[105]

[Vol . 6. No. 14. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 1 OCTOBER, 1897. No. 14.


Domhnull Mac Dhomhnuill.

SEANN GHAIDHEAL FIACAAIL.

(Eadar. leIain Dubh. ”)

Tha sinn uile riaraichte le Bòrd na Sgoil, agus leis na toraidhean a lean e ann a rathad a bhi leasachadh suidheachadh inntinn ar rìoghachd, ach tha aon chrìoch aig na h-atharraichean sin is dòcha, tha na aobhar duilichinn, ’se sin nach bidh aig an ath ghinealach a h-aon de napriomh fhiùraingu sealltuinn air ais orraa h-aon dhen ghnè sin a bheireadh an deanadas, agus am briatharan fiamh-gaire eadhon air aghaidhean smuairneanach a naoidheamh ceud deug bliadhna so. A nissann an àitean dùthchail a mhàin bu dòcha sinn tighinn tarsuinn air a h-aon dhe na fiùrain sin, eadhon anns na hàitean sin féin tha iad gu luathdol as an t-sealladh.

Ann am baile beag, dlùth air amhuir agus nacheil ceud mìle o Ghlaschu, tha fhathast a làthair, samhla fìorghlan de Ghaidheil chiatach na linn a dhfhalbh. Labhraidh sinn uime fon ainm Dòmhnull Mac Dhòmhnuill. Bha Dòmhnull air a chleachdadh ri iomadh seòrsa obair na latha, uairibh na iasgair, na chìobair, na ghàradair, na chùiltear, na chairtear, na chroitear agus chan eil ach aig Dòmhnull féin fios gu de eile. An doigh beothachd a tha aig a nis, chan eil fhios aig neach sam bith. Chan eil teachd a steach aig, ach na bheir dusan na dha de chearcan dha, agus toradh àradh beag, a tha mun t-seathamh cuid deug do dhacair a mheud. Anns an lios so tha ecur urad do chàls de bhuntàtasa chumas e, agus an t-samhraidh chaneil dad aige ra dheanamh ach sealltuinn air a fas. Fhuair emach nacheil an talamh anns aghàradh ro thorach, air an aobhar sin tha eg radh, nach bi e aig an dragh a bhicur dad ann an ath bhliadhna. Ge be air bith martha teachd-an-tir Dhòmhnuill tha roinn mhath do neo-eiseamaileachd aige. Air oidhche àraidh, bha e ann a h-aon de charbadan abhaile, agus thairg òsdair a mhuinntir abhaile am faradh aige a phàigheadh. “Cha phàigh! Cha phàigh!” arsa Dòmhnull, “ ’nuair nach eil da sgillin agamsa dhe mo chuid fein, thig mi far a bheil thusa;” agus riathraich einntinn le fharadh fhéin a phàigheadh. A dhaindeoin a chòrr agus a dheich agus a thri-fichead bliadhna a dhaois, cha chuir suidheachadh na h-aimsir cùram sam bith air. Bitheadh an t-uisge cho tromsa thogras e, fàiltichidh Dòmhnull thu le— “Tha latha briagha ann.”

Chan eil teagamh sam bith nach eil aGhaidhlig ann an Dòmhnull gu cnaimh an droma, ni a dhaobhraich sgaradh a dhol na cheangal ris an eaglais. Chaidh an t-Urr. Mr Mac Scread a shuidheachadh mar mhinistear ann an sgireachd Dhòmhnuill; chan e gur ann air a bu mhodha déigh an t-sluaigh, ach a chionn gu robh e comasach air Gàidhlig a shearmonachadh, an car bu lugha, aon uair a h-uile sàbaid. Ochionn deich bliadhna air ais chur an t-Urr. Mac Scread aGhaidhlig air chùl buileach glan; agus gus an tòisich e oirrerithist, seallaidh Dòmhnull air mar ni nach fhiach an t-saothair. A bhàrr air a sin mar a thuirt e féin a latha roimhe, “ ’S gann gur fhiach dhuit dol don eaglais air son fhad sa chumar thu, tha thu direach a dol a stigh, ’sa mach air ball; sin uile e. Chan eil iad coltach ris na laithean a dhaom!”

Tha beachdan Dhòmhnuill tur eadar-dhealaichte o bheachdan luchd-eisdeachd an lathan diugh a thòisicheas air meuranaich, mun gann ruigeas am ministear“ ’san dara h-àite.”

Tha gràdh mor aig Dòmhnull da dhùthaichna dhoigh fhéinO chionndha na trì bhliadhnachan bham baile anns a bheil echomhnuidh ann an troi’ -cheile mhòr a thaobh an réisbha gabhail àite eadar amBritaniaagus anVigilant. ”Cha robh ach roinn dhen chùrsa faicsinneach on bhaile, agus bha na sgothan-luingeanach co-strigheach a nis air dol as an t-sealladh. Thàinig fios-dealan a dhionnsuidh a bhaile gu robhn ceum-toisich aig abhàta Americanach le leth-cheud slat. Bhuail a naigheachd so na daoinebhair cruinneachadh air a chladach le uamhas, achs e thuirt Domhnulls e toir cloimhteachadh air féin: “Chaneagal di! Chaneagal di!”

Achs ea fhirinn a thann a Dhomhnuill gu bheil amBritaniaa càll.”

Chaneagal di!”

Sin agad ma tha aVigilant’ ’tighinn timchioll an rudhan toiseach agus faic air do shon féin.”

Chaneagal di!” agus choisich e air falbh air eagal am bàta Breatuinneach fhaicinn air abeatadh. Nam bitheadh sùil chàm aiges ann rithechuireadh e aghloinne-amharc mar a rinn Nelson ainmeil roimhe, agus a thuirt e, “Chan eil mi ga faicinn.” Gu seabhach an ath uair a thainig iad timchioll an rudha bhamBritaniaair thoiseach.

Air cho gràdhachs gu bheil Domhnull da dhùthaich cha do shòr e beagan cùiltearachd a dheanamh ann a laithean òige. Aig an àm so bha echomhnuidh far an drugadh eri taobh Loch Fìne, ’s bha e air mhùinntearas aig tuathanach. Bha muillear anns an àite bha deanamh beagan gnothaich leis aphoit-duibh,” gun teagamh, air a chomhnadh leis na tuathanaich anns achoimhearsnachd. Chuir mhaighistir Dòmhnull latha air falbh thun a mhuillean le cairt do bhraich, air a chomhdach le gràn air son daoine a mhealladh. Bha Dòmhnull gu math sùnndach air an rathadnuair a thachair Gàidsear risse marcachd. ’Se their Dòmhnull risansupervaesor . ”Na lean, bheir sinn seachad e na briathran féin.

Càite a bheil thu dol,” ars ansupervaesorrium féin.

Thun a mhuileann,” ars a mise.

Gu dethagad anns achairt?”

Tha gran.”

Se mo bharail gu bheil barachd as sin agad,” ars esan, “chi mi air mo shon féin,” ’s e leumsa breith air ceann an eich.

Leis às ceann an eich agamsa.”

Cha leig.”

Murleig, ni thu nas miosa dhuit fein.”

Cha dean mi,” arsan gàrlach.

Ma tha gabh sin,” ars a mise, ’s mi toirt gleadhar don chuirp dha, ’us thilg mi e ann an clais an rothaid. Mach a ghabh an teach aige rathad eile.

Sin agad, arsa Domhnull, ’s e caogadh an t-sùil, ’sa deanamh gnogadh beag le cheann, an dòigh air nasupervaesors .

Man dfhuair an gàidsear greim air an eachse féin a chur air bha Domhnull còir air tilleadh on mhuileann an deigh a bhraich a thasgadh suas far nach fhaigheadh duine e ach e féin air neò am muillear.

Bha aig Dòmhnull a bhi làthair uair, mar fhianuis, aig cùirt a thaobh sabaid a ghabh àite. Dh feuch am fear-laghbhair an taobh eile ri fianuis Dhòmhnuill a chur bun os cionn le ath-cheasnachadh. ’N uair a chunnaic e nach rachadh aig air, thoisich e air tarsuinn às dhfeuch an deanadh e mach air gu robh e air mhisgnuair a ghabh a ni àite; ach bha Dòmhnull cho seòlta ris. Bfeudair dhan t-siorram a ghabhail an laimh.

(Ri leantuinn.)


Cuir a dhiarraidh MHIC-TALLA.



[106]

[Vol . 6. No. 14. p. 2]

SGEULACHDAN ARABIANACH.

VI. —EACHDRAIDH NAN TRI CHALADAIREAN AGUS NAN COIG MNATHAN-UAISLE.

CAIB. XIV.

An uair a chuir an dara caladair crioch air a naigheach, thuirt Sobaide ris, “Tha h-uile cuis ceart; faodaidh tu a bhith falbh agus do rogha rathad a ghabhail. Ach an aite falbh is ann a ghuidh e oirre gun leigeadh i leis fuireach gus an cluinneadh e eachdraidh nan daoine eile a bhanns an t-seomar. A uair a thug Sobaide cead dha fuireach, shuidh e ann an aite air leith.

An uair a thoisich an treas caladair ri eachdraidh a bheatha fhein innseadh thuirt e:— “A bhaintighearna urramach, tha meachdraidh-sa gle neo-choltach ris an da eachdraidh a chuala sibh a cheana. Chaill an da phrionnsa a dhinnis an eachdraidh an leith shuil le mi-fhortan a thainignan rathads gun choire sam bith aca fhein ris, ach chaill mise mo leith shuil le mo choire fhein, mar a thuigeas sibh an uair a chluinneas sibh meachdraidh.

Is e Agib an t-ainm a thorm, agus is mac righ mi. Be Casaib ainm mathar. An deigh bas mathar bha misenam righ, agus bha migabhail comhnuidh anns abhaile anns an robh mathair agabhail comhnuidh romhan. Tham baile ri cois achladaich agus tha acarsaid ann cho farsuinns cho safhailtes a gheibhear anns an t-saoghal. Tha arm-lann anns an acarsaid so anns an togtadh ceud gu leith long-chogaidh, leith cheud long air son giulan bathair, a bharrachd air moran de shoitheachan eile, beag is mor de gach seorsa. Tha mo rioghachd gu math farsuinn, agus tha aireamh mhath a dheileanan mora innte, agus tha iad uile ann an sealladh acheanna-bhaile.

An uine ghoirid an deis dhomh a bhith air mo dheanamhnam righ, chaidh mi air feadh gach cearn den rioghachd a chum gum faicinn an sluagh, agus gun deanainn gach ni a ghabhadh deanamh gus toirt orra a bhith umhail agus dileas dhomh. ’Na dheigh sin an uair a fhuair mi an cabhlach gu leir a churna lan uidheam, sheol mi do na h-eileanan gu eolas a chur air an t-sluagh a bhanan comhnuidh annta. An ath bliadhna rinn mi acheart ni. Thug so orm tlachd a ghabhail ann a bhithseoladh. Mu dheireadh, bhuail e anns an inntinn agam gum bu choir dhomh falbh feuch an tachradh eileanan eile rium gus seilbh a ghabhail orra, agus mar so mo rioghachd a mheudachadh. Fhuair mi deich longan-cogaidh fon lan uidheam, agus sheol sinn.

Fad shia seachdainean bha soirbheas againn cho fabharrachs a dhiarramaid. Achna dheigh sin sheid stoirm laidirn ar aghaidh fad lathas oidhche, agus cha mhor nach deachaidh ar call. Ma shoilleireachadh an latha thuit aghaoth, agus thainig aghrian ris gu briagha. On a thachair dhuinn aig an am a bhith faisg air eilean mor, dhacraich sinn dluth dha, agus thug sinn uisge agus biadh air bord. An ceann da latha sheol sinn. An ceann deich latha an deis dhuinn seoladh bha suil am mach againn feuch am faiceamaid fearann; ach cha robh fearann rifhaicinn. An uair a chunnaic mi nach robh cuisean air thuar a dhol leam cho maths a bha min duil, thug mi ordugh tilleadh dhachaidh. Ach thuig mi gun do chaill sinn ar cursa. Air an latha sin fhein chuireadh fear den sgiobadh suas don chrann-mheadhain feuch an deanadh e am mach an robh sinn faisg air fearann. An uair a thainig enuas, thuirt e nach robh coltas fearainn ri fhaicinn taobh sam bith; “ach tha mi,” arsesan, “afaicinn meall mor dubhnar deigh.”

An uair a chualam fear-iuil a bhagainn air bord na briathran so, dhfhasaghaidh cho geal ris an anart. Le a leith laimh thug e a bhoinneid bhar a chinn agus bhuail e air an dec i, agus leis an laimh eile thoisich e ri bualadhuchd agus ri radh, “Tha sinn caillte! Cha teid a h-aon dhinn as! Agus tha e neo-chomasach dhomhsa an cunnart a sheachnadh.” An uair a thuirt e so bhuail e air guls air caoidh, mar dhuine a bhiodh afaicinn gun robh e dluth air bas obann. An uair a chunnaic sgiobadh na luinge an suidheachadh anns an robh e, chaidh iad uile air chrith leis an eagal.

Dhfheoraich mi dheth car son a bha eagal cho mor air; agus thuirt e rium gun dfhuadaich an stoirm cho fada bhar ar cursa sinns gun robh sinn tuilleadh is dluth air na beanntan dubha. “Anns na beanntan so,” arsesan, “tha moran de chloich dhaoimein, agus mun am so am maireach an uair a bhios sinn air ar tarruinn gu math dluth dhaibh, tairnidh achlach dhaoimein so a h-uile tairing iaruinn a thanns na longan am mach asda, agus theid iadnam bordan beaga, agus bidh sinn uile air ar call. Tha taobh nam beanntan so luma lan de thairnean a bhanns na longan a bhair am bristeadh orra a chionn iomadh linn. Mar is mo a bhristear de shoithichean air cladach nam beanntan so, is ann is mo a bhios de chumhachd tarruinn aca air soithichean eile.

Tha garbhlach anabarrach mor air taobh achuain de na beanntan so. Air mullach te dhiubh tha taigh umha air a thogail air am bheil mullach cruinn. Air mullach an taighe so tha each umhana sheasamh. Air muin an eich so tha marcaichen a shuidhe, agus air an uchd aig amharcaiche tha uchd-eideadh luaidhe air am bheil facail dhraoidheachd sgriobhte. The e air aithris gur e an t-each agus am marcaiche an t-aobhar sonraichte air son gum bheil na h-uiread de shoithichean air am bristeadh agus de dhaoine air am bathadh air cladach na beinne, agus gum bi an call so a tachirt gus an leagar an t-each agus am marcaiche bhar mullach an taighe.”

An uair a chuir am fear-iuil crioch air na briathran so, thoisich an sgiobadh ri guls ri caoidh maille ris. Bhi mi ann an lan dhuil gun robh crioch mo bheatha dluth air laimh.

Anns an am thoisich a h-uile fear a bhair bord ri deanamh deiseil air son a bheatha fhein a shabhaladh, nan gabhadh sin deanamh. Rinn gach fear dileabach den fear eile, a chum gum biodh cuid an fhir mhairbh aig an fhear bheo.

Anns amhadainn an la-iar-na-mhaireach bha sinn gu math dluth do na beanntan, agus chuir na chuala sinn mun deidhinn am barrachd uamhais oirnn. Mu mheadhain latha bha sinn cho dluth orsas gun do lan-chreid sinn gun robh na dhinnis am fear-iuil dhuinn mun deidhinn fior gu leor. Thoisich gach tairig agus gach iarann eile a bha anns na longan air leum asda gu cladach na beinne. Mu dheireadh sgaoil iadnam bhrdan as a cheile, agus chaidh iad fodha. Bhathadh a h-uile duine ach mi fhein. Ach bha Dia trocaireadh dhomh, agus thachair gun dfhuair mi greim air maide mor a chum an uachdar mi. Beag air bheag chuir aghaoth mi fheins am maide gu tir aig bonn na beinne gun bheud a dheanamh dhomh. Ged a bhan cladach garbh, creagach, anabarrach doirbh ridhireadh, thachair gun deachaidh mi air tir ann an aite anns an robh e rud eiginn furasda dhomh abheinn a dhireadh. An uair a chunnaic mi so thug mi taing do Dhia, agus dhearb mi-fhein ris. Thoisich mi ri direadh na beinne, ach ma thoisich cha robh sin furasda dhomh a dheanamh. Cha robh bileag fheoir ri fhaicinn o bhonn gu mulladh na beinne; cha robh anns abheinn ach clach dhubh, chruaidh, shleamhuinn; agus chuireadh an oiteag ghaoithe lu lugha bhar mo chas mi iomadh uair. Ach a dholc no dheiginn gun dfhuair mi rainig mi mullach na beinne ma dheireadh. Chaidh mi steach don taigh, agus air mo ghiuinean thug mi taing do Dhia air son cho trocaireachs a bha e dhomh.

Chuir mi seachad an oidhche anns an taigh. Chaidil mi gu trom; oir bha mi gle sgith. Chunnaic mi bruadar iongantach. Ar leam gun dthainig seann duine liath, air an robh coltas siobhalte, far an robh mi, agus gun dubhairt e rium, “Eisd rium, Agib; cho luaths a dhuisgeas tu, cladhaich an talamh aig do chasan, agus gheibh thu fon talamh bogha-saighead umha, agus tri saighdean luaidhe a rinneadh fo runnagan araid a chum an cinne daon a shaoradh o iomadh trioblain dom bheil iad buailteach. Tilg na tri saighdean air an iomhaidh duine a thair muin an eich, a thair mullach an taighe. Tuitidh an t-iomhaidh so sios don chuan; ach tuitidh an t-each-umha air do bheulaobh. Feumaidh tu an t-each so a thiodhlacadh anns an t-slochd as anns an cladhaich thu am bogha-saighead agus na saighdean. Cha luaithe a ni thu so na thoisicheas am muir ri ats ri eirigh suas ri taobh na beinne gus mu dheireadh an bi e cho ard ri urlar an taighe. An uair a bhios am muir cho ard sin, chi thu bata beag, atighinn an taobh a tha thu, agus coltas aon duine innte, agus e



[107]

[Vol . 6. No. 14. p. 3]

g a h-iomradh le romh agus gach laimh. Chan e duine a thann, ach iomhaidh duine air a dheanamh de mhiotailt araid. An uair a thig am bata gur tir air do bheulaobh, theid thu gun dail a steach innte. Ach thoir do cheart aire nach ainmich thu ainm Dhe fads a bhios tu air bord innte. Ann an deich laithean bheirear thu a dhionnsuidh aite anns am faigh thu cothrom air a dhol gu sabhailte do drioghachd fhein. Ach cuimhnich nach toir thu guth air ainm Dhe fad na h-uine; ma bheir, cha ruig thu do rioghachd fein gu brath.”

Thug am bruadar so, an uair a dhuisg mi, misneach mhor dhomh. Gun dail sam bith chladhaich mi anns an talamh aig mo chasan far an robh mi nam laidhe. Fhuair mi am bogha-saighead agus na tri saighdean mar a thuirt an seann duine rium. Thilg mi na saighdean air an iomhaidh a bh air muin an eich umha, agus leis an treas saighead leag mi e. Thuit e car ma char sios leis abheinn agus chaidh e as mo sealladh anns a mhuir. Thuit an t-each mar an ceudna air mo bheulaobh, agus gun dail sam bith thiodhlaic mi e anns an t-slochd as an dthug mi am bogha-saighead agus na saighdean. Mar a thuirt an seann duine rium, thoisich am muir ri at beag air bheag gus mu dheireadh an robh e cho ard ri urlar an taighe a bhair mullach na beinne. Thug mi an aire anns an am gun robh am bata tighinns adeanamh direach aire an aite anns an robh mi, agus thug mi taing do Dhia a chionn gun robh mi air thuar faotainn as an aite mhi-fhortanach anns an robh mi.

Mu dheireadh, an uair a thainig am bata gu tir air mo bheulaobh, chunnaic mi gur e iomhaidh duine de mhiotailt a bhaga h-iomradh, mar a dhinnseadh dhomh anns abruadar. Gun fhacal a radh chaidh mi air bord innte. Dhiomair e air falbh on bheinn agus lean e air iomradh fad naoi latha agus naoi oidhche. Anns amhadainn air an deicheamh latha, thug mi an air e gun robh sinn adiuthachadh ri fearann. Bha mi cho lan de ghairdeachas aig an ams gun do dhichuimhnich mi achomhairle a thug an seann duine orm anns abhruadar. Thuirt mi, “Beannaichte gu robh Dia! Moladh do Dhia!”

Cha bu luaithe a thuirt mi so na chaidh am bata agus an duine miotailt fodha fo mchasan. Bha minam dheadh shnamhaiche agus o nach robh mi fada o thir thuirt mi rium fhein gun rachadh agam air tir a thoirt am mach. Ach cha robh sin cho furasda dhomhs a bha min duil. An uine ghoirid thuit doinionn gharbh agus tiugh-dorchadas air an fhairge gu leir. Cha robh fhios agam co an taobh air an tugainn maghaidh; ach bha mi sior shnamh. Mu dheireadh thoisich mo neart ri mo threigsinn. Thug mi duil thairis gum faighinn gu brath gu tir. Ach sheid aghaoth anabarrach laidir, agus dheirich na tonnan cho ards gun robh iadg am iomain gu tir gus mu dheireadh an do thilg iad air achladach miagus mi leith mharbh. Bha de mhothachadh annan na thug fa near gum faodadh sruladh nan tonn mo thoirt am mach a rithist, agus thug so orm gun dealaidh mi suas gu braighe achladaich.


CAIB. XV.

A reir choltais gun robh mi greis mhathnam chadals an aodach fhliuch am braighe achladaich; oir, an uair a dhuisg mi bhaghrian air eirigh gu math ard. Bha latha anabarrach blath, briagha ann, agus chuir mi dhiom mo chuid aodaich, agus sgaoil mi air thiormachadh e ris aghrein. An uair a bha e tioram gu leor chuir mi umam e, agus dhirich mi suas on chladach feuch ciod a chithinn. Cha deachaidh mi fad air maghaidh an uair a chunnaic mi gun robh mi air eilean beag, fasail, a bha gu math fado thir-mor. Thug so mo mhisneach uam gu mor; oir ged a fhuair mi as gu sabhailte o chunnart na mara, cha robh e coltach gun robh doigh sam bith ann air am faighinn as gus a dhol do mo rioghachd fhein. Ach on a bha pailteas de chraobhan-meas air an eilean, thuig mi nach fhaighinn bas leis an acras. Chuir mi mi-fhein air churam Dhe, agus ghuidh mi air gun deanadh e rium mar a chitheadh e iomchuidh.

Aig acheart am chunnaic mi long atighinn o thir-mor a dhionnsuidh an eilean Thuig mi gun robhnam beachd acrachadh aig an eilean; agus o nach robh fhios agam ciod e an seorsa dhaoine a bhannta, thuirt mi rium fhein gum be an gnothach bu shabhailte dhomh cumail as an sealladh. Dhirich mi suas do chraoibh mhoir far am faicinn iad, agus far nach fhaiceadh iadsan mise. Thainig an long do bhagh beag a bha faisge orm, agus cha bu luaithe a chuireadh am mach an t-acaire na thainig deichnear gu tir. Bha spaidean is piocaidean aca, agus thuig mi gun robh iad gus an talamh a chladhach an aite eiginn. Chaidh iad gu meadhain an eilean, far an dthug iad greis mhath air cladhach; agus ar leam gum faca mi iad atogail lice bhar dorus-falaich. Thill iad air an ais thun abhata, agus thug iad innsreadh agus biadh dhe gach seorsa gu tir, agus ghiulain iad e a dhionnsuidh an aite anns an do chladhaich iad an talamh. Thug so orm a smaointean gur e taigh fo thalamh a bhann.

Chunnaic mi iad atilleadh a rithist thun na luinge, agus thug iad gu tir seann duine agus gille og mu thimchioll choig bliadhna deug. Chaidh iad uile sios troimh an dorus-fhalaich, agus an ceann beagan uine thainig iad uile a nuas as an taigh fo thalamh ach an gille og. Thug so orm a smaointean gun dfhag iad anns an taigh fo thalamh e, agus ghabh mi ioghnadh mor. Chaidh an seann duine agus an deichnear sheirbhiseach air bord agus gun dail sam bith sheol iad air falbh a dhionnsuidh tir-mor.

An uair a chunnaic mi gun robh iad cho fad air falbhs nach tugadh iad an aire dhomh, thainig minuas as achraoibh, agus chaidh mi far am faca mi iad acladhach na talmhainn. Beag air bheag ghlan mi an talamh air falbh, agus leig mi ris clach a bha mu thri troidhean air gach rathad. Thog mi i, agus chunnaic mi gun robh staidhre chloiche foidhpe. Chaidh mi sios, agus rainig mi seomar mor air an robh larbhrat, agus anns an robh uirigh a bha comhdaichte le brat a dhobair-ghreis ro ghrinn air an robh an duine ogna shineadh, agus guitena laimh. Chunnaic mi so le solus nan coillnean ceireach a bha laiste anns an t-seomar. Ghabh an duine og clisgeadh an uair a chunnaic e mi. Ach air eagal gun gabhadh e miapadh ro mhor, ghrad thuirt mi ris, “Ge be air bith co thu, na biodh eagal sam bith ort. Is righ mise, agus mac righ, agus uime sin cha dean mi cron sam bith ort. An aite cron a dheanamh ort is docha gun do thachair dhomh tighinn an so a chum math a dheanamh dhut. Tha thu an so air do thiodhlacadh beo air son aobhair air am bheil mise an-fhiosrach. Ach is e a tha cur ioghnaidh orm (oir chunnaic mi gach ni a thachair on a thainig thu air tir don eilean), car son a leig thu leotha do dhunadh a steach an so gun chur gu laidirnan aghaidh.”

Rinn an duine og faite gaire an uair a chuala e na briathran so, agus dhiarr e orm suidhe. An uair a shuidh mi thuirt e rium:— “A phrionnsa, tha midol a dhinnseadh dhut rud a chuireas ioghnadh anabarrach mor ort.”

Tha mathairna mharsanta-sheudan, agus leis cho glic, gleusdas a bha edol an ceann a ghnothaich, rinn e fortan mor. Tha aireamh mhor sheirbhiseach aige, agus tha aige mar an ceudna fir-ionaid a thadeanamh gnothaich air a shon air muirs air tir ann an iomadh aite air feadh an t-saoghail. Agus tha ereic moran sheudan ri righreans ri prionnsachan, agus ri ard-mhaithean gach rioghachd.

Bha mathair posda iomadh bliadhna mun robh teaghlach aig. Ach chunnaic e bruadar on do thuig e gum biodh mac aige, ach nach biodh a shaoghal ach goirid. An uair a dhuisg e bha e fo thrioblaid inntinn anabarrach mor mun chuis. Mun am sin dhfhas mo mhathair leith-tromach ormsa, agus an ceann naoi miosan rugadh mi, agus a reir mar a chuala mi, bha gairdeachas nach bu bheag ann an taigh mathar.

Ghabh mathair beachd air acheart mhionaid air drugadh mi, agus gun dail sam bith chaidh e far an robh reuladairean ainmeil a bhanns an rioghachd feuch am faigheadh emach ciod a bha gu eirigh dhomh. Thuirt iad ris mar so;— “Bidh do mhac beo, slan, fallain fad choig bliadhna deug, agus ma dhfhaoidte nas fhaide; ach aig aois nan coig bliadhna deug bidh e ann an cunnart mor gun caill e a bheatha. Ma sheachnas e an cunnart mor so, faodaidh e bhith beo gus am bi ena fhior sheann duine. Is e am achunnairt an t-am anns

(Air a leantuinn air taobh 110.)



[108]

[Vol . 6. No. 14. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig garn ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton


SIDNI , 1 OCTOBER, 1897.

Mar a tha fhios aig ar leughadairean mar tha, bha am Mòd Gàidhealach air a chumail am bliadhna ann am baile Inbhirnis, ceanna-bhaile na Gàidhealtachd. Be so an siathamh uair a bha am Mòd air a chumail, agus ged a bha gach coinneamh roimhe cho maths gun do riaraich iad na h-uile, cha robh aon diubh cho math no a thaitinn ris gach aon a bha làthair ri coinneamh na bliadhna so. Chaidh gach ni air adhart gu math, agusse barail nan uile gu bheil am Mòd an deigh Clanna nan Gàidheal a dhùsgadh suas gu bhi toirt am barrachd aire do chànain agus do cheòl an dùthcha. Air an turus so bha sia fichead punnd, no sia ceud dolair, air a thoirt seachad mar dhuaisean, air son leughadh, seinn, agus sgriobhaidhean Gàilig; bha ceud dolair dhe sin air a roinn eadar triùir mhaighstirean-sgoile, an triùir a bfhearr a rinn ann an teagasg na Gàilig anns nan sgoilean na bliadhna chaidh seachad. Bha an t-airgead air son sin air a chruinneachadh leis a’ Highland News,agussi ar barail fhéin gur e sin aon dòigh anns am faodar aGhàilig a neartachadh gu mor, ’s tha sinn an dòchas gu leanar air. Faodaidh sinn tuilleadh a bhi againn ri radh mun Mhòd anns an ath àireamh.

Tha an t-ard-Riaghladairsa Bhain-tighearna gu tighinn don bhaile oidhche Di-màirt. Theid an toirt ann an carbad troimhn chuid mhor den bhaile, agus na saor-dhionadairean còmhla riu. Aig deich uairean Di-ciaduin, theid an toirt gu tigh-na-cùrtach far an cuirear fàilte orra an ainm abhailes na siosrachd. An deigh dhaibh cuairt a chur air a bhaile, falbhaidh iad gu Louisburg. Dior-daoin theid iad gu Sidni Tuath, agus a sin theid iad gus naNarrowsMhora, Baddeck ,agus ma dhfhaoidte Hogamah. Bidh iad air taghal ann anArichat ’s ann aHawkesburymun tig iad gu Sidni. Bidh Mr. Daley, Riaghladar Nobha Scotia, agus am Priomhair Murray, còmhla riutha.

Tha moran de na mèinneadairean a bha diùltadh obrachadh ann anPennsylvaniaair a dhol air ais gun obair, ach tha àireamh mhiltean dhiubh aseasamh a mach fhathast. Chaidh duinair fhichead a mharbhadh o chionn da sheachdain air ais le buidheann de mhaoir a bha cumail rian orra. Thug an siorram òrdugh eigin do na mèinneadairean nach do thuig iad (cha thuigeadh a mhor chuid dhiubh Beurla) agus o nach drinn iad a reir òrduigh-san, dhiarr e air na maoir a bha comhla ris losgadh orra; rinn iad-san sin, agus chaidh duin air fhichead a mharbhadh. Tha sin an deigh fearg agus gamhlas mor a dhùsgadh am measg cuid de na méinneadairean, agus cha biongantach ged a bhiodh e gu math doirbh an toirt gu còrdadh.

Tha Joaquin Miller, fear de na sgriobhadairean as ainmeile a thas na Stàitean, air a dhol a mach gu Clondaic, agus ann an litir a sgriobh e o chionn ghoirid tha eg ràdh gur e fear Alasdair Domhnullach, a mhuinntir Nobha Scotia, an duines fhearr a rium on fhuaireadh an t-àite mach. Chaidh e ann gun ach gann dolair aige, ach an diughs fhiach e na muilleinean, agus chan eil e cinnteach nach en duines bairtiche thair an t-saoghal. Buinidh e doAshdale ,an siorrachdAntigonish .

Fhuir sinn litir an la roimhe bho Iain Mac-a- Bhiocair, a tha fuireach ann anRescue ,an stàit Mhichigan. Anns an litir sin chuir e ugainn ainmean ceithir deug de Ghàidheil a tha fuireachna choimhearsnachd, agus a thacur a dhiarraidh MHIC-TALLA. Gu ma slàn do Iain! Nam biodh na Gàidheil uile cho dileas dan cànainsa tha esan, bhiodh a chùis gu math.

Tha fathunn adol mun cuairt gu bheil cuideachd a ghuail acur rompa an laimhrig a thacasa bhaile so a chur an uidheam air agheamhradh, agus gum bi iad acur a mach guail oirre air an t-samhradh sa tighinn. Tha sinn an dòchas gu bheil sin ceart, oir tha e cur call mor air Sidini an laimhrig ud a bhina tàmh, mar a tha i nise o chionn da bhliadhna.

Ann am Baltimore, Di-haoine sa chaidh, chaidh duinòg dam bainm Stevens, a bha dol a phòsadh, a thilgeadh le athair fhéin a bhana aghaidh. Bha am pòsadh gu bhi ann am feasgar sin fhéin. Cha robh an duinòg air a mharbhadh, agus chaidh am pòsadh a dheanamh anns an ospadal. Tha an seann-duine anns aphriosan.

Chaidh innse dhuinn an la roimhe mu sheana-bhean chòir a thaleughadh MHIC-TALLA na h-uile seachdain a thig e mach, ged a tha i air aois cheithir fichead bliadhnasa seachd deug a ruigheachd. Agus ni i sin gun speuclair a cheart cho mathsa dheanadh inuair nach robh i deich air fihichead.

Am MAC-TALLA gu deireadh na bliadhna 1898 air son dolair. Cuir dolairga iarraidh gun dàil.


MacCoinnich & Co.

Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh
ANN AN LOUISBURG,
agus tha sinn aig an àm cheudna acumail air adhart air an t-seann laraich,
ANN AN SIDNI.

Aodaichean Matha dhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.

Theid sinn an urras air an obair.
Mac Coinnich & Co.


F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC

An aon fhear dhe sheòrsa thair Eilean Cheap Breatunn.

Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J Morley.

Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dhas coir dha toghal air.

Tha stoc math de speuclaireans de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.

Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. A seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.

THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHANEUREKAair a cheart phris air am beilearg an creic aig na muillin.

Tha Factoridh Eureka air aon den fheadhain as fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar adeanumh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.

Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.

Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. MacFhionghain, Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitches Creek.Tha mu dheichair fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd lathan deigh a chlòimh chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.



[109]

[Vol . 6. No. 14. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Bha side gle fhuar againn fad na seachdain so. Chan eil an geamhradh a reir coltais, fad air falbh.

Thainig cnap òir guSan Franciscoá Clondaic, o chionn ghoirid a thomhais da phunnd us da ùnnsa, agus is fhiach gle fhaisg air sia ceud. ’Se so an cnap as motha fhuaireadh ann fhathast.

Chaochail fear Uilleam Dooley ann an Sidni Tuath, oidhche na Sàbaid, a bha ceithir fichead bliadhna sa seachd a dhaois. Rugadh e ann an Eirinn, agus bha efuireach ann an Sidni Tuath o chionn leth-cheud bliadhnasa h-ochd.

Tha an trosg gu math pailt air an taobh so den eilean, bho Cheap Nor gu Scatarie, ach tha e gle dhoirbh biathadh fhaotainn, agus mar sin, chan eil an t-iasgach asoirbheachadh ro mhath idir. Tha an droch shidega cumail air ais cuideachd.

Tha sinn acluinntinn gu bheil suim airgeid gu bhi air a chosg ann an leasachadh an rathaid-mhòir eadar am baile so agus mèinn anReserve .Tha sinn an dòchas gun deanar càradh ceart air; bha e gle dhona o chionn treis de bhliadhnaichean air ais, aguss fhada on bu chòir làimh a thoirt air.

Chaidh an t-Urr. Seumas Strothard, ann amBridgetown , N. S. ,don eaglais aon oidhche air an t-seachdain sa chaidh a dhéisdeachd riCrossley & Hunter;air dha tighnn dhachaidh, fhuair e gu robh cuid-eigin air a bhi stigh fhadsa bha esan air falbh, agus gu robh ceud gu leth dolair air a ghoid.

Tha Fearchar Calder, fear-lagha, a bha ann amPort Hoodo chionn àireamh bhliadhnaichean, air a dhol gu Truro, far am bheil e gu bhi an comunn riFirman McClure.ThaMr . Caldergle mheasail ann amPort Hood,agus an siorrachd Inbhirnis air fad, agus tha achàirdean uile guidhe soirbheachadh math a bhi leis ann an Truro.

Bha na h-iasgairean air cladaichean an iar an eilean adeanamh cuimseach math fad an fhoghair so, gus an dthainig am biorach mun cuairt, agus on thainig cha ghabh iasg eile glacadh. Mar a tha fhios aca-san a tha eòlach air a bhiorach, ithidh iad am biadhs an t-iasg as na lin, agus sracaidh iad na lin fhéin, air dhòighs nach eil dòigh aig na h-iasgairean air obair sam bith a dheanamh fhadsa bhios iad air na criochan.

Chaidh poit-dhubh a ghlacadh ann an Glendale, an siorrachd Inbhirnis, o chionn beagan us seachdain. Fhuaireadh i aig fear Fionnladh Mac Cuthais, a tha gu bhi air a thoirt gu ceartas gun dàil. Cha dfhuaireadh aige ach aon bhotul dhen stuth a bha edeanamh. Thainig am fear-glacaidh a dhaon ghnothuch á Toronto. ’S i so an treas poit-dhubh a chaidh a ghlacadh ann an Inbhirnis am bliadhna; tha sinn an dòchas nach eil an còrr ann gu bhi air an glacadh. Shaolamaid gu faodadh daoinem beòlaind a dheanamh air dòigh laghail.

Chaidh Armenianach, a bhasiubhal na dùthcha acreic bathair, fhaotainn marbh air an rathad-mhor aigGreen Oak,mu dha mhile dheug a mach á Truro, Di-satharna sa chaidh, agus a reir gach coltaisse mhort a rinneadh. Bha peileir air a chur troimhe; fhuaireadh a chorpse fhathast blàth beagan an deigh don urchair a bhi air a losgadh. Cha do leagadh àmhrus air neach sam bith fhathast ach air gille dan ainmLyman Dart,aois shia bliadhndeug, a tha fuireachsa choimhearsnachd. Chunnacas esan a mach le gunna air an la ud, agus tha e mar gum biodh eagal air fad na h-uine uaithe sin. ’SeAsshard Derera bainm dhan fhear a chaidh a mharbhadh. Bha da mhàileid aige, agus fhuaireadh mu fhichead dolair de dhairgeadna phòcaidean.

Thainig cas duine air tir ann anAspy Bayaon latha air an t-seachdain sa chaidh. Bha an fheoil agus an craiceann gu math slan oirre.

Dhfhalbh àireamh mhor á Sidnis as gach baile, ’s àit eilen Ceap Breatunn, gu Halifax Di-luain agus Di-ciaduin. Bha uiread de charbadan afalbh an da latha sins gum bfheudar da inneal-smùide a chur gan tarruinn.

Di-luain sa tighinn tòisichidh an carbad-smùide air a bhi fàgail Shidni tràthsa mhaduinn, mar a bha edeanamh bliadhnaichean roimhe so. Tha iad ag radh gu faod gun atharraichear an t-àm falbh us tighinn an ceann mios no dha.

Tha muinntir Shidni Tuath agus na Mèinne Tuath air toiseachadh ri cur naScott Actair obair a rithist. Tha muinntir a bhaile so an dràsda car balbh a thaobh an lagha sin, ach tha e furasda gu leòr fhaicinn nach ann a chionn nach eil feum air.

Chaochail fear Domhnull Mac Fàidein a mhuinntir Mhalagawatch, anns an ospadal, ann a Halifax, la na Sàbaid sa chaidh. Bha e leth-cheud bliadhnasa h-ochd a dhaois, agus cha robh e anns an ospadal ach tri latha. Thugadh a chorp dhachaidh gu bhi air a thiodhlacadh.

Tha àm sealg nan cearcan-tomain air tighinn, ach leis cho gannsa tha na h-eòin sin, chan eil iadsan a thag an sealg a faotainn moran toileachaidh. Thatar adeanamh a mach gur e cho fuar, ’s cho fliuchsa bha deireadh an earraich us toiseach an t-samhraidh a dhfhag cho gann iad am bliadhna.

Tha fios as na h-Innsean ag innse gun do bhrist drochaid mhor fo charbad-smùide a bhadol thairis oirre, agus gun deachaidh ceud gu leth duine a mharbhadh no bhàthadh. Chaidh mu ceithir deug eile a leònadh gu dona, agus cha dfhuair as lem beatha de na bhair a charbad ach tri ficheadsa deich.

Chaidh soitheach a luchdachadh le gual amBroad Coveair an t-seachdain sa chaidh, a cheud soitheach a chaidh a luchdachadh ann on rinneadh an acarsaid ùr. Than acarsaid sin air a deanamh le rathad-uisge a ghearradh eadar an cuan agus loch mor a tha astar beag uaithe; ma chithear gun gabh an rathad sin cumail fosgailte bidh an deagh acarsaid ann, agus chan eil teagamh nach tòisichear air cur a mach a ghuail le neart. Tha dùil ri àireamh shoithichean a bhi air an luchdachadh ann mun tig an geamhradh.


Iadsan a Phaigh.

Mairi Nic Neill, Iona.
S. I. Mac-a- Phi, Loch Ghabarus.
Bean MhurachaidhIc Leoid, Baddeck .
D. A. Mac Cuthais, Salem Road.
Ailein Mac Leoin, Whitney Pier.
Niall Mac Leoid, Drochaid na h-Aimhne Tuath. 50c
Seònaid Mhathanach, Drochaid na h-Aimhne Tuath.
Seònaid Ros, cul Bhagh Bhaddeck,
Seumas N. Mac Leoid, Port Bevis.
Lachuinn Mac Ghuaire, Amhuinn Mheadhonaich.
Alasdair MacRath, (taillear) Amhuinn Mheadhonaich.
Ceit Dhomhnullach, Beinn Ghillanders.
Murchadh Mac Leoid, Bagh Bhaddeck. $2 .00
Fionnladh B. Mac Neill, Gillis ’ Point. $2 .00
Mairi Nic-an-t- Saoir, Shenacadie .25c
D. A. Mac Rath, Baile-Shearlot, E. P. I. $2 50
Iain T. MacCoinnich, Baile-Shearlot, E. P. I. 3.00
A. D. Mac Leoid, Baile-Shearlot, E. P. I.
Alasdair Mac-a- Phi, Loch Katrine, N. S.
An. t-Urr. A. Domhnullach, D. D. Antigonish, $2 .00
An. t-Urr. D. A. Mac Eamuinn, D. D. Antigonish.
Ailein Mac Gille-bhrath, McPherson, P. O., N. S.
Fearchar Mathanach, Hudson Bay.
W. I. Domhnullach, Wolesley , Assa.50c
An t-Oil. A. B. Mac Neacail, Kingston , Ont. $5 .00
A. M. Caimbeul, Aldborough , Ont.
Uisdean G. Caimbeul. Sycamore , Ills.
S. A. Mac Gilleain, Stirling $3 .00


LEABHRAICHEAN GAILIG.

Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .30
Gramar Gailig, le Dr. H. C. MacIlliosa 1.10
Gaelic Class Book .35

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte. Sgriobh gu
J . G. MACKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, C. B.


J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsas fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B.


BADDECK, - - C. B.
Airson a stor a dheanamh nas deiseiles nas feumaile dhaibhsan a thadeanamh gnothuch ris, tha
Albert I. Hart
anise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha achuid sin den ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am BostonsanNew York.Gheibh iadsan a thig ga h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDECK , - - C. B.


IUBILI!
THIG AGUS FAIC!
Ceannachd ur us Prisean ura.
A h-uile ni cho saors nach fhaod mi innse.
Niall Domhnullach.
Ceann an Iar a Bhaile.
BADDECK , - - C. B.
A Ghàiligsa Bheurla air an aon phris.



[110]

[Vol . 6. No. 14. p. 6]

(Air a leantuiun o thaobh 107.)

an tilg PrionnsAgib, mac Righ Casib, an iomhaidh a thair mullach na beinn dhaoimein sios don chuan; agus an ceann da fhichead lathas a deichna dheigh sin cuiridh am prionnsa so do mhac gu bas.”

Thuig mathair gun robh an fhiosachd so aco-chordadh anns gach ni ris abhruadar a chunnaic e, agus chuir e trioblaid-inntinn ro-mhor air. Thug e dhomhsa sgoil is ionnsachadh is fiosrachadh cho maths a ghabhadh deanamh. Is e so an coigeamh bliadhna deug dhe maois; agus dhinnseadh an de do mathair gun do thilg PrionnsAgib an iomhaidh umha a bhair mullach na beinne don chuan o chionn deich latha. Chuir an naigheachd so mathair gu brons gu tuireadh cho mors gur gann a dhaithnicheadh duine e.

Ged a bha ecreidsinn gun robh an fhiosachd a rinn na reuladairean mu mdheidhinn fior, gidheadh dhfheuch e ris gach a dheanamh a ghabhadh deanamh a chum miseghleidheadh on chunnart a dhainmich mi. Thog e taigh-fo-talamh anns an eilean gus mise a chur am falach ann gus an rachadh am achunnairt seachad, agus cho luaths a chuale gun do thilgeadh an iomhaidh don chuan, chuir e misa an so. An ceann da fhicheed latha thig e gam iarraidh. Air mo shon fhein dheth chan urrainn michreidsinn gun tig PrionnsAgib gam iarraidh don aite uaigneach, aonaranach so. So, mo thighearna, na bheil agam riinnseadh dhuibh.”

Am feadhs a bhan duine og ag innseadh na naigheachd so dhomh, cha burrrainn mi gun a bhithsmaointean air cho mi-choltachs a bhan fhiosachd a rinn na reuladairean. Cha robh anns an t-saoghal na bheireadh orm a chreidsinn gun robh e comasach gun cuirinn an duine og so gu bas. Thuirt mi ris, “Mo ghille math, cuir dearbsa ann am mathas Dhe, agus na biodh eagal sam bith ort. Cha chuirear gu bas thu fhads a bhios tu anns an eilean so. Tha mise ro thoilichte gun do thachair dhomh tighinn don eilean so a chum do dhion o gach neach a bhiodh ag iarraidh do bheatha thoirt air falbh. Chan fhalbh mi a so gus an tig crioch air an da fhichead latha mun robh na reuladairean a cur eagail ort. Agus ni mi gach ninam chomas a chum do thoileachadh, agus an uine a chur seachad cho cridheils cho taitneachs a ghabhas deanamh anns an aite so. “Na dheigh sin gheibh mi as an eilean so air an luing leis an tig dathair gad iarraidh; agus an uair a gheibh mi air ais do mrioghachd fhein, bidh cuimhne agam air achomain a chuir thu orm, agus cha dichuimhnich mi caoimhneas a nochdadh dhut.”

Thug na briathran so a labhair mi ris misneachd mhor dha. Cha dinnis mi idir dha gum bu mhi Agib roimh an robh eagal cho mor air; oir, nan robh fhios aig co mi, is docha gun rachadh e as a chaill leis an eagal. Chuir sinn seachad an uine gu h-oidhche acomhradh mu chaochladh nithean. Thuig mi on chomhradh a bheadrainn gun robh ena dhuine og a bha gle thurail, tuigseach. Ghabh mi biadh comhladh ris; agus bham pailteas bidh aige air ar son le cheile. Thug sinn greis air comhradh an deigh ar suipearach, agus an sin ghabh sinn mu thamh.

O latha gu latha bha mifeuchainn cho maths a baithne dhomh ris an uine a chur seachad leis gach toil-inntinn air am burrainn mi smaoineachadh. Ann am beagan laithean dhfhas sinn gle mheasail air a cheile. Feumaidh mi radh gun do ghabh mi tlachd cho mor dheths gun dubhairt mi uair is uair rium fhein, “Chan eil anns na reuladairean a bhag radh riathair gur mi a bha gus a chur gu bhas ach na fior mhealltairean. Chaneil e comasach gun deanainn-sa gniomh cho eucorach ri duine og, neo-chiontach a chur gu bas gun aobhar.” A dhaon fhacal, chuir sinn seachad naoi latha deug ar fhichead ann an cuideachd a cheile cho cridheil, cho cairdeil, agus cho taitneachs a burrainn a bhith.

Mu dheireadh thainig an da fhicheadamh latha. “Tha mi beo, slan; buidheachas do Dhia, agus dhutsa air son do chaoimhneis dhomh. Bidh mathar an so gun dail, agus bidh e gle thaingeil dhutsa air son cho caoimhneils a bha thu rium, agus gach frithealadh a rinn thu dhomh. Bheir e dhut gach cuideachadh as urrainn da a chum comas a thoirt dhut faotainn air ais do drioghachd fhein. Ach gheibh thu deiseil uisge teith dhomhsa a chum gum fairig mi mi-fhein, agus gun cuir mi uman deise ghlan mun tig mathair.”

Gun dail sam bith chuir mi uisge air teine agus an uair a bha e teith gu leor, thug mi ga ionnsuidh e. An uair a nigh e e-fhein anns an t-soitheach-fharagaidh, agus a chuir e uime deise ghlan leig e e-fhein na shineadh anns an leabaidh. Sgaoil mise am brat thairis air, agus chaidil e gu trom car uine. An uair a dhuisg e thuirt e rium, “Thoir dhomh meal-bhucan agus siucar a chum gun ith mi beagan, oir than t acras orm.”

Thagh mi an te bfhearr a fhuair mi, agus chuir mi air trinnsear i. Ach o nach robh fhios agam caite am faighinn sgian, dhfheoraich mi dheth caite am faighinn te. Thuirt e rium gun robh an sgian a bhiodh aigegan gearradh air an sgeilp a bha os cionn a chinn anns an leabaidh. Dhirich mi don leabaidh a dhiarraidh na sgeine, agus anns an tionndadh dhomhs an sgiannam laimh chaidh mo chas an luib an aodaich, agus gu mi-fhortanach thuit mi air a mhuin, agus chaidh an sgian thun na coise anns achridhe aige.

An uair a chunnaic mi mar a thachair leig mi glaodh goirt asam. Bhuail mi mo cheann is muchd; agus reub mi maodach. Leis mar a bha mi air mo lionadh le bron do-innseadh, thilg mi mi-fhein air an talamh. “Ochan!” ghlaodh mi, “cha robh ach beagan uairean gus am biodh e saor on chunnart roimhn do theich e an so: agus an uair a bha duil agam gun robh an cunnart seachad, mhort mi e, agus choimhlion mi an fhiosachd a rinneadh ma dheidhinn. Ach, O Thighearn! tha miguidhe ort, thoir mathanas dhomh. Ma tha mi ciontach dhebhas, chaneil mi ag iarraidh a bhith beo nas fhaide.”

(Ri leantuinn.)


Gnothaichean moran t-Saoghail.

Tha Canadafas fior-ainmeil agus morail am measg rioghachdan an t-saoghail. Cha robh anns na bliadhnachan nach eil fadair falbh meas anabarrach air bith air Canada. Rinn an rathad mor, fada iaruinn a tha ruigheachd bho aon taobh den dùthaich gus an taobh eile, atharrachadh iongantach ann am beachdan nan Sasunnach mu dheibhinn Chanada. Chunnacas gu furasda gu robh a nis slighe dhireach, laidir, air am faodar saigheadaran a ghiùlan an àm cogaidh no ann an amharus cogaidh, ann an cuibhrionn de Bhreatunn fein. Cha ruig Breatunn a leas tuilleadh, cead righ no daoine air bith iarraidh, an uair is aill leatha feachd a chur gu Innsean na h-airden Ear. Tha beartas iomadach agus lionmhor ann an comhnardan farsuing, ann an cnuic arda, leathunn, agus ann an lochanus ann an aimhnichean brasa, domhainn na h-airden iar-thuath. Tha ioghnadh fuasach air feadh an t-saoghail a nis, do bhrigh gu bheil òr ann am pailteas nach gabh rannsachadh fhathast, ri fhaotainn ann an Claondaic agus anns achoimhearsnachd fhada, fharsuing, a tha ma thimchioll. Tha faisg air da cheud gu leth bliadhna on chaidh cuideachd Bagh Hudsoin a chur air chois. Is e seoladair tapaidh, treubhach, a bhan Hudson. Thug e ainm fein doa chuainoir is e meudachd cuain a tha aige— ’tha air taobh an Iar-thuath de Chanada. Fhuair achuideachd so ughdarras bho Righ Tearlach II. air gach fonnus faiche, air gach lochus amhainn, air gach cnocus camus, air gach brocus sionnach, agus air gach beathach, morus beag, dubh, ’us geal, ’us dearg, a bha ann an airde-tuath America. Bha gliocasus innleachd gu leoir aig a chuideachd so airson storas a thrusadh agus malairt mhaith tharbhach a dheanadh le craiceannus béin nam beathaichean beagaus morabha iad fein agus na h-Innseanaich amarbhadh anns an dùthaich uaigneach, aosmhor ud. Roghnaich achuideachd so gu bitheanta, Gaidheil airson cùram a ghabhail de na ionadan iomallach anns an robh iad atrusadh nam bian a bha iad a toirt thar a chuaird, agus gan reic aig pris eagallach ann am Breatunn, anns an Fhraing, agus ann an dùthchannan eile. Rinn iomadh ball den chuideachd so moran airgid air an doigh so, agus chan eil na teaghlaichean agus na maithean tearc an diugh a fhuair gach maoinus beartas a tha aca bho Iar-thuath America. On bha saoibhreas co anabarrach a tighinn don chuideachd so, rinn iad gach oidheirp air an t-saoghal a ghleidheadh ann an aineolas ma dheibhinn nan comhnardan liomnhor, torr-



[111]

[Vol . 6. No. 14. p. 7]

ach, feurach, a tha anns an tir thosdach, reachdmhor ud. Ach cha robh e comasach don chuideachd so, sealbh a ghleidheadh doibh fein a mhain air an dùthaich àluinn as an tug iad ionmhasan luachmhor. Thainig fadheoidh fiosus cinnte gu bheil an Iar-thuath co beartach, tiorail, siolmhor, ’us gu faod miltean comhnuidh a dheanadh inntes sonasus teachd-an-tir a chosnadh gu furasda doibh fein. An deigh do aonachadh a bhi air a dheanamh eadar na roinnean eilebhuineas do Chanada, chaidh cordadh a dheanamh le cuideachd Bagh Hudsoin, agus mar so, ged fhuair a chuideachd moran airgid, agus ged tha aca fathast inbhe nach eil gann, no faoin, no suarach, chaidh coirus ughdarras thar an Iar-thuath gu leir a thoirt thairis do Chanada. Chan eil ceann no crioch air a chruinneachd shnasmhor, bhrioghmhor, a thacinntinn ann am Manitoba, agus ann an cearnan eile den Iar-thuath. Is e cruinneachd earraich a mhain a tha na tuathanaich atogail. Than talamh co reamhar le leasachadh nan linn, ’s nach eil feum air deasachadh cùramach air bith. Ma ruigeas an siol an talamh maoth a tha fo nfhoid ghuirm, ciunidh fochunnus barr craobhach, liontach ann an ùine ghearr a suas. Is ann troimh Chanada, ann an astar fuasach a ruigeas cruinneachd na h-airden Iar-thuath, am baile-rioghail far am bheil edol air bord nam bataichean-smùideghiulaineas e gu Breatunn agus do gach dùthaich aig am bi feum mor air. Cha robh ach pris gle bheag ri fhaotainn iomadh bliadhnanis le tuathanaich Chanada airson an cruinneachd. Tha pris moran nis fhearr ri fhaotainn a nis. Togaidh na tuathanaich an cinns an cridheachan gu gaisgeil a nis. Gheibh iad cothrom air an dachaidhean ùrachur ann an uidheam cheart, agus air sonas, ’us slainte, ’s comhfhurtachd fhaotainn ann am Manitoba agus anns gach cearna eile. Tha sgeula muladach a tighinn thar achuan, gu bheil Eirinnus rioghachdan eile anns an Roinn-Eorpa, ann an staid bhochd. Dhfhailnich am buntata ann an tomhas mor ann an Eirinn. Dhfhailnich an cruinneachd anns an Fhraing, agus gu sonruichte ann an Ruisia. Tha againne daonnan pailteas de bhiadh, agus tha comas againn moran a sheachnadh, a bheir lonus treoir, ’us agh do thirean aig nacheil achaidhean a tha giùlan cruineachdus arbhairus buntatatha pailt, milis, fallain, greadhnach.

CONA.


Facal bhoC. C.”

A CHARAID: —Moran taing dhuibh fhein agus doGhleann-a- Bhairdair son litir an t-Seanaileir Mhic Gilleain á Eilean Wight, a chursa MHAC-TALLA; agus mar an ceudna air son gun tug sibh dhuinn na rainn bhoidheach agus fhaireachail a chuirGleann-a- Bhàirda null ann a freagradh don litir sinn. Cha do shiubhail na bàird uile fathast. ’S fhada bho nach cuala mi dad de bhàrdachd a rinn am barrachd greim air minntinn na rinn na rainn udnuair a leubh mi iad. Tha mi lan chinnteach gun cuir an t-uasal eireachdail, air son an drinneadh iad, luach orra. Gu ma fada beòGleann-a- Bhàirdgu bhi toirt dhuin bho am gu am dearbhadh air àrd bhuadhan inntinn. ’S e mo bheachd gu ma dual dha spiorad bàrdachd a bhi aige. Na biodh e idir an dùil gum falaich se e fhein air cùl fath-ainm. Ach ma tha e fhein air son fuireach am falach cha bhrath mise e. Chan abair mi tuilleadh an dràsda. Cluinnidh tu bhuam fathasd an ùine ghoirid mur tig ni anns an rathad.

C. C.


Finan agus Lorma.

A Lorma! càiten tàmh dhut?
Ionad do phramh càitbheil e?
N do ghlac an oidhchthusan fhàsaich,
Air aghaidh nan ard-bheann seilge?
Og-bhean an iughair as caoine slios,
Is truagh nach fhios dhomh do chòmhnuidh;
Ann an còs na creige do thuineach
Aig bile nan sruthan uaigneach.

Mas a bidh do bhroilleach fliuch,
Bidh i fliuchs than oidhche fuaraidh,
Ach tha thughnàth le manam fein,
A ghaol gu ma seimh do bhruadar.
A thaibhsean air osnaidh na h-oidhche,
Buineadh gu caoimhneil ri mghaol;
Tha féith air a gnùiss i ri gàire,
Na seidear i mo ghràdh le gaothaibh.

Caoin is seimh fo dhoinionn nan speur,
Tha mannsachd feinsa h-ùigh air Uran,
Na dùisgear i le ruadh-bhoc an raoin,
No le caochan a ghlinne dhiomhair.
Fhirein fhiadhaich nam beann,
Na biodh dfharum an gleann mo ghaoil,
Caidil a ghaoil gun smuairean,
Aig sruthan uaigneach nan iomadh bad.

Mar chagair beacha na bruaiche,
Measg ròsan uaigneach nan alt,
A cromadh fo dhriùchd na maidne,
Thig thusa gu dchodal a Lorma.
Sèimh gu robhghaoil do thàmh,
S ma thuiteas pràmh orm fein,
Eirich an aisling mo chodail,
S biodh do ghnùis gu furasda màlda.


An do phàigh thu MAC-TALLA.


C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIGOs cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-Tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.


Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C. B.


Indurated Fibreware

Tha an seòrsa so nas daoire na na bucaideans na tubaichean cumanta, achs math is fhiach iad sin; tha iad nas buaine, agus mar sinsiad as saoire.

THE E. B. EDDY Co
LIMITED
HULL, CANADA.



[112]

[Vol . 6. No. 14. p. 8]

Laoidh.

Ar gràdh biodh dhuitse, Thriath nam buadh,
Air feadh gach ail is linn;
An diochuimhnich sinn Triath na slàint’,
Rinn oighre glòire dhinn?

Ar Tighearna, geds àrd an glòir,
Os cionn gach dùil a thann,
Cha dìchuimhnich e mhuinntir ud
A shaor e air achrann.

Fhuair e an sin an t-aoibhneas àrd
Chaidh ghealltainn le Dia,
N uair dhéirich e on uaigh a suas,
Gudheas-laimh feadh gach ial.

A ghlòir cha chuir àrd-ainglen céill,
Oir tha idol thar luaidh;
Gidheadh is ephrìomh shòlas shuas,
Peacaich a thoirt o thruaigh.

Air son so rinn e tàmh a bhos,
Is bhàsaich e gu caomh;
Air son so thug e buaidh air bàs,
Is tagraidh nis air neamh.

O naoimh a thas gach àitefon spéur,
Sìor mholaibh e gach ;
Seinnibh hosanna aite don
A rinn le bhàs sibh beò.


Oran Eibhinn Uisteach.

Hug o ri no, ro hu ro bho, chan eil a chùis a cordadh rium,
Hug o ri no ro hu ro bho
Dheirich mi la na feille, ’s trom mo cheanns cha neònach e,
Hug o ri no ro hu ro bho, etc.
Buntat ùrs trinnsear maoraich chuir mo ghaol gu bòrd thugam.
Hug o ri no ro hu ro bho, etc.
Dhfhalbh mi leis an damh bheag lachdunn fiach a faighean drobhair dha.
Hug o ri no ro hu ro bho.
Dhfheith mi gu bial na h-oidhche, cha ro phrìs a còrdadh rium.
Hug o ri no ro hu ro bho.
Shuidh mi ann an gleannan fraoich ri taobh fear de na dròbhairean.
Hug o ri no ro hu ro bho.
Nuair chunnaic mi na bhagam ionnsuidh chuir iad curam mor orm.
Hug o ro no ro hu ro bho.
Gu ro Bàillidh-Mor na chabhaigtagairt a chuid coirichean,
Hug o ri no ro hu ro bho.
Chuir enordan na maoir bheaga mas teichinn gu mointeach air.
Hug o ri no ro hu ro buo.
Cuimhnich gu ruig thu mi maireachs a màl ad phòcthugam.
Hug o ri no ro hu ro ho.
Agus roinn dhen t-seannarrearsceart cho cinnteach comhla ris.
Hug o ri no ro hu ro bho.
Cuimhnich gu bheil an t-Achdnam fhabhor, cha bhi dail nis mo agaibh.
Hug o ri no ro hu ro bho.
Thainig Fear Airgead-nam-Bochd is poca beagmorroccoaige.
Hug o ri no ro hu ro bho.
Mur a paidh thus a mhineid cha bhi idirvotagad.
Hug o ri no ro hu ro bho.
Thainig Marsanta-na-Mine, litrichean na dhòrn aig,
Hug o ri no ro hu ro bho.
Labhair es a ghuth air chrith, ’bheil dad idir dhomhsa agad.
Hug o ri no ro hu ro bho.
Mur a paidh thun t-suim uile chan urrainn mi an còr thoirt dhuit.
Thainig Marsanta-na-Ti, ’s da rireamh cha do chord e rium,
Thug thu riarachadh do chach ged nach eil fardein dhomhs agad,
Dhiarr e fiachan bhair mo mhathair on bha minam og-ghiullan,
Gun dthainig Marsanta-chotain, botul aigs gun dol sinn rud,
Oirleam gur e dusan not a thuirt e rium bha coir aig air,
Dheigh an saor orm le cabhaig, trobhad facal oganaich,
An diugh a gheall thu mfhaicinn ceart, thoir tarruinn air do phocaidean,
Afearthug dhomh a chruach as- t-earreach bha e tacan comhla rium,
Thoir dhomh not a gheibh am Baillidhs bheir mi dailsa chor dhe dhut,
Chan fhaighinn o fhear-na-cliabh ach siadaire agus rogaire,
Nuair bu mhiann leamdhol dachaidh nochd an clachairs treodag air.
Cuimhnich am beagan bha eadruinn gu bheil e deiseil dhomhs agad.
Thainig an Griasaiche air fhianaidh is bha droch bhial gu leor aige,
Thainig an Tailleir an nalls gun dfhuair mi dram on oganach,
Cuimhnich air a bheagan thasdan bhagam ort on mhon-uiridh,
Thainig anTravallairGallda, srann aig a chuid chleocanan,
Gu ro dearrsa as a bhroilleach agus lainnir as a bhotainnean,
S ann a thuirt e riums aBheurlaYou must pay the whole of it, ”
S ann a thuirt an gobha rium le truas, gur olc do thuars cha neonach leam,
Chan eil mise an diughnam eigin, gleidh fhein ma bhios corr agad,
Gun sheas a Bhainneach as mo chionn, thoir dhomh mo chrun a rogaire,
Riob an Dotair mi om chul-thaobh, ghabh mi null a chomhradh ris,
Leth-chrun airson bannochdach Challuims mo shalaraidh comhla ris,
Dhfhag mi uaislean ann an dichuimhne, ’s cha do dhiarr iad grot orm,
Maighstir Tearlach Ghearradh-Phailteas agus Alasdair Domhnullach,
Rob Fearghustan, Fear-an-Droma, Donull Clarcs fear-Bhoirinish,
Fiachan o bhliadhna gu bliadhna aca airson siolls cloimh orm.


Bha beum sléibhe ann an cearna den Eadailt air an t-seachdain sa chaidh, agus chaidh da fhichead duine a mharbhadh leis.


BAS.

Ann amPort Morien,Di-luain an 27mh latha, Domhnull I. Mac-Gilleain, 58 bliadhna dhaois.


NADUR EILE.

Tha bean-uasal á Montreal asgriobhadh:— “Tha K. D. C. an deigh mfhear-pòsda a thoirt o bhina mhathan gu bhina dhuine caoimhneil, gràdhach.” Chan e mhain gu bheil esan a thair fhàgail crosda, greannach, le droch stamaig, ’na shàruchadh dha fhéin, ach tha e na throm-uallach air feadhain eile. ’S ann gle ainneamh a gheibhear sonas còmhla ri neach air am bheil an tinneas so, agus bha lan aobhar aig a mhnaoi-uasail so air a bhi taingeil do K. D. C. air son a fear-pòsda a thoirt o bhi cho crosda ri mathan gu bhina dhuine caoimhneil, gradhach. K. D. C. air son na stamaig, agusK . D. C. Pillsair son a chuim.

Cuirear sampuill ugad a nasguidh.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia. —agus—127 State St Boston, Mass.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
Agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar duthcha thanar beachd.


NIALL Mac FHEARGHAIS,
Taillear.
SIDNI - - - - C. B


$1 .00 air 80c.
Tha tuilleadhsa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dhairgead. Thig mum bin t-am seachad agus
FAIGH BARGAN.
McDonald Hanrahan & Co.
Sidni, Iulaidh 16, ’97.


FLUR AGUS MIN
direach as na muillnean.
(Ann am barailtean, leth-bharailtean agus cairteil.)
TI, SIUCAR, TOMBACA, etc.
Am bathar as fhearr air na prisean as isle an coinneamh AIRGEID.
ALASDAIR MARTUINN.
Sidni, C. B., Sept. 1, 1897.

titleIssue 14
internal date1897.0
display date1897
publication date1897
level
reference template

Mac-Talla VI No. 14. %p

parent textVolume 6
<< please select a word
<< please select a page