[Vol . 6. No. 2. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 9 IULAIDH, 1897. No. 2.
A Loch Lomond.
FHIR-DEASACHAIDH IONMHUINN: —Bha rùn orm sgriobhadh ad ionnsuidh o chionn fada, ach chuir mi dàil ann riamh uige so. Tha sean-fhacal ag radh, “An rud a theid air dàil theid air dearmad,” agus cha ’n eil teagamh nach robh sin air éiridh dhòmhsa mur b’e gu’ m faca mi an litir thaitneach a chuir an “Cuairter” anns a’ phaipear. Anns an litir sin mhol e Loch Lomond gle mhath ach cha do mhol e idir i mar a dh’ fhaodadh e. Dh’ àraich Loch Lomond triùir mhinisteirean nach do dh’ ainmich esan idir. B’ ann diubh sin an t-Urr. Uilleam Moireastan, á Loch na h-Earradh, agus na h-Urr. Tormaid Mac Leòid agus Donnachadh Mac Coinnich, á Loch Uidhist. Bha mar an ceudna dithis Mhoireastanach a tha ’nan lighichean, air an àrach an Loch na h-Earradh. Ach tha mi creidsinn nach cuala ’n “Cuairtear” iomradh sam bith orra so, ar-neo dh’ ainmicheadh e iad. Thuig mi gle mhath co e, ged nach robh moran eòlais agam air, agus mur do leig e dheth a’ bhàrdachd, nach neonach nach d’ rinn e rann no dha do ’n each a thainig ri bheatha fhéin. Thug an “Cuairtear” deagh chomhairle air na gillean, iad a dh’ fhàgail nan each aig an tigh, na ’n gabhadh iad i; ach ’s iad nach gabh, ’s gur ann ’nuair a bhios e dol a choimhead air a leannan a’s fhearr leis gach fear dhiubh each a thoirt leis, gu seachd sònruichte ma ’s each luath e. Ach ’s fhearr dhomh sgur gu ’n fhios nach gabh iad gu h-olc e. A’ guidhe soirbheachadh math le MAC-TALLA an latha chi ’s nach fhaic, Is mi,
B. M.
A Loch a’ Chanu.
Bha pic-nic againn ann an so air an 22 latha de ’n mhios s’a dh’ fhalbh; smaoinich sinn nach bu chòir dhuinn an latha bhatar a coimhead anns gach cearna de fhearann Breatuinn a leigeadh seachad gun ni-eigin de chridhealas a bhi againn. Bha a’ phic-nic gle mhath, bha àireamh mhath cruinn agus bha seinn gu leòr againn. Thug sinn treis a’ coiseachd ’nar càraidean, agus a reir mo bharail fhéin b’e sin a’ chuid a b’ fhearr, dhe ’n chùis air fad. Ged nach robh ar n-àireamh gle mhor, bha ar meàrsadh cho math ’s ged a bhitheamaid air a n-ùine chur a stigh ’s an arm.
Tha Pàdruig Dùghlach, a bha ’cumail sgoile an so o chionn bliadhna a nise gu ar fàgail, agus tha sinn gle dhùilich, oir tha sinn uile gle mheasail air. A bharrachd air e bhi deanamh a dhleasanais mar mhaighstir-sgoile cho math ’sa dh’ iarramaid, bha e re a gheamhraidh a cumail sgoil-sheinn, agus fad na h-ùine bha e maille ruinn, bha e gach latha Sàbaid a teagasg Class Biobuill Gàilig; tha sin an deigh roinn mhor dhe ’n òigridh a thoirt gu bhi ’leughadh na Gàilig gu fileanta, agus cha b’ iongantach leam ged a chuireadh e àireamh de luchd gabhail ùr an rathad MHIC-TALLA.
Bha na giomaich anabarrach gann ann an Gabarus am bliadhna, na ’s gainne na bha iad riamh roimhe. Dh’ fhàg sin tuarasdal nan iasgairean iseal, agus chuir e na gillean ’s na h-igheanan a bha ’g obair anns na factoridhean dhachaidh na ’s tràithe na b’ àbhaist dhaibh. Agus, ged is bochd leinn iad a chall na h-obrach, ’s math leinn am faicinn gu slàn, fallain.
Tha muinntir an àite so stigh ann an Sidni na h-uile seachdain a’ ceannach flùir agus gach goireas eile a bhios a dhith orra. Gheibh iad gach seorsa bathair gu math na ’s saoire an sin na gheibh iad an Gabarus e. Tha am flùr an Gabarus a’ creic eadar sia dolair ’s sia us cairteal am barailte; gheibh sinn ann an Sidni e air ceithir dolair. Tha marsantan Ghabarus air son na tha iad a’ call air na giomaich a dheanamh suas air an fhlùr. Cha ’n fhaighear air im an so ach 13c. no 14c. am punnd, agus cha ’n fhaigh thu uiread us taing air na h-uidhean.
Bidh mi tigh’nn gu crich aig an àm so. An ath uair a sgriobhas mi, theagamh gu’ m bi barrachd agam ri ràdh. Slan leat. Is mise do charaid,
CEANN RUADH.
Seann Sgeulachdan.
MIANN NA BAN-EIREANNAICH.
Bha duine uasal àraid ann an Eireann agus bha a bhean ro throtn air an òl. Cha ro fiù a léine nach reiceadh i gu ceannach an uisgebheatha. Bha an duine air eigneachadh leatha, ’s cha romh fios aige ciod e ’dheanadh e gu thoirt oirre ’n t-òl a thréigsinn. Mu dheireadh, ’s ann a chaidh e gu lighiche ’bha ’s an àite ’dh’ iarraidh comhairle air son a galair.
“Am bheil e n’ur comas nì sam bith a thoirt domh air son bean a bhios a gabhail na daoraich?” ars’ an duine.
“ ’N e puinnsean a tha uait” ars’ an lighiche, “mas e, iarr gu fearail e, ’s na bi ’deanamh éis?”
“O cha ’eil mise ’g iarraidh puinnsean, ach rud-éigin a bheir oirre sgur de ’n òl.”
“Na ’m b’ urrainn mise leigheas a thoirt air a ghalair sin,” ars’ an lighiche, “bha m fhortan deanta. Ach coma co-dhiù, dian mar so nochd. Thoir leat galan uisgebheatha agus leig leatha òl gus gu ’m miannach leatha fhéin sgur; agus theid mise n’ rathad ’s a’ mheadhon oidhche.”
Mar so bha. Thug an duine leis an t-uisge bheatha. Dh’ òl a bhean e, agus anns a’ mheadhon oidhche, thàinig an lighiche. Dh’ fhalbh an dithis leis a bhean, agus shìn iad i fuar marbh leis a mhisg ann an seilear iochdrach seann chaisteil a bha ’s a’ nàbuidheachd. An deigh beagan cadail, dhùisg i agus shìn i air feòrachd c’ àite an romh i.
“Tha thu ann an tìr na bithbhuantachd” ars’ an lighiche ’bha ’g a fhalach fhéin air a cùl-thaobh.
“Agus c’ fhada ’tha mi ’s an tìr so?” ars’ ise.
“Tha còrr is bliadhna” ars’ an lighiche.
“ ’S cinnteach gu’ m bheil mi marbh ma tha mi cho fada sin ann” ars’ ise.
“Tha cho marbh ri clach.”
“Agus am bheil thusa marbh mar an ceudna?”
“Tha.”
“Agus c’ fhada tha thu ’s an dùthaich so?” ars’ ise
“Tha còig bliadhna,” ars’ an lighiche.
“Gun teagamh tha sinn uile marbh.”
“Tha, gach neach againn.”
Air do ’n lighiche ’m fheagairt so a thoirt di, rinn i suidhe agus air son seal beag lean i air smuaineachadh gu cùramach. Cha robh fhios aig an lighiche ciod e a bha i ’dol a ràdh.
Mu dheireadh thuirt i— “Tha mi cinnteach gu’ m bheil thusa gu math eòlach ’s an àite; am bheil fios agad c’ ait’ am faigh mi uisge beatha.”
Cha robh fhios aig an lighiche ciod e ’dheanach e ’n uair a chunnaic e gu’n do shir i’n dram ann an dùthaich nan spioradan; ’s thug e ’chasan as.
Bha latha no dha dhe ’n t-seachdain so anabarrach blàth, cho blàth ’sa thainig air an t-samhradh so. Tha ’n samhradh gle fhada tighinn air a bhliadhna so, ach ’nuair a thainig e, ma ’se ’s gu ’n d’ thainig e, tha e blàth.
Is e ’n samhradh grianach ’ni ’m Fogharradh ciatach.
[Vol . 6. No. 2. p. 2]
SURIDH RIASLACH.
Iomradh Ath-gearr Mu ’n Luidealach Uilleam Mor.
LE. AILEAN D. MACPHILIP.
Bha ceud ’s na H-earradh cho tlachdmhor ri Uilleam Mòr, mar a’s minig a theireadh a nabaidh Dòmh’ull, gidheadh bha geall mòr aig cuid do na cailleagan a bha ’s a choimhearsnachd air. Cha ’n ’eil teagamh gu ’n robh an fhéill air cho mòr agus a bha e cuir an céill, ach bha e na riarachadh d’a inntinn fein, ’s cha robh e gu call do neach eile, e bhi ’g altrum a leithid do so bheachd. Theireadh luchd a’ mhi-rùin nach robh e faighinn gabhail ris cho caoimhneil ’s a bha e ’g radh, ’nuair a bha e cho tric ag atharrachadh a lìn agus a fiachainn iolla ùr. Biodh so fior na choachladh, tharlach air geamhradh àiridh gun fhuair Uilleam e fein air a tharruing gu làidir le maise Anna nic Eoghain agus b’ ainneamh am feasgar nach robh e gu sùrdail a a stiùreadh a cheumanan air a’ dachaidh ’nuair a chiaradh an là. ’S e chùis ’bu dorranaiche leis, agus dha, gu robh Anna gabhail a comhnuidh ann an eilean a dh’ionnsuidh nach robh e ’n comas tighinn gun chomhnadh gille ri àm na h-oidhche. ’Nuair a bhiodh a muir-làn ann bha ’n companach freagarrach gu cuidachadh iomraidh a thoirt seachad; agus ’nuair a bha ’n fhaoghail ann bha dithis iomchuidh chum agus nach biodh cothrom air a thoirt do na tannaisg Uilleam a’ sgioblachadh leo mar a dheanamh iad nam biodh e na aonar. Fhuair e companach gu thoil ann an Niall Breac, mac Mairi a bha coma gu de t-àm a rachadh e laidhe agus a cheart cho mi-shuaimeil mu cuin a dh’ éireadh e. Chaidh an comunn a shuidhachadh air na cumhnantaibh a leanas: Uilleam gu leannan fhaighinn do Niall; Uilleam gu Niall aiseag air a dhruim an oidhche bhiodh an tràigh ann; Uilleam gu leth-bhodach san t-seachdain a sheasamh do Niall ’nuair a b’ éigin dhaibh eithir a thoirt leo. Chaidh gach ni shuidheachadh gu freagarrach agus an sin thòisich an t-suiridh riaslach. Bha chùis cho neo-chinntach co ’n oidhche thigeadh na gillean agus nach robh e’n comas sùil a mach a chumail air an son daonnan; ach fhuair iad thairis air a so le doigh gle eifeachdach air aire na cloinn-nighean a tharruing ’nuair a thigeadh iad do ’n bhaile. B’e so an dòigh; bha tigh Eoghain fo bhonn brùich agus mulach an tighe cothrom ris a’ chnoc, agus bha e mar so furasda ceum a chur thar na talamhainn gus an tota. Aon uair ’s gu ’m faighte suas cha ro ni ach caoran mònadh a thilgeadh troimh ’n luibhear ma thuaram an ait’ anns am biodh Anna na suidhe. Dh’ oibrich so glé mhaith gus an do bhuail caoran am bodach aon oidhche agus an sin thuig e gu de b’ aobhar do ’n fharbhas a chleachd a bhi thall sa chùl-mhòna far “nach cluinnt’ ach fuaim air cuman agus glig air coire,” fad na h-oidhche. Rinn e chùis cho teth do dh’ Anna ’s gun do dh’ aidich i gu dleasdanach dha nach d’ thugadh i gnùis do dh’ Uilleam tuilleadh na do dh’ aon sam bith eile nach gabhadh àm agus doigh na b’ iomchuidh gu ’s a ghnothuch a chuir an ceill na rinn esan.
Uaith sin a mach shuidhich Uilleam còir aigne air Mòrag Nigh’n Domh’uill, ban nabaidh Anna. Bha da aobhar air a so. B’e cheud fhear dòchas gun cuireadh e mi-shuaimhneas air Anna mar dhioghaltas air son a chead a thoirt dha; agus b’ e darna aobhar, eagal gu ’n canadh nigheanan a bhail’ aige fein gu ’n do fhairslich air leannan fhaighinn san eilean idir. Bha e na b’ fhasa caismachd a thoirt do Mhòrag an oidhch’ a thigeadh e, oir an aite streap gu mullach an tighe agus fios a lathairachd a chuir troimh an luibhear bha e na chomas e fein a dheanamh aithnichte da luaidh aig an uinneig. ’S e ’n fhirinn nach cuireadh an uinneag duilicheadas mòr roimh’ oir cha robh ann dhith ach an gad air an robh ’n t-iasg, ’se sin ri ràdh ceithir biorain agus luideag. Cha robh an luideag daonnan innt’ ach an uair a bhiodh an cathadh a muigh; agus aisde ’nuair bhiodh an ceo ’stigh. Air oidhche do na h-oidhchean fhuair Uilleam agus Niall iad fein gu h-aotrom, iollagach air a t-slighe gu Mòrag, Uilleam a gabhail “Orain Phabidh” (le Niall MacCoinnich).
“ ’S ann mu tiomchull tha ’n gàradh
Nach tuit bearn ás gu leumar e;
Cha tuit clach gu Là-bhràth ás
’S daingean làidir an stéidh a th’aig.”
Bha Niall air an leth-bhodach abhaistach òl, no mar theireadh e fein air “Mac-na-braiche chuir na dheann le slighe na firinn,” agus ga fhairachdain fein cho riaraichte le shuidhachadh saoghalt’ ’s nach robh dhith air ach cothrom fhaotainn air caoimhneas a nochdadh da chomh-chreutairean. Bu mhòr a ghairdeachas mar sin ’nuair a thuig e gum bu mhiann le ’chomh-fhear-turuis gu faighadh e cas thioram thar na faoghlach. Thug e Uilleam thairis tioram, e fein a guìlan bròg ann ’s gach laimh agus a bhriogais ma amhaich. Co tuath ’s a bha ’n cas air tir taobh thall a chaoil chaidh Uilleam suas a leigadh fhaicinn do Mhòrag gun robh e air teachd agus d’ fhàg e chompanach a dol na chuid aodaich agus na chaisbheart air an mhol. Air do ’n oidhche bhi car ciùin, an connadh fluich bha barrachd ’s a dhiol aig an luibhear na bha ga ruighinn do cheò leigadh roimhe agus bha mar so an uinneag ga chuidachadh mar a b’ fhearr a b’ urra dhith agus an luideag air a tilgeadh a thaobh. B’e so suidhachadh an teaghlaich ’nuair a rainig an siad am baile; bha bean an tighe gu trang ag armadh; ciarachan lan cloimheadh fo bhac a h-iosgaid; bha nighean a cireadh fa chomhair a ghealbhain, agus an sean duine na shineadh air a bheingidh gu dùrachdach a beachdnachadh air luchd a challanais. Le barrachd déigh air sealladh ceart fhaotainn do ’n nighinn, dhinn Uilleam a cheann a steach troimh ’n uinneig gun aon uair smaointeachadh air gum bu chomas do neach a bhi air an taobh sin do’n tigh. ’Nuair chunnaic am bodach an aogaisg fhiasagach bhiorach aig an t-suiriche tigh’n a stigh gu failidh shaoil e gu robh crioch a thuruis air teachd, agus ghlaodh e, “ ’Mhuire coisrig mise, aodan duine gun dad ceangaillte ris air tigh’n a stigh!” Aig a cheart àm thug e leum na sheasamh, ach ann a bhi ga chruinnachadh féin dha ’s gann nach do bhuail e cheann ma ’n aghaidh a bha ’san uinneig. Shaoil Uilleam gur h-e ’n fhirinn a bh’ aige, agus a gabhail ceann a bhodaich dha an riochd an “aodan gun dad ceangaillte ris” leig a sgiamh as a chuir crith air na bha stigh agus clisgeadh air moran a bha muigh. Shlaod e leis a cheann agus le barrachd na cabhaig spion e leis an uinneag ás a’ bhalla. Sios am mol gun deach e na ruith a giùlan a bhraighid iongantach so, uinneag a chliamhuinn ma amhich! Rainig e Niall ma’s d’ fhuair a dhol na chasbheairt agus ’nuair a dh’ aithnich iad gu robh ’n toir orra, oir bha nis coin is gillean a’ bhaile ’g an teann ruagadh. Dhall iad air an fhaognail an darna fear a di-chuimhneahadh a bhrògan agus am fear eile giulan tuilleadh ’s na thug e leis bho ’n dachaidh. Bha mar a thachair gun amharus tubaisdach, leibideach, tamailteach do dh’ Uilleam ach rinn e saorsa mhor a chosnadh da chorp riaslach nach leigadh an t-eagal tuilleadh thar na tràighad e. ’S e theireadh Niall nach cualas a leithid riamh bho na theich Samson le geata Ghasa. Na ’m biodh an uinnag na bu diongalta bhiodh an sgeula na b’ fhaide.
Thug Uilleam bòid nach faiceadh caraide no nàmhaid esan gu bràth tuilleadh, a’ dol thar faoghail air sgath caileig agus chum e ’fhacal. Thug cràdh a mhuineal agus eagal nan con cuidachadh mòr dha gu bhi cho seasmhach. Air a’ gheamhradh sin cha do leig a mach a chrodh na bu mhò, gidheadh ’nuair a bha ’n ath bhliadhn’ ùr a’ dlùthachadh air daoinibh sgithich e do d’fhuireach aig an tigh a leughadh. “Bliadhna Thearlaich,” agus thoisich e air amharc mu’n cuairt an dòchas gu’m faigheadh e aon a thaitnedh ris, agus, mar nach bu mhiosa, aon ris an taitneadh e. Thachair so direach mar dh’iarradh e. Bha gabhail comhnuidh ’san ath bhaile duine bha glé mhaith roimh laimh ris an cainte Iain Bàn. Bha Iain riaraichte gu leòir deth na bha e sealbhachadh do shaoibhreas saoghalta; ach cha robh teaghlach aige agus minic a d fhàg so na bu lugha sannt air tigh’n dhachaidh tràth e air fheasgar na bhidh aige na’m biodh sùil ri bean is clann a bhi dol na choinneamh a chuir fàilte chridheil air. ’S minic mar an ceudna gur h-ann gu greannach h-aingalt a bhiodh a thigh’n gu tigh gu h-àraidh am feasgar a thaghladh e ’san tigh-òsda ’san dol seachad. ’S ann gu cuideachd a chumail rithe air a leithidibh so do dh’ oidhche cho maith ri bhi deanamh còmhnadh leatha re an latha thug air bean Iain Bhain Ceit Ruadh, nighean a bràthar a thoirt leatha do’n bhaile. ’Se tighinn Ceit do ’n bhaile dh’
[Vol . 6. No. 2. p. 3]
fhosgail suas do d’ Uilleam cothrom eile air aon uair eile leannan fhaighinn agus sin ann an uidhe nach biodh aige ri traigh na tiomchiolladh a chuartachabh an a dhol ga faicinn. Bha fathast fad maith san oidch’ air son ceillidh agus fìor dhrip an aite gun toiseachadh air là Fheill-Brìd, ùr ’nuair thachair Ceit ri Uilleam agus a dh’innis i dha gu robh h-uile coltas gu robh i gu bhi steach na h-aonar air a chuid thrath do’n oidhche sin agus ma d’fhaodte gu’n rachadh esan car tamuill a chuir seachad na h-uine maille rithe. Cha bu ruith leis ach leum ann a bhi gabhail a chuiridh fhialaidh so. Cho luath ’s a chiar an trath chaidh e air aghaidh gu tigh Iain Bhàin. Mar bu mhiann leis bha eudail na h-aonar. Dh’ innis i dha nach robh suil aice ris an t-seana chàraid gu greis do’n oidhche oir bha iad ’sa’ bhaile thall ma’n comhair ann an tigh caraid air baisteadh. Smath a chreid Uilleam nuair a chual e ainmean na cuidachd a fhuair cuireadh nach biodh fior chabhag sgaoillidh air a’ comunn; “oir” ars esan, “ged nach biodh a làthair ach Dughall Fada nall thar a’ Chladich ’s cinntach leamsa nach iarrar ceann a thigh’nn air a chruinneachadh gu madunn.” Cha ’né gur h-e Dughall duine bu trioma bha san tigh oir bha neach araidh eile ’san sgirachd nach biodh baisteadh iomchidh na laghal gun e bhi ann, neach a bha sealbhachadh sgornan bu tartmhora na Dughall, ach aon gidheadh nach gabhadh neach sam bith air fein a radh gu robh e robh “dheighail air an drughaig,” do bhrigh agus gu robh iad uile creidsinn gur “furasd smal fhaicinn air còta dubh.” Mu dheighinn so cha’n eil fhios againn ach o’n tha’r gnothuch ri Uilleam faodidh sinn a leantuinn. ’Nuair a fhuair e ri taic a luaidh aig taobh an teine dhichuimhnichidh e gu’n robh leithid Iain Bàin ann an tìr na’m beò idir. Mar a’s minic a thachair do chàraid aig àm eile leig iad diubh bhi gabhail cùram mu thimchioll ni na neach ach iad fein. Cha suaicheantas còrr air cladach—cha ghalair aon duine e ach ’s iomadh iad a dhearmad an aire thoirt nach sguir cuibhle Tìm a chuir char dhi dh’audeòin gu dé cho tlachdmhor agus a bhios air càradh leinn. ’S e so a dh’fhàg an ceillich ud gun toirt fa-near cia mar a chuireadh e cobhl’ eadar e agus Iain Bàin ’nuair thigheadh e dhachaidh. Ma dheireadh thall chualas farum air an starsnaich eadar dà uair dhiag is uair; bha ’n t-seann chàraid air tighinn! Ma bha, cha robh comas aig an fhear a bha stigh dol a mach gun a ghlacadh. Theagamh nach biodh fhios co e, ach bhiodh fhìos gu robh e air choir-eigin ann, agus thigeadh sinn chum an aon rud. B’e so a sheachnadh, an aon chùram a bh’ orra nis. Sud agad an duine agus a chuid sholasaibh— ’s dòcha gur h-ann ’nuair a’s ciataich a tha sìnn a seoladh air cuan seimh an t-solais agus an dòchais a nochdas uilebheist neo-thiorail fo’r toiseach a chuireas crioch sgiobalt air ar toilachadh air chor agus gur tric a dh’fhàgas i sinn a’ caoineadh a’ ghàire a bh’againn an uiridh. B’ fhior so air an oidhch’ ud: am a fear a bha gu cridheil ri sùgradh is manran an caoimhneas blath na caileige roimh so feuch a nis e gu h-ùpraiteach, sgianshuileach, tuainealach, a sireadh àit’ am falaich e fein air dha bhi do’n bheachd nach b’eagal bàs seach ruaig. Chomhairlich Ceit dha e fein a thilgeadh ann am broinn cléibh a bha thall an thaobh an tighe gus am faigheadh a comas air ialladh a mach. Cha b’àm gu bhi eagnuidh a bh’ann agus gun fuireach ri sealltuinn aon uair gu de bha roimhe leum e do’n ionad fhasgaidh so a chuir a sealbh air. Gu tubaistach bha’n cliabh go thaosg le itean, ach le dichioll ’s le dinneadh shiollaidh Uilleam sios gu ghrunnd agus bha e gu sochdrach. Thàinig Iain ’s a bhean a stigh—bhiodh e na b’fhaisg air an fhirinn a radh gun thàinig a bhean agus Iain a stìgh, oir bha ise ’g a threòrachadh agus ga chuidachadh san air dha fein a bhi rud-eigin mall ’s a’ choiseachd. Cha robh failigeadh san teang’ aice ’nuair fhuair i Iain a leigadh ’na ghlag air cathair. Feadh na slighe chum i sàmhach air sgàth na nàire ach a nis fhuair i faochadh agus leig i ruith le teangidh. Dh’ innis i gu neo athach gur h-e liath-nàraich, ’s a mhaslaich i; gu’m b’e truaighe do thè bhi ceangailte ri leithid agus iomadh ni eile nach ’eil e comasach do neach sam bith a radh ach do mhnaoi chrosda mhi-thollicthe ’nuair a bheir i strian dha teangidh. Dh’ éisd am fear gu sochrach rithe car tiota, ach an sin le sùil sith’cheannach ’s cothrom fhaotainn air dhol a ghabhail fois na h-oidhch,’ air an robh e gu mór na fheum, thoisich e air brosgul ris a bhean. ’Nuair a bha chuis coltach ri gu’m biodh réite air a dheanamh eatorra chuir Uilleam e fein air a leithid a shuidheachadh, ’s gu robh nis a ceann thairis air beul a chléibh. Mo thruaighe cha b’e cheann mhain, ach a cholluin mar an ceudna oir chuir an cliabh car dheth agus thilg e na bha na bhroinn air an urlar. Dh’ éigh ’chailleach nach do lasaich Iain riamh gus an d’thug e Esan gu corporra le chuid itean gu’n cagailt! D’fhalbh i seachad ann an neul, d’fhalbh Ceit a toirt boinn uisg’ a dh’fhuarichadh i; agus bha Iain cho fuar rithe fein ann am prioba na sùil. Le aon sinteag chaidh Uilleam thar bathais an ùrlair cho ’na starsnaich a crathadh dheth na’n itean mar fhianuis nach bu d’thig an dìlinn a chiteadh aghaidh a bhonn air an fhonn cheudna. Na’m biodh an cliabh na bu shochraicha, bhiodh an sgeula na b’fhaide!
Bha ’m bàrr fo dhion aig toiseach an ath gheamhraidh an déigh do Uilleam na h-itean a chur, ’n uair a thachair na nithaibh a bhuineas do ’n chaibideal so. Cha do chleachd bodaich Hastin riamh a bhi air deireadh ann an criochnachadh na h-oibreach agus cha mho bha eagal na caillich’ orr air an fhoghar so. Do na h-uile duine moch-aireach ann am baile ainmeil airson moch-eiridh b’e Dòmh’ull Donn aig an robh urram a chinn-fheadhna. Bhiodh ceò á tigh Dhòmh’uill cho luath ’s a ghairmeadh an coilleach agus uaith’ a sin gu dubh cha robh fhios co bu trainge e fein na dhithis nighean—Mairi agus Iseabal. Air aon ni bha fios agus b’e so e: gur h-e chiad fhear a bhiodh ullamh do dh’ obair an fhoghair ged nach robh chuideachadh aig ach na cailleagan. ’S ann a cheart lath’ chriochnuich Domh’ull togail a bhuntata chaidh Uilleam suas troimh ’n duthaich an dùil geur amharc air a chladach air cùl Bhaile-Raonuill oir rinn Uilleam suas inntinn gu ’n cuireadh e gu siorruidh crioch air a shiubhal le bean a ghabhail dha fein agus sin romh ’n Nollaig. Chuireadh e leis a so feum air sall gu gu tallan a thogail eadar a mhnaoi òg ’s a mhàthair. (Na ’m b’ fhior na theireadh na h-eòlaich cha chuireadh a mhàthair droch fheum air tallan a bhi eadar a teang agus a h-uile duine). Shaoileadh cuid gum bu mhaith a mhisneach dha ’n tigh a chuir air doigh gus am faigheadh e lorg air bean an toiseach ach ’se theireadh e gum b’ fhurasda bean fhaotainn ach nach ann a h-uile latha bhiodh sall air cladach. ’Thuilleadh air a so uile nach b’e cleachdadh an aite ’n uair a bhiodh fear air son posadh ’s gun aon air sgeul aige, dhol gu tigh àraidh an déigh àm cadal, an teaghlach a dhùsgadh, làmh thoirt air an t-searraig agus a gnothuch a chur an céill. Nach e sin a rinn Niall Og agus ged nach fhac a bhean riamh roimh e, le fiosrachadh, thug a h-athair dha i agus tochar maith leatha ’n uair a chual e ’ri suidheachadh math a bheir Niall. Cia mar leis a sin nach faodadh sùil a bhi aig Uilleam ri te, air dha bhi gu math na b’ fhearr aig an tigh na Niall! Mo thruaighe! sud an dòigh air an do chumadh suas margadh nan traill na ’r duthaich linntibh an deigh do ’n lagh shiobhalt crioch dhlighach a chuir air: d’ fheumadh an nighean am fear bu lionmhoire daimh a thigeadh ga h-iarraidh a ghabhail; cha d’ thugadh bodach dreangach tochar ach ’n uair a shaoileadh e gu ’n cuireadh e riadh cùig fillte dheth.
Ach leanamaid Uilleam. Suas an rathad bha e luibhrigadh seachad rùn a chridhe do Thormod a bha na dheadh fhear eisdeachd ged nach robh e ainmeil mar fhear labhairt. Thàinig tarruing aca air an mhnaoi òg mar gach ni. ’N uair chuala Tormod mar a bha chùis thug e comhairl’ air a charaid fuirich re na h-oidhch’ ud an Hastin agus gun tugadh esan e choimhead air nigheanan Dhòmh’uill Dhuinn, ann an dòchas gu ’n còrdadh tè aca ris. “Bha mis’ ,” arsa Tormod, “an uiridh air mhuinntireas ann an Hastin, agus tha fhios agam le sealladh mo shùil nach b’ urrainn boirionnach a bhi na b’ fheunala na Mairi. Bha mi fein a suas ri Iseabal agus ni so lethsgeul gu leòr dhuinn.” Chòrd a chomhairle so air leth ri Uilleam, agus dh’ aontaich e fuireach an oidhche sin ann. Bha maoir-cladich gu suilbhir, aoidheil riu, nochd e caoimhneas
(Air a leantuinn air taobh 14.)
[Vol . 6. No. 2. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobhad ach air aon taobh d’ an duileig, agus, nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ‘Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton
SIDNI, 9 IULAIDH, 1897.
MO CHARAID FEAR MHAC-TALLA, —Leugh mi anns am paipeir ’n trieamh latha an gibhlinn, cairdean dhiubh ’g iarraidh iomradh sam bith air Tormoid Mac Fhionghain a dh’ fhag Loch Ainslie bho chinn tri fichead bliadhna a dol do Astralia; bha so mu ’n aon àm a dh’ fhag a charaid Domhnull Mac Leoid, Ceap Breatunn. Chaochail esan bho chinn coig no sia bhliadhnaichean. Dh’fheoraich mi bho Mr. Iain Mac Leoid a bhrathair mac as sinne tha beò de thealach an Urr. Tormoid Mac Leoid. Chual Iain Domhnull a bhrathair tric a bruidhinn air; thachair iad ri cheile am baile Adelaide. Bha e na dhuine choisinn ainm mor dha fein le treubhantas mor. Chaidh e astar fada air a chois gu meadhon na duthcha measg dhaoine fiadhaich troimh iomadh cunnart. Le coiseachd astar fada bha moran eolas aige air dùthchannan ura. Bha meas cho mor air ’s gun deach ullachadh dheanamh air son cuirm thoirt da. Bha moran do luchd eoluis a tachairt ris, agus bha iad so toirt cuireadh dha dol a steach do ’n tigh-osda; gu tubaisteach chaidh e steach ro thric. Chruinnich luchd na cuirm ach bha iad dh’ easuibh air MacFhionghain. Bha a charaid Domhnull Mac Leoid anns an àm so air fasdadh aig paipear naigheachd na aithrisear, bha e aig a chuirm air son an dol a mach ’s na briathran aca uile aithris anns a phaipeir; rinn e sin gu snasail. Bha e ionnsuichte agus neo-chumanta gleusd air sgriobhadh; le bhi cho eolach air Mac Fhionghain agus air an turus aige sgriobh e (mu ’s fior) na briathran a labhair e aig a chuirm; thainig so comhla ris a chuid eile mach anns a phaipear ri da latha. ’Sann ’bha ’n t-iongantas mor air Mac Fhionghain nuair a leugh e na facail chaidh chuir na bheul, nach do labhair e riamh. Mur so dh’ innis Mac Leoid ma dheidhinn. Sgriobh mi gu luchd eolaich aig am faodadh bhi air, ach bha ’n uine goirid aca sin fios fhaotainn. Na ’m b’ urrainn dhuibh ainm ’n aite ’san do bhasaich e, bithidh e na ’s furasda fhaotainn a mach.
Feumaidh sibh a thuigsinn gu’n d’thainig moran do shluagh Gaelach do Otaga anns a bhliadhna 1860, a leantuinn luchd cladhach an oir á Astralia, ’s docha gu faod e bhi na ’m measg. Mur cluinn mi facal tuilleadh mu dheidhiun an so, sgriobhaihh mi gu luchd-eolais again an Duneideann, baile mor Otago. Tha mi deanamh sin le toil, agus durachd mhath dhuibh fein.
Bho ar caraid,
IAIN ROTHACH
Rudha Mharsdain, 9, 6, 1897.
Gaidheil Ghlascho.
(Highland News,Iun 19.)
Bha mach air ciad de luchd a’ chomuinn seo aig Cuirm-chnuic ann am Baile- ’chléirich Iar air Glaschu, air Di-sathurine seo ’chaidh. Dh-fhàg iad Ceànn-uidhe Sràid-na-Drochaid ann an carbad-smùide an cuig mionaidean gu dhà ’m fheasgar, a’ ruigsinn àite na Cuirm mu thri chairtealan na h-uaire as déigh sin. Fhuair iad ainmsir ghrìnn, agus chuir iad seachad i gu subhach, sona ri cluich ’us mire a measg nan craobh, agus aig bòrd fleagha, sgaoilte air an raon, gun ghuth a’ briseadh air an cluais ach ceòl na Pioba móire agus an còmhradh aca fhéin anns a’ chànain dùthchasach. Bhà triuir Dhealbhairean ’n am measg le ’n gloinean-deilbh. Ghabh iad dealbh no dhà de ’n chuideachd iomlan, buidhean beag no dhà, agus na Sgiathanaich uile cuideachd leo fhéin.
Cha- ’n-ann gu sanntach b’ fheudar dhoibh an raon fhàgail mu leth uair an déigh ochd agus tilleadh dhachadh gu baile mòr na gleadharaich agus a’ cheò, an déigh feasgar cho cridheil agus taitneach ’s a b’ urrainn iarraidh, ach ro ghoirid, chur seachad ’an cuideachais a chéile.
Tha Céilidh nan Gàidheal a’ càll, car ùine fada co dhiù, Raonall Dòmhullach, an Iar Cheann-suidhe, ball cho ìnntinneil, cho sgiobalta, cho sgoilteanta, agus cho dùrachdach agus a th’ anns a’ Chomunn. Thà e ’falbh air 26mh a’ mhiosa seo gu Bràighean abhainn Siré, ann anAfricaMeadhonach. Theid ’ionndrainn gu mòr anns na Comunnan Gàidhealach ’an Glaschu, far am bheil e ann am mòr spéis do bhrìgh a dhùthchais, a chomasan agus a dheadh-bheus. Leanaidh deadh dhùrachd Céilidh nan Gaidheal e an Sambéusi agus air Bràighean an Siré. Cha ’n ’eil teagamh nach cum a’ mhothachadh a th’ aige air staid a Dhùthcha féin air ais a làmh bho a bhi cruaidh air na gnèithean truagha a th’ anns an tire gus am bheil e ’dol.
Mar creideamaid ach na nithe sin a mhàin a ta sinn a’ tuigsinn, bhiodh ar n-eòlas a thaobh gach cùise araon beag agus cuibhrichte; agus cha bhiodh e ’nar comas gnothuichean an t-saoghail a ghiulan air an aghaidh.
Is fearr gu mòr bàs an ionracain na beath an eucoraich.
MacCoinnich & Co.
Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh
ANN AN LOUISBURG,
agus tha sinn aig an àm cheudna a’ cumail air adhart air an t-seann laraich,
ANN AN SIDNI.
Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.
Theid sinn an urras air an obair.
Mac Coinnich & Co.
F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC
An aon fhear dhe sheòrsa th’ air Eilean Cheap Breatunn.
Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J Morley.
Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha ’s coir dha toghal air.
Tha stoc math de speuclairean ’s de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shùilean.
Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. A seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.
THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin.
Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.
Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.
Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. MacFhionghain, Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitche’s Creek.Tha mu dheichair fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.
[Vol . 6. No. 2. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Bha dithis dhaoin’ òga ann anCowansville , Ont. ,a cleasachd ri chéile, agus le tuiteamais chuir fear dhiubh car an amhuich an fhir eile ’ga bristeadh, agus ag aobharrachadh a bhàis.
Tha iadsan a tha ’g obair air an rathad-iaruinn (I. C. R.) an deigh litir fhaotainn o’n fhear a tha os an cionn ag radh gu feum iad am fiachan a phàigheadh gu h-onarach ar-neo gu ’m bi iad air an cur as an obair.
Bha teachdaire aig Sultan Mhorocco ann an Lunnainn aig Iubili na ban-righinn. B’ ainm dha Simo Hamed Ben Mousa, ach cha deach an greadhnachas a chunnaic e gle mhath dha, oir chaidh e air ais d’ a dhùthaich fhéin as a rian.
Bha stoirm shneachda aca ann an stàit Virginia air an darra latha mu dheireadh dhe ’n mhios a dh’ fhalbh. Bha an t-side fuar gu leor againn an Ceap Breatunn, ach sheachainn an sneachda sinn. Ann an Chicago, air a’ cheart latha bha an teas cho mor ’s gu ’n do dh’ aobharaich e bàs shianar.
Tha uiread de smugladh a dol air adhart mu Amhuinn St. Lawrence ’s gu bheil an Riaghladh ag iarraidh coig mile dolair air son cur as da. Tha ’n t-airgead sin ri bhi air a chosg gu falachaidh, oir cha ghabh an gnothuch deanamh air luchd an smuglaidh gu follaiseach. Tha an Riaghladh a’ call moran airgeid air an droch obair gach bliadhna, agus tha sluagh àireamh shiorrachdan an Chuibeic air an tur mhilleadh le misgeireachd.
Tha muinntir nan Stàitean ag radh gur ann acasan a tha dùthaich na saorsa, ach ma chreidear gach sgeul a tha ’dol mu ’n cuairt, tha seòrsa saorsainn aca nach bu mhiann leinn fhaicinn anns an dùthaich so. Ann an tigh-cùrtach an Arkansas, air an t-seachdain s’a chaidh, thainig ni-eigin eadar dithis fhear-lagha, agus thilg fear dhiubh am fear eile air a’ bhad. Air a cheart latha, ann an stàit Missouri mharbh bàillidh baile am fear a bha ’san dreuchd roimhe, mar sin a cur crioch air mi-chòrdadh eigin a bha eatorra. Tha sgeul eil’ air innse mu mhnaoi a thug litir dhealaichidh d’a fear; bha an duine bochd mar sin air fhàgail gun dòigh air tigh’nn beò, agus chaidh e do thigh nam bochd. An deigh dha bhi anns an ionad sin còrr us da bhliadhna chaidh a bhean a choimhead air an la roimhe, agus air dhi truas a ghabhail dheth, thug i á tigh nam bochd e agus phòs i a rithist e.
Tha an Sultan an deigh striochdadh do thoil nan rioghachdan mora, agus bi’dh e riaraichte leis na cumhachdan-sithe a thairgeas iad-san dha. Bha na cumhachan a bha e-fhéin ag iarraidh tur mi-reusanta, ach lean e riutha gus ’n do thionndaidh eadhon Ruisia na aghaidh, rioghachd a bha gabhail a phàirt cho math ’sa b’ urrainn di. ’N am biodh an Sultan air a dhòigh fhéin fhaotainn cha bhiodh anns a’ Ghreig ach dùthaich gle bheas agus shuarach m’ am biodh esan ullamh dhi.
Bha dinnear mhor air a toirt le Mr. Chamberlain ann an Lunnainn Di-ciaduin s’a chaidh. A bharrachd air moran de dh’ uaislean Bhreatuinn fhéin, bha a dha dheug de phriomhairean ’nan suidhe aig a bhòrd—Morair Salisbury air an ceann, agus priomhairean nan colonies uile timchioll air. ’Se so a cheud uair a thachair a leithid riamh, agus tha e nochdadh gu soilleir cho dlùth ’sa tha Breatunn agus a cuid cholonies a teannadh ri chéile.
Ciod e saibhreas? Is saibhreas gach ni a ta daoine ’solaireadh ’san t-saoghal so air son am beo-shlaint agus an toilinntinn fein. Is e saothair a bheir saibhreas gu buil. Tha gliocas a’ cumail saibhreis ’na chriochaibh fein, trid am bheil e cinnteach, agus a’ dol ann am meud. Tha na daoine saibhir air an deanamh suas diubh-san a fhuair cuid o mhuinntir eile—diubh-san air an do thuit e gun fhios gun aire dhoibh—agus, mar an ceudna, diubh-san a choisinn e le fallus an gruaidhe fein. Air an doigh cheudna tha na daoine bochda air an deanamh suas diubh-san a shealbhaich bochdainn o mhuinntir eile—diubhsan air an d’ thainig i gu ’n fhios gu ’n aire dhoibh—agus dhiubh san a thug le h-amaideachd orra fein i. Ginidh leisg agus diomhanas bochdainn. An uair nach saothairich duine, agus an uair nach coisinn e na h-uiread le dhichill fein gach la, cha ’n urrainn nach bi e bochd. Cha ’n eil leigheas ann air son na bochdainn a ta ’s ruthadh o’n leisg, ach dichioll agus saothair.
Bha an t-Urr Calum Caimbeul, minister Strath-Alba, air chuairt ann an Ceap Breatunn air an t-seachdain s’a chaidh agus air an t-seachdain so. Bhe e ann am Baddeck, agus air a Chladach a Tuath, ach cha do cheadaich ùine dha tighinn cho fada ’n ear ri Sidni. Dh’ fhalbh e á Baddeck Di-ciaduin gu Port Hawkesbury, agus á sin sheòl e Dior-daoin. Tha Mr. Caimbeul a’ toirt cuairt mar so do eilean a dhùthchais a h-uile samhradh a choimhead a chàirdean. Tha sinn toilichte chluinntinn gu bheil e slàn, fallain, agus gu ma fada mar sin e.
Ann an àit eile dhe ’n phaipear gheibhear guth o “Chona.” Thòisich e air a’ cheann labhairt “Eliah” air an t-samhradh ’sa chaidh, agus chaidh uiread ’sa sgriobh e aig an àm a chlo-bhualadh ’sa MHAC-TALLA, ach leis na bha dh’ obair aig an sgriobhaiche chòir, b’ fheudar dàil a chur anns a’ chuid eile gus a so; bi’dh e air an turus so air a leantuinn o àireamh gu àireamh gus an cuirear crioch air. Tha “Cona” ’na fhear-sgriobhaidh o ’m bu mhath leinn cluinntinn na bu trice, agus tha sinn an dòchas an deigh dha crioch a chur air Eliah, nach leig e uaithe ’m peann idir, ach gu ’m bi a shaothair a tarruinn aire luchd-leughaidh MHIC-TALLA gu bitheanta.
Tha Sir Micheil Hicks-Beach dhe ’n bharail gu ’m bu chòir do Chanada ’s do na dùthchannan eile tha fo chrùn Bhreatuinn, cuideachadh a thoirt dhi ann an cumail suas an airm-mhara. Tha ’n t-arm-mara a dion Chanada agus Astralia cho math ’sa tha e dion Bhreatunn, ach cha ’n eil sin a cosg sgillinn do Chanada no dh’ Astralia eadar da cheann na bliadhna. Cha ’n eil Sir Micheil leis fhéin ’na bharail, agus ’se ’s dòcha nach teid moran bhliadhnaichean seachad gus am bi Canada, Astralia, New Zealand agus na mor-roinnean Breatunnach eile air fad a’ pàigheadh suim reusanta gach bliadhna do ’n t-seann duthaich air son a bhi ’g an dion ’s gan gleidheadh o gach namhaid a dh’ fhaodas tigh’nn orra.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
’Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .30
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte. Sgriobh gu
J . G. MacKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, C. B.
CARADH
Uaireadairean
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.
NUAIR THEID THU ’BHADDECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stor mor aige dhe na h uile seorsa bathair.
Bathar Tioram Bathar Cruaidh
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichean, agus iomadh ni eile.
An seorsa ’s fhearr ’s a’ phris a’s isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.
NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B,
Tha e na fhear-gnothuich do’n. MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd ghabhail thoirt dha.
CUIR A DH’ IARRAIDH A MHAC-TALLA
$1 .00 SA BHLIADHNA.
[Vol . 6. No. 2. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 11.)
dhaibh aig an tigh agus threoraich e timchioll a’ chladaich iad a comharrachadh a mach an fhiodh’ a réir a bheachdsan bu fhreagarrich air son an t-seors’ oibreach a bha na h-aoidhean ag radh ’san robh iad a dol ga chur an sàs. Bha trom ghearan aig an t-seann duine chòir so nach robh faisg uidhir do mhuireagan a tighinn air cladach ’s bha ri cheud chuimhnesan. Bhiodh a ’n uair sin ceithir ’s a cùig do longaibh eirachdaila gabhail na tràghad a h-uile bliadhna, ach a nis le tigh-soluis air gach gob rudha, cha robh bhi beo aig daoine bochda aig nach robh sùil ri ni mar a d’ thigeadh cnap maide air tir agus mar bu trice, ’n cnap sin fein na chriathar-tholl le reudan agus cuibhrighte le giurain. Mar d’ thoireadh neach a nis a theachd-an-tir as an talamh cha ro ’n còrr dha air; ach ged a bha esan e fein na mhaor cha robh e faicinn nach robh làn onoir ann a bhi gabhail seilbh air gach ni thugeadh air a chladach, agus mar chomhar air a so cha d’thug e riamh suas ach an rud a bha ro’ throm na gun fheum. Le leithidaibh so do chomhradh chaidh am feasgar seachad gu luath, gus ma dheireadh an robh ’n t-àm aig na seòid an aghaidh a chur air an cheann-uidhe. Cha robh iad fad a riughainn. ’N uair rainig iad an dorus fhuair iad e air a sparradh gu barrant’ fa chomhair na h-oidhche. Gu de dheanadh iad? An dorus a bhualadh cha bhiodh e freagarrach gun fhios cho thigadh ga fhosgladh, agus pilleadh air falbh bha e ro thàmuilteach buileach. Gidheach cha d’ thugadh iad dùil-thairis gus an cuartacheadh iad an tigh gu h-iomlan. Nis bha Dòmh’ull an déigh a bhi cuir dhachidh a bhuntata aig an àm so agus ga thorradh suas anns an t-sean doigh sgiobailt ach neoeireachdail a bha ’n cleachdadh ’san linn sin. B’e sin so: bha balla mònadh air a thogail taobh shios an doruis gus nach leigadh e cead ruith leis a bhuntata feadh an tighe. Bha toll air a thoirt air oisinn an tubhaidh agus fàradh a treorachadh suas thige; ’n uair a dhireadh neach suas mar so bha e air comas dha gu socair an cliabh a dhòrtadh a stigh troimh ’n toll agus rùitheadh am buntat’ air chùl na mònadh. Fhuair na fearaibh am fàradh so gun mhòr stri, agus cha bu luaith a fhuair na rinn iad suas an inntinn air son an ath cheum a ghabhadh iad. Gun fiu fuirach ri fhaicinn cia mar a thigadh iad a mach gu siorruidh a steach air an toll a lom iad, ’N uair nochd iad ris a’ chagailt chunnaic iad sealladh a thog an cridhe. Bha ’n teaghlach aig an suipear agus mar so comas air leth aig Uilleam air sealladh maith fhaighinn do Mhàiri mar a bha i na suidhe ris an t-solus. B’ e sin an solus! Bha e cho trath air a’ bhliadhna ’s nach robh ùilleadh air son a chruisgenn air tighinn air daoinaibh fathast agus mar sin bha iad riaraichte leis na b’ urrain an caorran a thoirt seachad do shoills’. Air chor agus nach rachadh ni dheth sin an taiseart bha fàd monadh fo iomall thall a chlàir a bha na laidh air an ùrlar agus an teaghlach mu chuairt dheth. Shlaod na gillean iad fein gu aghaidh an tòrr bhuntata an dòchas gu faighadh iad socair agus sealladh na b’ fhearr. Ma shlaod; a bhochdainn bhochd! d’ fhalbh an tòrr leò ’s cha do lasaich iad riamh gus an d’ fhuair iad iad fein an taice ris an teaghlach agus sin na bu tràithe na bu mhiann leo. Thuig fear-an-tighe ’chuis ma ’s do labhair iad agus ged bha dorran air air son mar a sgaoil iad am buntata, thug e cuireadh cridheil dhaibh bho ’n thainig iad cho dlùth air gum b’ fheàrr dhaibh compartachadh do ’n t-suipear. Air eagal a bhi air an ais ’san spòrs thubhairt Tormod gu robh e gle fhad’ an comain an an duine choir a thug a leithid do fhiachadh fialaidh dhoibh ach. gur e ghluais iadsan o n tigh ni bu mho na aoidhachd oidhche; gur h-ann a bha Uilleam deònach reiteach ri Mairi. Chòrd so ri Màiri. Cha do mhi-thaitinn e ri fear-an-tighe agus cha robh comas cur na aghaidh aig a’ choigreach, ’s mar so chaidh an t-suipear agus an cordadh air aghart còmhla, agus geàrr na dhéigh sin bha bhanais. Ach nam biodh am balla mònadh na bu sheasmhaiche biodh an sgeula na b’ fhaide.
Litir o’n Chuairtear.
Faoighnich de ghille ’nuair a tha e fhathast beag gu leòr gu bhi pògadh a mhàthar, co ’n neach a’s briagha th’ air an t-saoghal, agus ’si‘ ’mamaidh’ a their e a h-uile h-uair, ged a dh’ fhaodadh i bhi duaichnidh gu leòr. Ach thig atharrachadh mor air gillean anns an dòigh sin, agus chi sinn iad mar is trice a’ faotainn mhàthraichean eile dhaibh féin, fo dhion lagh na dùthcha. Ach ged a shiubhlainn-sa uile dhuthchannan an t-saoghail, cha ’n eil mi ’creidsinn gu ’n atharraichinn mo bheachd gur e Ceap Breatunn an dùthaich a’s àillidhe tha fo ’n ghréin, agus gur-a Loch Ainslie am bad a’s àillidh tha ’n Ceap Breatunn.
’Nuair a bhios tu air tir ’sa chi thu an t-uisge gu còmhnard, dearrsach, a’ ruith timchioll nan rudhachan agus suas na còbhaichean, gabhaidh tu tlachd ann a bhi ’g amharc air; agus ’nuair a bhios tu air an uisge, bheir na beanntan agus na glinn a tha ceithir-thimchioll ort ’nad chuimhne na th’ air a radh mu shuidheachadh Ierusaleim.
Agus tha ’n sluagh a thatar ag àrach mu ’n loch a h-uile buille cho math ris an àite. Chunnaic bàird, sgoilearan, agus daoine treuna, gaisgeil, tùs an làithean an so. Tha sagairt, ministearan, agus fir-lagha ’gan togail ann cho pailt ris a’ bhuntàta, agus tha na bàird nan planntan dùthchasach a tha fàs leotha fhéin. Mur bi do ghiulan anns an àite direach mar bu choir dha bhi, bi’dh aon leth-dusan aoir agus oran ’g ad leantuinn. Mo chreach! ’s mise bha thall ’sa chunnaic! Aig na cluichean Gaidhealach bi’dh gillean Loch Ainslie daonnan a’ cosnadh nan duaisean. Is ann an so a rugadh an gleachdair ainmeil, an Dotair Uisdean N. Domhnullach, a thomhais an an t-ùrlar le druim a’ ghleachdair Eirionnach a chaidh troimh America gun a sheise ’choinneachadh ris gus ’n do dh’ fheuch esan e ann a Halifax. Tha an Dotair ’na Ghàidheal gu ’chùl. Tha e nise air suidheachadh ann a Hogamah, ’ainm air gloinne os ceann dorus na h-oifis aige, agus an giogan ’s am fraoch, suaicheantais na h-Alba, mu ’n cuairt de ’n uinneig aige.
Air an t-seachdain s’a chaidh, chuir àireamh de dh’ òigridh an taobh an iar cuairt air an loch anns a’ “Mhinnchaha.” Thachair dhomh fhin tigh’nn an rathad ’nuair a bha iad ullamh gu falbh, agus chaidh mi còmhla riutha. Faodaidh daoine bhi bruidhinn air greadhnachas latha na h-Iubili, air an liuthadbanda bhios aca, agus air gach turus a bheir iad aig amannan eile air tir no troimh ’n athar, ach cha tig aon dhiubh suas ris an turus ud. Bi’dh daoine’ deanamh bòsd a bhi direadh do na speuran ann ambaloon ,agus ma ’s fhior dhaibh féin cuiridh iad am meòirean air na rionnagan, ach na ’n innseadh iad an fhirinn dh’ fhaoidte gu robh leithid a dh’ eagal orra ’s gu ’n saoileadh gach aon diubh gu robh a’ chridhe na ’bheul. Ach cha b’e sin sin dhuinn e air a’ “Mhinnchaha;” cha robh eagal a cur cùram sam bith oirnn. Cha mho a bha dith ciùil oirnn, agus ceathrar ghillean gasda a toirt, fear m’a seach, cuairt air a phiob dhuinn. Cha ’n eil Gàidheal sam bith aig am bheil eòlas air eachdraidh a dhaoine nach cuir a’ phiob-mhor ceòl na chridhe, agus ’nuair a thòisich na piobairean òga so air cluich shaolamaid gu ’n robh sinn a cluinntinn toirm nan iomadh cath anns an do choisinn ar sinnsir an cliù nach caill iad fhad ’sa mhaireas an saoghal. Co luath ’sa sguireadh a’ phiob, bheireamaid uile “treis air cainnt nam bàrd anns a Ghàilig bu ghlan gearradh;” agus cha b’e sin toil-inntinn bu lugha. Ghabh sinn ar ti aig Amhuinn nam Breac, agus an sin chaidh sinn dhachaidh. Faodaidh mi radh le firinn nach robh mi riamh ann an comunn bu chridheile no bu stuama na bha cuideachd an lath’ ud, agus b’e mo mhiann a bhi ’nam measg an ùine gun bhi fada rithist. Do charaid,
AN CUAIRTEAR.
Giumach, rionnach, agus ròn—tri seòid a’ chuain.
Gùbhannach, gabhunnach, pileagach, peileagach, bratach, breugach.
Gnothach a ghille leisg ’san fhogharadh—theid e fada leis is bith’ e fada ris.
Gu ma làn a bhios an lamh thoirteil
Seol maol-an-uachdair an t-slighe do n àiridh.
Is ann an deigh laimh ’bhios an Gaidheal glic.
Cha ’n eil coimheachas ’sa bhiadh mur ’eil e ’s na daonaibh.
Cha ’n fhaeas a leithid bho ’n a rug an reithe ’n t-uan ann an Scalpaidh.
[Vol . 6. No. 2. p. 7]
ELIAH.
Tha cheist a chuir Eliah ris an t-sluagh a bha cruinn air sliabh Chairmeil, freagarrach do dhaoine anns gach linn. Is treise gu tric le luchd-leanmhuinn Bhaail no le sluagh ceanalta, beusach an Tighearna. Ma dh’ fhaoidte, gu bheil duil ’us fiughair aig gach neach a smuainticheas idir gu dichiollach mu ’n chuis, gu meal e fadheoidh sonas ’us slainte. Ged dh’ fhaodas dochas laidir a bhi aig daoine gu ruig iad an caladh àit ann an seasgaireachd agus ann an samhchair, gidheadh thig e daibh a cheist chudthronach so ’rannsachadh gu mionaideach: co-dhiu a tha iad fathast eadar dha bharail anns an iomchomhairle, mu thimchioll an doigh air an coisinn iad an sonas ris am bheil an duil ’s am miann.
Ann an gnothuichean cumanta na beatha ’tha sinn a’ caitheamh anns an t-saoghal so, tha gach neach fiosrach cia co eu-comasach ’s a tha e do dhuine air bith ruigheachd air inbhe lurach no fhortanach ma bhitheas e iomchomhairleach, a’ dol bho ni gui ni eile gun tamh. Cha ’n fhuiling nithean an t-saoghail so saothair luasganach aontaobhach de ’n t-seorsa so. Is e ’n naigheachd ’s an sgeula simplidh a dh’ innseas iadsan a thionail maoin ’us ainm ’s a choisinn cliu ’us ughdarras anns an t-saoghal, gur ann le deadh-dhurachd, le oidheirp threibhdhireach, ’us le barail sheasmhach threun a dh’ imich iad bho cheum gu ceum anns an t-slighe ’threoraich iad gus an ionad onorach sin anns am bheil iad a nis a seasamh. Is maith a ’s aithne do na daoine saoithreach, dichiollach so, cia mar bhitheadh an cor ’s an caramh nam bitheadh iad iomchomhairleach, a’ buileachadh cuibhrinn de ’n uine ’s de ’n treoir air aon ni is cuibhrinn eile de ’n aimsir phriseil air ni eile. Tha e soilleir nach lean gean ’us subhachas ’us soirbheachadh dichioll aontaobhach ann an nithean saoghalta. Agus am bheil neach air bith ann aig am bheil fios ’us cinnt air a so, ’creidsinn gur ann air atharrachadh doigh a tha ’chuis ann an nithean spioradail, anns an t-slighe nèamhuidh a tha fosgailte do gach neach leis an aill imeachd oirre. Tha na comharraidhean araon laidir us lionmhor, gu bheil daoine ag creidsinn an dochais gu faod iad seirbhis a dheanadh do thagraidhean mi-bheusach an cridheachan fein, gu faod iad an saoghal a ghradhachadh gu mor, agus an Tighearna a’s Dia ann a leantuinn.
Ach is fhurasda thuigsinn nach ’eil e comasach gu bi cordadh dluth no daimh bhlath eadar saoghail truaillidh peacach—eadar iarrtuisean ’us abhaistean aig nach eil aithne air naomhachd, agus aig nach eil speis do cheartas no do ionracas, agus do aoradh an Dia ghlormhor a tha nis gloine radharc no gu seall e air olc. Air an aobhar so, ma ’s miannach le neach air bith an saoghal a ghradhachadh agus anamiann na feola agus anamiann nan sùl agus uabhar na beatha shasuchadh gu lan, cha ’n urrainn e Dia ’ghlorachadh agus a ghradhachadh aig a cheart àm. Cha ’n eil eadar-dhealachadh a’s motha eadar solus boillsgeach na greine ann an aird a’ mheadhain la ’us an dorchadas tiugh a tha rioghachadh air gach fonn ’us raon ’us beann ann an uairean marbh na h-oidhche, no tha eadar seirbhis Bhaail, no gradh an t-saoghail agus gloir ’us aoradh an Dia a’s Tighearna ann. Aidichidh daoine gu luath gur e Dia a’s ceannard ann, ’us gur e maith a’s modha ’s a’s dleasanaiche. Tha mar fhiachaibh oirnn a reachdan ceart us coimhlionta ghleidheadh. Carson, mata, nach bitheadh esan dhuinn ’na ionmhas ’us ’na chuibhrionn? Carson nach bitheadh gradh ’us tagraidhean ar n-anama ’sireadh ’g a ionnsuidh-san a mhain agus le dealas fonnmhor dìleas? Nan criochnaicheadh am bàs a tha feitheamh oirnn uile ar beatha gu h-iomlan, nam pilleadh ar n-anam agus ar cuirp gu neoni; nam bitheadh iad gu tùr air an caitheamh as, an uair a ruigeas sinn ceann ar turuis talmhaidh, an sin cha bhitheadh e cearr no amaideach no mi-dhleasannach dhuinn gach agh ’us sogh ’us beannachd a tha anns an t-saoghal a sholair agus a mhealltuinn. Cosmhuil ri ainmhidhean balbh na macharach no nach buin ard-thuigse no smuaintean air bith mu dheidhinn an t-saoghail a tha ri teachd, bhitheadh e ceart dhuinn a chuid a’s fhearr a b’ urrainn duinn a dheanamh de gach solas us sonas us aighear saoghalta. Thugamaid fainear, gur ann air caochladh doigh us snuaidh a tha ’chuis do bhrigh gu bheil siorruidheachd bhuan a’ sgaoileadh a mach air thoiseach oirnn, ’us gur e ’n Dia a chruthaich sinn ’s a tha ’na Thighearna anns an talamh is Dia mar an ceudna anns an t-siorruidheachd a dh’ ionnsuidh am bheil sinn uile trial le ceum sgipidh defireach, oir cha ’n fhaod sinn maille dheanamh.
CONA.
Fear ’s a bhaile, is aire as, is fhearr as na ann e.
Cha d’ fhag thu lub an dunain riamh.
AN DA LEIGHEAS
AGUS
K D CK . D. C. PILLS
Leigsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD.
Cuir a dh’ iarraidh sampuill, teisteannais us urrais.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia. —agus— 127 State St, Boston, Mass. ,
CUIR A DH’ IARRAIDH A
MHAC-TALLA
$1 .00 SA BHLIADHNA.
D. A. Mac FHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG—Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear [ ? ]agraidh . Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid and chuirtean Nova Scotia Quebec agus Newfoundland.
SIDNI, - - - - C. B.
Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C. B.
Gach seorsa bathar
—AIG—
McDonald Hanrahan & Co. ,
SIDNI, C. B.
BATHAR MATH. PRISEAN ISEAL.
[Vol . 6. No. 2. p. 8]
Oran air a’ Bhan-Righ Bhictoria.
LE MAIRI NIC EALLAIR.
FONN: —Coire Cheathaich.
Cha ’n eil bàrd riamh a rinn dàn duinn,
Cruit no clàrsach a sheinn dhuinn ceòl,
Air bean ghràidh nach do luaidh le mànran
Is e ’g a h-àrd-mholadh mar a b’ eòl.
Mo chruit-sa gleusam a nis do theudan
A chum gu h-éibhneach thu dheanamh sgeòil
Mu mhnaoi àillidh a tha gu stàtail,
Air cathair àrduicht’ os ceann gach feòil.
A shliochd nan leòmhann ’bha greadhnach lùchairteach
’S beag an t-ioghnadh ged tha thu còrr,
’S fuil nan Stiùbhartach rìoghail cùirteachail
’G éiridh lùthchleasach ann a’ d’ phòr;
Na feara calm’ d’ am bu dùthchas Alba
A dheanamh feara-ghnìomh ’s a sgapadh òir.
Bha ’n dream ud ionmhuinn le luchd nan garbh chrìoch
’S bhiodh iad ’g an leanmhuinn le h-earbsa mhòir.
O ’s i do mháthair ’thug dhuinn an oighreachd
A thog thu ’d’ mhaighdinn gun mheang, gun bheud,
Gu soilleir boisgeil, mar rogha daoimein
A dheanamh soillse am measg nan ceud.
Am maitheas saoibhir, làn bàigh, is caoimhneis,
’S do rioghachd aoibhneach a luach a seud,
Gun uaill gun mhòrchuis, làn tùir is eòlais,
A rinn do chòmhradh mar cheòl nan teud.
’S mar thig an driùchd a nuas le ùrachadh
Air na flùrain ’bhios seargta fann,
Thug buaidh do chùirt-sa gu fiorghlan fiughanta
Fàs air subhailcibh a bha gann.
’S e sud, a bhan-rìgh, a chuir ar n-ùigh ort
Is cha b’e ’n crùn a bhi air do cheann.
Is se ’chuir cliù ort air feadh gach duthaich,
Mar oiteig chùbhraidh do thùis nam beann.
O ’s mòr an gràdh ’thug thu dh’ obair nàduir!
’S tha ’n aigneadh àrd ud ag iarraidh lòin,
Feadh gach àrd charraig, gleannan fàsachail,
Glac is càrn mullaich, màm is sròn,
B’e ’n seòmar uasal leat lagan uaigneach,
Le d’ ghillibh uallach aig do thrà-nòin,
’S bu flùran suaicheant’ leat raineach uaine
’S an roid ’s an luachair ’bhios anns na lòin.
’S a’ mhaduinn shamhraidh cha b’ ann ’n a seòmar
A gheibhte a’ bhan-tighearna ’tha mi ’seinn,
Is grian a’ dòrtadh gu boisgeil bòidheach
A gathan òrbhui’ air ceò a’ ghlinn,
Ach ’gabhail sòlais ’s an ùrachd ghlòrmhor
’S ag éisdeachd ceòlruidh nan eòinean binn’
Le ribheid shiùbhlaich a’ cur na smùid dhiubh
Mu thimchioll lùchairt nam baideal grinn’.
O ’s ioma bliadhna o’n bha thu caomh leinn,
A chionn mar thaobh thu ri tìr nam beann,
A chionn do mhiann bhi air frìth is fraoch,
Is do dhachaidh aobhach bhi ’n cois nan glean,
Ceòl na pìob’ bhi a’ d’ thalla rìoghail,
’S ar breacain rìomhach bhi air do chloinn,
Ach thug thu ’n dràsda gu tur fo chìs sinn,
Is ghoid air crì’chan le sgrìob de d’ pheann.
Is tha mac-talla ri iolach éibhneis
Air feadh nan sléibhtean ’s nam beanntan cian’
Is clann nan Gàidheal mar dhaoine ìotmhor,
A gheibheadh fìor-uisge mar am miann.
’S do mholadh binn orra féin ’s an tìr,
A bhi air a sgrìobhadh an cainnt nam Fiann,
Is bidh a’ Ghàilig a nis am prìs,
Ged a theirte uimp’ gu ’n do laidh a grian.
Co a dh’ innseas duit meud an éibhneis,
A dhùisg an sgeul ud am measg an t-sluaigh?
’S cò a leughas duit meud ar spéis duit,
A mhàldag cheutach nan ioma buadh?
Is ma thig námhaid ort nall thar sàile
Bheir mic nan Gàidheal dha blàr ’bhios cruaidh,
Ged ’s gann an àireamh, is caoraich bhàna,
’S gach gleannan àrd anns am b’ àbhaist tuath.
Bu tu bhana-charaid, bu tu mhàthair,
Bu tu banrigh’nn nam flaithean treun’
Gheibh aireich tròcair, is truaghain deòir uait,
Is iochd gheibh fògraich nan dùthchan céin’,
Bu tu bhean chàirdeil do ’n fhiùran àluinn
A chuir le ’ghràdh air do làithibh seun,
An leug a’s luachmhoir’ ’bha ’d’ choran rìoghail,
’S chuir Rìgh nan Rìgh i ’n a choran féin.
A ròis a’s àillidh, a mhiann na Gàidheal
Nis guidheam làithean duit a bhios buan,
An sìth ’s an sòlas, le beannachd shònruicht’
Le buaidh is glòir air tìr mòr is cuan;
’S mar chuir thu deadh-shìol a’ d’ thìr ’s a’ d’ theaghlach
A bhan-righ ghreadhnach thu dheanamh buain,
’S ged dh’ fheudas pàirt bhi gun bhuain an dràsd dheth,
Bidh saibhlean làn’ agad air là luain.
’S ’nuair ’thig gu d’ iarraidh an teachdair dìomhair
’S is éiginn triall o gach onoir mhòir,
Guidheam Crìosd a bhi ’cumail dìon’ ort
Fo sgàil a sgiath’ o ’n is e ’bheir fòir;
’S mar théid a’ ghrian gu làn deàrrsa sìos
Fo chùirtein sgiamhach nam badan òir,
Biodh do thriall-sa an sgéimh na diadhachd
Gu coran siorruidh an rìoghachd na glòir!
Laoidh.
Ard Bhuachaille an tréud,
’Tha ghnàth ga ’n dìon o bhéud,
Ri taobh nan uisge tlàth,
Stiùir thusa mi gu caomh
Gu imeachd aig do thaobh,
Mar uan gun lochd, gach là.
Tha eagal orm bhith reùbt’
Le droighionn guineach, géur,
’N uair dh’ fhàgas mi thu fhéin;
Ciùrrar mo chasan sgìth,
Oir ’s deacair, garbh, an t-slìgh’
’Tha falbh o’n rathad réidh.
Ach ’n uair tha ’n t-slighe buan,
Togaidh do làmhan suas
An t-ànrach bochd gu tlàth;
Glanaidh tu uam gach smal,
Ga m’ thoirt gu cluainibh glas’
’S am bi gach lus fo bhlàth.
Gus—saor o thruailleachd bhréun,
’S mi buileach glan gu léir,
Troimh d’ fhuil-sa, Shlàn’gheir ghràidh—
An toir thu d’ uan beag, caomh,
Gu dachaidh shona, naomh,
Ad thrò an Tìr an Aigh.
Is e ’n taillear a ni ’n duine.
Is e do chliù do chiad iomradh.
Is e leigheas a’ chnatain cnapan itheadh.
Is ann air an alt sin a bha treise na droma.
J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsa ’s fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B.
C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
NIALL Mac FHEARGHAIS,
Taillear.
SIDNI - - - - C. B.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar duthcha tha ’nar beachd.
Indurated Fibreware
Tha an seòrsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fhiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire.
THE E. B. EDDY Co
LIMITED
HULL, CANADA.
title | Issue 2 |
internal date | 1897.0 |
display date | 1897 |
publication date | 1897 |
level | |
reference template | Mac-Talla VI No. 2. %p |
parent text | Volume 6 |