[Vol . 6. No. 13. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 24SEPTEMBER, 1897. No. 13.
Tir nam Beann.
(Eadar-theangaichte le FIONN.)
O, ’s mi nach fhàgadh tir nam beann
’S na càirdean gaoil ’cha chòmhnuidh ann!
O, ’S mi nach fhàgadh gleann an fhraoich
Airson gach ni a tha ’s an t-saoghal.
Mo chridhe bochd bhiodh briste, brùit’,
Ri tìr nam beann na’n cuirinn cùl,—
Ged ’s àluinn, cliuiteach dùthchaibh céin,
Thoir tìr nam beann ’s nan gleann domh fein.
Tha m’ athair sìnte, fuar ’s a’ chill,
’S mo mhàthair ri thaobh, ’s gu bràth cha till
Le m’ chàirdean ’s tric a bha mi bròn,
Na dream a dh’ eug ’s a tha fo’n fhòid.
Ach nis am aonar tha mi caoidh
Na’n laith’n a dh’ aom ’s nach till a chaoidh,
Ged ’s àluinn, cliuiteach dùthchaibh céin,
Thoir tìr nam beann ’s nan glean dhomh féin.
Ga m’ mhealladh their iad rium gu dàn
Gu ’m faigh mi sòlas ’a fois gach là,
’S gur leam gach ni a’s feàrr fo’n ghréin,
Ma sheòlas mi gu dùthchaibh céin;
Bidh cridhe briste brùite ’m chom
Ma ’s fheudar dhomh dol thar nan tonn;
Ged ’s àluinn, cliùiteach dùthchaibh céin,
Thoir tìr nam beann ’s nan gleann domh fein.
Gach lus a chi mi thar an tuinn,
’S ann bheir e ’m fraoch ’san roid ’am chuimhn’,
’N uair chì mi ’n sud na h-uillt ’s na cluain
’S ann dh’ eireas tir mo ghaoil am smuain.
Cha ’n’ioghnadh mi ’bhi tùrsach, fann,
Ma bheir mi cùl ri tìr nam beann.
Ged ’s àluinn, cliùiteach dùthchaibh céin,
Thoir tir nam beann ’s nan gleann dhomh féin.
Fiosrachadh.
Eisd thus’ a nighean ’s gun innis mis’
’San òran seo gu fior dhuit,
Mar chuirear eòlas leat air gaol
Mu ’n toir an cluipear cìs uait:
’Nuair chi thu sùilean sùgach caoin
A’ plathadh riut gu fiamhach faoin,
’S a rithist a’ dearcadh ort gu mion,
Gu mealltach mear, gu miannach dian,
Cho cinnteach ri do bheatha ’s do shaoghal
Bi agad fios gum fac thu an gaol.
Na Spainntich.
Chuir an litir ma dheireadh a sgriobh “Cona” ’dh’ ionnsuidh a MHAC-TALLA mor dhuilichinn orm. Bha mi riamh am barail am measg a h-uile buaidh a bh’ air na Gaidheil nach robh aon a bheireadh barr orra am fiughantachd, an deisealachd air a thoillteanas fhein a thoirt do gach neach, ge b’e sluagh d’ am buineadh e. Ach ’s ann direach an so a rinn “Cona” dearmad air dualchas a shinnsridh, agus labhair e mu na Spainntich briathran a tha ’toirt moran ana-ceartais do ’n fhine ainmeil so. Thuirt e gu robh iad “riamh feineil, ardanach, uaibhreach, gun tuaiream, gun toinisg.” ’S i mo bharail gu bheil “Cona” coltach ri gu leoir eile a tha tamh an Impireachd Bhreatuinn—cha ’n eil moran fiosrachaidh aige mu ’n Spainn no mu ’sluagh, agus ’se a leisgeil a’s fhearr a’ ghabhas faighinn dha nach b’ aithne dha na b’ fhearr.
Leigidh sinn seachad an drasd na facail “ardanach agus uaibhreach.” Tha ardan is ardan, uabhar is uabhar ann. Cha ’n aithne dhomhsa fine riamh a choisinn cliu nach robh an da chuid ardanach agus uaibhreach, ach cha chuala mi gus an so gu ’m bu choir dha ’bhi ’na aobhar thamailte dhaibh.
Airson na facail “gun tuaiream, gun toinisg,” ’s gann gu ’m b’ urrainn dhaibh ’bhi na b’ fhaide bho ’n fhirinn. Tha foghlum na Spainn a’ toirt barr air foghlum a chuid a’s motha do dhùthchannan na Roinn-Eorpa. ’N uair a bha easbuigean an t-saoghail cruinn ’san Roimh ann an 1870, chuir ard-ionnsachadh nan easbuigean Spainnteach ioghnadh air càch gu leir. Tha an dealbhadairean ’s an luchd-innleachd eile cho math ’s a th’ air an t-saoghal. ’S ann aca ’bha aon uair malairt an t-saoghail air fad; ’s iad a fhuair am mach a chuid bu mhotha de na dùthchannan ùire ’s a chraobh-sgaoil ciall, riaghailt, agus creideamh am measg na treubhah fiadhaich a bha comhnuidh annta.
ThaSeaman ’na dha leabhar, “Progress of Nations”agus“The American System of Government, ”a’ sealltuinn gu soilleir an eadar-dhealachaidh uamhasaich a bha eadar na Spainntich agus na Breatunnaich ann an America. Tha e ag radh gun do dh’ fhiach na Breatunnaich agus na Gearmailtich ris na h-Innseanaich mar nach bu daoin’ idir iad; cha d’ thug iad oidheirp sam bith air an toirt fo laghannan ceart, no gus an staid a leasachadh. Air a laimh eile sheall na Spainntich orra mar dhaoine, mar chreutairean aig an robh anamannan ri ’sabhaladh, thug iad deagh laghannan dhaibh, leasaich iad an staid ann an iomadach doigh; agus air an latha ’n diugh eadar na Stàitean Spainteach agus Brazil tha corr agus 20,000,000 do dh’ Innseanaich cho rianach, riaghaltach, ’s a’s urrainn duine iarraidh le reusan. Anns na Stàitean Geancach agus Breatunnach cha ’n eil ach mu 500,000. Sgriosar as an corr dhiu agus cha ’n eil a sgrios reidh fhathast. ’S tha am beagan a chaidh fhagail moran na ’s deireisiche na tha iadsan a tha fo uachdranachd nan Spainnteach. A bharr air a so thaSeamanag radh gu bheil na h-Innseanaich ’s na dùthchannan Spainnteach geamnaidh, gniomhach, agus measarra; agus air a laimh eile anns a chuid a’s motha de na h-Innsean an Iar a tha fo Bhreatunn gu bheil gach obair a’ dol air ais.
Cha d’ thubhairt “Cona” ni bu chearra na litir na gu robh na Spainntich “feineil.” Tha fios aig an t-saoghal gu robh iad riamh ainmeil airson am fiughantachd. ’S ainneamh an dùthaich anns a’ bheil nithean saoghalta air an roinn cho math ’s cho ceart. Cha ’n eil moran de dhaoine tuilleadh is beartach ’s an dùthaich, ach cha ’n eil taighean bhochda idir innte. Cha ’n eil feum orra. ’S ainneamh an neach a tha ’am fior eiginn, agus ma bhios a h-aon ann, tha na nabuidhean deiseil gu fuasgladh air.
’S iomadh buaidh a th’ air an fhine chliuteach so nach urrainn dhomh feitheamh ri luaidh; ach bheirinn a chomhairl’ air “Cona” beagan eile de dh’ fhiosrachadh fhaotainn mu’n sgriobh e ’n corr mu dheidhinn nan Spainnteach.
MAC-IAIN.
Sept. 21mh, 1897.
A GHAILIG AGUS AN EABHRA— ’S aithne dhomhsa duine àraidh Gaidhealach ’tha pòsda ri bean uasal Ghallda. Bithidh an duine so air uairibh a seinn dha fhein rannan dheth chainnt mhàthreil. Thuirt a bhean ris aon là àraidh agus e ris a ghnothuch so. “B’ fhearr leam fein gu’n tugadh thu thairis a bhi ris a chainnt mhosaich sin.” Cha robh sud a còrdadh ri cridhe a Ghaidheil, agus ’s ann a thuirt e ris fein “Bheir mise ort a bhean Ghallda, gu ’n aidich thusa air doigh eile thaobh mo chainnt uasal-sa.” Agus mar sin, an deigh dha a freagairt, ag radh nach robh mosaich ’s am bith co-cheangailte ris a chainnt aige-san, dh’ fheòraich e dhi “An cuala thu riamh dad de ’n a chainnt Eabhrach, agus ciod e am bheachd a th’ agad oirre-sa?” “Thoir dhomh (ars ise) earrann dhi, agus innsidh mi dhut cia mar ’s caomh leam i?” Chunnacas a nis gu ’n robh i gu tuiteam anns an an rib a shuidhicheadh air a son; agus thug e dhi le guth cho glan, ’s cho suidhichte ’s a b’ urrainn da na briathran a leanas:
“Bha mi ’n dè ’m Beinn Dorainn,
’S na coir cha robh mi aineolach;
Chunnaic mi na gleanntan,
’S na beanntan a b’ aithne dhomh.”
“Sin agad a nis (ars ise) cainnt ris an airidh cainnt a radh!”
[Vol . 6. No. 13. p. 2]
SGEULACHDAN ARABIANACH.
VI. —EACHDRAIDH NAN TRI CHALADAIREAN AGUS NAN COIG MNATHAN-UAISLE.
CAIB. IX.
Bha i ’na boirionnach cho maiseach ’s nach b’urrainn mi gun tlachd a ghabhail dhith a’ cheud shealladh a chunnaic mi dhith; agus leis an doigh aoidheil, chaoimhneil anns an do ghabh i rium, ghabh mi orm fhein de dhanadas bruidhinn rithe mar so, “A bhaintighearna, mu ’m freagair mi cheisd a chuir thu orm, ceadaich dhomh a radh gu’m bheil mi anabarrach toilichte gu’n do thachair sinn ri ’cheile. Tha sinn a thachairt ri ’cheile a’ toirt faothachaidh dhomhsa o ’n bhron a tha mi ’fulang; agus ma dh’fhaoidte gu’n toir e cothrom dhomh air thu fhein a dheanamh ni’s sona na tha thu.”
Dh’innis mi dhi mar a fhuair mi am mach far an robh i; gu’m bu mhac righ mi, ged nach robh a’ bheag dhe ’choltas orm ri m’ fhaicinn; agus thuirt mi rithe gu’m b’e am fortan fhein a stiuir mi a dh’ ionnsuidh a’ phriosain anns an robh i; agus ged a bha ’n t-aite ’s an robh i ’na aite-comhnuidh maiseach, nach robh a’ chuis coltach gu’n robh i toilichte ann.
“Ochan! a phrionnsa,” ars ise ’s i deanamh osna, “tha thu ceart gu leor an uair a tha thu ’smaointean gu’m bheil mi sgith de ’n aite-chomhnuidh mhor, mhaiseach so; cha ’n ’eil tlachd sam bith aig daoine de ’n aite a’s maisiche ’s a’s fhearr air an t-saoghal an uair a tha iad air an cumail ann an aghaidh an toile. Feumaidh gu’n cuala tu iomradh air Epitimarus, righ eilean Ebene. Is mise nighean an righ sin. B’e toil m’ athar mo thoirt ri m’ phosadh do mhac a pheathar; ach, oidhche na bainnse, an uair a bha maithean na cuirte agus sluagh a’ bhaile gairdeachais, thug fathach air falbh mi. Chaill mi mo mhothachadh anns an am, agus an uair a thainig mo mothachadh ugam, bha mi anns an aite so. Fad uine mhoir bha mi anabarrach trom, tursach; ach mu dheireadh b’ eiginn domh feuchainn ri mi fhein a dheanamh riaraichte le m’ staid, agus gabhail ris an fhathach a h-uile uair a thigeadh e. Mar a dh’ innis mi dhut mar tha, tha mi coig bliadhna fichead anns an aite so, far am bheil, tha mi ’g aideachadh, gach ni agam a b’urrainn domh iarraidh a chum mo dheanamh comh-fhurtail araon ann am biadh ’s an aodach. Tha ’m fathach a’ tighinn an so uair ’s na deich latha, agus a’ cur seachad na h-oidhche comhladh rium. Mar leith-sgeul air son nach ’eil e tighinn ni ’s trice tha e ag radh gu’m bheil e posda ri te eile, agus gu’m biodh i ag iadach ris nam biodh fhios aice gu’m bheil e ’tighinn an so far am bheil mise. Ach ma ’s math leam e thighinn aig am sam bith de’n oidhche no de ’n latha, foghnaidh dhomh an glag-draoidheachd ud aig an dorus a bhualadh, agus bidh e an so ann an tiotadh. Is e’n diugh an ceathramh latha o ’n a bha e an so, agus cha ’n ’eil duil ris gu ceann sia latha eile. Ma thogras tusa, faodaidh tu fuireach coig latha a chumail cuideachd riumsa, agus feuchaidh mi ris gach caoimhneas is urram ’nam chomas a nochdadh dhut.”
O’n a bha mi ’g am mheas fhein gle fhortanach a’ leithid so de dheadh thairgse ’fhaighinn gun iarraidh, cha do dhiult mi i. Thug a’ bhana-phrionnsa orm a dhol do sheomar faragaidh mor’, maiseach, nach fhaca mi riamh ni b’fhearr; agus an uair a thainig mi am mach, an aite an aodaich a chuir mi dhiom, fhuair mi deise riomhach a dh’fhaodadh prionnsa sam bith a chur uime. Thug so toileachadh mor dhomh, cha b’ann a mhain a chionn gu’n robh an deise luachmhor, ach a chionn gu’n robh mi ann an eideadh freagarrach air son suidhe ann an cuideachd na bana-phrionnsa.
Shuidh sinn greis a chomhradh ri ’cheile. An deis dhuinn crioch a chur air a’ chomhradh a bh’ eadrainn, dh’ eirich ise, agus chuir i biadh dhe gach seorsa a b’fhearr na cheile air a’ bhord. Shuidh sinn aig a bhord agus an deigh dhuinn na thainig ruinn de ’n bhiadh a ghabhail, chuir sinn seachad na bha romhainn de’n latha le mor thoilinntinn.
Air an ath latha rinn i gach ni a ghabhadh deanamh a chum gach toileachadh a thoirt dhomh. Aig am na dinneireach thug i steach botul de sheann fhion cho math ’s a bhlais mi riamh. Gus mo thoileachadh, dh’ ol i beagan de comhladh rium. An uair a dh’fhas mi blath leis an fhion thuirt mi rithe, “A bhana-phrionnsa mhaiseach, tha thu tuilleadh is fada air do thiodhlacach beo anns an aite so. Cuir cul ris an aite so, agus falbh comhladh rium fhein far am faic thu solus an latha, a chum gu’m bi saorsa is toileachadh agad nach robh agad o chionn iomadh bliadhna.”
Le fiamh gaire air a gnuis thuirt i, “A phrionnsa, na bi bruidhinn air a leithid de ni. Ma dh’fhanas tu naoi latha dhe na deich comhladh rium an so, agus gu’n leig thu leis an fhathach a bhith comhladh rium gach deicheamh latha, is e gu mor is roghainniche leam na falbh a so.”
“A bhana-phrionnsa,” arsa mise, “is e an t-eagal a th’ ort roimh ’n fhathath a tha ’toirt ort a bhith bruidhinn mar sin. Air mo shon fhein dheth, cha tugainn sop air. Bristidh mi an glag-draoidheachd ’na bhloighean. Thigeadh e; tha mise deas air a shon ciod sam bith cho laidir, treun ’s a tha e ceannsaichidh mise e. Tha mi ’toirt m’ fhacail dhut gu’n cuir mi as do na h-uile fathach a th’ air an t-saoghal.”
O’n a bha fhios aice-se gu math mar a dh’ eireadh dhomh, ghuidh i orm gu durachdach gun mi bheantuinn do’n ghlag-draoidheachd; “oir ma bheanas tu dha,” ars’ ise, “cuirear mi fhin ’s tu fhein a dhith. Tha fios agamsa air cumhachd nam fathach ni ’s fhearr na th’ agadsa.”
Bha mi air fas cho blath leis an fhion aig an am ’s nach tug mi cluas do na briathran a labhair i. Dh’ eirich mi o’n bhord, bhuail mi breab air a’ ghlag-draoidheachd, agus bhrist mi e.
Cha bu luaithe a bhristeadh an glag-draoidheachd na dh’ fhairich sinn an luchairt a’ dol air chrith. Shaoil sinn gu’n robh i a’ dol a thuiteam m’ ar cinn. Chunnaic sinn dealanaich, agus chuala sinn fuaim eagalach, mar fhuaim thairneinich. Chuir am fuaim so a leithid a dh’ eagal orm ’s gu’n d’ fhas mi cho fuar ’s ged nach olainn deur fiona. Agus thuig mi gu’n d’ rinn mi gnothach gle ghorach.
“A bhana-phrionnsa,” arsa mise, “ciod is ciall dha so?”
Mhothaich mi gu’n robh i air chrith le eagal an uair a fhreagair i mi ’s a thuirt i, Mo leireadh! tha thu caillte mur grad theich thu.”
Ghabh mi a comhairle, ach leis an eagal ’s leis a’ chabhaig, dhichuimhnich mi an tuadh agus an sugan thoirt leam. Ghabh mi suas an staidhre cho luath ’s a b’urrainn mi, agus mu ’n gann a bha mi air a barr, dh’fhosgail an luchairt, agus thainig am fathach a steach.
Thuirt e ris a’ bhana-phrionnsa, agus e ann an corruich mhoir, “Gu de ’thachair dhut, agus c’ar son a ghairm thu orm?”
“Bhuail goirteas anns an stamaic mi, agus gus mi fhein a leigheas thug mi lamh air a’ bhotul fhiona so. Dh’ ol mi beagan dheth uair no dha, agus le tuiteamas bhuail mi an glag-draoidheachd, agus bhristeadh e; sin mar a bha,” ars’ ise.
An uair a chual’ am fathach so, thuirt e rithe, “A dhroch bhean, tha thu ag innseadh nam breug. Co aig a bha’n tuadh ud an sid?”
“Cha’n fhaca mise iad gus a so,” ars ise. Is docha gur ann ’na do luib fhein a thainig iad a steach. O’n a bha leithid de chabhaig ort a’ tighinn, ma dh’fhaoidte gu’n d’ thug thu leat iad gun fhios dut.”
Gun tuilleadh a radh rithe thoisich e ri gabhail oirre ’s ri toirt maslaidh dhi. Cha b’urrainn domh eisdeachd ris an droch dhiol a bha e ’deanamh oirre. Chuir mi dhiom an deise mhaiseach a thug i orm a chur uman, agus o’n a chuir mi m’ aodach fhein aig bar na staidhreach an latha roimhe sin gus a bhith deiseil ri m’ laimh an uair a bhithinn a’ falbh ghrad chuir mi umam e. Ghreas mi am mach, dhruid mi an dorus-falaich, agus chuir mi an uir air a mhuin mar a bha e roimhe.
Bha mi anabarrach diombach dhiom fhein air son mar a thug mi le mo ghoraiche fhein a leithid de chruaidh-fhortan air an aon bhoirionnach a b’aille snuaidh ’s bu tlachdmhoire anns gach doigh, a chunnaic mi riamh mu choinneamh mo dha shul.
“Tha e fior gu leor,” arsa mise rium fhein, “gu’n robh i druidte anns taigh-fo-thalamh so o chionn choig bliadhna fichead; ach ged nach robh a saorsa aice, cha robh eis ni sam bith oirre a bhiodh feumail dhi. Chuir mise le mo ghoraiche crioch air gach toileachadh a bh’ aice, agus bhrosnaich mi ’na h-aghaidh an creutair a’s neo-iochdmhoire a th’ air an t-saoghal.”
[Vol . 6. No. 13. p. 3]
Thill mi do’n bhaile leis an eallach chonnaidh. Bha aoibhneas mor air an taillear an uair a chunnaic e mi. Agus an deis dha failte chridheil a chur orm, thuirt e, “Bha mi fo mhor dhragh-inntinn o’n a dh’fhalbh thu, gu h-araidh o’n a dh’ innis thu dhomh co thu. Bha eagal orm gu’n d’ fhuaradh am mach e; ach buidheachas do Dhia gu’n d’ thainig thu.”
Thug mi taing dha air son a’ churaim a bh’ aige dhiom, agus air son a’ chaoimhneis a nochd e dhomh. Ach cha d’innis mi dha c’aite an robh mi fad ’s a bha mi air falbh no ciod a bha ’gam chumail. Cha mho a dh’ innis mi dha mar a chaill mi an tuadh.
Chaidh mi do m’ sheomar fhein, agus chain mi mi-fhein gu math ’s gu ro mhath air son mo ghoraiche. “Bha mi fhein ’s a’ bhana-phrionnsa air a bhith cho sona ’s a’ tha’n latha cho fada, mur b’e gu’n do bhrist mi an glag-draoidheachd,” arsa mise rium fhein.
(Ri leantuinn.)
Gnothaichean an t-Saoghail.
Tha na Staitean araon lionmhor, leathunn agus cumhachdach. Tha aobhar againn ann an Canada a bhi taingeil nach eil ar coimhearsnaich deigheil air cogadh agus stri nan lann air machair ’us faiche ’n air—ni iad ball-sgaireachd air uairibh, agus bithidh othail ’us upraid ann an rioghachd no dha, do bhrigh gu bheil ard-uachdaran nan Staitean a’ labhairt gu h-uaibhreach ard. Tha coir aig gach dùthaich air gach ni ’s cothrom a bhuineas gu dligheach di. Is ceart a tha i, ’nuair a tha i ’g amharc gu pongail, curamach an deigh gach fearainn ’us ionmhais, ’us loch, ’us aimhne, ’us eisg, ’us roin a tha na criochan. Fhuair na Staitean a chuid a b’ fhearr ann an iomadh cuis a bha eadar iad fein agus Breatunn mu dheibhinn Chanada. O’n thainig roinnean Chanada le cheile, tha sinn a toirt aire gu mor na’s fhearr do gach ni’s coir ’us crioch a bhuineas duinn fein, agus cha ’n ann gun oidheirp dhuineil, laidir a dheanamh airson ceartais fhaotainn a bheir sinn suas no seachad loch no camus, creag no comhnard, craobh no cruinneachd. Tha sinn aig an àm so fein air ar lionadh le ioghnadh do bhrigh gu bheil òr ’us airgiod ’g an nochdadh fein eadhon ann an ionadan iomallach ar dùthcha. Is beag a shaoil sinn riamh gu bheil pailteas oir anns a’ chearna de Chanada ’tha fada air falbh anns an iar-thuath, agus far am bheil sneachd ’us reothadh, ’us creagan, ’us sruthan gaireach, ’us fasaichean mora neo-thorrach. B’ àbhaist do dhaoine ’tha fior-eolach air òr ’s air gach maith ’us innleachd a tha dluth-cheangailte ris, a bhi ’g creidsinn gu sguireadh saoibhreas pailt an oir. Tha ’n òr bog. Caithidh e air falbh ann an uine ghearr. Tha de neamhnuidean ’us de cluigeinean, ’us de shoithichean beaga ’s mora air an deanamh de ’n òr; air chor agus gu bheil feum air moran oir air feadh an t-saoghail gach bliadhna. Co a’s urrainn beachd dhiong-mhalta ’ghabhail air pailteas anabarrach an oir a tha ann an Claondaic, ann an cnuic ’s an glinn Cholumbia, ’s ann an airde ’n iar Ontario. Bu mhaith le ’r coimhearsnaich nam bitheadh comas aca air doigh air bith greim a dheanamh air cuibhrionn de ’n dùthaich againn a tha dluth air Alasca. Gleidhidh sinn gu curamach, foirmeil, ’us le gaisge neo-sgathach, gach ionmhas air muir ’s air tir, gach òr ’us airgiod, gach iasg ’us ron, gach clach luachmhor, ’us achadh boidheach, torrach, a tha ann an luib Chanada. Ged tha air uairibh moran amaideachd ’us blaomaireachd air an nochdadh ’s air an labhairt le àireamh gobach anns na Stàitean, is ann bho na sinnsirean ceudna ’thainig iadsan agus sinne. Tha sinn a’ labhairt na canaine cheudna, ’s is gnath leinn a bhi faotuinn eolais ’us toileachadh ann an eachdraidh, ’us gniomharan ’us abhaistean nam fineachan calma, treubhach a bha lionmhor lamhach air taobh thall a’ chuain anns na linntean aosmhor a bha ’s a dh’ aom. Bhitheadh e narach ’us maslach nam bitheadh gu brath tuille cogadh no spairn nan sleagh ’us nan claidheamh no teine mhillteach nan cabhlach eadar na Stàitean agus Canada. Ach a chum gu bi meas mor againn air a cheile daonnan, thig e dhoibhsan a bha direach, onarach, cairdeil, ’us gun a bhi aon chuid carach no cuilbheartach tuille. Bheir sinne ar gealladh seachad nach iarr sinn ach ar cuid ’s ar coir fein. Ni sinn dichioll air a bhi uasal, firinneach, cairdeil, guamach, teoma ’n ar coimhearsnachd leis na Stàitean ’us le rioghachdan an t-saoghail gu leir.
O’n nach eil moran feoir no fochainn, arbhair no cruinneachd ann an Columbia no an Claondaic far am bheil sluagh lionmhor a’ trusadh agus a’ cladhach an oir, tha margadh gasda mar so air fhosgladh airson na spreidhe ’s nan caoraich reamhair a tha ’n am miltean ann an comhnardan feurach na h-Iar-Thuath. Tha margadh gasda mar an ceudna anns na h-aitean ud airson cuibhrionn mhor de ’n chruinneachd reachmhor a tha ’cinntinn gu cruaidh brioghmhor ann an airde ’n Iar Chanada. Feumaidh Canada dol air a h-aghaidh le ceum deifireach, cinnteach, ann am beartas a thrusadh: ann an sonas ’us maoin fhaotainn: agus ann an comas air gniomharan beusach, maith, ’us cliuiteach a dheanamh. Faodaidh gach neach aig am bheil slainte ’s neart ’us tapachd teachd-an-tir saoibhir, samhach a chosnadh ma nochdas e stuaim, ’us dichioll iomchuidh. Co aig am bheil fios air gach ionmhas luachmhor a tha am farsuingeachd uamhasach, uaigneach, Iar-Thuath Chanada. Tha iomadh mile de fhearainn torrach, ard air nach eil eolas fathast againn. Ma dh’ fhaoidte gu bheil òr, ’us airgiod, ’us gual r’ am faotuinn gu furasda ’us gu ro-phailte ann an ionadan far nach robh duine geal riamh. Aidichidh sinn gu toileach gu bheil ar luchd-riaghlaidh a’ gabhail dragh ’us curam glic: a chum gu faigh Canada agus a daoine fein, mar is cubhaidh doibh, coir ’us sealbh a bhuineas gu dligheach doibh, air gach òr ’us ionmhas, air gach coirce ’s cruinneachd, air gach damh ’us caora, air gach each ’us muilead, air gach gobhar ’us meann, bho chuan na h-Airde ’n Iar, gu cuan na h-Airde ’n Ear.
CONA.
Pic-nic S. W. Margaree.
Air an ochdamh agus an naoidheamh latha de Sheptember, bha pic-nic mhor, eireachdail aig muinntir paraisdeS . W. Margaree.Seachdain no dha romh ’n àm, rinn mi-fhéin suas m’ inntinn gu ’n rachainn d’a ionnsuidh; cha ’n fhaigh mi an tigh ’s am baile fhagail ach ainneamh, agus smaointich mi gu ’m bu bheag an toileachadh domh fhìn ’s do Mhàiri, latha no dha chur seachad maille ri ’r cairdean air a’ chruinneachadh so.
Chaidh sinn a chadal tràth an oidhche romh ’n àm, agus mar so chaidh againn air éirigh moch an lath-ar-na-mhàireach, tacan math ma ’n do bhlais an t-eun air an uisge. Bha mi fhéin a cuir air doigh mar a b’ urrainn mi; ach leis a’ chabhaig agus a chàil a bh’ agam faighinn air falbh, cha ’n amaisinn air car ceart a dheanamh, bha mi a smaointinn gu ’r ann bha cùisean a dol am aghaidh—an fheusag fhéin theab nach nach gabhadh i toirt a nuas, agus an t-each donn a b’ àbhaist seasamh cho socrach ’nuair a dh’ eibhinn “Tom,” co ach esan, shaoileadh sibh gu ’r seann “Mhontreal” a bh’ ann. Chuimhnich mi mar a dh’ eirich do ’n Eirionnach ’nuair shaoil leis a bhith air muin na muice ’s ann a bha e lamh rith’ anns a lub. A dh’ aindeoin gach cùise fhuair mi deiseil ’an am gle mhath, ach ged’ a fhuair cha robh Màiri leathach, —theab nach sguiridh i ’ga dreasadh fhein, bho rùm gu rùm, bho sgàthan gu sgàthan, cha robh math guth a ràdh; ach gu dearbh bha i coimhead taghte math ’nuair bha i ullamh, agus bha mi toilichte airson na foighidinn a rinn mi— ’s ioma trudar nach deanadh i.
Dh’ fhalbh sinn; bha i fhathast tràth, cha robh a’ ghrian ach ag éirigh. Bha maduinn ann cho taitneach ’s a b’ urrainn a bhith—obair naduir cho muirneach agus maiseach air gach taobh; bha mi bait’ ’an ioghnadh ’s an aoibhneas; thoisich mi air smaointeachadh ’s air meorachadh ’s air cuir bhriathran an eagamh a cheile ’an cuma bardachd, rud nach d’ rinn mi riamh roimhe.
“Ged tha mo cheann air liathadh
’S mo chiabhagan air tanachadh.”
’Nuair a dh’ fhoighneach Màiri an ann a’ fas faoin a bha mi, so a fhreagairt a fhuair i:—
Anns an tràth-mhaduinn ghluais mi,
Ghabh mi suas tromh Mharg’ree;
Bha m’ inntinn lan sòlais
’G amharc bòidhchead gach ni;
’Ghrian ag éirigh gu boisgeant’,
’Sgaoileadh caoimhneas ’san tìr,—
(Air a leantuinn air taobh 102.)
[Vol . 6. No. 13. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh d’ an duileig, agus, nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ’Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton
SIDNI, 24 SEPTEMBER, 1897.
Deas Fhreagairtean.
Tha e air aithris gu ’n robh dithis bhraithrean, agus an dara fear da ’m b’ ainm Iain no Eoin fo’n ruaig air son ni eigin a rinn e as an rathad. Cha robh neach a làthair a dh’ aithnicheadh e ach a bhràthair fhein; agus bha ’m bràthair sin air a mhionnachadh gu ’n innseadh e air, no gu ’n comharraicheadh e mach a bhràthair do ’n luchd-tòrachd na’n tigeadh e ’s an rathad. Air dha ’bhràthair fhaicinn a tarruinn air falbh ann an eathar, sheinn e an rann a leanas; oir bha e air son a mhionnan a choimhlionadh gun a bhràthair a bhrath. Agus air dhoibhsan smuaineachadh gu ’n robh e faicinn fhaoileagan no eòin eile dhe ’n t-seòrsa, cha do chuir iad umhail sam bith:
“Chi mi e ’s cha cheil mi e,
’S air mhìle bonn cha bhrath mi e,
Chi mi Eoin a snàmh air sruth,
Sud agaibh e, is beiribh air.”
Bha duine a bha ro theoma air guidheachan a falbh an rathaid ann an carbad. Chuir clach a bha ’san rathad, maille air a charbad aige. Ghlaodh e ri seann duine a bha goirid uaithe, e thogail na cloiche ’s a tilgeil a dh’ ifrinn. “Cha tilg,” ars an seann duine gu socair, ’s e ga togail ’s ga tilgeil a leiththaobh, “air neo na’n tilgeadh, dh’ fhaodadh i bhith rithist na do rathad.”
A DEANAMH A TRI AS NA DHA, —Tha e air aithris air duine araidh aig nach robh sgoil ’s am bith e fhein, gu’n do chuir e ’mhac do ’n chollaisd gu àrd fhoghlum a thoirt da; agus air do’n ghille tighinn dhachaidh aig am àraidh, dh’ fhoidhnich ’athair dheth agus iad a suidhe gu ’m biadh, cia mar a bha e faighinn air adhart ’sa chollaisd no ’m b’ urrainn e dearbhadh ’s am bith a thoirt seachad air ard sgoilearachd, a thuigeadh daoine gun fhoghlum coltach ris fhein agus ri ’mhathair, (agus amhrus aig an t-seann duine nach robh ’n gille a toirt uiread aire do ’n sgoil ’s bu chòir dha). Ars an gille ’s e sealltuinn mu’n cuairt da, ’s a faicinn da thunnaig ròst air a bhòrd: “Nan dearbhainn dhuibh gu ’m bheil tri eòin an sin an aite na dha a tha sibhs’ a faicinn, nach biodh sibh riaraichte?” “Bhitheadh gu’n teagamh” ars athair. Chuir an gille an sin aon do na h-eòin an dara taobh; “Sin agaibh aon,” ars’ esan. “Ceart,” ars’ athair. Chuir e ’n sin na dha maile ri cheile rithisd: “Tha dha an sin,” ars esan, “agus nach e aon agus a dha trì?” “ ’S e gun teagamh ars’ athair, ’s math a fhuaras thu.” Goirid an deigh sin thoisich a mhàthair air na h-eòin a roinn. Chaisg athair i ag radh: “Cha leig thusa leas’ a bhean chòir, na h-eòin a roinn agus gun againn ach triùir; rinn sgoileireachd do mhic na h-uiread sin a dh’ fheum dhuit mar tha; bheir mise leam am fear so (agus e toirt leis an dara fear), agus biodh am fear beag sin agad fhein, agus fagamaid an trìtheamh fear aige-san slàn airson a sgoilaireachd. Cha d’ fheuch an gille ’n dòigh cunntaidh so a riamh na dheigh timchioll air a bhòrd.
DH’ FHALBH E. —Bha Iain ’na sheann duine a bha gle gheur, ach cha robh e idir còir. Bha e ’fuireach leis fhéin, agus aon latha air dha biadh math a dheanamh, shuidh e sios g’a ghabhail, ach direach ’nuair a rinn e sin, thainig nabuidh dha a stigh ’s fhad ’sa bha Iain ag ithe bha e geur-amharc air. Cha robh toil aig Iain iarraidh air a nàbuidh falbh, ’s cha mho a bha toil aige greim a thoirt dha. “A Dhomhnuill,” ars esan, “am bheil fhios agadsa carson nach eil mise cumail coin?” “Ma ta, gu dearbh, cha ’n eil,” arsa Domhnull. “Ma ta, innsidh mise dhuit car son; cha ’n urrainn dhomh greim bidh a ghabhail gun e bhi ’gam amharc an clàr an aodainn, agus sin rud a’s lugha orm a chunnaic mi riamh.” Thuig Domhnull gu de bha dhith air Iain, agus dh’ fhalbh e.
Tha e coltach gu bheil cùisean gu bhi air an réiteach eadar an Tuirc ’sa Ghréig mu dheireadh thall. Tha na rioghachdan mora ri dhol an urras air a’ Ghréig gu’m pàigh i a cuid fhiachan, tha suim airgeid ri bhi air a phàigheadh d’ an Tuirc, agus tha aig na Turcaich ri Thessalay fhàgail air ball. ’S ann mar so a bha Morair Salisbuay ag iarraidh a chùis a réiteach o chionn faada, ach gus o chionn gle ghoirid, cha toireadh càch éisdeachd dha.
Tha an sluagh anabarrach bochd ann an Eirinn air an fhoghar so; tha an t-uisge an deigh gach bàrr a mhilleadh, agus tha gaoid anns a’ bhuntata a tha ’n deigh a chur bho fheum gu buileach. Mur faigh iad cuideachadh, cha’n eil dòigh aig mòran de ’n t-sluagh air iad fhéin a chumail beò. Cha robh an dùthaich ann an suicheachadh cho bochd o chionn leth-cheud bliadhna.
Thatar ag radh an dràsda gu bheilSir Oliver Mowatgu bhi na riaghladair air Ontario, agus gu bheil an t-Onarach Daibhidh Mills gu bhi na Mhinisteir Ceartais ’na àite-san.
Anns an àireamh mu dheireadh agus anns an àireamh so, gheibhear an da chaibideil sin de na “Sgeulachdan Arabianach” a bha air chall oirnn.
MacCoinnich & Co.
Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh
ANN AN LOUISBURG,
agus tha sinn aig an àm cheudna a’ cumail air adhart air an t-seann laraich,
ANN AN SIDNI.
Aodaichean Matha dhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.
Theid sinn an urras air an obair.
Mac Coinnich & Co.
F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn.
Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J Morley.
Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air.
Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.
Sidni, C. B. Feb .1, ’96.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. A seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.
THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin.
Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.
Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.
Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. MacFhionghain, Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitche’s Creek.Tha mu dheichair fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.
[Vol . 6. No. 13. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
ThaSir Wilfrid Lauriergu bhi ann a Halfacs air an t-seachdain s’a tighinn. Ruigidh e am baile Dior-daoin, agus bidh e ann gu feasgar Di-haoine.
Tha an t-side car fliuch o chionn treis a dh’ ùine air ais, agus tha e gu math doirbh do na tuathanaich an cuid buana a dheanamh. Tha sinn an dòchas gu ’n tig side na ’s fhearr, agus gu faighear an t-arbhar a ghearradh ’sa chur fo dhion an ùine ghoirid.
Bha stoirm mhor ann feasgar agus oidhche Di-màirt, agus fhuair am bàt-aisig an t-slighe eadar so us Sidni Tuath doirbh gu leòr. An deigh na dinnearach cha deach i gu laimhrig Victoria ach aon uair; bha an t-uisge tuilleadh us garbh aig beul na h-acarsaid. Thainig amMariona stigh am feargar sin, agus bha àireamh mhor dhiubhsan a bha ’gabhail an turuis oirre gle thinn.
Tha an t-Ard-Riaghladair agus a bhean a tigh’nn do Cheap Breatunn gun teagamh sam bith. Tha iad gu tighinn air a’ cheud seachdain de ’n mhios s’a tighinn, agus tha dùil ri iad a thaghal ann an ceanna-bhailtean nan ceithir siorrachdan, agus ann an àireamh de na bailtean eile. Tha sinn an dòchas gum bi turus math aca, agus gu ’n còrd Ceap Breatunn riutha mar a tha e còrdadh ris a mhor-chuid dhiubhsan a tha tigh’nn ann, agus nach bi ’n ùine fada gus an tig iad air sgriob eil’ ann.
Bha réis bhàtaichean-seòlaidh aca ann anOrangedaleair an ochdamh latha dhe’n mhios so. Fhuair Domhnull MacPhionghain a cheud duais, agus Niall Mac Neill an darra duais. Bha réis aca’ m bliadhna roimhe—air latha na h-Iubili—agus bidh réis eile aca ann an Nobhember. Bha comunn air a chur air chois toiseach an t-samhraidh air son na réisean so a chur air adhart, agus cha ’n eil teagamh nach dean iad an obair air dhoigh ’s gu ’m bi na réisean a chum math luchd nam bàtaichean agus ’nan toileachadh dhaibhsan a bhios ag amharc orra.
Tha muinntir Shidni a’ cur rompa fàilte chridheil a chur air Iarla Abaraidhean ’s air a Bhain-tighearna ’nuair a thig iad. Tha ceud us coig dolair fhichead air a chur air leth leis a’ bhaile air son ullachadh a dheanamh air an son, agus tha na saor-dhionadairean ri bhi air an toirt a mach gu dhol ’nan cainneamh a reir gnàth an airm, ’s gu bhi ’nan geard aca. Bu chòir do gach neach ’sa bhaile ’s anns an t-siorrachd na b ’ urrainn daibh a dheanamh air son beatha ’n Ard-Riaghladair ’s na Bain-tighearna a dheanamh gu math air an ceud chuairt do cheanna-bhaile Cheap Breatunn.
Chaidh da shoitheach-smùide a chall air cladachNewfoundland ,eadarCape RaceusSt . John’s, oidhche Di-haoine s’a chaidh. Bha te dhiubh, an“Rhodora, ”air a turus eadar Sasuinn us Philadelphia; chaidh i air chall anns a’ cheò, agus mu’n robh fhios aca-san a bh’ air bòrd c’ àite ’n robh iad bhuail i air na creagan aigHorn Head,agus chaidh a spealgadh as a chéile. Fhuair an sgioba uile, coig duine fichead, air falbh anns na bàtaichean, agus mu thri mionaidean an deigh dhaibh a fàgail spraidh na goileadairean, agus chaidh an soitheach ’na teine, agus ’s e gle bheag dhi a dh’ fhàgadh air uachdar an uisge. Bha an sgioba anns na bàtaichean fad na h-oidhche agus pàirt dhe ’n ath latha, gun bhiadh, gun deoch, agus cuid dhiubh air gle bheagan aodaich. Thainig soitheach-smùide eile ’nan rathad a thug leatha iad. Mu ’n àm cheudna bha soitheach eile, an“Eugenie, ”a bha tigh’nn guLouisburgáShields ,air a bristeadh air na creagan mu dheich mile fichead a tuath airHorn Head.Fhuair an sgioba iad fhéin a shàbhaladh, agus dhirich iad gu mullach creige far an robh iad gus an d’ fhuair iad cuideachadh bho thir.
Bha an t-iasgach gle mhath ann an Labrador, air a’ bhliadhna so, ach bha e gle dhona ann anNewfoundland ;bha an t-iasg gann, agus cha robh pris a b’ fhiachd air idir.
Tha soitheach cogaidh, ùr d’an ainm anRenown ,air tigh’nn gu Halifacs, an soitheach-cogaidh a’s briagha thainig riamh thar a’ chuain. Tha i gu bhi aig an admiral, an àite a’ Chrescent, a tha air a dhol air ais do Bhreatuinn.
Thainig boirionnach òg a mhuinntirNew YorkguMontreala sheachdain gus an Di-sathairne s’a chaidh, agus ghabh i seòmar ann an tigh-òsda. Cha do bhruidhinn i ri duine, ach air dhi a dhol d’a seòmar, ghabh i puinnsean, agus an ceann beagan ùine fhuaireadh marbh i. Cha ’n eil fhios ciod a b’ ainm dhi.
Tha aon de phaipearan Thruro a’ toirt iomradh air fear Micheil Bennett a dh’ fhalbh á Seana Bhridgeport gu dhol gu ruige Clondaic. Chaidh e cho fada ri Boston, agus an deigh dha seachdain no dha a chur seachad am measg a luchd-eolais ann an sin, thill e dhachaidh, agus tha e ’g obair anns a’ mhèinn-ghuail mar a bha e roimhe.
ThainigLieutenant Pearyagus a chuideachd air ais as an àirde Tuath Di-luain s’a chaidh, an deigh dhaibh a bhi air falbh mios agus fichead latha. Bha an t-side gle dhoirbh aca air an tilleadh agus bha beagan millidh air a dheanamh air an t-soitheach, ach bha gach neach sàbhailte gu leòr. Bha iad a’ losgadh an tunna mu dheireadh dhe ’n cuid guail ’nuair a rainig iad Sidni Tuath, agus ’nam biodh an turus beagan na b’ fhaide, bhiodh e mach buileach. Shoirbhich leotha air an turus gu math. Fhuair iad an dreag(meteor)mhor a bha aigCape Yorka thoirt dhachaidh leotha. Tomhaisidh i faisg air ceithir fichead tunna, agus thatar ag radh gu ’n do thairgeadh coig mile fichead dolair doPhearyair a son le muinntir tigh-ioghnaidh ann anNew York.Bha àireamh de dh’ Escimos aca air bord, a tha dol a bhi anns na Staitean fad a’ gheamhraidh; tillidh iad d’ an dùthaich fhéin air an ath shamhradh còmhla ri Peary, a tha cur roimhe sgriob eile thoirt d’ an àirde Tuath.
Luchd-leanmhuinn Bhudda.
Tha luchd-leanmhuinn Bhudda ’n an daoine tuigseach. Dh’ fhaodadh iadsan le firinn labhairt rinn mar so. Tha sibh a’ cur a’ chreidimh Chriosduidh d’ ar ’n ionnsuidh-ne, agus mu’n urrainn duinn creidsinn ann feumaidh sinn dealachadh ri iomadh ni a tha measail agus lauchmhor ’n ar sùilean. Ach gu dé tha sibh féin a’ deanadh? Tha sibh ag iarraidh oirnne dealachadh ri fasain agus cleachduinnean a bh’ aig ar n-athraichean romhainn fad iomadh linn, ach cha dealaich sibh féin ri cleachduinn sam bith a chuireadh air bonn le ’r n-athraichean. Gu de na tha sibh a’ toirt seachd d’ ar cuid a chum anama a shaoradh? Sgillinn no punnd Sasunnach! agus tha ochd fichead agus deich d’ ur n-eaglaisean nach ’eil a’ toirt seachad dad idir! Tha sibh ag ràdh gur cealgairean sinne. Ach tha sinn a’ toirt breth oirbh féin a réir ur deanadais agus tha sinn ag iarradh oirbh gu nochd sibh cumhachd a’ chreidimh Chriosduidh annaibh féin mu ’n tig sibh far am bheil sinne.
POSADH.
Ann an Sidni, air Di-màirt, an 21mh latha dhe’n mhios, leis an Urr. I. F. Forbes, Niall Mac Fhearghais, taillear, us Anna Nic Gillfhinnein, nighean do Dhonnachadh Mac Gillfhinnein nach maireann.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
’Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .30
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .35
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte.
Sgriobh gu
J . G. MACKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, C. B.
J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsa ’s fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B.
BADDECK, - - C. B.
Airson a stor a dheanamh na ’s deiseile ’s na ’s feumaile dhaibhsan a tha ’deanamh gnothuch ris, tha
Albert I. Hart
a’ nise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha a’ chuid sin de ’n ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am Boston ’sanNew York.Gheibh iadsan a thig g’a h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDECK , - - C. B.
IUBILI!
THIG AGUS FAIC!
Ceannachd ur us Prisean ura.
A h-uile ni cho saor ’s nach fhaod mi innse.
Niall Domhnullach.
Ceann an Iar a Bhaile.
BADDECK , - - C. B.
A Ghàilig ’sa Bheurla air an aon phris.
[Vol . 6. No. 13. p. 6]
(Air a leantuiun o thaobh 99.)
Bha cuid ghathanan blàtha
Ruigheachd àraidh gach glinn.
Sud a mhaduinn bu chiuinn leam
’S an driuchd feadh an fheòir,
’Na ghriogagan mìne
Glan, riomhach gu leòir;
Bha gach flùran a b’ àillidh
A’ cur fàilt mar bu choir,
Air a’ mhaduinn ghil, àluinn
’Bha toirt cail dhaibh ’us treoir.
Bha na h-eoineanan beusach
’Cur an céill an cuid rann,
Iad gu h-ioraltach, spòrsail,
Air feadh ògan ’us chrann;
Dh’ éirich m’ inntinn le sòlas,
Dh’ fhalbh gach bròn ’uam ’san àm;
Chaidh gach trioblaid air diochuimhn’,
’Sa h-uile deuchainn a bh’ ann.
Bha sinn a nise teannadh air ait’ a’ phic-nic, agus b’ fheudar sgur. “ ’S fhada bho ’n chuala tu Mhàiri,” arsa mi-fhéin, “na ’m bitheadh an t-earball na bu ruighne, bhiodh an sgeulachd na b’ fhaide.” “Cha deachd! Cha deachd!” thuirt Màiri, “agus tha mi ’n duil, ‘gu ’r ceannachd air an ubh a’ ghogail. ’” Bha so searbh ri eisdeachd, ach b’ fheudar cur suas leis.
Cheannaich miticketsbho fhear de na gillean beulach a bh’ ann am bothan beag ri taobh an rathaid, ach spion fear laidir, ruadh bhuam iad aig a’ gheata. Theann mi ri greadadh thoirt air airson mar a rinn e; ach leis cho éibhinn ’s a labhair am fear leathainn, glas a bha na sheasamh comhla ris, smaointich mi gu ’m bu cho math dhomh cumail air adhart gun ghuth a ghràthainn.
Rainig sinn a’ làrach. ’S e àite cho freagarrach airson pic-nic ’s a chunnaic mi riamh; cnoc ard, fradharcach air baile Mhr. Collins, beagan cheudan slat o’n abhainn. Ma ’r coinneamh agus lamh ruinn bha ’n eaglais agus tigh an t-sagairt, agus dlùth dhaibh chiteadh bailtean nan Camshronach, Cloinn-Phàrlain, ’s nan Domhnullaich le ’n cuid intervallan bòidheacha, gorma, ’s le ’n talmhanan arda, socrach, réidh. Air ar culthaobh, agus ann an astar, chiteadh na cnocan arda sin a tha deanamh na crìch eadar an cobh ’s an abhainn. Sios oirnn, thogadh an t-sùil cùrsa na h-aibhne gu dlùth do naForks ;air a laimh so tha dachaidhean nan Coadys, na Siosalaich, nan Caimbeulaich, is feadhainn eile. Suas oirnn, chiteadh aiteachas na h-aibhne gu faisg air crioch a pharaisde; air a laimh so shuidhich moran de Chloinn Illeolain, Cloinn Illeas, Dughallaich agus caochladh fhineachan eile.
Fhad ’s a bha mi ’gabhail beachd air suidheachadh an aite, bha ’n sluagh a tigh’nn bho gach rathad ’nan ceudan. Bha gach ullachadh air a dheanamh air an son. Chruinnich iad as gach sgire eadar an Gut agus Cheticamp, ach bha a mhor chuid dhiubh áMabou , BroadCobh, Loch Ainslie agus as naMargarees .Bha iad ann dheth gach aidmheil, a h-uile h-aon toileach airgiod a chosg agus cuideachadh ’thoirt seachad.
Bha sia buird-bhidhe ann air an cuir ’an deagh ordugh. Shuidh buidheann againn mu aon-uair-deug, agus da rireadh ’s e duine gle ailleasach, iongantach, nach cordadh a chuis ris. Bha beagan ann, an deigh mheadhon-latha, a bha talach ’s a gearain nach faigheadh iad a stigh; ach ciamar a b’ urrainn do chor ’s da cheud deug suidhe aig an dinneir cearta cruinne comhladh? Cha robh doigh air; agus leis a sin, ’s fheudar lethsgeul a ghabhail air son an luchd frith ealaidh, bha iad a’ deanamh an dichioll.
Tha siorramachd Inbhirnis ainmeil airson a luchd ciuil, agus mar sin cha robh gainne phiobairean no fhiodhlairean oirnn. Bha ’n ceol ro-mhath. Bha coigplatformsdhannsa ’s a phairc, agus chaidh an cumail ’n an siubhal. Bha ’n dannsa Gaidhealach is Gallda, min is garbh, math is dona. Fhuair an t-oigridh an leoir de cheol ’s do dhannsa co-dhiu, agus shaoilinn nach iarradh iad gufrolicgu ceann beagan sheachduinean.
Bha dreallag mhor air a suidheachadh ’am meadhon na pairce anns am faodadh da chàraid suidhe ma choinneamh a cheile gu toilichte; bha“bowls”ann an aite eile far am faigheadh fear no té a bhiodh seolta gus an ruidhleadh, cothrom aircigara chosnadh; faisg air laimh bha bataichean air an robhas a’ tilgeil fhàineachan leis am faodadh neach ealanta milseanan a bhuannachd; bha “cuibhl’ an fhortain” no a mhi-fhortain ann; ’an taobh na pairce, bha inneal air a shuidheachadh a dh’ innseadh do ’n fheadhainn aig an robh barail laidir orra fhein co miad punnd a thogadh iad; ach am measg gach fearras-chuideachd a bh’ ann, ’s i “Chailleach-dhubh,” air an robhas a’ tilgeil nan saighdean, dha ’n d’ thug mi ’n t-urram. ’N ’am buaileadh tu ’san t-sroin i, ghluaiseadh clag beag air cùl a cinn, agus bha so na chomharradh gu ’m b’ airidh thu air duais; ach cha mhor dhuaisean a fhuair mise, ged ’s iomadh saighead a thllg mi!
Bha sluagh eireachdail cruinn; bha iad modhail, siobhalta, toilichte mar bu choir. Dh’ amaiseadh daoine ort ’n am measg cho Gaidhealach ri fad mòine, agus feadhainn eile cho Gallda ribicycle .Bha gillean deas, direach, aigeannach ann a bhitheadh ’n an onair do reiseamaid Ghaidhealaich ’s am bith; bha nigheanan òga ann cho cumhachdail, cho malda, ’s cho briagha ’sa dh’ imich fraoch no choisich sraid agus, —ach fhir-dheasachaidh, cha ’n abair mi ’n corr mu ’n deibhinn; eadar mis’ a’s sibhse, cha toil le Màiri mi bhi ’gràthuinn na h-urad mu na caileagan,— ’s e “sgleogaireachd” an t-ainm a th’ aic air a leithid de sheanachas.
Chaidh ampic - nicseachad; tha sluagh a bha cruinn an sud gle sgapte an diugh; cha bhi iad comhla gu bràth tuilleadh an taobh so de ’n uaigh; cha lugha na sgal na trompaide a’ tighinn as na speuraibh a chuireas cruinn iad a rithisd; ach anns na bliadhnachan gu tighinn, ’s ann le toil-inntinn ’us gradh a sheallas sinn air ais air an da latha sin, a bha sinn cho aighearach, sunndach a measg ar càirdean is luchd-daimh airpic - nican t-So ’ -West.
MURACHAN.
Sept .13mh, 1897,
Seann Eachdraidh Leodhais.
Mu Eilean Rònaidh sgriobh Mr Martin mar so: —Tha Eilean Rònaidh tri fichead mile an Ear-thuath air rinn Neis an Leodhas. Fhuair mi cunntas mu’n eilean bheag so agus na cleachdaidhean a tha aca ann bho Mr. Dòmhnull Morrison, ministear, Bharbhais, an deigh dha tilleadh á Eilean Rònaidh a bhuinneadh dha ’san am sin mar chuid do dh’ fhearan na h-eaglais. An uair a chaidh mi air tir, ars am ministear, ghabh muinntir an eilean rium gle choimhneil agus labhair iad rium mar is gnàth leo a bhi a fàilteachadh choigreach. Gum beanaicheadh Dia thu fhir-thuruis. Is e do bheatha an so, &c . Dh’ fheumadh fear do mhuinntir an eileain cuir an ceil am meas mor a bha aca orm le car a chur timchioll orm deiseil, agus aig an dearbh am dha mo bheannachadh, agus a guidhe gach sonas dhomh. Chaidh iad comhla rium gus an tigh a chuir iad air leth dhomh airson fuireadh ann. Ann sin bha ciomball connlaich air an làr airson àite-suidhe. Mharbh gach teaghlach caora; mharbh iad cuig gu leir, b’e sin àireamh nan teaghlaichean. Bha craicionn nan caorach slàn agus feannadh balgain air a dheanamh orra. Air do na craicinn a bhi mar so air am feannadh bha iad air an lionadh gun dàil le min eòrna agus thug iad sin dhomh mar thiodhlac. Tha cill(chapel)an so air ainmeachadh air Naomh Ronan, agus tha balla cloiche timchioll orra, agus tha iad a gabhail cùram mor a bhi ga cumail grinn, agus glan, agus ga sguabadh gach là. Tha altair an sin air a bheil bòrd fiodha mu’n cuairt air deich troidhean air fad. Tha toll anns gach troidh dheth, agus anns gach toll tha clach agus tha buaidh air leth anns gach clach a reir beachd muinntir an eilein. Gach maduinn Sàbaid tha iad ag aithris anns a chill Urnuigh an Tighearna, a’ Chreud, agus na Deich Aitheantan. Cha’n ’eil fios aca air ni sam bith mu thimchioll airgid no oir, oir cha’n ’eil feum aca orra. Cha’n ’eil iad a ceannach na reic, ach ag iomlaideachadh na nithean a dh’ fheumas iad. Tha iad a tarruing an sloinneadh fo dhath nan speur, a bhogha-frois, agus nan neul. Cha’n eil ’san eilean ach cuig teaghlaichean, agus tha aig gach tuathanach tigh còmhnuidh, sabhal, tigh anns am bheil iad a’ gleidheadh na nithean is feàrr a tha aca, agus tha fosglan(porch)aig gach taobh dheth an dorus gu cumail air falbh an uisge, ’s an t-sneachd. Tha na taighean air an togail do chloich, agus air an tughadh le cònnlaich, a tha air a chumail sios le sioman connlaich a tha air a chumail ceart le clachan. Tha iad air an éideadh mar mhuinntir Leodhais, agus cha labhair iad ach Gaidhlig.
[Vol . 6. No. 13. p. 7]
Fo chionn ceithir bliadhna deug thainig sgaoth radan, gun fhios ciamar, air tir an Rònaidh agus dh’ ith iad suas na bha do dh’ arbhar anns an eilean. Beagan mhiosan an deigh sin thainig seòladairean air tir a thug bh’ uatha an tarbh. Thug am mi-fhortan sin agus cion cobhair á Leòdhas mu’n cuairt gu’n do bhàsaich an seann treubh dhaoine sin. Fhuaradh aon bhoirionnach agus leanabh ri taobh. Chuireadh beagan sluaigh a ris airson an t-àite a lionadh ach chaidh am bàthadh air an t-slighe. B’e sin an oidhirp mu dheireadh a thugadh air sluagh a chur do’n àite. An uair a thaghailMr MorrisonRònaidh thainig duine og far an robh e le tastan a fhuair e bho sheòladair. Thuirt e ris gu’n robh e gun bhean agus gu’n robh e an dòchas gu’m faigheadhMr Morrisonbean dha ann an Leòdhas airson an tastain agus gu’n cuireadh e thuige i. An uair a thigeadh neach dhiubh air tir ann an Leòdhas, ni nach robh a tachairt ro thric, bha e ’gabhail iongantas mor na bha ann do shluagh. Bha toileachas mor orra an uair a chitheadh iad eich, agus air do fhear dhiubh each a chluinntinn a sitrich dh’ fhoighnich e an d’ rinn an t-each ud gàire ris-san.
Mu thimchioll nan eileanan Flannach sgriobh Mr Martin: —An uair a rachadh muinntir an àite (Leodhas) air tir bheireadh gach neach an còmhdach dheth a cheann, agus chuireadh iad car deiseal a toirt taing do Dhia airson iad a bhi sàbhailt. Is e an t-eilean mòr an t-ainm a tha air an fhear is mo dhiubh. Tha làrach seann chill ann, a tha air a h-ainmeachadh air Naomh Flannan a tha toirt ainm do’n eilean. Is e eilean beag a th’ ann do dh’ eilean nan daoine beaga. Chithidh moran do chnàmhan a chladhach, nis coltaiche ri cnamhan dhaoine na ni feadhain sam bith eile. Thog so an inntinn an t-sluaigh am beachd gu’n robh aon uair daoine beaga a fuireach an so ris an canadh iad Lusbirdan(pigmies) .
Dh’ innis Alaistir Mac ’Illeathain a tha fuireach ann am Berneraidh mhor dhomh gu’n do thachair tràghadh neo-àbhaisteach bho chionn beagan bhliadhnaichean, nach facas a leithid roimhe sin no na dheigh. Thachair sin mu leth an earraich, agus chaidh a mhuir cho fada air ais agus gu facas balla cloiche anns an robh mu’n cuairt air dà fhichead slat air fad, agus an cuid do dh’ àitean cuig, sia, agus seachd troidhean air àirde. Bha iad a smuaineachadh gu’n robh moran eile dheth fo ’n mhuir. Bha e ag radh gu’n robh e gu cùramach air a thogail, agus gun teagamh sam bith obair lamhan dhaoine. —LEODHASACH ’saHighland News.
“Am Mac-Talla.”
As a’ ‘Highland News. ’
Tha sinn fior thoilichte gu’m beil ar caraid MAC-TALLA a rìs air teachd gu laimh. Litrichean caoimhneil o chàirdean an sid ’s an so, seanfhacail bhrìoghmhor, beachdan tuigseach mu nithibh àraidh a tha ’tachairt air feadh an t-saoghail, naigheachdan as gach ceàrn, orain ar dùthcha agus àr cinnidh o’n àm a bh’ ann ’s a tha, agus paipeireun ionnsaichte gasda làn foghluim do gach aon d’am meas eachdruidh agus cleachdaidh ar n-athraichean—tha so uile ’s an còr ri fhaotainn ’s a MHAC-TALLA. Na h-uile latha dha. Ma bhios toil aig ar luchd-leùghaidh am MAC-TALLA fhaicinn cuireadh iad fios chugainne.
Fhuair MAC-TALLA am mach, mar a fhuair sinn fhein, gu’m beil Gaidheil ann agus Gaidheil eile. Leùghaibh so. “Sgriobh” ars’ MAC-TALLA “duine àraidh nach dean sinn ainmeachadh chugainn o chionn ghoirid ag iarraidh oirnn stad a chur MHIC-TALLA g’a ionnsuidh-san, agus ag iarraidh oirnn innseadh dha gu de uiread ’s a bh’aige ri phàigheadh dhuinn. ‘Cha’n ’eil mi smaoineachadh’ ars’ esan, ‘gu’n do phàigh mi o’n thòisich mi air a ghabhail coig bliadhn’ air ais, ach aon leth-dolar. Tha mi an dòchas gu bheil a’ chùis a’ soirbheachadh le MAC-TALLA gu math ’s gu bheil saoghal fada roimhe. Is mi do charaid dileas, &c ., &c .’ Nach beag an t-ioghnadh ged a shoirbhicheadh le MAC-TALLA, ’s ged a dheanadh am fear a th’ air a cheann fhortan. ’N am biodh luchd-leughaidh a phaipeir so air fad cho dileas ’s cho dleasannach ris air duine so, nach i Ghàilig a bhiodh suas am bruthach!”
Nach i gu dearbh arsa sinne.
Aig àm na seilge anns a’ Ghaidhealtachd thog dà ghille gu braigh na dùthcha air toir ge b’e eun no ainmhidh a thigeadh ’nan slighe. Bha seann isneach aig aon diubh, ach ged a choisich iad astar fada cha’n fhaca iad ni sam bith beò. Thainig iad mu dheireadh an latha gu loch air an robh lachan a’ snàmhadh mu’n cuairt. Chaidh iad gu grad gu cùl cloiche a bha sin, agus thoisich am fear aig an robh an isneach air ullachadh gu am peilear a thilgeadh, ’nuair a mhothaich an gille eile nach robh glas air an isneach. “A ghille!” ars esan “cha’n urrainn duit losgadh, cha’n eil glas air an isneach.” “Bi sàmhach amadain!” ars am fear eile “cha’n eil fios aig na lachan air sin.”
An do phàigh thu MAC-TALLA.
C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG—Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-Tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.
Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C. B.
Indurated Fibreware
Tha an seòrsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fhiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire.
THE E. B. EDDY Co
LIMITED
HULL, CANADA.
[Vol . 6. No. 13. p. 8]
Prionns’ Tearlach a’ Dealachadh ri Floraidh Dhomhnullach.
LE D. B. MAC LEOID.
’Dh’ionnsuidh cladach a’ chuain,
Ri fuar-ghaoth an anamoich,
Thainig Teàrlach gun dealradh,
Air alaban ’s e sgìth;
Cha robh reul air a bhroilleach,
No freiceadan a’ falbh leis
Ach ainnir nan gorm-shul
Bu dealbhaiche lìth:
Mar dhaoimean ’san oidhche
Bha ’mhaighdean fo thùrsadh,
’S i craiteach thaobh Thearlaich
Bhi fàgail a dhùthcha;
Bu chianail a h-osna,
’S bu ghoirt deòir a sùilean,
’N uair chunnaic i ’n iùbhrach
A dlùthadh ri tìr.
Bha ’ghealach a’ snàmhadh
Thar àirde nan stùc-bheann,
’S a gathannan siùbhlach
Air dlùth-thonna ’leum;
Ach ghrad thug i ’n aire,
’S mar oigh air a ciùradh,
Chuir sgàil air a gnùis ghil
Do thiugh-neòil nan speur;
A’s dh’fhalaich na reultan
Iad féin anns a’ ghorm-bhrat—
Bha osna na gaoithe
’Trom-chaoidh na bha ’falbh leath’;
’S b’ e gearan a’ chuain
’An àm bualadh ri garbh-chreig—
“Mo leir chreich! an Albainn
’S ann mharbhadh na tréin!”
Sheas Flòraidh a’s Teàrlach
Air tràigh nan tonn caoir-gheal,
’S bu reub-chridheach, aog-neulach
’N aogas le cràdh—
Cha robh focal o ’m bilibh
Ach sileadh gun fhaochadh,
’S iad aodann ri h-aodann
Air glaodhadh le gràdh;
Ach thainig a’ bhìrlinn—
’S i ’n ribhinn a thòisich,
Le brist-ghuthan anamhunn
Air seanachas gu dòimheach,
Mar chlarsach ’s a teudan
Gun ghleusadh, gun òrdugh,
Bha reult nam ban oga
Fo dhòlum ’s fo spàirn.
“A Thearlach mhic Sheumais,
Ic Sheumais nan cùirtean,
Mo leònadhl do chrùn
Bhi air umpaidh gun euchd;
Mo leònadh! na treun-laoich
Cha’n éirich, ’s cha dùisg iad
A trom-chadal duint shùileach
Udlaidh an éig!
Cha ghlac iad an lann
Anns a’ champ’ ri uchd nàmhaid—
Cha sgap iad fir Shasunn
Mar asbhuain ’s na blàraibh—
Cha ’n fhaic iad do bhratach,
’S cha ghlac iad air làimh thu—
Ni ’n saile ’s am bàs
’Ur fad-fhagail o chéil’!
“A Theàrlaich mhic Sheumais,
Ma dh’ fheumas tu triall uainn’
Gu’n coimhead Mac Dhia thu
Bho fhiaclan nan daoi!
Gu’n stiùr e an iùbhrach
Air dlùth-thonna liath-ghlas,
Gu reidh-shligheach, dian-shiubhlach,
Fior-luath gu tìr!
Gu’m boillsg anns an oidhch’ ort
Na soillsearan néamhaidh,
Gu h-iùlmhor ’g a d’ ghiùlan
Do dhuthaich ’s nach fheum thu,
Bhi ’n ad fhògarrach brònach
Fo chòmhdach mar reubal’
Aig allmharraich éitidh
Neo-spéiseil ’n an crìdh’.
“O Albainn! tha ’n t-àm aig
Do cheann-sa ’bhi ’dórtadh,
’S do Phrionns uait air fògradh,
’S do laochraidh ’s an uaigh!
Biodh crònan do phìoban
A’ sìor dhiùltadh ceòil duit,
’S do chlarsairean rò-mhilis
Dòimheach gach uair;
Biodh cruitearan sgiathach
Nam fior-chrannaìbh samhach—
Cha dòirt iad an ceileir
’Am broilleach mo Theàrlaich—
Cha dùisg iad na treun-laoich
A dh’ eug anns an àrfhaich’—
’S cha mhosgail o ’n bhàs iad
Air àirdead am fuaim!”
Ach stad i— ’s le ’ròs-bhilean
Phog e a’ mhaighdeann,
A’ siabadh gu caoimhneil
Nan deura’ o ’sùil,
“Glas sòlas a Fhlòraidh
Tha òganaich Fhrangach
A dh’ éireas neo-ghann leam
A bhuannachd mo chrùin:
’S tha lasgairean anaghlonnach
’N Albainn a dhùisgeas,
Le’n trusganan balla-bhreac,
’S le’n armaibh math, dùbhailt’,
Théid cath-thromp nan garbh-chrioch
Le bord-sgread gu bùirich,
’S bidh trupairean crùbach
Gun lùgh’s anns gach cùil!”
Dh’ fhàg e i ’caoineadh
’Na h-aonar air tràghaid,
A’s sheol e ’s a’ bhàt’ uaip’
A’ fàsgadh nan dòrn;
Bha ’cliabh air a lìonadh
Le h-iarguin los sgàineadh,
’S i airsnealach, ànrach,
Gun mhànran, gun cheòil.
Laidh braona na h-oidhch’
Air a’ mhaighdinn ghlain, àluinn
Bha h-inntinn gu luaineach
Air chuan mar ri Teàrlach—
Cha’n fhac i e tuille
Chum na builean a phàigheadh;
Ach mheudaich a gràdh dha
Gach là bha i beò.
AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leigsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD.
Cuir a dh’ iarraidh sampuill, teisteannais us urrais.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia. —agus—127 State St Boston, Mass.
NIALL Mac FHEARGHAIS,
Taillear.
SIDNI - - - - C. B
$1 .00 air 80c.
Tha tuilleadh ’sa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dh’ airgead. Thig mu ’m bi ’n t-am seachad agus
FAIGH BARGAN.
McDonald Hanrahan & Co.
Sidni, Iulaidh 16, ’97.
FLUR AGUS MIN
direach as na muillnean.
(Ann am barailtean, leth-bharailtean agus cairteil.)
TI, SIUCAR, TOMBACA, etc.
Am bathar a’s fhearr air na prisean a’s isle an coinneamh AIRGEID.
ALASDAIR MARTUINN.
Sidni, C. B., Sept .1, 1897.
title | Issue 13 |
internal date | 1897.0 |
display date | 1897 |
publication date | 1897 |
level | |
reference template | Mac-Talla VI No. 13. %p |
parent text | Volume 6 |