[Vol . 6. No. 19. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 5 NOBHEMBER, 1897. No. 19.
Seann Eachdraidh Leodhais.
LE MARTAINN.
Bha seann chleachdadh aig muinntir an eilean so a bhi ag iobradh air Oidhche Shamhna da dhia mara air an robh “Shony” mar ainm, anns an dòigh a leanas: Thainig muinntir an eilean mu ’n cuairt gu eaglais naomh Moluidh, agus biadh aig gach neach dhiubh. Bha peic de bhraich aig gach teaghlach, agus bha so air a dheanamh na lionn. Bha fear dhiubh an sin air a chuir air leth airson a dhol a mach air a mhuir, suas gu mheadhoin, a toirt leis soitheach lionna na laimh, agus air dha seasamh an sin dh’ éigheadh e a mach, “A ‘Shony,’ tha mi toirt dhut an t-soithich lionna so, an dòchas gum bi thu cho caoimhneal agus gun cuir thu ugainn pailteas feamainn airson mathachadh an fhearainn air an ath earrach.” Air dha sin a radh thilg e an soitheach lionna do ’n mhuir. Rinn iad so anns an oidhche. An uair a thigeadh e gu tir, rachadh iad uile do ’n eaglais far an robh coinneal laiste air an altair. Air dhaibh seasamh sàmhach an sin greis, bheireadh fear dhiubh comhar, agus an sin bha a choinneal air a cuir as, agus gun dàil rachadh iad uile a mach do ’n mhachair, agus thoisicheadh iad ag ol a lionna, agus a gabhail òrain. Air an ath mhaduinn thilleadh iad uile dhachaidh air dhaibh a bhi lan-thoilichte gun do rinn iad an dleasdanas chudthromach bhliadhnail so ann an doigh a bheireadh thuca pailteas arbhair. Thubhairt Donull Moiristean agus Coinneach Moiristean, ministearan an Leodhas rium, gun d’ thug iad moran bhliadhnachan mu ’n d’ fhaair iad toirt air na daoine cumanta sguir do ’n t-saobh-chrabhadh amaideach so ach gun robh e air a chuir as da bhliadhna dheug air fhichead roimhe sin. Is e so ainmean nan eaglaisean an Leodhas agus nan naomh air a bheil iad air an ainmeachadh: Eaglais Chalum-Chille, ann an Eilean Chalum-Chille; Eaglais Pharaer an Carnish; Eaglais Chalum air an Uidh; Eaglais Cutcheon an Garrabost; Eaglais Aulaidh an Griais; Eaglais Mhicheil an Tollosta; Eaglais Chalum ’s na Gearraidhean; Teampull Ronad an Earobie; Teampull Thomais an Tabost; Eaglais Pheadair an Suainabost; Eaglais Chlemen an Dal; Teampull na Cr’o Naoimh an Gausun; Teampull Bhrighde ’am Borgh; Teampull Pheadair an Siaduir; Teampull Mhuire ’am Barbhas; Teampull Eoin ’am Bragir; Teampull Chiarain an Linsbader; Teampull Mhicheil an Ciribhig; Teampull Mhacrel an Cireabost; Teampull Dondan ’am Bernera bheag; Teampull Pheadair, an Eilean Phabaidh; Teampull Chrisdan(Christopher)an Uig; Teampull Lennan an Sternvay; agus Eaglais Steornabhaidh.
Roimh an Ath-leasachadh bha na h-eaglaisean agus na cill so uile nan ionadan naomh, agus nan deanadh duine muirt bha e sabhailt cho luath agus a bhiodh e an taobh a stigh do na ballachan. Bha barrachd meas orra ’san àm sin na tha orra an diugh. Bha e na chleachdadh cumanta aca a dhol air an gluin cho luath agus a thigeadh iad am fradharc na h-eaglais ged a robh i fad air falbh. Thuirt Iain Moiristean a Bragar rium an uair a bha esan na bhalach agus a’ dol do eaglais Moluidh, thug e an aire gun robh an sluagh a dol air an gluin, agus ag radh Urnuigh an Tighearna, asdar cheithir mile o ’n eaglais. Tha an t-eilean so (Leodhas) air a roinn na dha sgire, Barbhas agus an Uidh, agus tha tigh ministear agus ministear anns gach sgire.
NA H-EILEANAN SEUNTA.
Tha tri eileanan beaga an so. Tha Cill an Eilean Mhuire air ainmeachadh air an Oighe Muire. Tha clach ghorm an uachdar na talmhainn an so, rudeigin bog cho fad agus a tha i ’san talamh, ach an uair a tha i a fas cruaidh, is comasach larach sam bith a dheanamh orra. Tha Clach an-trushal an sgire Bharbhais mun cuairt air fichead troidh air àrda agus faisg air a bhi cho leathan a sin. Tha tri clachan air an cur suas air taobh tuath Loch Carlobhaidh, mun cuairt air dusan troidh anns gach te dhiubh. Tha cuid do dhaoine aineolach an aite ag radh gur daoine iad a chaidh a thionndadh nan clachan le druidheachd, ach tha cuid eile ag radh gur clachan iad a chuireadh suas mar chuimhne air daoine a thuit ann am blàr. Ach is ann aig Callainsh(Classernis) ,a chunnaic mi na clachan bu mho, agus bu lionmhoire, agus a b’iongantaiche a thachair orm. Tha an sin naoi deug thar fhichead de chlachan air arda, agus da throidh air leud anns gach te dhiubh. Tha iad air an cuir nan da shreath ochd troidhean fo cheile, agus sia troidhean eadar gach clach, agus tha clach air a cuir suas anns an dol a steach eadar an da shreath. Aig a cheann a deas dhiubh tha air a cheangal riu cuairt chlach(circle)anns a bheil da chlach dheug a tha cho ard agus cho fada fo cheile ris na naoi-deug thar fhichead. Tha aon air a cur suas ann a meadhon na cuairt so a tha tri troidhean deug air àirde, agus air chumadh stiuir soithich. Dh’ fhoighnich mi do mhuinntir an àite gu de am beul-aithris a bha aca a thaobh nan clachan so, agus thuirt iad rium gum b’ àite so a bha air a chuir air leth airson aoraidh an àm na Pàganach, agus gun do chleachd an Ard-Dhrui no Sagart seasamh faisg do ’n chloich mhoir anns a mheadhon, agus as a sin gun do labhair e ris an t-sluagh a bhiodh timchioll air. Chunnaic mi bunan chraobhan mora aig ceann Loch Erisfhord, agus tha mun cuairt air ceud de chraobhan òga beithe agus calltuinn air taobh an iar-dheas Loch Steornabhaigh, ach cha ’n eil tuilleadh fiodha a fàs ’san eilean.
Ghearr fear Domhnull a chuain, a tha fuireach ann am baile beag faisg air Bragir ordag aig brisean an t-soluis, agus tha boinne fala a tighinn aisde aig gach briseadh soluis bho ’n uair sin. —LEODHASACH, ’saHighland News.
An t-Exhibition.
An deigh dhuinn a bhi cluinntinn nam paipearan ’s an t-sluaigh a labhairt mu’n exhibition a bh’ann a’ Halifacs air an fhoghar so mar an t-exhibition a b’fhearr ’s bu shoirbheachaile bha ’sa mhor-roinn riamh, cha bheag air t-ioghnadh a chuir e oirnn a chluinntinn gun deach e gu trom anns na fiachan. Bha coinneamh aca air an t-seachdain s’a chaidh, agus aig a choinneamh sin fhuaradh a mach gu robh a’ chosguis ochd mile deug dolair os ceann na thainig a stigh. Bha sinn fhéin an dùil leis gach bòilich a bh’air muinntir Halifacs mu’n exhibition nach robh teagamh sam bith nach robh e ’n deigh moran airgeid a dheanamh, air àite àireamh mhor mhiltean dholair a chall, a ach bha sinn am mearachd. Anns an latha ’n diugh, ’nuair a chluinneas daoine fuaim mor dhe’n t-seòrs’ ud a dol a mach air feadh na tire, ag innse cho math ’sa tha leithid sid ’sa leithid so de ghnothuch a dol air adhart, cha ’n olc an ni dhaibh feitheamh car greis gus an tig deireadh an sgeòil orra. Agus a thaobh anexhibitiontha e coltach nach d’ thainig a dheireadh oirnn fhathast, oir tha iadsan a bha ’ga riaghladh air son pairt de’n chall a chur air ionmhas na mor-roinne.
[Vol . 6. No. 19. p. 2]
Litir as a Ghaidhealtachd.
FHIR MO CHRIDHE. —Is gann a tha fhos agam cia mar a thòisicheas mi ri sgriobhadh ugad. Tha ùine fhada o’n a sgriobh mi an litir mu dheireadh ugad, agus ged nach ’eil dad de thlachd againn taobh air thaobh dhe na leith-sgeulan, feumar uairean a bhith riutha. Feumaidh nise ’aideachadh gur iomadh latha o chionn corr is bliadhna, na’n do smaoinich mi air aig an àm, a dh’ fhaodainn sgriobhadh ugad; ach bha e tachairt gu math tric, gu ’n robh iomadh rud eile agam ri dheanamh an uair a smaoinichinn gu ’m bu chòir dhomh sgriobhadh a’ d’ ionnsuidh. Bha mar so dàil ’ga chur anns a chùis o àm gu àm. Mu dheireadh thòisich mi ri bhith ’gabhail rud eiginn de nàire air son an dearmaid a bha mi deanamh ort, agus chuir mi romham nach cùireinn dàil anns a chùis na b’ fhaide. Sin agad an tul-fhìrinn, a charaid, agus mar a thuirt an fear roimhe, “Cha ’n ’eil guth bréige anns an fhìrinn.”
Tha mi ’creidsinn nach bu mhisde leat fhein agus le mòran de luchd-leughaidh a’ MHIC-TALLA fios fhaotainn uair is uair air mar a tha cùisean a’ dol air an aghart anns an t-seann dùthaich. Tha iomadh neach fhathast beò an taobh thall de ’n chuan a rugadh ann an Gaidhealtachd na h-Alba, agus is glé thoigh leotha, tha mi ’creidsinn, cuid de naigheachdan na seann dùthcha a chluinntinn. Cha’n ’eil e an comas dhomhsa mion-chunntas a thoirt seachad mu thimchioll gach ni air am bu mhath le daoine fios fhaotainn, agus air an aobhar sin feumar mo leth-sgeul a ghabhail. Ach faodaidh mi beagaa a ràdh mu thimchioll cor aimsireil an t-sluaigh an cumantas.
Fhuair daoine aimsir cho fabharrach ’s a b’ àbhaist dhaibh an àm na curachd, ach ’na dhéigh thàinig deich no dusan latha do shide fuar le frasan flithne agus sneachda. Thug so air an fhochann gu ’n do shearg e beagan; ach ’na dhéigh sin thainig e air aghart glé mhath. Bha ’n t-sìde anabarrach tioram, teith ré an dara mios dhe’n t-samhradh, agus dh’ fhàg sin am feur-cuir, agus cuid dhe ’n fheul-lòin mar an ceudna, moran na bu taine agus na bu ghiorra na bha e o chionn àireamh bhliadhnaichean. Ach ma bha ’n t side neo-fhreagarrach air son fàs feòir, bha i gle fhreagarrach air tiormachadh na mònadh. Mu ’n d’ thàinig àm na buana cha ’n fhaicteadh caoran air poll-monadh, oir bha ’mhòine na cruachan mòra, briagha aig na taighean.
Cha ’n e mhain gu ’n robh am feur tana, goirid seach mar a b’ àbhaist dha, ach bha ’n t-arbhar mar sin mar an ceudna. Tha siol air an arbhar am bliadhna na ’s fhearr na bh’ air o chionn àireamh bhliadhnachan; oir mar is trice bidh toradh math ann a’ bhliadhna bhios an samhradh agus toiseach an fhoghair tioram, grianach, blàth. Ann an iomadh àite tioram air machraichean Uidhist is Bharraidh, bha cuid dhe ’n eòrna cho goirid ’s gu ’m b’ fheudar dhaibh a bhith ’ga spìonadh an aite ’bhith ’ga bhuain. Cha robh ann, mar a theireadh na seann daoine, ach “coilichean.” Neo-ar thaing nach robh dias mhath, bhiachar air. Is iomadh uair a chuala mi seann daoine ag radh, nach robh gorta riamh ann am bliadhna ’choilichein. Ach ged a tha siol biachar, pailt air an arbhar, bidh am fodar glé ghann na ’s lugha na thig, mar is minic a chunnaic sinn, mios no corr de shìde mhath mu thoiseach a’ gheamhraidh. Fhuaradh am feur ’s an t-arbhar fo dhion gun mòran domail sam bith. Bha ’bhuain na bu tràithe na b’ àbhaist dhi, agus an t-arbhar a bhuainear ri side tioram cha dean deannan troma dhe ’n uisge dolaidh sam bith air, gu sònraichte mur bi ciùine leis.
Cha robh am buntata cho math o chionn iomadh bliadhna ’s a tha e am bliadhna. Dh’ fhàs e anabarrach math anns gach àite, agus cha do thuit duilleag dheth gus an do thòisich am bàrr ri abachadh gu nàdarra. Cha chluinnear guth no iomradh air a ghaiseadh an àite sam bith air feadh na dùthcha. Bidh seachdain fhathast mu ’n tòisich daoine ri togail a bhuntata, oir ged nach eil ach ceithir latha deug eadar sinn ’s an t-samhuinn, tha ’chuiseag fhathast ann an iomadh àite cho gorm ’s a bha i riamh, agus bidh leisg air daoine tòiseachadh ri ’thogail gus an cnàmh a’ chuiseag.
Cha ’n e mhàin gu ’m bheil am buntata gle phailt, ach tha e mar an ceudna anabarrach tioram. Tha seann daoine ag radh nach cuimhne leotha ’fhaicinn cho tioram riamh o’n a ghais e an toiseach. Is gann gu ’n tig fear dhiubh slàn as a phoit leis cho tioram ’s a tha e.
Ach ged a tha ’m buntata pailt tha ’n t-iasg gle ghann. Chuir an t-iasg dubh-chùl ri eileanan na Gàidhealtachd buileach glan am bliadhna, ach ri Steornabhagh ’na ònar. Cha d’ rinneadh uiread a dh’iasgach sgadain ach ainneamh riamh ann an Steornabhagh ’s a rinneadh am bliadhna. Ach anns gach baile iasgaich eile ann an Alba, chaidh iasgach an sgadain ’nan aghaidh gu tur. Tha moran a dh’ fhir-phòsda ’s de ghillean òga a’ dol gu iasgach an sgadain an uair a chuireas iad crioch air an àiteach agus a bhuaineas iad a’ mhòine, agus tha iad mar so, o bhliadhna gu bliadhna, a toirt, mar is trice, deannan math airgid dhachaidh an uair a thig iad air an ais aig àm na buana. Ach am bliadhna, mar a dh’ ainmich mi, chaidh cùisean gu mor ’nan aghaidh. Bha iomadh fear aig nach robh ach gann na bheireadh dhachaidh e.
Chaidh iasgach nan trosg ’s nan langan an aghaidh dhaoine mar an ceudna air feadh na Gàidhealtachd. Ach rud a tha cur ioghnaidh air iomadh neach, is gann a gheibhear adagan, no cuibhteagan, no sùidheanan, no bodaich ruadha, ann an lòch seach loch mu’n cuairt nan eileanan Gaidhealach.
Bha deagh phrìsean air spréidh dhe gach seòrsa aig féilltean an t-samhraidh; ach thuit na prìsean gu mor mu thoiseach an fhoghair, agus tha iad mar sin fhathast.
Cha ’n eil sinn an comain nan “geangach” sin thall agaibh fein air son mar a thog iad prìs na mine. Tha iad gleusda mar a bha iad riamh, agus an uair a thuig iad gu ’n robh an cruithneachd gann anns an Roinn-Eòrpa, ghrad thog iad a’ phrìs. Tha ’m bolla de fhlùrAmericaochd tasdain na’s daoire na bha e mu ’n àm so ’n uiridh. Cuiridh so iomadh duine bochd aig am bheil teaghlach trom, lag na chabhaig mu ’n teid cruadhag an earraich seachad. Ach cuiridh an Cruithfhear rud air daoine bochda an àm na h-eiginn mar bu ghnàth leis a dheanamh.
Cha bu mhisde leinne air an taobh so dhe ’n chuan fios fhaotainn cia mar a tha soirbheachadh le ar càirdean agus le ar luchd-dàimh thall agaibh fhein air feadh gach cearn de Chanada, agus air an aobhar sin tha sinn an dòchas gu ’n toir fear dhe na daoine a tha ’sgriobhadh thun a MHIC-TALLA gearr chunntas dhuinn, o àm gu àm, mar a tha cùisean a dol leibh.
An latha ’chì ’s nach fhaic. Is mi do charaid,
IAIN.
October15, 1897.
A’ Ghaidhlig.
Ann an dàn Oisein do ’n ghrein an àm luidhe, tha e ag ràdh:
An d’ fhag thu gorm astar nan speur
A mhic gun bheud a’s òrbhuidhe ciabh?
Tha dorsa na h-oidhche dhuit reidh,
Agus paillinn do chlos ’s an Iar.
Thig na tonna m’ an cuairt gu mall,
’Choimhead an fhir a’s gloine gruaidh,
A’ togail fo eagal an ceann
Ri d’ fhaicinn co àillidh ad shuain.
Bha ’ghrian na samhladh furasda daonnan air treise ’n duine ’s air an fhirinn sholuimte gu feum e an deigh dha airde ’mheadhoin-la ruigheachd, dol air ais ann an neart ’us ann an tapaidh, gus fadheoidh am fas e mall ’us lag. Mu dheireadh theid a sholus ’us a threubhantas gu buileach as. Tha, gun teagamh, aig MAC-TALLA cairdean lionmhor am measg Gaidheal Chanada, a tha proiseil gur Gaidheil iad, ’us gu b’ urrainn do ’n aithrichean Gaidhlig a labhairt gu pongail, fileanta. Air an son fein, tha iad a’ faicinn gu bheil a’ Ghaidhlig a’ dol air di-chuimhne ann an Canada, ’s air an aobhar so, ged tha ’n cridheachan bronach no tiamhaidh gu bheil a’ Ghaidhlig lag, euslainteach, cha tabhair iad cuideachadh no faoilidheachd air bith do MHAC-TALLA ’tha ’saoithreachadh gu dileas, aghartach, airson beatha, ’s sonas, ’us aighear, ’us fallaineachd a chumail ri canain nan laoch ’us nan treun Gaidhealach a bha ’s a dh’ fhalbh. Tha Gaidheil ghealtach de ’n t-seorsa so, gu tur aineolach air gach oidheirp ghasda ’tha sgoilearan àluinn a’ deanamh as leth na Gaidhlig ’us foghluim nan Gaidheal. Cha ’n eil ach bliadhna no dha bho ’n chaidh Leabhar na h-Urnuigh Choitchionn, a bhuineas do ’n Eaglais Shasunnach, eadar-theangachadh agus a chur a mach gu grinn, boidheach, ann an fior-eididh na Gaidhlig. Tha ann an
[Vol . 6. No. 19. p. 3]
Earra-ghaidheil agus ann am bailtean mora Albuinn, Gaidheil a bhuineas do ’n Eaglais Shasunnach no Easbuigeach, agus is ann airson oilean a thoirt dhoibhsan ann an aoradh an Tighearna a chaidh Leabhar na n-Urnuigh Choitchionn eadar-theangachadh agus a chur ann an uidheam Gaidhealach. Cha do nochd an Eaglais Easbuigeach riamh tlus no cairdeas sonruichte do na Gaidheil no do na h-Albannaich. Is eiginn, mata, gu bheil a’ Ghaidhlig fathast smiorail, neartmhor, agus gu bheil na Gaidheil ’nan dùthaich fein measail oirre ’s fior-dhileas dhi, o’n chunnaic luchd-riaghlaidh na h-Eaglais Easbuigich iomchuidh an leabhar aoraidh air an d’ rinn mi cheana luadh, a chur ann an culaidh aillidh an fhraoich ’us na Gaidhlig. Tha iadsan airidh air urram mor a dh’ eadar-theangaich an leabhar so. Is maith a fhuaradh iad. Rinn iad dichioll gasda agus shoirbhich leotha gu h-iongantach. Aidichidh sinn gu bheil iad airidh air cliu ’us meas, oir thug iad misneach ’us slainte ’s seasmhachd nach eil faoin no suarach do ’n Ghaidhlig aosda, bhrioghmhor. Tha dochas aig gach Gaidheal ceart gu dean an leabhar so maith mor agus gu toir e toileachas ’us beannachadh pailt doibhsan uile airson an deachaidh a chur an ordugh.
Is abhaist do na Sasunnaich fathast a bhi ’feoraich am bheil gramar Gaidhlig idir ann. Tha iad am beachd o’n tha ’Ghaidhlig co garbh, borb, neo ealanta ’n an sealladh fein, nach fhiach i gramar a bhi aice, ’s nach eil e comasach canain co mosach, alluidh, a thoirt bho riaghailtean gramair air bith. Cha ’n eil na Sasunnaich a toirt fainear gu robh a’ Ghaidhlig comhdaichte le coinneach nan linn ’us gu robh na Gaidheil meamnach ’us cliuiteach ann an stri nan lann air machair ’us faiche ’n air, iomadh latha mu ’n d’ rugadh Sasunnach air bith ’us mu ’n deachaidh a’ cheud tulgainn a dheanamh air creathall na Beurla no na Fraingeis. Na bitheadh gloir nan Sasunnach co ard, ’us na bitheadh iad co bosdail, ’us co taireil, an uair a tha iad a’ gabhail beachd air gramar na Gaidhlig. Tha meas anabarrach agam air na h-Eirionnach, oir bho cheann ceithir cheud bliadhna sgriobh iad gramar an canain féin. Is ann doibh a’s aithne ’bhi ’dearbhadh le ionnsachadh domhainn agus innleachdach gu robh a’ Ghaidhlig Eirionnach fonnmhor, fallain, foghluimte, bho cheann da mhile bliadhna, ’s gun do bhuilich i iomadh comhnadh, ’us eolas, ’us caoimhneas air na canainean a tha ’nis ardanach ’us fein-speiseil anns an Roinn-Eòrpa. Is ann an 1778, bho cheann corr maith ’us ceud bliadhna, ’chaidh a cheud grammar Gaidhlig a sgriobhadh. B’ e ughdar a’ ghramar so Shaw, no Mac Seathainn. Tha e airidh air cliu, oir cha robh moran cuideachaidh ach a thuigse ’s a dhichioll fein aige. Lean e gu dluth eisimpleir na Laidinn ann an deasachadh a ghramair. Bha inntinn laidir, gheur aige, agus bha speis aige do na Ghaidhlig a choisneas ainm maith daonnan dha, ged a dh’ aontaich e leis an t-Sasunnach Mac-Iain, ann a bhi ’creidsinn agus ag radh gur e Mac-a’ -Phearsuinn e fein a rinn agus a sgriobh dain Oisein, agus mar so, nach robh guth Chona ’na bhard riamh aig an Fheinn.
CONA.
Comhradh
EADAR DOMHNULL AGUS FEAR A’ BHAILE.
D. —Failte air fear a’ bhaile.
F. —Furan ort fein a Dhomhnuill, ciamar tha thu fein ’san teaghlach, ’s na laithean so?
D. —Le ’r cead fhir a’ bhaile, tha iad uile ann an slainte mhaith, nam biodh an còmhnuidh ann an iomal a’ phailteas. Ach cha ’n eil mi fein gu maith idir, idir ’s na laithean so.
F. —Mar bheil thu gu maith a Dhomhnuill, cha ’n eil dith coltas na slàinte ort. Ach math dh’ fhaoide gur tinneas na h-iomgainn a th’ ort, na bruailean dhe ’n t-seòrsa sin.
D. —Mata, ’s feudar aideachadh gun do bhuail thu tarunn air a ceann. ’S ann ’thachair dhòmhsa dridfhortan an la roimhe, agus tha nàire agus tamailt orm, gun ag tha mi fo amhluadh mor. ’S gann a thogas mi mo shùil ri duine, agus an uair a thachras dhomh gum faic mi prasgan dhaoine, an sud ’s an so, a’ còmhradh, tha ni eiginn ag radh rium, “ ’Sann ortsa tha iad sid a còmhradh, na ’d bhall magaidh aca.”
F. —Seadh a Dhomhnuill, ciod am mi-fhortan a thachair riut, a tha ’gad chur fo’ amhluidh co mor?
D. —Mata, ’s ann a tha sin naigheachd mhor, fhada, righinn, a chumas mise fada ga h-innseadh, agus math dh’ fhaoide a chlaoidheas sibhse ga h-eisdeachd, agus thar leum nach bi sin freagrach aig an tra so dhe’n la.
F. —Air t-aghart a Dhomhnuill le d’ sgeul agus gabh t-uine ga h-innseadh, agus ni mise d’ éisdeachd—
D. —Tha fios agaibh gun robh an fheill san t-Salein Mhuileach, air an t-seachdain so, agus bha bò agus gamhuinn agam do bharsuime, agus rinn mi deas chum an reic air an fheill. Bha a’ bhò sean, agus car air a h-ais an culaidh fheola. Ach bha an gamhainn sar mhath. Nis mar thubhairt mi cheana rinn mi deas airson na feill, nigh ’s ghlan mi mi fein, agus chuir mi suas mo dheise ùr chlo, callanadh Catriona, agus cha chreid sibh na bha mhoit oirre, mi bhi cho sgiolta, sgiobalta, phongail. Agus air dhomh tarruing air an astar, ghuidh caomhag gach beannachd agus soirbheachadh a a bhi gam leantuinn gus am pillinn dachaidh sàbhailte ga ionnsuidh fein le sgeul mhath. Ach gu de tha agaibh air, rainig mi faiche na feille ag iomain m’ fheudail romham agus is gann a sheall mi ugam na uam nuair a fhuair mi ceannaiche do ’n ghamhuinn; reic mi e air ceithir puinnd ’sa crùn. Ach bha bhò ghlas agam fathast, agus mo shùil a mach airson drobhear dh’ ise. Cha b’ fhada mar so mi, ’nuair a thainig spealt òg do ghille tuathanaich a ghabhail sealladh de ’ri bho. Arsa esan, “An ann leat tha bho ’bhodaich? “ ’S ann dh’ am sheilbh i òganaich,” arsa mise. “Seadh,” ars esan, “tha i sean, sean, ’s tha i caol, caol, ’s cha chreid mi nach e te dh’ an fhior chrodh chaol a bh’ aig Pharodh i, ach dh’ fhaoide gun gabhadh culaidh a chur oirre bho Nollaig fhathast. Nach fuar, fuar, an latha ’th’ ann, b’ fhearrde sinn ni-eigin a chuireadh blas oirnn. An gabh thu dram a’ bhodaich?” “Oh,” arsa mise, “cha ghabh, dileag.” “Agus,” ars esan, “an ith thu feur a bhodaich.” “Oh, cha ’n ith srabh,” arsa mise. ’ ‘Mar ith a bhodaich, cha chompanach do bheathach no do dhuine thu,” ars esan. Gu de th’ agaibh air a chùis ach gun do thaisich na briathran ud mi, agus thug mi cuiridh dha tighinn leam dh’ an bhuth, ni a mhothaich mi a thaitinn ris gu ro-mhath. Dh’ iarr mi dram, agus dhol sinn e, ’s cha d’ rinn sinn reic na ceannachd. Dh’iarr mi dram, ’s dram na dha eile ’s cha d’ rinn sinn reic na ceannachd. ’Sin dh’ eirich an t-òganach chum falbh, a toirt moran taing dhomh airson mo chaoimhneas ’sa guidhe soirbheachadh dhomh fein a’s dh’ an bhò ghlais. ’Se na dramanan ud fhir a’ bhaile a dh’ aobhraich mo thrioblaidsa. Tuille cha robh neach a shealladh air a bho ghlais, nach tugainn dha drama, gus ma dheireadh, nach bu leir dhomh co-dhiu mo bhrog nan t-osan. Cha mho bha guth na cuimhne air a bho ghlais, ach thug ise a h-aghaidh air a dachaidh, agus gu cinnteach, ’s i a b’ fhearr eolas air an t-slighe na mise, oir an uair a bha cnocan ’s glacan far nach robh iad riamh roimhe, ’s an rathad uile, na chama-luban, ’s gach craobh, ’s cnoc, ’s mam, ’s beinn, a siubhal mu ’n cuairt, air am bonn fein, co luath ri gille-mirean. Coma co dhiubh, thug mi oidheirp air an t-slighe leis a bheagan tuir a dh’ fhàgadh agam, agus air thuiteamas, rainig mi taigh Iain Bhain air eiginn, lan poll ’s eabar. Gun thainig mi troimh mhoran thrioblaidean agus dheuchainean, eadar digean, ’s garaidhean, ’s claisean an rathaid mhor. Le gluinean ’s rudain, ’s mallean sgriobte, ’s air dhomh dol a steach do thigh Iain Bhain, agus a theintinn coir fialaidh a ruigeachd, bha ’n tigh ’san t-urlar, gach poit ’s gach coire, a sior dhol mun cuairt, mar gum biodh iad a cur nan car aig ruidhle Thullachain. Leis a bheagan tuir a dh’ fhagadh agam, oir dh’ iobair mo chainnt mi, thug mi ionnsuidh ’s rinn mi greim bais air tenneachan na slabhradh a bha crochadh a nuas bho’n luidhear. Cha luaithe a rinn mi greim air na tenneachan, na thug an t-slabhraidh surdag dhomh gu taobh eile an taighe, ’s air m’ ais a rithist, a sgapadh gach eibhle, ’s luath, na smuid air feadh an taighe, ’s a cur car-moiltean do bhean Iain Bhain, a chuile, n’ cruisgean san t-amar uisge. Agus mur deanadh Iain Ban greim orm, bhithinn ann an drallaig gu maiduin. Thug Iain Ban deadh chrathadh orm, ’s threoirich e mi chum an,
(Air a leantuinn air taobh 150.)
[Vol . 6. No. 19. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ‘Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton
SIDNI, 5 NOBHEMBER. 1897.
Bha baile morNew Yorka’ taghadh Ard-Bhàillidh(mayor)Di-màirt s’a chaidh. ThaNew Yorka nise ’gabhail a stigh Brooklyn agus àireamh de bhailtean bheaga tha timchioll air, agus tha mu leth muillean bhòt ann. Bha àireamh dhaoine a ruith air son na dreuchd, ach cha robh ach ceathrar dhiubh sin aig an robh duil sam bith ri bhi air an taghadh. Bha Van Wyck air ainmeachadh leis naDemocrats ,Seanalair Tracey leis naRepublicans , Seth Lowle muinntir a’ bhaile nach robh air son gnothuch a bhi aca ri pàirtidh, agus Henry George le buidheann de naDemocrats .Mar a chithear an àit eile, chaochail George ceithir latha romh ’n taghadh, agus chaidh a mhac ainmeachadh ’na àite. Bha Van Wyck air a thaghadh; fhuair e mu 210,000 bhòt; fhuair Low mu 145,000, Tracey 100,000, agus George 15,000. B’e Low an duine b’ fhearr a bha ruith, agus bha e air a thoirt a mach leis a’ chuid a b’ fhearr de ’n t-sluagh. Faodar a radh mu ’n deibhinn-san a bha ’cuideachadh Van Wyck nach e ’n cliu a’s fhearr a bh’ orra o chionn fhada, ach olc no math ’s mar a tha iad, tha riaghladhNew Yorkgu bhi ’nan làmhan fad cheithir bliadhna, agus bidh cothrom aca, re na h-ùine sin, air barrachd airgeid a chur gu deagh bhuil no gu droch bhuil, a reir an toile féin, ’sa th’ aig luchd-riaghlaidh baile sam bith eile ann an America.
Bha muinntirNewfoundlanda’ taghadh parlamaid ùr Di-màirt air an t-seachdain s’a chaidh, ach tha a mhor chuid dhe’n dùthaich sin cho iomallach ’s cho fad air chùl ’s nach d’ fhuaireadh fios ceart air mar a chaidh e gu toiseach na seachdain so. ’S iad naliberalsa bha stigh roimhe so, agus Sir UilleamWhiteway ’na phriomhair. Bha àireamh mhath a bharrachd aca anns a phàrlamaid mu dheireadh ach rinn an taghadh so an riaghladh a bhristeadh gu dona.
Bidh deich no dusan a bharrachd aig naconservativesanns a’ pharlamaid ùir. Cha d’ fhuair Sir UilleamWhitewayno a chuid a’s mo de na h-àrd-mhinistearan a stigh idir, agus tha e gle choltach gu’m bi an dòigh fhéin gu math aig an riaghladh ùr. ’Se Sir Seumas Winter is ceann do naliberals ,agus gun teaghamh ’se bhios ’na phriomhair. Bha gnothuichean gle fhad air ais agus troimhe-chéile ann anNewfoundlando chionn àireamh bhliadhnaichean air ais; bha an riaghladh air a choireachadh air son an cuid fhéin dhe gach olc a thainig air an dùthaich, agus cha’n eil teagamh nach e sin bu choireach iad a chall cho dona. Bha an cath eadar an da phàirtidh gu math cruaidh, agus is iomadh facal searbh a chaidh fhagail leotha o chionn mios no dha ais ais.
Tha moran de chàirdean MHIC-TALLA an am a bhi ’cur a phàighidh air adhart a sgriobhadh beagan a nochdadh an speis dha agus thoirt misneachd dha. Tha aon charaid ag radh nach eil e dealachadh ri dolair fad na bliadhna a tha toirt barrachd toileachaidh dha na an dolair a tha e ’cur dh’ionnsuidh MHIC-TALLA. Tha fear eile ’g radh nach biodh e as aonais air son a dheich uiread ’sa tha e ’cosg dha, agus tha moran eile a’ cur nan smuaintean ceudna ann briathran eile. Tha sinn thoilichte bhi cluinntinn o ar càirdean mar so, agus aoibhneas oirnn gu bheil am paipear a còrdadh riutha; tha sinn an dòchas gu’m bi ’nar comas a dheanamh cho math ’s gu’m bi e a’ tigh’nn na’s fhior fhearr ri càil an luchd-leughaidh mar a bhios an ùime ’ruith, moran taing dhaibhsan a tha ’cur an céill dhuinn am meas agus an deagh dhùrachd a th’aca do’n MHAC-TALLA.
Cha’n eil ach droch sgeul a’ tigh’nn as a Chlondaic. ’Se baile Dawson an t-aite ’s fhaisge air an tir fhiadhaich sin de’n t-saoghal àitichte. Tha moran dhaoine anns a’ bhaile sin a feitheamh cothrom gu dhol do dhùthaich an òir; tha fios air tighinn an dràsda gu bheil plàigh air bristeadh a mach ’nam measg leis am bheil triùir no cheathrar a’ bàsachadh na h-uile latha. Tha e coltach gu bheil an droch gheamhradh rompa, agus gur h-iad na daoine dh’fhuirich aig an taighean a’s fhearr a bhios dheth. Ach dòirtidh sluagh mor a stigh ann toiseach an t-samhraidh. Is docha gu’m bi slighe ùr air a fosgladh an uair sin, a dol a tuath bho Edmonton ’s an Iar-thuath agus a’ leantuinn nan aimhnichean mora. Bidh an t-slighe sin na’s giorra agus na’s lugha cunnart na’n ’n t-slighe thatar a’ gabhail am bliadhna.
Bha cogadh fuilteach anns na h-Innsean o chionn seachdain eadar an t-arm Breatunnach agus treubhan de na nàisinnich. Mar is àbhaist bha réiseamaid Ghàidhealach—na Gordonaich—air a cur air toiseach ’sa bhlàr agus ’s ann tre ’n gaisge a fhuaireadh buaidh. Tha an cliù a nise ann am beul nan uile. Bha piobaire anns an réiseamaid a chaidh a leònadh tràth ’sa bhlàr; chaidh peilear troimh a dha aobruinn ’s cha b’ urrainn da ceum coiseachd a dheanamh, ach shuidh e far an robh e ’s chluich e air a phiob gu fonnmhor fhad ’sa bha a chompanaich a toirt buaidh air na naimhdean.
MacCoinnich & Co.
Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh
ANN AN LOUISBURG,
agus tha sinn aig an àm cheudna a’ cumail air adhart air an t-seann laraich,
ANN AN SIDNI.
Aodaichean Matha dhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.
Theid sinn an urras air an obair.
Mac Coinnich & Co.
F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn.
Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J Morley.
Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air.
Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.
Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. A seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.
THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin.
Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.
Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.
Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. MacFhionghain, Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitche’s Creek.Tha mu dheichair fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.
[Vol . 6. No. 19. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Bha stoirm mhor shneachda ann an cuid de na Stàitean an Iar air an t-seachdain s’a chaidh. Tha ’n geamhradh air tigh’nn orra gu math trath anns a’ chearna sin de ’n t-saoghal.
Tha Riaghladh Chanada a dol a chur a mach seòrs’ ùr de stampaichean litreach. Bidh iad air feadh na dùthcha cho luath ’sa theirigeas an seòrsa thatar a’ cur am feum an dràsda. Cha mhair na th’ air laimh dhiubh sin ach mu mhios eile.
Bha seana bhean d’ am b’ ainmMrs . Blairann aSt . Joseph,an Cuibeic, a smocadh an la roimhe agus rinn an teine greim air a cuid aodaich ’s bha i air a losgadh gu bas. Chaidh an tigh ’na theine cuideachd agus bha e air a losgadh gu làr. BhaMrs . Blairtri fichead bliadhna dh’ aois.
Bha “Suipear Samhna” air a cumail ann an talla ùr eaglaisSt . Andrew’ soidhche Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh, air son airgead a chur cruinn gu cuideachadh leis na thatar a’ cur ris an eaglais. Chaidh mu shia fichead dolair s’a deich a dheanamh, suim a bhios ’na chuideachadh mor do ’n choithional.
Fhuaireadh litir an àrd thigh na cuspuinn annOttawao chionn ghoirid anns an robh mile ’s leth-cheud dolair. Bha criomag de phaipeir còmhla ris an airgead air an robh sgriobhte na facail “Airgead Cogais.” Cha ’n eil teagamh nach ann o neach eigin a bha ri smugladh agus a ghabh aithreachas a bha ’n t-airgead.
Chaochail duin’ òg, Seward Rudderham,anns a’ bhaile so Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e ann an droch shlàinte o chionn treis a dh’ ùine. Dh’ fhàg e bean agus aon phàisde, aois bliadhna. Chaochail am pàisde sin ’sa mhaduinn an dé, agus tha a bhantrach bhochd air a fàgail leatha fhéin. Bha e gle mhuladach an da bhàs a bhi cho dlùth dha chéile.
Thachair sgiorradh muladach o chionn ghoirid ann a’ Foot Hills, Ont.Bha dithis chloinne le I. R. Rudd air am fàgail a stigh leotha fhéin, gille sia bliadhna dh’ aois, agus nighean, tri bliadhna. Fhuair an gille greim air gunna ’bha stigh, agus air dha a bhi ’ga laimhseachadh, dh’ fhalbh an urchair, agus chaidh an ceann a chur bhar na h-igh’nne bige. Tha cridheachan gle ghoirt aig na pàrantan bochda.
Di-màirt air an t-seachdain s’a chaidh, ann am baileNew Glasgow,chaochail an t-Urr. Deòrsa Patterson, aon de sheann mhinistearan na h-Eaglais Chléirich, agus duine a bha ainmeil innte. B’ ogha e do ’n Urr. Seumas Mac Griogair, D. D., a bh’ ann an Pictou, agus sgriobh e eachdraidh a bheatha. Bha e ’na fhear-deasachaidh air caochladh phaipearan, agus chuir e mach àireamh leabhraichean. Cha robh e tinn ach ùine gle ghoirid. Bha e tri fichead bliadhna ’sa ceithir deug a dh’ aois.
BhaHenry George,a tha ainmeil air feadh an t-saoghail air son nam beachdan a bh’ aige thaobh fearainn agus caochladh nithean eile, gu ruith air son Ard-BhàillidheachdNew York,ach ’sa mhaduinn Di-haoine s’a chaidh, thug am bàs air falbh e. Bha e saoithreachadh gu cruaidh am measg sluaigh a’ bhaile, agus bha e ann an droch shlàinte, ach cha robh dùil aig neach sam bith gu robh a bhàs cho faisg. Chaidh e chadal oidhche Dior-daoin mar a b’ àbhaist, ach trath ’sa mhaduinn fhuaireadh gu robh e a’ caochladh. Chaidh lighiche thoirt g’a ionnsuidh ach cha b’ urrainn da feum sam bith a dheanamh dha, agus mu sheachd uairean thug e suas an deò. Bha e leth-cheud bliadhna ’sa h-ochd a dh’ aois. Cha robh ach ceithir latha eadar a bhàs agus latha ’n taghaidh. Chaidh a mhac ainmeachadh gu ruith na àite air son na h-Ard-Bhaillidheachd.
Bha leanabh, aois thri seachdainean, le fear Deòrsa Kincade, ann anSt . John, N. B. ,air a ghearradh ’san aodann le radan cho dona ’s gu ’n do chaochail e. Bha an leanabh ’na chadal ’nuair a rinn an radan greim air.
Chaidh boirionnach, beanI . W. McCurdy,a bhàthadh ann amMusquodoboit , N. S. ,Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh. Chaidh i dh’ an amhuinn a dh’ iarraidh uisge, agus tha e coltach gu ’n d’ thainig laigse oirre. Bha an t-uisge gle thana far an deach a bàthadh.
Thatar a meas gu robh mu cheudmooseair am marbhadh ann an Nobha Scotia ’s an Ceap Breatunn air an fhoghar so. Ma leanar air an sgrios mar sin cha ruith moran bhliadhnaichean gus nach bi gin de na fiadh-bheothaichean sin air am fàgail. Bu chòir do lagh na dùthcha an dion beagan na ’s fhearr na tha e deanamh.
Cha ’n eil teagamh sam bith a nise nach b’e tigh’nn ri bheatha fhéin a rinn Tomas Buckley, a fhuaireadh marbh ann amBerwick , N. S. ,deireadh na seachdain romh ’n t-seachdain s’a chaidh. Fhuaireadh sporan amis an tigh anns an robh ochd ceud dolair. Cha ’n eil fhios ciod a bha cur air a thug air lamh a chur ’na bheatha.
Cha d’ rinneadh moran sam bith de chleasan Samhna anns a’ bhaile air an turus so. Dh’ fhaoidte gu robh na gillean eadar dha chomhairle co-dhiu chumadh iad an t-Samhuinn oidhche Shatharna no oidhche Luain, agus mar sin nach deach iad a dh’ obair gus an robh an da oidhche seachad. Ach cha ’n eil daoine ’gearan air cho beag ’sa rinn iad idir.
Thainig fear Iain Mac-an-Tòisich ri bheatha fhéin anNew Glasgow,maduinn na Sàbaid s’a chaidh. Ghabh e a bhiadh, agus chum e an t-aoradh mar a b’ àbhaist, agus an deigh sin chaidh e d’a sheòmar-cadail agus chuir e crioch air fhéin. Bha e ’na fhear-togail thaighean, agus chaill e gu dona leis an teine losgadh thaighean a bha e ’togail ann a’ Windsor. Chuir so uiread dragh air ’s gu’n deach an inntinn aige air aimhreit. Bha e ’na dhuine air an robh mor mheas anns a’ bhaile; bha e ’na eildear anns an Eaglais Chléirich o chionn iomadh bliadhna.
Iadsan a Phaigh.
Iomhar Domhnullach, Sidni Tuath
Aonghas Gillios, Sidni Tuath $2 .00
Seumas I. Mac Gilleain, Woodbine .
Iain Mac Dhiarmaid, Boulardarie ’n Iar.
Domhnull Mac Cuthais, Bridgeport .
Aonghas Domhnullach, Drochaid na h-Aimhne Tuath.
Alasdair Mac Gille-mhaoil, Catalone .
D. K. Domhnullach, Taobh TuathBoulardarie .
Eobhan Mac Leoid, Gabarus.
Ailein Domhnullach, Amhuinn a Bhradain.
Domhnull Mac Fhearghais, Caribou Marsh.
Iain Mac Amhlaidh (Eildear), Port Morien.
Iain Mac Gill-fhaollain, Roseburn . $3 .00
Micheil Mac Neill, (fear-aiseig), Washabuckt . $3 .00
M. D. Mac Leoid, Sidni Tuath. 25c.
Iain A. Mac Fhionghain, Big Beach, Shenacadie25c.
Domhnull I. Mac Neill, EileanChristmas ,25c.
Bean Iain Mherlin, Springhill , N. S.
Domhnull Johnston, Springhill , N. S.
Domhnull Gillios, Orwell , P. E. I. $2 .00
Domhnull Mac Cuthaig, Dalkeith , Ont.
Uisdean Mac Colla, Strathroy , Ont.
D. R. Mac Cuthaig, Cnoc-na-h- Eaglais, Ont.
Aonghas Mac Cuthaig, Cnoc-na-h- Eaglais, Ont.
Domhnull Mac Gille-bhrath, Cnoc-na-h- Eaglais, Ont.
Calum Deòra, Dunbheagain, Ont.
Alasdair Friseal, Dunbheagain, Ont.
Iain Domhnullach, Portage la Prairie, Manitoba.
Coinneach L. Domhnullach, Scèabost, Alba.
Domhnull Mac Gilleain, New York.
Alasdair Mac Neill, Seattle , Wash. $4 .00
Bean ThomaisElder . Boston, Mass.2.00
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
’Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .30
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .35
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte.
Sgriobh gu
J . G. MACKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, C. B.
J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsa ’s fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B.
BADDECK, - - C. B.
Airson a stor a dheanamh na ’s deiseile ’s na ’s feumaile dhaibhsan a tha ’deanamh gnothuch ris, tha
Albert I. Hart
a’ nise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha a’ chuid sin de ’n ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am Boston ’sanNew York.Gheibh iadsan a thig g’a h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDECK , - - C. B.
BATHAR UR.
Moran de Churaicean Geamhraidh, eadar 10c. us $5 .00.
Brogan matha saor.
Ti mhath mar a b’abhaist.
Beagan de Cheannachd Thioram.
Olla 25c. an galan; 5 galain air $1 .00.
NIALL DOMHNULLACH,
BADDECK , - - C. B.
[Vol . 6. No. 19. p. 6]
(Air a leantuinn, o thaobh 147.)
doruis, an duil gun deanainn an rathad dhachaidh leam fein, bho ’n bha ghealach a’ nis air eiridh an airde na speur. An tra a rainig mi ’n blàr a mach ’sa thog mi mo shuil ris an speur, cha ’n e aon gheallach mar a b’ abhaist bha ’n sud ach a tri, ’s iad a ruith cho luath ri roth mhor a mhuillinn mu ’n cuairt air a cheile. Gach rionnag ’bha anns an speur, mar gum bitheadh iad a ruith reis fiach co bu luaithe bhiodh a steach ann an te dhe ’na tri gealaichean. Is beag a smuaintich mise, gur e mo cheann fein anns an robh am mearachd, gus an tug mi plub, ann ’n lùb an duin, agus ma chaill mi mo chainnt roimhe, chaill mi sin mo thur ’s mo rian. Ach thug Iain Ban dhachaidh mi, cha b’ ann gun strith, gus an do chuir e stigh air dorus na catha agam fein mi, ann an lathair Catriona, agus air dh’ ise a suil a thogail, shath i anam le teanga, gam smadadh a mach as an tigh. Ach ’n uair a thug i oidheirp air leaba a thoirt dhomh air cùll na còmhla, ’s ann a thuig i gur e a Domhnull féin a bha aice. “Mo chreach ’s mo sgaradh,” ars ise, “ ’diol mo dheise ùr chlo; bu sgiobalta, pongail thu ’fàgail do thaighe ’sa mhaduinn, ach ’s eireachdail an spelachdair thu tighinn dachaidh gu ’d mhnaoi an nochd.” Fhir a’ bhaile, cha b’ urra dhomhsa aon lide a radh, a ghabhail mo lethsgeul fein, oir bha mi tur balbh. Ach bha mi a deanadh seoladh coraig air an leaba, an aon aite a b’ fhearr a fhreagradh orm aig an àm air an t-saoghal, agus far an do chadail mi thairis an t-suanach a bha nam cheann. Agus air dhomh eiridh ’sa mhadainn, thog mi orm gu tigh Iain Bhain a dh’ fhiosrachadh ciamar a thachair dhomh an raoir. Agus air dhuinn amas, thug sinn oirnn tigh a chladaich, a leathas gach tubaist, far an d’ rinn sinn fuireach gu beul an anamoich. Agus ’nuair bha duil againn a bhi teannadh ri’r dachaidh, co a shaolas sibh a thainig a steach do ’n t-seòmar cheudna, ach Catriona agus bean Iain Bhain. Chuir iad failte chridheil oirnn, ’s shuidh iad taobh eile an taighe. ’S mun gann a shuidh iad ghairm Catriona air botal spioraid; arsa bean Iain Bhain, ’s i bualadh a’ bhuird, “a nuas a dha dhiu. Carson nach bitheadh an cuid fein do thoileachadh ’s do fheala-dha an t-saoghail so aig na mnathan co math ris na fir. Lion am mach la bàr ’s le gucaig e,” arsa Catriona; “Sid ort,” arsa bean Iain Bhàin, “Durachd math na chomain,” arsa Catriona. Sheall mi fein an aodann Iain, ’s ma sheall, shaoil leam gun robh e ’n duais bhàis, bha aogasg ro bhronach, agus creideamh nach robh mi fein dad ni b’ fhearr. A bhi cluinntinn nan deochan slainte, ’sa faicinn an crathadh lamh a bha aig na mnathan, bha mo chridhe an iomais sgàineadh; dh’ eirich fa chomhair na h-inntinn agam, bochduinne, ’s àmhghair, ’s truaighe, dhomh fein ’s dh’ am theaghlach, ma bha Catriona dol a theannadh ris an òl, ni a bha a reir coltais bha cinnteach, oir bha mi faicinn gun robh an dara botul gu bhi traighte. Co-dhiu a dheanamh sgeul ghoirid dh’ an chuis, fhuair Ian Ban ’s mise ar sarachadh mu ’n d’ thug sinn dachaidh na mnathan, thar dhigean ’s bheallach, air ar tamailteachadh ann an sealladh air coimhearsnaich. ’S e am bron a’s fasa fhaotainn.
Fhir a bhaile sin agaibh mo sgeul, agus fath mo thrioblaid, agus cha bhòidheach i ri aithris. Agus a nis tha mi cur mar fhiachaibh oirbhse an tigh agamsa a ruigheachd am màireach agus leabhar “Comunn na Stuamachd” a thoirt leibh gus an cuir mi fein ’s Catriona ’sa chlann an ainmean ris, oir cha fhreagair a’ choinneal a bhi lasadh aig an da cheann. —E. S. C. ’saHighland News.
SGEULACHDAN ARABIANACH.
VI. —EACHDRAIDH NAN TRI CHALADAIREAN AGUS NAN COIG MNATHAN-UAISLE.
CAIB. XIX.
Air mo thurus an so thug mi dhiom an fheusag, lom mi mo mhalaidhean, agus chuir mi umam eideadh caladair. Thainig mi air turus fada, agus feasgar an de thainig mi gu geata ’bhaile far an do thachair an dithis chaladairean so eile rium, a bha ’nan coigrich mar a bha mi fhein. Bha ioghnadh gu leor oirnn ’nar triuir a chionn gu’n robh an t-suil dheas a dhith air gach fear dhinn; ach cha robh uine againn gus ar n-eachdraidh gu leir innseadh do chach a cheile. O’n a bha ’n t-anmoch ann thainig sinn a steach do ’n bhaile feuch am faigheamaid aite anns an cuireamaid seachad an oidhche. An uair a thainig sinn thun an taighe so, ghuidh sinn oirbh cuid na h-oidhche a thoirt dhuinn, agus rinn sibh sin gu caoimhneil.
An uair a chuir an treas caladair crioch air na bh’ aige ri radh, thuirt Sobaide risan agus ris an da chaladair eile:— “Tha bhur saorsa agaibh; faodaidh sibh a bhith falbh an taobh a thogras sibh.”
Ach fhreagair fear dhiubh, agus thuirt e, “A bhain-tighearna, tha sinn a’ guidhe oirbh, ma ’s e bhur toil e, leigeadh leinn fuireach gus an cluinn sinn eachdraidh nan daoine nach do bhruidhinn fhathast.” Thug i dhaibh cead fuireach.
Thionndaidh i ris an righ agus ri ’dhithis chompanach, agus thuirt i riutha, “Feumaidh sibhse ’nis cunntas a thoirt seachad mu ’r deidhinn fhein.”
Fhreagair an t-ard-chomhairleach, agus thuirt e, “A bhaintighearna, a chum deanamh mar a tha sibh ag iarraidh oirnn, foghnaidh dhuinn na dh’ innis sinn aig an dorus mu’n d’ thainig sinn a steach, aithris dhuibh. Is triuir mharsantan sinn a thainig aMosulgu ruigeBagdada reic bathair; Bha sinn fhein agus marsantan eile aig dinnear an diugh ann an taigh aon de mharsantan a bhaile; agus an deis do ’n dinnear a bhith seachad, bha sinn ri ol ’s ri ceol ’s ri dannsa. Bha leithid de ghleadhraich ’s de shraidhlich fa near dhuinn ’s gu ’n d’ thainig maoir g’ ar glacadh. Ghlac iad cuid dhe na bha comhla ruinn, ach fhuair sinne as gun fhios dhaibh. Agus o’n a bha moran dhe ’n oidhche air a dhol seachad, dhuineadh dorus an taigh-osda anns an robh sinn a’ fuireach, agus cha robh fhios againn co ’n taobh air an tugamaid ar n-aghaidh. An uair a bha sinn a’ dol seachad an t-sraid, chuala sinn an cridhealas a bh’ agaibh an so, agus smaoinich sinn gu ’m bu choir dhuinn bualadh aig an dorus. Sin na bheil againn ri radh mu ’r timchioll fhein.”
An uair a chuala Sobaide so, bha i mar gu ’m biodh i eadar dha chomhairle ciod a theireadh i; oir bha amhrus aice nach robh na dh’ innseadh dhi uile fior. Ach ghuidh na caladairean oirre gu ’n tugadh i a cheart fhabhar do ’n triuir mharsantan a thug i dhaibh fhein. Dh’ aontaich i gu ’n deanadh i so. “Tha mi ’toirt mathanais dhuibh uile,” ars ise, “air chumhnanta gu’n grad fhalbh sibh am mach as an taigh, agus gu’n gabh sibh bhur rogha rathad.”
Labhair Sobaide na briathran so le guth a bha ’nochdadh gu ’m feumadh iad uile ’bhith umhail dhi, agus gun aon fhacal a radh, dh’ fhalbh an righ ’s an t-ard-chomhairleach ’s an t-ard-chaillteanach ’s an triuir chaladairean agus am portair am mach; oir bha iad air an clisgeadh roimh ’n t-seachdnar sheirbhiseach a bha ’nan seasamh ’s an t-seomar le claidhean ruisgte ’nan lamhan.
An uair a chaidh iad am mach as an taigh ’s a dhuineadh an dorus ’nan deigh, bhruidhinn an righ ris na caladairean (ach cha d’ innis e co e), agus thuirt e, “a dhaoin-uaisle, a tha air ur-thighinn do ’n bhaile, co ’n taobh a tha ’n ur beachd a dhol, o nach eil an latha fhathast air soilleireachadh?”
“Cha ’n eil fhios againn air an t-saoghal, co ’n taobh air an toir sinn ar n-aghaidh,” ars’ iadsan. “Leanaibh sinne, agus bheir sinn a cunnart sibh.” ars’ an righ.
Thuirt an righ ann an cogar ris an ard-chomhairleach, “Thoir leat na daoine so comhla riut fhein, agus anns a’ mhadainn am maireach thoir ’n am lathair-sa iad. Bheir mi fa near gu ’n sgriobhair an eachdraidh aca ann an leabhraichean-eachdraidh na rioghachd; oir tha i anabarrrch iongantach.”
Thug an t-ard-chomhairleach leis an triuir chaladairean do ’n taigh aige fhein, chaidh am portair dhachaidh, agus thill an righ do ’n luchairt.
Ged a chaidh an righ do ’n leabaidh cha b’ urrainn e norradh cadail a dheanamh, oir bha ’inntinn gu buileach troimh a cheile leis na nithean iongantach a chunnaic ’s a chual’ e. Ach os cionn gach ni bha toil mhor aige fios fhaotainn co i Sobaide, agus c’ar son a bha i ’gabhail air an da ghallaidh dhuibh, agus c’ar son a bha na h-atailtean air broilleach Aimini. Am feadh a bha e gu dluth a’ smaointean air na nithean so thoisich an latha ri soilleireachadh. Dh’ eirich e agus chaidh e do thalla-na-comhairle far am bu ghnath leis fhein ’s do mhaithean na rioghachd a bhi coinneachadh a cheile.
Gun a bheag a dhail thainig an t-ard-
[Vol . 6. No. 19. p. 7]
chomhairleach a steach, agus thug e urram do ’n righ mar bu ghnath leis.
“Ard-chomhairlich,” ars’ an righ, “o nach eil moran gnothaich againn ri dheanamh aig an am so, bi grad fhalbh agus thoir an so na mnathan-uaisle agus na caladairean; oir cha bhi fois aig m’ inntinn gus an dean mi mion-rannsachadh mu thimchioll gach ni a chunnaic ’s a chuala sinn an raoir. Greas ort, cuimhnich gu ’m bi fadachd orm gus an till thu.”
O’n a bha fhios aig an ard-chomhairleach gu ’n robh an righ cas, crosda, ghreas e air, agus chaidh e far an robh na mnathan-uaisle. Dh’ innis e dhaibh gu ciuin, siobhalta gu ’n d’ fhuair e ordugh o’n righ an toirt ’na lathair, ach cha do leig e air gu ’n robh fhios aige air ni sam bith dhe na thachair ’s an taigh aca an oidhche roimhe sin.
Chuir an triuir mhnathan-uaisle, iad fhein ann an ordugh cho math ’s cho grin ’s a ghabhadh deanamh, agus dh’ fhalbh iad comhladh ris an ard-chomhairleach. An uair a bha e ’dol seachad air an taigh aige fhein thug e air an triuir chaladairean falbh comhladh ris. Aig a’ cheart am dh’ innis e dhaibh gu’m faca iad an righ an oidhche roimhe sin, ged nach robh fhios aca air.
Bha ’n righ anabarrach toilichte an uair a chunnaic e cho ealamh ’s a thug an t-ard-chomhairleach na caladairean agus na mnathan-uaisle ’na lathair. A chum ordugh agus cleachdadh na duthchadh a chumail suas, chuireadh an triuir mhnathan-uaisle ann an seomar dluth air a righ, ach cha ’n fhaiceadh duine iad, agus cha mho a chitheadh iadsan duine dhe na bha cruinn comhladh ris an righ. Ach bha na caladairean ’na lathair agus bu mhath a b’ aithne dhaibh mar a ghluaiseadh iad iad-fhein an lathair an righ.
Thionndaidh an righ ’aghaidh air an aite anns an robh na mnathan-uasle am falach agus thuirt e:— “A mhnathan-uaisle, an uair a dh’ innseas mi dhuibh gu ’n do chuir mi mi-fhein as aithne an raoir, agus gu ’n deachaidh mi do ’n taigh agaibh ann an riochd marsanta, tha fhios agam gu ’n gabh sibh eagal, agus gu’n saoil sibh gu ’n d’ thug sibh oilbheum dhomh. Is docha gu ’n saoil sibh gu ’n do chuir mi fios oirbh a chum dioghaltas a dheanamh oirbh. Ach na biodh eagal sam bith oirbh. Faodaidh sibh a bhi cinnteach gu ’n do dhichuimhnich mi gach ni a chaidh seachad, agus gu ’m bheil mi gle riaraichte leis mar a ghiulain sibh sibh-fein. B’ fhearr leam gu ’n robh mnathan-uaisle Bhagdad gu leir cho glic, cho iomchuidh ’s cho faicleach ’s a bha sibh. Cha dichuimhnich mi gu brath cho foighidneach ’s a bha sibh ruinn an uair a bha sinne cho mi-iomchuidh ’nar gluasad. An uair ud bu mhise aon de mharsantan Mhosuil, ach a nis is mi Haroun Alrashid, an seachdamh glun o theaghlach ainmeil Abbais. Chuir mi fios oirbh a chum gu’m faighinn am mach co sibh, agus a chum gu’m faighinn am mach c’ar son a ghabh sibh air an da ghallaidh dhuibh, agus a ghuil sibh maille riutha. Agus tha toil agam fios fhaotainn mar an ceudna c’ar son a tha athailtean air broillach te dhibh.”
Ged a labhair an righ na briathran so cho follaiseach ’s gu ’n cluinneadh na mnathan-uaisle e, gidheadh, a chum cleachdadh an aite ’chumail suas, chaidh an t-ard-chomhairleach gu dorus an t-seomair anns an robh na mnathan-uaisle, agus dh’ aithris e na briathran so facal air an fhacal dhaibh.
Fhreagair Sobaide, agus thuirt i, “A righ chumhachdaich, tha na bheil mi ’dol a dh’ innseadh dhut, ’na naigheachd cho iongantach ’s a chuala duine riamh. Is peathraichean dhomhsa an da ghalladh dhubh—clann m’ athar ’s mo mhathar; agus innsidh mi mar a thainig iad gu bhith air an cruth-atharrachadh. Is e leth-pheathraichean a th’ anns an dithis mhnathan-uaisle a tha maille rium an so—clann a bha aig m’ athair o mhnaoi eile. Is e Aimini is ainm do ’n te air am bheil na h-athailtean, is e ainm na te eile Saig, agus ’s e m’ ainm fhein, Sobaide. An deigh bas m’ athar roinneadh gach ni a dh’ fhag e, agus thugadh uiread is uiread do gach aon de ’n teaghlach. An uair a fhuair an dithis pheathraichean so an cuid fhein, chaidh iad a dh’ fhuireach comhladh ri am mathair. Bha mo dhithis pheathraichean eile agus mise comhladh ri ar mathair fhein, oir bha i beo aig an am. An uair a dh’ eug mo mhathair dh’ fhag i da mhile bonn oir agamsa ’s aig gach te dhe m’ dhithis pheathraichean. Beagan uine na dheigh so phos mo dhithis pheathraichean. Is mise a b’ oige dhe ’n triuir. Beagan uine na dheigh sin reic am fear a bha posda ri mo phiuthar bu shinne a chuid de ’n t-saoghal, agus dh’ fhalbh e fhein agus mo phiuthar gu ruigeAfrica, far an do chaith esan a chuid airgid fhein agus airgiod mo pheathar ann am beatha struidheasach. Agus an uair a thainig e gu bochdainn thug e litir-dhealachaidh do m’ phiuthair, agus chuir e air falbh i.
Thainig i do ’n bhaile so, agus bha i ann an suidheachadh cho bochd ’s gu ’n cuireadh i truas air an neach cho cruaidh cridhe ’s a th’ anns an t-saoghal. Chuir i truas mor ormsa, agus ghabh mi rithe cho caoimhneil ’s a b’ urrainn a bhith; agus an uair a dh’ fheoraich mi mu thimchioll mar a thainig i gu bochdainn, dh’ innis i dhomh ’s i gle thursach, gu’n robh a fear-posda anabarrach olc dhi mu’n do chuir e air falbh i. An uair a chuala mi mu’n triobhaid ’s mu’n chruaidh-fhortan troimh ’n deachaidh i ghuil mi gu goirt. Chuir mi uimpe pairt dhe m’ aodach fhein, agus thuirt mi rithe, “A phiuthar, tha thusa na ’s sinne na mise, agus tha meas agam ort mar gu’m bu tu mo mhathair. O’n a dh’ fhalbh thu shoirbhich Dia leamsa gu math. Faodaidh tu ’bhith cinnteach gu’m bi do chuid agad dhe gach ni a bhuineas dhomhsa a cheart cho math ’s ged bu leat fhein e.”
Bha sinn gle dhoigheil comhfhurtail ann an cuideachd a cheile fad iomadh mios. Bha sinn gu math tric a’ bruidhinn mu ar piuthar eile, agus bha ioghnadh oirnn nach robh sinn a cluinntinn guth no iomradh m’ a deidhinn. Ach latha dhe na laithean thainig i, agus bha i cheart cho truagh coltas ri mo phiuthar bu shinne. Bha am fear a bha phosda rithe anabarrach olc dhi, agus b’ eiginn di ’fhagail. Ghabh mise rithe cho caoimhneil ’s a ghaba mi ri mo phiuthar bu shinne. Thuirt mi rithe gu’m faigheadh i na dh’ fhoghnadh dhi uamsa fad uile laithean a beatha.
(Ri leantuinn.)
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG—Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-Tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.
Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C. B.
Indurated Fibreware
Tha an seòrsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fhiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire.
THE
E. B. EDDY Co
LIMITED
HULL, CANADA.
[Vol . 6. No. 19. p. 8]
Oran le Seann Sealgair.
Bheir sinn ’san t-Samhradh am monadh oirnn
’S theid sinn do’n ghleann againn fhìn,
Tillidh sinn fhathast ’sa gheamhradh
’Chumail nam Frangach o’n tìr.
Sud an gleann a tha fuarach
Cha ’n eil cho uaigneach ’san tìr,
Cha ’n fhaicear duine mu’n cuairt air
Ach na bodaich bhios ’cuartach na frìth.
Gheibh sinn ann eilid air uairibh
Bheir sinn daimh-ruadh ás an fhrith,
Gheibh sinn ann greidh air gach fuaran
’S paiteas ri cualach de ni.
Gheibh sinn ann gobhair is caoraich,
’S bithidh againn crodh-laoigh air na glinn,
’G am bleoghan le nigheanagan cuamach—
Is binne na chuach an guth-cinn.
Gheibh sinn na cnothan ’san caorann,
Gheibh sinn ann braonan ni’s leòir,
’S dearcan-fithich air fraoch-bheann
’S cha teid sinn ’n tràigh-mhaoraich ri ’r beò.
Gheibh sinn ann bradana taragheal,
A thig o’n fhairge na’n steal,
Le slataibh ’s le moraibh ’gan ruagadh
Bu toigh le daoin’ -uaisle bhi leinn.
’S coma leinn cur agus cliathadh,
’S cha treabh sinn am bliadhna le crann,
’S ann a bhios sinn ’sa mhaduinn ag iasgach
’S mu fheasgar a fiadhach nam beann.
Ged nach ’eil sguab anns an t-sabhul
Na caora, na gobhar, na meann,
’S ged nach eil beò ann ri bhleogan,
Bithidh dail ri cobhair nam beann.
’Nuair thig na gillean mu anmoch
’S a leagas iad eallaichean mu seach,
Cha chluinn thu aca do sheanachas
Ach mar a shealg iad mu seach—
“Am fac’ thu mar thill an cù ruadh iad,
Am fac’ thu mar bhuail an cù glas?
Thilg è a ladhran a suas air
Co ealamh ’s a bhuaileadh an t-srad.”
“Na ’m faiceadh tu mise ’s Geoluath,
Air comhnard nam frith ’n so shios
Gun duine gun ghunna ’nar còir-ne
’Dheanadh còmhradh ach direach sinn fhìn.
“Cha dean mi innseachd na bhòsd dhe,
Chaidh mise na chroichdean gu fìor,
Chaidh ise gu h-ealamh na sgòrnan
Mu ’n d’ fhuair sinn seòl air ’chur sios.”
Comann Chloinn Ghilleathain.
LE SEUMAS MAC ’ILLEATHAIN.
Chaidh an t-òran a leanas a sgriobhadh mu Chuirm Bhliadhnail a’ Chomuinn so ann an Talla mor baile Ghlaschu, mu ’n àm so ’n uiridh.
’Nuair bha mise òg gu’m b’e mo dhoigh,
’Bhi gòrach mar bha càch,
’Bhi ruith ’s a leum ’s a deanamh dhuan
Gus ’n d’ fhuair mi ainm bhi ’m bhàrd;
’S ged tha mo cheann air fas cho liath,
’S mo chiabhagan cho bàn,
Gu ’n dean mi rann do ’n Chomunn ghrinn
Bha cruinn ’s an talla àrd.
Nuair dh’ fhosgladh na comhlachan,
Bha pìob ri ceòl gu h-àrd,
Gu ’n chruinnich sluagh na ’m miltean
’S mi fhìn mar fhear de’n phàirt,
’S gum faca mi sa chòmhlan sin
Sir Fitzroy, fear mo ghràidh,
’S a shùil cho glan a soillseadh
Ri “daimon” am measg chàich.
B’ e fhein an sàr dhuin’ -uasal,
Bu tric thug buaidh ’s na blàir,
’N am cluinntinn fead na luaidhe
’Se sheasadh cruaidh ’s gach cas;
Ged tha e nis a fuireach
Ann an Lunnainn bhuain an dràsd,
Bha shinnsearachd á Duart,
Ann am Muile nam beann àrd.
Ged dh’ ainmich mi air Duart e
Cha ’n eil an siud ach pàirt—
Bha Mhorairne agus Bròlas,
Le còirichean tighinn dhà;
’S a liuthad gaisgeach dìleas
A rinn ’s na glinn ud fàs,
Cho fad ’s a bhiodh na cinn orra
Cha striochdadh iad gu bràth.
’Nuair thòisicheadh do chuid ghillean
Ri tional bho gach aird,
A choinneachadh ri ’n ceann-cinnidh,
Bha cho miseal anns gach àit’,
Bha moran dhiu o thaobh nam beann
A tìr nan glean ’s nan sàr,
Cha dean mi di-chuimhn’ air an dream
Bha ann bho “Chastlebar.”
Bha onair agus siobhaltachd
A tigh’n mar dhìleab dha,
Gu ’n d’ fhuair e cliù am feachd an righ,
’S ro bheag an t-ioghnadh e
Gur ann a bhuineas e do ’n t-sìol,
A chum bho ’n rioghachd tair,
’S gu ’n aimnichear air Cola e
Ged chaidh ar n-oighreachd fàs.
An tuath bha ’n sud gu ’n d’ sgaoil iad
’S gun d’ chaill gach raon a bhlath,
Cha ’n fhaicear ann ach caoirich,
’S rainneach ’s fraoch ri fàs;
Bho ’n rinn na gaisgich falbh as
Do ’n Ghéirmeilt chaidh pairt,
Chaidh moran dhiu dh’ America,
’S do Sidney fad thar sàil’.
Nis sguiridh mi de ’n òran so,
’S cha dean mi ’n corr a radh,
A chionn nach eil e sgriobht’ agam
Gu ’n di-chuimhnich sibh e,
Ged tha mi so an tir nan Gall,
Comand agam air pàirt—
Gu ’m b’ fhearr bhi ann am bothan fraoich,
’S bhi còmhnuidh taobh na traigh.
AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leigsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD.
Cuir a dh’ iarraidh sampuill, teisteannais us urrais.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia. —agus—127 State St Boston, Mass.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar duthcha tha ’nar beachd.
NIALL Mac FHEARGHAIS,
Taillear.
SIDNI - - - - C. B
$1 .00 air 80c.
Tha tuilleadh ’sa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dh’ airgead. Thig mu ’m bi ’n t-am seachad agus
FAIGH BARGAN.
McDonald Hanrahan & Co.
Sidni, Iulaidh 16, ’97.
FLUR AGUS MIN
direach as na muillnean.
(Ann am barailtean, leth-bharailtean agus cairteil.)
TI, SIUCAR, TOMBACA, etc.
Am bathar a’s fhearr air na prisean a’s isle an coinneamh AIRGEID.
ALASDAIR MARTUINN.
Sidni, C. B., Sept. 1, 1897.
title | Issue 19 |
internal date | 1897.0 |
display date | 1897 |
publication date | 1897 |
level | |
reference template | Mac-Talla VI No. 19. %p |
parent text | Volume 6 |