[Vol . 6. No. 20. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 12 NOBHEMBER, 1897. No. 20.
Litir as a Ghaidhealtachd.
A MHIC-TALLA IONMHUINN, —Is fhad’ o’n a chuala sibh fuaim mo ghutha, ach cha’n fhaod sibh a bhith smuainteachadh bho sin gu’n do dhi-chuimhnich mi sibh, ’s mi nach do dhi-chuimhnich. Cha’n fhaca mi litir bho Thìr nam Beann ’nur paipear luachmhor o chionn tacain agus uime sin shaoil mi gu ’m bitheadh e freagarrach dhuibh beagan shreath fhaotainn a leigeil fhaicinn mar a tha cùisean a dol air aghaidh anns an dùthaich aig an àm seo.
’S a cheud àite a thaobh ar cànain fein. Thàinig a mach ainmean nan àiteachan sin a tha teagasg na Gàidhlig anns na sgoiltibh, anns an Naigheachd Ghaidhealach, agus tha mi cinnteach gu’m bi moran de ur luchd-leughaidh a bhitheadh toilichte fhaotainn a a mach c’àite a bheil na Gaidheil a còmhnuidh anns a Ghaidhealtachd agus c’àite nach ’eil. ’S iad seo ainmean nan sgoiltean far an deach ar cànain a theagasg air a bhliadhna seo.
Ann an siorrachd Earraghaidheal: —Sron-toilear (an Oban), Sgoil na h-Eaglais Catholaich (an Oban), Creich, Bunessan, Port na h-Abhuinn, Port an Eilein, Fanmòr, Frislaig, Hullepool, Cille Muire (Ardnamurchan), Corragmòr, Dalmhàilidh, Lochaluinn, Ruaig, Cille Chuain (Ardnamurchan), Baile Martainn, agus Sgarnish.
Ann an Siorrachd Inbhirnis: —Aldourie (Dores), Ceann-a’ -ghuibhsaich, Drochaid Ruaidh (Lochabar), Drochaid Chlachach (Uidhist mu dheas), Sgaraista (na h-Earadh).
Ann an Siorrachd Pheairt: —Ceann Loch Raineach.
Ann an Siorrachd Chataobh: —Duirinis.
Tha mi toilicht’ a chluinntean gu’n do chuir na sgoiltean à leanas rompa a’ Ghàidhlig a theagasg do ’n chloinn ’sa bhliadhna seo tighinn.
Earraghaidheal: —Loch-nan-Eala, Ardchonnthuil. Ihbhirnis: —Carnaich (Cille Moraig), Paible (Uidhist mu Thuath), Cille-righbhagh (Uidhist mu Dheas), Torrain (Srath). Siorr. Rois: —Barbhas (Leòghas).
Bha reic mhor o chionn ùine ghoirid air na seann rudan neònach aig Mr Iain Noble, nach maireann, am fear-reic-leabhraichean air Sràid a’ Chaisteil, Inbhirnis. Tha iad a deanamh dheth nach robh cùisean cho luachmhor an suilean Gaidheil a chaidh a reic ’san Taobh Tuath bitheanta roimhe. Cha deach na leabhraichean a dh’ fhag e sreic fhathast, ach bithidh iad sin air an cur fa sgaoil cuideachd an uine ghoirid.
Tha sìde gle bhochd againn o chionn fhada, ach bha tri no ceithir laithean grianail againn air an t-seachdain seo chaidh. Tha ’m buntàta gle ghann am bliadhna, agus an galar gle phailt, mar sin tha na prìsean an iomadh àite faisg air dubailt air na bha iad an uiridh. Tha na h-uibhean a reic anns na buithean ’san dùthaich aig 1s. 5d. an dusan, agus tha ’n t-aran 6d. an cairteal an siorrachd Pheairt, agus 7d. an Inbhirnis, agus sa’ chuid a’s mo de Shasuinn. Tha ’n t-ìm 1s. 2d. am punnd.
Chunnaic mi anns a’ phaipear o chionn tacain gu ’n do gheall na rathadan-iaruinn an Albainn a ghiulan bocsaichean le uibhean, measan, agus an leithid aig leth na cosdais a bha iad ag iarraidh gus a seo. Tha iad a deanamh dheth gu ’m bitheadh seo na chuideachadh mor do na daoine bochda, ach cha ’n eil fhios agam c’àite am faigh iad na daoine beartach no bochda idir ma theid na h-uachdaran air aghaidh a’ cur achadh ri achadh fo chaoraich agus feidh mar a tha iad a deanamh fhathast, cha bhi soirbheas, no airgiod, no toil, no rud sam bith ’sa Ghaidhealtachd gus an spionnar as na h-uachdaran mora uile gu leir, agus lagh air a chur air chois nach leig le duine sam bith tuilleadh air leth-cheud acair a bhith aige, no uiread acraichean is urrainn e fhein agus a theaghlach a chumail fo bhàrr.
A guidhe sonas agus soirbheachas gu MAC-TALLA. Is mise ur caraid,
CREAG-AN-FHITHICH.
Litir o’n Chuairtear.
A DHEAGH CHARAID, —Is iomadh car a chuir mi fhin ’s an saoghal o’n sgriobh mi ugad mu dheireadh. Mar is math a tha fios agad fhéin, ’s fior thoigh leamsa, aig amannan àraid de ’n bhliadhna, deiseachan matha aodaich a chur air na fir, agus toirt air na mnathan pàigheadh air an son. Agus tha mise ’g innse dhuit gu feum duine bhi ’na dhùisg ’nuair a theid e cheannach clòimhe bho na cailleachan. Cha ’n eil greim a leth cho teann aig a’ chlòimh air na caoraich ’s a th’ aig na cailleachan air a chlòimh. Chuala sinn mu fhoighidin Iob; bu mhath leam fhìn fhios a bhi agam am b’ àbhaist do na cailleachan a bhi ’creic clòimhe ’san àm sin, agus an robh Iob ’ga ceannach uapa. Coma co-dhiu tha an samhradh seachad, agus cha ’n eil math a bhi ’cumail suas gamhlais. Bidh iad fhéin ’s mi-fhin càirdeil gu leòr mu ’n ti; ’s math leotha-san i bhi làidir, agus sin mar a chòrdas i riumsa.
Tha mi nise ann an ceann a tuath siorrachd Inbhirnis, a cur air chois loidsichean ùra do ’n I. O. G. T., agus a deanamh na ’s urrainn domh gu mi-stuamachd fhògradh as an dùthaich. Fhuair mi air adhart gle mhath. Tha an dùthaich an so moran na ’s briagha na tha ceann a deas an eilein. Cha ’n eil e ro ghlic dhomh a bhi ’g radh tuilleadh ’sa chòir mu mhaise na h-àirde tuatha, oir tha agam ri dhol do shiorrachd Richmond air an t-seachdain s’a tighinn; ach cha tuig Frangaich L’Ardoise agusSt . Peter’ sGailig, agus tha na Gaidheil ro-ghlic air son na their mi a ghabhail gu h-olc.
Cha ’n eil mi ’smaoineachadh gu bheil cearna sam bith de ’n eilean cho briagha ris a’ chearn a tuath. Leis na beanntan àrda, na srathan gorma, còmhnard, agus na glinn fhada, chaol, ’s beag an t-ioghnadh ged a thogadh an dùthaich fonn nam bàrd, ’s ged a bheireadh i orra bhi seinn òrain bhinn, cheòlmhor, mar a tha “Cnoic us glinn a’ Bhràighe.” Gu dearbh cha mhor nach d’ rinn gach sealladh a fhuair mi air an dùthaich bàrd dhiom fhéin. Ach a chum ’s gu’m bi fhios agaibh gu bheil nithean ann nach gabh deanamh, faodaidh mi innse dhuibh nach d’ fhuair mi a’ cheud cheathramh dhe m’ òran a chur ri chéile fhathast. Cha dean dùthaich bhriagha no ni sam bith eile bàrd dhiomsa. Tha an t-àite so air àiteach le Gaidheil, Sasunnaich, agus Frangaich. Chuala mi grunnan de Fhrangaich a’ bruidhinn an la roimhe, agus cha ’n eil mo chlaistneachd gu ro-mhath fhathast.
Ach ’s fhearr dhomh beagan naigheachdan a thoirt dhuibh. Chaidh mathan a ghlacadh le sealgairean o chionn dha no tri sheachdainean air ais; thomhais e ceithir cheud punnd. Rinn an trap greim air a dha spòig, agus chum i greim air gus an d thainig na daoine ’s ’n do chuir iad fras luaidhe ann. Cha teid am beothach bochd an còir na trap ud tuilleadh.
Bha dithis Eirionnach, nach fhaca carbad-iaruinn riamh, uair ann an dùthaich anns an robh na carbaid a’ ruith na h-uile latha. Aon oidhche ’s iad a coiseachd thainig iad dh’ ionnsuidh an rathaid, agus lean iad e. Mu mheadhon-oidhche, ’s iad air fàs sgith le ’n turus, laidh iad sios—fear air gach taobh dhe ’n rathad— ’s chaidil iad. Cha robh iad ro-fhada ’nan cadal ’nuair a thainig an
(Air a leantuinn air taobh 156.)
[Vol . 6. No. 20. p. 2]
SGEULACHDAN ARABIANACH.
VI. —EACHDRAIDH NAN TRI CHALADAIREAN AGUS NAN COIG MNATHAN-UAISLE.
CAIB. XX.
An ceann uine na dheigh sin thuirt mo dhithis pheathraichean rium gu’n robh iad a’ faicinn gu’n robh e tuilleadh is trom ormsa bhith ’g an cumail suas le cheile, agus air an aobhar sin, gu’n robh iad a smaointean gu’m b’ fheaar dhaibh posadh a rithist. Thuirt mi riutha, ma ’s ann air eagal gu’m biodh e trom ormsa an cumail suas a bha iad a’ smaointean posadh, nach ruigeadh iad a leas a bhhith smaointean air a leithid, agus gu ’m b’ e am beatha fuireach comhladh rium; oir bha de shaoibhreas agam na chumadh suas sinn ’nar triuir cho comhfhurtail ’s a dh’ fhoghnadh dhuinn a reir ar suidheachadh. “Ach,” arsa mise, “tha amhrus laidir agam gu’m bheil fior thoil agaibh pòsadh a rithist; agus ma tha, gu dearbh tha e ’cur ioghnadh mor orm. An deigh an droch cheartas a fhuair sibh fhad ’s a bha sibh posda, am bheil e comasach gu’m bheil de mhisnich agaibh na phosas an dara uair? Tha fhios agaibh gur ainneamh a gheibhear fear-posda a tha na fhior dheadh dhuine. Gabhaibh mo chomhairle, agus fanaibh comhla rium fhein.”
Ach a dh’ aindeoin gach impidh a bha mi cur orra cha tugadh iad geill dhomh. Chuir iad rompa ’muigh ’s a mach gu’m posadh iad, agus an uine gun bhith fada rinn iad e.
Mu’n d’ thainig ceann na bliadhna an deis dhaibh posadh, thainig iad a rithist, agus dh’ iarr iad mile mathanas orm a chionn nach do ghabh iad mo chomhairle, “Is tu ar piuthar a’s oige,” ars’ iadsan, “agus tha thu moran na ’s glice na sinne; ach ma ghabhas tu steach sinn aon uair eile, eadhon mar shearbhantan, tha sinn a’ gealltain nach dean sinn olc ort gu brath tuilleadh.” Thuirt mi, “Mo pheathraichean gaolach, cha d’ thainig atharrachadh sam bith air m’ inntinn-sa dha ’r taobh o’n a dhealaich sinn ri ’cheile mu dheireadh; thigibh air ais, agus gabhaibh bhur cuid dhe gach ni a bhuineas dhomhsa.” An uair a thuirt mi so rug mi orra ’nam ghairdeanan agus phog mi iad. Agus bha sinn na dheigh sin a fuireach comhladh mar a bha sinn roimhe.
An uair a bha sinn mar so fad bliadhna comhladh, agus sinn cho ciuin ’s cho caoimhneil ri ’cheile ’s a b’ urrainn peathraichean a bhith; agus an uair a chunnaic mi gu’n robh mo storas, le beannachd Dhe, air fas gu math mor, chuir mi romham gu’n gabhainn turus-cuain do na h-Innsibh a chum malairt a dheanamh. Chaidh mi fhein ’s mo dhithis pheathraichean gu ruige Balsora, agus cheannaich mi long, sgus an uair a luchdaich mi i leis a’ bhathar a thug mi á Bagdad, sheol sinn. Bha soirbheas gle fhabharrach againn fad fichead latha. An ceann na h-uine sin thog sinn fearann. B’ e beinn anabarrach ard a bh’ ann, agus chunnaic sinn gu ’n robh baile-mor ris a chladach aig bonn na beinne. O’n a thachair gu ’n robh smuid mhath air a’ ghaoith cha robh sinn fada ’ruighinn na h-acarsaid. Cho luath ’s a dh’ acraich sinn chaidh mi gu tir gun fhuireach ri m’ pheathraichean. Ghabh mi direach gu geata ’bhaile, agus chunnaic mi moran dhaoine mar gu’m biodh iad a’ dion a bhaile. Bha cuid dhiubh ’nan seasamh agus cuid nan suidhe, agus airm aca ’nan lamhan. Bha leithid de chruth uamhasach air an aghaidhean ’s gu ’n do ghabh mi eagal mor. Ach thug mi ’n aire nach robh iad a gluasad no carachadh, agus ghabh mi misneach gus a dhol air m’ aghart. An uair a chaidh mi na bu dluithe dhaibh chunnaic mi gu ’n robh iad uile air an tionndadh gu cloich. Chaidh mi steach do ’n bhaile, agus choisich mi troimh chaochladh shraidean, agus bha h-uile duine a bha mi ’faicinn air a thionndadh gu cloich. Bha ’n aireamh bu mho dhe na buithean duinte, agus far an robh iad fosgailte bha na daoine a bh’ annta ’nan cloich. Thug mi suil os mo chionn ris na similearan, agus cha robh ceo a’ dol am mach á fear dhiubh. Thug so orm a smaointean gu ’n robh muinntir a’ bhaile gu leir air an tionndadh gu cloich.
Choisich mi air m’ aghaidh troimh ’n bhaile gus an d’ rainig mi cuirt mhor cheithir-chearnach a bh’ ann an teis-meadhain a’ bhaile. Sheall mi mu’n cuairt orm, agus chunnaic mi geata mor briagha air a chomhdach le or, agus e fosgailte. An uair a chaidh mi dluth dha thug mi ’n aire gu’n robh cuirteanan de shioda ro riomhach sgaoilte an taobh a staigh de’n gheata. Mar an ceudna bha cruisgean laiste an crochadh os cionn a’ gheata. An uair a bheachdaich mi gu math air an aitreimh mhoir so thuig mi gur e luchairt an righ a bh’ ann; agus o’n a bha ioghnadh mor orm nach do thachair duine beo rium anns a bhaile, chaidh mi steach air a’ gheata, ann an dochas gu ’n tachradh neach eiginn rium ris am bruidhninn. An uair a chaidh mi steach cha robh duine beo ri fhaicinn. Bha ’n luchd-gleidhidh ’nan seasamh fo’n cuid armaibh; ach bhà iad uile ’nan cloich. Choisich mi gu taigh anabarrach briagha bha fa m’ chomhair, agus dh’ aithnich mi gu’m b’ e taigh-comhnuidh na ban-righ a bh’ ann. Agus an uair a chaidh mi steach, cha robh duine beo ri ’fhaicinn anns an t-seomar. Ghabh mi air aghart o sheomar, gu seomar gus an d’ rainig mi seomar a bha anabarrach briagha. Chunnaic mi a’ bhan-righ ’na suidhe ann, agus crun oir air a ceann, agus griogagan daoimein m’ a h-amhaich, agus a h-uile te dhiubh a cheart cho mor ri cno.
Sheas mi car uine far an robh mi, agus bheachdaich mi le tlachd ’s le ioghnadh air gach ni a bh’ anns an t-seomar. Cha ’n fhaca mi riamh seomar anns an robh innsreadh a leith cho briagha ris. Ged a thoisichinn ri innseadh gach ni a chunnaic mi anns an t-seomar cha b’ urrainn dhomh cainnt a chur air.
An uair a chaidh mi ’mach as an t-seomar so, chaidh mi troimh chaochladh sheomraichean eile anns an robh innsreadh anabarrach maiseach. Mu dheireadh rainig mi seomar mor, farsuinn anns an robh cathair oir a bha gle ard, agus i air a deanamh maiseach le iomadh seorsa de neamhnaidean agus de chlachan luachmhor. Ghabh mi ioghnadh mor an uair a chunnaic mi an lainnir a bha ’tighinn o mhullach na cathrach. O’n a bha toil agam fios fhaotainn co as a bha ’n lainnir a’ tighinn, chaidh mi suas air na ceuman staidhreach a bha direadh thun na cathrach, agus chunnaic mi daoimean a bha cho mor ri ughostrichair mullach na cathrach. Cha robh ’n smal no ’n sgaineadh bu lugha air, agus bha ’n lainnir a bh’ as cho soilleir ’s gu’n robh i an impis mo fhradharc a thoirt uam.
Bha coinnleir oir le coinneil cheireach laiste, ann air gach taobh dhe ’n chathair; ach cha robh mi ’tuigsinn ciod am feum a bh’ orra o nach robh duine beo ri fhaicinn anns an taigh. Ach air a shon sin cha b’ urrainn dhomh gun bhith ’smaoinntean gu’n robh neach eiginn anns an taigh a chuireadh feum orra.
O’n a bha na dorsan uile fosgailte chaidh mi troimh iomadh seomar eile anns an robh moran ionmhais, agus chuir gach ni a chunnaic mi a leithid a dh’ ioghnadh orm ’s gun deachaidh an uine seachad gun fhios dhomh. Mu dheireadh thainig an oidhche. Thug mi ionnsuidh air tilleadh an taobh a thainig mi; ach cha b’ urrainn domh amas air an rathad. An uair a chunnaic mi nach rachadh agam air faighinn am mach as an taigh, chuir mi romham gu ’n cuirinn an oidhche seachad anns an t-seomar anns an robh na coinnlean laiste. Chaidh mi steach ann agus leig mi mi-fhein ’nam shineadh air langsaid. Ach ged nach robh creutair beo ri ’fhaicinn anns an taigh, bha beagan eagail orm.
Mu mheadhain oidhche chuala mi guth duine mar gu ’m biodh e ’leughadh a Chorain. Thug so toileachadh mor dhomh, agus ghrad dh’ eirich mi as an aite ’s an robh mi ’nam shineadh, agus thug mi leam fear dhe na coinnlearan a bh’ anns an t-seomar, agus chaidh mi a dh’ ionnsuidh an t-seomair anns an robh mi cluinntinn a’ ghutha. Sheas mi aig an dorus, agus leig mi an coinnleir air an urlar. Sheall mi steach air uinneig, agus thuig mi gur e seomar-aoraidh a bh’ ann. Bha da chruisgean agus da choinneil laiste ann. Bha duine og, dreachar ann, agus e leughadh a’ Chorain. Thug so toileachadh mor dhomh. Ghabh mi ioghnadh a chionn gu ’m b’ e an aon duine beo a bh’ anns a’ bhaile, agus an sluagh eile gu leir air an tionndadh gu cloich.
O ’n a bha ’n dorus leth-fhosgailte chaidh mi steach, agus thog mi mo ghuth agus rinn, mi urnuigh mar so: “Moladh gu robh dhut a Dhe, a thug dhuinn an turus fabharrach, agus ma ’s e do thoil e deonaich dhuinn do dhion agus do ghleidheadh gus an till sinn air ar n-ais do ar duthaich fhein. Eisd rium, O Thighearna, agus thoir dhomh freagairt.”
[Vol . 6. No. 20. p. 3]
Thionndaidh an duine og ’aghaidh rium agus thuirt e, “Mo dheadh bhean-uasal, tha mi ’guidhe ort innis dhomh co thu, agus ciod a chuir do ’n bhaile fhasail so thu? Mu ni thu so, innsidh mise dhut co mi-fhein, ciod a thachair dhomh, c’ar son a tha sluagh a’ bhaile air an cur anns an staid anns am bheil thu ’g an faicinn, agus c’ar son a tha mise ’nam onar beo, slan.”
Ann am beagan fhacal dh’ innis mi dha co as a thainig mi, c’ar son a thainig mi do ’n bhaile, agus gur e fichead latha ’thug an long air an rathad. An sin dh’ iarr mi air innseadh dhonh ciod a b’ aobhar gu’n robh sluagh a’ bhaile gu leir, ach e fhein ’na onar air an tionndadh gu cloich; ni a chuir mor-ioghnadh orm.
“Mo dheadh bhean-uasal,” ars’ esan, “dean foighidin car tiotaidh.” An uair a thuirt e so dhuin a an Coran, agus phaisg e seachad gu curamach ann an aite tasgaidh e. Fhad ’s a bha e ’deanamh so bha mi ’gabhail beachd air, agus thug mi an aire gu’n robh e ’na dhuine ro thlachdmhor ri ’fhaicinn, agus thuit mi ann an gaol air. Thug e orm suidhe laimh ris; agus mu’n do thoisich e ri labhairt rium, cha b’ urrainn mi gun a radh ris ann an guth a bha ’nochdadh gu’n robh tlachd agam dheth, “A dhuin’ -uasail thlachdmhoir, do ’m bheil gradh aig m’ anam, is gann a tha dh’ fhoighidin agam na dh’ fheitheas ri fios fhaotainn mu thimchioll nan nithean iongantach a chunnaic mi o’n a thainig mi do ’n bhaile so; tha toil mhor agam fios fhaotainn mu ’n chuis gun dail sam bith. Innis dhomh gun dail ciod e ’mhiorbhuil leis am bheil thu fhein beo an uair a tha gach neach eile marbh.”
“A bhaintighearna,” ars’ esan, tha mi ’g aithneachadh gu’m bheil eolas agad air an aon Dia bheo agus fhior; oir chuala mi thu ’g urnuigh ris. Innsidh mi dhut nithean iongantach mu thimchioll a mhorachd agus a chumhachd. B’ e am baile so ceanna-bhaile na rioghachd aig m’ athair. Bha m’ athair agus sluagh na rioghachd gu leir ’nan draoidhean, agus bha iad a’ deanamh aoraidh do ’n teine, agus do Nardoun, an righ a bha thairis air na famhairean a rinn ar-a- mach an aghaidh Dhe. Ged a bha m’ athair ’s mo mhathair ’nan luchd iodhol-aoraidh, bha mise air m’ fhoghlum ’nam oige le aon aig an robh eolas air an Dia fhior. Dh’ ionnsaich mi an Coran air mo theangaidh, agus thuig mi gach mineachadh a chaidh a sgriobhadh air. Air an doigh so fhuair mi eolas air an aon Dia bheo agus fhior an uair a bha mi gle og. Agus an uair a thainig mi gu aois, thuig mi gu lan mhath nach eil Dia eile ann ach e, agus gur e gliocas agus dleasdanas gach duine aoradh is umhlachd a thoirt dha.”
(Ri leantuinn.)
’Nuair a tha càraid a pòsadh ann an Iapan, cha ’n eil aca ri dheanamh ach cupa ti òl cuideachd agus tha ’n snaim ceangailte. Agus tha ’m pòsadh an uair sin a cheart cho seasmhach ’sa tha e anns an dùthaich so.
A’ Ghaidhlig.
Tha iomadh linn ’us bliadhna ’nis o’n thoisich daoine ’bhi ’g radh gu robh canain nan Gaidheal air leabaidh a bais, agus gu bitheadh i ann an uine ghearr ann an tir na di-chuimhne ’s na samhchaire. Tha Uilleam Mac Seathunn(Shaw) ,a sgriobh a’ cheud gramar Gaidhlig, ag radh anns an Roimh-radh, nach robh, ma dh’ fhaoidte, ceithir daoine ann an Albuinn a sgriobhadh Gaidhlig anns an aon doigh do bhrigh gu robh gach sgoilear ’us ministeir a’ leantuinn a thoil mhath fein, agus nach robh e ’toirt geill no umhlachd do reachd ceart no pongail air bith. Tha e ’g radh gu muladach, gu robh na ministeirean, ged bha iad ealanta ’s sgileil air iomadh doigh eile, caoin-shuarach mu na Ghaidhlig, agus mar so, nach robh coig ministeirean anns an dùthaich gu leir, d’ am b’ abhaist an searmoinean a sgriobhadh ann an Gaidhlig no ’nan canain fein. Is e sgeula tiamhaidh agus fior-mhuladach, a tha aig Mac Seathunn ri innseadh, bho cheann corr maith ’us ceud bliadhna. Thubhairt caraid nan Gaidheal, Tormoid Mac Leoid, ann an Leabhar nan Cnoc, anns a’ bhliadhna 1832: “Na creidibh iadsan a tha ’g radh gu bheil a’ Ghaidhlig air leabaidh a bais. Tha i co slan, laidir, urail, agus a cuisle co fallain ’s a bha i riamh; agus ged thachradh e gum biodh i air a fogradh a h-Albuinn am maireach, tha farsuingeachd agus fasgadh a’ feitheamh oirre taobh thall do ’n chuan mhor, far am bheil cheana na miltean d’a muirichinn fein, a dh’ fhailticheadh agus a dh’ altrumaicheadh i le solas.” Tha e soilleir gu leoir gur e Canada gu sonruichte ’bha am beachd a’ Ghaidheil ghasda, dhileis, a sgriobh na briathran ud, agus a nochd dochas co seasmhach agus co teoma. Is maith a tha fios aig MAC-TALLA gu d’ fhuair a’ Ghaidhlig aoidheachd ghrinn, fhaoilidh, fharsuing ann an Canada, ’us gu d’ eirich anns an dùthaich uir so iomadh ceatharnach a bha ’s a tha fior-mheasail air a Ghaidhlig, agus ùr-labhrach agus luath-shiubhlach ann am feum gleusda ’dheanamh de ’n canain a bha fileanta, muirneach, ’us aighearach ann an Seallama ’n uair a bha Fionn ’us Oisein ’us laoich eile na Feinne beo, meamnach, agus togarrach. Tha Donnachadh Ban Mac-an-t- Saoir ag radh gu firinneach:
Bu mhor am beud gu ’m basaicheadh
A’ chanain a’s fearr buaidh,
’S i’s treis thoirt greis air abhachd,
’S a h-uile ait ’n teid a luaigh.
’S i ’s fearr gu abhar-ghaire,
’S i ’s binne, blaithe fuaim,
’S i ceol nam piob ’s nam clarsach,
Luchd-dhan ’us dheanamh dhuan,
Tha ’Ghaidhlig beo, lughmhor, fathast, agus tha iomadh bard ’us sgoilear easgaidh, a’ deanamh dichioll duineil, airson a feartan ’us a buaidhean a chuir ann an uidheam ni ’s fearr na rinneadh riamh roimhe. Ma tha grian na Gaidhlig a’ tearnadh gu ’leabaidh anns an iar, tha cairdean lionmhor, eudmhor, blath-chridheach aice a dhearbhas le ’n treise ’s le ’n durachd, nach ann do bhrigh nach robh cairdean daimheil comasach aice, a fhuair i bas, ma gheibh i bas, agus cha ’n fhaigh i bas, re iomadh latha ’s gealach fhathast. Tha gramar an deigh gramair ’g a thaisbeanadh fein, agus a’ deanamh luaidh air na doighean pongail ceart anns an coir do ’n Ghaidhlig a bhi air a labhairt agus air a sgriobhadh. Tha e ’nis gle fhurasda do gach Gaidheal eolas iomchuidh fhaotuinn air gach beus ’us boidhichead a bhuineas d’a chanain, ann an coimeas ri canainean aosmhor, iongantach an t-saoghail. Chuir Donnachadh Reid, a tha ’teagasg na Gaidhlig ann an sgoil-ard Ghlascho, gramar beag, pongail, a mach bho cheann ghoirid. Chuir an lighiche Mac Ill-iosa—an Gaidheal dileas smiorail, ann am baile mor Lunnainn—an ordugh gramar Gaidhlig eile. Lean e gu dluth gramar an Ollaimh Alasdair Stiubhart; sgoilear co ealanta, agus Gaidheal co aillidh, mor-chuiseach, ’s a thog a Ghaidhealtachd riamh. Cha ’n eil a’ Ghaidhlig gun chairdean laghach, lamhach, sgileil, ann am baile mor an t-saoghail. Tha Mac Ill-iosa airidh air cliu ’s onoir, oir rinn e agus tha e ’deanamh, saothrach mhaith, luachmhoir, am measg nan Sasunnach, as leth canain ’us abhaistean nan Gaidheal. Tha tlachd aig MAC-TALLA ’bhi ’g innseadh daonnan gu bheil ar canain a’ faotuinn meas ’us miagh a tha fior-thaitneach ann an Lunnainn fein.
Tha laoidhean milis, crabhach, air an seinn a nis gu durachdach, ait, anns gach eaglais. Chaidh laoidhean agus dain spioradail a dheasachadh leis an urramach Gilleasbuig Mac Caluim. Is maith agus is ro-mhaith curamach agus teoma a dh’ eadar-theangaich sgoilearan beusach, tapaidh, na laoidhean agus na dain a tha air an cur le cheile ann an leabhar dealbhach, agus a tha ’nochdadh cia co oirdheirc ’s a tha ar canain airson moladh a thabhairt do Dhia, ’s cia co foghluimte, geur-inntinneach ’us crabhach, ’s a tha moran de na Gaidheil. Carson nach seinneadh na Gaidheil na laoidhean ’us na dain so anns an eideadh ghrinn, Ghaidhealach a tha iad a nis a giulan, ann an aoradh an Tighearna far am bheil na Gaidheil cruinn agus Gaidhlig air a searmonachadh?
Ann an Albuinn, a bhos us thall, an sud agus an so, tha comunn ag eiridh gu tric, agus tha buill a chomuinn a deanamh, mar a rinn moran diu cheana, dichioll ’us oidheirp onorach, ann a bhi ’trusadh agus a’ cur ann an eideadh taitneach, duain ’us orain nam bard a bhuineadh do ’n choimhearsnachd aca fein anns na laithean a bha ’s a dh’ aom. Ni mi iomradh, ma dh’ fhaoidte, ann am MAC-TALLA fathast, air na gniomharan caoimhneil a tha iomadh comunn a’ deanamh. Mur bitheadh aig a’ Ghaidhlig neart ’us beatha ’s aghartachd nach eil aon chuid gann no faoin, cha bhitheadh feachd gaisgeil, dichiollach, de chairdean glic, curanta, aice am measg a cloinne fein. Thugadh gach Gaidheal ann an Canada aoidheachd agus cuideachadh fiughanta, toileach, agus saoibhir do MHAC-TALLA.
CONA.
[Vol . 6. No. 20. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ‘Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton
SIDNI, 12 NOBHBMBER, 1897.
(Air a leantuiun o thaobh 153.)
t-each-iaruinn, agus dhùisg am fuaim fear de na h-Eirionnaich. A leithid sid cha chual’ e riamh; fuaim chuidhlichean, an fhideag a’ séideadh, an smùid ’s na sradagan; cha robh fhios aige gu de bu chiall daibh, agus chuir an t-eagal ’na leithid de bhreislich e ’s gu robh an t-each-iaruinn, le riadh de charbadan na dheigh, air a dhol seachad mu ’n do smaoinich e air a bhràthair. An sin ruith e null far an robh e, ag eigheach, “Duisg! Duisg!” “Ge de tha cearr a Phadruig?” arsa bhràthair. “ ’S iomadh rud sin,” arsa Pàdruig; “tha iad a’ cur an droch-àite air imrich, agus tha cheud lòd dheth direach air a dhol seachad.” Sin an obair a thatar a deanamh aig Acarsaid Mhargaree an dràsda; thatar a cur na droch obair air imrich agus chaidh a cheud lòd a chur gu Hogamah Di-ciaduin s’a chaidh—da fhear-creic deoch làidir. ’S iad minister agus sagart na h-Acarsaid a chuir mu dheobhainn a’ ghnothuich, agus rinn iad gu math e. Chaidh càin ceud dolair a phàigheadh leis na ciontaich, ach cha toir sin idir air ais beatha mac na bantraiche bochda a rinn an stuth a bha iad a’ creic a bhàthadh ann an Amhuinn Mhargaree toiseach an fhoghair.
AN CUAIRTEAR.
(Ri leantuinn.)
LUINNEAGAN LUAINEACH. —Fhuair sinn an leabhar so á Lunnainn o chionn ghoirid. ’Se ’s ùghdar dha an Lighiche Iain Mac Griogar a tha ’na Iar-Chòirneal anns an arm Bhreatunnach, agus a tha ’n deigh cuairt a chur air roinn mhor de’n t-saoghal. A’ siubhal ann an tiribh céin, thòisich an Leodhasach gasda ri bàrdachd air son cànain a dhùthcha a chumail ’na chuimhne, agus rinn e àireamh mhath òran. Tha an leabhar gle thlachdmhor, agus bheir sinn cunntas na’s miona na so air fhathast. Gheibhear aon de na h-orain a th’ ann gar taobh eile dhe’n phaipear so.
Chaidh mort gràineil a dheanamh ann an Rawdon, an Cuibeic, Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh. Bha triùir pheathraichean agus bràthair air am mort gu brùideil le ’m bràthair bu shine, Tomas Nulty. Bha am pàrantan air falbh o’n tigh aig an àm, agus tha e coltach gu ’n deachaidh Tom agus an te bu shine dhe pheathraichean bhar a chéile, agus gu ’n do mharbh e le tuaigh i anns an t-sabhal. Chaidh an darra te a chuideachadh a peathar agus mharbh e ise cuideachd, ’s an sin chaidh e do ’n tigh ’s chuir e crioch air a phiuthar a b’ òige ’s air a bhràthair, a bha feuchainn ri iad-fhéin fhalach air. Dh’ aidich e a chionta do ’n mhaor an deigh a ghlacadh. Bha an teaghlach, uile a reir sgeòil, de ghnè shuarach, bhrùideil, agus gun a bhi moran na b’ fhearr na na beothaichean. Cha do chuir an gniomh oillteil gruaman mor sam bith air na pàrantan. Bha na h-igheanan a chaidh a mhort 18, 16, agus 14 bliadhna dh’ aois, agus an gille 9 bliadhna. Tha am mortair bliadhn’ air fhichead.
Ann an Orangedale, feasgar Di mairt s’a chaidh, an deigh tinneas fada, chaochail Alasdair D. Mac Neill, air an robh moran d’ar leughadairean gle eòlach agus air an robh mor mheas aig na h-uile d’am b’aithne e. Bha e ’na dheagh sgoilear, agus bha e dol d’an cholaiste ann an Kingston air son na ministeirealachd ’nuair a thòisich a thinneas. Bha e na dheagh bhàrd, agus dh’ fhàg e moran bàrdachd sgriobhte a tha sinn an dòchas a bhios an ùine ghoirid air a chur an clò. Mu thoiseach na bliadhna so chuireadh a mach leabhran beag de chuid bàrdachd a choisinn deagh ainm dha. Dh’ fhuiling e moran tinneis o chionn còrr us bliadhna air ais, ach tha e nis anns an Dachaidh Bhuan air son an robh e ullaichte, agus far nach cuir tinneas no cràdh dragh air na’s mò. Chaidh a thoirt air falbh ann làithean òige; cha robh e ach eadar seachd us ochd bliadhna fichead a dh’ aois.
Chaidh tigh le fear Tulloch, faisg airCole Harbor,mu dha mhile mach áDartmouth , N. S. , ’na theine oidhche Di-satharna s’a chaidh. Bha sianar anns an tigh aig an àm, agus iad uile ’nan cadal. Dhùisg bean an taighe ’nuair a bha ’n teine air faotainn air adhart gu math, agus thug i rabhadh do chach. Fhuair ceathrar dhiubh a mach, ach bhaMaria Walker,piuthar do bhean an taighe, agus pàisde beag, aois thri miosan, air an losgadh gu bàs. Ghoirticheadh Tulloch agus a bhean gu dona; cha bhiTullochfhéin air chothrom gluasaid gu ceann àireamh mhiosan.
Tha Uilleam Buchanan, mac do’n t-Siorram Buchanan, am measg a sheann chairdean anns a’ bhaile so o chionn mios. Tha e fhéin ’sa theaghlach, a bha so a chuid bu mho dhe’n t-samhradh, an dùil falbh Di-màirt s’a tigh’nn. Tha Mr. Buchanan ag obair an oifis clo-bhualaidh anFree Pressann am baile Winnipeg o chionn choig bliadhn’ deug. Tha a bhràthair Ruairidh ag obair anns an oifis cheudna o chionn naodh bliadhn’ deug.
MacCoinnich & Co.
Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh
ANN AN LOUISBURG,
agus tha sinn aig an àm cheudna a’ cumail air adhart air an t-seann laraich,
ANN AN SIDNI.
Aodaichean Matha dhe gach seorsa. Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.
Theid sinn an urras air an obair.
Mac Coinnich & Co.
Tha sin a gleidheadh so do
C. P. MOORE,
SIDNI, C. B.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seor sa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. A seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.
THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHAN “EUREKA” air a cheart phris air am beilear ’g an creic aig na muillin.
Tha Factoridh Eureka air aon de’n fheadhain a’s fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar a’ deanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.
Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.
Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. MacFhionghain, Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitche’s Creek.Tha mu dheichair fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha ’n deigh a chlòimh chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.
[Vol . 6. No. 20. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Tha ceithir siorrachdan ann an Cuibeic a tha gun fhear-parlamaid aig an àm so. Tha taghadh gu bhi aca am màireach.
Chaidh càin a chur air fear Johnston, ann anNew Brunswickair an t-seachdain so air son martmoosea mharbhadh. Tha aige ri ceud dolair a phàigheadh, air neo tri miosan a chur seachad anns a’ phriosan.
Tha e car iongantach gu bheil na tuathanaich ann an Eilean a’ Phrionnsa a’ fhaotainn 28c am buiseal air a bhuntàta, agus gu robh soitheach ann an Sidni air an t-seachdain s’a chaidh ’ga chreic air 25c am buiseal. Ach tha e fior gu leòr.
Tha uisge mor air tuiteam o chionn deich no dusan latha. Roimhe sin bha tiormachd mhor ann, agus bha an talamh gle fheumach air an uisge. Tha an t-side fuireach gle bhriagha; cha’n eil fior mhoran de choltas a gheamhraidh oirre fhathast.
Tha ’n talla ùr a thatar a togail do Chomunn nan Daoin’ Oga ri bhi air a fosgladh Di-luain s’a tighinn. Tha e ’na thogalach briagha a tha cur maise air a’ chuid sin de ’n bhaile anns a bheil e. ’S fhiach e ’nuair bhios e ullamh mu shia mile dolair.
Thatar a’ meas gu’n dòirt mu dha cheud mile sluaigh do’n Chlondaic toiseach an earraich. Ma tha sin fior, faodaidh an còrr de’n chinne-dhaonna fuireach aig an taighean. Cho math ’s gu bheil an Clondaic, bheir da cheud mile duine an droch ruith air.
Tha caraid an Eilean a’ Phrionnsa ag innse gu robh an t-side anabarrach briagha ann an sin air a mhiosOctober, cho briagha ’s nach eil cuimhn’ aig na daoine ’s sine tha ’san dùthaich air a leithid fhaicinn. Bha am buntata car gann am bliadhna, ach thatar a’ faotaìnn pris mhath air, 28c am buiseal, pris a tha fad air thoiseach air pris na bliadhna ’n uiridh. Tha e ’g radh cuideachd gu bheil sgadan beag, reamhar, gle phailt ann an cuid de na h-aibhnichean, agus gu bheil na h-iasgairean gu trang ’g an glacadh air son a gheamhraidh.
Tha eaglais St. Andrew’s a nise uallamh, agus tha i ri bhi air a fosgladh la na Sàbaid s’a tighinn. Searmonaichidh an t-Urr Mr. T. Jack, á Sidni Tuath innte ’sa mhaduinn ann am Beurla, agus an t-Urr. Mr. Forbes ann an Gailig; cha ’n eil fhios fhathast co bhios air ceann na seirbheis ’s an oidhche. Bi’dh an t-Urr. Mr. Gale a’ searmonachadh innte oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh seachd. Tha an eaglais, o’n chaidh a meudachadh, ag amharc gle mhath. Bha an obair air a sàr dheanamh, agus bidh comhfhurtachd aig a choithional innte nach robh aca roimhe.
Bha cruinneachadh aig òigridh Orangedale agus taobh deas Amhuinn Dhennis ann an tigh-sgoile Amhuinn Dhennis air oidhche Di-luain, a cheud latha de ’n mhios so. Bha òrain, ceòl agus leughaidhean aca, agus chuireadh am feasgar seachad gu toilichte. Bha na h-òrain ’s na leughaidhean ann an Gàilig ’s am Beurla, agus bha iadsan a thainig ’g an éisdeachd gle riaraichte leotha. Bha ceòl fidhle air a thoirt seachad le Padruig Mac Gill-fhaollain, á Orangedale. Aig a’ cho-dhùnadh labhair an t-Urr. Iain Ròs, ministear a pharaiste, agus Domhnull Domhnullach, á Beinn a Mharmoir, a bha ’sa chathair. Chuireadh suim mhath airgeid cruinn, agus chaidh a thoirt mar ghibht do Niall Domhnullach, a tha dhith a fhradhairc o chionn àireamh mhor bhliadhnaichean. Chuala leughadairean MHIC-TALLA bho Niall Domhnullach roimhe so, agus tha dochas againn gu ’n cluinn iad uaithe fhathast. ’S math an doigh a ghabh iad air an t-Samhuinn a chumail, agus tha sinn’ gle thoilichte gu ’n d’ thug iad a h-urram fhéin do ’n Ghàilig.
Chaidh soitheach-seòlaidh a ghlacadh air AmhuinnSt . Lawrenceair an t-seachdain s’a chaidh air an robh fiach ceithir mile dolair de stuth làidir a bh’ air a smugladh.
Chuir mèinneadairean na Mèinne Tuatha ceithir cheud ’s seachd dolair dheug air fhichead ( $437 ) cruinn air son cuideachadh le muinntir Windsor. Tha sin na ’s fhearr na rinn mèinn sam bith eile, ged a rinn càch uile an cuid fhéin gu math.
Cha d’ fhuaireadh sgeul fhathast airMr . Anslowa chaidh air chall ann anNewcastle , N. B. ,o chionn dha no tri sheachdainean air ais. Tha e doirbh a chreidsinn gu bheil e beò, ach tha cuid de chàirdean nach d’thug suas an dùil fhathast.
Di-màirt s’a tighinn bidh an t-Urr. M. A. Mac-a- Phearsain, sagart a Bhras d’ Oir Bhig, air a bhi anns a’ pharaiste sin coig bliadhna fichead. Tha muinntir a’ pharaiste agus a chàirdean eile a tha lionmhor a’ dol a chumail an latha air dòigh a nochdas do ’n uasal urramach an deagh dhùrachd dha.
Chaidh an stor anns an robh Tearlach Mac Leòid ri ceannachd ann anGlace Bay, ’na teine oidhche Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh. Chaidh an teine chasg ach bha e ’n deigh call nach bu bheag a dheanamh. Chaill Mr. Mac Leoid ’na leabhraichean, agus nithean eile a chuireas a bhi ’g an dith call mor air.
Thainig tuathanach ann anNew Brunswickdhachaidh an oidhche roimhe ’san daorach air. Fhuair e sgian agus mharbh e muc mhor bhriagha bh’aige, ’s an sin ghearr e sgòrnain an eich ’sa choin. Bha an t-each anabarrach measail aige. Anns a’ mhaduinn ’nuair a chunnaic e an obair a rinn e, thug e mhionnan gu’n sguireadh e dhe ’n òl gu buileach.
Tha Iain D. Rockfeller, duine beairteach, fialuidh, a th’ ann anNew York, a tairgse coig mile deug dolair do Oil-thigh Acadia, ann a’ Wolfville , N. S. ,air chumhnant gu’n cuir càirdean an Oil-thigh iad fhéin cruinn tri fichead mile dolair romh thoiseach Nobhember 1898. ThaMr . Rockfeller ’na dhuine a tha deanamh feum mor leis an t-saoibhreas a tha fo ’laimh.
’Se duine ainneamh a dhiùltas airgead no beairteas ’nuair a bhios e ’na thairgse, ach tha fear dhe ’n t-seòrsa sin an dràsda ann anNew York.Thainig dileab is fhiach deich mile fichead dolair air, ach ged nach eil de theachd-an-tir aige ach na ni e air an obair-latha, tha e ’cur roimhe nach gabh e gnothuch ris. Tha e riaraichte gu leòr leis an t-suidheachadh anns am bheil e.
Iadsan a Phaigh.
An t-Urr. I. C. Mac Ille-mhaoil, D.D. , Cardigan ,E. P. I.
Calum Mac Gill-fhaollain, St . Georges,E. P. I.
Domhnull Mac Gill-fhaollain, St . Georges,E. P. I.
Aonghas Mac Gill-fhaollain, St . Georges,E. P. I.
M. D. Domhnullach, St . Georges,E. P. I.
Donnachadh Mac Coinnich Amhuinn Mhitchell, E. P. I.
Uisdean A. Mac Ille-mhaoil, South Finch, Ont.
Aonghas Mac Fhionghain, Skye P. O.
Bean Eachuinn Dhughlaich, Exeter , N. H.
Raonailt Dhomhnullach, Exeter , N. H.
Iain N. Peutan, Cleelum , Wash.
Domhnull Mac Coinnich, Glaschu, Alba.
Eachunn Mac Gilleain, Bridgetown , N. S.
Micheil L. Mac Fhionghain, Lakevale , C. B.
Micheil I. Mac Ille-mhaoil, cul Cobh a Bheabheir.
Domhnull M. Mac Neill, EileanChristmas . $1 .50
Tormad D. Mac Neill, Benacadie. $1 .50
Domhnull Martuinn, Orangedale ,35c
Ioseph S. Mac-a- Phi, Pòn Mor. 25c
M. R. Mac Aonghais, Amaguadus Pond. 25c.
Iain Mac Gill-fhinnein, Port Morien.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
’Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .35
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte.
Sgriobh gu
J . G. MACKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney, C. B.
J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsa ’s fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B.
BADDECK, - - C. B.
Airson a stor a dheanamh na ’s deiseile ’s na ’s feumaile dhaibhsan a tha ’deanamh gnothuch ris, tha
Albert I. Hart
a’ nise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha a’ chuid sin de ’n ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am Boston ’sanNew York.Gheibh iadsan a thig g’a h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDECK , - - C. B.
BATHAR UR.
Moran de Churaicean Geamhraidh, eadar 10c. us $5 .00.
Brogan matha saor.
Ti mhath mar a b’ abhaist.
Beagan de Cheannachd Thioram.
Olla 25c. an galan; 5 galain air $1 .00.
NIALL DOMHNULLACH,
BADDECK , - - C. B.
[Vol . 6. No. 20. p. 6]
An Mod Gaedhealach.
(Irisleabhar na Gaedhilge.)
An cuigeadh lá deug de mhi Mheadhóin an Fhoghmhair tionóladh an seiseadh Mód i n-Inbhear Nis. B’é sin an cheud uair thainig luchd cosanta na Gaedhilge i nEirinn agus i nAlbain d’aon láthair os comhair na coitcheanntachta. Do chuir Connradh na Gaedhilge Padraig Mac Cathmhaoil, an leabhróir, agus Eoin Mac Neill, fear eagair an Irisleabhair seo, ar an teachdaireachd so go hAlbain. Do cuireadh fós ann E. E. Fournier mar theachdaire ó ’n bhFeis Ceoil. Do cuireadh ó n-a Breatnachaibh a mbàrd féin, J. T. H. Thomas.
Tosuigheadh obair an Mhód ’san Halla Ceoil ar a deich a chlog ar maidin. Is é ba cheannphort do’n choimhthionól Tearlach Mac-an-Tóisich, LL. D., árd-uachdarán an chumainn Ghaedhealaigh. Tar a éis do an óráid tionnsganta do thabhairt, do ghlaoidh sé ar na teachdairibh. Do léigheadar so na dileagartha thugadar leo, agus rinne gach fear beagán cainte uaidh féin. Gaedhilg do bhi ins an dá dhileagra ó Eirinn, mar ba dhual. Ni’l dileagra na Feise Ceoil ar láimh againn. Dá mbiodh do chuirfimis i gclo go toileamhail é. Is é seo dileagra Connartha na Gaedhilge mar leanas:—
DILEAGRA
DO LUCHD RIARTHA AN MHOID GHAEDHEALAIGH O LUCHD RIARTHA CONNARTHA NA GAEDHILGE AGUS AN OIREACHDAIS I N-EIRINN.
Ma ta dhá chineadh ar dhruim an domhain d’ar còir cáirdeas agus ceangal dlùth bheith eatorra, is iad Gaedhil na h-Eireann agus Gaedhil na hAlban.
Dá n-abradh neach an meud sin sa’ triomhadh ceud bliadhna roimhe seo, chuirfeadh an ràdh iongantas mor air na daoinibh go léir. Budh chuma é, dar leo, no a rádh gur chòir do chloinn an aon mhàthar bheith ceanamhail ar a chéile.
Ni he sin e amhain, acht is cóir dhuinn aon rùn agus aon intinn amhain do bheith againn leith ar leith i dtaobh na neithe bhaineas leis an da chraoibh mhora so de “Chineadh Scuit” go coitcheann.
O’n cheud là cuireadh rioghachd na hAlban ar bun, anuas go dti dha cheud bliadhan o shoin, ni raibh cineadh sa’ domhan chomh teann meanmnach àrd-aigeanta muinighneach asta féin leis an gcineadh Ghaedhealach. D’a chomhartha sin féin, ni raibh aon chineadh is mo chuir spéis agus suim ina dteangaidh na ina litridheachd na iad. Ni raibh ’san Eoraip teanga na litridheachd fuair oiread de chùram agus de chothughadh agus de chaon-duthrachd o n-a haos dàna fein le teangaidh agus litridheachd na nGaedheal ar feadh na haimsire sin.
Acht is corrach an nidh an saoghal so. Thionntuigh an roth, agus na daoine agus an teanga bhi le ceudtaibh bliadhan fa airdchéim agus fa anòir, thuiteadar anuas go faon, agus fagadh le haimsir fhada fa smàl agus fa dhearmad iad.
Ta an roth ag gabhail timcheall aris. “Thainig anam i nEirinn.” Ta an smaoineadh so ag dul i meud agus i dtreise ag muintir na hEireann o lo go lo, gur mòr an naire dhòibh, mur dtugaidh siad gan mhoill fa n-a gclù féin, a n-ainm, a dteanga, a litridheachd, a gceol, agus gach nid eile bhi fa mheas ag a sinsearaibh, do chosaint agus do choimhead ar bhàs agus ar bhaoghal go deo.
’Sa teangaidh dhuthchais is eadh mhaireas anam an chinidh. Ma cailltear an teanga, cailltear an t-anam.
Buidheachas mor le Dia, ta an teanga Ghaedhealach chomh beo brioghmhar againn i nEirinn as bhi si riamh. Thréig a làn i, acht nior tréigeadh ar fad i, agus an mhuintir lean di, leanadar fós d’a bhrigh agus d’a blas.
An rùn agus an intinn seo ata againn i nEirinn, ni ’l amhras againn nach bhfuil siad agaibhse i nAlbain chomh maith ceudna. Tuigimid an meud sin leis an gcuireadh chairdeamhail seo fuaramar uaibh.
Beirimid beannachd chugaibh o Eirinn, an bheannachd Ghaedhealach sin is binne agus is dilse agus is cumhachdaighe de bheannachdaibh an domhain. Go mbuadhaidh Dia libh!
Tabhartha fa n-ar làimh-ne ar son Connartha na Gaedhilge.
Eoin MacNéill, fear eagair Irisleabhair na Gaedhilge.
Padraic MacCathmhaoil.
An 14adh là de Mheadhon Fhoghmhair, 1897.
Tosuigheadh annsin ag tabhairt breitheamhnais ins na comòrtasaibh. Bhi tri cinéil diobh ann, ceol, léughthoireachd, agus litridheachd. Ni’l de shlighe againn annso leir-chunntas do chur sios ar na comortasaibh. Ni chualamar agus ni fhacamar dadamh de’n litridheachd, acht thaitin na ceolta agus na leigheachda go mor linn. Nuair bhi an Ghaedhilg Albanach d’a leughadh, thugamar fa deara go raibh eidir-dhealughadh mor idir i agus ar gcanamhaint féin; acht nuair cuireath guth léi sa’ cheol, nior shamhluigh si bheith chomh neamh-chosmhail le Gaedhilg na hEireann.
Cuireadh stad air an obair, ar feadh dha uair sa mleadhon lae. Thug uachdaran an Mhòid cuireadh d’a raibh i làthair, idir breitheamhain, luchd comortais, luehd riartha an Mhòid, teachdairi, agus sluagh mor nach iad, fa theachd ’na dhàil féin go Loch Airdill, ata tuairim agus mile o’n mbaile mor, an ait i n-ar fearadh failte agus féile go fairsing flaitheamhail rompa. Bhi uain againn annsin ar bheith ag caint le cheile. Chuir se iongnadh mor orainn an meud eolais do bhi ag cuid aca ar Ghaedhilg na hEireann agus ar cheol na hEireann. Is iomdha fear ann do bhi ag ceannach an Irisleabhair seo, agus ’ga leughadh gach uile mhi. Nior stadadar riamh ag cur ceasd orainn i dtaobh na Gaedhilge, agus i dtaòbh mar bhi an saoghal ag éirghe léi i nEirinn. Bhi dha cheud no tri cheud duine againn ar fhaithche an tighe moir. Bhi coisdi ar tuarasdal ag an righ-fhear Mac-an-Toisich, ’g-ar n-iomchur o’n mbaile mor amach agus ar ais. Piobairi ag seinnm ceoil duinn, dream de’n aos òg ag gabhail abhran, agus “taitneamh na gréine orainn, aosda is og,” an fhaid do bhiomar ag taisdeal na mbòthar agus na sràid; agus an baile mor amuigh ag feuchaint orainn.
Bhi cuirm cheoil ann am thrathnona. Bhi Tighearna Lobhait, taoiseach Cloinne Fraiseir (ni’l a fhios againn an bhfuil na hanmanna so ’na gceart againn), ag riaghlughadh na cuirme mar uachdaran. Fear òg dathamhail bhi ann, agus é gleusta sa’ mbreacan, eudach duthchais na nGaedheal Albanach, mar bhi urmhòr na ndaoine uaisle eile do bhi i lathair. Na daoine rug buaidh in gach comortas ceoil ar maidin, bhiodar ag gabhail an cheoil cheudna dhuinn sa’ tràthnòna. I gcaitheadh an lae sin ar fad nior gabhadh acht abhrain Ghaedhilge, acht amhain duan na Bain-rioghna i ndeireadh na dala.
Do casadh orainn i rith an lae, gan tràchd ar ar ainmnigheamar cheana, na daoine uaisle seo leanas: Ian Mac Aodha o Hereford i Sasanaibh, fear fìor-Ghaedhealach gan fiar gan cam; lamh cho-thuighthe na Gaedhilge ’n-a thìr féin, agus ni hannamh thug se congnamh do chùis na Gaedhilge i nEirinn; Eanraic Mac ’Ille-bhàin, ar a dtugthar “Fionn” mar chomhainm, litridhe leigheannta i nGaedhilg na hAlban; a dhearbhràthair-sean, Ian Mac Ille-bhàin, chomhnuidheàs i nInbhear-Nis; an t-uasal urramach Tomas Sinton; Ian Mac Aodha, fear eagair anCeltic Monthlyi nGlaschu; Ian Mac-an-Toisich, fear dlighidh, ba runaidhe do’n Mhòd; Calum Mac Phartholain, sgribhneoir Gaedhilge; A. S. Mac Giolla-brighde; Alasdair Mac-Bain, fear sgriobhtha an tSanasain Albanaigh; Alasdair Mac Coinnich, fear eagair do’nScottish Highlander;fear eagair anHighland Newsi nInbhear-Nis; an major A. C. MacCoinnich, o Maryburgh, etc.
Bithear ’ga mheas i nEirinn, ag corr-dhuine go hairithe, go bhfuil aigneadh dùr doicheallach ag an urmhòr de luchd leighinn na Gaedhilge i nAlbain i dtaobh Gaedhilge na hEireann agus i dtaobh luchd leighinn na hEireann. Tig linn a radh nar airigheamar a bheag na a mhor de’n aigneadh sin ag aon duine d’a ndubhramar thuas na ag aon Albanach eile. Ta dòchas làidir againn go bhfeicfimid iad go leir ’n-ar measg i nEirinn, an cheud uair eile bhias an tOireachtas d’a thionol againn, no uair éigin eile, muna féidir sin.
O bhi teachdaire ann o’n bhFeis Ceoil, agus fear fiùntach geur-chùiseach dob’ eadh
[Vol . 6. No. 20. p. 7]
e fein, ni fulair go mbeidh a fhios feasda ag luchd stiurtha na hoibre sin nach gceadochadh na hAlbanaigh oiread agus aon abhran amhain do ghabhail tre Bheurla, acht duan na Bainrioghna nach bhfuil atharruighthe go Gaedhilg aca go foill is docha. Da dtugadh muintir na Feise leath na n-abhran duinn i nGaedhilg, nior mhòr linn dòibh an leath eile, agus duan na Bainrioghna ’na gceann, do thabhairt do ’n dream ata gan duil sa’ Ghaedhilg.
Ni maoidhte do mhuinntir na hAlban ar a shon sin. D’airigheamar cuid mhòr aca idir uasal agus iseal ag labhairt Gaedhilge le ’chéile, acht nior leig a leisge d’aon fhear aca Gaedhilg do labhairt ar an sgalan os comhair caich. Chuir seo iongnadh mor orainn. Is ar éigin is féidir teanga do chur fa mheas ag an geoitcheanntacht ar aon tslighe is fearr na a labhairt os ard os camhair na coitcheanntachta, go mor mhor ma ’s iad luchd an eudaigh chaoil a labhras i. Tuigimid-ne an sgeul sin go maith i nEirinn agus ni stadfamaoid choidche acht ag gearan agus ag geur-chasaoid, chomhfhad ta’s leantar de’n nos so ag sior labhair Beurla amhain as comhair an phobail i n-ait ar bith i n-a bhfuil Gaedhilg ag na daoinibh. Ma striocaomoid fein do’n Bheurla os comhair an tsaoghail, is fanach an obair dhuinn bheith ’ga iarraidh air na daoinibh gan striocadh dho sa’ bhaile, ar sgoil, ar aonach, no cibé obair ar ambid. Acht ta intinn na nGaedheal d’a neartughadh le tamall, agus i gceann tamaill eile le congnamh Dé, ni bheidh leisge ar aon-duine fa chùl do thabhairt le n-a shamhail sin de dhroch-nos lag-mheasach, daor-chroidheach meata mi-fhearamhail.
Nior mhaith linn comortas do thogail idir Thadhg agus Domhnall, acht ni fheudfamaoid an sgeul do sgaoileadh tharainn gan trachd ar bhuaidh amhain ata ag an mbuidhin thall orainn féin, .i. tuilleadh litridheachd bheith fa chlo aca de ’n chineal is oireamhnaighe mar adhbhar léighte do ’n choitcheanntachd. Fuaramar tri leabhair Ghaedhilge ata tar éis a gclobhuailte i nAlbain, agus nior fheudamar gan a radh linn féin gur mor a naire agus a thruaighe dhuinn gan a samhail do bheith againn i nEirinn.
“How to read Gaelic”dob’ ainm do cheann aca. Ian Mac ’Ille-bhàin agus Alasdair MacBain do chuir i n-eagar é. Da mbiodh a leitheid do leabhran againn-ne ni bhiadh le deunamh againn acht a chur i làimh Gaedhilgeora, agus an chùis d’fhàgail faoi féin uaidh sin amach.
“Leabhar na Ceilidh(e) ” is ainm do’n dara leabhar. Eanraic Mac ’Ille-bhàin do dheasuigh é. Sgeulta gearra grinn agus abhrain agus danta ata ann.
“Sgeulta Arabianacha” (The Arabian Nights)an treas leabhar. Ni’l aon cheann aca ro-mhor na ro-dhaor, agus ni’l ionnta acht Gaedhilg na ndaoine.
Cia sgriobhfas no dheasochas duinn roinnt leabhar Eireannach mar iad?
Oran na Spainntich.
Chuala mis aig m’ athair gu’m b’e Forsair Choir-an-Shith a rian Oran na Spainntich; ’s gu’m b’e Gilleasbig Domhnullach a b’ ainm dha, agus gu’n do rugadh e mu ’n bhliadhna 1720. Bha gunna aige an toiseach ris an canadh e Nighean Ruairidh agus b’i a dhiult dha lasadh ri udliche cabrach nan cròc. A reir mar thuirt e fein, bha i aige corr us ochd bliadhna deug. Fhuair e an Spainnteach mu’n àm a bha Diuc musach Chumberland a creach nan Gaidheal, 1746.
Bheir mi dhuibh Oran na Spainntich mar a dh’ ionnsaich mi bho m’ athair e o chionn corr us tri fichead bliadhna.
Gur h-i bean mo ghaoil an Spainnteach
Ghleidh mo naire rium ’s mi ’m aonar
Nuair tharlach dhomh bhi ’nam éiginn
’S mi chuideachd ort fein ’san aonach.
Ni mise dichioll ma’s àill leat
Dheanamh réite riut mar dh’ fhaodas
Dean-sa gniomh cho math ’sa b’ àbhaist
’S cha ’n iarr mi gu bràth do chaochladh.
Theirig-sa mu ’n cùl gu h-eòlach
’S na bi deònach air am fuadach,
Sir a ghaoth is rinn an talamh
’S rach neo-aineolach mu’n cuairt doibh,
Luidh gu h-eòlach air an t-socair,
Leig ort iad mu’n cuir thu suas mi,
Smeid a choirag ’s caog an t-sùil rium
’S bheir mi lughs bho fhear an nullain.
Beannachd dhuit air son do gheallaidh,
Somalta mi dhe do sheanchas,
Gur a tu mo leannan falaich
Anns a ghleannan ’sam bi far-bhoc.
Ghleidh mi roimhe a feachd an righ thn
Nuair a thog iad cìs na h-Albainn,
D’ altrum bho ’n uair sin gu mùirneach
’S ann an diugh tha ’chùis ri dhearbhadh.
Gu de ’chùis a bhiodh tu ’g iarraidh
Nam b’ fhiach i nach fhaodte tobhairt,
’S gur caomh-dheas leam ceir no ceann dhiu
Ach aon bhall dhiu thigh’nn mu’m chomhair,
So a chreubh ’sam bheil na dh’ fhoghnas
Beag no mor ga ’n cuir thu romham.
Cha bhi h aon dhiu slan bho dhorninn
Ged charadh tu coig dhiu coimheart.
Chairich mi beul air an t-socair
’S cha b’e sid mo dhosgainn anmach
Thainig mac na sonn fo dos-bheul
S e gun fhiamh feadh fochair garbhlach,
Mar annsa leat breug no firinn
Bheirinn m’ fhacal fein nach d’ fhalbh e.
Nuair a las am fùdar cluaise
’S gann a chual e fuaim na mharbh e.
Bha mi ’n sin gu h-eangach, ialach,
Sgiamhach, riachach, riabhach, fuileach,
Gu h ionadail, armail, ordail,
Gu stob-bhirach, ceòlar, iomairt,
Gu gruamach, maragach, staogach.
B’ fhada dh’ fhairte gaoth mo theine
’S b’e chuid mhor de dh’ aobhar m’ iomagain
Gu’m bu phailte cuirm no gillean.
Thug mi greis an sin ’am aonar
’S mi ri smaointean air a mhanran,
Mar bha sean-fhacal ag innse
Mo chleachduinnan fein ’gan àichadh.
Their iad mu bhios fear na bhantraich
Nach fhaigh e samhladh na dh’ fhàg e.
’S mise thuirt gu’n robh iad breugach
’S tha mi ’n so ’s mi ’n deigh a ràdhinn.
Tha mi ’n so ’s mi ’n deigh a ràdhinn,
An deigh a cheud te fhuair mi thréigsinn.
Shiubhail mi machair na Galltachd
Fiach a faighinn samhla ni’ chéille,
Cha robh i ann fhad ’s a dh’ fhalbh mi
An Sasunn, an Albainn, no ’n Eirinn,
Gus an d’ fhuair mi as an Spàinnt i—
Soiraidh slan do m’ athair ceile.
Gu mu slan do m’ athair ceile,
Ghleidh e dhomh ’s mi ’m eiginn leannan
Leis an siubhlinn beinn us eudan,
’S leis nach biodh mac eilde fallain.
Gu’m bu tric a tholl mi bian leat,
B’e mo mhiann bhi leat a falach
’S ma bhios tu beo leth-choig bliadhna
Dh’ fhaodte nach bi fiallach falamh.
Buaidh us beannnchd pailt us buannachd
Air an lainmh bho ’n d’ fhuair mi ’n Spainnteach,
Nuair a bha mi air mo bhuaireadh
Duail nach fhaighinn luach na dh’ fhag mi,
Cheangail mi riut snaidhm nach fhuasgail
Air a chiad Di-luain de ’n ràidhe,
’S ged bu taitneach bha Nighean Ruairidh
’S teann mu ’s i na fhuair mi ’s taire.
ALASDAIR AN RIDGE.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-Tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.
Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C. B.
Indurated Fibreware
Tha an seòrsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fhiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire.
THE
E. B. EDDY Co
LIMITED
HULL, CANADA.
[Vol . 6. No. 20. p. 8]
Am Bodach Bochd.
LEIS AN LIGHICHE IAIN MAC GHRIOGAIR.
’S tric mi smaointean ’am aonar
Air gach aonach us gleann,
Anns am b’abhaist dhomh sineadh
Sios fo dhidean nam beann;
Ann an laithean faoin m’oige,
’S mi bu ghoraich bhiodh ann,
Ge do dh’fhas mi nis aosda,
’S mi air caochladh nach gann,
’Na m’ bhodach bochd.
Thogainn fonn feadh na frithean,
A bhiodh finealta, binn,
’S ghabhainn oran beag, gorach,
A bhiodh ceolmhor ri sheinn;
Dheanainn ceilear us comhail
Ris na h-oighean bu ghrinn,
Mas do dh’fhag mi tir m’ eolais
Gu bhi seoladh nan tuinn,
’Na m’ bhodach bochd.
Thogainn siuil ris a’ bhata,
Nuair a b’abhaist dhomh strith
Ris na companaich ghradhach,
Leis ’m bu naire bhi sgith;
’S chuirinn cop ris an t-sroin aic’,
Dh’fhagadh broinean gun bhrigh,
Ged a nochd tha mi bronach,
Leis cho leonta ’s tha mi,
’Na m’ bhodach bochd.
Caite nis bheil na fiurain
A bha dumhail, deas, cruaidh,
Chuireadh ruaig agus sgiursadh
Air gach duthaich le buaidh?
Na fir ghreimeanta, laidir,
Do ’m bu mhalda leam gruaidh,
’S a rinn m’ inntinn ro chraiteach,
Le bhi ’n trath so ’g an luaidh,
’Na m’ bhodach bochd.
Tha cuid mhor de na seoid ud
Anns gach cearnaidh fo’n ghrein,
Tha cuid eile fo ’n fhoid dhiubh,
’S cuid rinn bronach mi fein,
Iad bhi ’n dumhlachd na doimhne,
Measg nan tonn ’an tir chein,
’S och, gur tursach mo chuimhne,
’S mi ri caoidh nam fir threun,
’Na m’ bhodach bochd.
Faire, faire, mo mhaighdean,
A bha caoimhneil, gun ghruaim,
Thogadh solas us aoibhneas
Suas air m’ inntinn le d’ stuaim;
’S beag a shaol mi, mo mhuirninn,
Anns an uin a chaidh bhuam,
Bhi ’na m’ thruaghan crom, crubach,
Nach dean sugradh no fuaim,
’Na m’ bhodach bochd.
’S tric a sheinn mi binn oran,
Do ’m bu cheolmhora fonn,
Do mo ribhinn, thar moran
Do ’m bu bhoidhche leam conn;
’S ged do sheol mi cian aite,
Air feadh bharcaich nan tonn,
Cait’ an d’fhuar mi riamh, caite,
Oigh cho aluinn, trom donn?
’Na m’ bhodach bochd.
Ged tha ghrian air mo rosdadh,
Agus m’fheol air fas fann,
Togam orm gu tir m’eolais,
’S togam seol ris gach crann;
Gu bhi fagail nan Innsibh,
Suas gu tir nan ard bheànn,
Tir mo roghainn ’s mo shinnsear,
Gu tir riomhach nan gleann,
’Na m’ bhodach bochd.
Tha mo chiamhag air liathadh,
Tha mo cheann air fas maol,
Tha gach bliadhna ’g am bhliathadh,
’S tha mo sgiamh air fas caol;
Ach gu ’m basaich gach iarraidh,
’S theid gach miann bhuam fo sgaol,
Chaoidh cha chaochail gu siorruith
Mo mhor mhiann dhut ’s mo ghaol,
’Na m’ bhodach bochd.
Dhe, a chruthaich an saoghal,
Nach ro fhaoin e mar cheo?
’S nach e daoine tha baoghalt,
Bhi toirt gaol do na sgleo?
A theid seachad mar sgaile,
’S mar tha ’n dain do gach beo
Searg ’s an uir no ’s an doimhne,
’S cha bhi cuimhne ni’s mo
Air BODACH BOCHD!
Cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA. Cha ’n eil e cosg ach dolair ’sa bhliadhna, agus gheibh thu na tha gun ruith dhe ’n bhliadhna so a nasguidh.
FAICEALL
a mhuinntir òga, cha mhair na suilean boillsgeach, no na gruaidhean dearga sin agaibh fada ma bhios tinneas stamaig oirbh. Ma tha sibh gòrach ’s ma tha sibh a nise air ur cradh le cion-cnamhaidh, gairmibh g’ur cuideachadh an lighiche tapaidh sin, K. D. C. Cuiridh e ruaig air an nàmhaid, agus aisigidh e lathaichean briagha, sona dhuibh. Bu chòir K. D. C. a bhi anns gach tigh, oir leighsidh e gach seòrsa tinneas stamaig.
Sampuill de K. D. C. ’s de naPillsa nasguidh.
K . D. C. Company Limited, New Glasgow, N. S, & 127 State St., Boston, Mass.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG—Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar duthcha tha ’nar beachd
NIALL Mac FHEARGHAIS,
Taillear.
SIDNI - - - - C. B
$1 .00 air 80c.
Tha tuilleadh ’sa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dh’ airgead. Thig mu ’m bi ’n t-am seachad agus
FAIGH BARGAN.
McDonald Hanrahan & Co.
Sidni, Iulaidh 16, ’97.
FLUR AGUS MIN
direach as na muillnean.
(Ann am barailtean, leth-bharailtean agus cairteil.)
TI, SIUCAR, TOMBACA, etc.
Am bathar a’s fhearr air na prisean a’s isle an coinneamh AIRGEID.
ALASDAIR MARTUINN.
Sidni, C. B., Sept. 1, 1897.
title | Issue 20 |
internal date | 1897.0 |
display date | 1897 |
publication date | 1897 |
level | |
reference template | Mac-Talla VI No. 20. %p |
parent text | Volume 6 |