[73]

[Vol . 6. No. 10. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 3 SEPTEMBER 1897, No. 10.


Cumha Rao.

Chaidh an t-oran so a dheanamh le bean bhochd ann an aon de na h-eileanaibh fiadhaich anns am bheil daoine ag itheadh feoil a cheile le mhor bhlas. A reir achunntais a chaidh a thoirt, bha Rao agus a fear-posda ro chaomh mu cheile gu aon latha mi-shealbhar a dhiarr i air am falt a bhearradh da ceann. An uair a chunnaic e an craiceann cho geal, bhriagh thuirt e gum feumadh e a ceann fhaotainn ri itheadh gun dail, agus thoisich e ri teasachadh na h-àmhuinn, agus ri sgaoileadh dhuilleagan na craoibh pailm air a h-urlar. Thoisich Rao air deanamh achumha so dhi fein; bha fios aice nach robh dol as ann di; agus bha a piuthar-cheile agul ritaobh, oir bha an tinneas partanach(cancer)oirre, ’s bha Rao ro ghrinn rithe. An uair a bha an àmhuinn teth, mharbh abhrùid an-iochdmhor a bhean bhochd, agus ròsd e a ceann, a riarachadh anamiann graineil. Chuir e an corr da feoil am falach fo chraoibh. An uair a bha e an sin leis thainig da bhrathair Raog a faicinn; dhinnis a piuthar-cheile an sgeul bochd dhoibh, agus chaidh iad air tòir na beiste. Bha e acur falach craoileig lan de fheoil abhoireannaich bhochd; leum iad air gu grad, agus mharbh iad e, agus ròsd iad a cheann-san anns acheart àmhuinns an duallaich esan ceann Rao. Is fheudar dhomh ainmeachadh gur anns na h-eileanaibh a thas aMhuir Phacific a thachair so, gun fhios nach abair am fear-eachdraidh a thig an deigh an fhir a mhuinntirNew Zealandair an robh Macaulaidh asgriobhadh, gur ann aig bun Beinn Nibheis a chaidh Rao itheadh, ’s gur ann an Gaidhlig a rinn i an cumha bronach, bochd so, ma thachras seann aireamh dan phaipear air anns am faic e


CUMHA RAO AIR A SON FEIN.

Mo thruaigh, cia minic a bha againn comhradh diomhair!
Guil, guilibh air mo shon!
Slan leibh, tha sin adealachadh gu siorruidh,
O guilibh air mo shon!
S tric bha againn comhradh diomhair leinn fein
O nach gabh thu truas diom?
Tha mo thìm air fas gearr,
S dluth an oidhche bhuan domh—,
O guilibh air mo shon,
S sinn adealachadh gu siorruidh!
Guil, guilibh air me shon!
Ho rinn an oho ro io ro!

O guilibh air mo shon,
S mo ghriandol sios air cul nam beanntan,
O nach gabh thu truas diom?
S mifaicinn ann an sud an amhuinn,
As esan agearradh achonnaidh
A ròsdadh mo chuirp bhochd gu biadh dha.
O guilibh air mo shon.
As sinn adealachadh gu siorruidh!

O guilibh air mo shon!
Bu shona sinn aon uair comhla
Ann an conaltradh grinn aghraidh,
S sinn gun dealachadh, gun dòlas,—
Mise, run matharRongovi ;
As thusa, chliamhainn chiatach,
Tri miosan na gorta mire,
Bhag a cuidheachadh gu gniomhach.
O guilibh air mo shon,
As sinn adealachadh gu siorruidh!

O guilibh air mo shon,
As mi mar iasg air a tharruing
A doimhne na fairge oillteil,
G a thionndadh thairis as thairis
Air grìosach na h-amhuinn teinntich
Mo cheile, tha thusa cho sgiamhach
Ri eideadh de chraobh amheas-arain,
N uair a ghealaichteadh ri grian e.
O guilibh air mo shon,
As sinn adealachadh gu siorruidh!

O guilibh air mo shon,
Gabh thusa truas diom, O mo cheile;
Tionndaidh o dsmuaintean an iochdmhor
S paisg a ris ri dbhroilleach fein mi,
Guil, guilibh air mo shon!
Ho rinn an oho ro eile.

Tha an t-oran agam sgriobhte mar an ceudna anns achànain anns an deachaidh a dheanamh, ach o nach leugh moran e cha chuir mi gur n-ionnsaidh e.


Mar a fhuair Domhnull Bean.

Bha Gilleasbuig Aotrom, a bha anns an t-seann dùthaich, mar a tha fhios aig moran de luchd-leughaidh MHIC-TALLA, ’na dhuine air leth deas-bhriathrach, agus gle thric cha be chuid a bfhearr den chainnt a bhiodh aige. Air eagal a dhiumb a chosnadh, bha gach neach air son an taobh a bfhearr dheth a chumail. Bha coimhearsnach aig uair a ghabh mor mheas air caileig òig, bhòidhich a bha còmhnuidh dlùth don àitesan robh e afuireach. Am measg gach còmhradh eile a bheatorra, bhruidhinn e rithe air son iga phòsadh, ach cha ghabhadh i e, —oir mar a bha iomadh roimpe agusna deigh, bha duil aice ri fear a bfhearr. Co-dhiubh gheibheadh gus nach fhaigheadh i sin mar a bha i, thachair mi-fhortan dhi a lughdaich a miadh gu mor. Be sin gun do bhuail gobhar a h-adharc oirre anns an t-sùil, ’ga leòn cho donas gun do challl i gu buileach i. Bha fios aig Gilleasbuig còir air gach cùis dhe so. Ma bha gus nach robh aon eilega h-iarraidh re àireamh de bhliadhnaichean, cha do phòs i. Ged a bha i air leth shùil bhiodh Domhnull riaraichte leis na bhann dhi, aguss e bhann gun do chuir e e-fheinna tairgse a rithist, agus bha ise làn-thoileach a ghabhail air an turus so.

Rinn iad banais mhor, aighearach, agus fhuair Gilleasbuig Aotrom cuireadh; agus tha mi acreidsinn gu robh fhios aige gle mhath gum be a shith a bha dhith orra agus nach be a chuideachd. Bha fear-na-bainnse ariarachadh drama uisge-bheatha, agus atighinn gu Gilleasbuig, thuirt e ris, “So, òl deoch-slàinte bean agus fear na bainnse.” Rug Gilleasbuig air aghloine, agus ag éiridhna sheasamh, thuirt e, “Tha mig òl so air slàinte na gaibhre a choisinn abhean mhath dhuit-sa agus abhanais mhath dhomh fhin.”

V.


Am Britheamhs na Ministeirean.

Tha e air innse gun dthug breitheamh Gàidhealach an car gu dona aon uair a àireamh mhinisteirean. Bha iad air an t-slighe gu Dun-eideann, na ministeirean adol dhionnsaidh an ard-Sheanaidh. Air an rathad chualam breitheamh facal no dha a dhinnis dha nach bi bharail a bfhearr a bhaig cuid de na ministearan air, ach cha do ghabh e dad ais. Aig àit àraidh stad an carbad-iarruinn gus cothrom a thoirt don luchd-siubhail air biadh a ghabhail. Shuidh achuideachd sios aig bòrd, agus on a bem breitheamh an duine bu shinen am measg, thugadh modh na h-aoise dha le chur a dheanamh an altachaidh. Dhéirich am breitheamhna sheasamh, thoisich e air an altachadh ann an Gàilig, agus cha do sguir e gus an robh clag a charbaid-iaruinn ag innse gu feumadh iadsan a bha air son an turus a ghabhail a bhi dol air bòrd. Faodar mathanas a thoirt do na ministearan ma bha iad a chuid eile dhen t-slighe car gruamach ris a bhreitheamh a rinn an t-altachadh cho fada dhaibhs nach robh ùine aca air blasad air greim dinnearsach.


ThainigSir Wilfred Laurier,Priomhair Chanada, air ais á Breatunn deireadh na seachdain sa chaidh. Chuireadh failte gle chridheil air ann an Cuibeics ann Montreal leis an t-sluagh air fad. Fhuair e urram mor o luchd-riaghlaidh agus o urrachan-mora Bhreatunn fhadsa bha e thall, agus bha a luchd-dùthcha air san urram a chur ais mar an ceudna.



[74]

[Vol . 6. No. 10. p. 2]

SGEULACHDAN ARABIANACH.

VI. —EACHDRAIDH NAN TRI CHALADAIREAN AGUS NAN COIG MNATHAN-UAISLE.

CAIB. XII.

An ceann latha no dha thainig soirbheas cho fabharachs a dhiarradh iad, agus mhair e fad nan seachd seachdainean a bhan long air a turus a dhionnsuidh abhaile-puirt anns an robh aca ris an luchd a chur am mach.

An uair a rainig sinn an acarsaids a leigeadh am mach an t-acaire, thainig moran de bhataichean lan sluaigh thun na cliathaich a chur failtes furainn air an cairdean, agus a nochdadh an aoibhneis a bhorra a chionn gun do thill iad dhachaidh gu sabhailte as an duthaich fad air falbh anns an robh iad air chuairt.

Achnam measg so bha oifigich on righ a thainigna ainm a chur failte air na marsantan a bhair bord. An uair a thainig na marsantannan lathair, labhair fear de na oifigich riutha:— “Tha ordugh againne on righ a radh ribh gum bheil e anabarrach toilichte gun do thill sibh dhachaidh gu sabhailte, agus tha eguidhe oirbh gum bi sibh cho maths gun sgriobh gach fear dhibh beagan fhacal anns an leabhar so. Agus a chum gun tuig sibh car son a than righ ag iarraidh oirbh so a dheanamh, feumaidh mi innseadh dhuibh, gun robh ard-chomhairleach na rioghachdna dhuine a bha araon ro ghlic, agus mar an ceudnana sgriobhaiche a bha gun choimeas anns an rioghachd gu leir. Dheug e o chionn ghoirid, agus than righg a chaoidh gu mor agus leis an tlachd a thaige dhen sgriobhadh mhath a bha edheanamh, bhoidich e nach deanadh e fear sam bithna ard-chomhairleach ach fear a sgriobhadh a cheart cho math ris. Ged a fhuaradh lamh-sgriobhadh mhorain anns an rioghachd, gidheadh cha dfhuaradh fhathast aon duine a dheanadh sgriobhadh cho math ris an ard-chomhairleach nach maireann.”

Sgriobh na marsantan a bhasmaointean gum baithne dhaibh sgriobhadh math a dheanamh, beagan anns an leabhar. An uair a bha iad uile deas, chaidh mise far an robh an t-oifigeach, agus rug mi air an leabhar as a laimh. Ach ghlaodh an sluagh uile, gu h-araid na marsantan, ag radh, “Stracaidh e an leabhar, no tilgidh e anns achuan e.” Ach an uair a chunnaic iad cho ordails a rug mi air an leabhar agus air apheann, agus mar a bha mifeuchainn ri nochdadh gun rachadh agam air sgriobhadh a dheanamh, dhfhan iad samhach agus ghabh iad ioghnadh mor. An deigh so gu leir o nach fhaca iad moncaidh riamh a dheanadh sgriobhadh, agus o nach burrainn daibh a thuigsinn gun robh en comas dhomsa a bhith ni bu ghlice na moncaidhean eile, thug iad ionnsuidh air an leabhar a thoirt as mo laimh. Ach cha leigeadh an sgiobair leotha. “Leigibh leis sgriobhadh,” ars an sgiobair. “Mur teid aige air sgriobhadh ceart a dheanamh, gabhaidh mise air anns amhionaid. Ach ma ni e sgriobhadh mathagus tha amhrus laidir agam gun dean, oir chan fhaca mi moncaidh riamh a leith cho tapaidh agus cho tuigseach ristha mi ag radh ribh gun gabh mi ris mar gum be mo mhac fhein e. Bha mac agam nach robh a leith cho turails cho tuigseach ris.”

An uair a chunnaic mi nach robh neach sam bith acurnam aghaidh, rug mi air apheann, agus sgriobh mi na sia seorsachan a nh-sgriobhaidh a bha cleachdte am measg nan Arabianach, agus anns gach lamh-sgriobhaidh dhiubh so bha ceathramh orain a rinn mi anns an t-seasamh bonn amoladh an righ. Cha be mhain gun robh mo sgriobhadh moran ni bfhearr na sgriobhadh nam marsantan, ach faodaidh mi a radh nach fhaca iad sgriobhadh riamh cho briagha ris. An uair a bha mi deas, thug na h-oifigich an leabhar leothadhionnsuidh an righ.

An uair a sheall an righ air na sgriobhaidhean a bhanns an leabhar, cha do ghabh e suim sam bith de na sgriobh na marsantan. Ach thaitinn mo sgriobhadh-sa ris anabarrach math. Thionndaidh e ri fear de na h-oifigich a bhan lathair, agus thuirt e ris, “Thoir leat an t-each as fhearr a thagam anns an stabull, agus cuir air an acfhuinn as briagha a thagam, agus thoir leat an deise aodaich as riomhaiche a thagam, agus cuir mun duine sin i, a sgriobh na sia seorsachan lamh-sgriobhaidh, agus thoir leat an so e.”

An uair a chuala na h-oifigich so cha burrainn iad gun ghaire a dheanamh.

Ghabh an righ fearg riutha a chionn gaire a dheanamh, agus bha edolg an smachdachadh. Ach thuirt iad ris, “Ler cead, a righ, tha sinn gu h-umhail ag iarraidh mathanais oirbh; cha be duine a rinn an sgriobhadh idir, ach moncaidh.”

Ciod e tha sibh ag radh?” ars an righ; “an e nach ann le lamh duine a rinneadh an sgriobhadh briagha so?”

Chan ann gu dearbh,” arsa na h-oifigichcho fiors a tha sinn beo, rinn moncaidh an sgriobhadhn ar lathair-ne.”

An uair a chualan righ so, is ann bu mho a bha de thoil aige sealladh dhiomfhaicinn; agus air an aobhar sin thuirt e ris an oifigeach, “Deanaibh mar a dhaithn mi dhuibh agus gun dail sam bith thugaibh an so am moncaidh iongantach ud.”

Chaidh na h-oifigich air ais a dhionnsuidh na luinge, agus litir aca on righ thun an sgiobair ag iarraidh air am moncaidh a chur ga ionnsuidh. An uair leugh an sgiobair i, thuirt e, “Feumar a bhith umhail do dhaithne an righ.”

Chuireadh an t-aodach riomhach umam, agus thugadh gu tir mi. An sin chuireadh air muin an eich mi, agus dhfhalbh iad leam gu luchairt an righ, far an robh e fhein agus moran a dhuaisleans a mhaithean na rioghachdg am fheitheamh a chum an tuilleadh urraim a chur orm.

An uair a dhfhalbhadh leam on chladach, thoisich moran sluaigh ri cruinneachadh. Bha gach sraid is uinnneag a bhanns achuid sinn den bhaile troimhn robh sinn adol cho lans a chumadh iad de dhaoine dhe gach seorsa, a chruinnich as gach earann den bhaile gus mfhaicinn; oir sgaoil an t-iomradh air feadh abhaile, gun robh an righ adol a dheanamh ard-chomhairleach de mhoncaidh. Bha ioghnadh mor aig an t-sluagh dhiom, agus bha iad asior ghlaodhaich as mo dheigh. Mu dheireadh rainig sinn luchairt an righ.

Bhan righ, an uair a rainig sinn, ’na shuidhe air an righ-chathair, agus mor-uaislean na rioghachd mun cuairt dha. Chrom mise mi-fhein tri uairean air a bheulaobh, agus an sin leig mi-fhein air mo ghluinean, agus phog mi an t-urlar mar chomharradh gun robh mi atoir umhlachd is urram dha. Na dheigh sin shuidh mi air an urlar mar is gnath leis na moncaidhean suidhe.

Ghabh amhor-chuideachd a bhan lathair ioghnadh anabarrach an uair a chunnaic iad mar a rinn mi, agus cha burrainn iad a thuigsinn cia mar a baithne dhomh urram dligheach a thoirt don righ. A dhaon fhacal, rinn mi mo dhleasdanas an lathair an righ cho modhails cho iomchuidh ri duine beo, ach nach robh enam chomas facal bruidhne a dheanamh. Ach chan urrainn na moncaidhean bruidhinn, agus ged a bha mise an toiseachnam dhuine, cha robh mi comasach air facal a radh aon uairs gun drinneadh moncaidh dhiom.

Thug an righ ordugh do na h-uaislean a bhith falbh. Cha robh comhladh ris ach an t-ard-chaillteanach agus gille beag bhafeitheamh don bhord. Thug e leis mi don t-seomar anns am biodh egabhail a bhidh, agus an uair a chuireadh am biadh air abhord, smeid e orm gu tighinn agus suidhe aig abhord comhladh ris. Gus a leigeadh fhaicinn dha gun robh mi deas gus umhlachd a thoirt dha, phog mi an t-urlar, dheirich minam sheasamh, agus shuidh mi aig abhord. Ghabh mi na thainig rium den bhiadh gu modhail, measarra, mar is gnath le daoinuaisledheanamh.

Thug mi an airena dheigh sin gun robh clar-sgriobhaidh anns an t-seomar, agus leig mi ris dhaibh gun robh toil agam beagan sgriobhaidh a dheanamh. An uair a thugadh do mionnsuidh e, sgriobh mi beagan cheathrannan orain, anns an do chuir mi an ceill mo thaingealachd don righ air son cho caoimhneils a bha e rium. An uair a leugh an righ an t-oran ghabh e ioghnadh anabarrach. Thugadh an sin dhomh lan glaine den deoch a bfhearr a bhan righ ag ol. An uair a dhol mi an deoch so sgriobh mi tuilleadh cheathrannan. Leugh an righ iad mar an ceudna, agus thuirt e, “Bhiodh duine sam bith a dheanadh a leithid so air a mheasna dhuine ro ard os cionn nan uile dhaoine.”

Dhordaich an righ am bord-tailisg a thoirt ga ionnsuidh, agus smeid e orm gu suidhe comhladh ris a chluich air. Chuir



[75]

[Vol . 6. No. 10. p. 3]

mi mo lamh air mo cheann, a ciallachadh gun robh mi deas gus umhlachd a thoirt dha. Bhuidhinn esan acheud chluich, agus bhuidhinn mise an ath dha cluich. Thuig mi nach do chord so ris, agus a chum inntinn a chiuineachadh, rinn mi ceathrannan orain anns an dinnis mi mu dha armailt chumhachdach a bhacath gu teith, teann fad an latha, ach a rinn sith feasgair, agus a chuir seachad na bha rompa dhen oidhche gu caoimhneil, cairdeil maille richeile air an achadh.

Bha h-uile rud a bhann acur a leithid a dhioghnadh air an righs gun do chuir e fios air a nighinn gu tighinn a steach don t-seomar gus mfhaicinn. Cha bu luaithethainig i steach na ghrad chuir i srol air a h-aghaidh, agus thuirt i rih-athair, “Ler cead, a righ, dhichuimhnich sibh sibh-fhein an diugh. Tha ioghnadh orm gun do chuir sibh fios orm gu tighinn an so an lathair dhaoine.”

Cia mar sin, a nighean!” ars an righ, “Chaneil fhios agad ciod a tha thu ag radh. Chaneil neach an so ach an gille-buird, an caillteanach, agus ni-fhein, agus faodaidh sinn daghaidh fhaicinn latha sam bith; car son, a nis, a tha thucur falach air daghaidh, agus a tha thu diumbach dhiomsa air son fios a chur ort!”

Ler cead, a righ,” ars ise, “bidh fios agaibh gun dail gu m bheil mise ceart. Chan e moncaidh nadarrathanns amhoncaidh sin idir; is ethann prionnsa og, mac righ mhoir. Chruth-atharraicheadh gu moncaidh e le draoidheachd. Be am fathach mor mac nighean Eblis, a chuir anns achruth sin e. Chuir am fathach so an toiseach gu bas abhana-phrionnsa og, mhaiseach, nighean righ Epitimarus, agusna dheigh sin chuir e am prionnsa so ann an riochd moncaidh.

Ghabh an righ ioghnadh mor an uair a chuala e so, agus thionndaidh e rium, agus dhfheoraich e dhiom an robh na dhinnis a nighean dha mu mdheidhinn fior. O nach robh en comas dhomh freagradh a thoirt air ann an cainnt, chuir mi mo lamh air mo cheann aciallachadh gun robh na labhair i fior gu leor.

(Ri leantuinn.)


NA BEANNTAICHEAN GORMA.

(An Gaidheal, 1877.)

Chuireadh an sgeulachd a leanas thugainn leis an Olla Mac-Lachlainn ann am baile Dhuineidin. Bha i air a sgriobhadh sios á beul fear-aithris ann an Eilean Mhinlaidh dlù do Bharraidh, agus air a cur a dhionnsuidh an olla leis an neach a sgriobh i. Is aobhar iongantais a faotainn ann an sud agus cha bheag acheist co as a thainig i.

Bha Albannachus Sasunnach agus Eirionnachn an companaich aig achéiles an arm, agus ciod e a bha iad asmaoineachadh ach gun teicheadh iad acheud chothrom a gheibheadh iad. Fhuair iad sin agus ghabh iad e. Bha iad acoiseachd fad da latha tre choille mhòir, gun bhiadh gun deoch, agus gun aon tighs an t-sealladh. Ah-uile béul-oidhche dhfheumadh iad dìreadh suas ann an craoibh am fear, le eagal roimh na biasdan fiadhaich a bhas achoille, ach an dara maduinn ciod a chunnaic an t-Albannach ach caisteal mor fada air falbh, an uair a bha eam mullach na craoibhe aige fhéin. Thuirt e ris fhéin nach biodh aige ach am bàs le fuireachs achoilles gun sgàth richosnadh ach frèumhan feòirs cha bfhada a chumadh sin beò e. Acheart cho luaths a thàinig e nios as achraoibh leag e a chas a dhionnsuidh achaisteil, gun uibhirs innseadh dha chompanaich gum fac e a leithid idir. Bha e gle choltach gun datharraich aghort agus an éigin a dhfhuiling iad an nàdur cho mors gun robh an darna fear coma ciod e a dhéireadh don fhear eile nam biodh e fhéin air a dhòigh. Bha ecoiseachd fad an latha, ’s ged a bhà, bha e gle anmoch mun dràinig en caisteal; ach gu dubh, dona, cha robh aig achaisteal ach dorsan dùinte, gun smùid, gun deathaich. Cha robhan so gubhi aige ach am bàs co-dhiùbh. Leig e a thaice ris abhalla, ’s ciod e a chual e air a chùlthaobh gu h-àrd, ach uinneagg a fosgladh. Sheall es bham boirionnach bu bhriagha a chunnaic e riamh ann an sin.

O! ’s e am fortan a chuir ann thu,” arsesan.

“ ’S eadh, ’ille mhaith,” arsise, “ciod e a thadhith ort, agus ciod echuir an so thu?”

Chuir an éigin,” arsesan, “tha mi gu bàsachadh a chion bidhus deoch.”

Teann a stigh,” arsise, “tha gu leoir de bhiadhs de dheochan so.”

Chaidh e stigh far an robh i agus dhfhosgail i seòmar mor dha; aguss ann an sin a bhan sealladh air mac an duinen a chadal! Chuir i biadh air a bheulthaobhs an déigh sin sheòl i don t-seomars an robh càch e. Leig e e-féinn a shineadh air leabaidh, agus thuit ena chadal. Ach feumaidh sinn tilleadh a dhionnsuidh na dithis a dhfhàg en a dheighs achoille.

An uair a thàinig àm na h-oidhche agus nam biasdan orra, ciod achraobhs an do dhirich an Sasunnach ach an s an robh an t-Albannach an uair a fhuair e fradharc air achaisteal; agus cho luaths a ghlas an làthas a sheall an Sasunnach an ceithir àirdibh an athair, ciod e a chunnaic e ach an caisteal, ’s a mach a thug e gun smid a chantainn ris an Eirionnach; agus dhéirich dha direach mar a dhéirich don Albannach.

Bhan t-Eirionnach bochd an son a ònrachd, gun fhios càite an deachaidh càch. Cha robh aige ach gu bochd truagh fuireach far an robh e. Ciod e achraobhs an do dhirich e an uair a thainig an oidhche ach an s an robh an Sasunnach an raoir. Cho luaths a thàinig an latha chunnaic e an caisteal, ’s a mach ga ionnsuidh ghabh e, ’s an uair a rainig e e, chan fhac e coltas teine no duinebhi ann. Ach cha bfhada gus an cual ebhi fosgladh na h-uinneig os a chionn. Sheall e suas agus faicear am boirionnach a bu bhriagha a chunnaic e riamh. Dhfhaighnich e dhith an tugadh i dha biadh no deoch. Thuirt i ris gu fialaidh, còir, gun tugadh, agus e theannadh a stigh. Dhfhalbh e stigh gle thoilichte, ’s chuir i biadhus deoch air a bheulthaobh nach fhac e riamh cho maith. Bha leabaidhs an rùm agus fàinneachan daoimeinan crochadh ris gach lùib chùirteir. Chuir a h-uile ni a bhas an rùm guleithid de smaointean es gun do dhi-chuimhnich e gun robh an t-acras air. An uair a chunnaic ise nach robh e agabhail a bhidh, dhfhaighneachd i dheth, ciod bu choireach. Thuirt e nach itheadhs nach òladh e gus am biodh fios aige co i, no co as a bha i, no ciod a chuir an sid i. “Innsidh mi sin duit: is nighean righ fo gheasaibh mi, agus gheall mathair ge be fear a bheireadh bho na geasaibh mi gum bu leis an treas cuid da rioghachd air a bheò agus i uile air a mharbh, agus mise ri mphòsadh; agus ma chunnaic mi duine riamh air am bheil coltas, no ris an earbainn sin a dheanamh, is tusa an duine. Tha mi ann an so bho chionn shia bliadhna deug, agus cha dfhaighneachd fear a thainig a chòir achaisteil co mi, ach thusan ad ònrachd. Tha nan cadals an t-seòmar mhor ud shios a h-uile neach a thainig a chomhead don chaisteal so on a thainig mise ann.”

Innis dhomh,” ars esan, “ciod e na geasan a thort, agus ciamar a gheibheadh tu saor uatha.”

Tha seòmar beag,” ars ise, “an sid, agus nam faighinn fear a dhfhanadh ann o dheich uairean gu meadhon-oidhche, tri oidhche an deigh a chéile, bhithinn saor bho na geasan.”

Is mise do ghille ma ta,” ars esan, “gabhaidh mi os laimh sin a dheanamh.”

An uair a chual i so thug i nuas tombacas piob h-uige; ach cha bfhada gus an cual e straighlichus tartraich a muigh aig an dorus, ag iarraidh fosglaidh air.

Chan fhosgail,” ars esan.

Fosglaidh,” ars an fheadhainn a bha muigh.

Cha robh tuilleadh air: sid a stigh an dorus mucheann, ’s air a mhuin ghabh iadg a bhreabadhs aglùineachd air a chorp aige gus an do leum air amheadhon-oidhche, ’s cho luaths a ghairm an coileach dhfhalbh iad. Cha robh airsan ach gun robh e air eigin beò. Cho luaths a thainig an latha chaidh am boirionnach far an robh e, agus fhuair i en a shlaod sinte air an ùrlar gun smid chainnte aige. Thug i mach botul as a pòcaid, ’s leig i air a shuathadh ris o cheann guchasan, ’s bha e cho ùr-chréuchdachs a bha e riamh; ach leis mar a fhuair e a mharbhadh an raoir, cha robh e deònach fuireach oidhche tuille. Ach mhaidich i air gum fuirgheadh e, ag radh nach biodh an ath oidhche cho searbh. Ghabh e comhairle, ’s dhfhuirich e.

A cheart cho luaths a bha eteannadh

(Air a leantuinn air taobh 78.)



[76]

[Vol . 6. No. 10. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig garn ionnsidh an aire nach sgriobhad ach air aon taobh dan duileig, agus, nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton


SIDNI, 3 SEPTEMBER, 1897.

Cluich Victoria.

Nuair a bha Victoriana h-ighinn bhig, chaidh i aon uair a chur seachad latha còmhla ri aon de na mnathan-uaisle a bhan dlùth chàirdeas dhi. Cha robh fhios aig amhnaoi-uasail sin ciod a dheanadh i gus cridhealas a chumail ribana-charaid òig, aguss ann a thuirt i rithe: “A Victoria, faodaidh tu gach ni a thogras tu fhéin a dheanamh an diugh. Iarr ni sam bith air an smaoinich thu, agus gheibh thu e ma ghabhas e idir deanamh.” Smaoinich achaileag beagan ùine, agus an sin thuirt i, “ ’S minig a bu mhiann leam a bhi nighe uinneagan, agus mase ur toil-se e, nighidh mi na h-uinneagan agaibh an diugh.” Cha deach abhean-uasal an cois a facail; fhuaireadh uisge, bucaid, siabunn, agus breidean, agus chaidh ise a bhan ceann beagan bhliadhnaichean gu bhina bàn-righnn air Breatunn, a dhobair, agus dhobraich i gu dichiollach gusn do chuir i crioch air na h-uinneagan uile. Nach minig a bhios a mhuinntir sin ris am bheil farmad againne agabhail farmad ruinne! Dhfhaoite gu bheil sinne miannachadh shochairean agus shòlasan a bhiodh iad-san gle dheònach iomlaid ruinn air son nan sòlasan airn do chuir sinne deuchainn agus a bhitheamaid gle dheònach a thoirt seachad.


Tha cogadh beag adol air adhart anns na h-Innsean an ear a tha cur iomguin gu leòr air luchd-riaghlaidh Bhreatuinn. Tha treibh ris an canar na h-Afridich ann an cearn iomclach den dùthaich ri ceannaire, agus tha iad ann an tómhas math afhaotainn buaidh an saighdearan a chrùin. ’Sen ni as cunnartaiche a thaobh na cùise nach urrainnear a bhi cinnteach á dilseach moran de na nàisinnich, agus nach eil fhios nach deanadh achuid mhor dhiubh ceannairc nan saoileadh iad gum biodh cothrom sam bith aca air buaidh a chosnadh. Thatar adeanamh a mach gun cùir Breatunn tuilleadh ainm dan dùthaich an ùine ghoirid.


AChoille.

Mur cumar suas a choille cha bhi slàinte aig daoine. Is còir earann iomchuidh de gach dùthaich a bhi fo chraobhan ma thatar air son slàinte agus fallaineachd a bhi air am mealltuinn leis an t-sluagh. Esan a tha saoithreachadh os leith na coille tha e saoithreachadh air son math agus buannachd sluaigh na dùthcha. Faodaidh craobh a bhi anns an rathad, ach chaneil i gun fheum idir. Is en diugh an t-àm air son obrachadh ma tha sinn air son a bhi air ar beannachadh an àite bhi air ar mallachadh le sluagh nan linntean ri teachd. An cinneach a tha deanamh dearmad air na coilltean, is cinneach e dan dàn a dhol am mugha. —Hon . Elizur Wright.


Thatar afaotainn barrachd fiosrachaidh mu Chlondike na bhaig daoine roimhe so, agus chan eil iadsan a tha toirt an fhiosrachaidh sin dhuinn aon-sgeulach mun chùis idir. Tha cuid ag radh gur aite anabarrach beairteach e agus àitesam bheil e soirbh beòlainte a dheanamh. Ach tha cuid eile ag innse nach eil e ro shoirbh a bhi suas ann idir, gur àit e anns am bheil aig daoine ri dhol troimh chruadalan uamhasach, agus nach eil ach àireamh bheag adeanamh beairteis ann. Tha àireamh mhor air an t-slighe ga ionnsuidh an dràsda, mu shia mile air fad, agus tha cuid acur air mhanadh dhaibh gum bàsaich àireamh mhor dhiubh romh thoiseach an earraich. Tha an geamhradh a nise tòiseachadh agus mairidh e eadar seachd us ochd miosan.


GUNNA MOR. —Chaidh an gunna-mor as motha thair an t-saoghal a ghlacadh leis na Breatunnaich anns na h-Innseannuair a chaidh an dùthaich sin a chisneachadh. Rinneadh an gunnna anns abhliadhna 1500 le ceann-feadhna dam bainnChuleby Koomy Khan.Than gunna sin an diugh air a chur air dòigh gu grinn na bhroinn, agus cathraichean us leapannan ann, agus tha ena chleachdadh aig na h-oifigich Bhreatunna bhi cadal ann.


Chaidh Eirionnach a bhana oifigeach anns an arm Bhreatunnach a leònadh gu dona ann am blàr. Bha saighdear cumantana shineadh faisg air agus edeanamh gearain uamhasach. Chuir an t-oifigeach suas leis fhadsa burrainn da, ach mu dheireadh thug e garbh achasan dha:— “Dùin do bheul,” ars esan, “am bheil thun dùil nach deachaidh duinidir a mharbhadh ach thu fhéin?”


Chosg baile Inbhirnis còrr us ochd ceud punnd Sasunnach, no mu cheithir mile dolair, acoimhead Iubili na Ban-righnn. Chaidh còrr us leth na suime sin a chur cruinn leis an t-sluagh.


Tha Iain L. Sullivan adol a dhfheuchainn air an fhoghar so ri bhi air a thaghadh mar àrd-bhàillidh air Boston.


MacCoinnich & Co.

Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh
ANN AN LOUISBURG,
agus tha sinn aig an àm cheudna acumail air adhart air an t-seann laraich,
ANN AN SIDNI.

Aodaichean Matha dhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.

Theid sinn an urras air an obair.
Mac Coinnich & Co.


F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC

An aon fhear dhe sheòrsa thair Eilean Cheap Breatunn.

Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J Morley.

Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dhas coir dha toghal air.

Tha stoc math de speuclaireans de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.

Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. A seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.

THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHANEUREKAair a cheart phris air am beilearg an creic aig na muillin.

Tha Factoridh Eureka air aon den fheadhain as fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar adeanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.

Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.

Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitches Creek.Tha mu dheichair fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd lathan deigh a chlòimh chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.



[77]

[Vol . 6. No. 10. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Bha soitheach dam bainmAnnie G.” ann amPort Hooddeireadh na seachdain sa chaidh, agabhail luchd de logaichean a bha i dol a thoirt gu Boston.

Tha Cruinneachadh Gàidhealach ri bhi ann am baile Halifax air an 30mh latha dhen mhios so, aon de na lathaichean a bhios an t-exhibitionanns abhaile. Thatar an dùil gum bi cruinneachadh math aca.

Tha tuathanaich Mhanitoba afaotainn air adhart gu math leis abhuain. ’S en aon ni a bhios acur dragh orra anns an dùthaich sin an àm na buana eagal gun tig reothadh; ach air an fhoghar so cha dthainig reothadh idir.

Chaidh duine chrochadh ann anNelson , B. C. ,air a 25mh latha de dhOgust air son mort. ’S en t-ainm a thug e seachad Seumas Wood, ach bhatar cinnteach nach be sin ainm ceart. Bha e na dhuine a bha anabarrach brùideil.

Than crithneachd a nise creic air dolair am buiseal, agus tha am flùr air éirigh ann am pris gu sia dolair, no còir, am barailte. Thig am biadh daor gle throm air an duine bhochd, ach ni na tuathanaich a thatogail a chrithneachd gle mhath air.

Tha an t-Urr. Domhnull Domhnullach, ministeir Strath-Lathuirn, an drasda air chuairt ghoirid aig a sheann dachaidhs an Interbhal Mhor, faisg air Ceap Nòr. Tha sinn an dochas gun tig a chuairt gu math ris, agus gun till e gu obair le neart agus slàinte ùr.

Cha dithis dhaoine a chur dan tigh-obrach aDigby ,air an t-seachdain sa chaidh, air son meirle. Ghoid iad suim airgeid á stor ceannaiche o chionn thri seachdainean air ais. Fhuair iad da bhliadhna an urra. Bha dithis eile air an cur an sàs comhla riutha, ach fhuair iad ma sgaoil.

Ann an mèinnMontagu , N. S. ,o chionn da sheachdain air ais, le aon urchair, fhuaireadh fiach mile dolair de dhòr as na creagan. Ma leanas mèinnean-oir na dùthcha so fhéin air sior dhol nas fhearr chan fhada bhios aobhar sam bith aig daoine bhaga fagail air son a dhol gu Clondike.

Bha co-sheirm chiùil Albannach anns abhaile oidhche Di-ciaduin, air a cumail le Piob-Mhàidsir Manson agus V. A. Mac Gillfhaollaìn. Bha an talla gu math làn, agus thaitinn an ceòl san dannsa gu math ris gach aon a bhalàthair. Tha iad an deigh cuairt a chur air an eilean, agus tha sinn toilichte chluinntinn gu robh soirbheachadh math leo anns gach àiten robh iad.

Seachdain gus an Di-luain sa chaidh, bha triùir dhaoine air an sguabadh le Eas Niagara. Bha iad ag iomradh bàta os a cheann, agus gu h-amaideach chaidh iad ro fhaisg air meadhon na h-aimhne agus rinn an sruth greim orra. ’Nuair a chunnacas iad mu dheireadh, bha iad ag iomradh cho cruaidhsa burrainn daibh, a feuchainn ri faotainn gu tir, ach dhfhairtlich orra. Bu dhaoinòga mhuinntir nan Stàitean iad a bha an sud acur seachad treis dhan t-samhradh.

Fhuaireadh fearSilas Elsworthair a bhàthadh ri taobh te de na laimhrigean ann an Sidni Tuathsa mhaduinn Di-luain. Bhuineadh e doNewfoundland ,agus bha e gabhail turuis air an t-soitheachOlive. ”Chaidh e chadal air bòrd an t-soithich an oidhche roimhe sin, agus e cho mathsa bàbhaist da; chan fhaca càch, ’s cha dfhairich iad, ni sam bith re na h-oidhche a chuir iomguin orra, agus cha robh fhios aca mar a dhéirich dha gus an dfhuair iad a chorp anns an uisge ri taobh an t-soithich air dhaibh éiridhsa mhaduinn. Chan eil fhios cia mar a thachair an sgiorradh.

Chaidh banc a robaigeadh ann anElmsdale ,an stàitKansas ,oidhche Di-luain. Chaidh tri ceud deug dolair airgeid a ghoid, agus fiach faisg air mile dolair de phaipearan a bhan gleidheadh ann.

Chaidh gille beag, aois sheachd bliadhna, dam bainm Uilleam Travis, a mharbhadh ann anAmherst , N. S. ,an la roimhe le tuiteam á craoibh. Bha e air direadh don chraoibh an deigh porcupine.

Ann anCaliforniaair an fhoghar so tham fiar acreic air sia dolair dheug an tunna, agus tha dùil ri e bhi cho àrd ri fichead dolair, an ùine ghoirid. ’S ann a tha e coltach gu bheil prisean gach seòrsa ag éirigh air a bhliadhna so.

Chaidh còignear chloinne a bhàthadh an Toronto an la roimhe. Bha mu fhichead dhiubh ann am bàtà adol gu eilean beag a bha mu cheud slat o thir. Leis a chluich a bhorra chuir iad am bàta thairis, ’s bhan aireamh ud dhiubh air am bàthadh.

Bha crithean-talmhainn mora ann an Iapan air a choigeamh latha den mhios a dhfhalbh. Bha iad air an leantuinn le tuiltean mora, agus chaidh còrr us da cheud duine a bhàthadh. Bha mile tigh air a chur fodha anns na tuiltean, agus rinneadh call mor.

Air an t-seachdain sa chaidh, fhuaireas sgeul air ochdnar dhaoine bhi air an crochadh gun lagh anns na Stàitean. Bu dhaoine-dubha siathnar dhiubh. Than t-àm aig na Stàitean casg a chur air an obair sin, air neo caillidh an dùthaich a deagh ainmsa cliù gu buileach.

Tha Seumas Mac Coinnich, a tha riaghladh na mor-roinne acur os ceann gach obair a thatar a deanamh air na ròidean-moras air na drochaidean, an dràsda ann an siorrachd Inbhirnis acur air dòigh dhrochaidean a bha feumach air càradh. Tha e aig an àm so ann am Mabou.

Bha moran dhiubhsan a chaidh a mach do Mhanitobas don Iar-Thuath o chionn ghoirid air am mealladh gu mòr. Cha dfhuair iad a dhol cho fadasa bha toil aca dhol, agus cha robh an obair idir cho pailtsa bhasan ainm. Tha muinntir an rathad-iaruinn air an coireachadh gu mor air son mar a dhéilig ian ris na daoine.

Bha Alasdair Bain, áPort Hawkesbury,anns abhaile Di-màirt sa chaidh, agus rinn e céilidh bheag air MAC-TALLA. ThaMr . Bain ’na fhear-gnothuich aig anInternational Steamship Co. ,a tha cumail shoithichean-smùide a ruith eadar na mor-roinnean-iseal agus Bostons puirt eile anns na Stàitean. Tha àireamh mhor de mhuinntir an eilein so afalbhsa tighinn air na soithichean ud na h-uile bliadhna.

Bha coinneamh mhor aig lighichean Breatunnach ann am Montreal air an t-seachdain so. Bha coinneamh aig luchd-eallaidh Breatunnach ann an Toronto o chionn beagan ùine air ais. Tha e car iongantach an da chuideachd a bhi cumail an coinneamhan ann an Canada air an aon bhliadhna, ach tha e soilleir ri fhaicinn gu bheil Canada nas motha ann an sùilean muinntir na seann dùthcha na bha i riamh roimhe.

Thatar afaotainn an òir ann an caochladh àiteachean air feadh Cheap Breatunn, ma tha gach sgeul fior. Tha fhios againn uile gu robhasga fhaotainn ann an Cheticamp, agus air an Amhuinn Mheadhonaich; ach thatar ag radh a nise gu bheileasga fhaotainn ann am moran àiteachan eile. Ann amMiddle Cape,faisg air aPhòn Mhor, tha òr air fhaighinn, agus mar an ceudna anns abheinn air cùl Hogamah, agus theagamh ann an àiteachan mu nach cuala sinn fhathast. Tha sinn an dòchas gu bheil gach sgeul dhiubh so fior, agus gu faighear an t-òr gu pailt anns gach àite dhiubh.


LEABHRAICHEAN GAILIG.

Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. MacIlliosa 1.10
Gaelic Class Book .35

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte. Sgriobh gu
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, C. B.


J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsas fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B.


BADDECK, - - C. B.
Airson a stor a dheanamh nas deiseiles nas feumaile dhaibhsan a thadeanamh gnothuch ris, tha
Albert I. Hart
anise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha achuid sin den ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am BostonsanNew York.Gheibh iadsan a thig ga h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDECK , - - C. B.


IUBILI!
THIG AGUS FAIC!
Ceannachd ur us Prisean ura.
A h-uile ni cho saors nach fhaod mi innse.
Niall Domhnullach.
Ceann an Iar a Bhaile.
BADDECK , - - C. B.
A Ghàiligsa Bheurla air an aon phris.



[78]

[Vol . 6. No. 10. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 75.)

air amheadhon-oidhche chual e iad ageigheach fosgladh, agus bha triùir ann mu choinneamh an aon fhir a bhann an raoir. Cha dthug e aon fheairt orra gus a dhol a mach far an robh iad, no gus an dorus fhosgladh. Ach cha bfhad a bha iadsan gun an dorus a bhriseadh agus gabhail a stigh ma cheann. Rug iad air, ’s bha iadg a thilgeadh eatorra gu mullach an ruim, agus agearradh leum air a mhuin gus an do ghairm an coileach, agus an sin dhfhalbh iad. An uair a thàinig an latha ghabh ise don rùm a choimhead an robh e beò. Thug i mach am botul as a pòcaid agus chuir i richuinn-leanaibh e, agus thainig e h-uige fhein. ’S e acheud fhacal a thubhairt e gur h-e a bha gòrachg a mharbhadh fhein air son gin a chunnaic e riamh. Thog e an so air gu falbh agus gun fhuireach na bfhaide. An uair a chunnaic ise gun robh e air bheachd falbh, ghuidh i air fuireach, acur an cuimhne dha nam fanadh e aon oidhche eile gum biodh ise saor bho na geasan agus, “A leòra,” ars ise, “ma bhitheas aon iteag beò de dchridhe, ’n uair a thig an latha, bheir an stuth a tha anns abhotul ort gum bi thu cho ùr-chreuchdach agus a bha thu riamh.”

Leis a h-uile rud a bhann ghabh e an urrainn ri fuireach, agus bha triùir agabhail da a nochd mu choinneamh an aon fhir a bha ann an da oidhche eile. Bha e gle mhi-choltach gum burrainn da a bhi beo an deigh na fhuair e.

An uair a thainig an latha agus a chaidh ise a choimhead am bu bheò e, fhuair i e sinte air achlàiridh mar gum bitheadh e marbh. Dhfheuch i an robh an anail ann agus cha burrainn di a dheanamh a mach. Chuir i an so a lamh air a dhuilleig, agus fhuair i gluasad fann aice. Leig i an sin air dòrtadh an stuth a bhas abhotul air, agus cha bfhada gus an déirich ena sheasamh, ’s a bha e cho maiths a bha e riamh. Bhan so an gnothuch deas: bha nighean an righ saor bho na geasan! Thuirt i an so ris san, gum feumadh ise falbh, agus gun tigeadh i ga iarraidh le carbad cheithir eacha glasa an ceann beagan làithean. Thubhairt e rithe i ghrad-fhuireachna tosd; gun a bhi bruidhinn ris-san air an dòigh ud. “Tha daor an éirig agam ort o chionn tri oidhche ma dhfheumas mi nis a bhidealachadh riut;” ach sùil dhan dthug e cha robh i ann idir! Cha robh fios aige ciod a dheanadh e ris fhéin an uair a chunnaic e nach robh sgeul oirre; ach mun dfhalbh i thug i dha slatag bheag, gus an uair a thogradh e fhéin na daoine a bhan an cadal bho chionn shè bliadhna deug a dhùsgadh leatha.

Sin slat agad,” ars ise, “agus chaneil agad ach a bualadh orra agus dùisgidh iad; tha iadn an cadals an t-seomar mhòr ud shìos o chionn a leithid so de dh-ùine.”

An uair a bha e mar so air fhagailn a ònrachd dhfhalbh e stighs leig e e-fheinn a shìneadh air trì cathraichean a bhas an rùm, agus ciod a chunnaic enochdadh a stigh an dorus, ach gille beag bàn.

Co as a thàinig thu, a laochain?” arsesan.

Thàinig miars an gille, “gus a bhibruich ur bìdh fhéin.”

Co a dhiarr sin ort?”

Dhiarr mo bhan-mhaighistir, nighean righ, a bha fo gheasan, agus a tha nise saor.”

Dhaithnich ean so gun do chuir i an gille gu frithealadh dha. Thubhairt an gille ris gun diarr a bhan-mhaighistir air a bhi deas am maìreach mu naoi uairean agus gun robh ise gu tighinn ga iarraidh le carbad mar a gheall i. ’S e fhéin a bha toilichte an uair a chual e so. Ghabh e mach don ghàradh an uair a bhan uair ateannadh air; ach ciod a rinn an gillebeag bàn ach dealg mhór a thoirt áphòcaid fhéin, agus sàtharan cùl a chòta gun fhios dha, agus grad-thuitear en a chadal.

Cha bfhada gus an dthainig ise le carbad cheithir each. Dhfhaighneachd i den ghille an robh a mhaighistirn a dhùsgadh. Thubhairt esan nach robh. “Is bochd a dhéirich,” ars ise, “tra nach foghnadh an oidhche leis gu cadal. Abair ris mur coinnich e mise mun àm so a màireach nacheil e glé choltach gum faic e mi ra bheò.”

Cheart cho luaths a dhfhalbh i thug an gille bàn an dealg á còta a mhaigistir agus dhùisg es amhionaid. ’S e a cheud fhocal a thuirt e ris aghille bhàn, “Am faca tu i?” “Chunnaic, agus dhiarr i orm a ràdh riut mur coinnicheadh tu i mu naoi uairean a màireach, nach faiceadh tu gu bràth i. Bha esan fuathasath duilich an uair a chual e so. Cha robh etuigsinn ciod bu choireach gun robh an cadal atighinn air aig an àm a bha ise atighinn. Chuir e roimhe gun rachadh e chadal tràth a nochd gus éirigh moch a màireach; agus rinn e sin éirigh glé mhoch. An uair a bha eteannadh air na naoi uairean ghabh e mach don ghàradhg a feitheamh gus an tigeadh i, agus bhan gille bàn còmhla ris; ach a cheart cho luaths a fhuair an gille cothrom, thug en dealg a mach as a phòcaid agus stobar e ann an còta a mhaigistir i, agus grad-thuitear esann a chadal mar a bàbhaist da. An uair a bha e dìreach naoi uairean thàinig ise le carbad cheithir each, agus dhfhaighneachd i den ghille bhàn an robh a mhaighistir air a chois an diugh. Thubhairt an gille nach robh, gun robh en a chadal mar a bha en . “Ud, ud!” ars ise, “ ’s bochd leam fhein a dhéirich dha; nach fhoghnadh dha na rinn e chadal fad na h-oidhchen raoir? Abair ris nach fhaic e mise gu bràth tuille ann an so; agus so dhuit claidheamh a bheir thu dhan am ainm-sa agus bheir thu mo bheannachd dha.” An uair a thubhairt i so dhfhalbh i.

An uair a dhfhalbh i thug an gille bàn an dealg á còta a mhaighstir, agus ghrad-éirich e. ’S e a chéud fhacal a thubhairt e, “Am fac thu i?” Thubhairt an gille gum fac, agus gun robh claidheamhan sid a dhiarr i airsan a thoirt dha. Thòisich e an so air spìonadh an fhuilt as fhéin le mullach mulaid. Ach sùil dhan dthug e thar a ghualainn cha robh bad den ghille bhàn aige!

Bha en son a ònrachd, agus smaoinich e dol a stigh don rùms an robh na daoinen an cadal; agus coam measg na h-uile a bha ann ach an dithis chompanach a bha aige fhein an uair a theich iad as an arm. Chuimhnich en so ciod a thubhairt nighean an righ risnach robh aige ach an t-slat a thug i dha a bhualadh orra agus gun éireadh iad uile as achadals an robh iadcuid dhiubh ann bho chionn shè bliadhna déug; agus co air a bhuail en toiseach i ach air a dhà chompanach fhéin. Sin iadsan air am bonnaibh a cheart cho luaths a bhean an t-slat dhoibh, agus thug e dhoibh an ultach de dh-òrs de dh-airgiod, agus iad fhéin a thoirt as; achs ann a bhan obair aige mun do dhùisg e uile iad; bha dhorus achaisteil cumhann dhoibh fad an latha!

Bha call nighinn an rìgh acogadh ra inntinn a lathas a dh-oidhche; agus smaoinich e gum falbhadh e air feadh an t-saoghail dhfhiach am faigheadh e neach sam bith a bheireadh naigheachd dha oirre. Thug e leis an t-each a bfhèaar a bhas an stàbull agus dhfhalbh e. Thug e trì bliadhna air choiseachd tre fhàsaichean agus choilltichean agus cha dfhuair e neach a thug dha naigheachd oirre. Thuit e mu dheireadh ann an eu-dochas cho mór agus gum feumadh e làmh a churn a bheatha fhéin. Rug e air achlaidheamh a thug ise don ghille bhàn gus a thoirt da, ’dol a ghearradh a sgòrnain fhein leis. An uair a spìon e as an truaill e, ciod a chunnaic e ach sgrìobhadh air an taobh aige. Sheall e air, agus ciod a bhann ach; “Gheibh thu mise anns na Beanntaichean Gorma.” Thug so maisneach dha, agus leig e dheth buil a thoirt as fhéin. Smaoinich e gabhail air aghartan dòchas gun tachradh neach ris a bheireadh dha naigheachd air càite an robh na Beanntaichean Gorma. An deaghaidh dha astar gun chiall a dheanamh, chunnaic e mu dheireadh solus fada uaithe, ’s rinn e dìreach air. An uair a rainig e an solus ciod a bhann ach bothan tighe. Cho luaths a dhfhairich am fear a bha stigh tartraich chas thainig e mach, ’s co bha nìos ga ionnsuidh ach marcaiche.

Dhfhaighneachd e dheth ciod a thug an sid e, agus càite a bha edol. “Tha mise,” os esanann an so o chionn thrì chéud bliadhna, agus aon mhac duine chan fhaca mis an ùine sin ach thusaad ònrachd.”

Tha mise air falbh o choinn thrì bliadhna,” ars an t-Eirionnach, dhfhiach am faigh mi neach sam bith a dhinnseas dhomh càite am bheil na Beanntaichean Gorma.”

Thig a stigh,” ars an seann duine, “agus cuiridh tu seachad an oidhche comhla rium fhein. Tha leabhar agam anns am bheil eachdraidh an t-saoghail, agus theid mi roimhe a nochd, agus ma tha a leithid de àiteus na Beanntaichean Gorma ann, leóra, bithidh fios agam air.”

(Ri leantuinn.)



[79]

[Vol . 6. No. 10. p 7]

Na Gaidheil ann an Canada.

Tha iomadh finetuineachadh anns an duthaich mhor bheartach anns am bheil sinn uilegabhail comhnuidh. Tha Innseanaich, ’us Sasunnaich, ’us Eirionnaich, ’us Frangaich, ’us Gearmailtich, ’us Albannaich, ’us Eadailtich, agus feadhainn eilecosnadh an teachd-an-tir agus asealbhachadh na saorsas nam buaidhean lionmhor a bhuineas do Chanada ann an tomhas gasda, measail, morail. O cheann iomadh lathas bliadhna rinn na Gaidheil obair chruaidh, ghoirt, mhaith anns gach cearna de Chanada. Anns na roinnean a tha shios ri taobh na fairge luasganaich, an Cuibeic, ann an Ontrio, anns na comhnardanus anns na h-achaidhean arda, ’s am measg nan cnoc feurach, farsuing a tha ann an iar-thuath ar dùthcha thorraich, àluinn, is iad na Gaidheil a rinn na gniomharan as modhas a nochd neart, ’us tapachd, ’us dealas, nach do nochd fine air bith eile ann an gearradh sios nan craobhus nam frith aosmhor, tiugh, mora. Chan eil ach eolas bochd aig an linn a tha nis a lathair air gach amhghar, ’us cruadail, ’us gaisge, ’us aghartachd, ’us treoir, a chleachd na Gaidheil bho cheann ginealaich no dha ann an glanadh an fhearainn, ’us ann an uidheamachadh ionaid-comhnuidh doibh feinus dan teaghlaichean, far am bitheadh iad sona, saor gun eagal, gun sgath no geilt am measg pailteis, ’us slainte, ’us soirbheachaidh.

Is ann le cridhe tuirseach, airsneulach, a dhfhag iomadh Gaidheal tir nan gleanns nam beann, ’us a dhfhag e beannachd gu brath leis aghleann no leis an t-slios non learga anns an drugadh e, ’s anns an do chaith a shinnsirean an laithean. Is ann le faireachduinnean tiamhaidh, muladach, a ghabh iomadh Gaidheal a rinn ainm maith agus a fhuair fardachus maoin ann an Canada, an cuain beucach fodha, ’s a thionndaidh e gu brath a chulthaobh ri fraochus barrach, ri cnoic us raoin na tire anns an drugadh e.

Tha siùil ri croinng an sgaoileadh shuas
Us gaoth nam beann ag iarraidh chuain,
Tamh nis faidchan fheudar leinn
Ach iarramaid gun dail na tuinn.

Slan le Albuinn ghleannus chnoc,
Oirs eigin dhomhsa triall an nochd,
Gun duil am feasd ri cois air dfheur,
Mochreach! mo chradh! ’s e fath mo dheur.”

Is ann le toileachas mor agus le aignean proiseil a ghabhas sinn beachd gach àm air an inbhe urramach a choisinn na Gaidheil doibh fein ann an Canada. Anns gach innleachd us treubhantas, anns gach stri us dealas, ann an riaghladh na dùthcha, ann am fosgladh suas gach ionmhais, ’s ann an deanadh laghannan iomchuidh, direach, ann an gliocas us dùrachd us onoir a nochdadh agus a chumail suastha Gaidheil amealltuinn cliu aillidhus ughdarras nach eil gann no suarach. An Ridir Iain Mac Dhomhnuill, Alasdair Mac Coinnich, iomadh Mac Illeathain, ’us Camaronach, us iomadh Gaidheal eile rinn seirbhis chudthromachs a bha glic, ealanta, mor-inntinneach ann am parlamaid ar dùthcha; choisinn iad uile lem beusanus an euchdan ainm maith doibh fein, agus meas us miadh do na Gaidheil gu leir. Thig e do gach neach a bhi daonnan ag altrum speis do na daoine bhon dthainig e: don dùthaich anns an drugadh iad, agus do na chanain a labhair iad gu pongail, fileanta, agus do na h-abhaistean a bha taitneach leo. Than t-Innseanach bochd airidh air moladh sonruichte, am feadh tha eg iarraidh leis na buaidhean us leis an tapaidh a tha aige, urram a chur air an fhine dam buin e, ’s dearbhadh laidir follaiseach a thoirt seachad gu bheil na h-Innseanaich comasach air beusan cliuiteach fhadadh suas, agus gur e run suidhichte chridhe fein leis gach dichioll us oidheirp us deadh-chomhluadar, a bhicosnadh agus a trusadh cairdeis, us speis, us muirn maiseach, measail da fein agus gu sonruichte do na h-Innseanaich ris am bheil daimh laidir sheasmhach aige, oir is e an aon fhuil a tha ruith anns na cuislean aca agus a thablathachadh an cridheachan. Ma tha air uachdar an t-saoghail fine no daoine aig am bheil aobhar treun, meamnach a bhi dileas dan canain us dan eachdraidh us a bhi proiseil do bhrigh gu buin iad do dhuthaich us do finebha daonnan gaisgeil, onarach, seasmhach, mearganta, is ann da rireadh do Ghaidheil Chanadabhuineas an inbhe urramach, snasmhor, so. Is iomadh latha bhon labhair an sar-Ghaidheal eireachdail, uasal, Tormaid Mac Leoid, fior charaid nan Gaidheal anns an doigh so mu dheibhinn an dochais a bha aige gu bitheadh Gaidheil Chanada dileas doibh fein agus do chanan us abhaistean an duthcha. Ann an comhradh do Leabhar nan Cnoc, than t-ollamh eudmhor, dileas, dealasach ag radh, “Na creidibh iadsan a thag radh gu bheil a Ghailig air leabaidh a bais! tha i co slan laidir, urail, agus a cuisle co fallain, ’s a bha i riamh; agus ged a thachradh e gu biodh i air a fogradh á h-Albainn a maireach, tha farsuingeachd agus fasgadh afeitheamh oirre taobh thall don chuan mhor, far am bheil cheana na miltean da muirichinn fein a dhfhailticheadh agus a dhaltrumaicheadh i le solas.” Am bheil Gaidheil Chanada an diugh co dileas agus co fiughantas a bu choir daibh a bhi ann an cumail suas an canain agus a dearbhadh len durachdus lem fiughantachd gu bheil iad toileach agus easgaidh a bhi toirt caoimhneis agus comhnaidh do MHAC-TALLAs dhoibhsan a thadeanamh an ulaidh-mhaitheis ann a bhi deasachadh re gach seachduin, paipeir a thag innsidh ann an Gàilig ghrinn, laghach, ghlan, iomadh ni choir toileachadhus prois, ’us eud a thoirt do gach Gaidheal a than diugh an Canada. Anns an t-seachduinn a leanas, their mi moran tuilleadh mu dheibhinn nan Gaidheil ann an Canada.

CONA.


An do phàigh thu MAC-TALLA.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIGOs cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-Tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.


Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C. B.


Indurated Fibreware

Tha an seòrsa so nas daoire na na bucaideans na tubaichean cumanta, achs math is fhiach iad sin; tha iad nas buaine, agus mar sinsiad as saoire.

THE
E. B. EDDY Co
LIMITED
HULL, CANADA.



[80]

[Vol . 6. No. 10. p. 8]

Na Sruthain.

Eighidh na broin bheaga, tha na mor bhroin balbh.”

A shruthain, a shruthain an aonaich,
Ag greasad fo aomadh nam fras;
Afroiseadh feadh phronnlach an aodainn
S ataomadh na dchaol-shruthain ghlas;
Mars taine bho diochdar gu duachdar,
Mar sins ann is fuaimear do ghuth;
Sn uair nach tog am mor shruthan luath-ghair,
Cuiridhn fhaoin-fhras ard ghleadhraich na dshruth.
Nach minig a chi sinn mun cuairt duinn;
Cuid tha gluasad mar chàch anns gach ni,
Gusn tachair do thrioblaid am bualadh;
S an sin chithear buaidhean an cridh’,
O, togaidh iad àrd an guth fuaimneach,
Bithidh caoidhrean na truaighacnach faoin,
An duil gun gabh daoine mòr-thruas diubh
Cha dionnsuich iad falamhachd dhaoin’.

Achalltain, O, ’alltain nan lòintean,
Cha chualas riamh mòr fhuaim bho dghuth;
S ge domhain, ’s ge dorch thus achòmhnard
Seasaidh caol-luibhean uaine na dshruth:
S ged sguabas mun cuairt ort na frasan;
S beag dhaithnichear ortsa dem buaidh,
Ach thu gluasad beagan nas braise,
S aplosgail nas truime ri dbhruaich.
Nis, thusa tha duineiln uair chuireas
Mor thrioblaid no deuchainn ort gruaim,
Cha chluinnear le moran do thuireadh;
Ach mùchar an searbhadas cruaidh;
Oir mulad beag falamh aghearain,
Is gearr gus an gabh e air falbh:
S e fior bhròn, bròns tricetha maireann
S mar shruthan an lòin tha e balbh.

MAC-OIDHCHE.


Laoidh no Marbhrann.

A bhig earbsann an duine, sin a bhunaid tha truagh,
S ann mar sin dhearbh iad duinnenuair bha trioblaid ma cuairt,
Than t-eug le gath guinneach tabhairt a bhuillean cho cruaidh
Ge be taobh bheirinn maghaidh chan fhaighinn ach fuachd.

Fhuair mi cupan na h-àmhghar, uisge Mhàrah ri òl,
Gur deoch i tha duilich d o dhfhuil is do fheòil;
S ged nach urrainn mi iomradh thoirt air iomlan ri mbheò
S ann am buideal na flaitheas a thaisgair mo dheòir.

Tha òrdeannan seasmhach aig freasdalan Dhé,
Ged leughas mi duilleag tha tuiileadh na deigh;
Na measamaid cruaidh e thoirt bhuain a chuid féin,
Tha còir aig a bhuachaill air uain is a threud.

Tha ar làithean mar dheatach nach faicear ach gearr,
No mar na maoth lusan a thuiteas gu lar;
Bha taitneas na beatha fa leth annta fàs
Dhaon bheum chaidh an gearradh cha deach an sgaradhnam bàs.

Tha na pailliunean beaga air an leagail nis sios,
Gur e teampull a chuirp e dhol na duslach a ris,
Chaidh an trioblaidean thairiss chan fhairich iad sgios
Air an lionadh le aoibhneas ann a toilltanas Chriosd.

Ach co dhionnsuidh an teid mi le mchreuchdans lemdheòir,
S gun ioclaintni feum dhomh aig creutair tha beò,
Dhfhosgladh tobairn tigh Dhaibhidh, tha i saibhir gu leòir,
Tha in diugh ann am thairgse gun airgeads gun òr.

Chan eil dhol as anns acath sin, chan eil seachnadh bhon bhàs,
Geds math iocshlantean dhaoine gur faoin iadsa chàs,
Bheir en gaisgeach as tréine fo ghéill dha gun dàil
Bhris a roths soitheach-cumail, ’s chaidh a chunneag na clàir.

Tha anail an duine ann a cuinnean a shròn,
I cho diomhains cho diumbuain ris na fionannan fheòir;
Bidh Iudhaich is cinnich air a tionail fa-dheòidh
Gu seasamh na crannchurs nach bhi aimsir nis mo.

Nuair a sheideas an trompaidsa dhùisgeas na mairbh,
Gur soniad a mhuinntir rinn cinnteach an gairm,
Thog an tigh air a charraigs nach caruich an stoirm
Nuair bhios nèimh agus talamhdol thairis le toirm.

N dream tha faicilleach, diaghaidh, chur an siol leis na deòir,
Siol fallain na firinn ro-phriseil am pòr;
Gheibh iad toradh an spioraid ra tionail a ghlòir:
Ach gu siorruidh cha bhuainear ach truailleachd on fheòil.

Sud am preas a tha Iasadh, cha chaith e gu bràth,
Tha làithreachd an Tighearna na meadhon a tàmh;
Ged a shéideas na gaothan chan aom e gu làr,
Sannsa chumhnanta shiorruidh thafriamhan an sàs.

Chualas guth ann a Ramah, tha Rachael acaoidh,
Rinn Herod an-iochdmhor a sliochd chur a dhith,
Ach tha anama fon altair air an tasgadh an sith,
S iad le fadachd afeitheamh gu thoir iad breth air an Righ.


Rinneadh an dàn so le Mr. D. I. Mac Rath a bha afuireach air an Eilean Mhor, agus a chaochail o chionn còrr agus bliadhna. Bha ena dhuine còir, measail, agus tha an dàn so anochdadh gu robh na deagh chomasan-inntinn aige. Rinn e an dàn air do dhithis dechloinn caochladh leis an amhaich-ghoirt.


O CHIONN còrr us bliadhna sgrìobh an t-Urr. T. Watson, áCoburn . Ont. ,mar a leanas: —Tha K. D. C. an deigh atharrachadh mor a thoirt orm, aon uairs gun do thòisich mi air a ghabhail. Tha tinneas mo stamaig air falbh gu buileach, agus tha mi nas saline na bha mi o chionn bliadhnaichean. Tha mi creidsinn gu bheil e cheart cho mathsa tha iad-san a thaga dheanamh ag radh.

(Aug. 14, 1896) sgriobh e rithist:— “Tha mi toilichte innse gu bheil an leigheas a rinn K. D. C. orm buan.”

K. D. C. Bu choir e bhi anns a h-uile dachaidh, on tha e math air gach eucail bheag us mhor a tha buailteach don stamaig, a leigheas.

Tha K. D. C. Pills anabarrach math air son tinneasan-cuim. Ma ghabhair iad comhla ri K. D. C. leighsidh iad teanntachd.


C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean.
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


NIALL Mac FHEARGHAIS,
Taillear.
SIDNI - - - - C. B


$1 .00 air 80c.
Tha tuilleadhsa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dhairgead. Thig mum bin t-am seachad agus
FAIGH BARGAN.
McDonald Hanrahan & Co.
Sidni, Iulaidh 16, ’97.


FLUR AGUS MIN
direach as na muillnean.
(Ann am barailtean, leth-bharailtean agus cairteil.)
TI, SIUCAR, TOMBACA, etc.
Am bathar as fhearr air na prisean as isle an coinneamh AIRGEID.
ALASDAIR MARTUINN.
Sidni, C. B., Sept. 1, 1897.

titleIssue 10
internal date1897.0
display date1897
publication date1897
level
reference template

Mac-Talla VI No. 10. %p

parent textVolume 6
<< please select a word
<< please select a page