[Vol . 6. No. 16. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VI. SIDNI, C. B. DI-HAOINE, 15 OCTOBER, 1897. No. 16.
Litir a New Zealand.
O chionn treis a dh’ ùine air ais cha robh mi a’ sgriobhadh cho tric ’sa b’ àbhaist dhomh; cha b’ ann idir le cion toile, ach bha mi motha ’s driopail re na h-ùine sin le gnothuichean mo dhreuchd, gnothuichean air nach b’ urrainn mi dearmad a dheanamh idir. ’N uair a bhios mi a’ sgriobhadh mar so, tha mi mar gu ’m bithinn na b’ fhaisge air mo chàirdean, agus ann a bhi ’conaltradh riu, tha pailteas ri innse.
Cha ’n eil a’ cheud sealladh de’n dùthaich so idir taitneach; tha moran di fo choille, agus a chuid nach eil tha e air a chòmhdach le rainneach an àite feòir agus fochainn. Tha na cearnan so garbh, cnocach, ach gun bheanntan cho àrd ’sa tha iad anns an eilean a deas; tha iad an sin còrr us deich mile troigh a dh’ àirde. Tha aon chnoc gun bhristeadh, coltach ri cnàimh-droma, o’n dàrna ceann de ’n eilein dh’ ionnsuidh a’ chinn eile. Tha an druim sin a’ dealachadh nan uisgeachan gus gach taobh. An àiteachan tha cinn nan gleann a’ tighinn faisg air a chéile, agus tha sin a’ fàgail na droma caol, corrach. An aon àite àraidh chaidh duine mor, tapaidh, casa-gòbhlach air an druim, cas air gach taobh. Bh’ uaithe sin tha spuirean agus phabhtean a’ sineadh agus a’ leudachadh a mach mar gheugan craoibhe an talamh còmhnard. Tha uisge ruith eadar na spuirean a tha deanamh allt, tha na h-uillt sin ’g am falamhachadh ann an amhuinn a tha ’togail cinn aig bonn an droma far an deach an duine dh’ ainmich mi casa-gòbhlach. Tha coille mhor eadar na spuirean, no anns na glinn so, a tha toirt fasgadh agus dubharadh do spréidh anns an t-samhradh. Tha an druim so cho cnocadh an àite sam bith eile ’s gu bheil i duilich a leantuinn. Neach a tha eòlach leanaidh e ceum nam mucan-fiadhaich. Tha rathad-mor aca troimh ’n choille agus ceum an darna taobh chun an uisge. Aithnichidh am fear eòlach na h-uile car a tha mhuc a’ cur dhith air son an druim a leantuinn. O chionn da fhichead bliadhna chuir am fear-riaghlaidh airgead air leth air son “Rathad-mor a’ chinn-a- Tuath” fhosgladh. Bha an dùrachd math, ach cha robh an cleachdadh. Bitear a’ deanamh a leithid sud air son toileachadh an t-sluaigh. Chaidh fear-tomhais no fear-ruith rathaid a chur air obair, agus chaidh e air adhart astar mor. Bha e-fhéin agus a sgioba ag obair air tuarasdal latha, agus bha iad a réisd coma ciamar a bhiodh an rathad. Bha e ’dol o chnoc gu cnoc, an àiteachan cho fior chas ’s gu ’n saoileadh neach gur h-ann a bha e air an t-slighe dh’ ionnsuidh na gealaiche. Sin ’nuair fhuair iad a mach gu robh an druim na lùban bho thaobh gu taobh, tarsuinn an dùthaich coltach ris an litir S. Chaidh “Rathad-mor a chinn-a- Tuath” an sin ’na cheò. ’Nuair a chaidh fearainn a thogail, chaidh eòlas a chur air an duthaich, agus tha nise rathaidean matha air an deanamh troimh na glinn agus troimh àitean anns am bheil sealladh greadhnach. Tha iomadh seorsa talmhainn anns an dùthaich. Gu tric tha ’n talamh a’s fhearr air mullach nan cnoc. Tha cuid de a tha gle mheallta; chuir e iomadh duine gu bochduinn a bhi stri ris. An talamh a’s fhearr a th’ anns an dùthaich, theirear ris, “talamh crith-thalmhainn.” Tha e ri fhaotainn ann an iomadh cearna de ’n dùthaich, bho mhile gu còrr us deich mile acaire anns gach àite. Tha talamh eadar-dhealaichte làimh ris, mar a’s trice an talamh a’s miosa, agus faodar sgian a chur eatorra. Thog an talamh so a cheann ’nuair a bha ’n dùthaich beothail le beanntan-teine. Tha àireamh bheag de na beanntan-teine so againn fhathast. Tha cnuic ann an àiteachan a tha togail an cinn mu cheud troigh a dh’ àirde. Tha slochd domhainn no cupan ann am mullach gach aoin dhiubh, agus fosgladh anns an darna taobh dheth air son ruith a leigeil leis an smùir ’s na clachan leaghte ’nuair a bha iad ’nan teine. Tha beinn de ’n t-seorsa so faisg air baile mor Auckland; chithear i astar fad air falbh. ’Nuair a thig coigrich do ’n dùthaich, theid iad gu mullach na beinne sin, agus chi iad sealladh briagha air an dùthaich fad us farsuinn. Tha cuid eile de na cnoic a dh’ ainmich mi nach eil fosgailte ’nam mullach idir. Cha robh a’ chrith-thalmhainn cho fior bhras far am bheil iad sin. Chaidh an talamh a thogail suas ’na mheall mor gun bhristeadh air idir. Tha am fearann an sin air dath donna-ruadh, agus tha e gle fhuasgailte, agus ann an àiteachan àireamh throighean a dhoimhnead. Togaidh e fiar no barr eile gun mhathachadh sam bith. Tha an talamh so neo-chumanta math air son spréidhe; fasaidh iad reamhar an ùine ghoirid. Chaidh a h-uile ploc dhe ’n fhearann so a thogail leis a’ cheud sluagh a thainig ann, ach tha moran de fhathast aig na Maoraich. Tha pris mhor air, eadar coig us deich puinnd Shasunnach an t-acaire. Tha cuid de ’n talamh so air am bheil moran chlach, a tha gle chosdail ri ’n tional, ach a tha gle mhaireannach ann an gàraidhean.
An talamh a tha cumanta an so, ’se sin criadh mhin, throm, tha e duilich obrachadh ach tha cuid de na thalamh math. Cha ’n eil machraichean no talamh eadar-bheanntan idir farsuinn anns a’ chearna so. Ach anns an eilean a deas, tha na beanntan ard, na h-aimhnichean a’ sineadh a mach, agus tha farsuinneachd mhor eatorra. Cha ’n eil am fiar a’ fàs an so gu nàdurra mar tha e ann an America, ach anns an eilean a deas tha fiar-fiadhaich a’ fàs gu pailt; an sin tha barrachd de dh’ ùir dhubh air uachdar na creadha, ’s tha ’n reothadh a’ deanamh an talmhainn na ’s fhuasgailte. Tha an siol-cur a’ fàs an sin le sgapadh air uachdar an talmhainn. Cha dean e sin ann an so; feumar an talamh a thionndadh mu’n togair fiar. ’S e rainneach an ni a’s pailte tha ’fas an so; air cnoc no air sliabh cha ’n fhaicear ach e. Tha e fàs gle mhor, agus tha e duilich a dhol troimhe. Bidh na Maoraich ag ithe nam freumhan aige. Bithear a’ losgadh an rainnich na h-uile bliadhna. ’Nuair a tha e òg a’ fàs ’san earrach, tha e na bhiadh math do spréidh. Cha ’n eil ’ga losgadh a’ deanamh feum sam bith d’ an talamh, oir tha ’luath air a toirt air falbh leis an uisge, a chionn an talamh a bhi cho cruaidh. Ma bhithear ’ga ghearradh tric theid as dha gu buileach.
IAIN ROTHACH.
Tha fear-eigin a tha sgriohadh ann an aon de phaipearan-naigheachd na seann dùthcha a toirt iomraidh air a’ Chlondaic, agus ag radh gur h-e ’n ni a’s iongantaiche leis fhéin ann a bhi leughadh mu’n àite cho aon-ghuthach ’sa tha iadsan a th’ air tilleadh as ann a bhi toirt comhairle air muinntir eile fuireach aig an tigh, ged a tha iad aig a’ cheart àm ag aideachadh gu bheil an dùthaich a cheart cho làn de’n òr ’sa bha ’s an ainm. Tha e deanamh a mach nach eil an sin ach an fhàgail a bh’ aig mac an duine riamh, mar a’s motha gheibh e-fhéin de nithean matha ’n t-saoghail ’s ann a’s deigheile e air daoin’ eile a chumail o bhi mealtuinn an cuid fhéin de na ceart nithean sin.
Na dean dearmad air innse do d’ nàbuidh nach eil a’ gabhail MHIC-TALLA, gu faod e fhaighinn uaithe so gu ceann na bliadhna 1898, coig miosan deuga, le pris bliadhna ( $1 .00) a chur air adhart.
[Vol . 6. No. 16. p. 2]
Gnothuichean an t-Saoghail.
Thill an luchd-amhairc a chaidh suas aig toiseach an t-samhraidh gu Bagh Hudsoin. Is e teachdaireachd nach eil idir fabharach a thug iad leo air an ais. Ma tha ’n sgeula ’tha iad ag aithris fior, is muladach da rireadh a tha gach dochas a bha sinn ag altrum gu bitheadh e comasach bàtaichean-smùide diongmhalta ’chur ré cuig miosan de ’n bhliadhna bho ’n Roinn-Eòrpa gu Bagh Hudsoin, aig am bheil meudachd fairge mhoir, agus a tha ruigheachd astair anabarrach ann am meadhon nam fasaichean ’s nan comhnardan brioghmhor a bhuineas do Chanada anns an Iar-thuath. Is e mo bheachd fein, gu bheil moran de ’n ghealtaire anns na laoch a thill le teachdaireachd thuirseach bho Bhagh Hudsoin. Tha iad ag radh gu bheil aitean creagach eu-domhain anns a bhagh, gu bheil ceo tiugh dorcha gu minic ann, is nach eil tighean-soluis lionmhor no idir ann. Tha ioghnadh mor orm fein gu bheil na gaisgich ud ag innseadh dhuinn nach tug an deigh moran dragh no cunnairt doibh am feadh a bha iad a’ seoladh anns a’ bhagh. Tha ’n naigheachd so fabharach, oir tha fios againn a nis nach cuir an deigh grabadh air bith air seoladh nan long ’s nam bàtaichean-smùide ’ruigeas am bagh bho dhuthchannan cein ré ceithir no cuig miosan de ’n bhliadhna. Tha ’n luchd-amhairc a chaidh gu Bagh Hudsoin aineolach air an fhirinn so: gu bheil e comasach aitean eu-domhain a dhoimhneachadh, gu bheil e comasach creagan a chuir as an rathad, agus nach eil e idir duilich tighean-soluis a phlanntachadh an sud agus an so, airson leus-stiuraidh a thoirt do na maraichean a bhitheas a’ seoladh anns a’ bhagh. Dhoimhnich na h-Albannaich Amhainn Chluaidh, agus a nis far am faodadh neach coiseachd thar an amhainn ann am meadhoin na linn so, tha longan mora ’us trom cogaidh a’ snamh gu furasda, oir is ann ri taobh na h-aimhne ’tha iad le innleachd ’us le tapadh iongantach ’us foghainteach air an togail. Chaidh amhuinn aluinn Lawrence a’ dhoimhneachadh am measg creagan ’us ionadan eu-domhain, eadar Cuibeic ’us am Baile-rioghail, agus a nis tha faisg air deich troidhean fichead anns an t-sruth-chlais anns am bheil longan ’us bàtaichean mor a’ chuain ag imeachd eadar an da bhaile ud. Tha e soilleir gu leoir, nach ann do chabhlach Bhreatuinn a bhuineas na seoid a chaidh suas a rannsachadh a’ bhagh. Faodaidh sinn a bhi ’creidsinn, mata, gu bi e comasach, le dichioll seolta, do bhàtaichean-smùide laidir mar tha ’m Fram anns an deachaidh an Lochlunnach meamnach, neo-sgathach, Nainsein, gu fada mu thuath, dol a mach agus a stigh le malairt de gach seorsa, do ’n bhagh a dh’ orduich nadur fein a bhi ’na shlighe fhosgailte fhurasda eadar Iar-thuath Chanada agus an saoghal gu leir. Co aig am bheil fios air gach rioghachd statail beartach a thig á fasaichean ’us comhnardan an airde ’n Iar-thuath anns na laithean a tha ri teachd agus nach fhaic MAC-TALLA no mi féin. Tha mi cinnteach gu teid ann an uine ghearr gach trioblaid, ’us dragh a tha anns a’ bhagh a chur gu buileach air falbh, agus gu bi rathad-iaruinn a ruigheachd ciun a’ bhagh, agus gu bi bàtaichean-smùide trom, treun, eireachdail, a giulan maoin ’us storais na h-Iar-thuath gu dùthchannan na Roinn-Eòrpa ’s a giulan thar tonnan beucach na fairge moire, iomadh ni ’us innleachd air am bì feum aig luchd-aiteachaidh na h-Iar-thuath. O cheann iomadh linn rinn iasgairean nan Stàitean moran saoibhreis le bhi ’g iasgach ann am Bagh Hudsoin. Is e so an t-àm gun teagamh, gu bitheadh iasgairean seolta ’us cruadalach nan roinnean a tha ri taobh na fairge ann an Canada ’faotuinn ’us a sealbhachadh gach iasgaich a tha anns a’ bhaigh agus a bhuineas do Chanada ’s d’a seolaidearan, ’us d’a h-iasgairean fein. Is ann gu carach, mi-onorach, mosach, a tha luchd-riaghlaidh nan Stàitean a’ buntainn ris gach iasgach a tha eadar iad fein agus Canada. Tha iad a’ cumail a mach gur e cuan duinte(mare clausum)a tha ann an Caolas Bhehring: agus air an aobhar sin, gur ann acasan a mhain a tha coir air gach ron anns an fhairge fharsuing ud. Cha ’n eil iad idir toileach air ceartas a dheanamh ri Canada aig am bheil coir co maith air na roin a tha ’s a chaolas ud. Is e am beachd gu buin an caolas doibh fein gu buileach. Tha iarrtas laidir aca air an taobh so de America, bhi ’g iasgach anns na h-uisgeachan ’us anns na lochan a bhuineas gu sonruichte do Chanada. An ni ’s leatsa, ’s leamsa; mar an ceudna, ’s an ni ’s leamsa ’s leam fein e. Is e so ’n riaghailt-stiuraidh a bu mhaith leis na Stàitean a nochdadh dhuinn, anns gach cuan, ’us fairge, ’us loch, ’us bagh, ’us camus, a tha againn ann am farsuingeachd oirdheirc ar dùthcha.
CONA.
RAIBEART III.
Bha trioblaidean gu leòir, araon ’na theaghlach agus ’na rioghachd, aig Raibeart III. ré a rioghachaidh. Bha e còrr ’us 50 bliadhna ’n uair a chrùnadh e. Cha robh e féin freagarrach air son seasamh air cheann airm. Bha ceum bacaich ann, o bhreab a thug each dha ’na òige, ann an spleadh-chòmhrag. Agus mar a bha e socair, neo-bhuaireasach ’na nàdur, cha robh e air son a ghabhail ach co beag ’s a b’ urrainn e de dhragh ri ghnothuichibh follaiseach na rioghachd. Bha fear de ’bhràithribh a bha comharraichte geur, dàna, agus teom’ air son ghnothuichean a ghabhail os làimh. Rinn e Diùc Albani do ’n fhear sin, agus dh’ earb e ris, cha mhòr, riaghladh na rioghachd gu h-iomlan. Rinne e mar an ceudna Diùc Bhòid de ’mhac bu shine féin, agus oighre ’chrùin. Bu le teaghlach nan Stiùbhartach féin eilean Bhòid uile; ’s bha mòran fearainn eile ac’ an ceann deas Alba, gu h-àraidh ’an Siorrachd Reinfriu. Cha robh Diùc riamh an Alba roimh ’n dithis so. Cha robh tiodal ann a b’ àirde na Iarla. Bha bràthair eil’ aig an rìgh a bha ’na thriath air Baideanach agus aig an robh riaghladh air taobh ’s ear Alba sios gu Gall-thaobh. Bha ’m fear so a’ deanamh uiread de chall air feadh na dùthcha mu’n cuairt, ’s gu ’n tug iad Sionnach Bhàideanach mar fhrith-ainm dha. Thug an “Sionnach” tàmhadh air fearann an easbuig Mhuirich gus a chuid féin a dheanamh dheth. Chuir an t-easbuig binn iomsgaraidh ’an céill an aghaidh an t-Sionnaich air son e bhi ’gleidheadh sealbh air an fhearann. ’Chur a bhinn sin an Sionnach gus an ro thuilleadh buaireis. Dh’fhalbh e le àireamh luchd-leanmhuinn agus loisg e baile Forres, pàirt de’n eaglais, agus tigh còmhnuidh an àrd-dheacoin. Goirid an déigh sin loisg e bail’Elgin leis na bha timchioll air de eaglaisean ’us tighean luchd-dreuchd na h-eaglais. Chuireadh an lagh sìobhalt as a dhéigh an sin, ’s thugadh e gu ni-eigin de aideachadh ùmhlachd. Thainig e gu eaglais ann am Peirt a dheanamh ùmhlachd, far an do choinnich an rìgh, agus mòran de na h-àrd uaislean ris, agus ghabh iad ris air chumha gu ’n tugadh e làn-riarachadh do ’n easbuig Mhuireach, agus gu’m faigheadh e maitheanas o’n Phàpa.
Bha mac diolain aig a’ Phearsa rioghail so, ris an abradh iad Donnachadh Stiubhart, a bha co dona ri ’athair. Cha bhiodh ann de eachdraidh an fhiùdhalaich so ach ath-aithris air na chaidh innseadh de dhroch ghniomharaibh ’athar féin. Ach cba b’ e mhàin gu’m feudtadh a ràdh mu chàirdean an rìgh gu’n robh iad mar mic Sheruiah, ro chruaidh air a shon, ach bha ’chuid mhòr de na cinn-fheadhna Ghàelach mar sin mar an ceudna. Agus tha cuid ag radh gu’n robh Diùc Albani a’ comhairleachadh do’n rìgh, a bhi toirt cead doibh cur as da chéile, gus am biodh e ni b’ fhusadh dha féin a rìs treubh sam bith dhiubh a dh’ éireadh ’an ceannairc a cheannsachadh. Tha caochladh nithe aig luchd-eachdraidh ga ’n innseadh a tha coslach ri bhi toirt gnùis do’n bheachd so. Tha ni-eigin cosmhuil ri so anns a’ chòmhrag a leigeadh air aghart ’am fianuis an rìgh ’s na ban-rìgh, us mòran uaislean eile ’s a’ bhliadhna 1396. Bha clann Chatain, agus clann Dhaibhidh, no clann Chai, a’ creachadh ’s a’ marbhadh a chéile, gun tàmh, ré dheich bliadhna roimhe sud. Agus ’n uair nach gabhadh iad comhairle gu sgur de’n droch obair sin, fhuair iad cead o ’n rìgh a’ chòmhstri a réiteachadh le deich fir fhichead air gach taobh a dhol a chòmhrag ri chéile le claidheamh mòr, ’s tuagh-chatha, agus gu’m biodh urram ’us toiseach aig an taobh a choisneadh air an taobh eil’ an déigh sin. B’ ann do ’n aon treubh a bhuineadh an dà mheòir so, Clann Chatain ’s Clann Chai, ’s be aobhar na còmhstri, co dhiubh a b’urramaich’ agus aig am biodh an toiseach ri àm cogaidh. ’N uair a ràinig iad an làthrach a bh’ air ullachadh roimh laimh, bha fear de Chlann Chatain air e féin thoirt as gu h-
[Vol . 6. No. 16. p. 3]
uaigneach, mar gu ’m biodh e coma air son a chuid a bhi aige de ghlòir a’ chatha. Cha leigeadh Ceannard Chlann Chai aon duine air falbh gus an àireamh a dheanamh co ionann. Ach thairg fear a mhuinntir a’ bhaile, ris an abrar Eanruic Uind, e féin do Mhac Phearsoin, Ceannard Chloinn Chatain, air leth-chrun gus an cath a chur air Clann Chai. Chaidh sin a ghealltuinn da, ’s thòisich an còmhrag gu geur, guineach. ’N uair a mharbh am fear-tuarasdail so aon duine sguir e; dh’ éigh an Ceannard ris ciod a b’ aobhar dha sud, an robh eagal air. Thuirt esan nach robh, ach gun d’rinn e seirbhis gu leòir air son leth-chrun. Dh’ éigh Mac-Phearsoin, “Am fear nach cum cunntas air a ghniomharaibh euchdail, pàighear e gun chunntas a chumail ris.” Chuir iad so anns an rann, “Am fear nach cunntadh rium cha chunntainn ris.”
Thòisich an gille-tuarasdail air obair a mharbhaidh a rìs. ’S ann deis an taobh air an robh esan a chaidh. Mharbhadh naoi fir fhichead de Chloinn Chai; theich am fear mu dheireadh a bha beò. Mharbhadh naoi fir dheug air an taobh eile. Bha na mhair beò dhiubh air an gearradh ’s air an lotadh gu h-uamhasach, ach Eanruic na aonar. Bha esan gu maith air armachadh, ’s bha e ro làidir; bu cheird da bhi deanamh dhiollaidean stàillinn ’s theireadh na Gàeil, an Gobha Crom ris. Thug MacPhearsoin an deadh phàigheadh dha.
An ùine ghoirid an déigh so, bha caonnag fhuilteach eadar Callum Beag MacLeòid, uachdaran Leòdhais, agus buidheann de na Cataich, ’s de Chlann Aoidh, Shrath-nàbhair. Bha Aonghas Mac Aoidh, uachdaran Shrath-nàbhair, air pòsadh piuthar do MhacLeòid. Bhàsaich esan ’s dh’ fhag e dithis mac, Aonghas Dubh, ’us Ruairidh Gallda. Rinneadh Uisdean Dubh, bràthair athar do ’n chloinn so ’na oid-iunnsaich orra an déigh bais an ’athar, ’s bha e aig an àm cheudna ’na stiubhart air an cuid fearainn. Chuala MacLeoid gu’n robh Uisdean Dubh a cumail droch ceann ris a’ bhantraich, a phiuthar. Dh’fhalbh e le ceathairn mhaith Leodhasach còmhladh ris a shealltuinn air a phiuthair air los ceartas fhaicinn aic’ a dheòin no ’dh’aindeoin. ’S e ’s coslaiche nach tàinig MacLeoid ’s Uisdean Dubh MacAoidh gu còrdadh idir. Co dhiù, dhealaich MacLeoid ris ’am feirg mhòir, ’s thoisich e air losgadh ’us fàsachadh pairt de Shrath-nàbhair, ’s thog e mòran creiche, crodh us caoraich, leis an d’fhalbh e gus an aiseag gu ruig Leòdhas. Ach chuir Clann MacAoidh a dh’ iarraidh cuideachadh o ’n Iarla Chatach, ris an robh iad ’an sìth ’s an àm sin mar nach b’àbhaist. Chuir an t-Iarla Alastair Muireach na Cùbin le dream de dhaoine tapaidh a chòmhnadh muinntir an t-Srath. Chaidh na Caoidhich ’s na Cataich le chéil’ air tòir MhicLeòid, ’s rug iad air aig Tuitean Turbhigh, anns a’ chrìch eadar Cataobh ’us Ros. Thòisich iad an toiseach air an spréidh a thoirt o chéile, mar bhitheas buachaillean a’ deanamh air a’ phunntair. Agus ’n uair nach robh na Leòdhasaich a cur rompa speir de ’n chreich a leigeadh as, bhuail iad air a chath, a bha mar tha Sìr Raibeart Gordon ag ràdh, fada guineach fuilteach, teagmhach. Ach ’s ann air MacLeòid a chaidh. Mharbhadh e féin ’s na h-uile duin’ a bha còmhladh ris, ach aon fhear a thàinig dhachaidh ’s a bhàsaich leis na lotaibh a fhuair e. Fhuair a bheag no mhòr de mhuinntir an t-Srath air ais beò leis an spréidh.
Ach cha robh trioblaidean air bith ’s an rioghachd co cianail riu sud a bha ’n teaghlach an rìgh féin. Cha robh clach gu’n tionndadh aig Diùc Albani a dh’fheuchainn am faigheadh e ’n rioghachd gu h-iomlan da féin ’s da theaghlach. Agus mar sin, dh’ fheumadh a mic an rìgh a chur as a’ rathad. Bha Diùc Bhòid, oighre dligheach a’ chrùin, ’na dhuin’ eutrom, car ceannasach agus beothail ’na spiorad. Bha Albani ’deanamh na b’urrainn e gu droch inntinn a thogail eadar am mac sin agus ’athair. Ach smuainich an rìgh ’s a’ bhan-righ na ’m pòsadh an Diùc òg gu ’n tigeadh e gu bhi ni bu shuidhichte. Cha b’ urrainn Albani cur an aghaidh so, ach a mhàin gu’m b’e féin a dh’ fheumadh còrdadh a dheanamh air son a’ phòsaidh. Agus b’ e ’n rian a ghabh e nach feudadh am prionns’ a phòsadh ach nighean a’ Mhorair is mò bheireadh seachad de airgiod aig àm a’ phòsaidh. B’ e Iarla Mharch is mo ’thairg de airgiod ’an toiseach, agus rinneadh réiteach eadar a nighean-san agus an Diùc; ach an déigh sin thairg an t-Iarla Dùghlasach barrachd, agus thug iad air a’ phrionns’ òg gealltuinn a’ bhan Dùghlasach a phòsadh. B’i piuthar an rìgh màthair a’ chinn-feadhna so; agus bha e nis air son a nighean a phòsadh ri oighre na righ-chaithreach. Ann an droch uair chaidh am pòsadh a dheanamh. Ach bha ’m prionns’ an déigh sin mar a bha e roimhe. Thug Albani an sin a chreidsinn air an righ gu’m b’ fheaird am prionnsa beagan cìosnachaidh a dheanamh air le ’chur ’am priosun greiseag bheag. Dh’ aontaich an rìgh bochd gu h-eagalach, ’s gu teagmhach ri so, leis gach droch thuaileas eile bha ’bhràthair ag innseadh dha. Fhuair Albani cead-rìgh, no barantas, air son am prionns’ a chur an làimh. Chaidh an t-òganach a chur an làimh, ’s gun an-amharus sam bith aige c’ar son. Rinneadh priosunach dheth ’an Caisteal Falcland, a bu le Albani. An ceann chùig là deug fhuaradh a chorp an sin air a leigeadh bàs do’n ghort. Ghiùlaineadh an corp air falbh, ’s dh’ adhlaiceadh e gu folchuidh ’am Monasteri Liondores, ’s fhuair na mortairean iomradh air a sgoileadh aig an àm, gur h-ann le tinneas cuim a bhàsaich e.
Goirid roimhe sud bha Eideard III. Shasuinn air bàsachadh; agus mar a bha ’mhac, am Prionnsa Dubh, air bàsachadh roimhe féin, thàinig ’ogha, Richard II., thun na caithreach; agus e aon bliadhna deug a dh’ aois. Ach an déigh do’n rìgh dhligheach so a bhi trì bliadhna fichead a’ rioghachadh, dh’ éirich Diùc Lancastair, oighre bhràthar ’athar ’an ceannairc ’na aghaidh, agus fhuair e aonta na Pàrlamaid gus a chur dheth ’n chaithir. Chuireadh Richard an sin ’am prìosun far an do mhortadh e gu h-uaigneach goirid an déigh sin, agus ghabh Diùc Lancastair crùn Shasuinn da féin fo ainm, Eanruic IV. Thachair so ’s a’ bhliadhna 1399, agus le sin thòisich an cogadh fuilteach, maireannach ud eadar teaghlach Lancasteir agus teaghlach Iorc, ris an abrar cogadh nan Ròsan, a tha co ainmeil ’n eachdraidh Shasuinn.
Ach gu pilltinn ri rìgh bochd Alba. Tha e coslach gur h-ann a’ chuid ’s a’ chuid a thuig Raibeart III. gur bàs ainneartach a fhuair a mhac. Ach ged a bhiodh e air a làn thuigsinn o’n thoiseach, bha fios aige gu’n robh a bhrathair ’s a luchd-cuideachaidh ro chruaidh air a shon, ’s nach deanadh e ach an gnothuch ni bu mheasa dha féin le oidhirpeachadh air a thoirt gu ceartas. Bha e aithnichte gu leòir dha nis gur h-e bha ’s an amharc aig Albani an crùn fhaotainn da féin ’s da theaghlach. Bha aon mhac eil’ aig an rìgh air an robh Seumas, an ceud fhear de na Seumasan. ’S e smuainich e féin ’s a’ bhan-righ air an òganach a chur air falbh gu cuirt rìgh na Frainge, far am faigheadh e iunnsachadh iomchuidh do’n inbh’ àird ’s an robh e, agus ’am biodh e tearuint’ o ais-innleachdaibh bhràthar-athar. Rinn iad ullachadh air son a chur air falbh co cabhagach, ’s co uaigneach ’s a ghabhadh deanamh; ach mu’n d’ fhuair an soitheach a bha gus am prionns’ a ghiùlan fo sheòl ’s fo astar, thuig Albani an rud a bh’ ann, ’s gu’n robh ’n t-eun air lunn a bhi gu sgiobalt’ a mach as a lìon féin. Ach an aon ni a ghabhadh deanamh a nis rinn se e gu cabhagach; ghrad chuir e teachdaire ’thoirt sanas do righ Shasuinn. ’N uair a ràinig an soitheach ’s an robh am prionns’ oirthir Norfoc, bha càbhlach beag Sasunnach a’ feitheamh oirre. Ghlac iad i, ’s thugadh Seumas òg ’am fianuis Eanruic IV. Thog Iarla Annain, ris an robh am prionns’ an earbsa, Protest ’an aghaidh so mar ni mi cheart, a chionn gu’m b’ àm sìth a bh’ann, ’s gu’r h-ann air gnothuch siochail a bha iad. Ach fhreagair Eanruic, o’n a thachair an ni nach bu chòir a bhràthair air caithir Alba bhi air a mhealladh. Ma bha e ’g iarraidh na cainnt Fhrangaich a theagasg da mhac, gu’n robh eòlas maith aigesan air a’ chainnt sin, ’s gu’n tugadh e leasan Frangach dha co maith ri fear sam bith eil’, agus nach b’urrainn an t-òganach tuiteam ’an làmhaibh a b’ fhearr. Ged a thuirt Eanruic so uil’ an rathad sgeigeil, thachair e’n riaghladh an fhreasdail gu’n d’fhuair Seumas iunnsachadh de na h-uile seòrsa, co maith aig cùirt Seasuinn ’s a gheibheadh e’s an Fhraing, no ni b’fhearr: Cha leigeadh Eanruic á sud e. ’N uair a chuala rìgh Alba gu’n robh ’aon mhac ’na phriosunach an Sasunn, ’s a dh’aithnich e gu’n robh so, mar gach olc eil’, air a thoirt
(Air a leantuinn air taobh 126.)
[Vol . 6. No. 16. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ‘Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton
SIDNI, OCTOBER 15, 1897.
Litir a Gleann-Garraidh.
AN LAGGAN, ONTARIO, an 7mh la de mhios deireannach an fhoghair, 1897.
A CHARAID: —Gheibh thu anns an litir so dollar air a chuir ga t-ionnsuidh le do charaid dileas, Iain Moireastan, faisg air taigh-litrichean Dhunbheagan, an Gleann-a- Garraidh, air son bliadhna eile dhe ’n MHAC-TALLA. ’S nan robh a h-uile neach Gailig an Canada co-ionann inntinn ris, bhiodh cùisean na b’ fhearr aig a MHAC-TALLA an deigh so.
Tha tuathanich na coimhearsnachd so air faotuinn gabhail sàbhailte aig an cuid barra uile a nise, agus tha am bàrr uile thar a chéile gle mhath; ge do tha roinn dhe na bhuntàta a’ grodadh aig cuid, cha ’n eil aig cuid eile cho fad so co dhiubh e. Tha an aimsir bòidheach, tioram bho chionn chuig seachduinean air ais. Tha faighneachd agus prisean beagan na’s fhearr air a h-uile ni a tha aig tuathanaich ri dealachadh ris, gu h-àraidh air son each. Tha duine àraidh tapaidh ’sa choimhearsnachd so, Iain Mac Eòbhainn, a bha thall an Sasunn bho chionn a ghoirid ’sa chòrd ri comunn àraidh ann a sin gu moran each a cheannach ann a so air son an cur dha ’n ionnsuidhsan do Shasunn.
Nan tachaireach dhomh dol air chuairt doNova Scotiabhithin an duil càirdean domh a tha ann an Ceap Breatunn, an Antigonish, agus an Eilean a Phrionnsa fhaicinn. Agus gun teagamh sam bith, cha rachinn seachad ortsa na ’s mò gun taoghal agad. A nise bithidh mi a stad aig an am so s’a gabhail slan leat. Ma thoileacheas thu féin, faodaidh tu an litir so a chuir s’a MHAC-TALLA mar a dean i coire dha do d’ phaipeir. Do charaid,
AONGHAS MAC ILLE-MHAOIL,
Bocs 19, Tigh Litrichean an Laggain.
O chionn àireamh bhliadhnaichean air ais bha cuideachd air a chur ri chéile air son rathad-iaruinn a thogail ris a chladach eadarPort Hawkesburyagus Cheticamp, astar cheud mile, ann an siorrachd Inbhirnis, ach an deigh moran bruidhne chaidh an gnothuch bàs. Thatar ag radh a nise gu bheil cuideachd ùr air còir na seana chuideachd a cheannach, agus gu bheil iad a’ dol a thòiseachadh na h-obrach gun dail. Bha coinneamh aig Comhairle na siorrachd air an t-seachdain s’a chaidh, agus dh’ aontaich iad ceud mile dolair a thoirt mar chuideachadh do’n chuideachd ùr. Tha làn dhùil gun teid an rathad a nise dheanamh gun an còrr maille, agus nach fhada gus an cluinnear sitir an eich-iaruinn ann am fior cheann a tuath na siorrachd.
Tha cuid de luchd-gabhail a phaipeir so a tha dha no tri no ceithir a bhliadhnaichean air deireadh ’na phàigheadh. Cha n eil toil againn cur cruaidh ri neach sam bith ma’s urrainn dhuinn a sheachnadh, ach tha sinn a’ smaoineachadh ma ’se dàil a bha dhith orra sud gu bheil iad air dàil gu leòr fhaotainn, agus uime sin tha sinn a’ toirt rabhaidh dhaibh gu feum na th’ aca ri phàigheadh a bhi stigh romh thoiseach Desember. An deigh sin cha bhi am MAC-TALLA air a chur gu neach sam bith nach eil ’ga phàigheadh gu riaghailteach.
ThaBarbara C. LeitcháBinkham , Ontario,ag iarraidh oirnn a h-ainm a chur anns a MHAC-TALLA an Gàilig. Feumaidh sinn iarraidh air neach eigin d’ ar luchd-leughaidh sin a dheanamh air ar son, oir cha’n urrainn duinn féin a dheanamh. ThaMiss Leitchag radh nach b’ urrainn dhi facal Gàilig a leughadh mu’n àm so an uiridh, ach an diugh leughaidh i MAC-TALLA gun stri sam bith, agus tha i ’cur roimpe tòiseachadh ri Gàilig a sgriobhadh. Tha sinn an dòchas gu soirbhich gu math leatha.
Bha brocair Gàidhealach uair ag innse mu na thachair dha fad nan deich bliadhna fichead a bha e ris an obair. Bu mhinisteir fear dhiubh-san a bha ’san eisdeachd, agus thuirt esan ris a bhrocair gu ’n saoileadh e-fhéin gu’m biodh na sionnaich uile air am marbhadh aige roimhe so. “Seadh, seadh,” ars am brocair, “ ’nam biodh sibh féin air an droch-fhear a mharbhadh roimhe so, cha bhiodh an còir feum oirbh-se.”
An deigh cuairt a chur air Ceap Breatunn, tha an t-Ard-Riaghladair ’sa Bhain-tighearna air a dhol gu Eilean a’ Phrionnsa. Bha side mhath ann a chuid bu mhò dhe’n ùine bha iad air an eilein so, agus rinneadh an di-beathachadh gu math anns gach àite ’n robh iad. Bha iad gle riaraichte leis an fhàilte chridheil chàirdeil a chuireadh orra le muinntir Cheap Breatunn.
Cha eil a bheag sam bith ri chluinntinn á Cuba aig an àm so. Faodar a radh gu bheil an cogadh air sgur. Tha an Spàinn a nise ’tairgse féin-riaghladh do ’n eilean, ach ’se ’s dòcha nach gabh na Cubanaich ni sam bith ach an t-eilean a bhi air a sgaradh o’n Spàinn gu buileach. Tha iad air son a bhi cuibhteas i gu buileach.
MacCoinnich & Co.
Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh
ANN AN LOUISBURG,
agus tha sinn aig an àm cheudna a’ cumail air adhart air an t-seann laraich,
ANN AN SIDNI.
Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.
Theid sinn an urras air an obair.
Mac Coinnich & Co.
F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn.
Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J Morley.
Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air.
Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.
Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. A seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.
THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin.
Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.
Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.
Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. MacFhionghain, Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitche’s Creek.Tha mu dheichair fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.
[Vol . 6. No. 16. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Fhuaireadh poit-dhubh ann anGlace Bayseachdain roimh ’n Di-màirt s’a chaidh, agus chaidh a cur as an rathad air an dòigh àbhaisteach.
Tha na h-ùbhlan a’s fhearr a creic ann an Gleann Annapolis bho dha dholair gu da dholair us cairteal. Thatar ag radh gu bheil a’ chuid a’s motha dhiubh a’ dol do na Stàitean.
Tha Riaghladh Mhanitoba a’ dol a chur oilthigh air chois ann am baileWinnipegan ùine gun bhi fada, agus tha iad a’ gealltuinn tuarasdail triùir de na luchd-teagaisg a phàigheadh.
Chaochail fear Alastair Mac Ghuaire ann am Bath, an stàit Maine, a sheachdain gus an Di-luain s’a chaidh. Bhuineadh e do Cheap Breatunn, agus bha e fuireach ann am Bath o chionn fichead bliadhna.
Chaidh duine a mharbhadh air a rathad-iaruinn aigAthol , N. S. ,a sheachdain gus an Di-màirt s’a chaidh. Cha ’n eil fhios co e, ach thatar a deanamh a mach gu ’m bu sheoladair e a bha goid a thuruis air aon de na carbadan.
Chaidh fear Basil Richaur, a mhuinntir a Bhras d’ Oir, a mharbhadh le sgiorradh air bòrd soithich a bha ’gabhail luchd plasteir ann amPort Bevisair an t-seachdain s’a chaidh. Chaidh a chorp a thoirt dhachaidh gu bhi air a thiodhlacadh Diordaoin.
Tha fiosan a thainig á Bagh St. Lawrence ag innse nach robh soirbheachadh sam bith le iasgairean an runnaich air an fhoghar so. Tha an t-side doirbh, ’s an t-iasg gann, agus tha na daoine a’ call am misnich, agus cha bhi fada gus an till iad dhachaidh.
Tha aig Lyman Dartt, an gille chaidh a chur an greim air àmhrus gu robh e coireach ri bàs an Armenianaich a fhuaireadh marbh faisg air Truro, ri cùirt a sheasamh. Thatar a’ deanamh a mach nach robh toil sam bith aig a’ ghille tigh’nn ri beatha ’n duine, ach gu ’n do loisg e air a phoca a bha aige air a mhuin, agus nach d’ rinn e cuimse cheart mu ’n do loisg e. Ach cha d’ fhuair iad an gille thoirt gu aideachadh gu robh lamh sam bith aige anns a ghniomh.
’Nuair a bha Morair agus Bain-tighearna Obaraidhean a dol gu Sidni Tuath Dior-daoin s’a chaidh, thaghail am bàta air an robh iad aig anInternational Pier,agus an sin chuireadh fàilt orra leis an luchd-obrach. Bha a h-uile duine ’na aodach obrach, aodainn ’s a làmhan dubh leis a ghual, agus bhabandciùil aca ’s gach duine na bu duibhe na chompanach air an dòigh cheudna. ’Se ’s dòcha nach d’ fhuair an t-Ard-Riaghladair a leithid a dh’ fhàilte chur air o’n thainig e do Chanada.
Tha crioch air a chur air an rathad-iaruinn a bhatar a deanamh ann anNewfoundlandeadar baileSt . John’ sagusPort aux Basqueair a chladach an iar. Tha an rathad a’ dol troimh mheadhon na dùthcha, far bheil beairteas mor de chopar, de dh’ iarunn, ’s de mhiotailtean eile. Tha e mu choig ceud mile dh’ fhad agus cha ’n fhada gus am bi e air fhosgladh. Tha an soìtheach a tha gu bhi ’ruith eadarPort aux Basqueagus Sidni air an t-slighe nall á Alba, agus mu ’n teid moran ùine seachad, chi sinn i.
Tha eagal oirnn gu bheil Sidni Tuath a fàs gu bhi ’na bhaile mi-rianail. Oidhche Di-sathairne s’a chaidh bha sianar air an cur d’ an phriosan air son a bhi ri troimhe-cheile, triùir dhiubh sin cearta còmhladh. Tha tuilleadh s’a chòir de dheoch-làidir ’ga chreic air feadh a bhaile, mar a tha ann an iomadh àite bharrachd air, agus fhad ’sa bhitheas, bidh aireamh dhaoin’ ann nach gabh cumail air dòigh an ionad sam bith ach anns a’ phriosan fhéin. Tha muinntir Shidni Tuath a toirt ionnsuidh air cur as do chreic an stuth-làidir, agus tha sinn an dòchas gu ’n soirbhich leotha.
Chaill àireamh theaghlaichean an dachaidhean leis na teinntean a bha ann am Manitoba o chionn ghoirid. Thatar ag radh cuideachd, gu robh àireamh dhaoine air an losgadh gu bàs.
Bha an t-Urr. D. B. Mac Leoid, ministeirOrwell , E. P. I. ,air chuairt ghoirid a’ coimhead a chàirdean ann anGlace Bay.Shearmonaich e anns an àite sin la na Sàbaid s’a chaidh.
Ghoid fear Alastair Laing fichead dolair air fear I. Smith ann a Halifacs aig àm na féille. Chaidh a chur an sàs air a shon, agus fhuaireadh ciontach e, agus thugadh tri bliadhna dhe ’n tigh-obrach dha.
Bha còrr us tri fichead mile aig anExhibitionann a Halifacs; no phàigh an àireamh sin air son faotainn a stigh ann. Cha robhexhibitionanns a’ bhaile riamh roimhe cho math ris, no aig an robh na h-uiread sluaigh.
Tha an grodadh gu math dona anns a bhuntàta air an eilean so; mur bitheadh sin bha e air a bhi anabarrach math air an fhoghar so. Thatar ag radh nach robh am buntàta riamh cho math ann an Eilean a’ Phrionnsa ’sa tha e am bliadhna.
Fhuaireadh mèinn ghuail faisg airSt . Peter’ so chionn ghoirid. Ma dh’ obraichear gach mèinn ghuail, us òir, us airgeid, us eile fhuaireadh air an eilean air an t-samhradh so, tha eagal oirnn nach bi duin’ anns an dùthaich a fhritheileas do ’n tuathanachas.
Bhrist teine mach anns a phriosan ann an Toronto, o chionn beagan us seachdain air ais, agus mu ’n d’ fhuaireadh casg a chur air bha call ceud gu leth mile dolair air a dheanamh. Bha na priosanaich air an cumail fo ghlais fad na h-ùine gus an cumail o bhi ri tuaireap.
Fhuair Fionnladh Mac Leoid, a mhuinntir a Phlaisteir, an siorrachdVictoria ,droch ghoirteachadh Di-haoine s’a chaidh. Bha e dol guBaddecka dh’ fhaicinn muinntir a bhaile sin a’ cur failte air an Ard-Riaghladair, agus air an rathad chaidh a thilgeadh as a charbad. Chaidh a thoirt gu tigh a mhic, Iain P. Mac Leoid, amBaddeck ,agus tha da dhotair a’ frithealadh dha, ach a thaobh gur a seann duine e, bheir e àireamh sheachdainean mu ’m bi e cho math ’sa bha e roimhe.
Iadsan a Phaigh.
Bean Alastair Mhic Rath, Sidni.
Alasdair Mac Amhlaidh, Milton .
An t-Urr. NiallCurrie , Loch Ainslie.
Mrs. Anna Mhathanach, Valley Mills. $1 .50
Ruairidh Mac Coinnich, Loch Bhlackett.
Domhnull Mac Neill, Gleann Ainslie.
Domhnull Màrtuinn, Orangedale . $2 00
Ruairidh Mac Philip. Rudha ’n Rothaich.
Iain Ceamp, Leitche ’s Creek.
Ruairidh H. Mac Coinnich, ForksShidni. 50c
Mrs. Seonaid Chaimbeul, Vaucouver , B. C.
Ian G. Mac Leoid, na h-Eileanan Coille, E. P. I. $3 .00
Iain Moireastan, Dunbheagain, Ont.
Barbara C, Leitch, Binkham, Ont.50c
Iain R, Boyd , Lakevale, N, S. $1 .75
Murchadh Mac Laomuinn, Quincey , Mass.
Calum Mac Mhannain, Kaurihohori , New Zealand.
BREITH.
Aig Crionach Ard, Gartmòr, Albainn, air an 27mh la dhe ’n mhios Sultuine, (meadhon an Fhogharaidh), bean Eoghainn Dhomhnullaich—nighean.
BAIS.
Aig Port Hastings, an 30mh la deSeptember, Isabel, bean Sheorais Bhàillidh, 67 bliadhna, dh’ aois, a fagail fear-pòsda, ceathrar mhac, agus aon nighean.
AigWreck ’s Cove, St. Ann’s, an 21mh la de September, Domhnull Moireastan, eildear, 52 bliadhna dh’ aois.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
’Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .30
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .35
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte.
Sgriobh gu
J . G. MACKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, C. B.
J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsa ’s fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B.
BADDECK, - - C. B.
Airson a stor a dheanamh na ’s deiseile ’s na ’s feumaile dhaibhsan a tha ’deanamh gnothuch ris, tha
Albert I. Hart
a’ nise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha a’ chuid sin de ’n ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am Boston ’sanNew York.Gheibh iadsan a thig g’a h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDECK , - - C. B.
IUBILI!
THIG AGUS FAIC!
Ceannachd ur us Prisean ura.
A h-uile ni cho saor ’s nach fhaod mi innse.
Niall Domhnullach.
Ceann an Iar a Bhaile.
BADDECK , - - C. B.
A Ghàilig ’sa Bheurla air an aon phris.
[Vol . 6. No. 16. p. 6]
(Air a leantuiun o thaobh 123.)
mu’n cuairt tre chuilbheartachd a bhràthar féin, bhris a chridhe, ’s cha do thog e ceann riamh tuilleadh. Bhàsaich e air an ath bhliadhna, 1406.
TAINISTEARACHD ALBA.
Fhuair Albani a nis an ni gus an robh e ’g iarraidh o cheann fada, rioghachd Alba dha féin, cha b’ ann gus a riaghladh, ach a h-an-riaghladh. Fhad ’s bu bheò mac a bhràthar aig cùirt rìgh Shasuinn, cha bu dàna leis tàmhadh a thoirt air a’ chrùn. Ach bha e ’na rìgh, co cinnteach ri Eanruic IV. fein, ’s na h-uile seadh ach an t-ainm. Fhuair Albani, agus Eanruic IV. an cumhachd tre na h-aon mheadhonaibh—le ainneart a chleachdadh a thaobh an dlù-chàirdean a bha seasamh ’na ’n rathad. ’S maith a thuigeadh an dithis a bha ’n sud a chéile. Bha fios aig Eanruic nach robh ni air domhan bu lugh’ air Albani na gu’n leigteadh dhachaidh air Seumas òg Stiùbhart. Agus uime sin bha e ga chumail mar bhòcan os a cheann gu eagal a chumail air ach am biodh e ’na choimhearsnach sìochail. Agus bha buaidh an eagail ud, an caochladh dhòighibh, ri fhaicinn air Albani. Ma b’ fheudar dha air uairibh a bhi, air sgàth coslais a’ cumail suas còmhstri ri Sasunn air son ni-eigin de thoileachadh a thoirt do na Morairibh Albannach, bha e ri fhaicinn aig gach àm dhiubh sin gu’n robh e ga chleachdadh féin air a leithid de dhòigh ’s nach faigheadh Sasunn ach co beag calla ’s a b’ urrainn e o bhriseadh a steach nan Albannach. Ach bha moran troimh’ chéil’ ’an Alba féin fhad ’s bu bheò Albani. Bha so ag éiridh o’n aon aobhar ris gach ceannairc bheag eil’ a thachair ri linn an dithis righrean a chaidh roimhe; b’e sin, nach robh moran eagail air na tighearnan cumhachdach rompa, no moran urraim doibh. Bha ni bu ro lugh’ urraim aca do Albani. Agus tha ri chur as a leth gu ’n robh e leigeadh cus de’n toil féin leis na daoinibh sin, ged a bha e, gu coitchionn, a’ cumail ceartais a measg dhaoine bochda. Ach ’s e ni bu ro chomharraichte ’s bu challail’ a thachair ré a thàinistearachd, a’ cheannairc fhuilteach a rinn Tighearna nan Eilean ’s a’ bhliadhna 1411, agus air son an robh ’n urra mhor sin a’ smuaineachadh gu ’n robh deadh aobhar aige. Fhuair aon de Iarlachan Rois bàs gun fhàgail ach aon nighean a bha pòsda ri Sìr Ualter Lesli. Bha dithis chloinn’ aig Sìr Ualter—Alastair, a thàinig an déigh sin gu bhi na Iarla Rois, agus Mairireat a phòs Tighearna nan Eilean. Phòs Alastair, Iarla Rois, nighean do Dhiùc Albani; agus cha robh duine cloinn’ aigesan ach aon nighean—Euphemia, ban-Iarla Rois. Ach chaidh a bhan-tighearna sin ’na b-òige steach do chomunn nan Cailleachan-dubha, ’s dh’ fhàg i Iarlachd Rois aig brathair a mathar, Iarla Bhuchain. Cha ’n eil teagamh nach robh Morair nan eilean a’ faicinn làmh Albani anns gach car dhiubh sud. Ach co-dhiu chuir am Morair a steach air son Iarlachd Rois fhaotainn da mhnaoi féin, mar an t-oighre dligheach, ’s a’ tagairt nach robh còir sam bith aig Iarla Bhuchain air ni a bhuineadh do theaghlach a mhnà-san, ’s nach robh coir aig an òig-mhnaoi a leig dhith an saoghal, air an oighreachd mhoir ud a thoirt seachad do neach nach buineadh do ’n teaghlach idir. Ach cha ’n éisdeadh Albani ri cùis-thagairt fhir nan eilean. Bha e air son an da Iarlachd, le ’n tiodalaibh, a bhi aig a mhac féin. Thog an t-eileanach an sin suas bratach na Ceannairc. Chaidh e ’n comh-bhoinn ri Sasunn as an robh e gu càbhlach fhaotainn bu chumhachdaiche na càbhlach Alba. Agus thog e deich mile saighdear, a chuir e fo lan armachd le bogha ’s dòrlach, a reir nòis nan eilean, agus leis an do ghabh e sealbh air Iarlachd Rois dha féin, a’ cur air theiceadh nan uil’ a bha seasamh roimhe. A thuilleadh air feadhainn eil’ a sheas roimh ’n Mhorair, thug Aonghas Dubh MacAoidh, le àireamh de luchd-leanmhuinn deannal maith air; ach ghlacadh Aonghas féin ’na phriosunach, ’s mharbhadh moran de ’luchd-leanmhuinn a measg an robh a bhràthair. Ghabh Morair Dòmhull an sin air aghart thun a mhachair Ghallda, gu Abaraidhean a losgadh, mar bhagair e roimhe sud. Cha robh ni no neach a’ coinneachadh ris a b’ urrainn bacadh a chur air. Fhuair e leasachadh mòr sluaigh timchioll air Inbhernis. Ach ’n uair a bha e teannadh ris a’ bhaile a’ bha e gu ’sgrios, thaghadh àireamh maith shaighdearan fo chomannda Iarla Mhàrr. Bha Probhaist Abaraidhein ’us àireamh maith de mhuinntir a’ bhaile ’s an armailt Ghallda. Choinnich na Gaill ’n na Gàeil a chéil’ a tuath air Abaraidhean, aig amhainn Urul, dlùth air baile beag ris an abrar Harlagh. Thug Deasaich ’us Tuathaich na h-aon rioghachd deannal eagalach air a chéil’ an sin. Bha na Gàeil moran ni bu lionmhoir’, ach bha na Gaill ni b’ fhearr air an armachadh. Thuit moran air gach taobh a measg an robh Probhaist Abaraidhein agus moran a mhuinntir a’ bhaile. Ach ghleidheadh bratach a bhaile, ’s thugadh air ais i, reubta agus dearg le fuil. Tha i ri faicinn fathast ’an talla an t-sean bhail’ ud. ’N uair a thàinig an oidhche, ’s a bha na laoich air an sàrachadh le obair an la, luidh Iarla Mhàrr ’s na bha beò dheth na Gaill air an àraich. Cha b’ urrainn iad dol ni b’ fhaide, bha iad làn lotan ’us chreuchdan. ’N uair a shoilleirich a’ mhaduinn an ath là chunncas gu ’n robh na Gàeil air togail air falbh, ’s nach robh iad air son tuilleadh còmhraig aig an àm sin. Chuireadh blàr Harlaigh air a 24 là de mhios-meadhonach an t-samhraidh, 1411. ’N uair a chuala Diùc Albani mar bha, thog e féin armailt air cheann an deachaidh e air tòir an eileanaich, gus a thoirt gu géilleadh. Bha neart Mhòrair Dòmhull air a bhriseadh, ’s cha robh e ach a’ cumail air falbh mar a b’ urrainn e. B’ eigin da Iarlachd Rois a’ leigeadh seachad, agus aideachadh a bhi ’na iochdaran umhal do chrùn Alba, agus riaraìchte leis na bh’ aige de fhearann, agus braighde-gill a thoirt seachad mar dhearbhadh air a dheadh chaitheamh-beath’ an deigh sud. Chaidh cùmhnantan a sheulachadh eadar na pàirtidhibh, a réir a’ chòrdaidh so, aig ceann Lochgilp, an Siorrachd Earraghàeil.
A’ bhliadhna an déigh blàr Harlaigh, fhuair Alba a ceud Oil-thigh, no Collaist. B’e so Oil-thigh Chill-rìmhinn. ’N uair a thàinig an teachdair, a chuir easbuig Chill-rìmhinn a dh’ iarraidh cead a Phàp’ air ais as an Ròimh a’ giulan làn chead o’n Phàp’ air son an oil-thigh a chur suas, bhuail iad na cluig le aoibhneas ’us aighear. Bu tioram, falamh, crion, am fòghlum a bhatar a’ toirt seachad ’s an oil-thigh ré iomadh bliadhn’ an deigh a chur suas. Ach cha mhaith a bhi deanamh tàir air là nan nithean beaga. Thàinig e ’n déigh sin gu bhi ro fheumail do ’n rioghachd.
Bhàsaich Diùc Albani air an 3 là de dhara mios an fhoghair, 1419, agus bha e air a leantuinn ’san tàinisteireachd le ’mhac, Murchadh, dara Diùc Albani. Bha e so air tighinn gu greis mhaith de aois mu ’n tàinig e dh’ ionnsuidh na tàinistearachd, agus bha mhic air fas suas. Bha eachdraidh na rioghachd a’ ruith ’s a’ chlais ghnàthaichte ré na h-ùin’ a bha esan air ceann an riaghlaidh. Cha do thachair nithe àraidh sam dith an taobh stigh de chriochan na rioghachd féin. Ach tha mòr iomradh ’an eachdraidh an ama so air cruadal ’us gaisge cuid de na n-Albannaich an tìribh eile na Roinn-Eòrpa; gu h-àraidh ’an cogaidhibh na Frainge. Ach mar nach buin sin gu h-àraidh do eachdraidh Alba, cha bhi sinn a’ leudachadh air. Cha robh Diùc Murchadh aon chuid co maith no co olc ri ’athair. Cha robh e co cuilbheartach no co seasmhach ris. Bha e furasd a mhealladh. Agus a measg cuid eil’ a bha deanamh tàir air air son sin, bha mhic féin a’ taisbeanadh eas-ùmhlachd dha. Agus tha ’s an aithris gu’m b’e sin an t-aobhar àraidh a thug air aontachadh ris an oidhirp a thoirt air Seumas, righ dligheach na h-Alba, fhaotainn air ais as a’ bhraighdeanas. Rinn a mhic cleasachd mhi-mhodhail, thàireil ’na fhianuis, air son an do bhagair e orr’, o nach gabhadh iad comhairl’ uaithe-san, gu ’n tugadh esan mhaighstir dhachaidh orr’, a riaghladh gu maith teann os an ceann uile. Riamh o ’n là sin shocraich e ’chridh’ air mac bhràthair athar fhaotainn dachaidh gu caithir a shinnsir. Bha cùirt Shasuinn ’s an àm so air tighinn gu bhi ni bu chàirdiche. Bha Eanruic IV. a rinn priosunach do Sheumas, air bàsachadh ’s a’ bhliadhna 1413, agus a mhac Eanruic a rioghachadh ’na àite. Bha Seumas air pòsadh nighean Iarla Shomerset a bha ’n dlù-dhàimh do theaghlach rioghail Shasuinn. Agus bha luchd-riaghladh ’na rioghachd sin a’ meas gu’m biodh e ’na choimhearsnach maith dhoibh a thaobh e bhi ’s an dàimh sin
[Vol . 6. No. 16. p. 7]
riu. Agus mar sin dh’ aidich iad a bhi toileach Seumas a leigeadh dhachaidh gu ’dhùthaich féin, ach a mhàin air a’ chumha gu m feumadh Alba bribid beag a phàigheadh air son na chost Sasunn ris ga fhòghlum, ’s ga bheathachadh ré ùine co fada. Chuireadh an cunntas so a steach gu Pàrlamaid Alba. Cha robh ann ach dà fhichead mìle Punnd Sasunnach, a bha co maith ri dheich uiread sin de airgiod an là ’n diugh. Chaidh bailtean Dhuneidin, Pheirt, Dhundeagh, agus Abaraidhean ’an urras air gu’m biodh an t-suim so air a paigheadh, ’s mar sin phill Seumas gu dùthaich ’us lùchairtean a shinnsir an ceann a naoi bliadhna fichead a dh’aois an déigh a bhi ochd bliadhna deug ’na bhraighdeanach air cùirt Shasuinn.
Mac-Iain ’us na Spainntich.
Nach eagalach am fearg a tha air Mac-Iain, on sgriobh mise ann an tomhas beag, smior na firinn mu na Spainntich. Cha ’n eil fios agamsa co-dhiu ’s e duine mor no beag a tha ann am Mac-Iain. Tha e ’feuchainn ri mise ’chaineadh gu maith ’s gu ro-mhaith airson mo bheachdan mu na Spainntich. Mata, mata, nach mise rinn am mearachd uamhasach an uair a bhrosnuich mi corruich Mhic-Iain am aghaidh. An Gaidheal Spainnteach, tha e soilleir gu bheil barrachd speis aige do ’n Spainn no do Bhreatunn, tir nan Gaidheal. Tha e ’g radh gu robh na Spainntich riamh fiughanta ’us foghluimte, ’s gu ’n do nochd iad barrachd caoimhneis do na h-Innseanaich ann an America na rinn Breatunn no na Stàitean riamh. Nach gleusda ’n laoch Mac-Iain! Nach e fein a tha min-eolach air eachdraidh an t-saoghail! Nach ann aig na Spainntich a tha ’n caraid gasda ann am Mac-Iain! Cha ’n eil mise ’dol a chaineadh Mhic-Iain, agus cha ’n eil mi ’dol a thabhairt beachd air bith mu sgoilearachd nan easbuig Spainnteach. Tha MAC-TALLA ’na charaid do na Gaidheil uile, do bhrigh gur Gaidheil iad. Cha ’n abair e focal an aghaidh eaglais air bith; agus mar so, tha e ’dearbhadh gu bheil gliocas maith aige. Cha chàin mise Mac-Iain: ach bheir mi comhairle no dha air. Mur cuala e riamh iomradh air anArmada ,na deanadh e moille air bith ann an eolas fhaotuinn mu ’n amaideachd uamhasach a nochd na Spainntich le ’nArmada .SgriobhWashington Irvingeachdraidh beatha Cholumbuis. Leughadh Mac-Iain an leabhar firinneach so co luath ’s is urrainn e, agus gu brath cha bhi ’chridhe aige mise, no duine air bith eile, ’chàineadh airson smior na firinn innseadh mu na Spainntich. Bhris iad cridhe an duine eireachdail, iomraiteach, Columbus, agus rinn iad gach olc ’us eucoir a bha ’n an comas air na h-Innseanaich a fhuair iad ann an America. Nach eil iad feineil? Is e ’n sgeula muladach a tha Irving a’ cur an ceill, nach robh e comasach doibh barrachd feinealachd a chuir an gniomh na rinn iad. Is bochd ’us ro-bhochd an seasamh a tha aca ’nis am measg rioghachdan na Roinn-Eòrpa. An uair a bha iad fo chasan Bhonapairt, agus a chaidh Wellington agus feachd Breatunnach a dheanadh comhnaidh leo, chraidh iad an ceannard ainmeil ud. Bha barrachd dragh aige leis na Spainntich thruagha, na bha aige ann am buaidh fhaotuinn air na Frangaich. O’n tha Mac-Iain co eudmhor as leth nan Spainnteach, ma tha eadhon beagan de chruadal ’us de sgairt nan Gaidheal aige, nach b’ fhearr dha dol do Chuba, ’s crioch a chur leis na Spainntich air an aramach a tha ’s an eilean ud. Cha’n eil a reir coslais, ach ceannardan bochd aig na Spainntich ann an Cuba. Rachadh Mac-Iain air ceann an fheachd, agus ma gheibh e buaidh, faodaidh e fein a bhi fathast ’na righ thar nan Cubanach. Mo bheannachd le Mac-Iain.
CONA.
Sean Fhacail Eirionnach.
Ni treun gu tuitim tuile.
Ni easbha go dith cairde.
Ni ancradh go h-éithioch.
Ni brùite go dul ann aois.
Ni ò ’n gaoth do thoig se e.
Ni maruidhe go fear stiùire.
Ni beatha go dul air neamh.
Ni rogha gu righ na cruinne.
Ni bocht gu dul go h-iffrionn.
Ni torann treun go toirneach.
Ni h-ealadha go leightear stair.
Ni h-annfadh go gaoith a ndear.
Ni daor go breith an bheithimh.
Ni h-é la na gaoithe la na sgolb.
Ni séimh neach go m-budh oilte.
Ni daoi go mnaoi droich mheine.
Ni heach go aifrionn Dé éisteacht.
Ni h-olc aon bheart go m-budh feall.
Ni beathuigheann briathra na braithre.
Ni chuimhnigheann an cù ghortach air a coilain.
Ni’l fios aig duine cia is fear—an luas ’na ’n mhoill.
Ni tuigeann an sàthach an seang, an uair do bhidheann a bholg fein geal.
C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean.
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG—Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-Tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.
Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C. B.
Indurated Fibreware
Tha an seòrsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fhiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire.
THE
E. B. EDDY Co
LIMITED
HULL, CANADA.
[Vol . 6. No. 16. p. 8]
Oran Moraig.
LE ALASTAIR MAC MHAIGHSTIR ALASTAIR.
FONN.—
Agus ho, Mhorag,
Na horo ’s na hóro gealladh,
Agus ho, Mhorag.
A Mhorag chiatach a’ chùil dualaich,
Gur h-e do luaidh a th’ air m’ aire.
’S ma dh’ imich thu nùll thar chuan bhuainn,
Gu ma luath a thig thu thairis.
’S cuimhnich, thoir leat bannal ghruagach
A luaidheas an clòth ruadh gu daingeann.
O! cha leiginn thu do ’n bhuailidh
Mu ’n salaich’ am buachar d’ anart.
’D é! cha leiginn thu gu cualach—
Obair thruaillidh sin nan cailean.
Gur h-i Mórag ghrìnn mo ghuamag
Aig am beil an cuailein barrfhionn.
’S gaganach, bachlagach, cuachach,
Ciabhag na gruagaiche glaine.
Do chùl péucach sìos ’n a dhualaibh,
Dhalladh e uaislean le ’lainnir.
Sìos ’n a fheòirneinean mu d’ ghuailnean—
Leadan cuaicheineach na h-ainnir’.
Do chùl péurlach, òrbhuidh, luachach,
Timchioll do chluaise ’n a chlannan.
O Mhórag! gu ’m beil do chuailein
Ormsa ’n a bhuaireadh gun sgainnir.
’S ged nach iarr mi thu ri d’ phùsadh,
Gu ’m b’ e mo rùn a bhi mar-riut.
’S ma thig thu rithist am lùbaibh,
’S e ’n t-eug, a rùin, nì ar sgaradh.
Leanaidh mi cho dlùth ri d’ shàiltean
Agus bàirneach ri sgeir-mhara.
Shiubhail mi cian leat air m’ eòlas,
Agus spailp de ’n stròic air m’ aineol.—
Gu ’n leanainn thu feadh an t-saoghail,
Ach thus’, a ghaoil, theachd am fharraid.
Gu ’n ’chuireadh air mhisg le d’ ghaol mi—
’S mear, aotrom a’ ghaoir tha’m bhallaibh.
A Mhórag ’g am beil a’ ghruaidh chiatach,
’S glan am fiaradh th’ ann ad mhalaidh.
Do shùil shuilbhear, shocair, mhòthar,
Mhireagach, chòmhnard, ’s i meallach.
Déud-cailce snasta na rìmhinn’,
Snaidhte mar dhìsn’ air a ghearradh.
Maighdeann bhòidheach nan bas caoine,
’S iad cho maoth ri clòimh na h-eala,
C—chan léuganach nan gucag;
’S fàileadh a’ mhusga de h-anail.
’S iomad òigeir a ghabh tlachd dhiot,
Eadar Arcabh agus Monainn.
’S ioma leannan a th’ aig Mòraig,
Eadar Mòrthir agus Arrainn.
’S ioma gaisgeach deas de Ghàidheal,
Nach obadh le m’ ghràdh-sa tarrainn.
A rachadh le sgiathan ’s le clàidhean,
Air bheag sgath gu bial nan canan.
’Chunnartaicheadh dol ’n an òrdugh
Thoirt do chòrach mach a dh-aindeoin.
’S iomad àrmunn làsdail, tréubhach,
An Dùnéideann ann am bharail.
Na ’m faiceadh iad gnè de ghuais ort,
Dheanadh tarrainn suas ri d’ charraid.
Mo chion a dheanadh leat éirigh;
Do chaiptein fhéin Mac-mhic-Ailein.
Gu ’n ’theann e roimhe romh chàch riut,
’S nì e fhà’st e, ach thig thairis.
Gach duine tha ’n Uithist ’s am Mùideart,
’S an Arasaig dhubh-ghuirm a’ bharraich.
An Canaidh, an Eige, ’s am Mòrthir—
Réisimeid chòrr ud Shìol-Ailein.
An àm Alastair ’s Mhontròse,
Gu ’m bu bhòcain iad air Ghallaibh,
Gu ’n d’ fhairich là Ionbhar-Lòchaidh,
Cò bu stròicich’ ann le lannan.
Am Peairt, an Cìll-saith, ’s an Allt-Eurann,
Dh’ fhàg iad Réubalaich gun anam.
Alastair mòr Ghlinne-Comhann,
’Sbrigadecoimheach Ghlinne-Gairidh.
Mar sin a’s an t-àrmunn Sléiteach,
Ged a tha e fhéin ’n a leanabh.
Dh’ éireadh leat a nall bho ’n Ruta,
Antrum lùth-chleasach nan seang-each.
Dhruideadh na Gàidhil gu léir leat,
Ge b’ e dh’ éireadh leat no dh’ fhanadh.
Shuidh deich mìle dhiùbh air cléith dhuibh
An cogadh Righ Tèarlach nach maireann.
’S ioma clòth air an d’ thug iad caitein,
Eadrr Cataobh agus Anainn.
Bha càch a’ diùlt teachd a luadh’ dhuibh,
’S chruinnich iadsan sluagh am bannail.
A rìgh, bu mhath ’s an luath-làimh iad,
’N uair a thàirneadh iad an lannan.
H-uile clòth a luaidh iad riabh dhuibh,
Dh’fhàg iad e gu ciatach, daingeann;
Teann, tiugh, daingeann, fighte, luaidhte,
Daite ruadh air thuar na fala,—
Greas thairis le d’ mhnathan-luadhaidh,
’S théid na gruagaichean so mar-riut.
Agus hó Mhórag, hó-ró,
’S na hóro gheallaidh.
DO BHIADH
Do Neart—Ma bhios e air a dheagh chnàmh.
Mur eil do stamag a deanamh a h-obair, feuch K. D. C. Cha ’n eil duine air am bheil Cion-cnamhaidh a cur dragh nach cuidich e—do nach toir e slàinte agus comhfhurtachd. ThaK . D. C. Pillsanabarrach math air son a chuim. Leighsidh iad Teanntachd, ma ghabhair iad maille ri K. D. C.
AIR AN SAR MHOLADH.
Sampuill de K. D. C. ’sK . D. C. Pillsa Nasguidh.
K . D. C. Company, Limited, New Glasgow, N. S. & 127 State St., Boston, Mass.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar duthcha tha ’nar beachd.
NIALL Mac FHEARGHAIS,
Taillear.
SIDNI - - - - C. B
$1 .00 air 80c.
Tha tuilleadh ’sa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dh’ airgead. Thig mu ’m bi ’n t-am seachad agus
FAIGH BARGAN.
McDonald Hanrahan & Co.
Sidni, Iulaidh 16, ’97.
FLUR AGUS MIN
direach as na muillnean.
(Ann am barailtean, leth-bharailtean agus cairteil.)
TI, SIUCAR, TOMBACA, etc.
Am bathar a’s fhearr air na prisean a’s isle an coinneamh AIRGEID.
ALASDAIR MARTUINN.
Sidni, C. B., Sept. 1, 1897.
title | Issue 16 |
internal date | 1897.0 |
display date | 1897 |
publication date | 1897 |
level | |
reference template | Mac-Talla VI No. 16. %p |
parent text | Volume 6 |