[Vol . 6. No. 12. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH, CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 17SEPTEMBER , 1897. NO. 12.
Laoidh.
Ainm Immanuel chaoimh r’ a luaidh,
’S mìlse e na rogha ’chiùil;
Is na bhreith, na bhàs, ’s na thruaigh,
Cuiridh m’ anam ’uile dhùil.
“Faigheadh Dia ’s na h-àrdaibh cliù,”
Sheinn na h-ainglean aig a theachd;
Dhia, mo theanga gléus as ùr—
B’ e mo chomain seinn, gu beachd!
Chum fo ’n lagh bhith gabhail ’àit’
An do nochdadh e ’s an fheòil,
Air mo sgàth a’ fulang bàis—
Is nach gluais mo bhèul gu ceòl?
Gluaisidh! moram ’ainm ro ghrinn,
Ged is diblidh, fann, mo luaidh;
Oir na ’n diùltainn-sa bhith seinn,
Dh’ éigheadh ’mach na clachan cruaidh.
Ceanglam h-uile h-ainm is fheàrr—
Céile, Caraid, Slàn’ghear, Uan,
Grian is Sgiath, Fear-dìon is Brath’r—
Gràdh mo chridh’ dhuit, sìorruidh, buan!
As na h-Eileanan Coille, E. P. I.
A CHARAID [ ? ] — Tha mi a sgriobhadh thugad aig an àm so a dh’ innseadh dhuit gu’n d’ thainig an caraid còir agus am fior Ghàidheal air an tug mi iomradh anns an litir mu dheireadh a sgriobh mi thugad, le ’ainm agus le ’dhollar gus mi a chur a dh’ iarraidh a MHAC-TALLA dha fad bliadhna—agus ma’s e do thoil e faigh ann am broinn na litreach so e, agus ’ainm ’s a shloinneadh ’s ’aite-còmhnuidh ann am Beurla chruaidh Shasunnaich. Tha mi an dòchas gu’n tig am paipear ga ionnsuidh cho luath ’sa bhios cothrom air, a chionn ’se am fior Ghàidheal a th’ ann. Mo bheannachd aige agus dha na h-uile gin de ’sheòrsa.
Cha’n eil moran do naigheachd agam an dràst is fiach a bhi ga aithris dhuit fein no do d’ leughadairean còir, ach gu’m faod mi innseadh gu bheil luchd-tomhais an rathaid-iaruinn a ruith an tomhais gu trang eadar Baile Shearlot agusMurray Harbour.Tha iad an dràsd seachad mu na cùil againn. Cha’n urrainn mi a ràdh aig an àm gu de cho faisg sa bhios iad air na h-Eileanan Coille, ach cha bhi e fada air falbh. Tha mi creidsinn gu’m bi cuir gu leòr ann, a chionn tha iomadh slochd us plochd ann am pàirt de’n rathad a tha iad a gabhail, ged a shaoileamaid gu’m faodadh iad rathad moran na bu chòmhnarda ’ghabhail.
Chuir riaghladh na dùthcha againn mu dheidhinn cladhach airson guail, agus chaidh iadsan a bha ris an obair coig ceud agus sia troidhean a dhoimhneachd ach cha’n fhacas coltas guail, ach fhuair iadsan deagh shuim airgid air son an cuid obair. Fhuair iad da chiad deug gu leith dolair, agus mar sin thatar a smaointeachadh gu’n caill an luchd-riaghlaidh am misneach gus ’fheuchainn tuilleadh aig an ruith ud.
Tha daoine an ireadh mhath dhe’n bhuain an so ach tha cuid a gearain gu bheil meirg air pàirt de’n choirce. Tha ’a cruithneachd aig a mhor chuid meadhonach maith agus thatar a smaointeachadh gu’m bi am buntata gle mhath ged a bha ’m daolag neònach a deanamh a dichill gus a mhilleadh.
Tha coltas a gheamhraidh a tighinn a nis agus tha aobhar dòchais gu’m bi càirdean MHIC-TALLA a dol nis lionmhora agus nach bi iad idir a deanamh dichuimhne air a bhi ga chumail suas. Tha mi an dòchas cho fad ’sa bhios mi fein beò co-dhiu gu’m bi e air a chumail beo, slàn, fallain, agus a dol nis lionmhora am measg ar luchd-dùthcha. ’S maith an comharradh air a bhi faicinn na ministearan agus na sagartan Gaidhealach a bhi ga ghabhail cho lionmhor, ach tha mi ’g ionndrainn cuid de na ministearan Gaidhealach a’s aithne dhuinn gle mhaith nach faic sinn an ainmean idir ann. Cha chreid mi nach feumte comhairle Chalum Ruaidh a chur an cleachdadh riu. Ach tha da charaid mhath dhe’n t-seòrsa aige ann an so co-dhiubh agus ’s iad sin an t-UrramachMr . Sinclairagus mo charaid caomh agus caoimhneil an t-Urramach Calum Caimbeul ann an Strath-Alba. Ach ’s tric a bhios mi smaointeachadh gu de a thainig air ar deagh charaid Bodachan a’ Ghàraidh a b’ àbhaist a bhi cho friogadach ’s cho frogadach, cho laghach, agus cho caoimhneil, a toirt dhuinn an dràst ’sa rithist litrichean cho sgiobalta a bha a toirt moran fiosrachaidh agus toilinntinn do ur luchd leughaidh. Thugaibh mo mhile beannachd dha, agus a cheud àite anns an tachair an cothrom orm òlaidh m i air a dheagh shlàinte. Tha iomadh caraid againn a b’ àbhaist a bhi sgriobhadh nach eil sinn a cluinntinn guth uapa. Tha mi fhein a sgriobhadh so le ite coilich-fhrangaich a fhuiar mi bho’m dheadh chairid Donachadh Crabhart, agus tha dochas agam ma chi e so gun cuir e a dh’iaraidh MHIC-TALLA gun dail, agus tha mi creidsinn gu’m faic, oir tha an deadh Ghaidheal agus am fior dhuine uasal a fuireach faisg air agus tha e faotainn MHIC-TALLA bho na thoisich e n toiseach agus se sin Iain G. Mac Leod. Tha mi a toirt taing dhut airson oran na piob thombaca a chur sa MHAC-TALLA; saoilidh mi gu bheil e gle laghach. Tha mi smaointeach gum bi mi stad aig an am so air eagal gum bi sibh uile fas sgith dhem fhaoineis, ’s mar sin bidh mi gabhail beannachd leibh fein agus ler luchd leabhaidh caideal air fad an la chi ’s nach fhaic.
SEUMAS A. MAC-ILLEMHAOIL.
Canada.
Anns a’ bhliadhna 1842 labhair fear-sgriobhaidh ann an Cuairtear nan Gleann mu ’n dùthaich so mar a leanas. Tha moran de na bh’ air a radh leis cho fior an diugh ’sa bha e ’n uair sin.
Gun teagamh rir bith ’s i so an dùthaich a’s freagaraiche do Ghàidheil dol, a tha ’cur rompa tìr an athraichean fhàgail. Cha’n eil cosnaiche slàn, fallain a tha eòlach air obair, agus toileach obair a dheanamh nach faod fearann saor a bhi aige dha féin ann am fìor bheagan bhliadhnachan, agus a bhi cho cothromach, socrach, ’s a ’s miann leis ged nach ’eil peighinn air a shiubhal, ma bheir e ’n aire dha féin; ’s ma tha e glic grunndail, faodaidh e chur cul a làimhe an ceann trì no ceithir a bhliadhnachan na chuireas ’n a chomas àite seasgar fhaotainn da féin agus a ràdh: “Tha mi nis air mo dhùnan féin agus feuch cò a chuireas dheth mi!”
Iadsan aig nach ’eil airgiod r’ a thoirt leò, ach a tha ’dol a mach mar luchd-cosnaidh, chomhairlicheamaid iad a dh’fhalbh tràth ’s a’ bhliadhna, a’ cheud cosnadh math a thachras orra gabhail, iad a bhi foighidneach, seasmhach, fuireach ’n an luchd-oibre ’s ’n an sgalagaibh gus an tuig iad gu math nàdur an fhuinn, nàdur na dùthcha ’s an dòigh a’s feàrr gu cinneachadh, agus gu àite fhaotainn dhoibh féin.
Tha sinn ’g a innseadh mar fhìrinn gu m’ bheil daoine ’s an duthaich sin aig nach robh aona pheighinn an latha ’chaidh iad air tìr gun sgoil gun ionnsachadh; ach stuama, riaghailteach, seasmhach, saothaireach, agus ann an ceann trì bliadhna, aig an robh leth-dusan mart, mucan, eunlaith agus a’ h-uile goireas a b’ urrainn doibh iarraidh. Ma thogras duine air bith an ainm fheòraich, bheir sinn daibh an ainm ’s an sloinneadh agus an t-àit’ as an d’fhalbh iad.
Tha an sgeul “Suiridh Lachain Bhain,” a gheibhear air taobh eile air a toirt á leabhar a thatar a’ cur a mach le “Fionn” da’n ainm Leabhar na Ceilidh.
[Vol . 6. No. 12. p. 2]
SGEULACHDAN ARABIANACH.
VI. —EACHDRAIDH NAN TRI CHALADAIREAN AGUS NAN COIG MNATHAN-UAISLE.
CAIB. VIII.
“A bhaintighearna,” ars’ an dara caladair a chum fios a thoirt dhut air an doigh tubaistich anns an do chaill mi mo shuil dheas, feumaidh mi eachdraidh ma bheatha innseadh o thoiseach gu deireadh.
Is mac righ mise, agus cha robh mi ach gle og an uair a dh’ aithnich m’ athair gu’n robh moran tuigse air a bhuileachadh orm. Fhuair mi ard-fhoghlum; oir cha robh duine a b’ fhoghluimte na cheile anns an rioghachd aig m’ athair nach robh greis ’g am ionnsachadh. Cha bu luaithe a bha mi comasach air sgriobhadh is leughadh a dheanamh na dh’ ionnsaich mi air mo theangaidh a h-uile facal de ’n Choran o thoiseach gu deireadh. A chum gu’m bithinn comasach air teagasgan is earailean an leabhair mhath so a thuigsinn, leugh mi gu curamach gach leabhar-mineachaidh a sgriobh daoine foghluimte air. A bharrachd air so; leugh mi gach beul-aithris a bha air chuimhne mu thimchioll an fhaidh. Fhuair mi eolas mor mu gach seorsa foghlum eile air am biodh e feumail do mo leithid eolas is fiosrachadh ’fhaotainn. Ach os cionn gach ni eile, bha mi ainmeil air son cho math ’s a dheanainn sgriobhadh. Cha robh fear eile ri ’fhaotainn, ge mor am facal e, a dheanadh sgriobhadh a leith cho math rium.
Cha b’ e mhain gu’n robh m’ ainm agus mo chliu fad’ is farsuinn air feadh na rioghachd aig m’ athair mar dhuine ro fhoghluimte, agus mar sgriobhadair math, ach chualas iomradh orm ann an luchairt righ nan Innsean. Bha toil mhor aig an righ chumhachdach so m’ fhaicinn agus chuir e teachdaire le tiodhlacan luachmhor far an robh m’ athair, agus dh’iarr e air m’ athair mise a leigeadh car uine do ’n luchairt aige. Bha m’ athair gle dheonach mo leigeadh air falbh. Bha fhios aige gu’n deanadh e feum mor dhomh am barrachd de’n t-saoghal ’fhaicinn, agus greis de ’n uine a chur seachad ann an cuirt righ nan Innsean. A bharrachd air so, bha toil aig m’ athair cairdeas a dheanamh suas ri righ nan Innsean gu h-araidh o ’n a bha e ’na righ mor cumhachdach.
Dh’ fhalbh mi comhladh ris an teachdaire, ach o ’n a bha ’n t-astar araon fada agus doirbh ri ’dheanamh, cha d’ fhalbh comhladh ruinn ach beagan cuideachd. An uair a bha sinn dluth air mios air ar turus, air latha araidh chunnaic sinn buidheann mharcaichean a’ ’tighinn ’nar coinneamh. Mar a bha iad a tighinn ni bu dluithe dhuinn rinn sinn am mach gu’m bu robairean iad, agus gu’n robh mu leith cheud ann diubh. O nach robh againn ach deich eich luchdaichte le nithean a bha feumail dhuinn air son ar turuis, agus le tiodhlacan a bha m’ athair a’ cur a dh’ ionnsuidh an righ, agus o nach robh sinn ann ach beagan dhaoine, tha e furasda thuigsinn gu’n d’ fhuair na robairean lamh-an-uachdar oirnn ann an tiotadh. Ged a thuirt sinn riutha nach robh annainn ach teachdairean a bhuineadh do righ nan Innsean, cha tugadh iad urram no fathamus sam bith dhuinn. An aite sin, is am a thuirt iad ruinn ann an cainnt ladarna, “C’ar son a bheireamaid meas no urram do bhur righ?” Cha’n ann de ’sluagh sinn, agus cha mho a tha sinn air a chuid fearainn.
An uair a thuirt iad so, chuartaich iad sinn, agus thoisich iad ri ar marbhadh. Bha mise ’gam dhion fhein cho fad ’s a b’ urrainn domh; ach an uair a lotadh gu h-olc mi, agus a chunnaic mi gu’n robh an teachdaire agus na daoine a bha maille ris ’nan sineadh marbh air an talamh, mharcaich mi air falbh le m’ bheatha cho luath ’s a dheanadh an t-each dhomh. Ged a bha an t-each air a lotadh cho math rium fhein, fhuair mi air falbh le m’ bheatha. Cha robh mi astar fad air falbh an uair a thuirt an t-each marbh fodham. An uair a chunnaic mi nach robh neach air mo thoir, thuig mi gu’m b’ fhearr leotha greim a dheanamh air a’ chreich na orm fhein.
Bha mi ’nam onar anns an fhasach, agus mi leointe, agus gun duine agam a dheanadh an cuideachadh bu lugha leam. Cha robh de mhisnich agam na gabhadh an rathad mor, air eagal gu’n tachradh feadhain de na robairean rium.
An uair a cheangail mi na lotan—agus gu fortanach cha robh iad cho dona ’s a shaoil mi—choisich mi re na bha romham de ’n latha gus an d’ rainig mi bonn beinnne anns a robh uamha do’n deachaidh mi steach. Chuir mi seachad an oidhche anns an uamhaidh, gun ghreim bidh ach beagan mheasan a bhuain mi air an t-slighe.
Choisich mi romham re iomadh latha, ach cha robh aite-comhnuidh a’ tachairt rium. An ceann mios thainig mi gu baile mor a bha anabarrach maiseach, agus anns an robh moran sluaigh a’ gabhail comhnuidh. Bha mi ro thoilichte an uair a rainig mi e, agus dhichuimhich mi ann an tomhas mor am bron, an amhghair, agus an eis anns an robh mi. Bha m’ aghaidh, mo lamhan, agus mo chasan dubh le losgadh na greine; agus o ’n a bha mo bhrogan ’s mo stocainnean air caitheamh leis na rinn mi de choiseachd, b’ eiginnn domh a bhith ’falbh casruisgte. A bharrachd air so, bha na bh’ umam a dh’ aodach air a dhol ’na luideagan.
Chaidh mi steach do’n bhaile feuch am faighinn am mach c’àite an robh, mi, agus an uair a bha mi ’coiseachd troimh ’n t-sraid, bhruidhinn mi ri taillear a bha ’na sheasamh ann an dorus a bhuthadh. Ged nach robh mi ach gle luideagach salach, truagh ann coltas, dh’ aithnich e gu’n robh mi air mo bhreith ’s air m’ arach ni b’ fhearr na shaoileadh daoine air mo choltas. Bhruidhinn e rium, agus dh’iarr e orm suidh. ’Na dheigh sin dh’ fheoraich e dhiom co as a thainig mi, agus gu de ’chuir do ’n bhaile mi. Dh’ innis mi dha gu saor, soilleir cò mi, agus gach cruaidh fhortan a thachair rium o ’n a dh’ fhalbh mi a luchairt m’ athar.
Fhad ’s a bha mi ag innnsidh mo naigheachd dha, dh’ eisd e rium le deadh aire; ach an uair a chuir mi crioch air na bh’ agam ri radh, an aite comhfhurtachd a thoirt dhomh, is ann a mheudaich e mo bhron. “Thoir do cheart aire,” ars’ esan, “nach leig thu ris do neach sam bith co thu; oir tha naimhdeas ro mhor aig prionnsa na rioghachd so do d’athair agus faodaidh tu a bhith cinnteach gu’n dean e cion ort ma gheibh e fios gu’m bheil thu ’s a’ bhaile so.”
Cha do chuir mi teagamh ’s am bith ann am briathaan an tailleir. Thug mi taing dha air son a chomhairle, agus thuirt mi ris gu’n robh mi deas gus a chomhairle a ghabhail ann an ni sam bith a chuireadh e fa m’ chomhair.
O ’n a bha fhios aig gun robh an t-acras orm, dh’ ordaich e biadh a thoirt dhomh, agus anns a’ cheart am, thuirt e rium gu’m b’e mo bheatha fuireach comhladh ris fhein. Ghabh mi gu toileach an tairgse so.
An ceann beagan laithean, an uair a chunnaic e gu’n robh mi an deis gach sgios is airsneul a bh’ orm an deigh mo thuruis fhada a chur dhiom, agus air dha fios a bhith aige gu’n robh clann righrean, mar bu trice, ag ionnsachadh ceairde leis am biodh iad comasach air iad fhein a chumail suas na’m b’ eiginn e, dh’ fheoraich e dhiom an d’ ionnsaich mi ceaird sam bith leis an rachadh agam air mo bheo-shlaint a chosnadh. Dh’ innis mi dha gu’n robh mi anabarrach ionnsaichte anns gach uile sheorsa foghlum; agus gu’n robh mi sonraichte math gu sgriobhadh.
“Cha choisinn thu le d’ chuid foghlum, ”’ ars esan, “na cheannaicheas do dhinneir dhut. Cha ’n ’eil ni a’s lugha air am bheil de mheas anns an duthaich so na foghlum. Ma ghabhas tu mo chomhairle-sa cuiridh tu aodach fir-oibre ort, agus o ’n a tha coltas ort a bhith laidir, fallainn gu leor, theid thu do ’n choille a ghearradh connaidh. Gheibh thu deadh phris air, agus theid agad air thu fhein a chumail suas gun dragh a chur air duine eile gus an cuir am freasdal fortan a’s fhearr ’na do rathad. Bheir mi fheine dhut tuadh a ghearras am fiodh, agus sugan gus an t-eallach a cheangal.”
Air an eagal gu’m faighteadh am mach co mi, agus a chum gu’n rachadh agam air mi fhein a chumail suas gun dragh a chur air neach eile, dh’ aontaich mi gu’n deanainn mar a chomhairlich e dhomh, ged a bha ’n obair trom agus taireil. An la-iar-na-mhaireach thug an taillear dhomh tuadh is sugan is cota goirid, agus dh’iarr a air na daoine bochda a bhiodh a’ gearradh an fhiodha an rathad ionnsachadh dhomh do ’n choille, agus a bhith caoimhneil, companta rium.
Thug iad do ’n choille mi, agus an latha sin fhein ghearr mi de ’n fhiodh na choisinn leith buinn oir dhomh. Ged nach robh a’ choille fad’ o ’n bhaile, gidheadh o nach robh
[Vol . 6. No. 12. p. 3]
moran dhaoine a’ dol a ghearradh connaidh innte, bha e gann gu leor anns a’ bhaile, agus mar sin, bha sinn a’ dheanamh deadh thuarasdail a h-uile latha. An uine ghoirid choisinn mi suim mhath airgid, agus phaigh mi do’n taillear gach ni e thug e dhomh.
Lean mi air an obair so fad bliadhna. Air latha araid thachair dhomh a dhol ni b’ fhaide steach do’n choille na b’ abhaist domh. Thoisich mi ri gearradh craoibhe; agus an uair a bha mi ’feuchainn ris a’ bhun aice a spionadh as an talamh, thug mi an aire gu’n robh dorus-falaich foidhpe. Ghlan mi air falbh an uir, agus an uair a dh’ fhosgail mi e, chunnaic mi staidhre fodha. Ghabh mi sios an staidhre so, agus an tuadh ’nam laimh, An uair a rainig mi a bonn, fhùair mi mi-fhein ann an luchairt mhoir. Ghabh mi uamhas an uair a chunnaic mi gu’n robh i cho soilleir le solus dealrach ’s ged a bhiodh i air uachdar na talmhainn. Ghabh mi ceum air cheum air aghart troimh ’n luchairt agus chunnaic mi bean-uasal cho briagha ’s a chunnaic mo shuil riamh a’ coiseachd ’nam choinneamh. Cha b’ urrainn mi mo shuil a thogail dhith. Rinn mi cabhag gus a coinneachadh; agus an uair a chrom mi a thoirt umhlachd dhi, thuirt i, “Co thusa? An e duine no fathach a th’ annad?”
“A bhaintighearna,” arsa mise, “is duine mi da rireadh; cha ’n ’eil co-chomunn sam bith agam ris na fathaich.”
Tharruinn i osna throm agus thuirt i, “Cia mar air an t-saoghal a thainig tu do ’n aite so. Tha coig bliadhna fichead o ’n a thainig mise a dh’ fhuireach do’n aite so, agus cha’n fhaca mi duine anns an uine sin ach thu fhein.”
(Ri leantuinn.)
Gnothaichean an t-Saoghail.
Tha mi-riaghailt, ’us upraid, ’us aramach nach eil faoin am measg an t-saoghail aig an àm so. Is e cuibhrionn gasda, farsuing, beartach de ’n talamh gu leir a tha ann an America mu dheas. Tha iomadh rioghachd anns a’ mhor-roinn so. Is ann aig na Spaintich a bha ’cheud eòlas air a mhor-roinn so, ’us is ann doibhsan a bhuineadh a cheud oidheirp air laghannan direach, ceart, a thabhairt do na daoine ’tha ’tuineachadh ann an comhnardan torrach, leathainn, agus am measg sliosan ’us sleibhtean na tire sin, grianach, sultmhor, dreachmhor, mar a tha i. Bu latha bronach, duaichni do America mu dheas, an latha anns an d’ fhuair na Spaintich ughdarras co mor innte, oir is ro-bhochd eachdraidh nan Spainteach ann an America gu leir. Sluagh feineil, ardanach, uaibhreach, gun tuaiream, gun toinisg, a tha riamh annta. An drasd agus a rithist tha aramach fuileachdach ann an rioghachd eiginn a bhuineas do America mu dheas. Tha’n luchd-riaghlaidh air am marbhadh no air an tionndadh a mach. Tha dealas ’us dichioll na dùthcha air an stad. Cha ’n ei sith no tearuinteachd do neach air bith an uair a tha ’n rioghachd cosmhuil ris a’ chuan bheucach air a luasgadh ’s air a liodairt a null agus a nall le feachdan guineach, lionmhor. Cha bhi cothrom ceart aig America mu dheas air gniomharan foghainteach a dheanamh, gus am faigh i luchd-riaghlaidh glice, tapaidh, duineil, seasmhach, agus gus am bi beatha gach duine tearuinte, ’us ceartas ’us firinteachd air an cumail suas gu gaisgeil, durachdach.
Is e eilean laghach, torrach a tha ann an Cuba. Buinidh e do na Spaintich; agus is iomadh spairn, ’us cruadal, ’us dortadh fola ’bha eadar na Cubanaich agus na Spaintich. O cheann da no tri bhliadhnaichean tha upraid ’us othail mhuladach anns an eilean. Tha ’n t-eilean ann an tomhas mor air a mhilleadh. Tha fearg eagalach air na Cubanaich, agus tha iad a’ dol g’ an dubhlan airson crioch a chur gu brath air uachdaranachd mosach, neo-cheanalta nan Spainteach. Cha ’n eil e furasda beachd chinnteach a thabhairt ciamar a theid a’ chomhstri ann an Cuba.
Tha ar coimhearsnaich, na Stàitean, daonnan deigheil air farum uamhasach a dheanamh agus air guth ard, peasanach a thogail ann an ceistean cudthromach an t-saoghail gu leir. Is àluinn, agus is foghainteach, agus is suilbhir da rireadh, an dùthaich a’ tha deanadh suas na Stàitean. Is e daoine tapaidh, innleachdach mar an ceudna tha ’gabhail comhnuidh anns na Stàitean. Nam bitheadh daoine pongail, tuigseach, stuama, daonnan a’ stiuiradh na luinge, bhitheadh cisean na dùthcha lionmhor. Bhitheadh e comasach di gach fiach a phaigheadh gun dragh air bith. Bhitheadh moran ionmhais gach latha ann an sporran luachmhor na tire. Bhitheadh i ’sealbhachadh, mar bu choir dhi, aite urramach, uasal, onarach, am measg rioghachdan na talmhuinn. Bhitheadh i ’togail a guth gu duineil, dana, firinneach, as leth a’ cheartais agus air ioma cuis o eirigh gu luidhe na greine. Gu cinnteach cha ’n eil aobhar sonruichte air bith againn ann an Canada ’bhi ’taingeil do na Stàitean airson cairdeis no caoimhneis no coimhearsnachd ghasda air bith a nochd iad riamh dhuinn. An uair a ghabhas sinn beachd air na laithean a dh’ aom, chi sinn le mulad mor gu ’n d’ fhuair iad a’ chuid a b’ fhearr ann an iomadh cordadh ’us reiteachadh a bha eadar Breatunn agus iad fein, mu dheibhinn fearainn ’us nithean eile ’bhuineadh ann an tomhas mor do Chanada. Nam bitheadh luchd-comhairle Bhreatuinn daonnan eolach, ’us dileas, ’us duineil mar bu choir doibh a bhi, bhitheadh againn an diugh ann an criochan farsuing Chanada, Maine, a tha ri taobh a’ chuain, agus iomadh stàit bheartach, thorrach, àillidh, ann an airde ’n iar America mu thuath. Tha deigh mhor aig luchd-riaghlaidh air a bhi bagrach, air a bhi ’labhairt ann am briathran fuaimneach, agus air a bhi ’cumail a mach gur iadsan na daoine ’s modha gliocais, ’us onoir, ’us tapaidh, ’us ceartais a chunnaic an saoghal riamh. Ma tha Canada ’soirbheachadh gu maith, cha ’n eil ach gle bheagan buidheachas againn ri ’thabhairt do na Stàitean. Tha i do gnath dichiollach ann a bhi ’togail balla mor eadar iad fein agus sinne, balla chumas uainn gach comas air maith air bith fhaotainn bho mhargaidhean nan Stàitean. Cha leig iad do luchd-ceirde dol o Chanada ’dheanamh obair air bith anns na Stàitean. Cha ’n ann idir air doigh uasal, bhòidheach, a’s àbhaist doibh luach nan ron ’s an eisg a phaigheadh. Is ann gu carach, lubach, a’s gnath leo beachdan daoine foghluimte ’s onarach a chomhlianadh gu ceart. Tha iad a’ deanamh moran aimhreit mu dheibhinn nan ron anns a’ chuan fharsuing a tha air taobh eile na dùthcha. Fhuair iad moran airgid airson nan lochdan eagalach, mar bhios iad fein ag radh, a rinn an Alabama orra am feadh a bha iad fein agus na Stàitean mu dheas a gleachd agus a’ dortadh am mach am fola mar uisge na h-aimhne. Airson lochdan na h-Alabama fhuair iad fichead uaire tuille a ’s a bu choir doibh fhaotainn. Carson nach d’ thug iad air ais do Bhreatunn an t-airgid air nach b’ urrainn doibh coir a dhearbhadh Carson a tha iad a’ gleidheadh, mar ni na meirlich airgiod nach buin idir doibh: airgiod a bhuineas do Bhreatunn: airgiod nach bu choir doibh riamh fhaotainn agus nach fhaigheadh iad, nam bitheadh luchd-riaghlaidh Bhreatuinn aig an àm anns an robh gniomharan olca na h-Alabama ann am beul nan Stàitean mu thuath, duineil, curanta, neo-sgathach agus fior-eudmhor mar a bu choir doibh a bhi anns gach àm agus anns gach deuchainn ’us cogadh ’us aimhreit.
CONA.
Bha saor ann am baile Ghlaschu aon uair agus ged nach robh e ’na dhuine leisg, cha robh e cho toigheach air obair agus a dh’ fhaodadh e a bhi. B’àbhaist da a bhi fadalach gach maduinn ach a dh’aindeòin sin b’e an ciad dhuine a sguireadh de obair nuair a bhitheadh an clag air a bhualadh anns an fheasgair. Aon mhaduinn bha e ni b’fhaide air dheireadh na b’àbhaist da ach nuair a thàinig am feasgar b’e an ciad fhear a chuir a chota uime. Cha b’urrainn do ’mhaighistir cur suas le so agus ghlaodh a ris. “Sheumais! is i mo bheachdsa nach ’eil e iomchuidh dut a bhi a’ sgur de obair cho fior luath, oir cha robh thu cho ealamh gu toiseachadh ’sa mhaduinn.” “A dhuine!” arsa Seumas, “tha mi cinnteach nach bu mhath leat, mi a bhi air dheireadh aig dà cheann an latha.”
Bha fear-turuis Sasunnach ann an Cataobh an uiridh agus mar is àbhaist do a luchd-dùthcha uile, bha e smeachrannachd ri nithe nach do bhuin da. Bha e gabhail sgriob aon latha agus thachair e air caileag a bha siubhal an ràthaid cas rùisgte, agus thuirt e rithe, “An àbhaist do mhuintir na dùthcha so a bhi dol cas ruisgte? “Is àbhaist, uairean,” fhreagair a’ chailin, “agus uairean eile tha iad a’toirt aire do an gnothachan fein.”
[Vol . 6. No. 12. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobhad ach air aon taobh d’ an duileig, agus, nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ‘Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton
SIDNI, 17SEPTEMBER, 1897.
Thaexhibitiongu bhi ann a’ Halifacs deireadh a mhios so, a’ fosgladh air an 29mh latha. Tha ’nexhibitionbhliadhnail gu bhi ann anCharlottetownan t-seachdain roimhe sin. Cosgaidh e barrachd mor do dhuine dhol á Sidni gu Halifacs na dhol guCharlottetown ,ged a tha sin gle neònach. Gheibhear a’ Sidni guCharlottetown ’s air ais air son ceithir dolair gu leth. Tha cuid de phaipearan an eilean so ag radh nach eil muinntir Halifax a toirt ceartas do Cheap Breatunn anns an dòigh sin, agus a tha iad a’ comhairleachadh d’an luchd-leughaidh a dhol gu féill Eilean a’ Phrionnsa. Cha’n eil teagamh againn nach gabh àireamh mhath an comhairle.
BhaSir Wilfred Laurier,Priomhair Chanada, ann anSt . John, N. B. ,air an t-seachdain so, agus muinntir a bhaile sin, mar a rinn muinntir bhailtean eile, a deanamh othail mhor ris. Fhuair e cuireadh a dhol gu Halifacs, ach cha b’urrainn da a dhol ann air an turus so. Ann an òraid a liubhair e ann an St. John, thuirt e gu robh e, o’n dh’fhalbh e toiseach an t-samhraidh, ann am Breatunn, anns an Fhraing, ’s anns an Eadailt, ach ’na uile shiubhal nach fhac’ e dùthaich a’ b’fhearr leis na anns am bu docha leis a bhi còmhnuidh na ann an Canada. ThaSir Wilfred ’na òraidiche math, agus tha tlachd mor aig sluagh a bhi ’ga éisdeachd.
Chaidh an inneal a bha cumail an t-soluis ris a’ bhaile air aimhreit toiseach na seachdain so, agus dh’ fhàg sin daoine a’ siubhal anns an dorchadas fad thri no ceithir a dh’ oidhcheannan. Bha na sràidean gun solus idir, agus cha robh na taighean moran na b’ fhearr dheth. Chaidh pàirt de’n inneal a chur air falbh gu bhi air a chàradh, agus thainig a air ais oidhche Dìor-daoin. Bidh an solus cho math an nochd ’sa b’àbhaist da bhi.
Tha an t-àr-a- mach a dol air adhart anns na h-Innsean fhathast, ach tha na blàir a thatar a’ cur a’ dol an aghaidh nan ceannairceach. Tha iad ag radh gur h-e dh’ aobharaich a cheannairc gu bheil na nàisinnich a meas gleann àraidh air ’n do ghabh na Breatunnaich seilbh mar àite naomh, agus gu robh iad uime sin an aghaidh sluagh sam bith nach robh de ’n creud fhéin a bhi ann. Is Mahomedanaich iad, agus bha iad sin riamh ainmeil air son a bhi nochdadh an eud d’an creideamh leis a’ chlaidheamh. Tha cuid a’ meas gu’n cosg e coig muilleanan deug dolair do Bhreatuinn a’ cheannairc a chur fodha.
Air son sith agus sàmhchair a dheanamh cinnteach tha baile Halifacs ag iarraidh ceithir fichead ’sa sia de mhaoir-sithe fhad ’sa bhios an t-exhibitionann. Leig an luchd-riaghlaidh fios gu robh an àireamh sin a dhith ona Di-luain s’a chaidh, agus Di-mairt bha mu thri cheud duine air am beulaobh ag iarraidh fastaidh. Feumaidh gu bheil moran ’nan tàmh anns a’ bhaile. Ann an Sidni, aig àm na h-Iubili, theab fairthleachadh orra deich no dusan duine fhaotainn a ghabhadh orra fhéin a bhi ’nam maoir-sithe ged a bha deagh thuarasdal air a thairgse dhaibh.
Chaidh tigh ann a’ Halifacs, anns an robhA . M. Bell & Co. ,ri ceannachd, na theine Di-sathairne s’a chaidh. B’fhiach na bh’ann de bhathar mu shia mile deug air fhichead dolair, agus chaidh a losgadh air fad. Eadar sin agus na rinneadh de mhilleadh air an tigh fhéin, thatar a’ meas gu’n do chailleadh fiach leth-cheud mile dolair. Bha mu shia mile deug air fhichead de dh’ airgead-urrais air an tigh ’s air na bh’ann.
Bha latha mor aca ann an Truro Di-màirt. Bha iad a’ cumail co-ainm an latha air an d’ thainig a’ cheud luchd-àiteachaidh d’an t-siorrachd, agus mar an ceudna Iubili na Ban-righ’nn. Bha an latha dorcha, fliuch, ach a dh’aindeoin sin, chaidh gach ni air adhart gu math, agus cha robh aithreachas sam bith orra air son Iubili na Ban-righ’nn a chumail cho fad air deireadh air a’ chuid eile dhe’n t-saoghal.
Tha ’n Klondike a’ sior tharruinn dhaoine air falbh as gach àite, agus tha ’chuid mhor dhiubh nach gabh rabhadh no comhairle, ach a dh’fhalbhas a dh’aindeoin ciod a thachras dhaibh. Tha iad-san a tha falbh mar sin a’ smaoineachadh a mhàin air an òr, ach tha iad-san a tha tilleadh a toirt iomradh air na cruadalan ’s na deuchainnean troimh ’n robh aca ri dhol a falbh ’sa tilleadh.
Gheibhear ainmean na muinntir a phàigh anns an àireamh so. Ma rinn sinn dearmad air neach sam bith, cuireadh e fios ugainn, Am faca tu sa d’ainn fhéin anns a’ phaipeir o chionn ghoirid? Am bu chòir dhuit fhaicinn ann? Na dean dearmad air do dhleasanas na’s fhaide mur d’rinn thu e cheana.
MacCoinnich & Co.
Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh
ANN AN LOUISBURG,
agus tha sinn aig an àm cheudna a’ cumail air adhart air an t-seann laraich,
ANN AN SIDNI.
Aodaichean Matha dhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.
Theid sinn an urras air an obair.
Mac Coinnich & Co.
F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn.
Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J Morley.
Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air.
Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.
Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. A seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.
THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin.
Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.
Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.
Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. MacFhionghain, Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitche’s Creek.Tha mu dheichair fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.
[Vol . 6. No. 12. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Thatar a’ cur eaglais ùr Chaitliceadh suas ann am Mabou. Tha i nise teannadh ri bhi ullamh, agus tha i gu bhi air aon de na h-eaglaisean a’s briagha th’ air an eilean.
Chaidh a’ bhreac a chur air coig mile fichead duine ann am Montreal o chionn mios no dha air ais. Ghabh iad aon uair an t-eagal gu robh a’ bhreac a’ dol a sgaoileadh air feadh a’ bhaile, ach tha i nise air a casg gu math.
Shil roinn mhath uisge o chionn seachdain, agus bha àiteachan a bha gle fheumach air. An turadh a bh’ ann o chionn àireamh sheachdainean rinn e na tobraichean ’s na fuarain a thiormachadh air dhòigh ’s gu robh iomadh neach éiseil le cion uisge.
Tha làn chead aig daoine nise air a bhi ’glacadh nan eisirean ’s a’ marbhadh nan cearcan-tomain. Bha an t-am anns nach faodte sin a dheanamh suas Di-ciaduin. Thatar ag radh gu bheil na cearcan-tomain gu math gann an Ceap Breatunn air an fhoghar so, ach tha na h-eisirean pailt gu leòr.
Tha sinn a’ cluinntinn gu bheil Iarla Obaraidhean agus a Bhan-Iarla dol a thighinn do Cheap Breatunn air a cheud seachdain de dh’ October, agus gu’m bi iad ann fad dha no tri lathaichean. Cha’n eil teagamh againn nach cuir muinntir an eilean so fàilte chridheil orra.
Thatar ag radh gu bheileas an deigh gual fhaotainn ann an àite no dha an Ontario, ach tha moran nach eil a thoirt moran creideis dha. Tha muinntir Ontario an dràsda faotainn an cuid guail as na Stàitean agus bu mhath an ni do’n mhor-roinn sin na faighte gual math innte fhéin.
Bha Sasunnach òg d’an ainnAlfred Lyleag obair còmhla ri tuathanach ann an Ontario o chionn beagan ùine air ais air tuarasdal na bu lugha na dolair ’s an latha. An la roimhe fhuair e fios gu robh dileab air a fàgail aige ann an Sasuinn a b’ fhiach tri cheud gu leth mile dolair.
Chaidh fear Mac Coinnich, a mhuinntir siorrachd Cholchester, air chall anns a’ choille faisg airLepreaux , N. B. ,agus bha e mar sin bho Dhi-haoine gus an ath Dhi-ciaduin. Bha e air a chlaoidh gu mor leis an sgios ’s leis an acras ’nuair a fhuaireadh e. Chaidh a chur dh’ an ospadal, agus tha e ’dol am feabhas.
Tha Sinagog Iùdhach ann am baileHalifax ,ach a reir sgeòil cha’n eil iad á faotainn air adhart innte ach gu h-aimhreiteach. Tha iad air uaireannan a’ dol o throd gu buillean, agus tha aon de na phaipearan a ag radh ged nach eil na h-Iùdhaich gle lionmhor anns a bhaile sin gur math is aithne dhaibh sabaid.
Chuir àireamh a mhuinntir Cheap Nòr a tha ann am Boston, airgead cruinn o chionn ghoirid a cheannach tri seithrichean briagha do chùbaid na h-eaglais anns an robh iad ag aoradh ’nan cloinn agus anns am bheil an càirdean aig an tigh a’ deanamh sin fhathast. ’S math an ni a rinn iad: tha e ’na dheagh chomharradh air feadhain a dh’ fhàg an dùthaich a bhi cho cuimhneach air na dh’ fhàg iad as an deigh.
Is còir do na tuathanaich aig am bi am buntàta gu math a bhi gle chùramach uime, oir tha e gu bhi gann air a’ bhliadhna so, agus bidh a phris na’s àirde na bha i o chionn bhliadhnaichean. Ann an Ontario, agus an àiteachan eile, tha an grodadh air tigh’nn ann, agus a cur as da gu mor. Tha e air tòiseachadh ann an Nobha Scotia cuideachd, agus tha e coltàch gu’m bi e gann gu leòr an sin. Cha chuala sinn ciamar a tha e air Eelean a’ Phrionnsa, ach se ’s dòcha nuair a tha ’n grodadh an àiteachan eile gu’m bi e an sin cuideachd.
’N uair a rinneadh morair de Shir DomhnullSmithaig àm na h-Iubili, dh’ fhàgadh taghadh ainme aige fhéin, agus cha do rinn e sinn gus o chionn ghoirid. Theirear ris a nise “Morair Strathchomhainn agus na Beinne Rioghail,” ainm a tha cho fada ’s gu foghainn e. Tha Strathchomhainn, mar a dh’ innis “Gleann-a- Bhàird” dhuinn, air oighreachd Shir Dhomhnuill ’s an t-seann dùthaich, agus ’s i Bheinn Rioghail a’ bheinn a tha air cùl Mhontreal, baile anns ’n do chuir Sir Domhnull seachad iomadh bliadhna de ’bheatha.
Chaidh dithis dhaoine, Iain Mac Fhearghais agus Murchadh Domhnullach a bhàthach a mach á Fourchu air an t-seachdamh latha dhe’n mhios so. Bha iad fhéin us fear eile, IainSeverance ,a mach ann am bàt-iasgaich, agus chaidh a chur thairis, ’s lion e le uisge. FhuairSeverancegreimeachadh ris na ràimh gus an d’ thainig soitheach an rathad a thog e. Dh’fheuch an Domhnullach ri snàmh gu tir, ach bha ’mhuir cho garbh ’s gun deach e fodha an ùine gle ghoirid. Lean Mac Fhearghais ris na raimh cho fad ’sa b’ urrainn da, ach dh’ fhàs a chuid aodaich cho trom ’s gun deach e fodha.
Fhuaireadh litir o chionn ghoirid o Domhnull Mac Neacail, a bha còmhla ri triùir no cheathear eile mhuinntir Cheap Breatunn air an t-slighe gu Klondike. Bha litir anns na paipearan-naigheachd roimhe o fhear Mac Neill a bha ’sa chuideachd chreudna, ach bha iad an uair sin fada bho’n ceann-uidhe. Nuair a sgriobhadh litir Mhic Neacail, air an dana latha deug de Iùlaidh, cha robh iad ach mu cheud mile bho’n àite, agus bha a’ chuid bu mhiosa dhe’n t-slighe seachad. Thachair sgioba orra a bha fàgail na dùthcha agus ’s iad sin a thug an litir air adhart gu aite ’san robh posta ruith. Thug iad misneachd mhath dhaibh mu ’n àite dh’ an robh iad a’ dol, ’s ged fhuair iad anradh us sàrachadh gu leòr air an turus, bha iad an dùil gu’m bu mhath a phàigheadh e dhaibh a dol ann. Bha iad an uair a sgriobhadh an litir air an amhuinn a direadh gu Klondike. Buinidh Mac Neacail agus dithis eile tha ’sa chuideachd, Domhnull agus Alasdair Mac Fhionghain, doRoseburn ,faisg airHogamah ,agus tha iad o chionn àireamh bhliadhnaichean ann an Columbia Bhreatunnaich. Buinidh Mac Neill do na Narrows Mhor.
Iadsan a Phaigh.
Uisdean Mac Suinn, Bridgeport , $2 .00
A. D. Mac Suinn, Glascho, C. B,
Bean Raonuill Dhomhnullaich, M . B. Road,
An t-Urr-Alasdair Ros, Hogamah , $2 .00
Domhnull A. Smith, an Beighe ’n Iar,
Seumas A. Camaran, Amaguadus, $1 .50
DomhnullJohnstone , Leitche’s Creek.
Ruairidh Mac Neill, Glace Bay.
SeumasPatterson , Forks,Shidni.
A. J. Mac Fhearghais, Caribou Marsh.
E. D. Nic Amhlaidh, T. D. Amhuinn Dhennis.
Steaphain Mac Neill, Cobh-a- Bheabheir,
Iain M. Mac Gilleain, Scotsville .
Niall Mac Gillean, Fourchu.
Iain I. Gillios, Meadows .
Cailein D. Siosal, Long Point,50c.
Calum Mac Mhannain, Braidalbainn E. P. I, $2 .00
Alasdair Peutan, Flat River,E. P. I.
An t-Urr I. R. MacLeoid, Three Rivers, Que. $2 .00
Alasdair Mac Amhlaidh, Waipu , New Zealand.
Iain Mac-a- Bhiocair, Rescue , Mich.
A. M. Moireastan, Boston , Mass, $3 .00
Mrs . C. B. Fox, Boston , Mass,
Bean Alasdair Rois, Somerset , Mass.
D. K. Domhnullach, Springhill , Que. $2 .00
Eoghan Mac Gilleain, Eelean Phictou, N. S., $2 .00
Aonghas Mac Aonghais, Georgeville , N. S.
D. Mac Cuaig, Abbottsford , B. C.
Eoghan Mac-a- Phearsain, Trascati, ’san Eadailt,
Alasdair Peutan, Quesnelle , B. C.
Padruig Mac Gilleain, ’cul EeieanChristmas .
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
’Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .30
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .35
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte.
Sgriobh gu
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, C. B.
J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsa ’s fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B.
BADDECK, - - C. B.
Airson a stor a dheanamh na ’s deiseile ’s na ’s feumaile dhaibhsan a tha ’deanamh gnothuch ris, tha
Albert I. Hart
a’ nise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha a’ chuid sin de ’n ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am Boston ’sanNew York.Gheibh iadsan a thig g’a h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDECK , - - C. B.
IUBILI!
THIG AGUS FAIC!
Ceannachd ur us Prisean ura.
A h-uile ni cho saor ’s nach fhaod mi innse.
Niall Domhnullach.
Ceann an Iar a Bhaile.
BADDECK , - - C. B.
A Ghàilig ’sa Bheurla air an aon phris.
[Vol . 6. No. 12. p. 6]
Suiridh Lachainn Bhain.
Tha ’n duine pongail sin Lachann Bàn cho malda athach ’na dhòigh, ’s gun rachadh e anns na frògan seach éisdeachd ri trod no cath-labhar. Bha e riamh mar so, agus ’n uair a phòs e bha e na ioghnadh mor anns na sgireachdan mu ’n cuairt ciamar a fhuair e de mhisneach na dh’ iarr gealladh posaidh ’o Mhàiri Nic Ealair, am boirionnach gleusda deandach a th’ aige nis mar mhnaoi. Tha e bh’ uam innseadh dhuibh ciamar a thachair a’ chùis: Bha Lachann Bàn anns a’ Bhail’ -iochdrach o’n is cuimhne leamsa. Bliadhna ’bha sud chaill e beothach eich a bh’ aige ann am bac-mòna agus bha e air a chuir-thuige gu math mor le ’challdach. Cha b’e uile gu léir luach an eich a bha e ’caoidh, ach cha robh fhios ro mhath aige c’àite ’m faigheadh e each eile a fhreagaradh dha cho math. Latha bha sin, thuit da bruidhinn ris a’ ghobhainn mu ’n chùis agus ’s e ’n fhreagairt a fhuair e— “Ma ta, na ’m bu mhis’ thusa chaidh mi nunn do ’n Chnoc a nochd fhein agus bruidhinnean ri Eòghan MacEalair mu’n làir bhig dhuinn a th’ aigesan. Bha e ’g innseadh dhomh an latha roimhe gu ’n robh i pailte aotrom airson obair-san, agus gu ’n robh e ’m beachd a reic. ’S e beothachan beag, beothail a th’ innte agus ’s e mo bheachd gu ’m bitheadh i fuasach freagarach air do shon-sa, a Lachainn. Tha agam fhéin ri dol rathad a’ Chnuic tràth-fheasgair, agus ma thogaras tu innsidh mi do Fhear-a’ -Chnuic gu ’n taghail thu air mu bheul na h-oidhche, agus rùn do thurais.” “Fhir mo chridhe,” arsa Lachann ris a’ ghobhainn, “bithidh mi fuasach fada ann ad chomain ma ni thu sin. A bheil fhios agad gu ’n robh mi fhéin a’ smaoineachadh air a’ cheart bheothachan eich sin, ach tha mi air mo chlaoidh cho mor leis na coimhearsnaich mu Mhàiri Nic Ealair anns a’ Cnoc—ged nach dubhairt mi facal riamh rithe mur do mhol mi ’n latha ’san dol seachad—gu ’m b’ fhearr leam rud cuimseach a dheanamh na dol rathad a’ Chnuic mur biodh leisgeul math agam a dhol ann.”
Tha ’n gobhainn mar tha fhios agaibh làn phratan ’us feala-dhà agus d’ e rinn e ach dol an Chnoc, agus innsear do Fhear-a’ -Chnuic gu ’n do chuir Lachann Bàn a nios e a dh’aon obair a’ dh’innseadh dha gu robh e ri tighinn ’san fheasgar a shireadh Màiri a nighean, agus gu ’n robh e ’n dochas gu ’m beachdaicheadh e air a’ chùis gus a sin, agus gu’m biodh a fhreagairt deas ’n uair a thigeadh e. Chaidh fàilte ’us furan a chur air a’ ghobhainn. Thug iad a stigh e ’s cha robh ni bha ’stigh tuillidh is math air a shon.
“ ’S e gille glan, pongail, cùramach a th’ ann an Lachann Bàn,” arsa Fear-a’ -Chnuic ri Seumas Gobhainn, “agus ’s e ’bheatha tighinn a so a dh’ iarraidh mo nighean. Ged a bhiodh ciad nighean agam an àite a h-aon cha ’n iarrainn té ’sam bith dhiu pòsda ri fear a b’ fhearr na Lachann Bàn—sàr-mhac an deagh athar.”
’Nuair a bha an latha air ciaradh, ’sam feasgar air fàs gu math dorcha, thilg Lachann Bàn a bhreacan thar a ghualainn agus shèap a suas an rathad cùil a dh’ ionnsuidh a’ Chnuic.
Chunnaic bean Eòghain ’ic Ealair e ’tighinn agus chaidh i thun an doruis na choinneamh ’s chuir i fàilte chridheil air, agus sheòl i sios an t-seòmar e, far an robh Fear-a’ -Chnuic ’ga gharadh fein ri griosaich de theine mòna, agus e gu foighidinneach a’ feitheamh a thighinn.
An deigh dhoibh a bhi tacan a seanachas mu ’n aimsir, mu phrisean spréidh, mu ’n ghalar a bha ’s a’ bhuntàta agus cùisean cudthromach eile, dh’ fheuch Lachann Bàn ri tighinn a dh’ ionnsuidh rùn a thurais ag radh— “Tha mi cinnteach gu ’n d’ innis an gobhainn duibh gu ’n robh mi tighinn a nios a nochd, agus ciod a bha ’g am thabhairt?”
“Rinn e sin,” arsa Fear-a’ -Chnuic, “agus faodaidh mi innseadh dhuit gu ’n robh mi fhéin agus bean-an-tighe a bruidhinn mu ’n tainig thu, agus tha sinn le chéile togarrach, toilichte.”
“ ’S ro-mhath leam sin,” arsa Lachann Bàn, “oir a dh’ innseadh na firinn dhuibh bha mo shùil innte ’o chionn ghreis a nis. Tha i ro bhòidheach, agus ciùin cneasda ’na doigh, agus tha ’n gobhainn ag ràdh gu ’n dean i gach gnè obair a theid a chur m’a coinneamh.”
“Ged is leam fhéin i, a Lachainn,” arsa Fear-a’ -Chnuic, “ ’s cha bu mhi a bu chòir a ràdh, tha i cho math ’s a tha i boidheach—cha ’n eil ann am bòidhchead ach blàth faoin a sheargas, agus tha mi toilichte fhaicinn nach ann air sgàth a h-àilleachd a mhàin a tha thu ’n tòir oirre, ach gu bheil thu ag amharc ri buadhan a’s airde na sin. Dh’ ainmich thu gu ’n robh i math air obair, agus their mi so, gu ’n robh i ’na cuideachadh ’s ’na còmhnadh mor dhuinn ann an ioma dòigh. Tha i ’n sin agus cha dh’fheum i riamh an darna greasadh mu ni a caaidh riamh a chur m’a coinneamh— ’sinn a dh’ ionndrainneas i.”
“ ’S e mo bheachd gu bheil i slàn, gun mheang,” arsa Lachann, “agus cha ’n eil i sean, oir tha cuimhne mhath agam fhéin ’n uair a fhuair sibh i, agus”—
“Theagamh gu bheil i òg gu leòir,” arsa Fear-a’ -Chnuic, “ach cha ’n eil an sin ach coire a bhios ’ga fàgail gach bliadhna, agus cha ’n e a h-uile latha a thig Lachann Bàn an so air a leithid de thurus.”
Bha iad le chéile sàmhach car tacan an deigh so. Bha Lachainn ’s e ’cluich leis a’ bhad dhearg a bha ’na bhoinead. Mu dheireadh thall, thuirt esan, ’s e togail a chinn, “ ’S ’de nis a bhios sibh ag iarraidh oirre, ’Eoghain?”
Ag iarraidh oirre ’Lachainn; na bi bruidhinn air ni de’n t-seòrsa sin, a ghaol a’ mhathais; ged a tha meas a’s airde agam ort a chionn ’s nach biodh tu a talach ged a dh’ fheumadh tu a ceannach mar a rinn Iacob air a mhnaoi-san; oir tha e ’leigeil ris gu bheil thu an geall oirre air a sgàth fein, a mhàin. Ach cha ’n ann mar sin a bhitheas idir a Lachainn. An àite a bhi ag iarraidh rud ‘oirre’ ’s ann a rinn sinn a suas ar n-inntinn gur ann a bheireadh mid’ rud ‘leatha,’ ’s cha rud suarach—ged nach abair sinn a nochd ’de na bhitheas ann.”
Chuir so Lachunn air a bhonnaibh agus bha e mar fhear a chitheadh tannasg. Ged a bha e ’an comain Fear-a’ -Chnuic airson a leithid do thairgse suilbhir, cha leigeadh an uaill ’s an t-àrdan leis a ghabhail, ’s mu dheireadh fhreagair e—
“Eoghain ’ic Ealair, cha bhi mi ri spleadhairich cainnte uair air bith, ach tha mi daonnan a’ ciallachadh na tha mi ag ràdh, agus cho fior ’sa tha mi ’n so cha ’n urrainn dhomh do thairgse measarra a ghabhail. Cha ’n eil a bheag de ’n t-saoghal agam mar tha fhios agad, ach bheir mi dhuit oirre fichead punnd Sasunnach ann ad bhois, ’s cha ’n iarr ’s cha ghabh mi leatha ach slat no dha de sheann taod a bheir dhachaidh leam i.”
“Dean suidhe a Lachainn;. dean suidhe mo dhuine math ’s na toisichimid air cònnsachadh mu’n ‘tochar;’ ach a dhuine chridhe ’de chuir ‘taod’ ’ad bheachd?”
Dh’ fhaodadh Lachann fheòraich ciod e thug air a bhi bruidhinn mu ‘thochar’ ach bha cheann a dol ’na bhreislich ’s cha robh fhios aige ciod a theireadh e. Mu dheireadh an deigh dha meòrachadh tacan thuirt e— “Dh’ fhaodadh mid an lanndair a ghabhail agus dol a mach ’ga faicinn, agus theagamh an deigh sin gu ’n tig sinn gu còrdadh mu ’timchioll.”
“Cha ’n eil feum ’sam bith air dol a mach a Lachainn—tha i shuas an staidhir ma ’s math mo bheachd.”
Bha Lachann a smaointeachadh gu’m bu neònach au t-àite sin airson na làir dhuinn, ach mu ’n robh ùine aige air facal a radh, chaidh am bodach thun an doruis agus ghlaodh e— “A Mhàiri! ’Mhàiri! thig a so mo chaileag.”
Thàinig Màiri a stigh cho sèimh aithiseach ’s ged ’bhiodh corp anns an t-seòmar, ’s rudha air a’ gruaidh le nàire. “So agad Lachann Bàn,” aasa Fear-a’ -Chnuic ’s e ’bruidhinn ri Màiri, “tha mi cinnteach gu ’n robh do mhàthair ag innseadh dhuit ’dé chuir a so e.” (Bha Lachann an impis leaghadh leis an nàire, ’s a’ chridhe ’ga fhàgail). “Ged nach do rinn sibh riamh a bheag do shuiridh, tha sibh eolach air a chéile o’n a bha sibh ’nar cloinn, cha ’n eil eagal orm nach tig sibh air a chéile gu gasda. Tha Lachann ag ràdh gu bheil a chridhe an geall ort a Mhàiri; a bheil thusa ma ta, toileach?” Fhreagair i gu malda, “Tha,” agus chuir so Lachann ann an deargan fiabhruis. Bha e faireachduinn mar gu ’m biodh sgeap sheillean ’na cheann. Thuit a bhoineid as a laimh agus sheas e cho stolda ri bean Lot, ’n uair a chaidh a deanamh na carragh salainn. Cha bhi fhios aig neach fo ’n ghréin ciod a bha ’na bheachd ’san àm, ach so mar a fhreagair e
[Vol . 6. No. 12. p. 7]
agus b’ fhearr leam gun cualala sibh e ’ga radh:—
“A chàirdean, so am mearachd a’s fearr ’s a’s taitniche a rinn mi riamh. Thainig mi an so a dh’ iarraidh na ‘làir dhuinn’ agus ’s ann fhuair mi an ‘nighean bhàn,’ ach ma tha sibhse toilichte tha mise lan riaraichte.” Mur do shiubhail iad bho sin tha iad beò fhathast.
Bha boirionnach ann am Baile Thangusdail agus bha i a mach ag iarraidh caigeann laogh, agus rug an oidhche agus an t-anmoch oirre, agus thàinig sileadh agus sian, agus bha i ag iarraidh fasgaidh. Chaidh i gu cnoc leis a’ chaigeann laogh agus bha i a’ bualadh a’ chipein ann. Dh’fhosgail an cnoc, Chuala i gliogadaich, mar gu’m bitheadh buthal a’ gleadhraich taobh poite. Ghabh i iongantas. Stad i bualadh a’ chipein. Chuir boirionnach a mach a ceann agus na robh os cionn a meadhon agus thuirt i rithe. “Dè an gnothach a tha agad e bhi cur dragh air an tolm so anns am beil mise a’ gabhail còmhnuidh?” “Tha mi a’ toirt an aire air a’ chaigeann laogh so, agus cha’n ’eil mi ach lag, cait an d’theid mi leo?” “Theid thu leo, a dh’ionnsuidh an uchd ud shios, chi thu bad feoir an sin.” Ma dh’itheas do chaigeann laogh am bad feoir sin, cha bhi thu latha gun mhart bainne fad ’s is beò thu o’n a ghabh thu mo chomhairle. Mar a thuirt i, cha robh i riamh gun mhart bainne an deidh so, agus bha i beò, còig diag agus ceithir fichead bliadhna an deidh na h-oidhche a bha sud.
SEANN SGEULACHD.
Bha bàilidh àraidh ann an Albainn o choinn mòran bhliadhnachan a bha ainmeil airson ain-tighearnais. Tha mòran diubh anns an dùthaich sin, direach mar sin, air an latha an diugh. Rinn e gach olc a b’ urrainn do dhuine a dheanamh gus’ mu dheireadh chuir an tuath rompa cur as da. B’àbhaist da dol do’n bhaile mhargadh air latha àraidh gach seachduinn agus thilleadh e gu riaghailteach aig an aon uair anns an fheasgar. Air latha de na laithean bha dà dhuine falaichte air cùl garaidh a’ feitheamh air a shon. Bha am biodagan geur, loma ’nan duirn, agus bha iad an duil nach bitheadh e fada gus am faigheadh iad dioghaltas airson na h-uile eucoir a rinn e orra. Chaidh an uine seachad ach ma chaidh, cha d’thàinig am bàilidh agus bha beul na h-oidhche faisg orra; sheall aon diubh ann aodann a charaid agus thuirt e, “A Dhòmhnaill! tha mi an dòchas nach do dh’ eirich cron sam bith do an duine-uasal.”
Chaidh deircire a dh’ionnsuidh taigh ministir àraidh anns a’ Ghalltachd, aon latha, an duil gu’m faigheadh e airgiod ach thug am ninistir da criomag arain ghoirt agus dh’ foighnich e ris an d’ rinn, e urnuigh idir air an latha sin. Thuirt am fear nach d’ rinn, a chionn nach robh e eòlach air urnuigh sam bith. “A dhuine bhochd!” ars am ministir “abair mar a their mise,’ agus thoisich e, “Ar n-athaira ta.” “Ar n-athair-ne” ghlaodh an deircire, “am beil d’ athair-sa m’athair fein cuideachd?” “Seadh,” ars am ministir, “Ma ta,” ars an duine, “is mise do bhrathair.” “Direach sin,” fhreagair am ministir. Thog am fear suas an criomag arain agus thuirt e, “Nach ’eil naire ort a bhi tairgsinn criomag arain ghoirt mar so, do d’bhrathair bhochd?”
Aon eun aig a choir ’s e gu doitheanach deirbh; dà eun deug aig an dreollan, ’s iad gu soitheamh, soirbh.
Bhris iad an cnaimhe ach cha d’ fhuair iad cothrom an smior a dheothal.
An do phàigh thu MAC-TALLA.
C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar duthcha tha ’nar beachd
CARADH
Uaireadairean
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG—Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-Tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.
Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C. B.
Indurated Fibreware
Tha an seòrsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fhiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire.
THE
E. B. EDDY Co
LIMITED
HULL, CANADA.
[Vol . 6. No. 12. p. 8]
An Nighean Dubh.
’Nighean dubh nan gruaidhean craobhach,
Bha mi uair ’s bu bheag a shaoilinn,
Gu’n caidilinn an oidhch’ as t-aogais;
Chaidh sud aoga ’s chaochail e cruth.
Tha thu suarach umam an diugh,
Ged bha uair ’bu toigh leat mo ghuth;
Tha thu suarach umam an diugh.
’N uair a bha sinn anns na gleanntaibh,
’Cuallach a’ chruidh-laoigh mu’n mhainnir
Shaoil mi fhein nach robh air thalamh
Fear a mhealladh bean a’ chinn duibh.
Tha thu suarach, etc.
A thé sin a tha aig na gamhna,
Bha mi uair ’s bu mhor mo gheall ort;
’S gil’ thu na sneachd air na beanntaibh,
Anns an àm ’s am biteadh ’g a chur.
Tha thu suarach, etc.
Tha mi lag, ged bha mi laidir,
Tha mi sgith gu siubhal fhasach;
’S gur e ’thug mo chridhe mhàn,
Ro mheud a’ ghraidh a bharaig mi dhuit.
Tha thu suarach, etc.
Tha do chneas cho geal ’s an fhaoileann
Do dha ghruaidh cho dearg ’s an caorann;
Suilean meallach, gorm ad aodann,
Mala chaol mar ite ’n loin-duibh.
Tha thu suarach, etc.
Tha thu boidheach, tha thu loinneil,
’S duilich leam gu’m bheil thu foilleil;
’S binn’ thu na guth ’choilich-choille,
Anns an doire ’n goireadh e moch.
Tha thu suarach, etc.
Is tric a bha saill air seann each,
Agus puinsean ann an glainne,
Amhuil sin a’s gaol mo leannain,
Mar chop geal air bharraibh nan sruth.
Tha mi suarach umad an diugh,
Ged bha uair ’bu toigh leam do ghuth;
Tha mi suarach umud an diugh.
Oran do Mhaighdinn Cois-a- bhile.
’S ro mhuladach, neo-àdhmhor,
Mo chàradh ’s an uair s’,
An déigh mo leannan fhàgail
’S a’ bhràighe so shuas;
Gur i mo chruinneag ghaolach,
Tha ’gruaidhean mar ma caoran,
Mar ùbhlan air bhàrr chraobh dheth
Nach fhaodar am buain.
Ge duilich dhomh ’s ge dìblidh
’Bhi ás do dhìth gach uair,
Cha ’n aithnich neach gu’m bi mi
Fodh mhi-ghean no ghruaim;
’S ge cruaidh thu ’bhi ’g a m’ fhàgail
Cha chuir do ghaol gu bàs mi,
’S cha ghiorraich e mo làithean
Gu bràth urad ’s uair.
Ma ’s e fear’ thig ri d’ chàirdean
A ’s dàch’ do thoirt uam,
Nach truagh cho fad’ ’s a bha mi
’G a d’ thàladh gun bhuaidh!
Ma ’s e ’s gu ’n d’ rinn thu m’ fhàgail,
’S gur e fear eile ’s àill leat,
Nach b’ fhearr dhut innse tràth dhomh,
Na fàs rium an gruaim.
Is bochd leam thu ’bhi ’n còmhnuidh
A’n dòchas cho truagh,
A’n dùil gu ’n d’ rinn mi d’ fhàgail,
’S gu ’n d’ fhàs mi riut fuar;
An gaol a thug mi trath dhut,
Am feasd cha dean mi àicheadh,
Cho fad’ ’s a bhios am bàs gun
Mo chàradh ’s an uaigh.
Ach ’s dona ’rinn thu ’ràidhtinn
Gu ’n d’ fhàs mi riut fuar,
No gu ’n do rinn mo chàirdean
Mo bhlàth ghaol ’thoirt uat;
Ged ’thiginn gu bhi ’g aicheadh
Mo chinnidh ’s dùthaich m’ àraich,
Cho cinnteach ris a’ bhàs, bidh
Mo ghradh dhutsa buan.
Na ’m biodh do chridh’ cho deònach
Ri d’ chòmhradh ’n a m’ chluais,
A dh’ aindeoin na tha beò,
Bhiodhmid pòsda ri luaths.
Bho ’s ann a d’ phearsa bhòidheich
A tha mo ghaol-sa’ còmhnuidh,
’S do nàdur seirceil còmhnard,
Mo leòn thu ’bhi uam!
Tha sgéul air feadh na dùthcha
Gu ’m bheil gach cùis gu réidh,
Ach ’s beag am fios na lùban
’Tha dùbfhillt’ ’n a d’ chré;
Cha d’ chuir i cas a’m bròig, us
Cha ’n fhacas ’g imeachd feòir i
Mu ’n deanainn móran bròin,
’S i gun deò dhomh de spéis.
Ma ’s e ’s gu d’ rinn thu m’ fhàgail,
’S gur fheàrr leat fear ùr,
Gu ’n robh gach sonas àrd ag
Cur blàth air do chrùn:
’S mo dhùrachd fear a ’s feàrr dhut,
’Bhios fearail, toirteil, bàigheil,
’S a chumas tu bho ànrath,
Le càirdeas us mùirn.
Cha ’n urrainn iad a ràdh ach
Gur geàrr ’bha do rùn;
Is iomadh fear a b’ fheàrr na
Mi ’dh’fhàilnich ’s a’ chùis;
Is iomadh fear a bhàrr orm
Nach d’fhuair a leannan làimh ris—
An ni nach ’eil a’n dàn,
Ciod an stàth ’bhi ’n a dhùil?
Cha bhi mi nis ag innse
Co i ’tha mi ’luaidh,
Ach cluinnear e ri tìm,
’S i ’s an tìr so mu ’n cuairt;
Am Fairtrichill Didònaich,
Cha ’n fhaicear bean a bòichead,
’S ’na ’n teannadh i ’n am chòir,
Rachadh fògradh fodh m’ ghruaim.
Ach c’ àit’ am bheil ri ’faotainn
Bean aogais mo luaidh?
Cho fosgarr’ ris an fhaoileig
Air aodann nan stuadh;
Gu coimhneil, cridheil, seòlta,
’S i ’shliochd nan daoine còire—
Nis criochnaichidh mi m’ òran,
A’n dòchas a buain.
AITE COBHAIR.
Labhair an t-Urr. T . C. Mellor, Rural Dean, Christ’s Church Rectory, Guysboro, N. S. ,mu K. D. C. o chìonn ghoirid anns na briathran a leanas: “Tha mi gle thoilichte bhi comasach air teisteannas a thoirt mu luach K. D. C. airson cion-cnamhaidh. Bha mi fulang le droch stamaig, ach leighis K. D. C. mi. ’Nuair a dh’ fhairicheas mi e tuilleadh rium, gabhaidh mi K. D. C. agus leighsidh e mi gun dail. Molaidh mi K. D. C. ge b’e àite ’n teid mi.”
An urrainnear dearbhadh a’s fhearr na so iarraidh. Tha sinn ag radh gur e K. D. C. an leigheas a’s fhearr a th’ ann air cion-cnamhaidh. ThaK . D. C. Pillsanabarrach math air tinneasan-cuim, agus ma ghabhar iad eòmhla ri K. D. C. leighsidh iad teanntachd.
NIALL Mac FHEARGHAIS,
Taillear.
SIDNI - - - - C. B
$1 .00 air 80c.
Tha tuilleadh ’sa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dh’ airgead. Thig mu ’m bi ’n t-am seachad agus
FAIGH BARGAN.
McDonald Hanrahan & Co.
Sidni, Iulaidh 16, ’97.
FLUR AGUS MIN
direach as na muillnean.
(Ann am barailtean, leth-bharailtean agus cairteil.)
TI, SIUCAR, TOMBACA, etc.
Am bathar a’s fhearr air na prisean a’s isle an coinneamh AIRGEID.
ALASDAIR MARTUINN.
Sidni, C. B., Sept. 1, 1897.
title | Issue 12 |
internal date | 1897.0 |
display date | 1897 |
publication date | 1897 |
level | |
reference template | Mac-Talla VI No. 12. %p |
parent text | Volume 6 |