[137]

[Vol . 6. No. 18. p. 1]

MAC-TALLA.

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 29OCTOBER , 1897. No. 18.


Freagairt.

DO BHARBARA C LEITCH.

A mhaighdean ainmeil gur duilich searbh leam,
Cho buileach doirbhsa tha dainm ri inns
Sa chanain Ghàilig bha aig mo mhàthair,
S len deach mo thàladhs mi air a chìch;
A chanain àluin, gur mor mo ghràdh dhi,
Cha ghabh mi nàir dhi ri fad mo linn.
Bha isa ghàradh roimh thighinn Adhamh
S bidh i gu bràth ann gun teirig tìm.

Gach focal riamh den a chànain bhragh ud
Bhi lan do sgiolt agus lan do bhrigh,
Cha ghabh i fiaradh no cur far riaghailt
Gu ni a chiallachadh nach eil innt’.
Am moran chànain nach feud mi àireamh
Tha focail àraidh is seadhg an dìth,
Am measg an àireamh (na gabh mar thàmailt e)
Gheibh sibhBarbara,” ’sLeitch,” usC.”

Cha ghabh Gàilig a chur nan àite;
Feumair am fàgail aig tàmhus sìth,
U gu ma slàn leat an diugh a Bhàrbara,
S a h-uile latha nach faics a chì.
Iunnsaich Gàiligs MAC-TALLA làn-dhi,
S na biodh àireamh dheth ga do dhìth.
An gille còirthaga chur an clò dhuinn
Is Gaidheal bòidheach etha gun mhnaoi.

S. M. G.
October22, 1897.


Litir aConnecticut .

A CHARAID:— ’S fhada bhon a bha duil agam sgriobhadh a dhionnsuidh a MHIC-TALLA chum gum faodadh e bhi taitneach le cuid dechuid leughadairean beagan sgeòil fhaotainn air mar a thathas a toirt an aire air an fheadhain a tha cho mi fhortanachs gun deach iad as an rian anns a chearn so dhe na Staidean.

Anns an Staid so(Connecticut)tha tigh-caothaich, no ospidal nan daoine gòrach, air a shuidheachadh air cnoc àrd os cionn a bhaile ris an abair iadMiddletown .

Thatar a cumail na feodhnach a tha as an rian ann an ochd taighean air an ainmeachadh mar so: —an t-Ospidal Mor, an t-Ospidal Meadhon, an t-Ospidal Deas, agus an t Ospidal Tuath, an Taigh Mor, (Main Cottage) ,Taigh Hubberts, Taigh Roberts, agus Taigh Tallon. Chan eil anns na tri taighean mu dheireadh ach taighean mora, math, a bhaig na tuathanaich a bha fuireach air a chnoc so mun do cheannaich an Stait am fearann airson an fheum a thathas a cur air aig an àm so.

Tha an talamh mun cuairt agus eadar na h-Ospidail so air a cumail gle bhoidheach fad an t-samhraidh. Tha garaidair iunnsaichte a toirt an aire orra fad na h-ùine, agus de chuideachadh aige na dhiarras e. Tha na h-Ospadail agus an taigh mor air an togail de bhrick agus clach ach an t-Ospidal Mor a tha air a thogail de chlach ruaidh ghlas gu h-iomlan.

Tha an t-Ospidal Mor mu ochd ceud troigh air fad agus ceithir stòraidhean air àirde. Tha an taobh a deas dheth air son fhirionnach agus an taobh tuath airson bhoirionnach. Tha an taobh a deas dheth air a roinn na dha earrainn a thaobh fad; anns a h-uile h-earrainn tha ceithirwardsfear air a h-uile stòri, a deanamh ochdwardsairson fhirionnach air an taobh deas. Tha an taobh a tuath nas fhaide agus leis a sin tha e air a roinn na thri earannan. Leis nach eil anns an earainn mu dheireadh ach dawardchan eil ach deichwardsair an taobh a tuath.

Eadar na sgiathan air gach taobh anns a bheil nawardstha taigh ris an abair iad ancentreanns a bheil oifig an àrd-dhotair, agus oifig aig pairt dhe na dotairean eile; air an ath ùalar, an stòiri os cionn oifig nan dotairean, tha seòmraichean bidh nan dotairean agus pairt eile dhen luchd-dreuchd. Tha seomar bidh aig cuid eile dhen luchd-dreuchd air a cheud urlar fodh oifig nan dotairean a tha air an darna urlar. Comhla ri seomar bidh nan dotairean tha talla mor air an treas urlar air son iunnsachadh a thoirt do luchd-faire na feadhnach a tha as an rian, mar is còir dhaibh iad fein a ghiulan agus gu de as còir dhaibh a dheanamh ann an iomadh càs a dhfhaodadh tighinn mun coinneamh cho fadsa bhios iad ann an seirbheis an Ospidail, agus ma dhfhaoidte a bhios feumail ann an iomadh àite far a faodadh gin dhiubh a bhi ann an am sgiorradh tachairt agus gun dotair deiseilfar an sabhaileadh beagan eòlais beatha gus am biodh ùine air sgil ceart fhaighinn. Air a cheathramh ùrlar tha mnathan agus searbhantan nan dotairean a fuireach.

Anns an Ospidal Mheadhon tha triwardsairson fhirionnach agus ceithir airson bhoirionnach. Tha iad so ann an sgiathan air gach taobh dhencentrefar am bheil oifig an dotair air am bheil an t-Ospidal so mar chùram. Tha an dotair sos a bhean a fuireach anns acentre ’s an Ospidal so. Tha an t-àrd-thuathanach agus pairt dhe na ban-fhuaigheachan, tri freiceadan oidhche, ochd searbhantan, an cocaire agus a bhean, agus bana-mhaighistir an taighe, uile fuireach anns ancentreagus seòmar air leth aig gach aon dhiu.

Tha an t-Ospidal Deas agus an t-Ospidal Tuath anns a cheart dòigh air an suidheachadh ach nach eil anns an Ospidal Dheas ach boirionnaich uile le ceithirwardsair gach taobh dhencentre .Tha ceithirwardsair gach taobh anns an Ospidal Tuath, firionnaich air an dara taobh agus boirionnaich air an taobh eile. Thathas a togail pios ùr air gach taobh dheth a chumas tri na ceithir a chiadan eilenuair a bhios na piosan deas. Tha an Taigh Mor anns a cheart doigh ach nach eil dotair idir a fuireach ann agus nach eil ach aonwardair gach taobh dhen mheadhon. Tha dotair a dol sgriob da uairsan latha as an Ospidal Mhor thun an Taighe Mhoir. Tha dotair an Ospidail Deas a dol da uairsan latha gu Taigh Roberts. Tha dotair an Ospidail Mheadhon a dol gu Taigh Tallon agus dotair an Ospidail Tuath a dol gu TaighHubberts .Tha coig dotairean a fuireach anns an Ospidal Mhorochd dotairean uile fuireach anns na h-Ospidail.

Eadar na taighean anns a bheil pairt den luchd-obair a fuireach agus na saibhlean agus a h-uil taigh-stòrach a thann, ’s ann a tha an Ospidal ri fhaicinn fad as coltach ri baile mor leis fhein; ach chan e h-uile baile-mor anns a bheil urad sluaigh, oir tha naoidh ceud deug pearsa as a rian anns an Ospidal, agus tha an luchd-faire, na searbhantan, agus an luchd-obrach eile a deanamh còrr agus da chiad eile.

Tha moran costas ann an cùram nam mi-fhortanach so dhan dùthaich. Tha cosgais an Ospidail a tighinn gu corr agus da mhile thar fhichead dolair ( $22 ,000) ’sa mhios, no da chiads tri ficheads coig mile ( $265 ,000), ’sa bhliadhna.

Than t-àm agam sgur air eagals gu ruig mi foighidin a chlo bhualadair ro fhada a ceartachadh na tha de mhearachdan ann an litreachadh na litir so, agus gun tilg e an darna taobh i air son lasadh na piob. Nam biodh meolas air sgriobhadh Gaidhlig cho math rim dhùrachd, dheanain na bfhearr. Slan leibh.

IAIN I. MAC RAING.


Tha fathunn adol mun cuairt am measg nam paipearan-naigheachd gu bheil Iompaire na Gearmailt uaireannan car beag as rian, agus gu dearbhsann ri sin fhéin a tha cuid de àmhuiltean coltach. Thatar ag radh eadhon gu bheileas abruidhinn air a chur bhar na cathrach, agus a bhràthair a churna àite, ach chan eil e coltach gun deanar sin an dràsda co-dhiu.



[138]

[Vol . 6. No. 18. p. 2]

AGhaidhlig.

COMUNN GAILIG INBHIRNIS.

Is e Comunn Gaidhealach Inbhirnis an Comunn as modha cliu am measg gach Comuinn Gaidhealach a than diugh air an t-saoghal. Buinidh don Chomunn so Gaidheil uasal, ghasda, ’tha measail orra fein, air an canain, agus air gach nitha maith, urramach, agus tarbhach, ann an eachdraidhs ann an abhaistean nan Gaidheal bho aimsir fad air chul Tha paipearan foghluimte air an leughadh air iomadh cuspair leis na buill a bhuineas don Chomunn so. Chuir an Comunn so cheanamach fichead leabhar anns am bheil eolasus sgoilearachd a tha fior thapaidhus taitneach air an tabhairt seachad. Than Comunn sotabhairt dearbhaidh gasda seachad gu bheil nithean luachmhorus ionnsuichte aig na Gaidheil ri aithris mu dheibhinn an canans an dùthcha fein. Bha Mairi Nic Ealairna ban-bhard don Chomunn so iomadh bliadhna; agus da rireadh bu taitneach, bu ghasda, ’s bfhonnmhor a bardachd, agus is ann di fein a baithne rannan milis, boidheach, teoma, ’chur an ordugh. Tha aobhar aig gach Gaidheal thalls a bhos a bhi proiseil gu robh anns an linn so ban-bhard Ghaidhealach co innleachdach, morail, beusach, stuama, ri Màiri Nic Ealair. Is e Niall Mac Leoid as bard a nis do Chomunn Inbhirnis, agus is maith as aithne dha cruit-chiuil nan dàn a ghleusadh gu surdail, ’us gu binn.


EACHUNN MAC ILL-LEATHUINN.

Bha gun teagamh anns na linntean a tha fadair chul, aighearus coimhearsnachd fhaoilidh, eadar Gaidheil Eirinn agus Gaidheil Albuinn. Duain Ultach: is e so an t-ainm a thug Eachann Mac Ill-leathuinn do dhuain a thrus e, ’s a chuir e a mach ann an doigh phongail. Is e Gaidheal Ileach foghluimte, agus sar-sgoileir eireachdail a bhann am Mac Ill-leathuinn. Anns na Duain Ultach, (The Ulternan Ballads) ,a dheasuich e, ann am Beurlas an Gaidhlig, nochd e moran eolaisus dichill, agus thug e moran tlachd do gach neach aig am bheil meas air na duain a bu nos do na seana Ghaidheil a bhiseinn o chein. An uair a chaochail an sgoilear malda, geur, dichiollach so, rinn na h-Ilich moran caoidh thairis air, agus thog iad, clach-chuimhne shnasmhor a bheir ainmus beusan an sgoilear so sios do na ginealaich a tha ri teachd. Chan eil am measg nan Gaidheal an diugh Gaidheil a tha co muirneach, faoilidh, ’us dileas as leth na Gaidhlig ris na Gaidheil Ileach.


ORAIN IAIN LUIM.

Tha gach neach, aig am bheil speis do bhardachd nan Gaidheal eolach air ainmas òrain Iain Luim Mac Dhomhnuill. Is e bard geur, sgeigeil sgairteil, sgathach, a bha ann. Bha comas iongantach aige air tamailt acharadh air gach namhaid aig an robh danadas air a ghuth a thogail no air a lamh a shineadh an aghaidh Righ Tearlach II. Babhaist do dhaoinebhig radh gur e bard Laibhrichte Thearlaich a bha an Iain Lom. Tha Iain Lom adearbhadh gu soilleir gu bheil anns aGhaidhlig briathran a tha geur, cruaidh, tamailteach, spideil, airson daoinechaineadh, agus deuchainn ghuineach a thabhairt do gach eascaraid, ’us namhaid, ’us do gach neach leis an aill do neach eile cron a dheanamh agus oilbheum dhruighteach a thabhairt. Thrus an t-Urramach Mac Ill-leathuin Mac na Ceardadh, orain Iain Luim, agus chuir e mach iad ann an doigh mhaith. Tha luchd-leughaidh MHIC-TALLA gle eolach air Mac na Ceardadhs air gach seirbhis laidir, ionnsuichte, rinn e cheanas a tha e deanamh fathast airson na Gaidhlig. Tha esgriobhadh mar so, “Beannachd leat Iain Luim, chuir mise dorain a mach cho maiths cho cearts a burrainn mi. Tha mi an dochas gu tig aon eiginn am dheigh a ni nas fearr.”


LYRA CELTICA. ”

Thainig a mach an uiridh leabhar beag, tlachdmhor, anLyra Celtica.Is e bean-uasal phongail dan ainm Sharp, a dheasuich an leabhar so. Tha duainus orain anns an leabhar sotha air an tarruing as gach canain a tha air a labhairt no bha air a labhairt leis gach meanglan de theaghlach farsuing nan Gaidheal no nan Ceilteach, ann an Eirinn, ann an Albuinn, ann an Sasunn, anns an Eilean Mhainnineach, agus ann am Breatuinnidh anns an Fhraing. Chitear gu furasda cia co aillidhs a thas a bha smuaintean nan bard Ceilteach, agus cia co comasachs a bha iad air conaltradh dluth cairdeil, caomh, a chumail ri seallaidhean boidheach, iomadach naduir fein, ri faireachduinnean diomhair, ’us ri ceud-fathann an cridheachan fein, ’us ri gach gniomh, ’us beachd, ’us abhaist a bha maith annta fein, agus a tha measail, muirneach ann an inntinns ann an cleachdainnean nan sinnsir calma, duineil, cruadalach bhon tainig iad fein. Faodar a radh nach ruig anLyra Celticanairebhi air an uair a bhitheas coimeas air a tharruing eadar adhuainus orain, agus duainus orain nan Sasunnach, ’s nam Frangach, no fine air bith eile.

CONA.


SGEULACHDAN ARABIANACH.

VI. —EACHDRAIDH NAN TRI CHALADAIREAN AGUS NAN COIG MNATHAN-UAISLE.

CAIB. XVIII.

Labhair te dhiubh agus thuirt i, “Is clann righrean sinn uile, agus tha sinn acaitheamh ar beatha direach mar a chunnaic tu; ach an ceann gach bliadhna feumaidh sinn falbh a so, agus a bhith da fhichead latha air falbh air cheann gnothaich ro shonraichte a bhuineas dhuinn fhein, ach a dhfheumas sinn a chumail an cleith air gach neach eile. Agus an uair a theid an da fhichead latha seachad, tha sinn atilleadh air ais don chaisteal so. Ben de an latha mu dheireadh den bhliadhna, agus feumaidh sinn a bhith a falbh an diugh. Ach mum falbh sinn tha sinn a fàgail iuchraichean achaisteil gu leir agadsa. Agus a chum an uine a chur seachad, faodaidh tusa a h-uile dorus a tha anns a chaisteal fhosgladh, ach an dorus oir. Tha moran de nithean anabarrach iongantach anns a chaisteal, agus anns na garaidhean a tha mun cuairt air, agus ma ghabhas tu beachd orra theid moran den uine seachad gun fhios dhut. Ach air na chunnaic thu riamh na fosgail an dorus oir; ma dhfhosglas tu e, chan fhaic thu sinne gu brath tuilleadh; agus a bharrachd air sin, cuiridh tu thu-fhein ann an an croisean a bhiosg ad leantuinn ri do bheo-shaoghail. Air an aobhar sin thoir do cheart aire nach bi thu cho amaideachs gum bi thug iarraidh fios fhaotainn air ni sam bith a thair a chumail am falach ort, agus mach buin duit. Tha sinn uile ann an dochas gun dean thu mar a tha sinn ag iarraidh ort, agus gum bi thu an so romhainn an uair a thilleas sinn an ceann da fhichead latha. Dhfhaodamaid iuchair an doruis oir a thoirt loinn; ach bhiodh e na thamailt do phrionnsa mar a tha thusa a bhith fo amhrus nach rachadh agad air an dorus oir fhagail duinte gus an tilleamaid.

Chuir na briathran so a labhair abhean-uasal dragh mor air minntinn. Thuirt mi gun robh mi anabarrach duilich a chionn gu robh iad a falbh. Thug mi moran taing dhaibh air son an deagh chomhairle a thug iad orm, agus rinn mi lan-chinnteach iad, gun leanainn i, agus gun deanainn moran a bharrachd air na dhiarr iad orm a chum gum biodh de thoileachadh agam na bha romham dhe mbheatha a chur seachadnan cuideachd. An uair a dhfhag iad slan agam, agus sinn taobh air thaobh gle mhuladach dhfhalbh iad, agus dhfhag iad misenam onar anns achaisteal.

Bha iad cho taitneachs ceo geanails cho cridheils cho ceolmhor fad na bliadhnas nuch do smaoinich mi riamh air am beachd, bu lughaghabhail air na nithean iongantach a bha rin faicinn araon anns a chaisteal agus mun cuairt dha. Bha maire air a togail gu buileach leis gach ni tlachdmhor a bha annta, agus leis a h-uile doigh anns an robh iad, o latha gu latha, ’frithealadh agus anochdadh caoimhneis dhomh, agus ged nach robh iad gus a bhith air falbh ach an da fhichead latha bu bhliadhna leam gach latha gus an tilleadh iad.

Thuirt mi rium fhein nach dichuimhnichinn air chor sam bith achomhairle a thug iad orm gun an dorus oirfhosgladh. Ach on a bha cead agam a h-uile dorus eilefhosgladh, dhfhosgail, mi a cheud dhorus. An uair a chaidh misteach, thainig mi do, gharadh mheasan, agus tha micreidsinn nach robh a leithid air uachdar an t-saoghail. Bha h-uile seorsa meas a bha cinntinn anns an talamh a fas ann, agus bha na craobhan gu leir air an suidheachadh ann an ordugh cho maiseachs a ghabhadh deanmah. Bha



[139]

[Vol . 6. No. 18. p. 3]

gach aon diubh a toirt toraidh am mach ann am pailteas. Chan fhaca mi sealladh riamh cho briagha ris.

Bhan garadh so air uisgeachadh mar nach fhaca mi garadh riamh roimhe no na dheigh. Bha sruthain uisge a ruith a nulls a nall air feadh agharaidh air a leithid de dhoighs gun robh gach craobh afaotainn na bha feumail dhi aig gach am den uisge, agus air an aobhar sin, bha maise is toradh nach gabh innseadh air gach ni a bha fas ann. Bha cuid dhe na craobhan luchdaichte le toradh a bha lan abuich; bha cuid eile dhiubh a bha dluth air a bha abuich; bha cuid fo bhlath, agus bha cuid fo dhuilich urar, gorm. Is gann gum burrainn domh fas sgith a bhithg amharc air agharadh mhaiseach so; agus mur ben toil a bhagam na dorsan eilefhosgladh, is docha gun robh mi air a chuid bu mho den uine a chur seachad ann.

An uair a chaidh mimach agus a dhuin min dorus, dhfhosgail min dorus a bfhaisge dha. Be garadh dhithean a bhan so. Bha e pailt cho maiseachs cho ordail anns gach doigh ris a gharadh anns an robh mi roimhe sin. Bha gach seorsa dithean air an t-saoghal afas ann. Bha rathaidean leithinn, boidheach, grinn, glan, air fheadh; agus eadar na rathaidean so bha ditheanan afas ann an leapannan dhe gach cumadh agus meudachd. Bha aireamh mhor de phoitean dhithean ann mar an ceudna anns an robh na ditheanan a baille air am burrainn suil duine amharc; agus bha faileadh anabarrach cubhraidh air feadh a gharaidh gu leir. Bha e air uisgeachadh le sruthain bhoidheach de dhuisge fiorghlan mar a bhan garadh eile.

An uair a chuir ni seachad greis mhath den uinecoiseachd airfheadh agus a gabhail beachd air a liuthad ni maiseach a bha rim faicinn ann, chaidh mimach agus dhuin min dorus.

Dhfhosgail mi an treas dorus, agus bhan sin taigh-eun a bha mor, farsuinn, anns an robh urlar de chloich mharmoir de na h-uile seorsa dath is cumaidh. Cha robh eun bu cheolmhoires bu mhaisiche fon ghrein nach robh ann. Bha cuid dhiubh ag itealaich a null agus a nall air fheadh, agus bha cuid eile dhiubh ann an ceisean ro bhoidheach far an robh biadh is deoch gu leor aca ann an soithichean a bha ro luachmhor.

Ged a bhan taigh-eun so mor, bha e anabarrach grinn, glan air a chumail, mar a bhan da gharadh anns an robh mi. Ged a bhiodh ceud pearsag an cumail glan, dhfhoghnadh dhaibh a bhith cho glans a bha iad. Ach cha robh duine rifhaicinn ann an aon seach aon dhiubh. An uair a chaidh aghrian fodha dhuin min dorus agus chaidh mi do msheomar fhein. Bha mi suidhichte gum fosglainn gach aon de na dorsan eile, ach an dorus òir.

An la-iar-na-mhaireach dhfhosgnil mi an ceathramh dorus, agus ma chuir na chunnaic mi an latha roimhe sin ioghnadh orm bu mho gu mor a bha dhioghnadh orm an uair a chunnaic mi an sealladh a bha romham. An uair a chaidh misteach air an dorus so thainig mi do chuirt a bhair a cuartachadh le aitreimh mhoir, mhaisich air nacheil en comas dhomh mion-chunntais a thabhairt. Air an aitreimh so bha da fhichead dorus, agus gach aon dhiubh fosgailte. Anns acheud sheomar bha torran de neamhnaidean a bha anabarrach mor; anns an dara seomar bha daoimein agus iomadh seorse de chlachan luachmhor eile; agus gu sgeula goirid a dheanamh dheth, bha na seomraichean eile lan de dhors de dhairgiod, agus dhe gach ni eile as luachmhoire a thanns achruthachadh gu leir. Chuir na chunnaic mi a leithid a dhioghnadh orms gun dubhairt mi, “Ged a bhiodh ionmhas righrean na talmhainn cruinn, cothrom, comhladh ann an aon aite, cha bhiodh uiread so ann. Nach bu mhi an ceann fortanach an uair a fhuair mi coir air an ionmhas maille ris na h-uiread de mhnathan-uaisle a tha cho maiseachs cho tlachdmhor anns gach doigh.”

Ged a dhinnsinn dhiubh mu gach ni eile a chunnaic mi, cha deanainn ach bhur sarachadhnur foighidinn. Ach faodaidh mi radh gun do chuir mi seachad naoi latha deug ar fhichead afosgladh nan dorsan, agus agabhail beachd air na nithean iongantach a bha mifaicinn. Ach gus a sin cha dfhosgail mi an dorus oir.

Mu dheireadh thainig an da fhicheadamh lathaan latha air an robh na mnathan-uaisle gu tighinn, agus nan do chuir mi stamhnadh orm fhein mar bu choir dhomh a dheanamh, bu mhi an diugh an duine bu shona a thair an t-saoghal; ach is mi nis duine cho mi-fhortanachs a tha beo. Bha iad gu tighinn an uine ghoirid, agus bu choir don toileachadh a bha orm rim faicinn a bhith air mo chumail o dheanamh an ni a thoirmisg iad dhomh a dheanamh. Ach leis an amadeis a fhuair greim orm, rinn mi ni air son am bi aithreachas orm gu latha mo bhais.

Chaidh mi thun an doruis, agus an deigh dhomh an iuchair a chur anns an toll, bha mi greis eadar dha chomhairle ciod a dheanainn. Uair a theirinn rium fhein gum bu choir dhomh an dorus fhosgladh, agus da uair a theirinn nach bu choir. Ach bha mi air mo bhrosnachadh le droch spiorad eiginn a chum easumhlachd a thoirt don aithne a thugadh dhomh, agus anns an droch uair chuir mi cars an iuchairs dhfhosgail mi an dorus. An uair a bha miga fhosgladh, bha mig radh rium fhein nach beanainn do ni sam bith a chithinn ann, agus mar sin nach fhaigheadh neach sam bith am mach gu brath gun dfhosgail mi e. Cha bu luaithe a dhfhosgail mi e na dhfhairich mi faileadh laidir atighinn mam shroin; agus ged nach robh am faileadh mi-thaitneach, gidheadh thug e orm fannachadh. An uine ghoirid chaidh mi na bfhearr; ach an aite rabhadh a ghabhail agus an dorus a dhunadh mar bu choir dhomh, is ann a ghabh mi steach. Thainig mi gu stabull mor anns an robh moran de luibhean deadh-fhailidh air an sgapadh air feadh an urlair. Bhan stabull so lan soluis; oir bha moran de choinnlean ceirach ann an coinnlearan oir, agus moran chruisgeanan anns an robh oladh deadh-fhailidh laiste.

Ged a bha iomadh ni iongantach anns an stabull so, be an ni a tharruinn maire gu sonraichte, steud-each dubh cho mors cho briaghas a chunnaic mi riamh. An uair a chaidh mi na bu dluithe dha gus beachd ceart a ghabhail air, thug min aire gun robh diallaid oir air, agus srian oirna cheann. Bha siol eorna air a dheadh ghlanadh agus uisge fiorghlan air a bheulaobh anns an fhrasaich. Choisich mi ceum na bu dluithe dha, agus rug mi air an t-srein, agus thug mimach as an stabull e a chum gum faicinn na bfhearr e ri solus an latha. Chaidh mi air a mhuin, ach cha ghluaiseadh e a ionaid nam bonn. Bhuail mi buille mhath air le slataig a fhuair mi anns an stabull. Cha bu luaithe a bhuail mi e na thoisich e ri sitrich cho uamhusachs gun do chuir en cridhe air chrith agam leis an eagal. Ged nach tug min aire dhaibh an toiseach, bha da sgeith air. Sgaoil e iad, agus dhfhalbh e air iteig don iarmailt agus mise air a mhuin. Mun do tharr mi sealtainn ugam no uam bha e cho ards gun do chaill mi seallaidh air gach ni a bhair an talamh. Ghreimich mi ris cho maths a burrainn domh; oir bha eagal orm a h-uile tiotadh gun tuitinn bhar a mhuin. An ceann greise thainig e nuas thun na talmhainn aig beulaobh caisteil mhoir, agus mun gann a bhuail a chasan an talamh thilg e bhar a mhuin mi, agus le buille dheearball, chuir e asam an t-suil dheas.

An uair a chaill mi mo shuil, thoisich mi ri cuimhneachadh air na thuirt an deichnear dhaoine oga rium. Anns an am dhfhalbh an t-each as mo shealladh. Dheirich mi, agus mi fo thrioblaid mhoir air son amhi-fhortain a thug mi orm fhein, Bha mi greis acoiseachd air beulaobh achaisteil, mo lamh air mo shuils mifulang craidh mhoir. Mu dheireadh chaidh mi steach don chaisteal, agus an uair a chunnaic mi an seomar, agus na deich langsaidean mun cuairt ris abhalla, dhaithnich mi gur ann a bha mis an aites an robh mi mun dthug an roc leatha mi.

Cha robh an deichnear dhaoinogastaigh anns an am, ach thainig iad a steach ann an uine ghoirid. Cha do ghabh iad ioghnadh sam bith an uair a chunnaic iad mi, no idir a chionn gun robh mi air leith shuil. Thuirt iad, “Chan eil sinn a radh gum bheil sinn toilichte dfhaicinn anns an t-suidheachadh anns am bheil thu; ach chan eil coire sam bith richur oirnn air son amhi-fhortain a thainig ort.”

Cha bhiodh e ceart dhomhsa,” arsa mise, “coire sam bith a chur oirbh; oir thainig am mi-fhortan so orm le mo choire fhein, agus

(Air a leantuinn air taobh 142.)



[140]

[Vol . 6. No. 18. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig garn ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton


SIDNI, OCTOBER29, 1897.

Chaochail duinainmeil ann am Portland, an Stait Maine, o chionn ghoirid, an SeanalairNeal Dow. ’Se choisinn a chliù dha, agus a thug air ainm a dhol fad us farsuinn, mar a bha eg obrachadh riamh o làithean òige air taobh stuamachd agus an aghaidh reic agus òl deoch-làidir. Tre obair-san chaidh lagh a dheanamh le pàrlamaid na stàite adeanamh reic stuth làidir dhe gach seòrsa mi-laghail, agus ged nach deach an lagh sin a chumail no chur an gniomh cho mathsa dhfhaodte, gidheadh is lagh e a rinn feum mor. BhaNeal Dowceithir fichead bliadhnasa tri deug a dhaois toiseach an earraich sa chaidh, agus gu beagan ùine romhbhàs bha e cho slàns cho tapaidhsa bha e riamh. Bhuineadh e do chomunn nan Càirdean, no mar as trice, theirear riutha naQuakers .Bha e na sheanalair-airm anns achogadh eadar na Stàitean Tuathach agus Deasachs na bliadhnaichean 1861- ’65. Bha ena dhuine onarach ceart, air an robh mor mheas anns gach àite.

Fhuaireadh fear Tomas Buckley, tuathanach a bha fuireach faisg airKentville , N. S. ,marbh na thigh fhéinsa mhaduinn Di-satharna sa chaidh. Bha peilear air a chur troimhcheann. Bhatar a deanamh a mach an toiseach gum be mhort a rinneadh, ach an deigh gach ceasnachadh us rannsachadh a dheanamh mun chùis, tha daoine dhen bheachd gum bi a lamh fhéin a chuir crioch air. ’Si daga bhaige fhéin a fhuaireadh ri taobh a chuirp. Thatar ag radh gu robhn cansairsa bheul aige, ’sgun do dhfhuiling e cràdh mor ga ghearradh as o chionn ghoirid, agus tha fear de nàbuidhean ag innse gun dthuirt e gum bfhearr leis am bàs fhulangna dhol troimh a leithid a rithist. Thatar ag radh cuideachd gu robh meur den chaothach a ruith anns an teaghlach.

Chaochail Sir Iain Orde, uachdaran Uidhist achinn a Tuath, air an dara latha deug dhen mhios so. Bha e tinn o chionn treis a dhùine, ach cha robh dùil ribhàs idir. Bha e tri fichead bliadhnasa deich a dhaois. Bha ena dhuine a bha gle làidirna bharail fhéin, agus chan en cliù a bfhearr a bhiodh cuid de na paipearan-naigheachd Gàidhealach a toirt air. A reir an sgeoil-san, bha e anabarrach cruaidh air na croitearans air an tuath bhig a bhair a chuid fearainn. Bha e pòsda da uair, agus dhfhàg e triùir mhac agus triùir nighean. Cha bu Ghàidheal idir e; thainig an teaghlach dam buineadh e á ceann a tuath Shasuinn.

Tha sinn an dòchas gun dean na Gàidheil anns gach àite an dichioll air son cuideachadh le MAC-TALLA eadar so ris deireadh na bliadhna. Tha toil againn àireamh mhor de luchd-gabhail ùr fhaotainn, agus tha e comasach dar luchd-leughaidh sin a dheanamh. Ma chuireas gach neach a tha gabhail aphaipeir dha fhéin ugainn ainm agus dolair aon de nàbuidhean nach eilga ghabhail, bidh àireamh an luchd-gabhail air a dublachadh. So, mata, deanadh gach neach a dhichioll, agus na biodh aig Gall no eile ri radh gu bheil dith no deireas air an aon phaipear a tha feuchainn ri bhicumail suas cànain nan Gàidheal.

Thainig litir ugainn air an t-seachdain so bho ar deagh charaidIainag innse mar a bha cùisean adol leotha anns aGhàidhealtachd on fhuair sinn fios uaithe roimhe. Tha sinn duilich gu robh an litir ro anmoch air son na h-àireamh so, ach gheibh i deagh àite air an t-seachdain s'a tighinn. Chan eil aon dhiubhsan a tha sgriobhadh dhionnsuidh MHIC-TALLA a bheir barrachd riarachaidh agus toileachaidh don luchd-leughaidh na bheirIainaguss math leotha bhi cluinntinn uaithe gu tric. “Gu ma fada beò e us ceò as a thaigh.”

An deigh gach garg-ionnsuidh a thug Sultan na Tuirce air cur as do na Criosduidhean ann an Armenia, chan eil iad mile marbh fhathast. Tha air a bhliadhna so naodh ceud foghlunaich anns an oil-thigh aig Harput, air amhuinn Euphrates, oil-thigh a tha fo chùram theachdairean as na Stàitean. Mun do thòisich an Sultan air obair a mharbhaidh cha robh anns an oil-thigh ach sia ceud foghlumaiche.

Tha bonn-cuimhneachain(medal)ri bhi air a thoirt do gach aon a tha beò dhiubhsan a dhion Canada bho na Fenianaichsa bhliadhna 1866, agus a chuir fodha ceannaire Riel am Manitobasa bhliadhna 1870. Tha sin gle cheart. Daoine chuir iad fhéin an cunnart bàis air son an dùthcha, cha mhor an ni dhaibh a bhi air an duaisneachadh air an dòigh so.

Ann an Iapan, ’s iad na mnathan an luchd-ciùil. Tha na fir ag amharc sios air an obair, agus cha ghadh iad gnothuch ris.


MacCoinnich & Co.

Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh
ANN AN LOUISBURG,
agus tha sinn aig an àm cheudna acumail air adhart air an t-seann laraich,
ANN AN SIDNI.

Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.

Theid sinn an urras air an obair.
Mac Coinnich & Co.


F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC

An aon fhear dhe sheòrsa thair Eilean Cheap Breatunn.

Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J Morley.

Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dhas coir dha toghal air.

Tha stoc math de speuclaireans de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.

Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. A seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.

THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHANEUREKAair a cheart phris air am beilearg an creic aig na muillin.

Tha Factoridh Eureka air aon den fheadhain as fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar adeanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.

Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.

Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. MacFhionghain, Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitches Creek.Tha mu dheichair fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd lathan deigh a chlòimh chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.



[141]

[Vol . 6. No. 18. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Tha Dior-daoin, an coigeamh latha fichead de Nobhember, air a chur air leth leis an Ard-Riaghladh air son Latha Taingealachd.

Di-ciaduin air an t-seachdain sa chaidh, bha fear Rob Mac Culloch, ann anDebert , N. S. ,air a tholladh le tarbh cho donas gun do chaochail e an ceann beagan mhionaidean.

Chaidh fear Micheil Dalton a bhàthadh faisg air Eilean Phictou o chionn da mhios air ais; fhuaireadh a chorp o chionn ghoirid air cladach Cheap Breatunn an iar airPort Hood.

Chaidh bristeadh a stigh do stor ann an Sidni Tuath oidhche Di-ciaduin air an t-seachdain sa chaidh, agus bha moran de dhaodaichean deante air an goid. Chan eil fhios co rinn a mheairle.

Chaidh muc a reic air féill ann a’ Springfield ,an Illinois, o chionn ghoirid, air coig miles ceud dolair ( $5 ,100), a phris a bàirde chaidh a phàigheadh air muic riamh. Chaidh ceithir miles tri cheud dolair ( $4 ,300), a phàigheadh air muic eile deireadh an earraich.

Bha coinneamh aig muinntir Shidni ann an talla abhaile oidhche Di-luain, air son cuideachadh a chur gu muinntir Windsor. Dhaontaich iad mile dolair a chur gan ionnsuidh, agus thugadh òrdugh do luchd-dreuchd abhaile an t-airgead a chur air adhart gun dàil.

S i oidhche na Sàbaid sa tighinn Oidhche Shamhna, achses dòcha gum bi an t-Samhainn air acumail oidhche Shatharna no oidhche Luain. Tha sinn an dòchas gun toir iadsan a bhiosgan cur fhéin an céill a reir cleachdadh na Samhna, an aire nach dean iad cron no call air neach sam bith.

Bha bean Iain Mhic Amhlaidh (an t-eildear), Port Morien,air chuairt ann am Boston o chionn da mhios, ag amharc air a càirdean. Tha ceithir mic dhi anns a bhaile-mhor sin a bharrachd air càirdean eile us luchd-eòlais, agus chòrd a cuairtnam measg rithe gle mhath. Thainig i dhachaidh Di-satharna sa chaidh.

Bha an stoirm a bhann toiseach na seachdain sa chaidh anabarrach doirbh timchioll airNewfoundlandagusLabrador .Bha sia soithichean air an call air cladaicheanLabrador ,agus bha coignear dhaoine air am bàthadh. Bha an stoirm gle mhor mu Eilean aPhrionnsa cuideachd: bha sneachd agus clach-mheallain asileadh, agus bha fuachd mor ann.

ChaidhAlonzo Hawkeswortha thoirt gu cùirt air an t-seachdain sa chaidh. Fhuair e tri miosan priosain air son rothair a ghoid, sia miosan air son stor a bhristeadh, agus sia bliadhna dhen tigh-obrach air son losgadh air fear a chuireadhga ghlacadh. Tha cionta no dha eile air a chur as a leth, agus bidh e air fheuchainn air an son. Faodaidh an t-olc a dhol air adhart car ùine, ach gheibh e tilleadh.

Ann aHalifacs, air an 20mh latha dhen mhios, chaochail Domhnull Stiùbhart, 46 bliadhna dhaois. Bha e o chionn àireamh mhor bhliadhnaichean ag obair air an rathad-iaruinn anns an Iar-Thuaths an Columbia Bhreatunnach, agus bha ena fhear-amhairc-thairis air an iomlan dhen rathad eadar Winnipegs an cuan an iar. Dhobraich e gu cruaidh, agusse sin a thug tinneas a bhàis dha. Bhrist air a shlàinte gu buileach toiseach an t-samhraidh, agus thainig e gu Halifacs, far an do chaochail e mar a dhainmich sinn. Chaidh a thiodhlacadh ann am Pictou. Bu mhac e don Urr. Murchadh Stiùbhart a bhana mhinistear anns a Bhain Iar agus ann a Hogamah. Bha ena dhuine air an robh mor chliù agus measail aig na h-uile chuir eòlas air.

Tha Sidni Tuath a toirt coig ceud dolair do mhuinntir Windsor, agus a bharrachd air sin adol a thional airgeid air feadh abhaile.

Chaidh bailAustin, am Pennsylvania, a losgadh o chiann ghoirid, agus cha robh ach mu choig taighean air am fàgail. Thoisich an teine ann an lòd feoir a bhuail ann an solus.

Tha na meairlich ag obair ann aWindsor, agoid gach ni air an gabh greim deanamh. Tha iad air fàs cho dalmas gu bheil geard shaighdearan air an cur a dhion cuid an t-sluaigh.

Suas gu Di-satharna sa chaidh, bha da mhile dheug dolair air a chur cruinn air son cuideachadh le muinntir Windsor, agus thainig roinn mhor a bharrachd a stigh air an t-seachdain so. Cuirear feum air a h-uile sgillinn a ghabhas cur cruinn.

Tha baile arm an stàit Maine anns a bheil an amhach-ghoirt gle dhona, cho donas nach eil e coltach gun gabh casg cur oirre. Seachdain gus an Di-satharna sa chaidh bha ceud pearsa air an leabaidh leatha, agus bha àireamh na muinntir thinn asior dhol am meud.

ChaidhW . C. Anslow,fear-deasachaidh paipeir-naigheachd ann anNewcastle , N. B. ,don choille a shealgaireachd aon latha air an t-seachdain sa chaidh, agus cha dfhuaireas sgeul air uaithe sin. Bha sgioba dhaoine machga iarraidh ach cha dfhuair iad e, ’s chan eil fhios gu de dhéirich dha.

Chan eil na h-ùbhlan ach gle ghann ann an America air abhliadhna so. An uiridh bha corr us naodh fichead us ceithir mile barailte de dhùbhlan air an cur gu Breatunn as na Stàitean agus á Canada; ach am bliadhna cha do chuireadh a null ach beagan a bharrachd air sia mile fichead barailte.

Air a cheathramh latha deug bha tuathanach a mhuinntir Barachois, N. B., adol gu Shediac. Thuit achuip air, agus air dha bhi feuchainn ritogail thuit e as an àite-shuidhe, agus chaidh an carbad thairis air, ’ga mharbhadh air ball. Bainm dhaGregoire M. Boudreau;bha e da fhichead bliadhna dhaois, agus dhfhàg e bean us triùir chloinne.

Tha an carbad-iaruinn air sgur a ruith eadar Sidni agus na mèinnean oidhche Shatharna. Tha e coltach gu robh tuilleadhsa chòir de throimhe-chéile aca air na carbadan air sailleabh an òil, agus uime sin chunnaic cuideachd aghuail iomchuidh stad a chur air a charbad. Bha an carbad a bhi tighinn a stigh na h-uile oidhche Shatharna acur roinn mhath airgead an rathad abhaile.

Chaidh gille beag le SeorasMcKnight ,ann anStewarton , N. B. ,a dhiarraidh a chruidh aon fheasgair air an t-seachdain sa chaidh. Cheangail e rop ri adhaircean te dhen chrodh agus cheangail e an ceann eile mu mheadhoin fhéin. Theich am mart, agus shlaod i an gille leatha air an talamh, ’s nuair a thainig athair far an robh e, bha e marbh. Cha robh e ach aona bliadhndeug a dhaois.

Chaidh carbad-iaruinn bhar drochaid faisg airGarrison ,an stàitNew York,maduinn na Sàbaid sa chaidh, agus bha ochd duine fichead air am marbhadh no air am bathadh. Chan eil fhios gu de dhaobharaich an sgiorradh. Bha suas ri ceud pearsa air na carbaid uile gu leir, ach bhrist na ceanglaichean a bheadar na carbaid a chaidh thairis agus na tri a bhair deireadh, agus mar sin bha córr us tri fichead air an tearnadh. Bha an rathad airn do thachair so, (anN . Y. Central), air a mheas gle shàbhailte. Bha a chuid bu mhotha dhen luchd-turuisnan cadal, agus bha an latha teannadh ri soilleireachadh. Cha do thachair a leithid de sgiorradh air an rathad ud riamh roimhe.


LEABHRAICHEAN GAILIG.

Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .30
Gramar Gailig, le Dr. H. C. MacIlliosa 1.10
Gaelic Class Book .35

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte.
Sgriobh gu
J . G. MACKINNON,
PublisherMac-Talla,”
Sydney, C. B.


J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsas fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B.


BADDECK, - - C. B.
Airson a stor a dheanamh nas deiseiles nas feumaile dhaibhsan a thadeanamh gnothuch ris, tha
Albert I. Hart
anise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha achuid sin den ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am BostonsanNew York.Gheibh iadsan a thig ga h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDECK , - - C. B.


BATHAR UR.
Moran de Churaicean Geamhraidh, eadar 10c. us $5 .00.
Brogan matha saor.
Ti mhath mar a babhaist.
Beagan de Cheannachd Thioram.
Olla 25c. an galan; 5 galain air $1 .00.
NIALL DOMHNULLACH,
BADDECK , - - C. B.



[142]

[Vol . 6. No. 18. p. 6]

(Air a leantuiun o thaobh 139.)

cha bann le coire neach sam bith eile.”

Ma tha ena aobhar toileachaidh do dhaoine air an dthainig mi-fhortan companaich a bhith aca, dhfhaodamaid toileachadh a bhith oirnn. Thachair acheart ni dhuinnes a thachair dhutsa. Bhlais sinn air gach seorsa soluais fad bliadhna iomalan; agus dhfhaodadh acheart sholas a bhith againn gus an lathan diugh mur be gun dfhosgail sinn an dorus oir am feadhs a bha na bana-phrionnsachan air falbh. Cha robh thusa na bu ghlice na sinne, agus rinneadh acheart pheanas orts a rinneadh oirnne. Bhiomaid toilichte gu leor leigeadh leat fuireach comhladh rinn, a chum gun deanadh tu am peanas a tha sinn fhein adeanamh, ged nach eil fhios againn cia fhad a leanas sinn air; ach dhinnis sinn mar tha dhut an t-aobhar air son nach fhaod thu fuireach maille ruinn. Air an aobhar sin, bi falbh agur rach gu ruige Bagdad far an tachair an righ riut. Nochdaidh esan caoimhneas dhut.”

Dhinnis iad dhomh an rathad a ghabhainn, agus dhealaich mi riutha.

(Ri leantuinn.)


Cumhachd Dhe.

Chan e a mhain gun dochruthaich Dia na neamhan agus an talamh,” ach tha eg an riaghladh agusg an stiuireadh air gach ial. Tha an cruthachadh marbh, gun smuain, gun chomas; agus cha ghluais ni ach mar a ghluaisear e le cumhachd a Chruitheir. Cha ruith uisge sios an gleann nis motha na ruitheadh e suas, mur eignichear e.

Tha cuid de dhaoine a cumail a mach gur elaghan Nàduir,” a their iadsan, a tha cumail gach ni air aghart. Ach is faoineas sin. A reir a Bhiobuill, ’s e Dia a tha cumail a chruthachaidh air ghluasad. Agus tha sin a co laidheadh ri réusan. Oir chan eil anNàdurach Dia agus oibrean Dhé; agus chan eil brigh anlaghgun an reachdadair.

Chithear cumhachd Dhé air feadh an t-saoghail gu léir. Tha na neoil ag eiridh, na frasan a tearnadh, agus na h-uisgeachan a ruith anns gach tir. Agus cha bheag am meud non àireamh. Is iomad fuaran agus sruth a thas a Ghaidhealtachd a mhàin; agus is beag sin den t-saoghal mhor, anns am bheil iomad amhain a tha corr as mìle mhìltean air fad, agus mìltean air leud. Ma tha aig duine ri aon acha uisgeachadh, is saothair mhor e; ach uisgichidh an Tighearna tìr fharsuinn le frasaibh tròm, agus tha an lan-mara as sruthan mora a chuain a cuartachadh an t-saoghail air fad. Cluinnear a ghuths an tairneineach, agus chithear a nearts an dealanach, a sgoilteas an darach agus na creagan am prioba na sula.

Tha an Cruithear a toirt fàs as toradh do gach luidh as craobh dem bheil corr as ceud mile seorsa air thalamh. Tha craobhan giubhais an California a tha corr as ceithir cheud troidh air aird, agus thair leth-cheud troidh an cuairt. Leagadh cuid diubh, agus fhuaras a mach gun robh iad eadar da as tri mile bliadhna dhaois.

Chan e a mhain gum bheil an Cruithear a toirt bith as beatha do chunntas gun àireamh do bheo-chreutairibh, an doigh do rannsachadh, air feadh an t-saoghail air fad, ach tha e a toirt fas daibh, agusg an cumail laidir as fallain gun crich. Ged is mor neart an leomhainn, tha eagal air roiadhaircibh a bhuabhuill, agus cha teid e an gaoth don elephant. Pronnaidh fiaclan a chroghaill claidheamh an fhir a lotadh e; agus tilgidh a mhuc-mhara a luchd-marbhaidh agus am batas an speur, le aon bhéum da h-earaball.

Chan ann air tìr a mhain a chithear oibrean a Chruitheir, gheobhar iad an doimhne na fairge maraon. Tha an cuan mor lan de bheothaichibh, dhiomad seorsa, eadhoin gu ghrunnd, miltean fon uisge, far nach ruig solus no blàths na gréiniad.

Chithear cumhachd a Chruitheir gu ro shoilleirs an doinnein, ’s a chrith-thalmhainn aguss na beanntaibh teinntidh. Chunnaic mise, air aird a chuain, croinn long mhor a crith mar shlataig fo neart na sìd; agus dhfhairich mi deire luing a crith leis na stuaghabh a bha bualadh a toiseach: agus is tric a chitheas creagan mora air an tilgeadh a mach air tràigh, le spairn nan tonn.

Anns a chrith-thalmhainn mhòir, aigLisbon, amPortugal, ’s a bhliadhna 1755, dhfhairicheadh a chrith air feadh na Roinn-Eòrpa gu leir, anAfrica-mu-thuath, agus anns na h Innsibh Shuas. Thogadh tonn air oir-thir na Spainn tri fichead troidh air aird, agus ghluaiseadh uisge Loch Nis. ’S a bhliadhna 1822, thog crith-thalmhainn oir-thir Chili, an America-ma-dheas, their tri troidhean, fad corr as ceùd mìle.

Chaidh EileineanSandwich , ’s a chuan mhor Pasific, ardachadh as an t-sàile, air dhoighs gum bheil cuid de na beanntaibh beul ri ceithir mile deug troidh air aird; agus thogadh iomad eilein eile air an doigh cheudna.

Nam faiceamaid meall talmhainn, mìle gach rathad, air fad, air leuds air airdshaoileamaid gum biodh e ro mhòr; ach cha bhiodh ann ach neoni an coimeas ris an t-saoghal: agus ma sheallas neach air a chuan, o mhullach beinne, is farsuinn an sealladh; ach is ro bheag den t-saoghal mhor a chithear. Gidheadh tha an t-Uile-chumhachdach a tionndadh a chruinne mun cuairt gach latha, air dhoighs gum bheil an cearcall-meadhoin a ruith corr as mile mhiltean gach mionaid mun cuairt don ghréin. Nan gluaiseadh carbad thun na gréine, agus gun siùbhleadh e leth-cheud miles an uair, dhoidhchesa latha, ghabhadh e corr as da cheud bliadhna a ruigsinn na greine; ach than cruinne a dol mun cuairt don ghrein, an aon bhliadhna, astar a tha corr as sea uairean nis fhaide na astar na gréine.

Anns a chruthachadh tha iomad saoghal eile, a bharr air a chruinne so, agus cuid diù moran nis motha. Tha planaideanJupiter , Saturn, UranusagusNeptuniomad uair nis motha nan saoghal so; thaJupitera mhain mu dha cheud deug uair cho mor ris an talamh: agus tionndaidh i mun cuairt an taobh a staigh de dheich uairean thìm. Ach is beag na planaidean uile, an coimeas ris a ghréin. Than lòchran mor so corr as da cheud deug mile uair nis motha nan cruinne; agus cuiridh i ceithir cuir dhi an coig latha fichead gu leith, air dhoighs gum bheil a cearcull meadhoin a ruith corr as ceithir mile mhiltean gach uair agus tuigear gur uamhasach an teass an dealradh soluis air a h-uachdar, nuair a bheirear fanear gum bheil i corr as ceithir fichead muillein miles a deich air astar.

Nuair a sheallar air a ghréin troimh ghloineachan-amhairc, chithear moran de bhuill dhorcha oirre. Tha cuid diù sin corr as cheud uair nis motha nan saoghal gu leir; agus tha iad ag atharrachadh bho àm gu àm, gun allsachd; agus tha tuinn dheisneach theineil a sruthadh, agus gaothan loisgeach a seideadh mar dhoinionn garg mun cuairt daibh. Nach eagallach cumhachd an Ti a bheothaich an teine mor so, agus a tha ga chumail a losgadh gun isleachadh fad linntean gun àireamh?

Tha corr as da cheud planaid a dol mun cuairt don ghrein, cuid nis ealamh nan talamh, ach a chuid mhor dhiu nis moille. Tha Mercuri a criochnachadh a cuairt an taobh a staigh de ràithe; ach gabhaidhUranuscorr as ceithir fichead bliadhna, agus Neptun corr as ochd fichead bliadhna. Tha an saoghal so mu dheich uairean air fhichead nis fhaide bhon ghréin nan talamh, agus mar is fhaid as iad, ’s ann is moille an cùrsa.

Tha na reultan seasach a feuchainn neart a Chruitheir gu ro shoilleir. Nuair a chithear iad sin le gloineachaibh-amhairc mora, tha iad gun àireamh: tha iomad muilleins a bhainne-shlighe a mhain. Agus is grian gach aon diu: oir tha iad cho fad ass nach gabhadh iad faicinn le solus na gréine. Bho cheann ghoirid, fhuair speuradairean a mach astar àireamh ro bheag dhiu, le moran seoltachd agus innealaibh ro eagnaidh: oir chan eil en comas duine astar neart diù a thomhas. Tha an reul-sheasach as faisge oirnn, ris an abrar Alpha Centauri, corr as da cheud mile uair nis fhaide bhuainn na ghrian. Tha an reul shoilleir so fada gu deas, air dhoighs nach fhaicear i am Breatunn. Tha Sirius, no reul a choin, ceithir uairean cho fad as rithe sin: tha Polaris, no an rionnag thuathach, a choig uiread, agus Arcturus a sheachd uiread cho fad as, no mu na tuairmeisibh sin. Cha ghabh astar speurail air bith tomhas gu pongail, mar astar talmhaidh, agus gu sonraichte astar cho mor ri so.



[143]

[Vol . 6. No. 18. p. 7]

Nan deanteadh samhla a chruthachaidh, air dhoighs gum biodh oirleach a seasamh airson ceithir fichead mile mhiltean, bhiodh pairt de mar so. Bhiodh an saoghal mar ghraine beag luaidhe: bhiodh a ghealach mar ghraine mìn gainneamh, tri oirlich air astar, agus a ghrian mar chruinne, mu throidh crosgach, agus mu cheud troidh air astar. Bhiodh Iupiter mar pheileir, oirleach crosgach, agus mu choig ceud troidh air astar; agus bhiodh Neptun mar éitein peasrach, mu mhile slat air astar. Bhiodh Alpha Centauri corr as ceithir mile mhiltean air astar; Sirius, faisg air fichead mile mhiltean, agus Arcturus, deich mile fichead mile air astar.

Cha ghabh meud nan reultan-seasach tomhas, oir chan fhaicear an còm; ach ma bheirear breith bhon solus, tha cuid diù moran nis motha na ghrian. Tha Alpha Centauri a toirt tuilles a dheich uiread soluis ris a ghrein, agus Sirius corrs a cheud uiread.

Nuair a sheallar air na reultaibh seasach troimh ghloineachaibh-amhairc, chithear gum bheil da reult an cuid, tri am pairt eile, agus ceithir anns na h-uibhir dhiu; agus tha iad sin a dol mun cuairt air a cheile gun tamh.

Bho cheann beul ri ceud bliadhna air ais, thug speuradairean an aire gun robh na reultan-seasach a gluasad gu mall: agus chunncas mar an ceudna gun robh cuid a reir coltais, a sgaoileadh bho cheile, am feadhs a bha na reultan mun coinneamh a dlùthachadh. Cha robh ach aon doigh air so a shoilleireachadh. Beiginn gun robh a ghrian a dlùthachadh air a phairt sin den iarmailt far an robh na reultan a sgaoileadh, agus a falbh bhon phairt eile.

Mar so fhuaras a mach gum bheil an cruthachadh mor farsuinn uile air ghluasad gach ial, fo laimh an Ti Shiorruidh a dhealbh e. Gun teagamh, “Is mor an Tighearn, agus is ro airidh e air moladh; agus chan fhaodar a mhòrachd a rannsachadh.”

Saoil nach gabhadh àireamh mhor de luchd-gabhail ùr fhaotainn don MHAC-TALLA eadar so us BliadhnUr. Cuimhnich gu bheil sinn a tairgse na tha romhainn den bhliadhna so a nasguidh do neach sam bith a chuireas dolair ugainn; gheibh e am paipear gu deireadh na bliadhna 1898. Innis so do dchoimhearsnaich, agus feuch ri toirt orra cur ga iarraidh. Bu chòir do na Gàidheil uile bhi gabhail MHIC-TALLA, agus cha Ghàidheil cheart iad mur eil iadga ghabhail.

Tha cuid a dhaoine asmaoineachadh gu bheil an saoghal gu leir ag amharc orra fhéin, ach gheibh iad sin a mach an ùine ghoirid gu bheil obair as fhearr aig an t-saoghal ri dheanamh.

Nuair nach eil an t-side acòrdadh ri cuid a dhaoine, tha iad acur dhiubh mar gum biad an càirdean is coireach.

S Caochlaideach Gach Ni.

EADAR. LE FIONN.

Càitebheil an comunn àbhach
Leis am bàbhaist dhuinnbhi òg?
Comhladh cruinn an tigh na céilidh
G éisdeachd sgeulachdan gun ghò;
No air feasgar cùbhraidh Céitein
Ruiths a leum air feadh nan lòn
Chaidh an sgaradh is an sgaoileadh
Mar a ruaigeas gaoth an ceò.

An duthchaibh céin tha cuid a comhnuidh,
Am measg slòigh a tha gun bhàigh,
S tha cuid eilenis a seòladh
Air cuan mor nan stuadhan àrd’;
Chaill sinn buidheann dhiu gu siorruidh
Cha bem miannbhin saoghal a bhroin,
Fhuair iad furan fialaidhs fàilte
Ann an Aros Rìgh na gloir!

Aon no dha dhiu tha airfhàgail
Thoirt na bha amchuimhneris,
Ach chan fhada theid ar caomhnadh,
Leis gur caochlaideach gach ;
Tha gach bliadhna nis mar thiota
S beagtha fhios dhuinn ciodthan dàn
Oir mum faic sinn crioch na so
Bithdh na ceudan aig abhàs.

Tha Stàit Mhassachusetts an deigh ochd ceud mile dolair a chur air leth air son na ròidean mora a chur ann an deagh òrdugh. , am measg ar leughadairean, aig am bheil dùil a bhi beò gus an cuir mor-roinn Nobha Scotia a cuid ròidean fhéin air dòigh? Tha eagal oirnn nach eil iad ach gann.

Thatar air fhaotainn a mach gun deachaidh barrachd morsa bàbhaist de dhaoine as an rian ann an Sasunns an Wales an uiridh. Be ceud mios an t-samhraidh an t-àm bu mhiosa air an son. Chan eil fhios ciod a baobhar.

Chan eil ach aon eaglais Chléireach ann am baile-mor Lunnainn anns nach eil òrgan, ’s i sin eaglaisRegent ’s Square.Bha eaglaisBelgravegun òrgan gus o chionn ghoirid.

Cha bhi na cairtean-iùil as fhearr agus na combaistean as cuintiche a chum buannachd sam bith dhàsan nach dean cleachdadh dhe bhigan cur gu feum.


C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


Dr. G. T. Mac Gilleain
DOTAIR FHIACAL,
OIFIGOs cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-Tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.


Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C. B.


Indurated Fibreware

Tha an seòrsa so nas daoire na na bucaideans na tubaichean cumanta, achs math is fhiach iad sin; tha iad nas buaine, agus mar sinsiad as saoire.

THE
E. B. EDDY Co
LIMITED
HULL, CANADA.



[144]

[Vol . 6. No. 18. p. 8]

Seann Oran.

Thoir fios gu taobh thall nan garbh-chrioch,
Ons ni echordas ri meanmne,
Gun dthòisich taobh tuath na h-Alba
Ri marbhadh a chéile,

Faodaidh fearbhios fuar, falamh,
Cruaidh, smearail, foinnidh, fearail,
Fead a thoirt an cluais ballaich
Mur a bi e réidh ris.

Fios gu Eobhain, fios gu Ailein,
Fios gu Domhnull Bàn nan cailleach,
Ciod an truaighechum aig bailiad
S a ghealach ag éirigh.

S ann mu dha thaobh baileghobhain
Tha na fir nach faoin ran clomhadh,
Bheir iad taomadh air na Rothaich
Fhads a gheibhear spréigh aca.

Tha maolanaich ann an Airceig,
Bu mhaith gu slaodadh na creich iad,
S fhadsa mhaireas ni aig Catach
Cha bhi ac, ach leum air.

Cloinn a Phi is cloinn ic Uaraig
Gu den t-aon ni chumadh bhuain iad,
Mar sins clann Leadhair nan cuaran
An guaillibh a cheile.

Nan gabhadh na cruachan iomain
Mar ghabhas crodh Chille-Chuimein,
Bheireadh mid air bodaich Mhorro
Gum biodh dollaidh beidh orra.

Gun mharbhadh bean uasal thapaidh
Ann an tuasaid o chionn seachdain,
S feudaidh sibhse crodh is capuill
Thoirt dhachaidhna h-éirig.

Tha crodh is eich air an leathad
Aig bodaich nach dean an gleidheadh
S mar be dhomhsa bhiam laidhe
Dheanainn rathad réidh dhoibh.

Chan fhaca min t-òran so sgriobhte riamhs cha chuala mi riamhga chantain ach an neach on dionnsaich mi e. Bhan duine sin ag innse dhomh gum be fear Iain Mac Rath de mhuinntir Chinntàile a rinn e. Is en neach ceudna on ddionnsaich mi Oran na Spàintich; bha eg innse dhomh gun do dhionnsaichathair fhéin Oran na Spàinntich bho bheul Mhic Leoid an t-Asainteach air an dthug mi iomradh roimhe. Bha an Leòdach a gabhail còir air an òran mar a bhàrdachd fein A reir mar a dhfhoghlum mi on duine ud tha mu 125 bliadhna bhon dhionnsaich an duine e bho Mhac Leòid. Chi sinn mar an ceudna Iain Mac Codrum (chan e Odrum) a cur aon de òrain bhàrdail fein air fonn òran a ghunna ris an canadh iad an Spàinteach. Air dhòighs gu bheil e dearbhte gur ann mun àm ud a rinneadh e. Tha mi duilich a chur an teagamh co be bàrd an òrain chomharraichte ud.

Cha be Dòmhnullach am fear a bheireadh suas iobairt gun chostas. Bha iad rioghail air son a leithid a dheanamh; ach bu mhiann leam a chluinntinnsa MHAC-TALLA an t-àm anns an robh an Dòmhnullach ann. ’S ma bha esan ud faodaidh sinn an dara h-aon a chreidsinn cho math ris an aon air thoiseah.

Is ann aig àm tagail nan creach a rinneadh an t-oran leis an t-Sàileach.

AONGHAS MAC AOIDH.


Leanabh An Aigh.

LE MAIRI NIC DHUGHAILL.

S e leanabh an aigh an leanabh bhaig Mairi,
A rugadh an stabull Righ nan dul,
Thainig don ibasach dhfhulangn ar n-aite
Is sona don aireamh bhitheas dha dluth.

S ann o Bhethelem a thainig an sgeul,
Is binne da threud na teudan ciuil,
Armailt na Flaithisus ainglean neimh
Ag ard-mholadh Dhes a seinn a chliu.

Iriosal striochdadh thainig an Ti so;
S deacair dhomh innseadh meud a chliu;
Prionnsa na Sith a rugadh mar chiochran
Ann an staid iosailus e gun mhuirn.

Eisdibh an fhuaim, le sgeula nam buadh,
A dhaithris na buachaillean o thus,—
Gheibh sibh an t-Uans a phraisich na shuain;
S e shaoras a shluagh le buaidhs le cliu.

“ ’S e teachdairen aigh a thainig on airde,
A dhinnis le gradh na bhan a run;
Gheibh sibhs an stabull, fochar a mhathar,
Naoidhean thug barr air eachs gach cuis.”

Seallaibh, ged a tha em praisichs an stabull,
An armailt ro laidir air a chul,
Ainglean on aide frithealadh dhasan.
Cumhachdus grasus gradh a ghnuis.”

Ged a bhios leanabain aig righribh na talmhainn,
Le greadhnachas garbhs le anabarr muirn;
S gearr gus am falbh is fasaidh iad anfhann,
An ailleachds an dealbh aseargs an uir.

S ioma fear treubhach, gaisgealach, gleusda,
Chaisg air an steud, ’s nach eirich dhiubh
A chaoidh gus an seidear tiompaid Mhic Dhe
Ag ard-mholadh Dhes a seinnn a chliu.

Cha bionnanns an t-Uan a thainig gar fuasgladh;
Iriosal, stuama ghluais en tus;
E naomh gun truailleachd, cruithfhear an t-sluaigh
A dheirich a suas le buaidh on uir.

Seallaibh ciaard e nis ann am Parras,
Ag ullachadh aite da chairdean ruin;
On cheannaich a bhas dhoibh sonas do-aireamh,
A ghealladh gu brath cha teid air chul.

Athair nan gras! neartaich ar cail
Chum moladh gu brath thoirt dha le cliu,
Don Ti as ro airde a dhullaich dhuinn Sanuighear
A dhfhuiling am basn ar n-aitesn ar rum.

Teagaisg, a Righ! dhuinn slighe na sith;
Ad cheumaibh direach cum sinn dluth;
Thusa bha dileas dhuinne bho shiorruidheachd
Urras ro chinnteach air ar cul.

Neartaich ar dochas; meudaich ar n-eolas;
Cum sinnn ad roidean direach dluth;
Le oladhn ar lochrain mar ris na h-oighibh
Aseinn ann an gloir an orain uir.

So leanabh an aigh mar dhaithris na faidhean
S na h-ainglean ard, be miann an sul;
S es airidh air gradhs air urram thoirt dha
Is sona don aireamh bhitheas dha dluth.


Faisg air
da bhliadhna air ais, sgriobh an t-Urr. Job Roadhouse,áSeeley ’s Bay, Ont. , ’g ar n-ionnsuidh: —Ceadaichibh dhomh innse dhuibh cho measailsa tha mi air K. D. C. Bha mo stamag cho donas gu robh i deanamh coire do mamhaich, air uairibh bhiodh eagal orm gun caillinn mo ghuth, ach thug K. D. C. a leithid a dhfhaothchadh dhomh, ’s gu bheil mi creidsinn gur h-e leigheas stamaig as fhearr a dhfheuch mi riamh.

A RITHIST sgriobh e air Maigh 25, 1896, mar a leanas:— “Cha chuala mi neach sam bith a dhfheuch K. D. C. ag radh dadna aghaidh, ach tha gach aonga mholadh mar leigheas math. Tha ega mholadh fheins gach àiten teid e.”

Cha toir tim smal air a chliù, agus gun teagamhs en leigheas air cion-cnàmhaidh as fhearr a gheibhear an Canada. ThaK . D. C. Pillsmar an ceudna anabarrach math air son a chuim.

Sampuill a nasguidh.
K . D. C. Company Limited, New Glasgow, N. S., and 127 State St., Boston, Mass.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar duthcha thanar beachd


NIALL Mac FHEARGHAIS,
Taillear.
SIDNI - - - - C. B


$1 .00 air 80c.
Tha tuilleadhsa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dhairgead. Thig mum bin t-am seachad agus
FAIGH BARGAN.
McDonald Hanrahan & Co.
Sidni, Iulaidh 16, ’97.


FLUR AGUS MIN
direach as na muillnean.
(Ann am barailtean, leth-bharailtean agus cairteil.)
TI, SIUCAR, TOMBACA, etc.
Am bathar as fhearr air na prisean as isle an coinneamh AIRGEID.
ALASDAIR MARTUINN.
Sidni, C. B., Sept. 1, 1897.

titleIssue 18
internal date1897.0
display date1897
publication date1897
level
reference template

Mac-Talla VI No. 18. %p

parent textVolume 6
<< please select a word
<< please select a page