[Vol . 6. No. 11. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH, CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 10SEPTEMBER, 1897. No. 11.
Strathchomhainn.
Tha am Morair Mac Amhlaidh ag innse dhuinn na ’eachdraidh gu bheil an t-ainm Gleann-comhann a ciallachadh Gleann a Chaoinidh. Tha fios gun robh caoineadh gu leoir anns a ghleann ud air an oidhche uamhasaich anns an deach an sluagh a mhort. Ach tha fios againn cuideachd gun robh an t-ainm Gleann-comhann ann am bith fada mu’n do rugadh Righ Uilleam no Morair Bhraidalbainn. Tha moran ag radh gu bheil am facal comhann a seasamh airson an fhacail cumhann, agus gur h-e mar sin an gleann cumhann is ciall do ’n ainm Gleann-comhann. Faodaidh e a bhith gu bheil so fior, ach cha ’n eil dearbhadh sam bith againn gu bheil.
Tha abhainn bheag a ruith troimh Ghleann-comhann ris an abrar a Chomhann. ’S math a b’ aithne do dh’ Ailein Dall i.
“Bho Chomhann nam bradan
Is gasd ’thig fo thriall
Clann-Iain gun ghealtachd,
Bha ’n neart-san leat riamh;
Le ’n airm an deagh òrdugh,
Luchd a leonadh nam fiadh,
’S a dheanadh an tolladh
Mu ’n cromadh a ghrian.”
An oran eile tha am bàrd binn so ag radh:
“Ghineadh mi ’san tir nach coimheach,
’S chaisginn m’ ìotadh le brigh Chomhann;
Tobar iocshlainte nach reodhadh,
’G éiridh ’nios bho ’n dìlinn dhomhainn.”
Faodaidh e a bhith gun d’ fhuair an abhainn ainm air thoiseach air a ghleann. Ma ’s ann mar so a bha chuis, tha ’n t-ainm Gleann-comhann a ciallachadh gleann na h-aibhne ris an abrar Comhann. Gu dé, ma ta, is ciall do ’n fhacal Comhann? Tha e gle fhurasda ceistean de ’n t-seorsa sin a chur, ach e tha fior dhuilich am freagairt. Theagamh gur h-e Cothon an doigh litrichidh cheart, agus nach h-e Comhann. Tha ’m facal cothon a ciallachadh cobhar. Faodaidh e a bhith mar sin gur h-e ’s brìgh do ’n ainm Gleann-comhann, no Gleann-cothan, gleann abhainn a chobhair.
Ciamar a rinneadh am facal cothon? Cha ’n eil fios agamsa mar do rinneadh e de ’n da fhacal co agus tonn. Tha e gle chinnteach gu’m biodh cobhar far am biodh co-thonn no da thonn a bualadh ri ’cheile. Tha cuid ag radh gur h-e cothon agus omhan an t-aon fhacal. Dh’ fhaoidte gur h-e, ach cha ’n eil mi a tuigsinn ciamar is urrainn sin a bhith. Cia as a thainig an litir e?
’S e Cona a Bheurla a th’ air Comhann. Tha Strathcona mar sin a ciallachadh strath na h-aibhne do ’n ainm Comhann. Buinidh e an nis do Dhomhnull Mac-a- Ghobha, agus bho ’n a tha e na mhorair, ’s e Morair Strathchomhainn a th’ aig air fhein. Tha ’n t-ainm gle fhreagarrach, oir tha Mac-aGhobha na uachdaran os cionn gach lag, is lùb, is creag, is beinn a chi e.
Tha Morair Strathchomhainn na dhuine gasda agus bithidh e na uachdaran math. Ach nach eil e na ni truagh gum biodh gleanntan agus beanntan na Gaidhealtachd air an roinn eadar beagan de thighearnan, ceudan de dh’ fheidh,agus miltean de chaoraich. Càit a bheil na daoine? Tha cuid dhiu aig an iasgach, cuid an Glaschu, ’s a chuid eile sgapte feadh an t-saoghail.
Co nach cuala mu ’n Reiseamaid Chataich? Nuair a bha na gillean òga a bha san reiseamaid sin a cur smachd air Bonipart ’s a dòrtadh am fala na h-uillt airson Bhreatainn, bha Bana-Mhorair Chataibh a tilgeadh am parantan aosda am mach as an taighean, a cur am bothain bhochda nan lasraichean teine, agus gam fagail fhein ’s an cuid nighean gun bhiadh, gun leaba, gun dachaidh, gun fhasgadh. Cha ’n fheil mise am namhaid do Bhreatann, ach tha mi am namhaid do na h-uile duine a tha na namhaid d’i. Aig a cheart àm cha ’n urrainn mi a radh nach robh coire sam bith aig Breatann ris an obair mhallaichte a rinneadh ann an Cataobh. Nach h-e pàrlamaid Bhreatainn a tha deanamh laghanan do ’n dùthaich? Carson a bhiodh lagh air a dheanamh no air ’fhàgail deante, a cheadaicheadh gum biodh siorramachd aig aon duine fo òrdaig gu a thoil fhein a dheanamh rithe? ’S e mo ghuidhe ’s mo dhùrachd gun dig an latha, ’s gun dig e gu luath, anns nach bi duine no bean eadar Maol Chinntire agus Taigh Iain Ghròt an Gallaibh a’s urrainn a radh, “Tha còrr agus mile acaire de ’n fhearann a thug Dia do na Gaidheil agamsa fo m’ smachd gus mo thoil fhein a dheanamh ris.”
GLEANN-A- BHAIRD.
A Ghailig anNew Zealand.
Fhuair sinn paipear o ar caraid Iain Rothach an la roimhe anns am bheil iomradh air a thoirt air coinneamh mhiosail Chomuinn Ghàilig Dhunedin. Bha àireamh mhor a lathair, agus Domhnull Rothach (á sgire ’n t-Srath ’san Eilean Sgiathanach) ’sa chathair. Rinn fear na cathrach òraid ghasda a luibhairt ann an Gàilig, anns an d’ thug e earail air na Gaidheil a dhol a stigh ris a’ chomunn agus a bhi dileas d’an cànain. Thug e iomradh air dilseachd nan Gàidheal ann an Canada, agus labhair e mu MHAC-TALLA agus an obair a tha e ’deanamh. Bha àireamh de dh’ òraidean Gàilig eile air an liubhairt le buill a chomuinn. Thug an Dotair Gordon Domhnullach seachad mion-chùnntas air na chunnaic e air cuairt ann an baile na Ròimhe. Bha an sin co-sheirm aca, agus b’ òrain Ghàilig a chuid mhor de na chaidh a sheinn.
A reir na th’ anns a phaipeir tha sinn a tuigsinn gu robh coinneamh mhath aca, agus gu robh dùil aca ri coinneamh a’ b’fhearr air an ath mhios. Tha sinn toilichte chluinntinn mu ’n chomunn Ghàilig so agus tha sinn an dòchas gu’m bi soirbheachadh math leis.
Bha ceilidh aig Taigh na Bruaiche aon uair agus thàinig na gillean agus na caileagan as gach àite mu ’n cuairt. Bha na gillean smiorail, sgairteil le breacanan agus boineidean gorma gu leòir, agus mar is àbhaist do na caileagan Gàidhealach, bha iad-san laghach, lùrach, ceanalta, baigheil, bòidheach, ionnas gu ’n do chaill na gillean bochda an cridheachan gu buileach, glan. Bha gille gasda an lathair do ’m b’ ainm Ian agus bha e cumail suile air Seònaid nighean a’ chlachair, caileag dhubh, mhor, dhireach, agus ann an ceann tacan chaidh e chuice agus thuirt e rithe, “A Sheònaid, a laoidh mo chridhe, nach pòs thu mise?” Thug Seònaid sgread bheag aisde agus thuirt i, “Och, Iain, chuir thu eagal orm.” A nis bha eagal a chridhe air Ian e-féin a thaobh na thuirt e, agus chum e ri ceann eile an taighe fad an fheasgair. Nuair a bha e fàs anmoch agus a chunnaic Seònaid nach d’ thàinig Ian da h-ionnsuidh a rithist, chaidh ise da ionnsuidh-san agus thuirt i ris gu ciùin, “Iain! nach cuir thu eagal orm a rithisd?”
Tha cùisean na Tuirce ’s na Gréige gun an réiteach fhathast. A reir coltais ’si Breatunn an aon dùthaich a tha feuchainn ris a’ ghnothuch a chur an darna taobh agus tha Ruisia ’sa Ghearmailt ag obair na h-aghaidh.
Thatar a meas gu bheil còrr us seachd mile deug duine anns na priosain anns na Stàitean. Cha’n eil iomradh air a thoirt air na bu choir a bhi annta ’sa tha ma sgaoil.
[Vol . 6. No. 11. p. 2]
SGEULACHDAN ARABIANACH.
VI. —EACHDRAIDH NAN TRI CHALADAIREAN AGUS NAN COIG MNATHAN-UAISLE.
CAIB. XIII.
Thuirt an righ an sin ri’ nighinn, “Cia mar a tha fhios agad gur ann le draoidheachd a chuireadh am prionnsa so ann an riochd moncaidh?”
“Innsidh mi sin dhuibh,” ars ise. “An uair a bha mi mu dheich bliadhna ’dh’ aois, bha seana bhean, mar a tha cuimhne agaibh, a’ frithealadh dhomh. Bha eolas anabarrach farsuinn aice air draoidheachd. Dh’ionnsaich i dhomh tri fichead cleas ’s a deich de na cleasan draoidheachd. Leis na cleasan so rachadh agam air ceann-bhaile na rioghachd a thilgeadh ann am piobadh na sul an teis meadhain a’ chuain, no air chul Beinn Chacasus. Leis an ealain so aichnichidh mi anns a’ mhionaid a h-uile neach a tha fo gheasan, agus co a chuir ann iad. Air an aobhar sin, na biodh ioghnadh sam bith oirbh ged a thogainn-sa na geasan gun dail bhar a’ phrionnsa, agus chuirinn ’n ’ur lathair e anns a’ chruth nadarra anns am bu choir dha bhith.”
“A nighean, cha robh fhios agam gus a nis gu’n robh uiread sin a ’dh eolas agad,” ars’ an righ.
“Mo thighearna,” ars’ an nighean, “tha’n t-eolas so iongantach, agus is fhiach e ’ionnsachadh gu curamach; ach cha ’n ’eil mi ’smaointean gur coir dhomh uaill a dheanamh as.”
“A nis, o ’n a theid agad air,” ars’ an righ, “tog na geasan bhar a’ phrionnsa.”
“Ni mi sin, agus cuiridh mi e anns a’ cheart chruth ’s an robh e an toiseach,” arsa nighean an righ.
“Dean e, ma ta,” ars’ an righ, cha’n urrainn dut taitneas a’s mo a thoirt dhomhsa; oir ni mi ard-chomhairleach dheth, agus posaidh e thu fhein.”
“Mo thighearna, tha mise deas gus umhlachd a thoirt dhuibh anns gach ni a chuireas sibh mu m’ choinneamh,” ars’ ise.
An uair a thuirt i so, chaidh i do ’n t-seomar aice fhein, agus thug i sgian as air an robh facail Eabhra sgriobhte. Thug i air an righ, air a’ chaillteanach, air a’ ghille-buird, agus ormsa a dhol sios do chuirt a bh’ anns an luchairt. Bha lobhta-chrochaidh mor-thimchioll na cuirte, agus thug i oirnne ’nar ceathrar seasamh air an lobhtaidh so; ach sheas i fhein ann am meadhain na cuirte. Tharruinn i cearcal mor mu’n cuairt air an aite ’s an robh i ’na seasamh, agus sgriobh i na h-uiread a dh’ fhacail ann an litrichean Arabianach an taobh a staigh de’n chearcal so. An uair a bha gach ni deas a reir a miann, thoisich i ri labhairt briathran draoidheachd, agus ri aithris earrannan de’n Choran. An ceann beagan uine thoisich an t-aite ri fas dorcha, mar gu’m biodh deireadh an t-saoghail air tighinn. Bhuail an t-eagal sinn gu h-anabarrach, gu h-araid an uair a chunnaic sinn am fathach, mac nighean Eiblis, air ar beulaobh ann an riochd leomhainn a bha uamhasach mor.
Cha bu luaithe a chunnaic ise e na thuirt i, “A choin, an aite bhith similidh ’n am lathair mar bu choir dhut, am bheil de dhanadas agad feuchainn ri eagal a chur orm?”
“Agus thusa,” fhreagair an leomhann, “an e nach ’eil eagal ort bristeadh air na mionnan a bh’ eadrainn nach deanamaid cron sam bith air a cheile?”
“O chreutair mhollaichte!” arsa nighean an righ, “is math a dh’ fhaodas mise a radh gur tusa a bhrist air na mionnan.”
Fhreagair an leomhann gu garg, “Gheibh thusa do dhuais gun dail air son mise thoirt an so.”
An sin dh’fhosgail e a chraos, agus thug e ionnsuidh air a h-itheadh, Ach bha ise ’na faireachadh, agus thug i leum air a h-ais Spion i roineag de ’n fhalt as a ceann, agus an uair a labhair i tri facail, chuir i i-fhein ann an riochd claidheimh leis an do ghearr i an leomhann ’na dha leith.
Chaidh an da leith so as an t-sealladh, ach dh’fhan ceann an leomhainn, agus ann an tiotadh chaidh e ann an riochd scorpioin. Ann am priobadh na sul chaidh nighean an righ ann an riochd nathrach, agus chathaich i ris an scorpion gus am b’ eiginn da teicheadh ann an riochd iolaire. Ach cha bu luaithe a chaidh an scorpion ann an riochd iolaire na chaidh an nathair ann an riochd iolaire mar an ceudna. Chaidh iad le cheile as an t-sealladh car uine. ’N dheigh sin dh’ fhosgail an talamh air ar beulaobh, agus thainig cat breac geal am mach, agus a h-uile gaoisne a bh’ air ’nan seasamh, agus e ’mi-amhalaich gu h-eagallach. Thainig madadh-allaidh dubh am mach ’na dheigh, agus cha do leig e fois dha. Chaidh an cat ann an riochd cnuimh; agus thachair gu’n robh ubhall air an talamh a thuit bhar na craoibhe a bha ’fas air bruaich na h-aimhne, agus gun dail chaidh a chnuimh a steach ann. Dh’fhas an t-ubhall cho mor ann an tiotadh ’s gun do spraidh e na phiosan. Chaidh am madadh-allaidh ann an riochd coilich, agus thoisich e ri itheadh nam frasan a bha ’m broinn an ubhall. Ach an uair a shaoil e gu’n d ’ith e iad uile, thainig e an rathad a bha sinn, agus a sgiathan sgaoilte, agus e ’gogail gu trang, mar gu’m biodh e ’faighneachd dhinn, an d’ ith e na frasan uile. Bha aon silean de ’n fhras aig bruaich na h-aimhne, agus an uair a thug an coileach an aire dha, ruith e g’ a iodnsuidh gus itheadh; ach an uair a bha e gus a bhith aige, rol an silean e fhein do ’n amhainn, agus chaidh e ’na iasg beag. Ann an tiotadh chaidh an coileach ’na iasg mor, agus thoisich e ri ruith an deigh an eisg bhig. Bha iad da uair an uaireadair fo ’n uisge, agus cha robh fhios againn ciod a dh’ eirich dhaibh. Ach mu dheireadh chuala sinn glaodhaich uamhasach a thug oirnn a dhol air chrith leis an eagal, agus an sin chunnaic sinn am fathach agus nighean an righ ’nan lasraichean teine air ar beulaobh. Bha iad a tilgeadh lasraichean teine as am beoil air a cheile. Bha leithid de theine ’s de thiugh-cheo timchioll orra ’s gu’n robh eagal oirnn mu dheireadh gu’n cuireadh iad an luchairt ’na teine. Ach an uine ghoirid bha aobhar eagail bu mho na so againn; oir an uair a fhuair am fathach a lamhan nighean an righ thainig e far an robh sinn air an lobhtaidh, agus thoisich e air tilgeadh lasraichean teine as a bheul oirnn. Bha siun air ar losgadh mur b ’e gu’n d’ thainig nighean an righ ’g ar teanacsadh. Ach a dh’ aindeoin na rinn i gus a chumail uainn, loisgeadh feusag agus aghaidh an righ gu h-olc; thacadh an caillteanach, agus rinneadh dubh-ghual dheth, agus chuir an lasair te de na suilean asamsa. Bha duil agamsa agus aig an righ nach robh tuilleadh saoghail againn, an uair a chuala sinn ise a’ glaodhaich, “Buaidh, buaidh!” Ann an tiotadh bha nighean an righ ’n cruth nadarra fhein, ach bha am fathach ’na thorr luathadh.
Thainig i gun dail far an robh sinn, agus dh’iarr i cupan uisge a thoirt g’ a h-ionnsuidh. Thug an gille-buird uice e, agus an deis dhi facal a radh nach do thuig mi, dhoirt i mu m’ cheann e, ag radh, “Ma ’s ann le draoidheachd a rinneadh moncaidh dhiot bi air d’ atharrachadh gu cruth duine mar a bha thu roimhe.” Mu ’n gann a labhair i na briathran so, bha mise ann an cruth duine mar a bha mi ’n toiseach ach gu’n robh aon suil g’ am dhith.
Bha mi ’dol a thoirt taing do nighean an righ air son na rinn i de mhath dhomh, an uair a labhair i ri ’h-athair mar so:— “Mo thighearna, fhuair mi buaidh air an fhathach mar a tha fhios agaibh; ach tha i gle dhaor dhomh, oir cha bhi mi beo ach beagan mhionaidean. Fhuair an teine greim orm an uair a bha mi ’cath ris an fhathach. Cha tachradh so idir dhomh nan d’thug mi an aire do ’n t-silean mu dheireadh de ’n fhras a bh’ anns an ubhaill, agus gu’n d’ ith mi e, mar a dh’ ith mi an corr, an uair a bha mi an riochd, coilich. B’ e sid an dara riochd mu dheireadh anns an robh comas aig an fhathach air e fhein a chur. Ach o ’nach d’ rinn mi so ’na am b’ eiginnn domh feuchainn ris a chath a chur le teine, mar a chunnaic sibh. A dh’ aoindeoin cho cumhachdach ’s cho fiosrach ’s gu’n robh am fathach, leig mise fhaicinn da gu’m b’ aithne dhomh barrachd air na b’ aithne dha. Thug mi lan-bhuaidh air, agus loisg mi e; ach cha’n ’eil e ’n comas dhomh a nis am bas a sheachnadh.”
Bha ’n righ fo mhor dhoilghios an uair a chuala e na briathran so. “Mo nighean,” ars’ esan, “tha thu ’faicinn gu’m bheil d’ athair ann an droch staid. Ochan! is iongantach gu’m bheil mi fhathast beo! Tha’n caillteanach marbh, agus tha ’m prionnsa a shaor thu o’n draoidheachd an deis a shuil dheas a chall.”
Bha e cho lan de bhron ’s nach b’ urrainn da an corr a radh. Thoisich e ri sileadh nan deur gu frasach. An uair a chunnaic
[Vol . 6. No. 11. p. 3]
mise agus a nighean an staid mhuladach anns an robh e, cha b’ urrainn duinn gun teannadh ri gul ’s ri caoidh maille ris.
An uair a bha sinn mar so ’nar triuir a’ gul ’s a’ caoidh, ghlaodh nighean an righ, “Tha mi ’losgadh! Tha mi ’losgadh!” Thug i an aire gu’n robh an teine a bha ’g a caitheamh as an deis greim fhaighinn air a collainn gu leir. Bha i ’sior ghlaodhaich, “Tha mi losgadh!” gus an do chaitheadh as i mu dheireadh. Ann am beagan mhionaidean bha i ’na torradan luathadh mar a bha ’m fathach.
Cha ghabh e innseadh am bron ’s an t-uamhas a chuir an sealladh so orm. B’fhearr leam gu mor a bhith ’nam mhoncaidh fad uile laithean mo bheatha na mo bhanacharaid, chaoimhneil fhaicinn a’ basachadh anns an doigh ud.
Bha ’n righ fo dhoilghios agus fo bhron gun choimeas. Bha e ’glaodhaich agus a’ gabhail dha fhein anns a’ cheann gus an do thuit e mu dheireadh ann an neul. Thug an luchd-frithealaidh leotha e, agus ann an uine gun bhi fada, bha e air chomas bruidhinn a dheanamh. Cha robh aobhar dhomhsa no do ’n righ fath a’ bhroin ’s a’ mhulaid anns an robh e innseadh. Dh’ fhoghnadh dhaibh sealltainn air an da thorradan luathadh a rinneadh de’n fhathach agus de nighean an righ, agus thuigeadh iad mar a thachair.
Sgaoil an naigheachd muladach air feadh a’ bhaile ann an uine ghoirid, agus bha ’n sluagh gu leir fad sheachd laithean fo bhron air son mar a thachair do nighean an righ.
Bha ’n righ fad mhios air an leabaidh le bron an deigh bas a nighinn. Mu ’n gann a dh’fhas e laidir gu leor chuir e fios ormsa. An uair a chaidh mi far an robh e ’s a thug mi umhlachd dha mar a bha dligheach dhomh a dheanamh, thuirt e rium:— “A phrionnsa, thoir an aire mhath do na bheil mi gus a radh riut. Mur dean thu mar a dh’ iarras mise ort, caillidh tu do bheatha g’ a chionn. Bha mi ’n comhnuidh a caitheamh mo bheatha gu sona, agus cha d’thainig mi-fhortan riamh ’na mo rathad. Ach dh’ fhalbh mo shonas gu buileach ri linn thusa ’tighinn ’nam rathad. Tha mo nighean marbh tha ’m fear a bha ’toirt an aire dhi marbh, agus is gnothach miorbhuileach gu’m bheil mi fhein beo fhathast. Is tusa bu mathair-aobhair do gach mi-fhortan a thainig ’nam rathad. Air an aobhar sin bi falbh Gun dail ann an sith, oir bidh mi fhein marbh ma dh’ fhanas tu ni ’s fhaide. Tha mi deimhin gu’m bi mi-fhortan anns gach aite am bi thu. Cha ’n eil an corr agam ri radh riut. Bi falbh, agus thoir do cheart aire nach tig thu gu brath air ais do mo rioghachd, ma thig caillidh tu do bheatha ris.
Bha mi ’dol a labhairt, ach cha leigeach e leam aon fhacal a radh. Mar so b’ eiginn domh falbh as an luchairt. Bha mi gun mheas, gun chliu, gun chuideadhadh, gun chairdean, agus cha robh fhios agam co an taobh air an tugainn m’ aghaidh. Mu ’n d’ fhalbh mi as a’ bhaile thug mi dhiom an fheusag, lom mi mo mhalaidhean, agus chuir mi uman eideadh caladair.
An uair a ghabh mi mo thurus as a’ bhaile, bha mi gle mhuladach, cha b’ ann a mhain air son mar a dh’ eirich dhomh fhein, ach gu sonruichte air son mar a dh’ eirich do’n da bhana-phrionnsa a fhuair am bas air mo shailleamh.
Choisich mi troimh iomadh duthaich gun duine ’g am aithneachadh. Mu dheireadh shuidhich mi gu ’n tiginn gu ruige Bagdad, ann an dochas gu ’n gabhadh an righ truas dhiom an uair a dh’ innsinn dha a h-uile mi-fhortan troimh ’n deachaidh mi. Thainig mi do ’n bhaile air an fheasgar so fhein, agus b’e an caladair so, ar brathair, a’ cheud duine a choinnich rium. Tha fhios agaibh mar tha air a’ chuid eile de m’ eachdraidh, agus cia mar a fhuair mi de dh’ urram a bhith an so a nochd maille ribh.
(Ri leantuinn.)
NA BEANNTAICHEAN GORMA.
(An Gaidheal, 1877.)
Dh’ fhuirich e ’n so fad na h-oidhche, ’s cho luath ’s a thainig a’ mhaduinn dh’ éirich e gu falbh. Thubhairt an seann-duine ris nach deachaidh e ’chadal fad na h-oidhche ach a’ dol tre ’n leabhar, agus nach robh guth air na Beanntaichean Gorma ann. “Ach innsidh mi so dhuit,” ars esan “ma tha an leithid de àite idir air an talamh, tha brathair agamsa naoi ceud mile á so, agus ma tha fios aig neach air an t-saoghal c’àite am bheil iad, tha fios aigesan air.” Thubhairt an t-Eirionnach nach tigeadh an latha a choisicheadh esan naoi ceud mile, gu ’n robh an t-each air toirt thairis a cheana.
“Coma,” ars an seann duine, “ni mi na ’s fhearr na sin riut, cha’n eil agam ach fìdeag a sheinn, agus bithidh tu aig tigh mo bhràthar mu ’n tig an oidhche.”
Sheinn e an fhìdeag ’s cha robh fios aig an Eirionnach ciod e an talamh air an robh e gus an d’ fhuair e e-fhéin aig dorus an t-seann-duine eile. Thubhairt an seann duine so ris gu ’n robh tri cheud bliadhna o’n nach fhac e duine gus am fac e esan.
“Innis domhsa c’àite am bheil thu ’dol?”
“Tha mi,” ars an t-Eirionnach ’dol a dh’ fhiachainn am faigh mi neach a dh’ innseas dhomh c’ àite am bheil na Beanntaichean Gorma.”
“Ma dh’ fhanas tu agams’ a nochd,” ars an seann-duine, “tha leabhar-eachdraidh an t-saoghail agam, agus bidh fios agam fo latha c’ àite am bheil iad ma tha an leithidean ann.”
Dh’ fhuirich e ach cha robh guth ’s an leabhar mu ’n déighinn. An uair a chunnaic an seann-duine cho duilich ’s a bha e, thubhairt e ris gu ’n robh bràthair aige-san naoi ceud mile air falbh, agus ma bha fhios aige ri fhaotainn bho neach a bha beò mu ’n timchioll ’s ann uaithe-san; agus bheir mise ort gu ’n ruig thu an t-aite ’s am bheil e mu ’n tig an oidhche. Sheinn e an fhìdeag; agus ’s amhuil mur b’ fhior, ràinig e ’am beul na h-oidhche.
An uair a chunnaic an seann duine e, thubhairt e ris nach fhac e sròn duine o chionn thri cheud bliadhna; “agus,” ars’ esan, “ ’s mor an t-iongantas a tha orm gu’m bheil mi ’g ad fhaicinn fhéin a nis. C’àite am bheil thu ’dol?”
“Tha mi,” ars an t-Eirionnach, “air falbh ag iarraidh nam Beanntaichean Gorma.”
“Nam Beanntaichean Gorma!” ars an seann duine.
“ ’S eadh,” ars an t-Eirionnach.
“Cha chuala mi ainm riamh orra. Ach ma tha an leithidean ann bithidh fios agamsa air. Is mise maighistir a h-uile eoin a th’ air an t-saoghal, agus cha ’n eil agam ach fìdeag a sheinn, agus cha ’n eil eun ’s an ealtuinn nach tig h-ugam, agus bheir mi air a h-uile fear innseadh co as a thainig e, agus ma tha dòigh air na Beanntaichean Gorma fhaotainn a mach ’s i sin i.”
Sheinn e ’n fhìdeag, agus ma sheinn, thòisich eunlaith an t-saoghail air cruinneachadh. Bha ’n seann duine a’ cur ceist air a h-uile eun riamh co as a thàinig e; ach cha robh a h-aon ann a thàinig as na Beanntaichean Gorma. An uair a ruith e orra uile dh’ ionntraich e aon iolaire mhor a bha d’a dhith; agus b’ iongantach leis nach d’ thainig i. Cha b’ fhada gus am fac e tùic mhor a’ tighinn a bha ’cur dubhaidh air an speur. Bha ’n tùic a’ teannadh air a lion beagan ’us beagan, agus co a bha ann ach an iolaire. An uair a thàinig i, throd an seann duine rithe, ag radh ciod e a bha ’g a cumail-se cho fad air deireadh.
“Cha b’ urra mi g’a leasachadh,” ars ise, “ ’bha corr ’us fichead urad astair agam r’a dheanamh ’sa bh’ aig eun sam bith a thàinig ’an so an diugh.”
“Co as a thainig thu?” ars an seann-duine.
“Thàinig mi as na Beanntaichean Gorma,” ars ise.
“ ’S eadh,” ars an seann duine, “ciod a tha iad a’ deanamh ’an sin?”
“Tha iad,” ars an iolaire, “a’ deanamh deasail an diugh fhein air son banais nighean righ nam Beanntaichean Gorma. Tha ise nis os cionn thri bliadhna a’ diùltadh pòsadh ri fear sam bith gus an toir i thairis nach tig am fear a thug o na geasan i. Cha ’n urrainn di fuireach na ’s fhaide nise a chionn gur tri bliadhna an ceann latha a rinn i r’a h-athair a dh’ fhanadh i gun phòsadh.”
Dh’ aithnich an t-Eireannach gur h-ann ris fhéin a bha i ’fuireach cho fada; ach cha robh comas aige air a’ mhaith a dheanamh dheth. Cha b’ urrainn da na Beanntaichean Gorma a ruighinn fhad ’s bu bheò e, ’s cha robh dùil ris. Chunnaic an seann-duine cho duilich ’s a dh’ fhàs e ’s dh’ fhaighn-
(Air a leantuinn air taobh 86.)
[Vol . 6. No. 11. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobhad ach air aon taobh d’ an duileig, agus, nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ’Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton
SIDNI, 10SEPTEMBER, 1897.
Litir aPriceville , Ont.
A CHARAID: —Bha coinneamh mhor aig “Mic na h-Alba” anns a’ bhaile so air an t-siathamh latha de mhios Ogust. Bha fiughar aca ri Maighstir Friseal, ard-cheann a’ Chomuinn gu òraid a thoirt seachad ann an Gàilig, ach gu tubaisteach cha d’ thainig e idir. Le sin thuit an crann air Dùghall Mac Gilleain urram a chur air a’ choinneamh le oraid mhor a thoirt seachad ann an Gàilig, agus bha i cho domhainn ri Beurla nam fianntan. Chuala mi aon ag radh nach e Gàilig chumanta th’ aig Dùghall idir, agus gu’m biodh e feumail do neach an leabhar sin ris an canar am “Foclair” a bhi aige ma bha e air son ’òraid a thuigsinn. Ach feumaidh sinn aideachadh gur am aig Dùghall a tha Ghàilig cheart, ’s nach ann aig an fheadhainn a bhios a’ fhaotainn coire dha chuid bhriathran domhainn. Faodaidh mi ainmeachadh gu bheil Dùghall cho math air an dannsa ’sa tha e air òraid a thoirt seachad; dhanns e ruidhle Ghàidhealach aig a’ choinneimh ud cho aotrom ’sa dheanadh ballach beag.
Bha mi ann am baile Durham o choinn latha no dha air ais, agus chuala mi an sin Mr. Peutan, am piobaire a thug a mach a cheud duais aig Feill mhor an t-Saoghail am an Chicago a’ bhliadhna roimhe. ’Se chuireadh an ceòl briagh air a phiob, agus cha’n ioghnadh sam bith leam fhéin e thoirt an urraim o gach piobaire eile bha feuchainn, Ach thuirt mi gu leòr air a’ cheann ud, agus theid mi gu rud-eigin eile.
Tha sinn aig an àm so gu trang ag obair air a bhuain. Bha an t-side fuasach fliuch againn fad àm an fheòir, agus o’n thòisich sinn air a bhuain. Tha ’n corca gle mhath agus an crithneachd foghair. Cha’n ’eil dad a dh’fheum anns a’ pheasair; bhuail gaiseadh i mu ’n do lion i, agus ann am moran àiteachan cha’n fhiach i a bualadh. Tha’n dubhadh a’ tigh’nn air bàrr a bhuntàta, agus tha eagal air daoine gu’n tig an grodadh air, mar a thainig chionn choig bliadhna. Ach cha’n ’eil math a bhi gearain; cha’n eil ann ach fàiling a tha’m mac an duine—feumaidh e bhi gearain ’nuair nach bi e ri ni sam bith eile. ’S ann a’gearain a thainig mac an duine stigh do ’n t-saoghal, agus ’s ann mar sin a dh’fhàgas e e.
Tha mi faicinn litrichean us eachdraidhean fada anns a phaipear gach seachdain a tha gle thaitneach. Feumaidh mi aideachadh nach do leugh mi an àireamh mu dheireadh a thainig ugam gu buileach, ach tha mi ’creidsinn gu bheil e cheart cho math ri càch. Chi mi gu tric litrichean beaga goirid air an cur a dh’ionnsuidh a phaipeir le daoine a tha mi cinnteach a tha làn chomasach air barrachd a sgriobhadh na’n deanadh iad an oidhearp. ’N am bharail fhéin, cha chòir do dhuine a litir a dheanamh ro ghoirid, ’nuair nach sgriobh e ach uair no dha ’sa bhliadhna. Tha moran dhaoin’ ann a tha coltach ri Domhnull Mor nuair a bha e aig a dhinneir anns an tigh-osda. Thainig an te a bha ’frithealadh a bhùird far an robh e agus dh’fheòraich i dheth co-dhiu a ghabhadh e feòil no iasg. Thionndaidh Domhnull mu’n cuairt agus thuirt e rithe, “Ma ta, a ghràidh, gabhaidh mise le chéil’ iad.” Sin mar a tha moran dhaoine; gabhaidh iad gach ni a gheibh iad. ’S math leotha daoin’ eile bhi cosg an sùilean a sgriobhadh ’nuair nach dean iad fhéin ach gle bheag dhe’n obair sin. ’S math leotha iad fhéin a bhi ’nan tàmh agus càch a bhi ’g obair. Cha bhi ag radh a chorr aig an àm so. Slàn leibh. Is mi ur caraid dileas,
IAIN MAC ILLEASBUIG.
Ogust 30, ’97.
Tha sgeòil a sior thighinn air pailteas an òir ann an Klondike; cha’n ’eil teagamh nach eil e na’s pailte ann na fhuaradh ann an àite riamh roimhe. Ach tha mar an ceudna sgeul agus sgeul a tighinn air deuchainnean agus cunnartan na slighe, agus gu dearbh is eagallach iad. ’Se ’n duine glic a dh’ fhanas aig a thigh gu earrach, o’n cha ’n eil dòigh air an t-àite ruigheachd re a gheamhraidh. Ach tha na miltean air an t-slighe cheana, agus faodaidh sùil a bhi ri iomadh teachdaireachd bhochd d’an taobh mu’n tig an samhradh s’a tighinn.
Chaochail fear Domhnull Mac Gilleain ann am Fionnphort, am Muile, air Di-haoine, an t-siathamh latha de dh’ Ogust, an deigh dha aois ceud bliadhna ’sa tri a ruigheachd. Rugadh e an Dun-Uilleim. Thainig e do Mhuile o chionn tri fichead bliadhna ’sa deich air ais, agus bha e ann o’n uair sin, a’ tuathanachas agns a’ ceannachd. Bhuineadh e do ’n Eaglais Shaoir, agus bha e ’na eildeir anns an sgire ’san robh e fuireach. Bha e na dhuine air an robh mor-mheas aig na h-uile chuir eòlas air.
Leugh na paipearan gasda a tha anns an àireamh so o “Chona” agus o “Gleann a’ Bhaird.”
MacCoinnich & Co.
Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh
ANN AN LOUISBURG,
agus tha sinn aig an àm cheudna a’ cumail air adhart air an t-seann laraich,
ANN AN SIDNI.
Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.
Theid sinn an urras air an obair.
Mac Coinnich & Co.
F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn.
Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J Morley.
Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air.
Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.
Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. A seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.
THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin.
Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.
Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.
Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitche’s Creek.Tha mu dheichair fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.
[Vol . 6. No. 11. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Tha sinn a’ cluinntinn gu bheil na h-iasgairean air cladaichean a tuath an eilein a’ glacadh moran ronnaich.
Faodar tòiseachadh air glacadh nan eisirean air a choigeamh latha deug dhe ’n mhios so—Di-ciaduin s’a tighinn.
Tha an trosg gu math gann air cladaichean Labrador air an fhoghar so. Tha e mu ’n treas cuid na ’s lugha na bha e ’n uiridh.
Bidh ainmean na muinntir a phàigh anns an ath aireamh. Tha sinn an dòchas gu ’n tig àireamh mhor a stigh roimhe sin, air chor ’s gu ’m bi àireamh mhath dhiubh ann.
Chaidh tri cheud barailte de dh’ ùbhlan a chur a null gu Lunnainn á Montreal air an t-siathamh lotha fichead de ’n mhios a dh’ fhalbh. B’e so a’ cheud luchd ùbhlan a chuireadh air falbh á Canada air an fhoghar so.
Chaidh banc a robaigeadh ann on Napanee, an Ontario, air an t-seachdain s’a chaidh. Thainig na robairean bhar crioch nan Stàitean agus fhuair iad a dhol air ais gun an glacadh. Thug iad leotha da mhile dheug air fhichead dolair.
Tha anSydney Field Batteryair a campachadh air rudha nambarracksair an t-seachdain so. Bidh iad ann gu deireadh na seachdain s’a tighinn. An uiridh cha do champaich iad idir, agus thatar a deanamh suas a challa sin dhaibh am bliadhna.
Tha sgireachd de dhaoine dubha, mu naodh no deich de mhiltean áHalifax ,anns nach robh sgoil o chionn iomadh bliadhna. Chaidh an tigh-sgoile a bh’ aca ’na theine, agus cha deachaidh tigh ùr a thogail fhathast Tha aig a chloinn òg ri fàs suas gun ghuth sgoile.
Fhuaireadh corp Chaiptein EanruicArkwrightanns an deigh faisg airMont Blanc,anSwitzerland ,an la roimhe. ChaidhArkwrightagus triuir eile a mharbhadh le beum-sleibhe o chionn aona bliadhn’ deug air fhichead air ais; fhuaireadh cuirp chach aig an àm ach bha a chorp-san anns an deigh fad na h-ùine sin.
Tha an t-side o chionn dha no tri lathaichean air fàs gu math fuar, gle choltach ri deireadh an fhoghair. Cha ’n eil ach ùine ghoirid o’n bha sinn a’ gearain air cho fadalach ’sa bha blàths an t-samhraidh ann an tighinn, agus a nise bidh sinn a gearain air cho luath ’sa tha ’m blàths a falbh. Cha ’n fhada nise gus am bi an geamhradh againn.
Cha ’n eil amViscomte de Fronsac,air an d’ thug sinn iomradh roimhe mar fhear a bha ’g agairt coir air Nobha Scotia, ag iarraidh de ’n fhearann ach a chuid sin a tha ’na fhearann crùin, agus tha e dol a dheanamh greim air sin an ùine gun bhi fada. Ma gheibh e am fearann sin tha e dol air ball a chur luchd-àiteachaidh air, agus togaidh e aitreabh ghreadhnach dha fhéin. Cha ’n eil a chuid mhor a toirt moran geill d’a agartas ach tha cuid ann a tha dhe ’n bharail gu’m faod e dragh nach beag a chur air riaghladh na mor-roinne.
Tha muinntir na Gàidhealtachd a cur mu dheibhinn am Biobull eadar-theangachadh gu Gàilig as ùr. Tha ’n t-Ollamh Mac Fhionghain an Duneideann agus an t-Urr. Dr. Mac Gilleain an Glascho air dithis dhoibhsan a gu dhol ris, agus tha iad a’ cur rompa an obair a dheanamh gu math. Bith am Biobull ùr air a chur an clò an ceann beagan us bliadhn’. Tha dùil gu’m bi an t-eadar-theangachadh ùr moran na’s fhearr na ’n t-eadar-theangachadh a rinneadh roimhe, ged a tha sin air a mheas le àrd-sgoilearan gu math air thoiseach air a’ Bhiobull Bheurla.
Tha ’n grodadh gle dhona anns a bhuntàta an New Brunswick, agus ann an iomadh àite tha ’n corca air a mhilleadh leis an uisge.
Tha Niall Mac-Illemhaoil, àEureka , California,air an t-seachdain so ann an Sidni a’ choimhead air a chàirdean. Tha Mr. Mac-Illemhaoil na fhear-cuideachaidh aig a’ phost-mhaighstir ann aEureka .
Tha Diùc agus Ban-DiùcYorkan dràsda ’cur cuairt air Eirinn, agus tha ’n sluagh a’ cur failte chridheil orra. An deigh dhaibh tilleadh á Eirinn, tha iad a’ dol a chur cuairt air Alba, far an deanar am beatha cheart cho math.
Tha an crithneachd agus an corca gle mhath air Eilean a’ Phrionnsa air an fhoghar so. Tha bàrr eile gle mhath cuideachd, agus buntata. Tha na h-ùbhlan fad air ais; cha ’n fhaighear ach mu pheice far am faighte barailte an uiridh.
Cha ’n fhada nise gus an atharraichear àm falbh us tighinn a’ charbaid-iaruinn. Cha ’n eil fhios fhathast de ’n t-àm de ’n latha a bhios an carbad a fàgail Shidni, ach tha dòchas againn nach bi e falbh cho fior thrath ’sa mhaduinn ’sa bha e geamhraidhean roimhe.
Bha coinneamh cléire ann am Baile-nan-Gall toiseach na seachdain s’a chaidh, agus bha gairm o choithional Ghrand River air a chur air beulaobh an Urr. Iain Friseal Tha coinneamh gu bhi aìg a’ chléir ann an Sidni Tuath deireadh a’ mhios, aig an innis Mr. Friseal co-dhiu ghabhas no nach gabh e ris a’ ghairm.
Faisg airSt Andrew’s, N. B. ,bha fear SeumasMc Shaneair a mharhbadh le tarbh, a sheachdain gus an Di-sathairne s’a chaidh. Chaidh e mach a chur a bheothaich air teadhair, agus thionndaidh e air, agus an deigh dha a mharbhadh lean e air gabhail dh’a chorp gus ’n do loisgeadh air ’s an deach a mharbhadh. BhaMc Shanetri fichead bliadhna dh’ aois.
Tha am fiar anabarrach math air taobh tuath an eilein air an fhoghar so. Tha moran de na tuathanaich aig nach robh uiread feòir o chionn iomadh bliadhna. Tha an corca ’s gach bàrr eile gle mhath mar an ceudna. Ged a tha e doirbh airgead a dheanamh air im no ni sam bith eile tha iad a’ creic, tha e gle chinnteach nach bi gainne sam bith anns an dùthaich air a bhliadhna tha tighinn.
Chaochail fear Iain Camaran, mac do Sheòras Camaran amBroad Cove Banks,anns an ospadal am baileMinneapolis ,o chionn ghoirid. O chionn da bhliadhna, thachair sgiorradh dha ’s e ’g obair air carbad-iaruinn, agus b’ fheudar a dha chois a ghearradh dheth. An deigh dha dhol beagan na b’ fhearr, thug cuideachd an rathaid-iaruinn da mhile dolair dha agus fhuair iad obair eile dha, obair ris an robh e gu àm a bhàis. Bha e na dhuine air an robh fior chliù. Thatar a toirt a chuirp dhachaidh, agus bidh e air a thiodhlacadh ri taobh athar, a chaochail o chionn ghoirid.
Chaidh fear Tearlach Bowman a mhort, ann an Tracadie, faisg air Antigonish, oidhche Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh. Chaidh an gniomh a dheanamh le fear Henry Davidson. Bha an dithis an cuideachd a chéile a chuid bu mhotha dhe ’n latha, aguspic - nica’ dol air adhart. ’Nuair a thainig an oidhche, chaidh Bowman agus fear eile dhachaidh le Davidson, a bha air an daoraich. Chaidh iad a stigh comhla ris, agus an deigh a chur a thàmh air son na h-oidhche mar a shaoil iad dh’ fhalbh iad. Air dhaibh an dorus a dhunadh ’nan deigh, loisg Davidson orra le gunna, agus chaidh Bowman a bhualadh leis an urchair. Cha robh e beò ach uair an deigh losgadh air. Tha Davidson anns a’ phriosan. Tha e ’gabhail air nach eil cuimhne sam bith aig air an urchair a losgadh.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
’Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .30
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .35
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte. Sgriobh gu
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, C. B.
J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsa ’s fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B.
BADDECK, - - C. B.
Airson a stor a dheanamh na ’s deiseile ’s na ’s feumaile dhaibhsan a tha ’deanamh gnothuch ris, tha
Albert I. Hart
a’ nise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha a’ chuid sin de ’n ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am Boston ’sanNew York.Gheibh iadsan a thig g’a h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDECK , - - C. B.
IUBILI!
THIG AGUS FAIC!
Ceannachd ur us Prisean ura.
A h-uile ni cho soar ’s nach fhaod mi innse.
Niall Domhnullach.
Ceann an Iar a Bhaile.
BADDECK , - - C. B.
A Ghàilig ’sa Bheurla air an aon phris.
[Vol . 6. No. 11. p. 6]
(Air a leantuiun o thaobh 83.)
eachd e de ’n iolaire ciod a ghabhadh i agus am fear so a thoirt air a muin gu ruig na Beanntaichean Gorma.
“Gu ruig na Beanntaichean Gorma?” ars ise.
“ ’S eadh,” ars an seann duine.
“Gabhaidh mi,” ars ise, “tri fichead mart air am marbhadh, agus àithean a dheanamh dhiubh; agus a h-uile uair a bheir mise sùil air mo ghualainn tilgidh esan àith ’nam bheul.”
An uair a chuala an t-Eirionnach agus an seann duine na dh’ iarr i dh’ fhalbh iad a shealg, agus mu ’n d’ thàinig an oidhche bha tri fichead mart aca air am marbhadh. Rinn iad àithean diubh mar a dh’ iarr an iolaire, agus an sin thubhairt an seann duine rithe i ’dheanamh laidhe gus an càireadh iad air a muin iad a lion àith ’us àith. Rinn an iolaire laidhe agus thòisich an seann duine agus an t-Eirionnach air cur suas na feola air druim na h-iolaire. B’éudar dhoibh an toiseach ceithir ceumannan deug fàraidh fhaighinn leis am b’ urrainn doibh dìreadh air druim na h-iolaire, agus chàirich iad an fheòil cho maith ’sa b’ aithne dhoibh. Thubhairt an seann duine ris an Eirionnach e ’ghabhail suas air a druim agus e ’chuimhneachadh e thilgeil ceithreamh feòla g’a h-ionnsuidh a h-uile uair a bheireadh i sùil air a gualainn. Ghabh e suas agus thug an seann duine òrdugh do ’n iolaire i ’bhi ’falbh. Dh’ fhalbh i ’s a’ mhionaid agus a h-uile sùil a bheireadh i air a gualainn thilgeadh an t-Eirionnach ceithreamh feòla ’n a beul.
An uair a bha i a’ teannadh faisg air criochan Rioghachd nam Beanntaichean Gorma, theirig an fheòil, agus sùil dh’ an d’ thug ise air a gualainn ciod an obair a bh’ aig an Eireannach ach a’ cur na cloich eadar barr a h-earabuill agus a h-amhaich! Chuir i làn char dhith fhéin agus tilgear an Eir- do ’n fhairge. C’àite an do thuit e ach anns a’ bhaigh a bha direach mu choinneamh tigh an righ. Fhuair gu fortanach barran òrdagan a chas greim air a’ ghrunnd, agus dinnear e fhéin air tir.
An uair a chaidh e suas bha sràidean a’ bhaile a’ lasadh le solus, ’s banais nighinn an righ gu tòiseachadh. Chaidh e stigh do ’n cheud tigh a thachair air; ’s ciod an tigh a bh’ ann ach tigh cailleach-nan-cearc aig an righ. Dh’ fhaighneachd e de ’n chaillich ciod am fuaim ’s an solus a bha ’s a’ bhaile mar sid. “Tha,” ars ise, “nighean an righ a’ dol a phòsadh a nochd ’an aghaidh a toile, agus dùil aice a h-uile latha gu ’n tig am fear a thug bho na geasan i.” “So dhut gini,” ars esan, “agus falbh ’s thoir ’an so i.” Dh’ fhalbh a’ chailleach, agus cha b’ fhada gus an do thill i ’s nighean an righ comhla rithe. Dh’ aithnich i fhéin agus an t-Eirionnach a cnéile, agus phòs iad ’s rinn iad banais mhor, ghreadhnach, aighireach, a mhair latha ’s bliadhna!
Na Gaidheil ann an Canada.
Le gairdean treun, le dochas laidir, agus le cruadal sonruichte, choisinn na Gaidheil, ma ta, aite measail doibh fein anns an dùthaich ùr so. Ged dh’ fhag moran diubh an tir anns an d’ rugadh iad le cridheachan muladach, bha aobhar aca ann an uine ghearr a bhi taingeil gu ’n d’ thainig iad do Chanada; far am bheil Cothrom na Feinne aig gach duine ’ghluaiseas gu stuama, siobhalta, dichiollach. Nam fanadh iad ann an tir an fhraoich, cha bhitheadh fardach seasmhach aca; cha bhitheadh dachaidh aca doibh fein gun chis, gun mhal, gun chomain do thighearna no uachdaran air bith; cha bhitheadh an sonas agus an soirbheachadh co maith agus co tlachdmhor ’s a tha iad. Is ann le spairn anabarrach, ’us le durachd diongmhalta ’gheibh sinn ni maith air bith, agus a ni sinn gniomh euchdail anns an t-saoghal so. Ma b’ eiginn do mhoran de na Gaidheil aig nach robh maoin no storas, deuchainn fhulaing ann a bhi gearradh sios nan craobh agus ann a bhi ’glanadh an fhearainn agus ann a bhi togail tighean anns an gabhadh iad fein agus an teaghlaichean comhnuidh; gun teagamh tha moran aca r’a nochdadh airson an dichioll agus an saothreach. Tha pailteas ’n an dachaidhean; is leo fein an tighean agus na bailtean a tha air an ainmeachadh orra. Le beannachadh an Tighearna tha iad neo-eisimealach, agus faodaidh iad cinnte ’bhi aca nach bi uireasbhuidh ri fhaireachduinn, re an làithean anns an t-saoghal. O’n bha agus o’n tha na Gaidheil ann an Canada co tapaidh, co durachdach, co gaisgeil, agus co aghartach, cha ’n eil ioghnadh air bith gum bheil iad beartach, agus gu bheil iad eolach agus eifeachdach anns gach deanadas agus obair ’us oidheirp a bhuineas do Chanada gu leir. Tha na Gaidheil mor, measail, am measg marsantan ar dùthcha, ’us tha moran Gaidheil air an roghnachadh airson aite ghabhail ann am parlamaidean ar dùthcha. Tha moran Gaidheil ’tha faoilidh le ’n airgiod, a’ deanamh maith moir. Ach gu de ’tha Gaidheil bheartach Chanada ’deanadh airson an canain, no airson ainm, ’us cliu, ’us abhaistean nan Gaidheal a chumail suas, agus comhnadh ’us cuideachadh a thabhairt doibhsan a tha cosmhnil ri MAC-TALLA, proiseil mu dheibhinn nan Gaidheal, agus iarrtuiseach air eachdraidh ’us beusan nan Gaidheal a chumail daonnan ann an doigh ghasda fa chomhair an t-saoghail gu leir. Tha na Gaidheil Albannaich easgaidh gach àm ann a bhi ’g radh gu bheil na h-Eirionnaich tuasaideach, feargach, lan mi-riaghailt ’us aramach. Fhuair na h-Eirionnaich iomadh aobhar a bhi ’g radh agus a’ creidsinn gu robh eucoir mhor air a dheanamh orra leis na Sasunnaich. Tha cridheachan caoimhneil, carthannach aca, ’s an uair a nochdar fior-chaoimhneas doibh, cha ’n eil air uachdar an domhain, daoine ’s modha blaths ’us cairdeis na iadsan. Anns na Staitean agus am measg ar coimhearsnaich, tha moran Eirionnaich. Tha iad dileas dochanain an sinnsirean, agus tha iad a’ teagasg an canain ann am bailtean mora nan Stàitean. Anns an oil-thigh Phapanach a tha ’nis aig tus a chuairt ann am baile mor nan Stàitean, tha cathair air a steidheachadh airson foghlum a thoirt ann an canain, ann an eachdraidh, agus ann an abhaistean aosmhor Eirinn agus nan Eirionnach. Thug mar an ceudna Eirionnach blath-chridheach suim mhor airgid seachad airson eolais a thabhairt ann an oil-thigh Iain Hopkins ann am Bail-ti-mor, do gach neach aig am bheil iarrtus air canain Eirinn ionnsachadh. Am bheil Gaidheil Chanada ’tabhairt beagan no moran de ’n saoibhreas do gach oidheirp dhileas a tha MAC-TALLA ’deanamh airson na Gailig a chumail suas, agus meas ’us muirn ’us urram a chur agus a charamh air gach ni ’tha Gaidhealach agus a tha comasach air speis ’us tlachd ’us toileachas a dhusgadh anns gach cridhe tha faireachduinn fola bhlaith nan Gaidheal ann. Is muladach an sgeula tha ri innseadh oir is e so ’n fhirinn, nach eil Gaidheal thall no bhos, an ear no ’n iar, a thug fathast beag no mor de airgiod no òr a chum na Gàilig a theagasg no muirn a nochdadh dhi anns an dùthaich so, far am bheil iomadh canain air a labhairt, agus far am bheil Sasunnach agus Frangach a tabhairt moran tuille airson an daoine ’s an canain na thug na Gaidheil riamh fhathast ann an Canada. B’ olc an aire nach b’ urrainn iomadh Gaidheal feineil beartach, Sasunnach a dheanamh de fein air ball, oir is ann do gach fine ach na Gaidheal a tha e ’tabhairt a ghraidh ’s a chomhnaidh. Tha MAC-TALLA airidh air cliu ’s taingealachd mhor, ’us dhileas. Bu choir do MHAC-TALLA cairdeas, ’us cliu, ’us cuideachadh, gach Gaidheil ann an Canada fhaotainn agus a mhealltuinn, gu toileach, aghartach, fiughanta. Is maith a gheibhear MAC-TALLA ’us an Gaidheal dileas, tapaidh, a tha ’g a chumail an ordugh. Bu choir do gach Gaidheal an Canada lamh chairdeil a shineadh do MHAC-TALLA: us caoimhneas airidh a nochdadh dha ’s fhadadh suas am measg a chairdean air gach taobh.
CONA.
Litir a EileinWight .
Fhuair mi litir an de bho Thearlach Mac Gilleain, Seanailear anns an arm Bhreatunnach. Tha i air a sgriobhadh ann an Gaidhlig, agus bho nach eil nithean diomhair sam bith innte bheir mi seachad i facal air an fhacal:
ISLE OF WIGHT, 20th August, 1897.
MO CHARAID GRADHACH, —Thainig bhur litir agus na paipearan, agus moran taing dhuibh air an son. Cha ’n urrainn mi moran a sgriobhadh gu ’r n-ionnsuidh an drasd. Chaill mi mo mhac anns na h-Innsean, mar a bhios fios agaibh bho na paipearan. Thug Dia air falbh e, ach thuit e le urram air blar a chatha. ’S fearr leam mo litir bhronach a sgriobhadh ann an cainnt mo dhùthcha gu neach a tha fios agam a
[Vol . 6. No. 11. p. 7]
bhios duilich air mo shon. Cha ’n urrainn mi tuilleadh a radh.
TEARLACH MAC-GILLEAIN.
Nuair a leugh mi an litir cha b’ urrainn mi gun a bhith smaointean air na facail mhuladach, chaill mi mo mhac. B’e deireadh na cuise gun do gnlac mi mo pheann agus gun d’ fheuch mi ris an litir a chur ann am bardachd. So mar a chaidh leam:
ORAN BROIN.
Tha mo chridh’ an diugh brònach,
Dh’ fhalbh mo shòlas air sgéith bhuam.
Tha mi trom ’s tu gam dhìth,
’Ille ghrinn, bheusaich;
Tha mi trom ’s tu gam dhìth.
Thuit mo mhac, mo mhac àillidh,
Anns a bhlar fo throm chreuchdan.
Thuit an t-òganach aoibheil,
Cridh’ a chaoimhneis ’s na féile;
Lamh na gaisge ’sa chomhstri,
’S ceann an eolais ’s na leirsinn.
Leam bu taitneach do dhoighean,
’S b’ ard mo dhòchas mu d’ dheibhinn.
Bu tu dealbh an t-sar shaighdeir,
’S tu gun fhoill ann ad chreidbhaig.
Cha dig litir, mar ’b’ àbhaist,
Bho d’ laimh chairdeil le sgeul ort.
Is cha ’n fhaic mi ri m’ shaoghal,
Do ghnuis aobhach, chiuin, cheutach.
’S fada bhuainn tha na fòidean
A tha còmhdach do dhéile.
Bho do ghluasad mar dh’ iarrainn
An cath iargalt’ nan geur-ghath.
Bha thu dilees do d’ chairdean,
’S bha thu dàn ri uchd deuchainn.
Thuit thu ’n aobhar do dhùthcha,
’Cur luchd-spuinnidh fo gheill d’i.
Thuit thu, Eachainn, fo urram,
Mar a bhuineadh do threunfhear;
Is do dh’ fhiuran de ’n cinneadh,
Nach d’ fhuair innisg an teugmhail.
’Se an Ti a tha riaghladh,
’Sa b’fhear ’dion anns gach ceum dhomh.
A thug bhuan mo mhac gradhach,
Ann an araich an reubaidh.
Bidheam striochdte, mar ’s còir, dha.
Biodh mo dhòchas gu leir ann.
Tha mo ghruaidhean a seacadh,
S tha mo neart ga mo threigsinn.
’S gearr an uine ’s an gluais mi,
’N déidh na bhuannaich an t-eug bhuan.
Rugadh Eachann ann am bùth air cnocShekhan ceann tuath nan Innsean, far an robh an reiseamaid san robh athair, anns an bhliadhna 1870. Bha e na oifigeach ann an reiseamaid ris an abrar naGuides ,no na Treoraichean. Tha ’athair na fhior Ghaidheal, na sheanailear measail, agus na dhuine gasda.
Nach mor an dealachadh a tha eadar duine uasal aig a bheil tùr agus ablach suarach gun toinisg! Tha Beurla agus Hindustani gu leoir aig an t-seanaileur Mac-Gillean, gidheadh cha’n fheil nàir air litir a sgriobhadh ann an Gaidhlig. Nan tachradh dha tuiteam ann am blàr, ’se ’s dòcha gu’m biodh uirnigh dheireannach, mar a thachair mu Iain an Fhasaidh-Fhearna, air a cur a suas anns a chainnt a theagaisg, a mhàthair Bha ’n Seanailear Mac-Gilléain ’s na h-Innsean, China , Afghanistan,isPersiabho ’n bhliadna 1854, gu 1892, agus cha do chaill e a Ghaidhlig. Tha cuid de dhuine ann a chailleas i ann an da bhliadhna, ach cha ’n fheil iad sin nan Seanailearan, agus gu fortanach cha bhi. ’S trom an éire an t-aineolas.
GLEANN-A- BHAIRD.
An do phàigh thu MAC-TALLA.
C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar duthcha tha ’nar beachd
CARADH
Uaireadairean
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG—Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-Tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.
Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C. B.
Indurated Fibreware
Tha an seòrsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fhiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire.
THE
E. B. EDDY Co
LIMITED
HULL, CANADA.
[Vol . 6. No. 11. p. 8]
Laoidh na Beatha.
Na h-innis dhomh am briathran dubhach,
Nach ’eil ’n ar beath’ ach bruadar faoin,
Oir tha ’n t-anam marbh a chaidleas,
’S cha’n ’eil nithe mar a shaoil.
Tha ar beatha anabarr sòlaimt’,
’S cha’n i ’n uaigh fhuar crìoch ar saogh’l;
“Is duslach sibh ’s gu duslach pillidh,”
Cha dùbhradh riamh ri anma dhaoin’.
Cha’n i toil-inntinn ’s cha’n e mulad,
Ar crìoch àraid no ar ràth’d;
Ach bhith dèanamh chum gach latha,
Gum bi ar maitheas ’dol am meud.
Tha ealdhain lìonmhor ’s ùine siubhal,
’S ged robh ’n cridhe fearail, tréun;
Cha’n ’eil ann ach druma-mhulaid,
’Bualadh corranach an éig.
Ann am faiche ’n t-saogh’l fharsaing,
Ann an camp na beatha fhìor;
Na bi mar ainmhidh balbh gun toinisg;
Bi ad ghaisgeach anns an strìth.
Na cuir earbs’ an gean ri tighinn,
’S na bi caoidh na h-ùine ’thréig;
Dèan, O dean ’s an àm a th’ agad,
Fo cheannsal Dhé le cridhe tréun.
Tha beatha dhaoin-mór’ ’g ar teagasg,
Gum faod sinn uile strìth ri éuchd;
Is air dhuinne siubhal dhachaidh,
Céuma fhàgail as ar déigh.
Céuma theagamh, chì neach eile,
Air a thuras troimh an t-saogh’l;
Bràthair bochd ’tha call a mhisnich,
’S gum faigh e spiorad ùr d’ an taobh.
Bìomaid suas, ma tà, ’s ag obair,
Le crìdh’ gun gheilt roimh chruas an t-saogh’l,
A’ sior bhuidinn ’s a sìor leantainn,
’Fòghlum foighidinn is saoth’r.
Oran Gun Duais.
AIR FONN— “Ruidhlidh na Coilich Dhubha.”
Na’m biodh caileag agam fhìn
Sìomhalt bu mhath leam i;
Fhad ’s a dh’ fhanadh i rium bìth,
Bhithinn rithe bàigheil.
Is neònach an rud a th’ ann,
An-tlachd air banasgail,
Is ceòlar an rud a th’ ann,
Brioguisean air pàistean.
Ma shaothraicheas tu thar o chòir
’S dògh gun tig fallus ort;
’S ma theid thu domhain anns an òl,
Ni thu bròn am màireach.
Is neònach an rud a th’ ann,
Fang mu na boirionnaich;
Is neònach an rud a th’ ann,
Galar a’ bhuntàta.
Féumaidh mnathan uaisle ti,
’S dìth e mur faigh iad sin,
Ach fèumaidh iad barrachd mar rith’
’S aran, ìm, ’us càise.
Is neònach an rud a th’ ann
’N sannt th’ air na caileagan
’Bhi seang uile mun a chneas
’Us tomult mu na màsaibh.
’H-uile fear a bhios gun mhnaoi
Chaoidh cha bhi piseach air,
’S bòidheach an sealladh mart laoigh
’S coiseachan a’ bà rith’.
’S neònach an rud a th’ ann,
Clann aig na deireasaich,
Is neònach an rud a th’ ann,
Bradain ’bhi ’gan àrach.
Ged tha ’gealach fada, shuas,
’S suarach an t-astar e.
Nitear inneal dhuinn gu luath,
’Bheir a nuas i lamh ruinn.
Is neònach an rud a th’ ann,
Frangaich ’us Sasonnaich
Do’m b’ àbhaist a cheile ’sgrios
A bhi nis’ ’an càirdeas.
Nian bodaich d’am bi nì
’S cìnnt’ gu’m bi farraid oirre,
’S nian caillich bhios gu tinn
’S cìnnteach gheibh i sàrach.
Is neònach an rud a th’ ann,
Bantrach gan mhearachas,
’S neònach an rud a th’ ann,
Banarach gun bhlàthaich.
Bheir mi taisdeal thar a’ chuan,—
Buailidh mi ’Chanada,
Ged a tha e fada uainn
’S duaismhor e gu h-àiteach.
Is neònach an rud a th’ ann,
Gleanntan ar n-ath’richean
Aig caoraich a bhi fo reachd,
’Us feachd nan cabar stràiceil.
’H-uile fear aig am bi sluagh
Buannaichidh arabhaig,
Ach ’s beag cobhair ni an tréud,
’N uair a dh’éireas nàmhaid.
Is neònach an rud a th’ ann,
Clann gun na ceannardan;—
Is neònach an rud a th' ann,
Dìmeas air na Gaidheil.
Ged a tha iad math ’s an arm,
Garbh aig a’baile iad;
Molar iad fa’n glonn ’san ar
'S smaodar iad fa’n aiteach.
Is neònach an rud a th’ ann,
Sannt air a’ chonach sin;
Is neònach nach eil na Flath
A’ deanamh rath no stath leis.
Ach, mar thuirt an Guth ’s an spéur,
“Tréigidh an gineal so,
’S o’n nach d’imir iad le tùr
Thig siol ùr ’nan aite.”
Is neònach an rud a th’ ann,
Faisneachd ’ga coilionadh;—
’S neonach an rud a th’ ann,—
’S fiù e aire araidh.
Oran so air rud sam bith,
Mar a shir a’ Chuideachda,
’S c’iu a gheibh ’s nach faigh e “duais”
’S uaibhreach air a’ bhard e.
Is neònach an rud a th’ ann
Teangairean ealanta;
Is neònach an rud a th’ ann
Simileir gun fhardaich!
Chi thu sid mu dheas ’s mu thuath,
’S truagh leat an sealladh e,—
Far an d’ arosaich na Fir,
Gheibh thu nise ’m magan!
’S neònach an rud a th’ ann,
Ganntar de sgoilearachd:
Is neònach an rud a th’ ann,
Aineolas ’g a arach!
AN DA LEIGHEAS
AGUS
K. D. C. PILLS
Leigsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD.
Cuir a dh’ iarraidh sampuill, teisteannais us urrais.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia. —agus—127 State St Boston, Mass.
NIALL Mac FHEARGHAIS,
Taillear.
SIDNI - - - - C. B
$1 .00 air 80c.
Tha tuilleadh ’sa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dh’ airgead. Thig mu ’m bi ’n t-am seachad agus
FAIGH BARGAN.
McDonald Hanrahan & Co.
Sidni, Iulaidh 16, ’97.
FLUR AGUS MIN
direach as na muillnean.
(Ann am barailtean, leth-bharailtean agus cairteil.)
TI, SIUCAR, TOMBACA, etc.
Am bathar a’s fhearr air na prisean a’s isle an coinneamh AIRGEID.
ALASDAIR MARTUINN.
Sidni, C. B., Sept .1, 1897.
title | Issue 11 |
internal date | 1897.0 |
display date | 1897 |
publication date | 1897 |
level | |
reference template | Mac-Talla VI No. 11. %p |
parent text | Volume 6 |