[129]

[Vol . 6. No. 17. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VI. SIDNI, C. B. DI-HAOINE, 22OCTOBER , 1897. No. 17.


Litir a Ontario.

Tha an samhradhs a foghradh air a dhol seachad agus bha side againn na buana nach robh againn riamh na bfhearr. Bha miosSeptemberfuathasach tioram blàth agus a chuid a chaidh seachad doOctobergle mhath gus a nis. Ach tha anail na gaoithe tuath ag innseadh cheana gum bheil an geamhradh a tighinn, ’s nach bi an uine fada gus am bi sneachd againn. Tha gach comharra ri fhaicinnthan duilleach a tuiteam bhar nan craobh, tha na luibhean gorma air an gearradh sios leis an reothadh, tha na oidhcheanan air fàs fada, than latha air dol an giorad agus feumaidh an gealbhan a bhi air a chumail nis fhearrsan inneal theannaidh na bha e roimhe so; a h-uille ni dhe so a teagasg dhuinn a bhi deiseil air àm a theachd; dhfhalbh maise agus àilleach an t-samhraidhs tha stoirm a gheamhraidh a teachd dlùth oirnn.

Chan eil fios agam, gu ceart de a sgriobhas mi air an àm so. Bu mhaith leam nithean blasda don luchd-leughaidh agus chan eil sin fuathasach furasda a dheanamhma dhfhaoidte an rud a chòrdas ri aon neach nach cord e ri neach eile, agus gu cinnteach chan eil ioghnadh orm dheth. ’Nuair a leughas mi thairis mo sgriobhadh feinsann a thig teum fotham a thilgeadhsan teine leis cho mi-òrdails a bhios each am fear a fhuair an aon tàlant, nan do chuir e am buil i bhuanaicheadh e te eile.

Bha an t-Urr. Iain Moireastan againn an sosan eaglais Chleirich fo cheann da Shàbaid, fear a mhuinntir Cheap Breatunn. Tha e na shearmonaiche math. ’S ann air deuchain a thoirt da air son gairm a tha e an so. ’S ann aige thaGhailig a tha math, agus chan eil rud ann a ruigeas cridhe duine cho mor ri cainnt bhriagha, bhlasda a mhathar. Fhritheil an duine còir an Comanachadh air an t-Sàbaid sa chaidh ann an Gailig, agus bha moran cruinn.

Tham bàrr gle mhaith, ach air a shon sin tha sinn ri gearain, mar thuirt mi roimhe. Thainig an grodadhsa bhuntata ach chan eil e cho donasa bha sinn a smaointeachadh a bhiodh e. Tha e a reic air son 50c am poca. Tha flùr air fas saor a rithisdtha so a tighinn a reir rùn cuid agus an aghaidh cuid eile, achs math am biadh a bhi saor.

Chaidh duinòg a mharbhadh faisg air an àite so an latha roimhe. Bha e a fuasgladh an eich as a bhuggie agus bhuail e breab air anns a chorp, ’s cha robh e beo ach da latha na dhéigh. ’Se Alasdair Stiubhart a bainm don òganach.

Chunnaic mi caraid dhomh a thainig áKlondykeair an t-samhradh soNiall Mac Artair, mac do Sheumas Mor Mac Artair (piobaire), a dhfhàg tìr Eargain ann am Muile o cheann faisg air leth-cheud bliadhna. Chan eil sgeul fuathasach math aig Niall airYukonnoKlondyke .Chan eil beatha duinetheid an sud fuathasach tearuinte. Tha fuachd us acras ri fhulang, agus ma gheibh duine òr ann chan ann gun deuchainean fhulang. Than reothadh, tha eg ràdh, ceud troigh a dhoimhneachd. ’S en dòigh a tha iad a cladhach, tha iad a dol siossan reothadh da throighs an sin a togail dùn mor do chonnadhsan toll agus a cur teine ris; tha sin a toirt air falbh an reothaidh troidh no dha eile agus tha na meineadairean a toirt a nios na h-ùrachs a toirt an òir aisde agus mar sin gus an teid iad fodha doimhneachd mhòr. Cha toireadh Niall comhairle air duine falbh ann aig am bheil tighnn-beo sam bith san àite so. Rinn e fhéin moran beartais ann, ach chan fhaigh duine am mach gu des fhiach e.

S mor an cunnarts an cuir daoine iad fein airson an òir, aguss mor an gaol tha aig cuid air an òrs air an airgiod. Tha cuid ann do dhaoine agus tha iad cosmhuil ris a bhoirionnach a bhasan t-seann dùthaich. Bha moran airgid agus òir aice; dhfhàs i tinn aon latha agus shaoil i gun robh i dol a bhàsachadh agus bha i fo throm iomagain gu de a dheanadh i ri a cuid airgid. Bu mhaith leatha a thoirt leatha an taobh a rachadh i fhéin agus bha eagal oirre nach cuireadh a mhuinntir a bhiodh ga cursa chiste an t-airgiod còmhla rithe. Thuirt a bhean a bha frithealadh dhi gun dfhuair ise seòl a mach air son i bhi cinnteach gum biodh a cuid airgid air a chur leatha. Thuirt a bhean bhochd iga innse dhi gu luath. Ni mi sin, ars a bhan-altrum; innis thusa dhomh cait am bheil do chuid òir agus airgid. Tha e ann am poit fon talamh ann an ceann shios an tighe, ars a bhean. Fhuair a bhan-altrum an t-òr agus thuirt i ris a bhean a bha tinn gun leaghadh i air bainne e agus gum feumadh i òl, agus gum biodh i an sin dearbh chinnteach gun robh e leatha. Ach an àite an òir a leaghadhs ann a leagh a bhan-altrum cnap mor de ìm agus dhòl a bhean bhochd e an ait an òir. Cha dfhuair i bàs idir, agus bha in sin gu tùrsach gun dòl i an t-òr. Ach ghleidh a bhan-altrum an t-òr dhi féin, agus a bhean bheairteach dhfhàs i bochd agus an te bha bochd dhfhàs i beairteach.

Tha eagal orm gun dthuirt mi tuilleadhsa chòir de ghòraiche.

IAIN MAC ILLEASBUIG.
Priceville , Oct.10, 1897.


Posadh Furasda.

Than sgeul a leanas air innse mu phòsadh càraid a bha fuireach a mach air an dùthaich ann an stàitNew Hampshireo chionn leth-cheud bliadhnair ais. Bha muillean-sàbhaidh aig amhinisteir, agus bha ecosg roinn mhor den t-seachdain ag obair innte. Bha ena sheasamh an dorus na muillne aon mhaduinn briagha foghair, ’nuair a chunnaic e each a tighnn a nuas an rathad-mor, a bha dol seachad gle fhaisg air amhuilinn. Air muin an eich bha duinòg a mhuinntir a choithionail aige, agus nighean òg bhòidheach a bhuineadh do aon de na bailtean a bfhaisge. Sheall am ministeir orra gu caoimhneil car mionard, agus an sin thuirt e riutha, “Tha mi cinnteach gu bheil sibh air son pòsadh,” “Tha,” ars an duinòg, ’s efàs dearg leis an nàire. “Am bheil thugabhail na mnatha so mar do bhean-phòsda? Cha leig sibh a leas tighnn bhar an eich,” ars am ministear. “Tha,” ars an duinòg. “Agus am bheil thusagabhail an duine so mar dfhear-posda?” ars am ministear. “Tha,” ars achaileag. “Ma tha, tha sibh pòsda, ’s bithibh agabhail air adhart dhachaidh,” ars am ministear, ’s chaidh e air ais guchuid sàbhaidh.


Tha boirionnach dan ainm Mòr Russel afuireach faisg air Belleville, an Ontario, a tha ceud bliadhnasa tri a dhaois. Rugadh i ann an siorrachd Ghlinn-garaidh, agus tha piuthar dhi an sin a tha ceud bliadhna dhaois. Bha a h-athair ceithir fichead bliadhnasa sia deugnuair a chaochail e, agus bha a màthair ceudsa ceithir deug. Tha e coltach gu bheil an t-seann aois a ruithsan fhuil aca.


Tha e air a mheas gun gabh e da acair air fhichead de fhearainn gus aon duine a chumail suas air feòil. Bheir an tomhas ceudna de dhfhearann seachad de chrithneachd na chumadh da fhichead duinesa dha, de chorca na chumadh ceithir ficheadsa h-ochd, agus de bhuntàta, de chorns de rice, na chumadh biadh ri ochd ficheadsa sia deug.



[130]

[Vol . 6. No. 17. p. 2]

SGEULACHDAN ARABIANACH.

VI. —EACHDRAIDH NAN TRI CHALADAIREAN AGUS NAN COIG MNATHAN-UAISLE.

CAIB. XVI.

Be miann is iarrtus laidir mo chridhe am bas fhaotainn anns an am. Ach mar is trice, chan faigh daoine an ni as miannach leotha. An uair a thug mi fa near nach deanadh gul is caoidh feum sam bith dhomh fhein, no dhasan a bha sinte marbh air mo bheulaobh, agus a smaoinich mi gum faodadhathair tighinn gun dail sam bith, agus mo ghlacadhs mo chur gu bas, thuirt mi rium fhein gum bfhearr dhomh mo chasan a thoirt as, agus mi fheinfhalach an aite eiginn anns an eilean. Ghrad dhirich mi suas an staidhre, agus an uair a leig mi achlach air an dorus, agus a chuir mi an talamh air a muin mar a bha e roimhe, thug mi maghaidh air achoille.

Faisge air aite anns an robh an taigh-fo-thalamh bha craobh mhor air an robh duilleach tiugh. Dhirich mi suas don chraoibh so, agus suil gun dthug mi air achuan chnnnaic mi an long aseoladh o thir-mor a dhionnsuidh an eilein. Thuirt mi rium fhein, “Ma chi an seann duine mi, is docha gun toir e air na seirbhisich mo ghrad mharbhadh an uair a chi e gum bheil a mhac marbh. Adhaindeoin na their mi ris gus mo leithsgeul a ghabhail, cha chreid e mi. Is fhearr dhomh mi fhein a chumail am falach cho maths a theid agam air.” Air dhomh so a radh, dhirich mi na bairde annschraoibh.

An uine ghoirid na dheigh sin thainig an long gu aite acaire, agus thainig an seann duine agus na seirbhisich gu tir. Bha coltas air an t-seann duine a bhith ann an dochas math gum faigheadh e a mhac beo an uair a ruigeadh e an taigh-fo-thalamh. Ach an uair a rainig iad far an robh e, agus a chunnaic iad gun robh an talamh air ur-chladhach, ghabh iad mi-mhisneach mhor. Thog iad achlach, agus chaidh iad sios; agus an uair a ghairm an seann duine air an duine og airainm agus nach dthug e freagradh dhaibh, thuit an cridhe buileach glan. Chaidh iad don t-seomar anns an robh e, agus fhuair iad fuar, marbh e, agus an sgianna chridhe. An uair a chunnaic iad mar a bha leig iad uile an aon ghlaodh cianail asda, agus ann an tiotadh thuit an seann duine ann an neul. Thug na seirbhisich am mach as an taigh-fo-thalamh e feuch an duisgeadh e as an neul an uair a gheibheadh e an t-aile, agus leig iadna shineadh e aig bonn na craoibh anns an robh mise. Ach a dhaindeoin gach doigh a dhfheuch iad rithoirt as an neul, bha e uine mhath ann mun do dhuisg e. Is ann a bha eagal orra nach duisgeadh e gu brath.

An uair a dhuisg an seann duine as an neul, chaidh na seirbhisich sios don taigh-fo-thalamh, agus thug iad a nuas corp a mhic. Chladhaich iad uaigh, agus chuir iad an corp innte. Le cuideachadh dithis dhe na seirbhisich bhan seann duine comasach air seasamh ag bruaich na h-uaghach fhads a bha ecur acheud lan no dha spaide den uir air corp a mhic. ’N a dheigh sin lion na seirbhisich an uaigh.

An sin thug iad leotha an t-innsreadh agus gach ni eile a bhanns an taigh-fo-thalamh don luing. Bhan seann duine cho fann le brons le bristeadh cridhes nach robh en comas dha ceum coiseachd a dheanamh. Thog na seirbhich leotha air mhaidean e don luing, agus gun dail sam bith sheol iad gu tir-mor.

An uair a chaidh an long as mo shealladh, thainig minuas as achraoibh. Chaidil mi anns an taigh-fo-thalamh an oidhche sin. An la-iar-na-mhaireach dhfhalbh mi air feadh an eilean, agus an uair a thainig an oidhche chuir mi seachad i anns an aite a bfhasgaiche a thachair rium.

Bha mi fad mhios afalbh air feadh an eilein air an doigh so. Latha dhe na laithean thug mi an aire gun robh am muir air traghadh anabarrach mor, agus nach robh ach astar beag ri shnamh gus am faighinn gu cladach tir-mor. An deigh dhomh snamh tarsuinn air amhuir, bha astar math agam ri choiseachd air feadh na bha de lathaich ann an iochdar achladaich. Bha mi gle sgith mun drainig mi talamh tioram. Shuidh mi greis a leigeadh manalach. ’N a dheigh sin an uair a choisich mi astar math air maghaidh troimh duthaich, chunnaic mi, ar leam, meall mor teine astar math uam. Thug an sealladh so toileachadh mor dhomh: oir bha fhios agam gum biodh daoine faisge air far am biodh teine. Ach an uair a chaidh mi gu math na bu dluithe dha, chunnaic mi nach e teine a bhann ach caisteal copair a bha anabarrach mor, maiseach; agus an uair a bhiodh aghrian adearrsadh air, shaoileadh duine a bhiodh fada uaithe gur e meall mor teine a bhann.

An uair a rainig mi faisge air achaisteal so, shuidh mi car uine a leigeadh manalach, agus a ghabhail beachd air; oir chan fhaca mi aitreamh riamh cho briagha ris. Cha robh mi fadanam shuidhe an uair a chunnaic mi deichnear dhaoine oga cho deas, dealbhach, dreachars a chunnaic mi riamh atighinn an rathad a bha mi. Ach ghabh mi ioghnadh mor an uair a thug min aire gun robh an t-suil dheas air a cur as gach fear dhiubh. Bha seann duine ard, liath, a bha gle thlachdmhorna choltas, acoiseachd maille riutha.

Cha burrainn domh gun ioghnadh a ghabhail an uair a chunnaic mi uiread so de dhaoine comhladh air leith shuil, agus an aon t-suil a dhith orra gu leir. Am feadhs a bha midol fo msmaointean cia mar a thachair dhaibh a bhith ann an cuideachd a cheile, thainig iad far an robh minam shuidhe, agus, a reir choltais, bha iad gle thoilichte mfhaicinn. An deigh dhaibh failte a chur orm dhfheoraich iad dhiom ciod e a chuir an sid mi. Thuirt mi riutha gun tugadh e uine fhada dhiom fios an aobhair innseadh; ach nam be an toil suidhe laimh rium, gun innsinn mo naigheachd dhaibh o thoiseach gu deireadh. Shuidh iad ri mthaobh, agus dhinnis mi dhaibh a h-uile ni a thachair dhomh on lathadhfhalbh mi as mo rioghachd fhein. An uair a chualiad mu gach ni a dheirich dhomh ghabh iad ioghnadh mor.

An uair a chuir mi crioch air mo naigheachd, dhiarr na daoine oga orm a dhol don chaisteal maille riutha. Ghabh mi an tairgse gu toileach, agus an uair a chaidh sinn a steachs a choisich sinn troimh mhoran sheomraichean, rainig sinn seomar mor, farsuinn, anns an robh deich langsaidean, air am biodh an deichnear dhaoine oga nan suidhe air an latha, agusnan cadal air an oidhche. Bha na langsaidean so mor-thimchioll an t-seomar, agus bhan langsaid air am biodh an seann duinena shuidhesna chadal, ann am meadhain an t-seomair. Ach o nach toilleadh air aon seach aon de na langsaidean ach aon duine, thuirt fear de na daoine oga rium, “A chompanaich, suidh thusa aìr an lar-bhrat ann am meadhain an t-seomair, agus na cuir ceisd mu thimchioll ni sam bith a buineas dhuinne, agus na fheoraich car son a than t-suil dheas gar dithnar deichnear; gabh beachd air na chi thu, ach na farraid mu dheidhinn ni sam bith.

An uair a bha sinn greisnar suidhe dheirich an seann duine bhar na langsaid, agus chaidh e am mach as an t-seomar. An uine gun bhith fada thill e steach. Thug e an sin a steach an t-suipear, agus thug e a chuid fhein do gach fear air leith. Thug e dhomhsa mo shuipear mar an ceudna, agus ghabh mi i air leith leam fhein mar a rinn cach. An uair a ghabh sinn ar suipear thug e cupan fiona do gach aon dhinn.

Chuir an naigheachd a dhinnis mi dhaibh mu gach mi-fhortan a thachair dhomh a leithid a dhioghnadh orras gun do ghuidh iad orm a h-innseach dhaibh a rithist. Dhinnis mi dhaibh i o thoiseach gu deireadh, agus bha cuid mhor dhen oidhche air a dhol seachad mun do chuir mi crioch oirre.

Thuirt fear dhe na daoine oga gun robh moran den oidhche air a dhol seachad, agus mun rachadh iad a laidhe gum feumadh iad an dleasdanas a dheanamh mar a babhaist dhaibh. A n uair achualan seann duine so dheirich e agus chaidh e steach do sheomar beag a bha faisg air, agus thug emach as deich miosan anns an robh luath is smurguail is dath dubh air am measgadh feadh a cheile. Thug e mios an t-aon do gach fear den deichnear dhaoine oga. Shuath iad an stuth so rin aghaidhean, agus chuireadh an dreach a bhorra eagal air dearg mheirleach. Thoisich iad ri guls ri bualadh an cinns an uchd, agus ri radh, “So an toradh a thagainn air son cho diomhains cho mi-bheusachs a chaith sinn ar beathas an am a dhfhalbh.”

Lean iad air an obair so gus an robh e dluth air amhadainn. An uair a sguir iad, thug an seann duine a steach uisge. Nigh



[131]

[Vol . 6. No. 17. p. 3]

iad an lamhans an aghaighean, agus chuir iad umpa aodach glan.

Chuir an obair a bhaca ioghnadh mor orm. Bha fior thoil agam bruidhinn riutha a chum gum feoraichinn dhiubh ciod bu chiall don obair a bhaca; ach bha eagal orm mo bheulfhosgladh on a chuireadh gasaidean cruaidh orm gun aon fhacal a radh mu thimchioll ni sam bith a chithinn nochluinnninn. Chuir na chunnaics na chuala mi a leithid a dhioghnadh orms nach dthainig norradh air mo shuil fad na h-oidhche.

An la-iar-na-mhaireach cha bu luaithe a dheirich sinn na ghabh sinn ceum am mach on chaisteal. Thuirt mi riutha, “A dhaoine uaisle, ged a thuirt sibh rium nach robh mi ri ceisd a chur oirbh mu thimchioll ni sam bith a chithinn no chluinninn, chaneil e an comas dhomh fuireach samhach nas fhaide. Tha lan fhios agam gur daoine turail, tuigseach sibh. Ach chunnaic mi sibh adeanamh nithean nach deanadh daoine glice sam bith gun aobhar sonraichte, agus bu mhath leam fios an aobhair a chluinntain. Car son, ma ta, a dhubh sibh bhur n-aghaidhean an raoir? Car son a tha gach fear dhibh air leith shuil? Tha aobhar sonraichte air a shon so, agus bu mhath leam fios an aobhairfhaotainn am mach.”

Thuirt iad rium nach robh gnothach sam bich agam a bhith feorach ceisdean den t-seorsa dhiubh, agus gum ben gnothach bu ghlice dhomh mo bheul a chumail samhach. An uair a chuala mi so dhfhan mi samhach.

Chuir sinn seachad an latha gu caoimhneil, cairdeil achomhradh mu chaochladh nithean. Ach an uair thainig an oidhches a ghabh sinn ar suipear, thug an seann duine a steach na miosan, agus dhubh gach fear dhiubhaodann, agus rinn iad gul is caoidh mar a rinn iad an oidhche roimhe sin, agus ghlaodh iad, “Is e so an toradh a thagainn air son cho diomhain agus cho mi-bheusachs a chaith sinn ar beathas an am a dhfhalbh.” Rinn iad acheart ni an treas oidhche.

Mu dheireadh, cha robh en comas dhomh fuireach samhach, agus ghuidh mi orra gu durachdach gun innseadh iad dhomh car son a bha iad ris an obair ud a h-uile oidhche, air neo iad a dhinnseadh dhomh cia mar a gheibhinn air ais do mrioghachd fhein. Thuirt mi riutha mar an ceudna gun robh e neo-chomasach dhomh fuireach na bfhaide comhladh riutha mur iunseadh iad dhomh aobhar na h-obrach a bhaca a h-uile oidhche.

Fhreagair fear dhiubh, agus thuirt e, “Na biodh ioghnadh sam bith ort ged nach dthug sinn dhuit am fiosrachadh a bha thu ag iarraidh. Is ann air son do mhath fhein a tha sinne afuireach samhach, ’Nan innseamaid dhuit gach ni mur deidhinn, bhiodh tu anns an aon suidheachadh ruinn fhein.”

Thuirt mi ris gun robh mi suidhichte air fios an aobhair fhaotainnn am mach ciod sam bith na dhfhuilinginn air a shon.

Is e mo chomhairle dhut,” arsesan, “gun an corr cheisdean a chur oirnn, air neo ma chuireas, caillidh tu do shuil dheas air a shaillibh.”

Tha mi cearta coma,” arsa mise, “tha mig innseadh dhut nach cuir mi coire sam bith ortsa, ged a thachradh dhomh mar a tha thug radh.”


CAIB. XVII.

Thuirt e rium mar an ceudna, nach ruiginn a leas dochas sam bith a bhith agam gum faighinn cead fuireach comhladh riutha anns achaisteal, ged a bhiodh toil agam, do bhrigh nach robh aite ann air son duine tuilleadh.

Thuirt mi riutha gum biodh ena thoil-inntinn gle mhor dhomh ceadfhaotainn fuireach maille riutha; agus ciod sam bith mi-fhortan a dhfhuilinginn air ashaillibh, gun robh miguidhe orra am fiosrachadh a bha dhith orm a thoirt dhomh gun dail.

An uair a chunnaic iad nach robh mi deonach an comhairle a ghabhail, fhuair iad caora, agus mharbh iad i. An uair a thug iad dhith an craicionn, thug iad dhomh sgian, agus thuirt iad rium gum biodh i feumail dhomh an uine gun bhith fada.

Feumaidh sinn innseadh dhut,” arsiadsan, “gum bheil sinn adolg ad fhuaghal anns achraicionn so, agus an uair a dhfhagas sinn air cnoc thu, thig eun anabarrach mor ris an canar an roc, agus togaidh e air falbh leis thuna chruidhean, an duil gur e caora a bhios aige. Ach na biodh eagal sam bith ort; leigidh e as thu air mullach beinne. An uair a leigeas e as air an talamh thu, gearraidh tu an craicionn leis an sgidhinn, agus tilgidh tu dhiot e. Cho luaths a chi an roc thu, teichidh e air falbh leis an eagal, agus faodaidh tu do rathad a ghabhail. Ach na stad gus an ruig thu caisteal anabarrach mor, maiseach, a thair a thogail de chlachan luachmhor, agus air a chomhdachadh le or fiorghlan. Than geata fosgailte aig gach am, agus chan eil agad ach gabhail a steach air. Bha sinne sinn-fhein anns achaisteal cho fads a bha sinn an so; ach chan innis sinn dhut ni sam bith mu thimchioll ciod a chunnaic nochuala sinn, no ciod a thachair dhuinn an uair a bha sinn ann. Gheibh thu fios air thu-fhein; ach faodaidh sinn a radh gur ann air saillibh a dhol ann a chaill gach fear dhuinn a shuil dheas, agus am peanas a chunnaic tu sinn adeanamh a h-uile oidhche, feumaidh sinn a dheanamh a chionn gun robh sinn anns achaisteal. Tha eachdraidh gach aon dhinn cho lan de dhriod-fhortan iongantachs gun lionadh iad leabhar mor. Chan fhaod sinn an corr innseadh dhut.”

An uair a chuir am fear a bhalabhairt crioch air na bhaige ri radh rium, dhfhuaigh iad ann an craicionn na caorach mi, agus an sgiannam laimh. Chuir iad air cnoc mi, agus thill iad don chaisteal.

Cha robh mi fada air achnoc an uair a thainig an roc mar a thubhairt iad, agus thog e leis mina chruidhean mar gum biodh caora aige, agus thug e gu mullach beinne mi. Cho luaths a leig e as mi ghearr mi an craicionn leis an sgidhinn, agus thilg mi uam e. An uair a chunnaic an roc mi, theich e air falbh cho luaths a bhaige. Is e eun geal, anabarrach mor, a thanns an roc, agus tha e cho laidirs gun tugadh e elafant leis gu mullach beinne gus a h-itheadh.

Gun dail sam bith choisich mi air falbh feuch an tachradh an caisteal orm. Leis cho cabhagachs a choisich mi, rainig mi e ann an leith latha; agus feumaidh miradh gun robh e moran ni bu bhriagha na dhinnis iad dhomh. Fhuair mi an geata fosgailte, agus an uair a chaidh mi steach, thainig mi gu cuirt cheithir chearnach a bhann an teis-meadhain achaisteil. Sheas mi tiotadh, agus sheall mi mor-thimchioll orm, agus thug min aire gun robh coig fichead dorus air achuirt. Bha ceithir fiicheadsa naoi deug dhiubh air an deanamh dhe na h-uile seorsa fiodha a bfhearr agus bu mhaisiche na cheile, agus bhan dorus eile air a dheanamh de dhor fiorghlan. Ghabh mi steach air an dorus a bfhaisge dhomh, agus an uair a chaidh mi beagan air maghaidh thainig mi gu seomar mor, farsuinn, lan innsridh cho maiseachs cho luachmhors a chunnaic duine riamh. Anns an t-seomar so bha da fhichead bean-uasalnan suidhe, agus bha iad gu leirnam boirionnaich oga cho briaghas a chunnaic suil duine riamh; agus bha iad uile air an eideadh ann an trusgain cho riomhachsa burrainn boirionnach a chur uimpe.

Cho luaths a chunnaic iad mi dheirich iad uilenan seasamh, agus ghabh iad far an robh mi gu failte a chur orm. Thuirt iad a beul a cheileUasail urramaich, is e do bheatha.”

An sin labhair te dhiubh rium ann an ainm chaich, agus thuirt i, “Tha uine fhada on a bha sinn an dochas gun tigeadh do leithid de dhuinuasal an rathad so. Tha choltas ort gur duine thu a tha anns gach doigh freagarrach air son cuideachd a chumail ruinn, agus tha sinn an dochas gum bi ar comunn-ne taitneach gu leor dhutsa.”

Thug iad orm suidhe anns achathair a bfhearr a bhanns an t-seomar. Ach an uair a leig mi ris dhaibh nach robh mimeas gum bairidh mi air aleithid so a dhurramfhaotainn uatha, thuirt iad, “Sin agad daite; aig an am is tu ar tighearna, ar maighstir, agus ar breitheamh, agus tha sinn uile gu bhith umhail dhut anns gach ni a chuireas tu mur coinneamh.”

Chuir an caoimhneas a bha iad anochdadh dhomh, agus an toil a bhaca bhithdeanamh gach frithealadh dhomh, ioghnadh anabarrach mor orm. Thoisich te dhiubh ri nigheadh mo chas ann an uisge blath;

(Air a leantuinn air taobh 134.)



[132]

[Vol . 6. No. 17. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig garn ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton


SIDNI, OCTOBER 22, 1897.

Bha teine mor ann aWindsor la na Sàbaid sa chaidh, a loisg cha mhor am baile gu h-iomlan, afàgail mu dha mhiles coig ceud sluaigh gun dachaidh. Thòisich an teine mu thri uaireansa mhaduinn ann am bothan sabhail anns an robh àireamh de dhaolne daoraich acur seachad na h-oidhche. Bha dùil an toiseach gun gabhadh an teine cur as, ach mu cheithir uairean dheirich an soirbheas, agus an sin sgaoil an teine cho luaths nach robh doigh air a chasg. Bha an sluagh uile air an dùsgadh, agus thòisich iad air na burrainn daibh a dheanamh gus an cuid a shabhaladh, achse gle bheag dhe sin a rinneadh. Bha chuid bu mhotha dhe na thugadh as na taighean air a losgadh air na sràidean, agus bfheudar don t sluagh gach ni fhàgail agus teicheadh lem beatha. Mu naodh uaireansa mhaduinn cha robh ach mun ochdamh cuid dhen bhaile air fhàgail, agus mur be gun dthainig cuideachadh á Halifacs bha sin fhéin air falbh. Chan eil a nis an lathair den bhaile ach aon eaglais (an eaglais Shasunnach), aon tigh-òsda, an colaiste, muilleann, agus mu choig air fhichead de thaighean-còmhnuidh. Bha làrach a bhaile na shealladh uamhasach. Bhan t-astar airn do ruith an teine mu mhile dhfhads mu leth-mhile leud, agus bha sin uile lan de làraichean ceòthach. Chaidh cuideachadh a ehur dhionnsuidh a bhaile cho luathsa ghabhadh deanamh, agus chaidh an sluagh a chur fo fhasgadh ann am bùithean. Bhatar an dùil fad dha no tri lathaichean nach do chailleadh beatha sam bith anns an teine, ach fhuaireadh uaithe sin da chorp ann an làrach aon da na taighean. Bu sheana charaid iad dam bainm Kelly, agus tha e coltach gun dthainig an teine orra cho grads nach burrainn daibh teicheadh. Bha iad le chéile mu thri fichead bliadhna dhaois. ’Se so an teines motha rinn de chall a bha riamh ann an Nobha Scotia. Thatar ameas gu robh fiach tri muillein dolair air a losgadh, agus cha robh ach mu leth muillein de dhairged-urrais air.

Bha an t-OnarachA . G. Blair,Ministear nan Rathaidean-Iaruinns nan Rathaidean-Uisge, ann an Ceap Breatunn air an t-seachdain so. Ràinig e-fhéin us Priomhair Murray, D. C. Friseal, Cailean Mac Isaic, agus uaislean eile, Sidni Tuath feasgar Di-màirt, agus rinn muinntir a bhaile sin cuirm mhor dhaibh an oidhche sin. Di-ciaduin chaidh iad air adhart gu Louisburg, agus air dhaibh tilleadh beagan an deigh coig uairean feasgar, rinn iad dàil bheag ann an Sidni, agus an sin chaidh iad an iar. Bha dùil aig muinntir Shidni gum biodh e aca ùine na bfhaide na bha e, agus tha iad gle dhiombach dhe air son cho beag cothromsa thug e dhaibh air an iarratusan a thoirt fa chomhair. Bha e an toiseach ri bhisa bhaile air deich uaireansa mhaduinn; ’nuair nach dthainig e aig an àm sin, bha e gu bhi ann mu dha uair feasgar; cha dthaing e aig da uair, agus an sin bhiodh esa bhaile air ceithir uairean, ach bha en deigh coig mun dthainig e. Tha cuid de mhuinntir abhaile dhen bharail gur h ann a bha edeanamh falach-fead orra, ach tha sinn an dòchas nach eil sin ceart. Ach tha sinnga mheas mar ni mi-fhortanach nach fhaca Mr. Blair iomchuidh, air a cheud turus don eilean so, barrachd ùine chur seachad anns acheanna-bhaile.

Rinn an soitheach-smùide tha gu bhi ruith eadar am port so agusNewfoundlanda ceud thurus toiseach na seachdain so, agus rainig i Sidni Tuathsa mhaduinn Di-màirt. ’Ses ainm dhi amBruce, ”agus tha ina soitheach math agus anabarrach freagarrach air son a chuain troimh am bheil aice ri bhi ruith. Tha i gu bhi ruith eadar Sidni Tuath agusPlacentiada uairsan t-seachdain gus am bi crioch ais a chur air na laimhrigeah ann amPort au Basque;an deigh sin bidh i ruith guPort au Basque,agus a deanamh turuis tri uaireansan t-seachdain. Bha dùil gum biodh i tighnn gu Sidni, agus dhfhaoidte gum bi, ach air an turus so cha drinn i ach tighnn a nios an acarsaid a ghabhail seallaidh air abhaile, agus, gun a dol gu laimhrig idir, tilleadh air a h-ais.

Bha fear Ferdinand Carriere air a chur an greim ann an Ottawa Di-màirt air son a bhi feitheamh gus ionnsuidh a thoirt air beatha Sir Wilfred Laurier. Bha daga aige, agus bha eg radh gu robh edol a thilgeadh aPhriomhair a chionn nach dthug e obair dha. Tha cuid ag radh gu robh an duine air an daoraich, ach co-dhiu bha no nach robh, ’s em priosan an t-àites fhearr dha leithid.

Chuir muinntir Halifacs coig mile dolair cruinn an la roimhe air son cuideachadh le muinntir Windsor. Tha Pictou a cur mile dolair gan ionnsuidh, Moncton , N. B. ,mile dolair; St . John, N. B. ,ceithir mile. Chan eil teagamh nach dean bailtean eile an cuid fheìn, agus gu dearbh tha feum air uile.


MacCoinnich & Co.

Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh
ANN AN LOUISBURG,
agus tha sinn aig an àm cheudna acumail air adhart air an t-seann laraich,
ANN AN SIDNI.

Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.

Theid sinn an urras air an obair.
Mac Coinnich & Co.


F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC

An aon fhear dhe sheòrsa thair Eilean Cheap Breatunn.

Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J Morley.

Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dhas coir dha toghal air.

Tha stoc math de speuclaireans de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.

Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. A seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.

THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHANEUREKAair a cheart phris air am beilearg an creic aig na muillin.

Tha Factoridh Eureka air aon den fheadhain as fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar adeanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.

Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.

Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitches Creek.Tha mu dheichair fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd lathan deigh a chlòimh chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.



[133]

[Vol . 6. No. 17. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Chaidh an stòr aig Tomas Mac Gill-fhaollain, ann an Sidni Tuath, a bhristeadh oidhche Di-haoine sa chaidh, agus chaidh airgead agus nithean eile a ghoid aisde.

Tha cuideachd aghuail an dràsdacur mu dha fhichead mile tunna de ghualsan t-seachdain suas AmhuinnSt . Lawrence,agus leanaidh iad air sin a dheanamh gach seachdain gus an dùin an amhuinn.

Ann amPreston , N. S. ,sheachdain gus an Di-ciaduin sa chaidh, chaidh an tigh aig PàdrugDowney ,duine dubh, a losgadh, agns bha dithis a bha fuireach ann, Artur agusHarry Willis,air an losgadh gu bàs.

Chaidh fearAlonzo Hawkeswortha chur an greim ann a’ Wolfvilleair an t-seachdain sa chaidh air son meairle. Bha àireamh stòraichean air am bristeadh ann an ceann an iar na mor-roinne, agus tha àmhrus gum besan a bha ris an obair.

ThaMr . Peters,Priomhair Eilean aPhrionnsa, an deigh an dreuchd sin a leigeadh uaithe, agus tha e-fhéin agus Sir TearlachH . Tupperadol gu Columbia Bhreatunnach, far am bheil iad gu bhin cuideachd a cheile mar luchd-lagha. Isliberal Peters,agus isconservative Tupper,ach a dhaindeoin sin tha iad a dol a dhobair cuideachd.

Rinn na teintean a bhann an cearnan de dhOntario o chionn da sheachdain air ais call mor. Bha aireamh mhor sluaigh air am fàgail gun dachaidh agus chaill cuid dhiubh na bhaca ris an t-saoghal. Thatar acur moran airgeid cruinn air son cuideachadh a dheanamh leotha; thug Morair Obaraidhean seachad da cheud dolair air an son.

Thainig fear Domhnull Mac Philip a mhuinntir a Bhaigh an Iar ri bheatha fhein air an t-seachdain sa chaidh. Ghearr e a sgòrnan le ràsar. Chan eil fhios gu de bhacur air a thug air an gniomh a dheanamh; bha e air a dheagh dhòigh agus cho fad sa bfhiosrach na coimhearsnaich, cha robh ni sam bith a cur deagh air. Bha ena sheann duine air an robh eòlas farsuinn, agus bha e gle mheasail.

Chaidh fear Uilleam Mac Iamhair a ghoirteachadh anns amhèinn an Seana Bhridgeport seachdain gus an . Chaidh a lamh a bhirsteadh agus a cheann a ghearradhsa bhruthadh gu dona. Aig a mhèinn cheudna, thuit fear Tomas Mac Fhearghais fo na carbadan guail, agus chaidh iad thairis airga leòn cho donas nach robh e beo ach mu ochd uairean. Thachair an da sgiorradh sosan aon seachdain.

Bha dithis de luchd-reic an stuth làidir air beulaobh fir-ceartais ann an Sidni Tuath air an t-seachdain sa chaidh, agus fhuaireadh iad ciontachs chaidh càin leth-cheud dolair am fear a chur orra. Bha duinaig cùirt ann an Sidni cuideachd, agus chuireadh càin air. Tha e coltach gu bheil muinntir an da bhaile, cho math ri muinntir na Méinne Tuathas nam méinnean eile acur rompa cur as do reic an stuth làidir ma ghabhas deanamh.

Tha muinntir Halifacs agus bhailtean eile air feadh na dùthcha an deigh airgead a chur cruinn air son cuideachadh a dheanamh leis na daoine bochda a chaill an taigheans an cuid ann aWindsorDi-dònaich sa chaidh. Tha baileNew Glasgowatoirt mile dolair dhaibh; tha Toronto atoirt mile eile dhaibh; tha aon duine, Uilleam Cunard, a tha thall ann an Sasuinn, acur mile dolair a nall air an son, agus fear eile coig ceud dolair. Chan eil teagamh nach bi suinn mhor airgeid air a chur dan ionnsuidh, na dhfhoghnas dhaibh gus am faighear am baile thogail.

Chaochail Mabel, nighean do IainCove ,anAmherst ,gle aithghearr, toiseach na seachdain sa chaidh. Ghoirtich i i-fheins i agàireachdaich, ’s cha robh i beò ach uine gle ghoirid.

Bha toiseach na seachdain so gle fhuar. Bha stoirm mhor ann latha agus oidhche na Sàbaid. Tha na lathaichean fuara, stoirmeil so ag innse dhuinn nach fhada gus am bi an geamhradh againn.

Bhuail da charbad-smùidena cheile faisg airOttawaseachdain gus an , agus bha ceathrar dhaoine air am marbhadh; bu thramps dithis dhiubh a bhagoid an turuis; ben dithis eile fear-na-h- inneil, agus an cléireach-posta

Tha cuid de na méinnean ag obair gu trang, cho trangsa bha iad riamh, ach tha cuid dhiubh anns nach eileas adeanamh a bheag sam bith de dhobair. Anns a che’ -la-deug a chaidh seachad cha do dhobraich méinn Ghowrie ach tri latha.

Tha an gual gu math saor ann an Sidni air an fhoghar so, nas saoire na bha e o chionn iomadh bliadhna. Gheibhear an dràsda uiread guail(slack)air 40csa gheibhte an uiridh us bliadhnaichean eile air 60c. ’Ses aobhar dha sin gu bheil barrachd us aon chuideachd a creic guail am bliadhna; mur bitheadh bhiodh e cho daorsa bha e roimhe.

Nuair a bhan t-Ard-Riaghladair ann an Sidni bha àireamh thaghte de luchd na bataraidh air an gairm a mach le òrdugh a mhàidsear air son fàilte chur air an uasal mar bu dligheach. Bha seachdnar no ochdnar de na h-òganaich nach dthainig air lom idir, agus tha iad sin a nise air an cursan lagh agus tha aca ri cùirt a sheasamh air an ath mhios.

Tha an t-Urr Andra Mac Gillebhràth, sagart Lios-mhoir, an siorrachd Phicton, an deigh am paraiste sin a leigeil dheth, agus tha an t-Urr. Alasdair Siosal, D. D., sagart Loch Ainslie, a dolna àite. Tha mar an ceudna an t-Urr. R. H. Dùghlach, sagart Mhargaree, adol do pharaiste Thorburn, an siorrachd Phictou, agus sagart a pharaiste sin, an t-Urr. A. Mombourquette, a dol do Mhargaree.

Bha fear Mac Neill, a mhuinntir na Meinne Tuatha, air an robh àmhrus gun do ghoid e sleighesa gheamhradh sa chaidh, air a ghlacadh o chionn ghoirid, agus tha e nise anns a phriosansa bhaile so afeitheamh cùrtach. Dhfhàg e an dùthaich nuair a bhathasga iarraidhsa gheamhradh, ach thill e o chionn beagan ùine air ais. Bhuineadh an t-sleighe chaidh a ghoid do na Bràithrean Mac Aoidh ann an Sidni.

A reir sgeòil nam paipearan-naigheachd, tha da bhoirionnach fhialuidh ann am Montreal, ’nan robh fhios iad. Tha tigh mor anns a bhaile sin ris an abrar Dachaidh nan Gillean, anns am bheil gillean bochda a faotainn am beathachaidhs am foghlum gu saor. Air an t-seachdain sa chaidh, thug aon bhoirionnach coig mile dolair seachad air son cuideachadh le cumail suas an taighe sin, agus thug eile seachad tri mile. Chan eil seach dhiubh air son a h-ainm a dheanamh follaiseach.


POSAIDHEAN.

Ann anRoxbury , Mass. ,air an treas latha deug de dhOctober, leis an Urr. A. D. Mac Fhionghain, B. A., B. D., air a chuideachadh leis an Urr. Aonghas MacIlle-mhaoil, as a Bhàighn Iar, C. B. Domhnull S. Mac Gilleain, áMalagawatch ,C. B., us Mor A. Nic Dhomhnuill, á Amhuinn Dhennis, C. B.

Ann amBoston , Mass. ,air an treas latha deug de dhOctober, leis an Urr. A. D. Mac Fhionghain, B. A., B. D., ministear eaglaisSt . Andrews, air a chuideachadh leis an Urr. D. Mac Ille-mhaoil, as aMhéinn a Tuath, C. B., Donnachadh A. Mac Fhionghain, a Loch Ainslie, C. B., us Mairi Nic Coy, am Boston.


LEABHRAICHEAN GAILIG.

Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .30
Gramar Gailig, le Dr. H. C. MacIlliosa 1.10
Gaelic Class Book .35

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte.
Sgriobh gu
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, C. B.


J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsas fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B.


BADDECK, - - C. B.
Airson a stor a dheanamh nas deiseiles nas feumaile dhaibhsan a thadeanamh gnothuch ris, tha
Albert I. Hart
anise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha achuid sin den ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am BostonsanNew York.Gheibh iadsan a thig ga h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDECK , - - C. B.


IUBILI!
THIG AGUS FAIC!
Ceannachd ur us Prisean ura.
A h-uile ni cho saors nach fhaod mi innse.
Niall Domhnullach.
Ceann an Iar a Bhaile.
BADDECK , - - C. B.
A Ghàiligsa Bheurla air an aon phris.



[134]

[Vol . 6. No. 17. p. 6]

(Air a leantuiun o thaobh 131.)

bha te eile anigheadh mo lamhan ann an uisge fuar; bhan treas te afaighinn aodaich deiseil a chuirinn umam; bha cach afaighinn a bhidh deiseil, agus adeanamh gach ni a ghabhadh deanamh a chum achuirm a bha gus a bhith againn a chur an ordugh gu maths gu ro-mhath. An uair a ghabh sinn na thainig ruinn den bhiadhs den deoch a bha cho pailt air ar beulaobh, shuidh iad mun cuairt orm, agus dhiarr iad orm mo naigheachd innseadh dhaibh. Dhinnis mi dhaibh meachdraidh o thoiseach gu de readh, agus mun do chuir mi crioch air na bhagam ri innseadh dhaibh, bham feasgar anamoch ann.

An uair a thainig dubhar an fheasgair las iad aireamh mhor de choinnlean ceireach, agus cha mhor nach robh an seomar cho soilleirs ged a bhiodh aghrian na h-airde. Beagan uinena dheigh sin fhuair iad an t-suipear deiseil, agus bha gach seorsa bidh is dibhe air am burrainn duine smaoineachadh air ar beulaobh air abhord. Shuidh sinn aig an t-suipear, agus bha cuid mhath dhen oidhche air a dhol seachad mun deirich sinn on bhord. An uair a bhan t-suipear thairis, thoisich cuid diubh ri cluich air innealan-ciuil dhe gach seorsa, agus thoisich cuid eile ri dannsa. Bha en deigh a mheadhain oidhche mun do chuireadh crioch air acheols air an dannsa. Mu dheireadh thuirt iad rium, “Is cinnteach gum bheil thu sgith an deis na rinn thu de choiseachd an diugh. Than t-am agad a dhol a ghabhail mu thamh. Than seomar-cadail deas.”

Thuirt mi gun robh mi toileach gu leor a dhol a laidhe on a bha mi sgith agus air dhroch cadal iomadh oidhche roimhe sin. Thugadh do sheomar anabarrach maiseach mi far an do chaidil mi cho trom ris achloich gus an do shoilleirich an latha.

Mun gann a chuir mi umam mo chuid aodaichs amhadainn, thainig na mnathan-uaisle gu leir a steach don t-seomar far an robh mi a chur failte na maidne orm, agus a dhfheorach cia mar a fhuair mi cadal, agus cia mar a bha mi. Thug iad deise riomhach do mionnsuidh, agus an uair a thainig mi as an taigh-fharagaidh chuir mi umam i.

Chaith sinn earrann mhath den latha mun bhord agabhail bidh agus dibhe, agus an uair a chuir sinn seachad earrann mhor den oidhche ri ceols ri orains ris gach toileachas-inntinn eile a bha freagarrach agus iomchuidh air son ar leithidean, ghabh sinn mu thamh. A chum sgeula goirid a dheanamh dheth, chuir sinn bliadhna seachad leis gach sogh is subhachas air an urrainn duine ainm a chur.

An ceann na bliadhna an uair a thainig na mnathan-uaisle steach don t-seomar a chur failte na maidne orm mar bu ghnath leothadheanamh, thug mi an aire gun robh coltais mulaid air gnuis gach te dhiubh, agus chuir so ioghnadh mor orm; oir bu ghnath leotha a bhith anabarrach cridheil, aoidheil. Rug te an deigh te dhiubh orm na gairdeanan, agus thuirt iad, “Slan leat, a phrionnsa, slan leat! oir feumaidh sinn dealachadh riut.” An uair a chunnaic mi iad asileadh nan deur, cha burrainn domh cumail orm fhein. Dhfheoraich mi dhiubh car son a bha iad cho tuirseach, agus ciod a baobhar gun robh iad adol a dhealachadh rium. “An ainm an aigh, innsibh dhomh e, agus ma tha e idirnam chomas comhfhurtachd no cuideachadh a thoirt dhuibh, ni mi e,” arsa mise.

Ach an aite mo fhreagairt thuirt iad, “Bfhearr nach fhaca sinn riamh thu! Ged a chuir iomadh duine uasal greis dhen uine seachadn ar cuideachd, chan fhaca sinn fear eile riamh fhathast a bha cho fior thlachdmhor anns gach doighs a bha thusa; agus chan eil fhios againn cia mar a bhios sinn beo as daonais.”

An uair a thuirt iad so, thoisich iad a rithist ri guls ri caoidh.

A mhnathan-uaisle coire,” arsa mise, “na bithibhg am chumail an an-fhios nas fhaide. Innsibh aobhar bhur broin dhomh.”

Ochan!” ars iadsan, “is i an eiginn anns am bheil sinn a chionn a bhith dealachadh riut a thag ar fagail cho bronach. Is docha nach fhaic sinn a cheile gu brath tuilleadh. Ach ma thogras tusa stamhnadh a chur ort fhein, faodaidh e bhith gun coinnich sinn a cheile fhathast.”

A mhnathan-uaisle,” arsa mise, “chan eil mituigsinn ciod a tha sibh aciallachadh; an ainm an aigh innsibh dhomh gu soilleir mun chuis.”

(Ri leantuinn.)


Na Spainntich.

Fuaim mhor a bolg fas.” ’S gailbheach an fhuaim a tha Cona a deanamh anns aMHAC-TAHLA! Nam biodh en Cuba, agus na Spaintich cho truaghs a tha eg radh, ’s cinnteach gun tugadh a chuid boilich orra teicheadh gun dail. Ach cha toir daoine tuigseach moran aire do leithid so de spagluinn. Cha dthuirt Mac-Iain gu robh na Spainntich riamh foghluimte, ach thuirt e gu robh iad foghluimte, agus mu tha corr dearbhaidh a dhith air neach sam bith leughadh e anEncyclopedia Britannicaair litreachas na Spainnteach agus air an taighean leabhraichean. Leughadh Cona a rithisd eachdraidh beathaCholumbusleIrving—leugh Mac-Iain i o chionn fadaagus mur a bheil e gu tur dall chi e nach robh na Spainntichs a linn ud idirgun tuaiream, gun toinisg,” ThaIrvingag radh gum bu Iseabail Banruinn na Spain aon de na feadhainn a bairde clius bu ghlainne beusan air am bheil iomradh an eachdraidh; achs math le Cona sinn a chreidsinn gun robh an cinnidhs an dfhuair ih-arachs a foghlums air an robh i na riaghladairriamh gun tuaiream gun toinisg.” A reir Conas i amaideachd uamhasach a bhanns an Armada. Ma dhfhaoidte! ach na fiachainn ri cunntas a thoirt seachad air a h-uile amaideachd agus anaceart a rinn Breatunn chumainn a MAC-TALLA lan gu ceann bliadhna, ach cha bhiodh sin na dhearbhadh do dhuine tuigseach sam bith gu robh na Breatunnaichriamh gun tuaiream gun toinisg.” Cha teid mi idir as aicheadh gun drinn na Spainntich iomadh ni aingidh, ana-ceart, ann an America, ach sheall mi cheana gu soilleir gu robh iad na bfhearr do na h-Innseanaich na bha na Breatunnaich, agus cha drinn Cona uibhir agus fiachainn ri mo dhearbhadh a bhreugnachadh. Thug mi dha teisteannas feadhnach a mheoraich air a ghnothuch, agus cha ghabh teisteannas den t-seorsa so a thoirt gu neoni le facal sgriobhadair gun ainm ge be de cho ards a labhras e. Gun teagamh thuit a Spainn bhon inbhe aird anns a robh i; ach thuit, mar an ceudna, aGhreig, aRoimh, agus iomadh cinneadh cumhachdach eile, agus co an neach aig am beil tur a their gu robh na Ròmanaichs na Greugaichriamh gun tuaiream, gun toinisg.”

Tha min dochas gu bheil Cona an nisd sgith cainidh. Chain e na Spainntich, agus sin chain e Mac-Iain chionn gun do ghabh e pairt cinnidh nach burrainn freagairt air a son fhein. Ann an caineadhs cinnteach gu faigh Cona a chiad dhuais. ’S ainneamh an neach as urrainn seasamh na aghaidh, agus ma chumas e aig caineadh, agus ma leanas e air reusan a sheachnadh cha chluinn en corr bho

MHAC-IAIN.
Oct .16mh, 1897.


AGhaidhlig.

Tham bàrd dileas, fonnmhor, Niall Mac Leoid, ag radh:

Duisg suas, a Ghàidhlig, ’s tog do ghuth,
Na biodh ort geilt no sgaig;
Tha ciadan mile dileas duit,
Nach diobair thus abhlar.
Cho fads a shiubhlas uillt le sruth,
S a bhuaileas tuinn air traigh,
Chan aontaich iad an cainnt non cruth,
Gun teid do chur gu bas.

Nam biodh gach Gàidheal thalls a bhos co foghainteach, eudmhor, ris abhard Mac Leoid, bhitheadh aGhàidhlig amealtuinn cairdeanus cuideachaidh a bheireadh dhi onoir, ’us urram, ’us soirbheachadh, a bhitheadh da rireadh, gasda, boidheach, suilbhir agus taitneach. Bhitheadh MAC-TALLA, mar an ceudna, ’faotuinn baighus molaidh a dhfhagadh e proiseil, agus a bheireadh dha comas iomchuidh air canainus abhaistean aosmhor nan Gaidheal achumail suas gu gleusda, gu togarrach, ’us gu duineil treubhach. Is iomadh lathas bliadhna fadathainigus a dhfhalbh on bha Oisean nan caomh dhàns nan beusan ciuin, ’us Malaidh-mhine nan seod le cheile ann an Seallama, ’deanadh iomraidh muladach, ’us milis, air euchdanus gniomharan àillidh, ’us feartan malda, caoimhneil na Feinne. Ma dhfhaoidte nach robh àm eile ann on chaidh an fhoid ghorm a chur thairis air Oisean agus air abhana-charaid



[135]

[Vol . 6. No. 17. p. 7]

ghasda Malaidh-mhine, ’tha co eudmhor ris an àm a thanis ann as leth na Gaidhlig agus gach nitha Gaidhealach agus airidh air meas, ’us gradh, ’us greadhnachas fhaotuinn bho na Gaidheil ann an tir an fhraoich agus ann an tirean iomallach an t-saoghail, oir ciod e an cearna anns nach eil na Gaidheil atuineachadh agus adeanamh moran maith. ThaGhaidhlig co laidir, reachdmhor, agus buinidh dhi buaidhean co eireachdail, ’us co treun, air chors nam bitheadh sgoilearan le inntinnean geura, ’toirt aire dhi, bhitheadh aice an diugh, moran leabhraichean, moran ionnsachaidh, agus aite ard, measail, am measg canainean an t-saoghail gu leir. Tha luchd-leughaidh MHIC-TALLAfaotuinn fios gach bliadhna mu na Mhod achuir Gaidheil thapaidh, ard-inntinneach, fhoghluimte, air chois bho cheann sea bliadhna. Tha aig naCymri (Welsh)bho cheann iomadh linn cruinneachadh airson an canains abhaistean, an daoines an dùthchachumail suas, ann an doigh ainmeil, sheasmhach, onorach. Is eEisteddfodan t-ainm a than comunn sogiulan. Tha enis air a ghleidheadh gach bliadhna. Tha na Cuimrich mar so ro-dhileas dan canain fein, agus do gach eachdruidhus abhaist a tha measail, ciatach mu dheibhinn nan daoine bhon tainig iad agus a bha geamnaidh, mor-chridheach anns na laithean a dhaom. Tha leabhraichean-lann aca anns am bheil moran eolaisus bardachdnan canain reachdmhor fein. Is e ceatharnaich ghasdatha anns na Cuimrich. Tha iad lionmhor ann am bailtean mora Shasuinn, agus le dichiollus le neart cuirpus inntinn, tha iad a soirbheachadh gu math. Tha baigh bhlath daonnan aca dan dùthaich fein agus do na duaisean luachmhor a tha air an tabhairt doibhsan as modha cliu, ’us eolas, ’us treise foghlumus inntinn, anns gach rannus rosg, anns gach ceolus buadh, a tha measail ann am beachds ann an sgeula aosmhor nan Cuimreach. Mar tha MAC-TALLAcur an ceill le gairdeachas, tham Mod Gaidhealach atrusadh cairdeis gasda, bho na Gaidheil uasalus iosal aig am bheil speis cheart do gach ni ionmholtarinn na Gaidheil riamh do gach bardachd mhilis, ghrinn, a bha taitneach leo; ’us do gach feart inntinn, ’us piob-mhoir, ’us clarsaich air am bheil measus gradh gu dligheach aca. Is e Inbhirnis, baile-mor nan Gaidheal agus na Gaidhlig an diugh, ged than t-Oban adeanadh oidheirp ghaisgeil airson acheud aiteshealbhachadh anns aGhaidhealtachd uile. Is ea Gaidheal grinn, foghluimte, am Frisealach Mac-an-Toisich, a thana cheann-suidhe air aMhod air abhliadhna so. Anns an stri ard, urramach, a tham Mod le dhuaisean, adusgadh suas ann an cridheachan nan Gaidheal, tha àrd, ’us iosal, bairdus luchd-ciuil, ’us ministeirean an t-soisgeil mar an ceudna, le sgairt, ’us gaisge, ’s dùrachd shonruichte, a nochdadh cia co morus maith a tham muirns an gradh do na laoch bhon tainig iad len canain liath, bhlasda. Gun dragh air bith faodaidh sinn a bhicreidsinn gu bfhearr gu robh am Mod air a shuidheachadh bho cheann iomadh bliadhna. Bitheamaid toilichte gu bheil enis ann, agus gu bheil e eadhon ann an laithean oigefas gu laidir, fallain, gu bheil snuadh àillidh na slaintes na h-uaisle air a ghnuis; gu bheil maithean Albuinn dileas air a chul, agus gu bheil euchdan cheana air an deanamh leis, a thatabhairt tlachd, ’us misnich, ’us toileachais, do na Gaidheil a tha fada bho thir nam beann, agus a tha taingeil do MHAC-TALLA airson gach eolais a tha etabhairt seachad mun Mhodus mu gach gniomhus eud a tha na Gaidheil adeanamh as leth an canains an dùthcha.

CONA.


Laoidh.

Feuchaibh, ’naoimh, than sealladh glòrmhor
Faicibh Fear-a’ -bhròins na tàir’,
Tighnn air ais on chath le mhòrachd;
Theid gach glùn da sios gu làr;
Crùnaibh, crùnaibh,
Crùnaibh gaisgeach mor nam blàr!

Aingle, crùnaibh Criosd, an Slànghear!
S mor a chobhartachs a bhuaidh;
Glòir is cumhachd thugaibh dhàsan,
S biodh a chliù gu h-àrd ga luaidh;
Crùnaibh, crùnaibh,
Crùnaibh Iosa, Righ nam buadh!

Naimhdean rinn, le crùns le smugaid,
Fanoid air Messiah caomh;
Nis tha aingleans naoimh na chuideachd,
Atoirt cliù da ainm ro naomh;
Crùnaibh, crùnaibh,
S cuiribh mach a chliù gach taobh!

Cluinnibh abhuaidh-chaithream àghmhor!
Iolach àrd gun sgur, gun sgios!
Criosd ga chrùnadh anns na h-àrdaibh,
Coimeas da cha robhs cha bhi!
Crùnaibh, crùnaibh
Triath nan Triath, is Righ nan Righ.


Am MAC-TALLA gu deireadh na bliadhna 1898 air son dolair. Cuir dolairga iarraidh gun dàil.


C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIGOs cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-Tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.


Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C. B.


Indurated Fibreware

Tha an seòrsa so nas daoire na na bucaideans na tubaichean cumanta, achs math is fhiach iad sin; tha iad nas buaine, agus mar sinsiad as saoire.

THE E. B. EDDY Co
LIMITED
HULL, CANADA.



[136]

[Vol . 6. No. 17. p. 8]

Iorram na h-Imrich Chuain.

[Chaidh na rainn dhrùidhteach so a chur ra chéile, bho chionn timchioll air da bhliadhndeug air fhichead, leis an Urramach D. Mac Rath, an sgireachd Nis, ann an Leòdhas, air do àireamh mhor den choimhthional aigeagusn am measg achuid a burramaiche de na seanairean, dan robh mor spéis aige— ’bhi air dol air imrich do Chanada. ]

Chaidh sinne gu tràigh,
A choimheadachd chaich:
Cha till iad gu bràth,
An taobh so!
Long iaruinn fom bonn,—
Asadradh nan tonn:
Tha feadhainn am fonn,
S cuid tursach.

Clann bheaga ri gàir’;
Amhathair fo phramh;
Fir mhorann an sas
S iad ciurrta,
Fras-shileadh nan deur
Gu tosdach, ach geur;
Asealltainnn an déigh,
Le curam.

Iad feindol an iar,
S an talamhdol siar;
Chan fhaicear leo sion
Ach Mùirneag.
Seall! Mùirneagdol uap
Dol fodhas achuan;
Fir as mnathaibh gun tuar,
G a h-ionndrainn.

Ionndrainn eilacma ta,
Toirt cridhgoirt agus cnamh,
Luchd an gaoil as an dàimh,
Toirt cul doibh.
Dhfhag sud iadn an déigh,
Ni nach fagars nach treig,
Comunn blath latha Dhé
S achùbaid.

Mun tricchruinnich an sluagh,
A Shàbaids a Luain,
Le mor aires cluas,
Don sgeula.
Leigeam seachad an dan;
S deanam urnuigh a ghnath,
Gun ruig iad cala as fearr
Na Quebec!

Beir an t-soraidh so uam,
Gu America Tuath,
Thun caoirich as sluagh
Mo churam.
N deadh Bhuachaille fein,
Biodh rompasn an déigh
Gun dion o gach beud:—
Sin murnuigh.


Cumha

Air Eobhan Mac Lachluinn, am filidh Abrach, Fear-riaghlaidh sgoil nan Cànan ann am baile seann Abareadhain; a dhéug ann an tréine a làithean, agus an àirde a bhiùthais, ’s abhliadhna 1822. Leis an Urramach an t-Olla Mac-an-t- Saoir, nach maireann, Aodhaire Chill-Math-Niobhaig.

S mi siubhal fo dhubhar aMhìll
Thasgàileadh nan Cill so shuas,
Tha maigne trom osnachail tìom,
S mo shòlas cha till ri luaths.

Tha mulad, tha muladg am chràdh,
Bhon chaireadh tua tàmh nan leac,
A-chaoimhichbu dealasaich gràdh,
Mhic Lachluinn nan dàn lan beachd!

Mo chreach! ged abòrdhearc do ghnàs,
Ge biomadach daireamh bhuadh,
Gum béudar dhut strìochdadh don bhàs,
Us laidhen caol-thamh na h-uaigh.

Mo leòn gun do striochd thu cho tràth!
Mo bhron gun do thàmh cho luath!
Dhfhag so sinn fo airteals fo phràmh
S fo smalans an Airde tuath.

Gun dthug thu lom-sgrìob oirnn, a bhàis,
A dhfhag sinn gu cràiteach, bochd,
Ar n-ùr-choill, an àilleachd a fàis.
A rùsgadh bho bhàrr gu stoc!

Gun dfhag thu Lochabar fo bhron
Cha leighis ar leon ri luaths;
Gur geur so a chneidh a laidh oirnn
Bhon mheath thu ar dòchas bhuainn!

Gun spùinn thu bhuainn tuigsear nan téud,
A rianadh an t-séis le doigh;
Ard-iùlair na fileachds gach séud
Bhan ealaidh na Gréign na Ròimh.

Fear-eòlais gach, cainnte measg sluaigh;
Sàr thuigsear gach buaidh fon ghréin;
Sàr ghliocair gach rùnachd tha shuas
Feadh chian-imeachd cuairt nan speur,

An t-Abrach, Mac Lachluinn nan dàn,
An Gaidheal is airde cliu:
A bha de gach nàisinneachd làn
S a dhfhòghlum gach gnàs a bfhiù.

Bu mhilis do chomhradhs do cheòl,
S gum bfhileanta gloir do bhéil;
Co nis chuireas ranntachd air seol,
Mo nuar! bhon nach beò thu féin?

Tha filidh nan aimsir gun lùth,
Air breothadhs an ùir bho chian;
Cha dearrs gath na gréinair a shùil,
S tha spiorad a chiùil gun mhiann.

Thig earrach, thig samhradh mun cuairt,
S thig foghar nan sguabn an déigh,
Thig geamhradh, leghailbhinnean fuar,—
Ach corannas duan gan seinn?

Ach, nochdaidh an t-earrach, ’n a thrà,
Gum beil e am baigh don t-seod,
Oir sgaoilidh eghorm-fhalluinn àidh
Gu driùchdach, trom, tlàth, airfhoid.

S an samhradh, le dhìtheanan snuagh,
Ni cionthar mu bhruaich do theach;
Sn a dhéigh, thig am foghar, fo ghruaim
A sgeadachadh duaigh le dreach.

S ge colgach, neo-bhàigheil, dubh-ghruaim
A gheamhraidh neo-thruacant’, ghnùth,
Gun siubhail eg osnaich mu dthuam,
Asileadh nam fuar-fhras dlùth.

Tha mulad, tha muladg am chràdh,
Bhon chàireadh tun tàmh nan leac,
A chaoimhichbu dealasaich gràdh,
Mhic Lachluinn nan dàn lan beachd.


AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leigsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD.
Cuir a dhiarraidh sampuill, teisteannais us urrais.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia. —agus—127 State St Boston, Mass.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar duthcha thanar beachd.


NIALL Mac FHEARGHAIS,
Taillear.
SIDNI - - - - C. B


$1 .00 air 80c.
Tha tuilleadhsa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dhairgead. Thig mum bin t-am seachad agus
FAIGH BARGAN.
McDonald Hanrahan & Co.
Sidni, Iulaidh 16, ’97.


FLUR AGUS MIN
direach as na muillnean.
(Ann am barailtean, leth-bharailtean agus cairteil.)
TI, SIUCAR, TOMBACA, etc.
Am bathar as fhearr air na prisean as isle an coinneamh AIRGEID.
ALASDAIR MARTUINN.
Sidni, C. B., Sept .1, 1897.

titleIssue 17
internal date1897.0
display date1897
publication date1897
level
reference template

Mac-Talla VI No. 17. %p

parent textVolume 6
<< please select a word
<< please select a page