brunswick, Cuibeic agus Ontario; an diugh, a bharrachd orra sin, tha Eilean a’ Phrionnsa, Manitoba, Columbia Bhreatunnach agus raointean mor an Iar-Thuath air an gabhail a stigh. Tha Canada an latha ’n diugh ’ga sineadh fhéin cho fada ’n ear ’sa leigeas an Cuan Atlantach i, agus an iar cho fada ’sa leigeas an Cuan Ciùin i; a deas gu crioch thuath nan Stàitean, agus a tuath na ’s fhaide na fhuair mac an duine riamh a dhol. Tha Canada an diugh ’na dùthaich gle ghealltannach ann an iomadh dòigh, agus tha i ’tarruinn aire na seann dùthcha agus dhùthchannan eile mar nach robh i riamh roimhe. Ged a bha moran ann am mor-roinn Nobha Scotia gle shearbh an aghaidh an aonaidh ’uuair a rinneadh e, ’se ar barail nach eil iad ach gle ainneamh an diugh a bhiodh air son a chur m’a sgaoil. Cha robh an latha air a choimhead cho math air an turus so ’sa b’ àbhaist, a thaobh Iubili na Ban-Righ’nn a bhi cho faisg air, ach ’se ’s dòcha, mar a bhios tim a ruith ’s a bhios an sluagh a’ gabhail beachd air eachdraidh an dùthcha, gu ’m bithear ’ga choimhead na ’s fhearr na h-uile bliadhna.
Sgaoil Ard-Phàrlamaid Chanada Di-màirt. Bha i ’na suidhe gu math na b’ fhaide na bha dùil a bhitheadh i, ach bha iomadh ni ri ruith air mu ’m b’ urrainn i sgaoileadh, agus bha moran aig na fir ri radh mu gach ni dhiubh sin. Chaidh barrachd us aon bhill a bha aig an Riaghladh ’san amharc a leigeadh seachad a chionn nach robh ùine ann air son an cur air adhart.
Tha deich mile dolair air a chur air leith leis an Ard-Riaghladh air son acarsaid Phort Morien a chur an uidheam na ’s fhearr. Bha ambreakwaterair a mhilleadh gu mor o chionn da bhliadhn’ air ais, agus tha làn àm a chàradh. ’Nuair a nithear sin, cha ’n eil fhios nach bidh timeannan beagan na ’s fhearr, ’sa bhaile sin, oir cha bhi ni a’ cur bacadh air cur a mach a ghuail.
Tha MAC-TALLA leis an àireamh so a tòiseachadh air bliadhn’ eile. Tha sinn an dòchas gu ’n dean iadsan a tha ’ga ghabhail an dleasanas d’a thaobh air a’ bhliadhna so.
MacCoinnich & Co.
Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh
ANN AN LOUISBURG,
agus tha sinn aig an àm cheudna a’ cumail air adhart air an t-seann laraich,
ANN AN SIDNI.
Aodaichean Matha dhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, anNew York.
Theid sinn an urras air an obair.
Mac Coinnich & Co.
F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn.
Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J Morley.
Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air.
Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.
Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. A seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.
THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin.
Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.
Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.
Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitche’s Creek.Tha mu dheichair fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.
[Vol . 6. No. 1. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Tha na suidheagan làir a nise ’gan creic anns a bhaile; tha iad gu math daor, 80cts an galan, ach cha ’n fhada gus am bi iad na ’s saoire.
Bha a’ chùirt mhòr ’na suidhe anns a’ bhaile deireadh na seachdain s’a chaidh agus air an t-seachdain so. Bha aireamh mhor de chàsan air a beulaobh, agus ’se ’s dòcha gu ’m bi àireamh mhath dhiubh nach bi air am feuchainn aig an àm so.
Tha sinn a’ mealltuinn side gle bhriagha o chionn còrr us seachdain; ’se sin tha turadh agus grian againn, ach tha fuachd mor anns a’ ghaoith fhathast. Thatar ag radh gu robh reothadh ann oidhche Di-màirt. ’S iomadh bliadhna o nach robh leithid a dh’ fhuachd ann mu ’n àm so.
Bha an t-Urr. E. S. Bayne, ministeir Mhabou, agus an t-Urr. Alasdair Ros, ministear Hogamah, ann a’ Winnipeg air a mhios a dh’ fhalbh, a’ frithealadh Ard-Sheanadh na h-eaglais Chléirich, a bha cruinn anns a’ bhaile sin. Cha robh de mhinistearan an eilein aig an Ard-Sheanadh ach iad fhein.
Tha am bàta-smùide“Peerless”a nise ’deanamh an aiseig mar a b’ àbhaist. O chionn da sheachdain air ais sguir i a ruith, agus bha chuideachd leis ’m bu leis i ’dol ’ga cur eadar Baddeck agus na Narrows Mhora. Ach cheannaich cuideachd a mhuinntir Shidni agus Shidni Tuath i, agus chuir iad a dh’ obair i far an robh i roimhe. Tha mar sin an da bhàta deanamh an aiseig mar a bha iad o chionn da bliadhna. Tha gach aon a’ deanamh coig turuis gach latha.
Chaidh clàr-chuimhne a chur suas ann a’ Halifax a sheachduin gus an diugh, mar chuimhne air Sir Iain Cabot, am maraiche treun a chuireadh a nall le ùghdaras righ Shasuinn a shireadh dhùthchannan ùra, agus a fhuair am mach tir-mor America air toiseach air gach duin’ eile. Cha ’n eil teagamh sam bith aig na daoine ’s fiosraiche mu ’n chuis nach ann an cearn eigin de Cheap Breatunn a thainig e air tir, agus ’s bochd an gnothuch mur bi carn-chuimhne air a cur suas dha air an eilein so.
Chaidh an dithis dhaoine a bhrist a mach as a phriosan an so o chionn da mhios no còrr, na Guthros, a ghlacadh ann am Montreal air an t-seachdain s’a chaidh. Dh’ fhalaich iad iad-fhéin anns an t-soitheach-smùideTurret Chiefnuair a bha i falbh gu Montreal; fhuaireadh a mach iad air an turus agus chuireadh an greim iad cho luath ’sa rainig an soitheach a ceann-uidhe. Thugadh air ais gu Sidni iad oidhche Di-luain s’a chaidh, agus tha iad ri bhi air am feuchainn aig a chùirt mhòir.
Tha ArdLodgenanGood Templarsri bhi cruinn ann am Baddeck air an t-seachdain s’a tighinn. Bi’dh a cheud choinneamh aca oidhche Di-màirt, aig ochd uairean, agus bi’dh coinneamhan aca Di-ciaduin agus Dior-daoin. ’Se so a cheud uair dhaibh tighinn do Cheap Breatunn, agus tha sinn an dòchas gu ’n còrd an turus riutha gu math. Tha naTemplars ,o chionn bliadhna no dha air ais, air fàs gle làidir air an eilean so. Tha àireamh mhor dhiubh as a chuid so de ’n eilein a’ dol gu Baddeck air a’ Mharion Di-ciaduin.
Tha timeannan gle fhad air ais air an t-samhradh so; tha ’n t-airgead gann agus tha e doirbh do na tuathanaich pris cheart fhaotainn air ni sam bith a th’ aca ri sheachnadh. Tha pris an ime anabarrach iseal, na ’s isle na bha e o chionn iomadh bliadhna. Bha tuathanach a mhuinntir Mhabou ann an Sidni Tuath air an t-seachdain so, a creic ime, agus cha ’n fhaigheadh e air ach da shent dheug am punnd. B’ àbhaist do na tuathanaich timchioll Shidni a bhi faighinn ochd deug us fichead sent am punnd air an cuid ime fad an t-samhraidh, ach am bliadhna cha ’n fhaigh iad air ach coig deug no sia deug.
Chosg baile New York, air a bhliadhna ’n uiridh, còrr us muillein dolair ( $1 ,085,330) ann an soillseachadh sràidean a’ bhaile air an oidhche.
Chaochail fear de bhuill na h-Ard-Phàrlamaid, Mr. C. E. Pouliot, a siorrachd Temiscouta, an Cuibeic, air an t-seachdain s’a chaidh. Cha robh e anns an Ard-Phàrlamaid ach beagan us bliadhna. Bha e ’na fhear-lagha, agus bha e da fhichead bliadhna ’sa h-aon a dh’ aois.
Chaidh càin da dholair, a bharrachd air còig dolair cosguis, a chur air duine ann am Musquodobit, N. S., an la roimhe, a chionn nach robh e biathadh a chuid each mar bu chòir dha. Bu mhath an airidh, agus cha b’e na aonar a thoill déiligeadh ris air an dòigh ud.
Chaidh dithis bhraithrean, Simon agus Jeffrey Boudrot, a bhàthadh ann an Arichat a sheachduin gus an Di-luain s’a chaidh. Bha iad fhéin agus bràthair eile a mach le bàta a’ glacadh ghiomach ’nuair a chuireadh am bàta thairis. Ghreimich an treas fear ris a bhàta, agus fhuair e gu tir beò, ach bha ’n dithis aca-san air am bàthadh. Bha fear dhiubh pòsda, agus dh’ fhag e coiguear chloinne.
Iadsan a Phaigh.
Seonaid A. Cheanadach, Valley Mills.
Alasdair Caimbeul, Centreville .
A. D. MacNeill, Orangedale .
Eobhan Moireastan, Marion Bridge.
Calum Bryden, am Baigh ’n Ear.
Iain Domhnullach, am Baigh ’n Ear. $1 .50
I. F. Murphy, Acarsaid Chloinn Fhionghain.
R. H. MacCoinnich, Forks Shidni.
Donnacha Mac Gill-fhinnein, Sidni. $2 .00
An t-Urr. Iain Friseal, Cladach a Tuath.
An t-Urr. Calum Mac Leoid, Baile nan Gall.
A. D. Mac Cuthais, Taobh Loch Lomond,
Seumas Calder, am Beigh ’n Iar. $2 .00
Iain Mac Coinnich, Gut Mhira.
Tearlach Buchanan, Sidni Tuath.
Aonghas Buchanan, Marsh Lake.
Bean Choinnich ’Ic Gill-fhinnein, Melford .
R. H. Mac-a- Phearsain, Blue ’s Mills.
Uilleam A. Moireastan, Sidni. 50c
Seumas R. Dughlach, Grand Mira Tuath. 50c
Aonghas Mac Fhearghais, Port Morien.50c
Seonaid Mhathanach, Drochaid na h-Aimhne Tuath, (25c).
Barbara C. Leitch, Binkham , Ont.25c
Iain Mac Thearlaich, Ottawa , Ont.
D. I. Caimbeul, Hamilton , Ont.
Iomhar Mac Cuinn, Stayner , Ont.
N. A. Domhnullach, Ripley , Ont.
Iain Dughlach, Sowerby , Ont.
Iain Mac Amhlaidh, Tobar-Mhoire, Ont.
An t-Oillear I, D. Prince , Ringwood, N. J.
Bean Iain Dhùghlaich, Moreton , N Dak.
Donnacha Caimbeul, Virden , Man.
D. C. Dùghlach, Regina , Assa.
D. M. Mac Fhionghain, Glenmartin, E. P. I. $4 .00
Aonghas Mac Neacail, Elliots P. O. E. P. I.
DonnachaBlue , Little Sands, E. P. I.
Uisdean Mac-an-Tòisich, Loch Katrine, N. S. $2 .00
A. R. Mac Leoid, Stirling ,Alba.
Tha sinn duilich gu ’n d’ rinn sinn dearmad air ainm Aonghais ’Ic Neacail, á Elliot’s, E. P. I., a chur anns a phaipeir roimhe so. Ma tha neach sam bith eil’ ann air an d’ rinn sinn dearmad, bu mhath leinn cluinntinn uaithe, oir tha toil againn creideas a thoirt do gach aon air son na chuir e ugainn.
BAS.
Aig a Bharasois air Di-donaich an 20mh latha de ’n mhios s’a chaidh, Niall Mac Neill, (Niall Mac Sheumais Neill) tri fichead bliadhna ’sa tri a dh’ aois. Bu duine e air an robh meas mor aig a choimhearsnaich, agus air an robh deagh chliù aig na h-uile. Dh’ fhàg e bean us ceathrar chloinne. R. I. P.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
’Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .30
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte. Sgriobh gu
J . G. MACKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, C. B.
CARADH
Uaireadairean
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.
NUAIR THEID THU ’BHADDECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stor mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram Bathar Cruaidh
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichean, agus iomadh ni eile.
An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.
NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B,
Tha e na fhear-gnothuich do’n MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd ghabhail thoirt dha.
CUIR A DH’ IARRAIDH A MHAC-TALLA
$1 .00 SA BHLIADHNA.
[Vol . 6. No. 1. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 3.)
a’ dh’ ionnsuidh a’ gheata agaibhse, agus ghabh sinn de dhanadas oirnn fhein bualadh aige. Cha ’n urrainn sinn innseadh cho taingeil ’s a tha sinn air son gu ’n do leig sibh a steach sinn, agus gu ’n robh sibh cho caoimhneil ruinn. So a nis, a bhain-tighearna, na bheil agamsa ri innseadh mu thimchioll mar a chaill mi mo shuil dheas, agus c’arson a thug mi dhiom an fheusag, a lom mi mo mhaileadhan, agus a tha mi an so an drasta.
“Foghnaidh sin,” arsa Sobaide; faodaidh tu a bhith falbh a dh’ aite sam bith a thogras tu.”
Ghabh an caladair a leithsgeul, agus ghuidh e air na mnathan-uaisle leigeadh leis fuireach gus an cluinneadh e eachdraidh a dhithis chompanach, agus eachdraidh nan triuir dhaoine eile a bh’ anns a’ chuideachd.
Thug na mnathan-uaisle an cead so dha; agus bha e gle thaingeil.
Chuir an eachdraidh so a dh’ innis a’ cheud chaladair ioghnadh gu leor air a’ chuideachd gu leir, ach gu sonraichte air an righ.
Ged a bha na seirbhisich ’nan seasamh ’s an t-seomar le claidhnean ruisgte ’n an laimh, cha b’ urrainn an righ gun labhairt ris an ard-chomhairleach ann an cogar mar so:— “Is iomadh naigheachd a chuala mi, ach cha chuala mi naigheachd riamh fhathast a bheireadh barr air naigheachd a’ chaladair.”
An uair a bha e ’labhairt nam briathran so, thoisich an dara caladair ri innseadh eachdraidh a bheatha fhein do Shobaide.
(Ri leantuinn.)
AISLING DHOMHNUILL.
Bha iasgair òg aon uair, an àird an iar na h-Alba do ’m b’ ainm Domhnull. Air feasgair ciuin, blath samhraidh, nuair nach robh deò gaoithe ann, bha e ’na shuidhe air creig air a’ chladach, a’ càradh a linn, agus ag amharc air na tuinn a bha ruith gu tir agus a’ bualadh a’ chladaich le fuaim ceòl mhor agus ciuineachail. Am feadh agus a bha e mar sin thuit e ’na chadal agus bhruadair e gu ’m faca agus gu ’n cuala e na nithe a leanas: Shaoil e gu ’n robh e a’ dol troimh ghleann fhada, dhorcha, dhomhain, anns nach robh ach ceum garbh a threòraich a suas gu bealach aig a’ cheann eile. Air da am mullach a’ ruigsinn, chunnaic e an sealladh a bu bhoidhche a chunnaic e riamh. Bha e ’na sheasamh air mullach beinne airde, agus fada fodha air gach làimh bha cnuic ghasda uaine, agus machraichean farsuinn, air an uisgeachadh le aibhnichean luatha, fior-ghlan, agus an sud agus an so bha coilltean daraich agus giuthais, agus anns an astar cho fada agus a b’ urrainn da faicinn bha beanntan mora, arda, a’ folach an einn aosda anns a’ cheò, agus uillt bheaga a’ tuiteam a nuas o an sliosaibh creagach agus a’ ruith gu mear troimh na glinn bhoidheach ann an gathan na greine.
Fad air falbh bha taigh mòr, agus lios mhòr ghasda mu thimchioll agus air sgeoid bhig de fhearann seasg, clachach, bha dha no thri de bhothannan beaga iosal, ach cha robh clachan no taighean eile am fradharc, ged a bha laraichean loma gu leòir ri ’m faicinn anns gach àird. Cha robh fuaim ann ach meilich nan caorach ag ionaltradh am measg nan larach, agus ceilearachd nan eun a dh’ eirich as an fhraoch na h-uile ceann tacain. Chaidh e an sin leis a’ bhruthach agus air da bun na beinne a’ ruigsinn chunnaic e ceum garbh, caol, a rinneadh leis na caoraich troimh an fhraoch; lean e an ceum so astar goirid gus an do rainig e rathad mòr agus mhothaich e duine tighinn d’a ionnsuidh. Nuair a thàinig am fear so far an robh Domhnull, chuir e failte mhodhalach, uasal air, agus chuir Domhnull a leithid eile air-san. Le sin chuir an duine impidh air a dhol comhla ris a dh’ ionnsuidh baile big a bha fad air astar far am faigheadh iad lan di bheatha agus fardach oidhche. Bha e fo amharus an toiseach mu dheidhinn a’ choigrich so, ach co dhiubh, dh’ aontaich e a dhol leis agus dh’ fhalbh iad le cheile. Dh’ fhoighnich Domhnull ris cia as a thàinig e, agus fhreagair esan o nach do rugadh e ann am baile mòr gu ’n robh naire air a bhi ag ainmeachadh an àite bhochd as an d’ thàinig e. Chuir am freagairt so iongantas mòr air Domhnull oir tha fios againn uile nach eil naire air Gaidheal sam bith, an t-àite anns an d’ fhuair e arach ainmeachadh; ach ged a bha iongantas air cha d’ thuirt e tuilleadh mu dheidhinn aig an àm sin. Bha an rathad mòr air an robh iad a’ coiseachd ’gan treorachadh thairis air àitean-monaidheal, aonaranach gus an do rainig iad mu dheireadh—agus an dorchadas a’ tighinn orra—cladach creagach air an robh beagan sheann bhàtaichean agus air coimhead mu an timchioll chunnaic iad faisg air làimh, spréidh agus taighean agus na daoine leis am bu leis na bàtaichean. Nuair a chunnaic na daoine iad thàinig iad gu luath do an ionnsuidh agus chuir iad failte chridheil orra le cheile, agus thuig Domhnull o na thuirt iad, gu ’n robh lan eòlas aca air an duine a bha comhla ris, agus fhuair e mach gu ’m b’e Ruairidh a b’ ainm da ged a b’ fhearr leis gu ’n abaireadh daoine “Roderic” ris air eagal agus gu ’n saoileadh feadhainn gu ’m buineadh e do theaghlach bhochd. Thug na daoine an dithis leo do ’n bhaile agus chuir iad an oidhche seachad anns an taigh aig aon de na h-iasgairean. Dh’ innis Ruairidh do Dhomhnull gu ’n robh sinnsear a’ mhuinntir so, saor, neo-eisiomalach, sealbhach, ach chaidh an ceannsachadh le cinneach borb, fuilteach, mealltach, agus o an àm sin sios bha an sluagh ’nan tràillean rùisgte, gun mhisneachd, gun dòchas. Cha robh coir aca air oirleach de thir an athraichean; gu dearbh, cha robh iad ach ’nan coigrich ’nan dùthaich fein agus mur b’ urrainn daibh màl trom a phaigheadh, bha e ceadaichte do thighearnan an fhearainn, an crodh a ghlacadh, an taighean a losgadh, agus gach aon diubh fhògradh a mach as an dùthaich. Dh’ fhuirich Domhnull beagan mhiosan anns an àite so agus chunnaic e féin gu ’m bu bhrònach an daorsa anns an robh an luchd-aiteachaidh; bha iad ’nan tràillean maraon dhaibhsan a thug buaidh orra agus do thighearnan an fhearainn, ach rinn am buadhaichean oidheirp cho seasmhach, seolta, fealltach air cur as do gach smuain dùthchasach, fearalach, agus nach do mhothaich an sluagh an cor suarach anns an robh iad, oir is ann a ghabhadh iad mòran chorruich, nan abaireadh neach nach robh iad ’nan daoine gaisgeil, treuna; ach ged a chuireadh na miltean diubh a mach as an taighean agus as an tir a bha aig an sinnsear fad iomadh linn, cha do bhuail iad aon bhuille air an son féin, ach dh’ fhalbh iad cho samhach, sitheil ris na caoraich a thàinig ’nan àite. Fhuair e mach o na h-iasgairean gu ’n robh am baile air a riaghladh le ceithir daoine mòra: am bailidh, am ministeir, am maighstir-sgoil agus an t-osdair, agus gu ’n robh iad so ’nan dian naimhdean do ’n luchd-aiteachaidh. Thainig iad á aitean eile agus b’e am ministeir an t-aon fhear diubh aig an robh facal de chainnt an t-sluaigh, ach rinn an ceathrar an dichioll air muinntir a’ bhaile a chumail fo chuing tighearna an fhearainn. Bha am ministeir ’na dhuine cruaidh, spiocach, mealltach, agus bha e ro dheidheil air greim a dheanamh air nithe matha an t-saoghail so. Labharadh e an aghaidh seinn òran anns a’ chànain dùthchasach ach cha ’n abaireadh e facal an aghaidh na misge. Theireadh e gu ’n robh e ’na pheacadh do dhuine bochd, bradan a thoirt as an abhainn, ach cha robh guth aige riamh an aghaidh tighearn an fhearainn a bhi goid croitean nan daoine bochda. Ni sam bith a theireadh na h-uachdarain an aghaidh an t-sluaigh bu chinnteach gu ’n cuireadh am ministeir taic ris. B’ abhaist da bhi searmonachadh o cheann-teagaisg mar a leanas, “Cuir an cuimhne dhaibh bhi ùmhal,” no mar so, “Is beannaichte iadsan a ta bochd ’nan spiorad,” an aite a bhi ag ràdh riu, “Co dh’ eireas leam an aghaidh luchd-deanamh an uile?” mar bu chòir da ràdh. Cha robh am maighstir-sgoil dad ni b’ fhearr na am ministeir oir theagasg e sanntachd, fein-eileachd, agus tràillealachd do ’n oigridh. Bha e ag ràdh nach robh ann an cànain an t-sluaigh ach cainnt airson dhaoine borba agus gu ’m bu ghlic iad a bha ’ga fàgail agus ag ionnsachadh cànain am buadhaichean a chum agus gu ’n rachadh iad a dh’ ionnsuidh dùthchannan cein far am faigheadh iad pailteas airgid. Thuirt e mar an ceudna, nach robh feum ann a bhi deanamh oidheirp air an dùthaich féin a leasachadh oir cha robh ann an gradh-dùthcha ach amaideachd. Chreid an oigridh fhaoin na thuirt e agus rinn iad dearmad
[Vol . 6. No. 1. p. 7]
air cànain agus cleachdaidhean an sinnsear agus rinn iad sodan ri am buadhaichean. Le teagasg de ’n t-seorsa sin cha bu iongantach nach robh gradh-dùthcha aig aon diubh, no nach robh spèis aca do an cinnich fein; oir cha do chuala iad riamh facal mu dhuinealas, agus a thaobh ard-inntinn, cha robh fios aca-san no aig a’ mhaighstir-sgoil e-féin ciod a bu chiall do na facail. Bha irisleachadh na h-oigridh cho iomlan agus gu ’n diultadh iad ainm na dùthcha innseadh do choigreach agus nuair a dh’ fhoighnich Domhnull ri gille ciod e b’ ainm do ’n dùthaich sin, sheall an gille mu a thimchioll le coltas eagallach agus fhreagair e nach bu toigh leis na buadhaichean ainm na dùthcha bochda, boidhche sin a chluinntinn agus air an aobhar sin b’ àbhaist daibh a bhi ag radh N. P. nuair a bha iad a’ labhairt mu a deidhinn. Thug Domhnull buidheachas do ’n fhreasdal nach d’ fhuair oigridh na Gaidhealtachd a leithid sin de theagaisg.
A thaobh an osdair bha e direach mar a tha a leithid anns gach dùthaich fo ’n ghrein agus is e sin mallachd cho dona agus a thàinig riamh air an duine. Bha an sluagh trom air a’ mhisg agus bha na h-uachdarain agus an t-osdair gle thoilichte gu ’n robh, oir bha fios aig na h-uachdarain nach deanadh misgearan oidheirp air bith air saorsadh na dùthcha a thoirt air ais, agus bu chinnteach an t-osdair, gu ’m bitheadh a bhuannachd fein math. Dh’ fhoighnich Domhnull ri a charaid Ruairidh an robh a’ mhuinntir uile mar so feadh na dùthcha agus fhreagair e gu ’n robh iad ni ’s miosa anns na bailtean mòra oir b’ àbhaist daibh a bhi ruith an deidh nan ceart uaislean a ghoid tir an sinnsear bhuapa. Bha iad ’nan traillean riaraichte, cor cho iosal agus is urrainn do dhaoine a ruigsinn. Faisg air a bhaile bha taigh mòr air a chuairteachadh le achaidhean siolmhor. Is anns an taigh so a bha am baillidh a’ còmhnuidh, duine a bha sonruichte airson aintighearnas agus uibhreachd; bha e air a lionadh le h-arral agus shaoil leis gu ’n robh e ’na dhuine ni bu mhò na righ sam bith air thalamh, ach dheanadh e gniomh suarach sam bith airson airgid. Bha a’ mhuinntir thruagh, fhaoin air an spùilleadh agus air an sàrachadh leis, ach ged a bha, b’ àbhaist daibh an cinn a chromadh sios agus am boineidean a thoirt diubh gach uair a thachradh iad air. Dh’ fhàs e ni bu mhiosa gach latha agus gun fheòraich co-dhiu an robh e ceart no nach robh, cho luath agus a bha e ’na chomas, cheannaich e fearann agus thilg e na tuathanaich a mach as. Bu lionmhor iad a chuir e as an croitean, ach ged bha fuath mòr aca da cha robh neach ann aig an robh a’ chridhe a radh ris, “Is olc a rinn thu.” Bha an righ agus na h-ard-uaislean uile a’ cumail neo-àitichte mòran mhiltean acairean de ’n dùthaich airson na sealgaireachd, agus air an aobhar sin nam faigheadh duine moran airgid, cheannaicheadh e oighreachd agus bhitheadh e ’ga fàsaicheadh, a chum agus gu ’n saoileadh feadhainn gu ’n robh e de na fior uaislean. B’e tighearn an fhearainn so fear de ’n luchd-buaidh agus chum e an oighreachd mhòr, bhoidheach sin mar fhàsach-fhiadhaich a thaobh ardanas agus a nochdadh gu ’n robh e ’na dhuine triathail. Bha e a’ tagairt nach robh coir aig neach sam bith uiread agus bileag fheoir a lubadh fo a chasan air an fhearann aige-san gun chead fhaighinn. Cha robh e còmhnuidh anns an dùthaich ach tri no ceithir seachduinean gach bliadhna, oir cha bu toigh leis aon chuid an dùthaich no an luchd-àiteachaidh. Thigeadh e ann an toiseach an fhoghair agus bheireadh e comhla ris bannal chairdean; daoine truailte cosmhuil ris féin. Chuireadh iad seachad an ùine a’ sealgaireachd nam fiadh agus nan eun fad an latha agus bhitheadh iad ag òl dibhe làidir agus ag iomairt airson airgid feadh na h-oidhche. Bha Domhnull a’ smaoineachadh air na nithe so uile agus is e so an co-dhunadh gus an d’ thàinig e: cho fada agus a bhitheadh na feidh anns na frithean, nach fhaigheadh duine sam bith fearann a chur gu feum, ach nam bitheadh na h-ainmhidhean so air an sgrios gu ’m faigheadh an sluagh fearann gu leòir. Bu chinnteach e gu ’n robh a’ mhuinntir ’nan amadanan, oir bu fhurasda fhaicinn nam bitheadh am fraoch air a losgadh gu ’m bitheadh crioch air a’ ghnothuch; agus mar sin chaidh e do ’n mhonadh aon latha agus chuir e teine ris an fhraoch. Ach mo thruaigh! bha a charaid Ruairidh ’ga fhaicinn, agus ruith e gu luath a dh’ ionnsuidh taigh a’ bhaillidh agus dh’ innis e da an ni a rinn Domhnull. Gu grad thionail am baillidh na h-uile duine a bha fo a smachd agus chuir e iad an toir air Domhnull. Chaidh iad a dh’ ionnsuidh na h airde far an robh an smuid ag éiridh gus an speur agus cha bu fhada gus am fac iad e agus e a’ sealltuinn do ’n ionnsuidh-san. Nuair a chunnaic e iad an toiseach shaoil e gu ’n robh iad a’ tighinn a chum buidheachas a thoirt da airson na rinn e air an son, agus air an aobhar sin dh’ fhan e ’na sheasamh, ach air daibh tighinn suas ris làimhsaich iad e gu garbh agus le sin—dhuisg Domhnull. Air fosgladh a shùilean da agus coimhead mu a thimchioll thuig e nach deachaidh e as a’ Ghaidhealtachd, dùthaich far am beil na ministirean a’ searmonachadh gach latha Sàbaid o’n cheann teagaisg so, “Is an-aoibhin dhuibh-sa a ta cur taigh ri taigh, agus a’ cur achaidh ri achadh, gus nach bi àite ann, agus gu ’n gabh sibh còmhnuidh air leth ann am meadhon na tire.” Bha e toilichte gu ’n robh e còmhnuidh ann an Albainn, far am beil Latha Allt a’ Bhonnaich air a chumail air cuimhne le teintean-aighear agus le gairdeachas mòr a dh’ aindeoin na their na Sasunnaich.
L. L.
Tha barrachd Mhohamedanach ’nan iochdarain aig Ban-Righ Victoria na th’ aig Sultan na Tuirce. Tha 40,000,000 aice-se, agus 33,000,000 aige-san.
D. A. Mac FHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG—Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.
Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C. B.
Gach seorsa bathar
—AIG—
McDonald Hanrahan & Co. ,
SIDNI, C. B.
BATHAR MATH. PRISEAN ISEAL.
[Vol . 6. No. 1. p. 8]
Albainn.
Fàilte le dùrachd do dhùthaich nan àrd-bheann—
An dùthaich a’s àille measg rioghachdan an t-saoighil
Tha Galldachd ’us Gàidhealtachd gar tàladh le càirdeas,
Gu dachaidh nan àrmunn; tir aghmhor ar gaoil;
Daingeann ’us làidir tha lárach nam fraoch-bheann,
Mar fhreiceadan laochraidh le’n sùil air a’ chuan,
’S troimh d’ chluanagan brìoghmhor tha’m fioruisg’ a’ braonadh—
Ar cridhe tha ’g aomadh riut, Albainn nan stuadh.
Alba! Tha t-eachdraidh ag ìnnseadh deadh sgéil ort,
Do mhic cha do ghéill ’n uair a dh’éirich an nàmh,
Air chuimhne gu dìlinn bidh gnìomh nam fear tréuna
’Us gloìr an cuid éuchd bidh mar shéud aig gach àl
Tobar nan dàn thu a shàsaich na ceudan,
’S nan òran a ghleusas an cridhe gu ceòl,
Sud dùisgidh gach aigne am bannaibh a cheile,
Gu caidreamh beusach, gun éucoir, gun ghò.
Tha cuimhneachain lionmhor ri fhaotuinn ’n ad chriochan,
Bhios maireann lan brìgh aig gach lìnn agus àl,
Am Martarach dìleas ’s an Bàrd a sheinn bìnn ort,
Tha seinn ’us a stri dhuinn as ùr mar a bha;
Dachaidh an fhìr-eoin ’s nan ciar bheanna fraochach—
Dachaidh nan saoi le’n cuid bhreacan ’us clò,
Tha Nàdur gu lèir a cuir sgèimh agus aoidh ort,
Cha léir dhomh cho greadhnach ri Albainn a’ cheò.
Eadar. le AONGHAS OG.
’S Cianail M’ Aigne.
LE UILLEAM MAC COINNICH.
’S cian-ail m’aigne bho na mhadainn,
Ghabh mi cead de’n ri-bhinn,
Ti cho tait-neach riut cha’n fhaic mi,
Ann an dreach no fiamh-achd;
Bu thrian de m’lòn do bhriathran beòil,
A’ teachd mar cheòl á sìbhruth;
’Si’n t-seirc a tha nad’ bhràghad bàn,
A thaisg mo ghràdh gu dìomhair.
Ciochan corrach, lionta soluis,
Air do bhroilleach reidh-ghlan;
Do sheang-shlios fallain mar an eala,
No mar chanach sléibhe.
Bas ionmhuinn, caoin nan geala-mheur caol,
A’ dealbh nan craobh air péurlainn;
’S tu fialaidh glic, ’s do chiall gun tig,
Air dìomhaireachd nan reultan.
Do bhràighe glè-gheal mar ghath gréine,
D’aghaidh réidh, glan mòdhar;
Siunnailt d’éugais ’s tearc ri fhéutainn,
Gur tu reul nan òighean.
Gur bachlach, dualach, cas-bhui’, cuachach,
D’fhalt ma’n cuairt an òrdugh;
’S ann tha gach ciabh mar fhàinn’ air sniamh,
’S gach aon air fiamh an òir dhiubh.
’Nighean aingil nan rosg malla,
’S nan gruaidh glana, nàrach;
Dà shuil ghorm, mheallach, fo’d chaol-mhala,
’S gach aon a’ mealladh gràidh dhiubh.
Tha mais’ ad ghnùis, gun easbhuibh mùirn;
Beul meachair, ciùin, ni mànran,
Do bhrìodal caomh, ’s do loinn maraon,
A rinn mo ghaol-sa thàradh.
Corp seamhaidh, bàn, choi’lìonas gràdh,
Gach tì a thàradh iùl ort;
’S ann tha do shnuadh toirt barr air sluagh,
’S tu ’n ainnir shuairce, chliùteach.
Do dheas chalpannan ro dhealbhach,
Gun bhi meanbh, no dùmhail;
Troigh chruinn, chòmhnard, dh’fhalbhas modhar,
Nach dean feòirn’ a lùbadh.
Cho glan ’us tù ’s neo shoilleir dhùinn,
’S mar ’ghealach thu ’n tùs éiridh;
Beul tana mùint’, ’us anail chubhraidh,
’S siunnailt thù do Bhenus.
’S e chrùn do thlachd déud ùr mar chailc,
Air dlùthadh ceart ri chéile;
O’n tig an t-òran éutrom, ceòlmhor,
Mar an smeòrach chéitein.
Bho Fhlath nan dùl, tùs rath’ fhuair thu,
Bhi modhail, ciuin, gun ardan;
Tha iochd, us cliù, ’us loinn, ’us mùirn,
Air glaodhadh dlù ri d’nàdur.
’S tu air do bhuain á friamh nam buadh,
De’n tréun-fhuil uasail, stàtail;
Thu fialaidh, pailt, an gniomh, ’s an tlachd,
’S do chiall co-streup ri d’àillteachd.
Mi cian o d’ chaidreamh, ’s buan domh fhaidead,
Dh’fhàg sud m’ aigne pianail;
Osnaich do ghnà, gun fhios, gun tàmh,
A fhrois gach blath dheth m’ fhion-fhuil.
’S e bhrosnaich deòir ’s a chlaoidh mo threoir,
An ribhinn òg so thriall uainn;
’S tu ’s trom a dh’fhag mi ’òigh mo ghràidh,
Le d’bhron a tà mi cianail.
’S cianail m’ aigne o na mhadinn,
Ghabh mi cead de’n rìbhinn;
Ti cho taitneach riut cha’n fhaic mi,
Ann an dreach no fiamhachd.
Bu thrian de m’ lòn do bhriathran beòil,
A’ teachd mar cheòl á sì-bhruth;
’S i ’n t-seirc a tha na d’ bhràighe bàn,
A thaisg mo ghradh gu dìomhair.
Thainig bàs gle aithghearr Di-haoine s’a chaidh air Seumas Stiubhairt, ann an Pictou, mac do’n Urr. Murchadh Stiùbhart, a bha àireamh mhor bhliadhnaichean ’na mhinisteir ann a Hogamah. Thuit e marbh ann an cathair ’na oifis fhéin. Chaidh an cléreach aige mach, ’ga fhàgail a reir coltais ann an slàinte mar a b’abhaist, ach air dha tilleadh an ceann beagan mhionaidean fhuair e marbh e. ’Se tinneas a chridhe thug a bhàs. Bha e ’na fhear-lagha math, agus ’na dhuine gle mheasail.
Càlldaichidh ’m biadh fiadh na beinne.
THA LUCHD-LAGHA.
agus gach neach eile bhios ri obair-eanachainn buailteach do Stamag Gheur, no Ghaothar, Losgadh-bràid, ceann-goirt, Teanntachd, agus iomadh eucail eile a th’ air an aobharachadh le Cion-cnamhaidh. Air teisteannas àireamh mhor de dhaoine ainmeil, mholamaid K. D. C. agusK . D. C. Pills,mar an da leigheas mor air son nan eucailean sin. Bheir iad faothachadh mor, glanaidh iad an eanchainn agus na sùilean, agus cuiridh iad neart ùr anns a chorp gu h-iomlan.
FEUCH IAD.
K . D. C. Company, New Glasgow, N. S., and 127 State St. Boston, Mass.
J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsa ’s fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B.
C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
NIALL Mac FHEARGHAIS,
Taillear.
SIDNI - - - - C. B.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar duthcha tha ’nar beachd.
Indurated Fibreware
Tha an seorsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fhiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire.
THE E. B. EDDY Co
LIMITED
HULL, CANADA.
title | Issue 1 |
internal date | 1897.0 |
display date | 1897 |
publication date | 1897 |
level | |
reference template | Mac-Talla VI No. 1. %p |
parent text | Volume 6 |