[113]

[Vol . 6. No. 15. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VI. SIDNI, C. B. DI-HAOINE, 8 OCTOBER, 1897. No. 15.


Ged tha mi gun Chrodh gun Aighean.

SEISD
Ged tha mi gun chrodh gun aighean,
Gun chrodh-laoigh gun chaoraich agam;
Ged tha mi gun chrodh gun aighean,
Gheobh mi fhathast oigear grinn.

Fhir a dhimicheas thar chuantan,
Giulain mile beannachd uamsa,
Dhionnsuidh oigeir achuil dualaich,
Ged nach dfhuair mi e dhomh fhìn.

Fhir a dhimicheas am bealach,
Giulain uamsa mile beannachd;
S faods tu innseadh do mo leannan,
Gum beil mim laidhe so leam fhìn.

Fhleasgaich thainig nall á Suaineart,
Bu tu fhein an sar dhuin-uasal;
Gheobhainn cadal leat gun chluasaig,
Air cho fuars gam biodh an oidhch’.

Ged nach eil mo spreidh air lointean,
Mo chrodh no mo chaoraich bhoidheach,
Bheirinn tochar dhuit an ordugh,
Cho math ri te ogs an tir.

Ged tha mi gun chrodh gun chaoraich,
Chan eil mi gun mhaisem aodann;
Dhfhithinn breacan a bhiodh caol dhuit,
S dheanainn aodach a [ ? ] .

Och! cha teid mi thun na faidhreach;
Cha bhi fearaibh ogg am fhoighneachd;
S ann a chaill iad aile sgoinn diom,
S cha bhi foighneachd air bo-laoigh.

Naile! ’s mise tha fo mhulad,
As mitamhs an t-seomar mhullaich;
An leannan bhagamsa an uiridh,
S ann than diugh rium cul a chinn.

Naile! ’s mise thair mo leonadh,
Mu òigear achuil bhachlaich, bhoidhich;
Gur e sud an sgeul a leon mi,
Thu bhigiulan còtan righ.

Naile! ’s mistha dubhach, deurach,
N seomar ard afuaigheal leine;
Chaidh mo leannan guJamaica ,
S ciod am feum dhomh bhig a chaoidh?


Am Priomh-Riaghladair anAntigonish .

Bha fleadh is greadhnachas anAntigonishDi-Sathuirne so chaidh; Bha brataichean asrannraich, piobangan sgailceadh, is drumaicheangam bualadh. Bha sean agus òg a muigh air an sràid, bodaich is cailleachan, nighneagan is gillean, uilair an eideadh an còmhdach féille, uile air mhire gu sealladh fhaighinn de Phriomh Riaghladair Chanada, Iarla Aberaaidhain agus deBhain-tighearna uasail. Bha da charbad, gach aon air a tharruinn le ceithir eich ghlasa, a feitheamh gus an toirt suas am baile; agusnan cuideachd bha moran de charbadan eile.

Thaghail iad an toiseach aig a Phost Office far an deachaidh fàilte a chur orra ann an ainm a bhaile. An deigh so chaidh iad suas gu Oil-thaigh NaomhFrancis Xavierfar an dfhuair iad failte ann an Gaidhlig, an Laidionn, ’s am Fraingis; agus far an déisd iad ri roinn thaitneach de dhòrain na h-Alba. Chaidh iad as a so dan Chonvent agus gu dearbh bhiodh e duilich bàrr a thoirt air an fhàiltes an fhuran a fhuair iad an sin. Chan fhiach mise ri innseadh cho grinnsa bha gach nicho taitneach sa bhan ceòlceòl Gaidhealach air atharrachadh inneal, cho blàths cho snasmhorsa bha na briathran furain, cho maiseachsa bha na caileagan, cha àluinnsa bhan tallachan fhiach chionn ged dhfhiachach cha burrrinn dhomh a chòir a dheanamh. ’Nuair a bha so seachad chaidh iad suas gu taigh an Easbuig farn do shuidh iad aig cuirm mhor, fhialaidh, fhlathail agus chuir so crioch air latha a thug mor aoibhneas do gach neach.

Anns gach àite thaitinn an t-Iarlasa Bhan-Iarla agus an nighean, a BhaintighearnaMarjorie ,ris gach a[ ? ] . Bha iad cho [ ? ] pròis; agus labhair an t-Iarla le briathran cho caoimhneils cho tuigseachs gun do bhlàthaich gach cridhe riutha. Gum bu fada beò iad!

So agaibh an fhàilte Ghaidhealach a chaidh a leughadhsan Oil-thaigh:—

Da Mhorachd Priomh Riaghladair Chanada, an Ceart Urramach Iain Gordoin, Iarla Aberreadhain. Da Morachd Iseabail, Ban Iarla Aberreadhain.

Mase toil bhur Mòrachd e:—

Tha mor aoibhneas an diughnar talla a chionn gun do dheònaich luchd-ionaid a chrùin taghal oirnn, oir ann an dillseachd dhaibhsan a chuir Dia thairis oirnn mar riaghladairean cha gheill luchd-teagaisg agus luchd-foghluim Oil-thaigh NaomhFrancis Xavieràites àirde do chomunn fon ghréin. Ach tha pàirt againn agus pàirt nach beag aig a bheil aobhar sònraichte a bhi fo aoibhneas, chionn tha sinn a faicinn mar coinneamh anns an inbhe as àirde caraid uasal a chaidh àrach fo sgéith nam beann anns an dùthaich ghràdhaich bhon dthainig ar sinnsear. Agus ged tha sinnen dràsd an Albainn Uir, chaneil an gaol a thug ar n-athraichean do sheann Albainn idir a dol amùthadh. Tha e mar an ciadna na aobhar aoibhneis dhuinn bhur faicinn an sochionn gu bheil enochdadh dhuinn am meas agus an t-urram a tha ar Ban-righnn ghràdhach cho tric a sealltuinn do mhùinntir na h-Alba. Tha e sealltuinn gu bheil i mion-eòlach air a h-eachdraidh, air cliù nan Gaidheal anns gach linn, agus gu bheil an t-eòlas so ag innseadh dhi nach eil foriaghladh finne nas toilltinniche air earbsa ann an gnothuichean cudtromach.

S iad smaointean den t-seòrsa so a tha ag cur blàths an diughnar cridheachan agus a thagar brosnuchadh gus ar gràdhs ar gàirdeachas a chur an céill anns a chainnt a dhionnsaich sinn aig glùin ar màthar, a chainntsan deachaibh ar tàladh le briathran gaoil, a chainnt anns an dfhuair eòlas agus gràdh an tùs a stighnar cridheachan. Agusnuair a than inntinn làn de bhàigh agus de dhaoibhneassi so a chainnt as freagarraiche gus a dùrachd aithris.

Chan eil sinn idir aineolach air cliù a chinnidh uasail air a bheileargur sloinneadh. Bho àm Adhaimh Gordoin a chaths an Talamh Naomh le Righ na Frainge còrr as sia ceud bliabhnair ais bha iad ainmeil anns gach linn. ’S iomadh àitair am freagarradh facail a Bhàird Mhic-Fhionghain:—

Cruaidh, dian bha buaidh nan Gordonach,
Bu lionmhor sguab is dòrlaichean
A bhuain iad air a chòmhnard
Far an dthug na slòigh dhaibh ceann.”

Achs iad so nithean as aithne do gach aon, agus cha ruigear a leas an dràst a bhi tighinn orra.

S mor an t-aobhar uaill dhuinn ma ta ar Priomh Rioghladair a bhi de dhfhuil cho buadhar, ’s tha ar n-aigne gu mor air àrdachadhnuair a bheir sinn fanear gur a h-airidh e anns gach seòl air cliu a shinnsridh.

Bho na thàinig bhur Mòrachd maille ri BaintighearnAberreadhain a Chanada mheall sibh le cheile gaol gach aon ler bàighealachds ler caoimhneas; agus choisinn buadhean arda bhur n-inntinns bhur tuigse meas us urram dhuibh anns gach àite.

Tha sibhn ur n-onair don dùthaich rioghail bhon dthàinig sibh agus tha sibh dhuinne mar shamhladh air gach ni a tha flathail agus uasal.

Mile taing dhuibh ma ta airson bhur ceilidh. ’S fhada bhios e dhuinn na chuimhneachn taitnéach; agus tha sinn an dòchas gun gabh sibh gu caoimhneil ris an dillseachdsan dleasnas a tha sinne ler n-uile-chridhe atairgsinn dhuibh.

Bha an t-Iarlas a Bhan-Iarla ro thaingeil airson na fàilte Ghaidhealach a fhuair iad; agus bho nach rachadh aca fhéin air Gailig a bhruidhinn dhiarr iad air Miss Gunn, bean-uasal a bhanan cuideachd, freagairt air an sonsa chànain so, ni a rinn i le briathran gasda, freagarrach, a thug mor thoileachadh do na Gaidheil a bhaga h-éisdeachd.

AONGHAS.
Oil-thaigh N. F. X., Oct6, 1896.



[114]

[Vol . 6. No. 15. p. 2]

DAIBHIDH II.

Thugadh fainear gu tric gum bu daoine beaga mic dhaoine mòra; gum bu daoine gòrach mic dhaoine glice. Bha sin, gun teagamh, firinneach a thaobh an aoin mhic a dhfhag rìgh Raibeart Brus. Cha robh Daibhidh ach mu chùig bliadhna dhaoisn uair a bhasaichathair. Thugadh an t-ainm sin air mar onair riroimh-shinnsir a rioghaich ceud bliadhna roimhe sud. Shuidhich rìgh Raibeart, roimh a bhàs, gum biodh Sir Tòmas Randolph, Iarl an taobh Mhuirich, air a dheanamhn a Thàinistear, ’s e sinna àrd-riaghlair, air an rioghachd gus an tigeadh Daibhidh gus aois. Bha Randolphn a dhuine comasach, agus bha eriaghladh na rioghachdan ceartas; car cruaidh, theireadh daoinen diugh a bha e. Fhuair e Achd air a dhaingneachadh leis achomhairle, gum feumadh na h-uile Siorraimh pàigheadh air son gach coltair, no inneal treabhaidh eila rachadh a ghoid an taobh a stigh de chriochan na Siorrrachd, a chionn gum be dleasdanas an fhir-dreuchd sin luchd-braid a chumail fo eagal. Ghabh fear-eigin de dhànadas air iaruinn a chroinn fholuch, agus a ràdh gun do ghoideadh iad. Fhuair e on t-Siorraimh an t-suim a mheasadh d o na h-iaruinn sin. Ach fhuaradh a mach airan déigh sin gum be féin a dhfholuich iad. Chroch an Tàinistear e air son a chuid cleasachd. Bann air an dòigh so a bhuin Randolph ris gach fear droch-bheirt. Bha en a shaighdear gaisgeil; agus cha bfhadan déigh bàis an rìgh gus an robh e air a ghairm gu dhol air ceann an airm an còdhail an nàmhaid. Thug Eideard Bailiol oidhirp air crùn Alba fhaotainn da féin goirid an déigh bàis aBhrusaich. Bu mhac e so do Iain Bàiliol, dhethn drinn Eideard I. Shasuinn rìgh mas fhior, agus a dhruid e rìsam prìosunn uair a rinn e féin air son sealbh a ghabhail air Alba. Fhuair e cead a choise greis an déigh sin, ’s chaith e deireadh a làitheans an Fhraingan dìmeas. Thàinig a mhac a nis a nall as an Fhraing, ’s thug rìgh Shasuinn cuideachadh dha os iosal, gu rioghachd Alba thoirt o theaghlach aBhrusaich, air chumha gun aideachadh e righ Shasuinn féin mar Ard-uachdaran Alba. Fhuair e àireamh luchd-leanmhuinn a measg dhaoine mòra Shasuinn, agus mar thanàr ri aithris, a measg dhaoine mòrAlba mar an ceudna. ’N uair a bha Randolph acur an airm an òrdugh air son an ceannairceach ud a chuir sios, bhàsaich e bàs gradam Baile nan Feasgan, ’am mìos deireannach an t-samhraidh, 1332. Rinn Pàrlamaid na rioghachd Iarla Mhàrr, caraid eile do rìgh, Raibeart, ’na Thàinistearan àite Randolph. Cha bu shaighdear Iarla Mhàrr ann; ’s bha bhuil. Thàinig Eideard Bàiliol air tìrs an Eilean-loisgte, ’s àireamh Shasunnachga leantuinn.’ Fhuair e beagan cuideachaidh air taobhs ear Alba. Bha Iarla Mhàrr le buidheann den arm Albannach air campachadh air monadh Dhuplin, ri taobh amhainn Earna. Agus tha e dearbhta gun robh luchd-brathaidhs achamp aig’, a thug misneachdus seòladh do Eideard Bàiliol tighinn orra gun fhios feadh na h-oidhche. Cha robh freiceadan no luchd-fairaig Màrr idir timchioll achaimp; agus mharbh daoinaBhàliolaich aireamh mòr de na h-Albannaich, ’n uair thàinig iad orra gun fhios, agus an Tàinistear féinus triùir no ceathrar eile de àrd mhaithean na tìremeasg chàich. Bha Iarla Mharch atriall gu tuath le roinn den arm gus an Tàinistear a chuideachadh; ’sn uair a chual e mar a thachair chleachd se e féinan dòigh co neònachs gun do smuainich an sluagh gur h-ann air taobh aBhàiliolaich a bha e. An déigh na buaidh bigud, ghreas Eideard Bàiliol gu ruig Scoinne, far an dfhuair se e féin a chrùnadh. Thug en ath starradh as gu ruig Sasunn a dheanamh ùmhlachd do Eideard, ’s an ath char air ais do Alba gu fleadhachas. Ach cha bfhada mheal en onair. Chan fhuilingeadh na h-Albannaich a chluinntinn gun robh iad gu bhi air an riaghladh le seirbhiseach do rìgh Shasuinn; ’s mar sin rinn iad air son Eideard a rotadh air falbh an taobh as an tàinig e. Thog dithis no triùir den fheadhainn bu tapaidh a measg àrd-mhaithean na rioghachd buidheann luchd-leanmhuinn gu folchuidh, ’s thuit iad air aBhàiliolachs e air féisd an àite faisg air Annan, ’s ghearr iadn am mìribh a luchd-coimhideachd, a measg an robh a bhràthair, ’s theich e féin air muin eich gu ruig Sasunn le leithid de chabhaigs nach dfhuirich e rifhailuinn a chur uime, no diollaid a chur aireach.

Fhuair Eideard Shasuinn samhladh lethsgeil a nis gu briseadh a steach air Alba, gus an sluagh a pheanasachadh air son an ceannairc. Threòraich e armailt mhòr do Alba, ’s chuir e séisd ri Bearuic, baile mor air achrìch Shasunnaich. Thog Sir Aindreas Muireagh, a bha nisn a Thàinistear, armailt bheag, ’s chaidh e gu deas annan coinneamh an t-Sasunnaich. Chuir iad blàr air cnoc Halidoin, mu dhà mhìle o Bhearuic. Chaill na h-Albannaich an latha, ’s bhan Tainistear féin a measg an fheadhainn a thuit. An déigh abhlàir so thriall Eideard gu tuath, ’s chuir e Bàiliol suas a rìsna rìgh air taobhs iarus tuath Alba, ’s ghabh e sealbh air cearnaibh deas na rioghachd dha féin. Cha dfhuair Bàiliol ach àireamh beag de na h-àrd-uaislean gu ùmhlachd idir a thoirt da. Agus an déigh caochladh oidhirpean neo-shoirbheachail a thoirt air ceud de na caistealan a bhacumail a mach an aobhar rìgh Daibhidh a cheannsachadh, béigin dachasan a thoirt leis á Alba a muighs a mach, agus an déigh sin rìnn e atharrais air an dearbh ghniomh tàireil, fealltach, a rinnathair roimhe, ann an toirt seachad riaghladh Alba gu h-iomlan, ’s gu bràth do rìgh Shasuinn; ’s mar shamhladh air amhagaireachd so thug e dha làn a dhuirn de ùir Albagus crùn òir. Ma bfhior do Eideard III. gum bu leòir sud gu làn choir a thoirt dha féin air Alba. Thug e blàthachadh pàighidh don Bhàiliolach, a thug a chasan leis don Fhraing, ’s chaneil eachdraidh adeanamh tuilleadh iomraidh air. Rinn Eideard Shasuinn a nis air son Alba fhaotainn air na h-uile cor. ’An toiseach nan trioblaidean so bha Daibhidh òg Brus ga ghleidheadhan Caisteal Dhunbartoin, daingneach co làidirs a bhan Alban uair ud. Achn uair a chunncas gun robh rìgh Shasuinns an eadraigin chuireadh Daibhidh a null don Fhraing anns abhliadhna 1332, a chum gum faigheadh e fòghlum iomchuidh don inbhes an robh e, agus gum biodh e tearuinto chunnart gus an tigeadh e gu aois. Agus lean an cogadh gun lasachadh eadar Alb’ ’us Sasunn am feadh a bha e air chuairts an rioghachd sin. Ach chaneil eachdraidh adeanamh iomraidh air gun do sheas an t-arm Albannach blàir na h-ùine sin ris an nàmhad an déigh Halidoin. Bhiodh buidhnean beaga gun teagamh, acoinneachadh a chéile dhiubh, timchioll air stéidh chaistealan, agus atarruing folo àm gu h-àm. Ach an déigh an fhuiltich ud a dhainmich sinn, tha e soilleir gun do lean na h-Albannaich achomhairl a thug rìgh Raibeart dhoibh, ris a bheilTiomnadh an deadh rìgh Raibeirt,” air a ràdh. Be sin, co trics a bhriseadh na Sasunnaich a steach air an tìr, gun tugadh an gluagh iad féin as do na beanntaibh, ’s do na h-àitibh garbh eile a bha feadh na dùthcha len cuid spréidh’, ’us gun loisgeadh iad na h-uile sion a bha fàs á talamh dem burrainn an nàmhaid feum a dheanamh; ’s gun tugadh so air an arm Shasunnach pilltinn air an ais gun dad air son an saothrach. Agus fhuair na h-Albannaich a mach lem féin-fhiosrachadh gum be sud dòigh bu fhreagarraiche sam bith air son iad féin a chumail saor o chuing nan Sasunnach. Thàinig Daibhibh air ais gurioghachd féins abhliadhna 1341. Bha e ochd bliadhna deug a dhaoisan sin, agus air pòsadh Ioanna, piuthar rìgh Shasuinn. Bha e ro mheasail aig a chuid iochdaranaibh an uair a thàinig e air ais; ach bha aobhar acam barail uime chaochladh an déigh sin. Bha e ro fhadana cheann, ro bhrasna nàdur, ro dhéigheil air cluich, agus anns na h-uile seadh neo-fhreagarrach air son riaghlaidh.

Mun àms an tàinig Daibhidh air ais do Alba, bha cogadh eadar Sasunns an Fhraing, ni a thug cothrom anail do na h-Albannaich bhochda. Chuir righ na Fraingimpidh air Daibhidh briseadh a steach air Sasunn le armailt gus an tarruingeadh e uaithe fein ni-eigin de chumhachd na rioghachd sin. Bha Daibhidh co amaideachs gun do ghabh en impidh sin o righ na Frainge; ’s bha e co fadana cheanns gum feumadh a ludhd-comhairle, comhairla ghabhail uaithe. Ghabh e air aghart gu deas le àireamh mhath shaighdearan, ag oidhirpeachadh a dheanamh air na Sasunnaich an ni is tric a rinn iadsan air Alba, creachadhus losgadh le tein’ ’us claidheamh. Bha Eideard III. ’s an Fhraing an sin. Ach thog na Sasunnaich arm aig a bhaila



[115]

[Vol . 6. No. 15. p. 3]

chuir iad an aghaidh nan Albannach. Choinnich an armailt aig aite ris an abrar Crois Nebhil. Cha robh Daibhidh ach mu thri bliadhna fichead a dhaois an uair sin, agus gidheadh dhfheumadh e comannd an airm fhaotainnna laimh féin. Dhinnis àrd-oifigich an airm dha mar bu chòir na daoina churan òrdugh, agus an cunnart a bhiodh ann mur biodh marc-shluagh deiseil air son na fir-bhogha Shasunnach a sgapadh. Cha tugadh Daibhidh éisdeachd do mhòr no do bheag, ach a dhòigh féin a leantuinn. ’S e bun a bhann, chaill na h-Albannaich an . Thuit mòran den àrd-uaisleans a bhlàr, ’s chaidh mòran a ghlacadh nam priosanaich, a measg an robh Daibhldh fein. Lean làmh chli an airm air cath fad an déigh don chuid eile an ruaig a ghabhail, tharruing iad an sin air falbh ann an deagh ordugh, agus gu sàbhailt. Bhachuid so fo stiùireadh Iarla Mharch, agus Stiubhart Alba. Chuireadh Daibhidh air muin eich mhoir, dhuibh, ’s threòraicheadh em fianuis an t-sluaigh uile, mar phriosanach gu Tùr Lunuinn, far an do choinnich e Iain, righ na Fraing’, a bha co-ionnan mi-fhortanach ris féin, air a dheanamh na phriosunach cogaidh leis aPhrionnsa Dhubh mac righ Shasuinn. Chumadh Daibhidh aon bhliadhna deugna bhraighdeannachan Sasunn. Agus lean Eideard re na h-ùine sin air cogadh ri Alba mar a burrrinn e, le sùil ris an rioghachd a cheannsachadh dha féin gu h-iomlan. Bha cuimhne re ùine fhadair garg-ionnsaidh a thug e air Alban toiseach na bliadhna 1355. Tha meud a challarinn e air an turus ud air a chuimhneachadh leis an Fhéill-Bride-Loisgte. Tha e coslach gun robh araon na Sasunnaichs na h-Albannaich alosgadhs an àm ud. Fadheòidh, ’nuair a dhaithnich an Sasunnach nach robh feum a bhi ri Alba, leig e cead a choise le Daibhidh, air chumha gum pàigheadh e còrr maithus muillean punnd Sasunnach mar éiric air son a shaorsainn. Ghabh Daibhidh os laimh an t-suim sin a thional co luaths a gheibheadh e da thir féin. Ach cha robh na muileana co lionmhor an Alb an uair sins a tha iad a nis, bhan t-airgiod atighinn an ceann a cheile gu h-anabarrach mall. Bha na fiachan ud mar chlaich-mhuillinn mu mhuinneal an righ, ga chumailan seadh àraidh, ’na chiomach, ged a bhashaorsainn aige. Aguss ann a fhuaradh a mach gun robh Daibhidh acùmhnantachadh ri Eideard Shasuinn air son oighredheanamh dheth air rioghachd Alba, chionn nach robh duine cloinnaige fein, air sgàth e mhaitheadh na fiachan da. Ach an uair a thàinig an gnothuch os ceann bùird, béigin don righ sgur dheth. Cha robh na h-Albannaich adol idir a ghéilleadh da leithid. Bha, mar sin, gnothuch an airgid air fhàgail aig na righribh gus a réiteachadh eatorra mar a bfhearr a dhfheudadh iad.

Bann mun àm so a bha plàigh ro eagallach air feadh uile rioghachdan na Roinn-Eòrpa. Bha na h-ainmhidhean féin ga ghabhail o aon a cheile, agus eadhon o dhaoinibh, nam buineadh iad ri eudach duina bhàsaich leatha. Bha i air sgaoileadh feadh Shasuinn greis mhaith mun tàinig i dhAlbidir. Theireadh na h-Albannaichbàs sgreataidh nan Sasunnach,” rithe. Thachair gun robh armailt Albannach cruinnam fridh Shelcirc, ’an ceann deas na rioghachd. Thàinig aphlàighn am measg gun fhios cionnus. Chaidh cuig mìle den armailt adhlacadh an sin mun do sgaoil iad o chéile. Ach lean aphlàigh iad do gach cearna den rioghachd. Tha luchd-eachdraidh ag aithris gun do bhàsaich treas earrann an t-sluaigh leatha. Gun teagamhs i plàigh a boillteil’, agus is chuir de uamhas air daoinibh air a bheil iomradhan eachdraidh an t-saoghail.

Bhàsaich Daibhidh II. ’s abhliadhna 1371, ’s an t-seachdamh bliadhna thar dha fhichead deaois, agus rioghaich Raibeart Stiubhart, mac a pheathar, ’n a aite.


TEAGHLACH NAN STIUBHARTACH.

A measg an àireimh mhòir luchd-leanmhuinn a thàinig á Sasunn do Alban déigh ban-rìgh Mairireit, bha fear Ualter Fits-Alan. Fhuair am fear so an dreuchd urramach sin, a bhina Stiùbhart air teaghlach an rìgh ri linn Dhaibhidh I. An déigh sin thàinig an àrd dhreuchd so gu bhi oighreachailan teeghlach Fits-Alain. Agus mar sin thàinig iad gu bhi air an sloinneadh a réir an dreuchd, Stiubhartaich. Bha Ualtar Stiubhart, an seathamh fear den teaghlach sona àrd-stiùbhart air teaghlach an rìgh ri linn Raibeart Brus. Bha Ualter sona shaighdear gaisgeil. Bha Raibeart Brus co riaraichte leis an dòighs an do chleachd an Stiubhart e féin Allt-a’ -Bhonnaich, ’s gun tug e dha Margori, a nighean féin, ri pòsadh, an ath-bhliadhnan déigh sin. Cha robh duine cloinneil aig a Bhrusach an uair sin. Thàinig Daibhidh a rugadh an déigh sud, a dhionnsuidh achrùin aig bàsathar. Ach mar a bhàsaich esan gun chloinn biphiuthars a teaghlach a bfhaisg air an rìgh-chaithir. Thug Uilleam, Iarla Dhùghlais, aig an àm cheudna tàmhadh a dhionnsuidh achrùin, ged nach robh còir dhligheach sam bith aig’, ach gum bu duine buaireasach e, a bha ro chumhachdach; agus is gann a burrainn na Stiubhartaich leis a chlaidheamh curna aghaidh. Ach fhuair e nighean Raibeart II. gu bhi air a pòsadh ri mhac féin. Thug sin air a bhi sàmhach aig an àm, agus chaidh Raibeart II a chrùnadh an sin gun neach acurnaaghaidh. Bha e fhicheads a cùig deugn uair a thòisich e air rioghachadh. Bha e air bhi nadheadh shaighdearna òige. Ach bha e nis gu maith trom; agus bha galars na sùilibh aiga bha gan deanamh dearg mar fhuil. Bu duine measail e; ach cha robh e co smachdail, ’s co treuns a dhfheumadh prionnsana àite-san a bhi, air son ùghdarras a ghlacadhs a chumail thairis air an t-sluagh. Cha robh smachd sam bith ga chumail orra ri linn riaghladh fann Dhaibhidh, ’s bha na cinn-fheadhn’, araon a tuaths a deas air dol ann am fiadh le cogadhus creachadh nam measg féin, ’s an aghaidh nan Sasunnach. Ged dheanadh righ Raibeart sìth ris na Sasunnaich, bha teaghlach nan Dùghlasach, ’s cinn-feadhneile ris achrich, gam faotainn féin aig saorsainn gus an coimhearsnaich Dheasach a chreachadh an déigh sin uile. Agus bhiodh sin a toirt dragh air an rìgh anns nach robh làmh air bith aige féin.

Thàinig buidheann Fhrangach mun àm so a chòmhnadh nan Albannachan aghaidh nan Sasunnach, ’an dùil gum faigheadh iad cliùs saoibhreas mar dhuais an saothrach. Bha Admaral de Vinnena cheannard air na Frangaich. Chruinnich Richard II., rìgh Shasuinn, armailt ro lionmhor a chuir e nall do Alba. Bha na Frangaich a brosnachadh nan Albannach gu blàir a sheasamh ris na nàmhaid, ach cha deanadh na h-Albannaich sud. Thuirt na h-oifigearan Albannach gun faicteadh gu h-aithghearr na Sasunnaich apilltinn dachaidh le call mhòran sluaigh, ’s gun dad air son an turuis, gun chlaidheamh a tharruing á truaill. Bamhuil a thachair. ’N uair a chunncas na Sasunnaich a tighinn, chaidh tinntean rabhaidh fhadadh aìr mullaichibh nan cnoc mar a bàbhaist, aon chnoc, mar gum beadh ga chur uaithe féin gu cnoc eile. Ghluais an sluagh len cuid spréidhe don ionadaibh a measg nan creags nam beann, ’s chuir iad ri theine an àitean còmhnuidh. Chan fhaigheadh na naimhdean dad a dhitheadh iad, no duinair an deanadh iad dioghaltas. Agus an déigh cuairt fhada, sgìth, a ghabhail feadh na dùthcha, phill iad air an ais, afàgail as an déigh mòran den cuid daoin’ ’s each a thuit le sgìosus ocras. Aig an àm cheudna thòisich na saighdearan Albannach air creachadh an taobh tuath Shasuinn, far nach robh neach a burrainn seasamh nan aghaidh. Thionail iad pailteas creiches bha iad acaitheadh na h-ùine glé shòghmhore an tìr bheartaich ud, ’n uair a bha na saighdearan Sasunnach abàsachadh le goirtus sgìosan tìr fhàsal. Thàinig na Frangaich gu aimhreit air son a lughads a bha iad féin a faotainn de thuarasdal. Ach cha be mhàin nach pàighteadh dad dhoibh sinan Alba, ach chan fhaigheadh iad cothrom falbh don tìr féin gus an gealladh iad pàigheadh air son an cumail suas na h-ùine a bha iadan Alba. Ach bhan Dùghlasach deònach gu leòr air cath a chumail ris na Sasuinnaichn uair nach biodh ann diubh ach àireamh cuimseach, ni-eigin cosmhuil ris an àireamh luchd-leanmhuinn a bhiodh aige féin. Bu nàr leis e féin fholuchan teugmhail den t-seòrsa sin.

An deireadh an t-Samhraidh 1388, bhris an creachadair so a steach air taobh tuath Shasuinn le buidheann lionmhor luchd-leanmhuinn. Chuir IarlaNorthumberlanda

(Air a leantuinn air taobh 118.)



[116]

[Vol . 6. No. 15. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig garn ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh dan duileig, agus, nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton


SIDNI, 8 OCTOBER, 1897.

Domhnull Mac Dhomhnuill.

SEANN GHAIDHEAL FIACHAIL.

(Eadar. leIain Dubh. ”)

Robh thu air mhisg na nach robh?”

Cha robh mi air mhisg ach bha drama agam.”

Gu de na bhagad do dheoch?”

Fhuair mi dhrama neo trì, nas dòcha tuileadh; gu dearbh cha robh mi gleidheadh cunntas orra.”

Tha fios agad a dhaoine-usail gu bheil caochladh bheachdan aig daoine a thaobh gu de na bhiodh aig daoine do dheoch, man cainte gu robh e air mhisg.” “Dhfaodadh dthu innseadh cuin a shaoileadh tu, féin daoine bhi air mhisg?”

Cha shaoileansa gu robh duine airmhisg gus an tuiteadh e far am biodh e na sheasamh, ’s nach burrainn dha greimachadh air an fheur far an robh e na laidhe.”

Cha deach an còr cheistean a chur air Dòmhnull an latha sin.

Co-dhùnaidh sin le aon naigheachd eile air Dòmhnull agus nasupervaesors. ”Bha e latha buachailleachd ann an aon dhe na glinn os cionn Loch Fìne. Bha ecumaill ceithir choin air son an aobhar sin. Bha fear do na gàidserean aig an robh gamhlas do Dhòmhnull, agus rinn e suasinntinn gum peanasaicheadh e e nam burrainn e.

Gu de tha thu deanamh leis na ceithir choin sin a Mhic Dhòmhnuill?” arsesan aon latha.

Tha,” arsa Dòmhnull, “toirt an aire air mo ghnothaich féin, aguss fearr dhutsa an aire toirt air do ghnothaich féin.”

“ ’S cinnteach nacheil feum agad air na ceithir.”

Tha, ’s chuirean feum air urad eile nam biodhad agam.”

Chi sinn mu dhéibhinn na cùis sin,” arsan gàidsear.

Ann am beagan laithean fhuair Dòmhnull sumanadh gu e féin a nochdadh ann an Dùnoin gu cunntas a thoirt a thaobh nach robh e paigheadh cìs air son a h-aon dhe na coin aig. Bidh fios aig an leubhadair gu bheil coin a thair an gleidheadh air son ciobaireachdus buachailleachd sàor on a chìs bhliadhnail.

Fhuair Dòmhnull litir o mhaighstir a dearbhadh gu robh feum aig air a h-uile gin do na coin. Dhfalbh Dòmhnull gu sùnndach gu Dùnoin lecheithir choin ri shàil. Thug e latha air an t-astar a choiseachd, ach ràinig e air an latha agus an uair shuidhichte.

Nacheil thusa,” arsam fear a bha ga cheasnachadh, “a gleidheadh ceithir choin?”

Tha, leur cead, ’s thug mi leam iad gus am faiceadh sibh iad.”

O! cha ruigeadh tu leis a bhi aig an dragh, ach carson nacheil thu paigheadh cìs air son gin dhiubh?”

Tha feum agam air a h-uile h-aon dhiubh.”

“ ’S cinnteach nacheil feum agad air a ceithir co-dhiu?”

Tha, agus so agaibh litir o mo mhaighstir gun cuirean feum air urad eile nam biodh iad agam,”

Seall dhomh iTha sin gu leòr, tha sin a cur crioch air a chùis a Mhic Dhòmhnuill, faodaidh tu féins do chuid choin falbh dhachaidh.”

Chaneil,” arsa Dòmhnull, “sin a cur crioch air a chuis, ’s fada mas eil. Bheil guth gu bhi air mo shaothairsa tighinn a so agus saothair mo chuid chon? Seall air mo chosgais an latha thug mi air tighinn agus cosgais nan con, agus urad eile dol dachaidh. ’Bharrachd air a sin bfheudar dhomh fear a chur nam àite aig an tigh agus deich tastainsan latha thoirt dha. Agu s a dhaoine-uaisle chaneil a chùis seachad mar sin idirs cha bhi gus an càraich sibh namdhòrnsa ceithir puinnd-Sasunnach.”

Sheall a luchd-casaid air a cheilenuair a chualiad so, agus air dhaibh reusonachadh eatorra féin smaonaich iad gum bu ghlicdhaibh na cùmhnantan aig Dhòmhnuill a ghabhail.

Mar sin,” arsa Dòmhnull, “thainig mise dhachaidh le mo cheithir puinnd na mo phòca. Ach bidh iongnadh oirbh carson a thug mi leam na coin gu Dùnoin. Ma ta innsidh mi dhiubh rud nach dinnnis mi dha nasupervaesors. ’Bha agam ri dol gu Dùnoin co dhiu, gu treud chruidh a thoir dhachaidh dha mo mhaighstir.” —Highland News.


Tha an t-Urr. Iain Mac-an-Tòisich, B. D., a bha fad samhraidh no dha asearmonachadh an Louisburg, a nis air a shuidheachadh ann an paraiste an siorrachd Hants. Tha am paraiste mor, agus tha tri eaglaisean ann, —aon ann am Maitland, am Milfords an Kennetcook. Buinidh Mr. Mac anTòisich do Mhalagawatch, agus choisinn e deagh chliù dha fhéin mar fhòghlumaiche ann an oil-thigh Dhalhousie. Tha MAC-TALLA aguidhe soirbheachadh math a bhi leisna shaothair.


MacCoinnich & Co.

Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh
ANN AN LOUISBURG,
agus tha sinn aig an àm cheudna acumail air adhart air an t-seann laraich,
ANN AN SIDNI.

Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.

Theid sinn an urras air an obair.
Mac Coinnich & Co.


F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC

An aon fhear dhe sheòrsa thair Eilean Cheap Breatunn.

Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J Morley.

Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dhas coir dha toghal air.

Tha stoc math de speuclaireans de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.

Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. A seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.

THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHANEUREKAair a cheart phris air am beilearg an creic aig na muillin.

Tha Factoridh Eureka air aon den fheadhain as fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar adeanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.

Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.

Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. MacFhionghain, Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitches Creek.Tha mu dheichair fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd lathan deigh a chlòimh chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.



[117]

[Vol . 6. No. 15. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Tha teinntean mora air naprairiestimchioll air baile Winnipeg, a thacur call mor air na tuathanaich.

Tha fearArtur Drapeauair tilleadh á Clondaic gu Ottawa le da cheud mile dolair de dhòr. Mun dfhalbh e do Chlondaic an toiseach bha e ris an obair-latha.

Tha an carbad a nise fàgail Shidni aig sia uaireansa mhaduinn, agus cha bhi falbh air ach an fheadhainn dhan fheudar.

Tha coinneamh gu bhi aig Comunn na Sgoil Shàbaid ann am baile Halifacs Di-luain, Di-màirt, agus Di-ciaduin sa tighinn. Tha sùil ri àireamh mhath a bhi ann.

Tha Seanadh na h-Eaglais Chléirich cruinn ann amMoncton , N. B. ,air an t-seachdain so. Dhfhalbh an t-Urr, I . F. Forbes,ministeirSt . Andrews, Di-luain gu bhi aig achoinneamh.

Tha iad ag radh gun dthainig barrachd sluaigh a stigh do bhaile Halifax air Dior-daoin anexhibitionna thainig ann air aon latha riamh roimhe. Bha an t-exhibitiongle mhath, agus tharruinn e moran sluaigh.

Chaidh fear Gordon Mac Aoidh, ann am Braid-Albainn, E. P. I., a ghoirteachadh gu dona le tuiteam fon charbad-smùide o chionn da sheachdain. Chaidh te dhechasan a phrannadh cho donas gum bfheudar a gearradh dheth.

Thatar ameas gu robh mu mhile de mhuinntir Cheap Breatunn aig an fhéill ann aHalifacs air an t-seachdain sa chaidh. Aon latha bha aona carbad deug as deigh an eich-iaruinn aruigheachdPoint Tupper,agus iad uile làn, Oidhche Shathurna, bha an carbad ceithir uairean anmoch a ruigheachd Shidni; bha e air a chumail air deireadh leis na bha de charbadan eile afalbhsa tighinn eadar Halifacs us Mulgrave.

Tha mèinn òir ann an Nobha Scotia as am bheileas gach mios a toirt mu thri cheud ùnnsa de dhòr glan. Tha iadsan leis an leis i ann anNew Glasgow,agus tha iad adeanamh mile dolairsa mhios oirre, a bharrachd air gach cosguis. Cha mhor gu bheil fhios aig duinach iad fhéins aig muinntir abhaile càite bheil i no gu bheil a leithid ann idir, achnam bann an Clondaic a bhitheadh i, chluinneadh an saoghal ma deibhinn o chionn fhada.

Chaochail seana mhinisteir den eaglais Lutheran ann an Lunenburg o chionn da sheachdain air ais, an t-Urr. Dr. Cossman. Bha e ceithir fichead bliadhnasa h-aon deug a dhaois, agus bha ena mhinisteir tri fichead bliadhna. na h-ùine sin, bhaist e ceithir mile pearsa, rinn e sia ceud us ceithir fichead pòsadh, bha e aig mile tiodhlacadh, shiubhail e da cheud mile de mhiltean, agus rinn e aona mile deug searmon. Be aon de na ministearan bu shine bhan Nobha Scotia.

Oidhche Di-luain sa chaidh, bhrist teine mach ann an tigh leAlfred Boutilier,air sràid Falmouth, agus chaidh a losgadh gu dona. ’S ann eadar uair us da uairsa mhaduinn a thòisich an teine, agus bha e air greim math a dheanamh mun dfhuaireadh an t-uisge ga ionnsuidh. Ghabh an teìne greim air mullach a mhansa, a tha ri taobh an tuighe, ach fhuaireadh a chur as mun drinn e call mor sam bith. Chaidh sabhal beag a bhair cùl an taighe a losgadh cuideachd. Chan eil fhios ciamar a thòisich an teine. Nan robh stoirm air a bhi ann bhiodh call mor air a dheanamh anns abhaile, ach gu fortanach bhan oidhche ciùin, samhach, agus cha dfhuair an teine mar sin cothrom sgaoileadh.

Cha dfhuaireadh fhathast a mach thainig ri beathan Armenianaich a fhuaireadh marbh ann an siorrachd Cholchester o chionn da sheachdain air ais. Cha deach a robaigeadh idir, agus chan eil fhios air aobhar sam bith a bhiodh aig duine a mhort. Chan eil fhios nach bann le sgiorradh a chaidh a mharbhadh.


An t-Ard-Riaghladair ann an Ceap Breatunn.

Bha an t-Ard-Riaghladair agus a Bhain-tighearna ann an Sidni oidhche Di-màrt agussa mhaduinn Di-ciaduin. Thainig an carbad-smùide a bhag an giùlan féins an cuideachd a stigh mu leth-uair an deigh seachd, agus an deigh don t-sluagh fàilte chur orra aig a chala, chaidh an toirt ann an carbadan troimhn bhaile. Bha na taighean agus na stòraichean air na sràidean troimhn deachaidh iad air an soillseachadh gu briagha, agus bha àireamh mhor sluaighg am feitheamh anns gach àitesga fàilteachadh gu cridheil. An deigh cuaìrt a chur mar sin air abhaile chaidh iad air ais don charbad, farn do chuir iad seachad an oidhche. Anns amhaduinn, aig deich uairean, chaidh na saor-dhionadaireannan choinneamh le piobaire (Iain Siosal á Pictou, aguss math am piobaire e) air an ceann, agus threóraich iad iad gu tigh-na-cùrtach far an robh òraid di-beathachaidh air a liubhairt le Mr. Raonull Gillios air son a bhaile. Rinn an t-Ard-Riaghladair òraid thaitneach, anns an dthug e taing do mhuinntir Shidni agus Cheap Breatunn air fad air son na fàilte chuidheil a chuir iad air fhéins air a chéile. Leabhair a Bhain-tighearna beagan fhacal ann an Gàilig, acur fàilte air Gàidheil Cheap Breatunn, agus ag innse cho toilichtesa bha i bhinam measg Rugadh agus thogadh ise air iGhàidhealtachd. An deigh don Ard-Riaghladair beagan a labhairt aig dorus tigh-na-cùrtach, chaidh a chuideachd air adhart dhionnsuidh an tighe-sgoile, farn do labhair e a rithist, agus farn do sheinn a chlann a dha no tri dhòrain air dhòigh a chòrd ris na h-uaislean anabarrach math. An deigh sin, chaidh iad dhionnsuidh aChonvent far an drinneadh tuilleadh leabhairt, agus seinn; á sin chaidh iad air ais dhionnsuidh achala, agus an ceann beagan mhionaidean dhfhalbh an carbad leotha gu Louisburg. Thainig iad air ais gu Sidni air an oidhche. ’Sa mhaduinnchaidh iad a null air abhàt-aiseig gu Sidni Tuath, agus un deigh treis dhen latha chur seachad an sin ghabh iad air adhart dhionnsuidh nanNarrowsMhora. Tha sinn acluinntinn gu bheil iad á sin adol gu Baddeck agus gu Hogamah mum fàg iad an t-eilean. ’Se so acheud uair don chàraid uasail so bhi ann an Ceap Breatunn, agusses dòcha nach ceadaich `uine dhaibh tighnn ann tuilleadh; achsi ar barail fhéin nach bi aithreachas sam bith orra air son achuairt so a thoirt, oir chaidh làn dith am beatha dheanamh, agus rinneadh gach ni air an son a shaoil an sluagh a bheireadh toil-inntinn dhaìbh, agus a chuireadh urram orra mar luchd-ionaid na Bàn righnn.


LEABHRAICHEAN GAILIG.

Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .30
Gramar Gailig, le Dr. H. C. MacIlliosa 1.10
Gaelic Class Book .35

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte.
Sgriobh gu
J . G. MACKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, C. B.


J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsas fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B.


BADDECK, - - C. B.
Airson a stor a dheanamh nas deiseiles nas feumaile dhaibhsan a thadeanamh gnothuch ris, tha
Albert I. Hart
anise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha achuid sin den ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am BostonsanNew York.Gheibh iadsan a thig ga h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDECK , - - C. B.


IUBILI!
THIG AGUS FAIC!
Ceannachd ur us Prisean ura.
A h-uile ni cho saors nach fhaod mi innse.
Niall Domhnullach.
Ceann an Iar a Bhaile.
BADDECK , - - C. B.
A Ghàiligsa Bheurla air an aon phris.



[118]

[Vol . 6. No. 15. p. 6]

(Air a leantuiun o thaobh 115.)

dhithis mac, Sir Eanruic agus Sir Ralph Perci, ’an coinneamh nan ceatharnach Albannach gu stad a chur orra. Chaidh na fir am badaibh a chéilair taobh a muigh balla Caisteal Nomha. Theireadh iad Hotspur ri Sir Eanruic a thaobh co brass a bha e. Bhuail am fear so agus Iarla Dhùghlais air còmhrag ri chéile mar dhà churaidh. Anns achòmhrag so fhuair an Dùghlasach greim air sleagh an t-Sasunnaich, ri mìr grinn de shide air a ghréiseadh le neamhnaidibh air an robh dealbh leòmhain air a tharruing. Thog an Dùghlasach an comharradh buaidh so gu h-àrd os ceann a chloiginn, ’s ghlaodh e gun tugadh e leis do Albe, ’s gun càireadh e air achaisteal féin an Dail- e. “Cha dean thu sin gu bràth,” ars an Sasunnach, “coisnidh mi fathast mo lann, mum faigh thus air t-ais a dhAlba.” ’S ann mar sud a bha. ’N uair a thruis an Dùghlasach de chreich na chaidh aig air, thionndaidh e aghaidh gu tuath. Achn uair a rainig e àite ris an abrar Oterburn, mu fhichead mìlo chrich Alba, rùnaich e campachadh an sin gun fhios nach tugadh Hotspur oidhirp air alann a chosnadh a rìs. Bhan cluich co miliss gum bu mhòr am beud leis an Dùghlasach a leigeadh seachad. Mu anmoch an dara feasgar an deigh dhoibh stad, bha na h-Albannaich agabhail an suipeir, ’s cuid air gabhail mu thàmh, ’n uair a chualas àrd-ghlaodh, “Perci, Perci. ”Bhan oidhche soilleir le àirde gealaich. Bha na h-Albannaich an ordugh cho luaths a ghabhadh e deanamh; sheas na laoich aig a cheile. Chuireadh bratach an t-Sasunnaich mu choinneamh bratachan Dùghlasaich. Ach bha triuir aig Hotspur mun aon a bhaig an Dùghlasach; agus goiridan deigh bualadh gu chéile thòisich na h-Albannaich adol an coinneamh an cùl. Air faicinn sin don Dùghlasach ghabh e tuagh chathanns gach làimhs ghlaodh e mach, “Dùghlas! Dùghlas!” ’s réitich e rathad dha féin troimh an nàmhaid. Ach mun gann a bha sin deanta thuit e sios air a leònadh le trì lotaibh bàsmhor, ’s cha bu luaithe a bha e ri talamh na chuir Sasunnach eilan tuagh troimhn cheann aige, ’s gun fhios aige c o bhann. Bha càirdean an Dùghlasaich féin air a chulaobhs mun cuairt da, agus air tòiseachadh le neart nuadh acur air ais nan Sasunnach. Dhlùthaich Sir Iain Sinclair, a bu charaid dha, ris, ’s atogail a chinn làn fola on talamh thuirt e, “Cionnus a tha thu charaid?” “Chan eil ach gu meadhonach,” ars an ceann-feadhna, “ach buidheachas do Dhia, cha do bhàsaich ach tearc dem aithrichean air an leabaidh. Tha mi guidheadh ort mo bhàs a dhioladh, oir tha mo chridhe a dol an laigead na h-uile tiota: tog mo bhratach a tha air an làr o bhàs an uasail a bha ga giùlan, ’s thoir do neach eili; ghlaodh Dùghlas! ’s na innis do charaid na do eas-caraid nach eil minur measg.” Air a sin bhàsaich e; thilg iad falluing air achorp, ’s rinneadh mar a dhiarr e. An uair a chuala na h-Albannaich an glaodh-catha, thionail iad timchioll na brataich, ’s bhrùchd iad air ais na Sasunnaich, a thionndaidh an cùl riuthaan ùine ghoirid. Ghlac iad moran diubhn am prìosunaich, a measg an robh Hotspur féin. Bann mar so a choisinn an Dùghlasach marbh abhuaidh. Thug iad a chorp do Abaid Mhelros, ’s chroch iad sleagh an t-Sasunnaich os ceann na h-uaigh a rinneadh dha.

Bhàsaich Raibeart II. ’an deadh shean aois, anns an fhicheadamh bliadhna derioghachadh. Dhfhàg e ceathrar mhac, agus rioghaich am fear bu shine dhiubh, ris an abrar Raibeart III., ’na àite. —Eachdraidh na h-Alba.


Beachdan nan Gaidheal.

Tha cuid ann a tha ag aicheadh gun dthug na Gaidheil aoradh, aig am air bith, do ni no neach ach dhasan dan dlighe aoradh: their iad gur tuaileas a tha air a chur orra an uair a theirear mun deibhinn gun robh iad atoirt aoraidh do Bhàl no don ghrein. Tha iadsan a tha den bharail so ag radh nach eil na facail, “Bealltainn” —Bàl-teine, agusmiorbhuil” —meur-Bhàil, adearbhadh ni air bith, oir, gur eBeuil,” ’s e sin beatha-uile, an t-ainm leis an do chomharraich na Gaidheil a mach an Ti ud as e Ughdar gach ni. Tha iadsan a tha dan bharail so afaicinn, eadhon anns na h-altairean ud, mar a tha an altair faisg air an Oban, dearbhadh chan ann air iodhol-aoradh, ach air an fhior aoradh. Tha na h-altairean so do ghnath air am faotainn ann an sealladh beinne eigin, aig am bheil tri barranna no binneinean; agus tha achuid dan altair air an robh an iobairt air a tairgseadh air mullach cinn na nathrach. Tha abheinn, deir iad, ’n a samhladh air an Trianaid bheannaichte— ’n a triuir, ach fhathastn a h-aon; agus an altair air ceann na nathrach aleigeil ris na buaidha bha ri bhi air a toirt leis an Ti ud a beSiol na mnatha a bhruth ceann na nathrach.” Chan eil teagamh nach robh cuid de fhirinn air a measgadh leis gach seorsa saobh-chreidimh agus iodhal-aoraidh; agus bhitheadh en a chuspair gle fhreagarrach do chuid de na h-ard-sgoilearan gleusta a thadeanamh comhnaidh leibh, oidheirp a thoirt air solus a chur air eachdraidh bharailean agus ceud-chreideamh nan Gaidheal.

Bheir mi nis seachad sgeul beag eile trid an dthug na seann daoine oidheirp air ni ann an nadur a mhineachadh. Tha eilean beagn a laidhe faisg air corsa aon de eileanan mora Innse-Gall, anns am bheil e air a radh, nach fhan nathair beo. Chan eil fhios agam am bheil so fior, ach tha gu leoir de nathraichean nimheil anns an eilein mhor. A nis, tha acheart ni air a radh do thaobh Eirinn. So agaibh an seol air an do mhinich na seann sgeulachdan achuis. Tha e air a radh gur e mir de dhEirinn a thas an eilean bheaggun robh air maduinn shamhraidh araidh, anns na linntean ud anns an robh famhairean ag aiteachadh nan cearna so, aon de mhnathan-uaisle nan curaidhean uamhasach sin amiannachadh sgriob a thoirt a nall á Eirinn do dhAlbainn. Ann an aite dol air bord luinge no bata, chuir i truisealadh oirre fein as ghabh i nall troimh linne bhuaireasaich nam beuchd, mar gum biodh neach adol thar aite tana na h-aibhne. An uair a bha itarruing dluth air cladaichean na h-Alba leig i sios an truisealadh a bha oirre; agusd e a bha ach an t-eilean beag aice ann an luib a sgiort gun fhios aice air, ged a tha mu dha chota-ban fearainn ann. Thuit an t-eilean an sud, agus an sud tha e fhathast. Tha cuimhne agam aon uair a bhilabhairt ri seann duine coir a bha alan chreidsinn an sgeoil so. Dhoidheirpich mi air a dhearbhadh dha cho tur an aghaidh naduirs a bha an ni. Cha rachadh agam air a chur as a bheachd fein aon lide; agus thar leam gum bheil mi afaicinn fhathast mar a las suil an duine choir le lan bhuaidh, an uair a chuir e ceisd rium a bha e lan chinnteach a thilgeadh bun os cionn mo mhi-chreideamh anns an sgeul. “Ciamar, mata,” ars esan, “a mhinicheas tu achuis nach fan nathair beo an Eirinn, agus nach motha dhfhanas aon beo anns an eilean so?” Cha dthuirt mi-fhein diog, oir bhafhios agam gu math ged a dhearbhas tu ni an aghaidh a thoile air neach, gum bi e gun chaochladh bharailn a dheigh sud uile. Is iomadh uair uaithe sin a smaointich mi gun robh reusonachadh an duine choir a cheart cho diongmholta ris acho-dhunadh a chum am bheil daoine foghlumta ateachd a thaobh iomadh aon de na ceisdean deacair ud a tha an comhnuidh ateachd far aomhair; oir, ged a ni sinn gaire fochaide air creideamh an t-seann duine mar ni amaideach, agus a dhardaicheas sinn beachdan nan teallsanach leis ria h-ainmean, foghlum, agus ealainn, tha cuid dhiubh a cheart cho gorach ri naidheachd an eilein. Chan eil ach bliadhna no dha on thug aon de luchd-teagaisg Oil-thigh Ghlaschu seachad barail a thaobh na doighe anns an dthainig beatha a dhionnsaidh an t-saoghail so againne air tus a bha mile uair na bu mhi-choltaiche nan sgeul mun bhan-fhamhair; oir gorach agus martha abharail, bha e a cheart cho daicheil gun dthug ise an t-eileann a h-uchd agus gun dthainig sioga do sin seanair Adhaimh a chum an t-saoghail so air tus mar dhaol, an crochadh ri spitheig bhig a bha air a siapadh o shaoghal eigin eile a chaidhn a bhloighdean anns an iarmailt. Chaidh fuadach air barailean faoin nan Gaidheal, ach cuin a threigeas na teallsanaich am beachdan amaideachs a shiubhlas iad anns an t-solus fhior a thadearrsadh o ghrein an aigh?


Am MAC-TALLA gu deireadh na bliadhna 1898 air son dolair. Cuir dolairga iarraidh gun dàil.



[119]

[Vol . 6. No. 15. p. 7]

Gnothuichean an t-Saoghail.

Chan eil ach ùine ghearr on thoisich sinn air eolas ceart fhaotuinn mu dheibhinn farsuingeachd uamhasach na h-airden Iar-thuath. An uair thoisich iomradh air rathad-iaruinn a cheangladh comhnardan lion-mhor, leathunn a chearna ud, bha daoinesaoilsinn gur e amaideachd eagallach a bha am beachd an luchd-riaghlaidh a bhacreidsinn gu bitheadh gliocas no tabhachd air bith ann a bhinasgadh na tire iomallach ud agus roinnean eile Chanada le rathad-iaruinn. Is ann gun teagamh le dragh anabarrachus le innleachd sonruichteshoirbhich leis an Ridir Iain Mac Dhomhnuill ann an rathad a dheanamh a bhitheadh fosgailte air feadh na bliadhna eadar an da chuan a than an crioch luasganach do Chanada. Is e duine fior-ghlic, ’us tapaidh, ’us crionnta, ’us cumhachdach a bha ann an Iain Mac Dhomhnuill. Tha enis tosdach ann an suain abhais. Tha gach neach direach, onorach, ann an Canada ag aideachadh nach robh riamh anns an dùthaich fear-riaghlaidh co seolta, stolda, treun, easgaidh, ealanta, ri Mac Dhomhnuill. Le moran spairn agus an aghaidh iomadh doilghios agus fanoid, chuir e air chois cuideachd de dhaoine beartach, gaisgeil, a ghabh os laimh rathad-iaruinn a dheanamh agus a chriochnuich e ann an uine gle ghoirid. Bha iomadh neach ag radh nach paigheadh an rathad so gu brath, agus gu bitheadh e daonnanna chulaidh-mhagaidhs na struidheadh airgid gach bliadhna don dùthaich. Tha e fior gu leoir gu bheil sinn apaigheadh riadh trom airson an airgid leis an deachaidh an rathad-iaruinn a dheasachadh. Gidheadh tha oighreachd bheartach, eireachdail againn anns an Iar-thuath. Cha bhitheadh anns an oighreachd luachmhor ud ach dileab bhochd, shuarach dhuinne, mur bitheadh againn comas air dol ga h-ionnsuidh agus mur faodadh iadsan a thacomhnuidh innte gach cruineachdus eornas gach barr gasdathogas iad agus as urrainn iad a sheachnadh a chur no a ghiulan gu margaidhean mora na Roinn-Eorpa. Than rathad iaruinn a thanasgadh da thaobh Chanada a soirbheachadh gu maith agus gu ro-mhaith. Tha daoine seolta, tuaireamach, curamachga ghleidheadh an ordugh, agus tha ecosnadh moran airgid. Is i acheisd chudthromach a thanis ag iarraidh fuasglaidh, ciamar a bhitheas e comasach toradh tromus iomadach na tire uire, shasmhoire ud, a thabhairt ann an uine iomchuidh gus amhargadh as modhas as fearr. Tha dochas laidir againn, on tha iomradh co fabharach, ’us co cliuiteach air feadh an t-saoghail mu na h-ionmhasan iongantach a tha air uachdar aghrunnd, agus fon fhoid ghuirm, agus fon chreig chruaidhe, anns an Iar-thuath, gu tig thar a chuan le deothasus dealas duineil, sluagh lionmhor a ni tuineachadh anns an tir ud, agus a dhfhosglas suas le gairdean laidir, farumach, an storas miorbhuileach air am bheil samhchair nan linn fathast aluidhe. Chunnaic daoine furachail bho cheann iomadh bliadhna gu bitheadh feum ann an uine ghoirid air rathaidean-iaruinn eadar Manitoba agus roinnean eile na h-airden Iar-thuath, agus Bagh Hudsoin. Bu ghnath le cuideachd Bagh Hudsoin longan a thoirt a stigh thar a chuan bho Bhreatunn gu ceann an iar abhagh ud. Chan eil fios cinnteach fathast cia co fadas a tham bagh fosgailte anns abhliadhna, agus co-dhiu a tha e comasach bàtaichean-smùide laidir a sheoladh le tearuinteachd anns abhagh so ceithir no coig de mhiosan anns abhliadhna. Chan eil eolas pongail, ceart againn fathast mun bhagh fharsuing ud: mu gach creag, ’us ros, ’us sruth, ’us camus, ’us aite tanatha bhobheul, agus air gach taobh mun cuairt da. Tha reotha cruaidh cuibhrionn mhor den aimsir mu thimchioll abhagh: agus than t-seoladaireachd gle chunnartach, ’us gle dhuilich do bhrigh gu bheil cnuic arda den eigh a cuartachadh aBhaigh. Tha gach duine cinnteach aig a bheil eolas air an Iar-Thuaths air gach barr is ionmhas a ghiulaineas e; gu bitheadh maith mor air a charamh oirre; us gu rachadh i air a h-aghaidh le ceum foirmeil deifireachnam bitheadh rathad-iaruinn a ruigheachd Bagh Hudson, ’us nam bitheadh e comasach ren t-samhraidh do longan agus do bhataichean-smùide tighinn on Roinn-Eorpa thar na fairge bheucaich agus dol air an ais on Bhagh le luchd trom de chruinneachd us de gach barrus bian, ’us de gach damhus eachus caoratha ram faotainn ann am farsuingeachd reamhar shultmhor na h-Iar-Thuath. Rinneadh oidhirp o cheann bliadhna no dha air eolas feumailus seasmhach fhaotuinn air aBhaghs air gach sruthus creagus acarsaid a bhuineas da. Tha aig an am so fein, daoine ealanta anns aBhagh a chuir luchd-riaghlaidh Chanada suas an toiseach an t-samhraidh le bata smuide chum gu gabhadh iad beachdus dearbh-bheachd air a Bhagh; air an am anns am bheil an t-slighe eadar e-fhein agus an cuan fosgailte; air cia co domhainns a tha na h-uisgeachan aige; agus mar an ceudna cia co pailts a tha na mucan-mara, agus mar so cia co morus cia co tarbhachs a dhfhaodas an t-iasgach a bhi ann. Tha dochas laidir againn gu tabhair na daoine so sgeula maith leo air an ais, agus gu tòisich gun mhoille dichiollus aghartas ann an rathad-iaruinn a dheanamh gu Bagh Hudson.

CONA.


AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leigsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD.
Cuir a dhiarraidh sampuill, teisteannais us urrais.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia. —agus—127 State St Boston, Mass.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIGOs cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-Tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.


Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C. B.


Indurated Fibreware

Tha an seòrsa so nas daoire na na bucaideans na tubaichean cumanta, achs math is fhiach iad sin; tha iad nas buaine, agus mar sinsiad as saoire.

THE
E. B. EDDY Co
LIMITED
HULL, CANADA.



[120]

[Vol . 6. No. 15. p. 8]

Oran

A rinneadh le Mhaoilish Mhic Ille-mhaoil ann anFinch , Ont. ,air leabaidh a bhais.

Tha mi fo phramhs mi gun sunnd gun abhachd
S mo chridhe craiteach fo mhoran sgios
Gun dfhalbh mo chaileachd mo lusus maileachd
A stri ri cacha cha teid mi chuidh.
Gun dfhalbh mo speirid, tha mi air geileadh,
Mo neart a threig mis mi air mo chluidh,
Nach bochd an t-eacail a lot cho geur mi
S a dhfhag gu leir minam chaisil chruinn.

Ach O, mo thruaighe, nach mi tha truagh dheth!
S mi air mo chuaradh an ioma càs,
Mo chom air cruachadhs mo neart air fuadach,
Mo làmh bhon ghualain air shorg gun stà.
Mo chasan cuaileach air fas mar bhuailtean,
Gum bi iad fuar air an latha bhlàth,
S en t-eucail bhuan dhomh a rinn mo bhualadh,
S a bheir don uaigh mi an ùine ghearr.

Nach beag an t-ioghnadh ged bhithinn tùrsach,
Sa nis am mùthadh air tighnn am chòir,
Bha greis dheth mùines bu mhor mo dhùil
Ri gu faighinn cùisean a chur air dòigh.
Gach latha brùite chaidh mi gu mdhùlan,
Us falus drùiteach a tighnn roimh mfheòil,
S a dhaindeoin cùram is aird na h-iunnsaidh
S es fheudar crùban an so fo leòn.

Gum be sid màbhaistnuair bha mi slàinnteach,
Bu mhiann leam abhachdus sunndus ceòl,
Bhi mair ri càirdean gu cridheil gàireach,
A cuir ri ràbharsts a gabhail spòrs.
Ach dhfhalbh an sins cha till gu bràth e,
Tha mis an àite sud a faighinn bròin,
Chan aois a chràidh mi ach iargain shàraichte
A thug a bhàn dhiom mo nearts mo threòir.

Bha greis dheth mlàithean a bha mi làidir,
A strisa spàirnn gum bu mhor mo shunnd,
Mo bheachd gu dàna gum mairreadh slàinte,
S nach tigeadh fàilinn a feasd am lùih.
A nis bhon thàrladh gun dfhuair min cràgh-lot,
Gach cass gach lamh air an cur fo chuing,
Gun chomas tàrsin a shealltain nàbaidh,
Ach suidhe sàmhach an os leam fhìn.

A shaoghail bhreugaich, gur beag mo spéis dhiot,
S cho tricsa dhéignich thu mi bhom chòir,
Bhon dhfhalbh ma speirid cha dean thu feum dhomh,
A dhaindeoin éigin gan tigam chòir.
Gach gealladh breugach a thug thu riamh dhomh
An dùil gun lionadh tu mi le dphròis
Le ruith gu diamhain a stigh fod liantaibh
Le sid a dheanamh gu faighinn stòr.

S a nis a dhaoinefhuair tusgses faoghlum
Air staid an t-saoghails airuile ghnà,
Ciamar dhfhaodas sibh ruith cho faoin leis,
Nan dùil gu faod sibh bhith feasda slàn.
Ma bhios sibh smaoineach gur mòid ur gaol air
Tham peacadh daonnan an cos na stràichd,
Ur n-olc cha shaor e nuair gheibh an t-aog sibh,
S a dhaindeoin aon ni gu faigh sibh bàs,

A shaoghail ghrànnda! nach meirg bheir gràdh dhut,
S cho trics than àithne cur saragh oirnn,
Bhon pheacaich Adhamh an tùssa ghàradh
Gur bochd an fhàgail tha aig ar seòrs’.
Ar miann tha ghnà chum maoin a thàrsinn
Ged thuirt ar Slànaighear mu luchd a stòir
Gun teid an càmhal roimh chrò na snàthaid
Mun teid fear saibhir a stigh chum glòir.

An tùs ar làitheanus teachd ar nàdair
Tha ioma fàilin gle làidir òirnn,
Gur h-aobhar tàir e ma ni sinn àicheadh
Gach fasan gràinneil tha measg an t-sloigh.
Mur bi sinn riomhach gu faigh sinn di-meas,
Gun teid ar dìteadh air iomadh dòigh,
Chan fhiach an fhìrinn ged theid a h-innseadh,
Sa h-uile mi-loinn is uaisle glòir.

S a mhuinntir rùnach, nach mor an diubhail
Cho beags tha chùram an diùltais oirnn,
Nuair thig a chùis ud cha ghabh e dióltadh
S chan fhaigh sinn ùine gu cur air dòigh,
Bidh breitheamh dlùth oirnns gur ceart an cunntas
Gu faic ar sùilean gach uile ghò
As peacadh drùiteach rinn sinn a ghiùlan
S gun tug sinn rùn dha ler n-uile dheòin.

A nis a chàirdean, cho fads is dàil e
Bithibh trà air ur cur air dòigh,
Ma thig am bàs agus sibh am fàilin
Gun teid ur n-àicheadh aig bial a mhòid.
Sin an uair as leur dhuibh am math a thréig sibh
S a h-uile h-éucoir dan tug sibh deòin,
Gun chomas réite tha diùltas Dhé oirbh
An teine péinegar cumail beò.

Nach meirg do dhaoine bheir spéis don t-saoghal
S do nithean faoine nach mair ach gearr,
Ses còir bhi daonan ri stris ri saothair
Gun fhios den taobh air a faigh sinn bàs.
An Dia thug gaol dhuinnsa cheannaich daor sinn
Toirt cuireadh saor dhuinn a chum na slàinte,
Thathobar faolidh, cha ghabh e traodhadh,
S e mach a sgaoileadh bhon Charraig lann.


Cuir a dhiarraidh MHIC-TALLA.


C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar duthcha thanar beachd.


NIALL Mac FHEARGHAIS,
Taillear.
SIDNI - - - - C. B


$1 .00 air 80c.
Tha tuilleadhsa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dhairgead. Thig mum bin t-am seachad agus
FAIGH BARGAN.
McDonald Hanrahan & Co.
Sidni, Iulaidh 16, ’97.


FLUR AGUS MIN
direach as na muillnean.
(Ann am barailtean, leth-bharailtean agus cairteil.)
TI, SIUCAR, TOMBACA, etc.
Am bathar as fhearr air na prisean as isle an coinneamh AIRGEID.
ALASDAIR MARTUINN.
Sidni, C. B., Sept. 1, 1897.

titleIssue 15
internal date1897.0
display date1897
publication date1897
level
reference template

Mac-Talla VI No. 15. %p

parent textVolume 6
<< please select a word
<< please select a page