[Vol . 6. No. 21. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH, CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
VOL. VI. SIDNI, C. B., DI-HAOINE, 19 NOBHEMBER. 1897. No. 21.
Litir a Ontario.
FHIR-DHEASACHAIDH: —Bha stoirm mhor shneachda againn an so oidhche Di-luain an ochdamh là de’n mhios so. Bha ’n sneachda mu throigh a dhoimhneachd anns a choille. ’S fhada bho nach robh bliadhna againn a bha sinn cho fada gun sneachd fhaotainn. Thainig a cheud fhras bheag air an 29mh là deOctober. Bha side bhriagha ann air son gach ni a dheanamh. Tha cuid a fhuair moran treabhaidh a dheanamh, ach tha cuid eile nach do rinn a bheag sam bith. Tha e furasda gu leòr do ’n mhuinntir aig am bheil an comas gach ni a dheanamh mar is àill leotha, ach am fear aig nach eil an comas no cuideachadh bidh e air dheireadh anns gach ni.
Ma ta, ’se so seann oidhche shamhna, ach cha’n eil iomradh oirre aig an òigridh ’san dùthaich so. ’S iomadh bodach glas a bhiodh a mach ’san t-seann dùthaich air an oidhche so de’n bhliadhna ri cluich ’s ri gòraiche ni bu mho na tha aig an òigridh a tha beò a nis ’san dùthaich so; ach ged tha muinntir againn nach do chleachd a bhi ri cluich air amanna sònruichte de ’n bhliadhna, a smaoineachadh gu’n robh iad gòrach a bhiodh ri ’leithid sin, bu làidir ’s b’ fhallain iad na muinntir na dùthcha so. Cha mhor a tha ri fhaotainn de na seann daoine còire—tha iad air falbh a dh’ iunnsuidh na dachaidh bhuan.
Chaochail an duine a thog a cheud bhothan ’sa bhaile bheag so (coig agus dà fhichead bliadhna air ais), fo cheann tri seachdainean. ’Se Iain MacAmhlaidh a b’ ainm dha. Bha e ceithir fichead agus tri bliadhna a dh’ aois. Rugadh e ’san eilean Ileach. Chaochail bantrach Dhughail ’Ic Aonghais air an t-seachdain s’a chaidh, aois ceithir fichead ’us coig bliadhna. Rugadh i ’san eilean Mhuileach. Chaochail mar an ceudna Bean Uilleam Dhòmhnullaich, a rugadh ann an Uidhist, aois tri fichead ’sa deich; agus moran eile nach eil àit agam an ainmeachadh an tràs.
Bha ’n t-Urramach D. A. Mac’Illeathain a searmonachadh againn ’san eaglais Chléirich da Shàbaid. Shearmonaich e ann an Gàidhlig air an t-Sàbaid s’a chaidh, agus bha moran de luchd na cainnt bhriagha, bhlasda sin a mach ’ga éisdeachd.
Bha mi ’g éisdeachd còmhraidh an oidhche roimhe eadar Dùghal Greusaiche agus Dotair Hilton. Bha Dùghal a dearbhadh dha nach e cànain idir a bh’ anns a Bheurla, nach robh i ach air a goid bho’n a h-uile cànain eile, ’s nach b’e sin do’n Ghàilig ach gu’n robh i air a deanamh suas a neo-ar-thaing air gach cànain eile. Bha ’n Dotair a’ tigh’nn a mach le facail mhora bheurla a leigeil ris gur i a chainnt a tha ’riaghladh na dùthcha. Ach cha chluinneadh Dùghal a bhi cur sios air a Ghàidhlig idir.
Bha mi a leughadh litir “Iain” á Alba agus ’s math a tha i air a cur an òrdugh. Ach beagan taing dha air a shon sin, oir thug e fad na bliadhna a trusadh naigheachdan. ’S math leis cluinntinn o mhuinntir eile, ach gun e fein a sgriobhadh ach uair ’sa bhliadhna. Mo nàire, Iain chòir! Feuch a ris an ùine ghoirid, agus na bi coltach ri “Gilleasbig Beag” agus an duine dubh. Bha ’n duine dubh ri ùrnuigh ’sa choinneamh ’s e cur a mach briathran mora làidir, agus aig ceann a h-uile rann a chuireadh an duine dubh a mach, theireadh Gilleasbig;— ’S beag a ni thu féin dhe sin.
Bha coinneamh aig naReformersann am baile Dhurham an la roimhe air son fear ainmeachadh gu ruith air son Parlamaid Ontario, anns an t-siorrachd so(Grey) . ’S e Eirionnach d’ an ainmMorgana thagh iad. Tha Mr MacNichol a ruith a ris air son namPatrons ,agus gu cinnteach ruithidh naConservativesfear, oir tha iad a faicinn rathad mor eadar an dithist eile air son iad a dh’ imeachd air gu réidh.
Tha ’n t-àm agam a nis sgur, oir tha àm codail ann agus bidh mi leisg air éirigh ’sa mhaduinn mur teid mi a luidhe an am. Slàn leibh. Is mi ur caraid,
IAIN MAC-ILLEASBUIG.
Priceville , Nov.11, 1897.
Facail a Margaree.
Tha ’n t-side gle fhliuch, fuar, bho chionn corr ’us seachdain, agus tha na rathaidean air fas gle dhona. Tha ’n geamhradh ga nochdadh fhein ’lion beag ’us beag.
Chaochail boirionnach—Màiri Dhomhnullach—an so air an t-seachdain a chaidh seachad, air an robh mor mheas aig na h-uile ’chuir eòlas orra. Bu nighean i do Chaiptean Ailean Mac Ruari, nach maireann. Bha i na boirionnach caoimhneil, blath-chridheach ri gach neach, agus cha ’n fhaca duine riamh gruaman oirre. S iomadh aon a bhios a g’ ionndrainn “Màiri bheag Ailean.”
Bha Domhnull agus Alasdair a marbhadh mairt dhuin’ -uasal araid bho chionn ùine gun a bhi fada. Rug Alasdair air cheann air a mhart, agus bhuail Domhnull i. Thuit a mart, rud a bha ceart gu leor dhi dheanamh. Riach iad an amhach aice; dh’ fhosgail iad cuisl’ oirre, agus leig iad aisd’, air leo, an fhuil gu leir. Thoisich iad an sin air riachadh nan casan aice, gus a feannadh, ach thug a mart cruinn leum aisde, air a casan bha i, agus a mach a thug i. Ruith Domhnull as a deigh, rug e oirre, agus ghlaodh e ri Alasdair a chuideachadh. Ach ghlaodh Alasdair aird’ a chinn, “Bi cuibhteas i Dhomhnuill, tha ’n droch spiorad innte.” Ged a bha lamhan Dhomhnuill an greim, cha robh a theanga, agus fhreagair e, “Cha ’n eil cion spioraid oirre, co-dhiu tha e math na dona.” Coma co dhiubh, nuair a ghlac Domhnull a mart ghlac Alasdair misneach agus le cuideachadh ni math fhuair iad a mart a chiosnachadh. Thuirt iad a sin ri cheile nach cluinneadh duine gu brath mar a thachair, ach sùil g’ an d’ thug iad faicear Iain Aonghais Ailean seachad an rathad agus e call a chli sa [ ? ]chdaich . “O,” ars Alasdair, “seall mac na mollachd. Bidh so ’sa MHAC-TALLA.” Sin mar a thachair do Dhomhnull agus do dh’ Alastair, agus ma bhios duin’ air bith a feorach co aige chuala sibh e, faodaidh sibh a radh gur ann aig
CASSIE.
Thionndaidh Sasunnach a chaidh a dh’ fhuireach do Cheylon, na Mhahometanach, agus an sin phos e bean eile, Ban-Sasunnach a bha i-fhéin air tionndadh gu creideamh an fhàidh-breige. Chuir a cheud bhean an sin a stigh air son litir-dhealachaidh. Thagair esan gu robh còir aige, mar Mhahometanach, air a bhi pòsda ri àireamh cho mor de mhnathan ’sa thogradh e, ach air do’n chùis a dhol gu cùirt, chaill e. Rinn na breitheamhan a mach nach robh coir aig Breatunnach a bhi pòsda ach ri aon bhean, ge b’e de ’n creideamh a bhiodh e ’g aideachadh.
A DHURACHD. —Aon latha bha grunnan de luchd-obrach a bruidhinn mu’n fhear a bha ’g amharc thairis orra, agus bha iad a’ gearan gu mor air cho cruaidh ’sa bha e orra. “Gu de do bharails’ air, Alasdair?” arsa fear dhiubh ri fear eile nach robh ag radh facal. “Mise,” ars’ an duine sàmhach, “O, cha’n eil mise ’guidhe olc sam bith a thighinn air; ach b’ fhearr leam gu’m faodte radh uime mar a chaidh a radh mu Enoch o shean— ’Agus cha robh e ann, oir thug Dia leis e. ’”
[Vol . 6. No. 21. p. 2]
SEUMAS I.
Chaidh Seumas I. agus a’ bhan-righ a chrùnadh ’an Scoinn’ air an ceud là fichead de cheud mhios an t-samhraidh, 1424, agus rùnaich e co luath ’s a shuidh e air a’ chathair toiseachadh air ath-leasachadh a thoirt air aghaidh feadh na rioghachd gu h-iomlan. O bhàsaich rìgh Raibert bha na cinn-fheadhna na ’s na h-àrd uaislean air fas co ceannasach ’s nach tugadh iad ach an tomhas ùmhlachd a thogradh iad féin do’n lagh shìobhalt. Bha ’chaid mhòr dhiubh sud a’ gabhail brath air an-fhainneachd nan rìghrean a lean ’na dhéigh-san, agus ni’s ro mhò na sin air an dà thàinistear. Chuir Seumas roimhe nach giùlaineadh e le sud ni b’ fhaide; an dara cuid gu’n cuireadh e fodha na ceannaircich ud, no gu’n cuireadh iadsan esan fopa. Fhuair Seumas ’an Sasunn am foghlum a b’ fhearr a bha ri fhaotainn ’s an linn ud, agus bha comasan inntinn aige mar dhuin’, air son feum a dheanamh dheth na chunnaic ’s na dh’ fhoghlum e. Thoisich e gu riaghailteach ach gu h-eagallach air obair an ath-leasachaidh. Ghairm e Pàrlamaid cruinn ’am baile Pheirt, air son comhairl’ a thoirt mu nithibh a bhuinneadh do’n rioghachd. ’N uair a bha iad uil’ air tional, agus gu deas-bhriathrach, ’s gu neo-umhaileach a’ comh-labhairt mu ciod bu chòir a dheanamh, chuairtich feachd armaicht’ an tigh ’s an robh iad cruinn, ’s chaidh sea duine fichead de na morairean co cumhachdach ’s a bha ’s an tìr a ghlacadh ’s a chur ’am priosun. ’N am measg sin bha Murchadh, Diùc Albani, agus a dhithis mac, agus Iarla Lenocs, ’athair-céile. Aig an àm cheudna, bha buidheann shaighdearan air an cur air leth gu ionnsuidh a thoirt air na daighnichibh làidir a bh’ aig cuid de na morairean bu cheannairich am feadh a bha iad féin o’n bhail’ aig a’ Phàrlamaid. Agus o nach robh smuaineachadh sam bith aca roimh laimh air ciod a bha ’s an amharc aig an rìgh, fhuair e sealbh air na caistealaibh ud uile gu furasd’, ’s gun dòrtadh fola. Chuir ealamhachd nan gluasad sin eagal ’us uamhas air moran a bha cleachdta ri bhi ’cur an neo-shuim òrdugh sam bith a gheibheadh iad o rìgh no o Thàinisteir. Chaidh Diùc Albani, a dhithis mhac, agus athair-céil a dhìteadh, agus an cur gu bàs còmhladh, leis a’ cheann ’chur dhiubh. Bu ghniomh cothromach gun teagamh, ceud Diùc Albani a thoirt gu deuchainn, ’s a dhìteadh gu bàs; thoill e sin. Ach bha esan air dol far nach ruigeadh dioghaltas duin’ air. B’ iad na na cùisean dìtidh a bha ’n aghaidh an Diùc agus a chuid mac gu’n d’ rinn iad mi-ghnàthachadh air an ùghdarras rioghail ri àm dha bhi ’na Thàinisteir. Ach tha daoin’ a’ cur an teagamh gu’m bu ghniomh ceart a mhac ’us mic a mhic a chur gu bàs air son nithe ain-dligheach de ’m feudadh iad a bhi ciontach. Bha na h-òganaich na’n daoinibh àrda, flathail, ’s bha tomhas de chomh-fhulangas ri fhàicinn a measg an luchd-amhairc ’n uair a chuireadh na cinn diubh.
Ach ’n uair a dhirich Iarla Lenocs an sgalan, ’s a chuir e a cheann air an ealaig, thàinig goirseachadh ’us grath a measg an t sluaigh, a bha ’taisbeanadh gu’n robh iad diombach. Bha ’n t-Iarla ceithir fichead bliadhna, ’s bha ’fholt air gealadh. Bu shealladh sgreataidh a leithid de cheann fhaicinn làn fola; agus cha ’n fhurasd a dheanamh a mach a nis ciod na coirean a bha ri ’n cur as a leth.
’An deigh laghanna maith fhaotainn troimh ’n Phàrlamaid, chuir rìgh Seumas aghaidh air a’ Ghàeltachd, a bh’ air dol dheth a rian buileach, le cleachdaidhibh mi-laghail cuid de na cinn fheadhna. Ghairm e coinneamh Pàrlamaid ’an Inbhernis, ’s a’ bhliadhna 1427, agus chuir e fios air na cinn-fheadhna Ghàelach a b’ ainmeil’ iad ’ga choinneachadh ’an sin. Bha Aonghas Dubh MacAoidh Shrath-nàbhair air togail mòran creich’ ’an cearn’ àraidh de Ghall-thaobh goirid roimhe sud. Chuir e féin ’us dream lionmhor a’ mhuinntir an àite sin blàr aig àite ris an abrar Harpisdail. Chaidh mòran a mharbhadh air gach taobh; ach o’n a thearuinn Aonghas féin ’us roinn mhaith de ’chuid daoine, lean e air togail chreachan mar roimhe sin. Thionail na cinn-fheadhna gu ruig Inbhernis, co dhiubh a b’ eagal peanais o’n righ na’n diùltadh iad, no dùil gu’n gabhadh e gu coimhneil riu, ’s gu’n tugadh e làn mhaitheanas doibh, a thug orra sin a dheanamh. Ach co luath ’s a chaidh iad a steach do’n talla ’s an robh ’Pharlamaid cruinn, chaidh dà fhichead diubh chur an làimh, ’s an druideadh ’am priosunaich fa leth, le òrdugh an righ. Cha ’n fhaigheadh iad cothrom aon a chéile, no aon de’n luchd-leanmhuinn fhaicinn. Bha Aonghas Dubh MacAoidh, ’us Alastair Dòmhnullach, morair nan eilean, agus a mhàthair, ban-Iarla Rois, a measg na muinntir a chuireadh ’an làimh. Chuireadh iad sin uile fo dheuchainn air son am beatha, agus chaidh an fheadhainn bu ro chiontaiche dhiubh a chur gu bàs. Fhuair Fear nan eilean ’us Aonghas Dubh cead an cois’, an deigh an cumail greis na ’m priosunaich. Ach b’ éigin do Aonghas a mhac, Nial, a thoirt seachad mar gheall air gu’n cumadh e ’n t-sith an déigh sin. Rinneadh priosunach de Nial ’s an sgeir mhara ris an abrar am Bàs, far an do chumadh àireamh bhliadhnachan e, ’s air son an d’ fhuair e ’n t-ainm Nial Basa MacAoidh. Dh’ éirich Alastair Dòmhnullach nan eilean ’an ceannairc a rìs, co luath ’s a phill an rìgh do ’n taobh deas. Thog e deich mìle duine ’s na h-eileanaibh agus an Ros; leis an fheachd làidir so loisg ’us dh’ fhàsaich e roinn mhor de’n dùthaich, agus gu h-àraidh fearann a chrùin, ris an robh fearg mhòr aige; agus loisg e gu làr baile Inbhernis, a bha na bhaile rioghail. Ach thionail an rìgh armailt lionmhor air ceann an deachaidh e ’n dara uair do’n Ghàeltachd a’ ruagadh a cheannaircich so. Thàinig e co grad air fear nan eilean aig Lochabar ’s gu ’n do ghlacadh le clisg’ e. Ach rinn Alastair air son e fein a dhionadh le còmhrag mar a b’ fhearr a b’ urrainn e. Mu ’n tàinig na laoich gu ionad tharruing lann, theich na Camshronaich agus Clann Chatain gu taobh an rìgh ’s mar a chaidh taobh Alastair a lagachadh co mor leis an treigsinn ud, cha do sheas e fad sam bith ri armailt an righ. Lean iad an t-eileanach bochd so teann ’s an ruaig ’s gu ’n d’ aithnich e nach robh dol as aige. Chuir e teachdaireachd thun an righ a dh’ iarraidh maitheanais, agus a’ gealltuinn gu ’m biodh e ’na iochdaran umhal, dileas as a dhéigh sud. Ach cha ’n éisdeadh an righ ris. Thug e teann òrdugh da chuid oifigearaibh Alastair a ghlacadh ’s gun a chur gu bàs. ’N uair a dh’ aithnich an t-eileanach nach robh dol as ann o shior leanmhuinn a luchd-tòrachd, rinn e air son e féin a thilgeadh air trocair an righ ’an doigh co iriosal ’s air am b’ urrainn e smuaineachadh. Ghoid e do Dhun-eidinn co uaigneach ’sa b’ urrainn e, agus thaisbean se e fein ’am fianuis an righ ’s na ban-righ air Didomhnuich-caisg, ann an eaglais Holirud, ’n uair a bha iad ag aoradh fa chomhair na h-altrach, air an cuartachadh le àrd-uaislibh na cùirte. Cha robh gruaig no bonaid air Alastair, no armach no breaghachd sam bith; bha ghàirdeana ’sa luirgnean dearg lomnochd. Cha robh mu ’cholain ach aon fhilleadh plaide, agus bha claidheamh rùisgt’ aige ’na laimh, agus a’ chlaidheamh air a roinn, thairg e ’n dòrn-chur do ’n righ, a’ tuiteam air a ghluinibh ’na fhianuis. Rinn a’ bhan-righ ’s na h-ard-uaislean uiread de maslachadh air an righ ’s gu ’n robh e air aomadh gu beath’ an truaghain a chaomhnadh. Ach chuir e air ball ’na phriosunach e do Chaisteal Thuntalla, fo churam Iarla Aonghais. Ach thaisich an righ goirid an deigh sin agus thug e ’shaorsainn do Alastair an deigh a chumail bliadhna ’na phriosunach. Fhuair a mhàthair, ban-Iarla Rois, a saorsainn aig an àm cheudna. Thachair so ’s a’ bhliadhna 1429.
Am feadh a bha morair nan eilean ’na phriosunach, thog Domhnull Ballach, caraid dha, feachd lionmhor ’s na h-eileanaibh, agus air tìrmòr na Gaeltachd an iar, leis an d’ rinn e moran call air feadh na dùthcha. Chuir e air theicheadh Iarla Mhàrr ’us Iarla Ghall-thaobh le àr mòr aig Inbherlòchaidh. Ach thainig feachd lionmhor a bhuineadh do ’n rìgh, air ann an sin, agus dh’ fhàg Domhnull ’armailt air a’ bhad, ’s theich e do dh’ Eirinn, far an do mharbhadh e goirid ’an déigh sin.
Ach mu ’m fàg sinn eachdraidh na Gàeltachd ’s an rioghachadh so, feudar aon saimpleir fathast a thoirt air a’ mhi-riaghailt agus an troimhe-chéil’ a bh’ anns a’ chuid sin de ’n rioghachd. Thug creachadair comharraichte d’am b’ ainm Domhull Ros, air falbh, a measg nithean eile, da bhoin o bhantrach bhochd ’an Siorrachd Rois. Ann an searbhadas a spioraid air son an fhòirneirt a rinneadh oirre, bhòidich i nach beanadh bròg da ’cois gus an ruigeadh i ’n
[Vol . 6. No. 21. p. 3]
righ, ’s gu ’n innseadh i le ’beul féin da ciod an t-ana-ceartas a fhuair i. Thainig so gu cluas bhraidein. “Is bòid bhrist’ a bhitheas an sin,” ars an t-uamhair. Thug e ma’n airidh greim a dheanamh air a’ bhoireannach, agus crùidhean eich a thairingneachadh air a bonnaibh le gobha. “Nis,” arsa Domhull, “rach do Dhuneidin co luath ’s is urrainn thu.” Cha do rinn so ach a cur thuige ni bu ro mhò gus a bòid a choimhlionadh. Cho luath ’s a shlanuich a bonnan chaidh i do ’n taobh deas. Fhuair i cothrom an righ fhaicinn, ’s dh’ innis i ’n réidh sheanachas da mar a rinn Domhull oirre. Ghrad chuir an righ òrdugh gu Siorraimh na Siorrachd ’s an robh e, Domhull a chur da ionnsuidh gu ruig Peirt. ’An ùine nach robh fada bha Domhull ’us da chompanach dheug nan seasamh air beulaobh an righ. Thugadh binn am bàis a mach. B’ e ’n dòigh bàis a fhuair Domhull féin an ceann a chur dheth. Chrochadh an dà fhear dheug eile.
Ach ged a b’ fheumail do ’n rioghachd an duinealas ’s an leth-bhreitheachd leis an robh Seumas a’ frithealadh ceartais anns gach cearna, ’s a measg gach inbhe, bha sin a’ dùsgadh suas moran mi-ruin ’us naimhdeis ’an aghaidh a phearsa féin a measg cuid air an robh an ceartas a’ deanamh greim, o àm gu h-àm. Agus thòisich cuid diubh sin a’ dol ’an comh-bhoinn a nis air son a bheath’ a thoirt deth, agus aon de theaghlach bhrathar-athar, Diùc Atholl, a chur air a’ chathair ’na àite. Bha fear àraidh, Sìr Raibeart Greumach, co dàna ’s gu ’n do chomhairlich e ’s a’ Phàrlamaid an righ a chur an làimh, ’s a chur am priosun air son co cruaidh ’sa bha e air luchd deanamh uile. Rinneadh peanas air a’ Ghreumach air son na cainnt ud, agus thugadh uaithe ’chuid fearainn uile. ’An sin rùnaich an uilebheist air dioghaltas. Theich e do bheanntaibh na Gàeltachd, ’s chuir e teachdaireachd thun an rìgh, gun do thilg e dheth na h-uil’ ùmhlachd dha, ’s gu ’n robh e ga mheas féin aig saorsainn a bheatha thoirt deth, na ’m faigheadh e ’n cothrom. Fhuair an ceannairceach ud moran eile de dhaoinibh inbheach a cho-aontaich ris an droch ghniomh. Cha do chuir an righ cùram sam bith ’s a’ bhagradh ud. Chuir e seachad a’ bhliadhn’ ùr, ’s deireadh a’ gheamhraidh ’am baile Pheirt. Cha robh àite ’s a’ bhaile sin freagarrach ris a’ chùirt a bhi ’tàmhachd ann, ach tigh mor Mhanach, a bh’ air a thogail am meadhon lis mhòir, air taobh a’ muigh a’ bhail’, agus a bha cuairtichte le dìg mhòir, dhomhainn. Bha seòmradair an righ féin ’na aon de ’n luchd comh-bhoinn. Air an fhicheadamh la de cheud mhios an earraich rinn iad air son an righ a mhortadh. Fhuair an seòmradair glasan gach rùm fa leth de ’n tigh air a milleadh, air sheòl ’s nach gabhadh aon diubh glasadh; ’s bha ullachadh àraidh aig air a dheanamh air son na spriudhairean a leigeadh a steach air an dìg ’n uair a dhorchaidh an oidhche. An uair a bha ’n righ ’us luchd-dreuchd na cùirt’ ag ullachadh air son gabhail mu thàmh, chunnacas solus neo-àbhaisteach a’ dealrachadh timchioll an tighe; ’an tiota chaidh na dorsan a thilgeadh fosgailt’ o’n taobh muigh, ’s cha robh seòl air aon diubh a dhùnadh. An uair a thuig an righ an rud a bh’ ann, ’s nach robh dol a null no nall aige, rug e air a’ chlobha, ’s reub e o ’chéile dha de na duilleagan a bha ’s an làr, ’s leig se e féin sios do thigh-làir a bha fo ’n t-seòmar. ’An deigh do ’n luchd-tòrachd cuairt a thoirt air feadh gach seòmair ’s gu’n iad ga fhaotainn, thòisich e air fas mi-fhoighidneach ’s an àite dhorch, an-shocair, ’s an robh e, agus dh’ iarr e ni-eigin air aon de bhain-tighearnan na cùirte. Thachair gu ’n tainig aon de ’luchd-tòrachd a steach do ’n t-seòmar ’n uair a bha i so agus an righ a’ comh-labhairt. Fhuaradh a mach mar sin c’àit an robh e ’s chaidh an Greumach sios do ’n tigh-làir agus dithis bhràithrean d’ am b’ ainm Hall, ’s bhuail iad air ’n an triuir gus an do lot iad gu bàs e. Mu ’n gann a bha obair nam mortairean seachad chualas feadh a’ bhaile am fuathas a bh’ ann ’s thionail daoin’ as gach cearna gu tigh nam Manach. Ach thug na mortairean an casan leò, ’s fhuair iad an oidhche sin féin do ’n mhonadh, ach fear no dithis air an d’ rugadh ’s an ruaig. Thog a’ bhan-righ, a bha iomraiteach air son maise, oirre gus na mortairean a thoirt gu ceartas, agus an taobh a stigh de cheann mios an deigh a’ ghniomh oillteil ud, cha robh aon duine dhiubh nach robh air a ghlacadh ’s air a chur gu bàs. Chaidh an Greumach agus seòmradair an righ a chur gu bas ’an dòigh a dh’ fheumadh a bhi ro sgreataidh do ’n mhuinntir a bha ’g amharc orra. B’ ann ’s an treas bliadhna deug de ’rioghachadh, agus ’s an dà fhicheadamh bliadhna ’s a tri dheth aois a chaidh righ Seumas a mhortadh. Rinneadh caoidh mhor air a shon. Agus bha aobhar aig sluagh bochd Alba a bhi ga ionndrainn. Rinn e moran laghanna maith air son nan daoine bochd a chur saor o ain-tighearnas nan uachdaran. Bha e ’na dhuine gleusta, tàlainteach an iomadh dòigh. Rinn e mòran bàrdachd, agus tha cuid dhith a th’ air a leughadh gus an là ’n diugh, ’s an taobh deas.
SEUMAS II.
Thainig Seumas II. thun na caithreach gu siochail aig bàs ’athar, agus gun e ach sea bliadhna dh’ aois. Mar a bha na h-uiread an crochadh ri treubhantas ’us neo-lethbhreitheachd an righ ’s na linnibh ud, ’s nach robh ’n t-òg righ so air tighinn gu aois gu ’n tugtadh riaghladh sam bith dha, thuit an rioghachd gu grad a dh’ ionnsuidh an troimhe chéile, ’s na mi-riaghailt a bha coitchionn roimh rioghachadh a’ cheud righ Seumas. Bha moran còmhstri ’us farmaid eadar an dithis dhaoine a bh’ air an cur air leth leis a’ Phàrlamaid air son an da dhreuchd bu chudthromaiche ’s an rioghachd, Sir Alastair Mac-an-Léigh, fear-gleidhidh pears’ an righ, agus Sìr Uilleam Craighton, àrd-riaghlair ghnothuichean follaiseach na rioghachd. Bha ’n tiodal aig Sìr Alastair ni b’ fhaisg air dreuchd na tàinistearachd, ach bha ’m fear eile a’ cumail a mach aur h-ann ri dhreuchd féin a bha na h-uile gnè riaghlaidh ceangailte. Chuir Mac-an-Léigh gairm a mach aig Crois gach baile mhòir, gu’m feumadh na h-uile dhaoin’ ùmhlachd a thoirt dhasan fo phéin a bhàis. Chuir Craighton gairm de ’n t-seòrsa cheudna mach gur h-ann dha féin a dh’ fheumadh na h-uile bhi umhail. Bha ’n còmhrag so a measg an luchd-riaghlaidh a’ meudachadh tàir dhaoine ceannairceach air gach lagh ’us riaghailt. Thachair do Chraighton a bhi ’na cheannrd air Caisteal Dhuneidin roimh bhàs a’ cheud Sheumas. Chuireadh Seumas òg do ’n daingneach laidir sin air sgàth dion an deigh bàis ’athar. Bha Caisteal Shruileidh aig Mac-an-Léigh. Agus ged b’ ann do’ n fhear so a dh’ òrduicheadh a bhi gleidheadh pears’ an rìgh, cha leigeadh am fear eil’ a mach as a dhaingneach féin e, air eagal gu meudaicheadh e cumhachd an fhir eil’ an righ a bhi air a chùram. Ach bha ban-righ Ioanna air taobh Mhic-an-Léigh, agus ’s ann aigesan bu roghnuiche leath’ a mac a bhi. Agus smuainich i air seòl a dheanamh air a ghoid o chumhachd Chraighton. Chaidh i steach do Dhun-eidin, ’s dh’ iarr i cothrom a mac fhaicinn, ’s a bhi ga fhaicinn gu tric gus am biodh fios aice gu ’n robh cùram iomchuidh ga ghabhail dheth. Thuirt i ris a’ cheannard air la àraidh gu ’n robh i air son a dhol air naomh-chuairt gu eaglais gheal Bhrechin, a dheanamh ùrnuigh air a son féin ’s air son a mic, agus gu ’m feumadh i da chist’ fhaotainn a mach as a’ chaisteal anns an robh a cuid eudaich agus a seudan. Fhuair i cead sin a dheanamh. Chuir i ’cuid eudaich ’s an dara cist’ agus a mac anns a’ chist’ eile, ’s fhuair i mar sin seachad air an luchd-freiceadain, gun an amharus sam bith a thogail. Bha i féin ’s an righ òg gu tearuint’ ’an Caisteal Shruileidh mu ’n do thuig fear Dhuneidin gu ’n tugadh a char as. Ach beagan bhliadhnachan an déigh sin, chaidh aig Craighton air a chùineadh féin a thoirt air ais do fhear Shruileidh. Bha luchd-brathaidh aig’ a ghnàth timchioll air a’ bhaile sin ag innseadh dha cionnus a bha nithe a’ dol air aghaidh. Fhuair e mach gu ’n robh ’n righ gu bhi sealg ’am Pàirc Shruileidh air maduinn àraidh, ’s gu ’n robh Mac-an-Léigh air falbh o’n tigh. Thug e leis ceud fear fo ’n armachd, ’s thug e orr’ a dhol a steach do ’n Phàirc gu folchuidh an oidnche roimhe sin. Bha ’n oidhche gu maith dorcha, ’s cha d’ fhidir neach gu ’n robh ’n fheall-fholuch air a suidheachadh. Gu maith moch air a’ mhaduinn thainig an righ a mach le tearc luchd-coimheadachd a shealg. Ghrad leum Craighton ’s a luchd-leanmhuinn as an ionadaibh foluich, ’s
(Air a leantuinn air taobh 166.)
[Vol . 6. No. 21. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, . . . $1 .00
Sia miosan, . . . .50
Tri miosan, . . . .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Publisher ‘Mac-Talla,’
Sydney, Cape Breton
SIDNI. 19 NOBHEMBER, 1897.
APortage la Prairie.
A CHARAID CHOIR. —Tha mi dol a dh’ innse dhuibh gu bheil beagan de na Gàidheil anns an àite so; ach tha a’ Ghàilig againn air fas car meirgeach, agus air an aobhar sin thòisich sinn air cumail “Céilidh” aon fheasgar ’s an t-seachdain, gu cothrom a thoirt dhuinn air a bhi bruidhinn ri chéile ’nar cànain fhéin, agus a bhi a seinn nan òran a chuala sinn ann an làithean ar n-òige. Tha mi ’cur dolar g’ad ionnsuidh air son gu’n cuir sibh am MAC-TALLA ugam air son e bhi ’g ar cuideachadh gus a mheirg a thoirt bhar ar cuid Gàilig. Tha beagan rann a rinn mi anns an aon chuibhrig ri so, agus ma shaoileas sibh gur fhiach e a chlo-bhualadh, faodaidh sibh sin a dheanamh. Mur fhiach, deanaibh ris mar is àil leibh. Tha coig bliadhna deug air fhichead o’n thainig mise do ’n dùthaich so, ogus bha mi iomadh bliadhna dhe sin nach robh mi a’ cluinntinn no a’ bruidhinn mo chainnt fhéin. Ach a nise tha mi ’n dòchas gu’m bi i fàs na’s fhearr agam, a chionn gu bheil muinntir eile an so a labhras i. Is mi ur charaid,
LAMH DHEARG.
Portage la Prairie, Manitoba,25mh de October, 1897.
Bha coinneamh anns a’ bhaile so air an t-seachdain s’a chaidh, agus mar an ceudna ann an Sidni Tuath, aig ’n do labhair Prof. Hopkins, agus B. W. Chipman mu ciod a ghabhadh deanamh gu factoridhean ime a thogail ’sa chur air obair an Ceap Breatunn. Tha factoridhean dhe’n t-seòrsa sin a’ deanamh feum mor ann an àiteachan eile, agus cha’n eil fhios car son nach biodh feadhainn air an cur air obair anns an eilean so. Tha cearnan de Cheap Breatunn a tha anabarrach freagarrach air son deanamh ime, ach air son im a dheanamh cho math ’s gu’n dean e ainm agus pris dha fhéin anns a’ mhargadh, feumar na seann dòighean a leigeadh seachad, agus dòigh ùr a ghabhail dha. Cha’n eil iadsan d’an aithne im math a dheanamh ach gann, agus air sàilleabh sin tha im nam factoridhean a’ faighinn pris moran na’s fhearr na im na dùthcha. Tha e soilleir gu leòr, ma tha tuathanaich na dùthcha so air son pàirt de’m beòthachd a dheanamh air im, gu feum iad factoridhean a chur air obair. Mur deanar sin caillidh iad air gu dona. Tha dochas againn gu’m bi àireamh fhactoridhean air an cur suas an Ceap Breatunn air an t.samhradh s’a tighinn.
Tha Sir Wilfred Laurier agus Sir Louis Davies an dràsda ann aWashington, a’ feuchainn ri tighnn gu còrdadh ri luchd-riaghlaidh nan Stàitean a thaobh nithean a tha ’cur eadar iad féin us Canada. Tha àireamh nithean dhe’n t-seòrsa sin ann, agus nam biodh am priomhair agus Davies comasach air eadhon aon dhiubh a chur as an rathad, bhiodh mhuinntir Chanada gle bhuidheach dhe’n turus: cha’n eil miann sam bith aig muinntir na dùthcha so a bhi nan naimhdean do’n t-sluagh a tha comhnuidh a deas orra, agus mar a’s luaithe bhios gach ni a tha togail aimhreit eatorra air a thoirt air falbh ’s ann a’s fhearr.
Tha iad ag radh gu bheil mèinn Ghowrie ri bhi air air a dùnadh an ùnie ghoirid. Tha mar sin da mhéinn ri bhi air an dùnadh air air a’ gheamhradh so, agus iadsan a bha deanamh am beòthachd annta air an tilgeadh á obair. Tha e gle bhochd a leithid a bhi tachairt, ach faodar a thaing a thoirt dhaibhsan a thug comas do’n chuideachd na mèinnean uile bhi fo’n laimh, gus an ni a thogradh iad dheanamh riutha. A reir coltais, cha’n eil dòigh a nise air a chùis a leasachadh; ’s fheudar cur suas leis gach ni a thaobh nam méinnean a chi na sealbhadairean iomchuidh.
DEAGH CHOMHAIRLE. —Bha gille beag ann an Glascho aon latha ’dol seachad air tigh-òil, agus a chù còmhla ris. Bha dorus an taigh-òil fosgailte, agus gu de rinn an cù bochd ’na aineolas ach a dhol a stigh. Ach bha a mhaighstir gu h-ealamh as a dheigh, ’s thug e air tilleadh a mach, aig an am cheudna a’ toirt na comhairle leanas air: “Thig a mach a Chulaidh, ’s na bi toirt maslaidh air an teaghlach le bhi dol do leithid a dh’ àite.”
Tha Murchadh Mac Rath, a bha o chionn àireamh bhliadhnaichean air ais ’na chléireach fo’n Ard-Riaghladh ann an Ottawa, an deigh an dreuchd sin a leigeadh uaithe, agus tha e nise ’na fhear cumail leabhraichean do’n Choirneal Ruairidh R. Mac Gillfhinnein, ann an Cornwall. Buinidh Mr. Mac Rath do’n eilean so.
Chaidh deuchainn a chur o chionn ghoirid air an stuth a thathas a faotainn ann an “Uamh an Oir,” ann a Hogamah, agus fhuaradh anabarrach beairteach e. Tha an stuth gle phailt, agus ma tha e uile cho math ris a’ chuid a chaidh fheuchaìnn, ni e daoine saoibhir dhiubhsan aig am bheil còir air.
MacCoinnich & Co.
Tha sinn an deigh stòr ùr tàillearachd fhosgladh
ANN AN LOUISBURG,
agus tha sinn aig an am cheudna a’ cumail air adhart air an t-seann laraich,
ANN AN SIDNI.
Aodaichean Matha dhe gach seorsa.
Gearradir air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.
Theid sinn an urras air an obair.
Mac Coinnich & Co.
C’AIT AM FAIGH MI?
Saibh, Glasan, Luaidhe, Sgeinein, Lainntearan, Sguabaichean, Paipear-tearra, Paipear-tubhaidh.
Olla, Fudar, Glaine, Siosaran, Tairnean, Bucaidean, Tuaghannan.
GHEIBH AIG
C . P. MOORE,
Sidni, C. B.
H. D. Mac Ille-Mhaoil,
Stewartdale , C. B.
Cloth,Drogaid, agus Plaideachan “Eureka.”
Mu dheich air fhichead seorsa aodaich ’ga chreic.
Cloimh air a gabhail an coinneamh Aodaich.
Ma tha thu air son aodach math deise fhaotainn saor, taghall aige neo sgriobh uige.
C . H. HARRINGTON & CO.
Flur, Min, Ti agus Siucar dhe ’n t-seorsa ’s fhearr.
Soithichean Glaine agus Creadha, math agus saor.
Brogan, Botainnean, Rubbersagus Caiseart de gach seorsa.
’GAN CREIC SAOR.
[Vol . 6. No. 21. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Tha muinntir Halifacs an deigh sia mile deug dolair a chur gu muinntir Windsor o’n chaidh am baile sin ’na theine. Chuir baileNew Yorkcoig mile deug dolair g’ an ionnsuidh.
’S e Dior-daoin s’a tighinn Latha Taingealachd. Bidh an latha air a chumail anns a bhaile so mar is àbhaist; bidh na taighean ceannachd dùinte, agus bidh seirbheis anns na h-eaglaisean uile.
Chaidh soitheach-seòlaidh a bhristeadh aig beul acarsaid Halifacs, oidhche Di-satharna, an siathamh latha de ’n mhios. Bha i air a turus á Manilla le luchd siucar. B’ fhiach i mu cheud mile dolair, agus bha i-fhein ’sa luchd air an call gu buileach.
Shil sia òirlich gu leth de dh’ uisge ann an Nobha Scotia a cheud che’ -la-deug dhe ’n mhios so, agus cha ’n eil teagamh nach do chuir na shil air an t-seachdain so òirleach no dha eile ris. Ann am miosOctober, cha do shil de dh’ uisge ach leth-òirleach.
Bha muinntir siorrachdan Richmond agus Arthabaska, an Cuibeic, a taghadh fir-pàrlamaid Di-satharna s’a chaidh. FhuairLavergne ,anliberal ,a stigh le tri ceud deug bhòt a bharrachd air an fhear a bha ruith ’na aghaich. ’Se bràthair dha a bha stigh roimhe.
Chaidh soitheach a mhuinntir Eilean a’ Phrionnsa, d’ am b’ ainm “Janet A,” a bhristeadh faisg airFox Island, N. B. ,oidhche Di-màirt air an t-seachdain s’a chaidh. Bha i luchdaichte le gràn agus buntàta. Chaidh triùir dhaoine agus dithis bhoirionnach a bh’ air bòrd a bhàthadh.
Thatar ag radh gu facas nathair-uisge mach o’n chladach eadar Mabou ’usBroad Coveair an t-seachdain s’a chaidh. Chunnacas i le iasgairean a bha mach ann am bàta, agus chuir i leithid a dh’ eagal orra ’s gu ’n d’ thug iad gu tir air ball. Tha iad ag radh gu robh coltas uamhasach air a’ bheothach a bh’ ann.
Thatar a’ bruidhinn air coithional Mhira a roinn ’na dha pharaiste: an t-Aiseag agus Catalone ann an aon pharaiste, agus Drochaid Mharion ann am paraist’ eile. Tha am paraiste, mar a tha e, anabarrach farsuinn, agus tha ’n obair gle throm air aon duine. Co-dhiubh nithear an roinn aig an àm so no nach dean, ’s cinnteach nach teid moran bhliadhnaichean seachad gus an deanar i.
Tha mèinnVictoriari sgur a dh’ obair air a choigeamh latha deug dhe ’n ath mhios. Cha ’n eil sinn cinnteach co-dhiu tha no nach eil i ri bhi air a dùnadh gu buileach aig an àm sin, ach ma tha, cha bheag an call a chuireas e orra-san a tha ’g obair innte, ’s aig am bheil taighean us fearainn timchioll oirre. Bhatar a’ bagradh a mhèinn so a dhùnadh o chionn da bhliadhn’ air ais, ach o’n a chaidh a cumail air obair cho fada, bha daoine ’n dòchas nach robh na bagraidhean sin ri bhi air an coilionadh.
Thatar ag radh gu bheil am beachd cuideachd a’ ghuail laimhrig ùr a thogail, astar beag a tuath air an“International. ”Bha muinntir a bhaile an dùil na ’n tigeadh air cuideachd a ghuail an laimhrig air am bheil iad ag obair fhàgail, no na ’m fàsadh i tuilleadh ’us beag air son na h-obrach, gu ’n tòisicheadh iad air lòdadh aig an t-seann laimhrig anns a bhaile. Tha e coltach co-dhìu, nach eil rompa sin a dheanamh idir, mur a cuirear impidh orra ’s mur bi iad air an duaisneachadh leis a’ bhaile. Tha e ’na chall mor do ’n bhaile nach eileas a lòdadh a ghuail ann mar a b’ àbhaist, agus bu chòir do mhuinntir a bhaile an dichioll a dheanamh air toirt air cuideachd a ghuail am beachd a thaobh làrach na laimhrig ùr atharrachadh.
’Se eaglaisSt . Georgeann am baile Halifacs an eaglais Phròtstanach a’s sine tha ’n Canada. Chaidh a togail le òrdugh an II Seòras. Tha àite-suidhe do dha mhile pearsa innte.
Chaidh fear Uilleam Lair, ann anSt . Martin’s, N. B. ,a thoirt gu cùirt o chionn ghoirid air son earball agus muing eich a ghearradh. Thug am Breitheamh Forbes dha tri bliadhna dhe ’n tigh-obrach ann an Dorchester.
Thuit fear Murchadh Hattie ann an réis-muillne ann anNew Glasgow,Di-màirt air an t-seachdain s’a chaidh, agus cha robh e beò ’na dheigh ach beagan uairean de thim. Bu dhuin’ òg e a mhuinntir Goshen, agus bha e gle mheasail.
Bha stoirm mhor shneachda ann an ceann a tuathNew Brunswickmu mheadhon na seachdain s’a chaidh. Bha stad air a chur air na carbadan-iaruinn leis cho domhain ’sa bha ’n sneachda, agus bha eadhon antelegraphair a cur air aimhreit.
Tha ’nSenatorMac Aonghais gu bhi ’na Riaghladair air Columbia Bhreatunnach. Fhuair Mr. Mac Aonghais a bhreith us ’àrach aig Loch Ainslie, air an eilean so. Tha e o chionn àireamh mhor bhliadhnaichean anns an t-Seanadh, agus bidh a luchd-dùthcha toilichte chluinntinn gu bheil e nise air a ghairm gu dhol suas na ’s àirde. Tha mac dha na bhall anns an Ard-Phàrlamaid.
Air an naodhamh latha de ’n mhios so, ghabh dithis bhraithrean, Fred agusHarvey Elliott,ann amBayfield , Ontario,an daorach; chaidh iad bhar a cheile, agus loisg Fred air a bhràthair, ’ga mharbhadh air ball. Tha e nise gu dhol as a rian le cràdh-inntinn air son mar a thachair. Cha ’n eil an so ach aon sgeul eile a nochdadh cho amaideach ’s cho cunnartach ’sa tha e do dhaoine bhi beantuinn do ’n òl.
Chuala ar leughadairean uair us uair mu dheibhinn Durant, am fear a mhort caileag òg ann an eaglais anCalifornia .Tha còrr us da bhliadhna o’n thugadh a mach binn a bhàis, ach le innleachdan an luchd-lagha fhuair e as o’n chroich o am gu àm. Ach a nise, mu dheireadh thall, tha e air call air gach dòigh, agus cha ’n eil innleachd aige air faotainn as na ’s fhaide. Bi’dh e air a chrochadh an ùine gle ghoirid.
Fhuair an t-Urr. Dr. Jost, ministear Methodach a’ bhaile so, sgeula-bàis mic dha, an t-Urr. U. B. Jost, a chaochail ann an Chicago deireadh na seachdain s’a chaidh. Bha e dol do ’n cholaiste ann an Evanston, baile beag faisg air Chicago, nuair a bhuaileadh e le tinneas a thug a bhàis. Cha robh e anns an ospadal ach mu shia latha ’nuair a chaochail e. Bha e ’na dhuin’ òg a bha gle ghealltanach, agus cha robh neach aig an robh eoòlas air nach robh duilich sgeul a bhàis a chluinntinn. Thugadh a chorp dhachaidh do Shidni agus bha e air adhlacadh ann an cladhHarwood Hill, ’sa mhaduinn an de.
Bha eaglaisSt . Andrew’ sair a h-ath-fhosgladh la na Sàbaid s’a chaidh. Bha àireamh mhor sluaigh cruinn, agus thugadh searmon briagha dhaibh leis an Urr. T. C. Jack, agus searmon Gailig an deigh sin leis an Urr. Mr Forbes. Bha Mr. Jack air a chuideachadh anns an t-seirbheis leis an Urr. E. B. Mac Raing. Aig tri uairean feasgar bha seirbheis air a cumail do ’n chloinn. Aig seachd uairean shearmonaich an t-Urr. H. B. Smith, am ministear Baisteach, agus an eaglais air a dòmhlachadh le sluagh. Oidhche Di-màirt shearmonaich an t-Urr. Mr. Gale innte do choithional mor, ged a bha ’n oidhche car stoirmeil agus fliuch. Tha an eaglais ag amharc gle mhath o’n chaidh a meudachadh, agus tha dòchas againn gu ’n soirbhich gu math leis a choithional a tha ’g aoradh innte.
BATHAR UR.
Moran de Churaicean Geamhraidh, eadar l0c. us $5 .00.
Brogan matha saor.
Ti mhath mar a b’ abhaist.
Beagan de Cheannachd Thioram.
Olla 25c. an galan; 5 galain air $1 .00.
NIALL DOMHNULLACH,
BADDECK , - - C. B.
J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsa ’s fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
SIDNI, - - C. B.
BADDECK , - - C. B.
Airson a stor a dheanamh na ’s deiseile ’s na ’s feumaile dhaibhsan a tha ’deanamh gnothuch ris, tha
Albert I. Hart
a’ nise deiseil air son taillearachd bhan a dheanamh. Tha a’ chuid sin de ’n ghnothuch fo churam Miss Isabel Nic Thearlaich, a fhuair a h-ionnsachadh am Boston ’sanNew York.
Gheibh iadsan a thig g’a h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDECK , - - C. B.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Clarsach an Doire, le Niall MacLeoid, $1 .00
’Na Baird Ghaidhealach, bho 1775 gu 1825, Leis an Urr. A Mac G. Sinclair .35
Orain Iain Luim, .35
Gramar Gailig, le Dr. H. C. Mac ’Illiosa 1.10
Gaelic Class Book .35
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris ainmichte.
Sgriobh gu
J . G. MACKINNON,
Publisher “Mac-Talla,”
Sydney , C. B.
[Vol . 6. No. 21. p. 6]
(Air a leantuiun o thaobh 163.)
chuairtich iad an righ, a bha nis air fas ’na phroidseach tapaidh, comasach air ’each féin a mharcachadh. Thug Craighton le mòigheanachd ’us min-chainnt air an righ aontachadh ri dhol comhladh ris féin a Dhuneidin, far am biodh e saor o’n chuing ’s an robh e nis, agus am faigheadh e cothrom na nithe a thogradh e féin a dheanamh. Mharcaich iad do Dhuneidin, co luath ’s a dheanadh ainmhidhean e, ’s bha iad ’s a’ chaisteal mu ’n cuala riaghlair Shruileidh ciod a thachair.
(Ri leantuinn.)
Innsean na h-Airde ’n Ear.
Tha cogadh cruaidh fuileachdach a nis eadar Breatunn ’us rioghachd farsuingIndiaagus eadar na finneachan iargalta easgaidh a tha a’ tùineachadh ann an iar-thuath na duthcha theith iomraitich ud. Is ann do na Himalaya—druim daingean, ’us àrd, ’us farsaing an t-saoghail—a bhuineas na cnuic ’us na glinn, ’us glaic, anns am bheil cath eagallach a nis a’ dol air aghaidh. Tha sgoilearan ag innseadh dhuinn gu bheil am facal Himalaya ’ciallachadh dachaidh an t-sneachd. Tha gun amharus, uamhas sneachd ’us reothaidh daonnan air mullach nan cnoc anabarrach ard ’us creagach a tha ’nan didean diongmhalta bho ’n eas gus an iar ann an taobh mu thuathIndia. Tha Gaidheal geur-inntinneach a’s aithne dhomhsa ag radh gur e fior-bhrigh an fhocail Himalaya Tha mi le Dia; gur e focal Gaidhlig a tha ann air an doigh so, agus gu bheil e ’sparradh oirnn cia co arduichte os cionn comhnardan na talmhainn, ’us cia co eadar-dhealaichte bho dhachaidhean an t-saoghail ’s a tha mullach aonaranach ’us sneachdach nan cnoc tiugh ’us ard ud. Bha e daonnan duilich buaidh fhaotainn air daoine ’rugadh am measg nam beann agus a bha mar so min-eolach air gach cos, ’us creag, ’us uamh, ’us comhnard, ’us aird, ’us ionad fasgaidh ’us falachaidh a tha lionmhor air feadh aitean cnocach gach tire. Ged fhuair Agricola lamh an uachdair air na seana Ghaidheil aig an robh an gaisgeach Galgacus, an Gaidheal gagach mar cheannard, cha do chiosnaich feachd nan Romanach Gaidheil Albuinn riamh. Da rireadh is dàn an coileach air a dhunan fein, agus air an aobhar so o’n bha na Gaidheil co seolta, sgiobalta, teoma, am measg frithean, ’us cnoc, ’us lointean an dùthcha fein, cha robh e comasach do na Romanaich, treubhach, aghartach ged a bha iad, buaidh fhaotainn air na Gaidheal luath-chasach, lamhach. Thionndaidh feachd nan Romanach air falbh bho chnoic ’us bho chomhnardan Albuinn. Cha ’n ann gun aobhar sonruichte a tha na Gaidheil daonnan proiseil do bhrigh nach b’ urrainn do shaighdearan na Roimhe, a chiosnaich an saoghal gu leir, iadsan a chur fo smachd no fo cheannsal. Is e Iarla Eilghinn, Albannach òg, gasda, a tha nis ’na ard-uachdaran anns na h-Innsean. Is e fior-fhuil uasal chraobhach Raibert Bruis a tha ruith ’na chuislean. Bha athair aon uair bho cheann da fhichead bliadhna ’na uachdaran ann an Canada ard agus iosal, agus bha e glic, tapaidh agus ealanta. An deigh dha Canada fhagail chaidh e doChina; ’us bha e fa-dheoidh a riaghladhIndiale gliocas ’us eolas ’us neart iongantach an uair a thainig crioch air a bheatha ann an Caishmere. Tha ’n t-Iarla og a’ dearbhadh gu duineil foghainteach gu bheil fuil Bhruis a chuir an cath ’s a thug a bhuaidh air na Sasunnaich uaibhrich, mhosach, aig Allt a’ Bhonnaich, fathast glan ’us blath ’us euchdach ann an cridhe ’n ard-uachdarain ris am bheil cuisean cudthromachIndia ’nis an earbsa.
Anns na h-Innsean ud, tha gathannan na greine teith ’us loisgeach. Tha ’n talamh torach, ma gheibh e pailteas uisge ’s taisealachd. Mur tuit frasan troma anns an àm iomchuidh, cha chinn feur no fochann, agus cha bhi fogharadh brioghmhor ann. Bha gort uamhasach ann an cuibhrionn mhor de na h-Innsean bho cheann bliadhna. Gheibheadh miltean bas le gort mur faigheadh iad biadh ’us cuideachadh. Rinn an Iarla ’s a luchd-comhairle spairn dhileas, dhurachdach, agus shoirbhich leo ann an saoradh moran sluaigh bho ’n bhas a bheireadh gort no dith bithidh orra. Chuir Breatunn muillinn punnd Sasunnach airson biadh a cheannach do na h-Innseanaich thruagha ’bha fuiling bho ’n ghort eagalach a bha ’s an tir aca. Chuir Canada gu toileach, faoilidh, suim mhor airgid a dh’ ionnsuidh nan Innseanaich ann an àm an airc ’s an acrais. Tha ’ghort a nis seachad. Thuit frasan troma, lionmhor, agus tha na h-achaidhean a bha an uiridh gun fheur gun arbhar, a’ giulan toradh suilbhir pailt.
Tha iomadh neach a’ foighneachd carson a rinn na fineachan ann an iar-thuath na dùthcha àramach co nimheil, brùideil. Tha luchd-riaghlaidhIndia ’tabhairt duaisean luachmhor do righ Afghanaistean agus do chinn-feadhna nam fineachan a tha ’comhnuidh an taobh mu thuath na dùthcha. Air an doigh so tha uachdarainIndia ’faotainn cairdeis bho na daoine borb ud, agus ’g an cumail o bhi ’deanamh uilc ’us aimhreit ’s o bhi ’toirt aoidheachd do naimhdean Bhreattuinn. Tha luasgadh fuathasach aig an àm so air feadh luchd-leanmhuinn Mhahomait, agus tha ’n cridheachan bosdail ’us uaibhreach o’n tha ’n Sultan iargalta, callaidh a’ deanamh eucorach narach, eagalach, agus a’ cur g’ an dubhlan le sgeig thaireil, rioghachdan ’us righrean na Roinn-Eòrpa gu leir. Tha sagartan no cinn-iuil nan daoine fiadhaich aig am bheil an aite-comhnuidh ann an cnoic ’us an ionadan iomallach, creagach, uaigneach, duaichni na h-airde ’n iar thuath ann anIndia, ’creidsinn gu bheil an t-àm a nis ann, anns am feum iad an saorsa fein a’ chosnadh agus crioch a chur air ughdarrasIndia ’us Bhreatuinn. Tha daoine eile ’creidsinn gur iad na Ruisianach a tha ’fadadh suas aramach ’us aimhreit air feadh nan fineachan a bha roimhe so ’n an cnoic ’s nan glaic chnapach, chlachach, uaigneach fein, ’n an cairdean do Bhreatunn co fad ’s is urrainn doibh cairdeas a nochdadh do neach no do rioghachd air bith. Ni mi iomradh anns an ath litir air na cùisean so. Tha e soilleir gu leoir gu faigh na Breatunnaich ’us na h-Innseanaich dhileas buaidh anns an aramach so. Is e Albannach curanta, neo-sgathach, a tha anns an ard-cheannard Lockhart, agus tha gaisgich fhoirmeil, chruadalach leis. Nach maith ’us nach ro-mhaith a fhuaradh leis na Gaidheil Ghordanach. Co ’n Gaidheal thall no bhos aig nach eil meas mor air a phiobaire a chluich gu dileas, gaisgeil, puirt a thug misneach do na saighdearan, ged bha e fein a’ fulang iargainn eagalach, oir bha e air a leonadh na dha chois. Buaidh ’us piseach air a phiobaire mhearganta. Thugadh iad urram ’us onoir gu pailt dha.
CONA.
Sgialachd na Troidhe.
DUAN I.
IOMARBHAIDH AN AICHILL AGUS AGANEMNON.
Suim. —Bho shean bha a’ Ghréig uile air a roinn na dùthchannan, ’s i fo fhlaitheachd cheann-feadhna, coltach ris a’ Ghàidhealtachd romh bhliadhn’ a’ chomhaich (1745). Mu dha chiad diag bliadhna romh thighin Chriosta, an uair a b’ e Agamemnon righ Argois, agus Menelaus a bhrathair righ Sparta, chaidh Paris, d’ am bu cho-ainm Alastair Og mac righ na Tròidhe, air chuairt do ’n Ghrèig, agus thug e air fuadach leis Helen, bean Mhenelauis, an t-aon bhoirionnach a bu mhaisiche a bha beo ’s an linn sin. Ghabh na Gréugaich tàmailt anabarrach, agus gu aichmheil a thoirt a mach thog iad de armailt na luchdaich dà chiad diag long-chogaidh; agus leis a’ mhor fheachd so sheòl iad gu rìgheachd na Tròidhe, ris an abrar an diugh Tuirc thuathach Aisia. Bha an cogadh deich bliadhna air chumail; agus mu dheireadh, an deaghaidh ni gun àirimh de ionmhas a chaitheamh agus moran fala a dhòrtadh taobh air thaobh, ghlac na Gréugaich baile na Tròidhe, ’s loisg iad e gu làr.
Tha ciad duan na h-oibre so a’ toiseachadh air an t-seanchus aig toiseach an deicheamh earrach bho thùs na h-iorghuille. Ghlac na Gréugaich cuid de bhailtean-dùthcha na Tròidhe, agus thiomsaich iad mòran cobhartaich. An àm a bhi roinn na criche thàinig air righ Agamemnon boirionnach òg, àluinn d’ am b’ ainm Chriseis, nighean Chrises, sagart Apollo. Thugadh Briséis, nighean mhaiseach eile, do Aichioll mòr mac Pheleuis, ciad lamh-fhéuma na Gréige. Thàinig sagart Apollo do long-phort na Gréige a dh’ iarraidh a nighinne air Agamemnon. Ach dhiùlt an righ e, agus mhaoidh e gu h-ascaoin air. Ghabh Apollo corruich, agus tharrainn e plàigh air an arm Ghréugach a chionn nach d’ thug iad an t-urram dligheach do Chrises. Cho-ghairm Aichioll comhairle nan
[Vol . 6. No. 21. p. 7]
ceannard, agus fhuaradh a mach bho ’n fhàidh Calchus gu’n d’ thàinig a’ phlàigh a thoradh na tarchuise a rinn Agamemnon air an t-sagart ’s gu ’n do dhiùlt e a nighean da. Tha ’n duan an sin ag cur an céill mar a throd Aichioll agus Agamemnon mu ’n dà bhoirionnach, mar a chuir Agamemnon dhachaidh nighean an t-sagairt, mar a thug e Briseis bho ’n Aichioll le fòir-neart, agus mar a sgaradh e fhein agus an t-Aichioll bho chéile an teas feirge an lorg na brionglaide.
An deaghaidh do ’n chomhairle sgaoileadh rinn an t Aichioll casaid ri mhàthair, Thetis, té de bhan-diathan na fairge, a thaobh a’ mhaslaidh a dh’ fhuiling e bho ’n righ. Chaidh ise gu Olimpus far an robh Iobh, àrd-fhlath nan dia ’s nam ban-dia, agus ghrìos i air gu ’n cuireadh e leis na Tròidhich an aghaidh nan Gréugach, mar dhioghaltas. Gheall Iobh d’a réir, ach leis a’ ghealladh thug e oilbheum d’ a mhnaoi, Iuno, a thog lasan feirge. Dh’ aisig Vulcan réit eatorra; agus chaith na diathan na bha rompa de ’n latha sin an cuilm-éibhneis.
Is e uile aimsir a chiad duain naoidh latha na plàighe, latha na comhairle, agus an da latha dhiag a rinn Iobh fuireach an Ethiopia, mu ’n deachaidh Thetis a chasaid ris. Is e an t-ionad-gniomha an long-phort Gréugach, Eilein Chsisa, agus sliabh Olimpuis
Aithris, a bhan-dia nam fonn,
Fearg mine Pheleuis nan glonn àigh—
Fearg mhìllteach a chiùrr a’ Ghréig
Le beud nan deich mile cràdh;—
Fearg a sguab do ’n uaigh romh ’n àm
Ammannan dheich mìltean sonn,
An cuirp aig àr-choin an fhuinn,
’S aig ianlaidh nan spéur ’n am pronn.
B’ e sid rùn an Dùilich àird:
Ach ciod bu cheannfàth do ’n strith?
C’ uime chog an t Aichioll còrr
’S ciad-fhlath ’n t-slòigh bu mhor brigh?
Co de luchd-àitich nan spéur
A dhùisg àrdan nan tréun borb?
Mac Latona ’sgaoil a’ phlàigh
’S lionmhor bàs a thàr ’n a lorg.
Las falachd an dé ga chionn;
Sgap a shaighdean sgrios gun bhaigh,
’S chàrn e marbh air làr an fhuinn.
Ràinig an sagart gun fheall,
Luath-chabhlach na Gréig’ air tràigh,
Los inghean fhéin fhuasgladh saor,
Luigheachd nan luach daor ’n a làimh,
Crùn Apollo ’s an Colbh òir;
’S dh’ aslaich e ’n deagh ghean gu fòil,
Air mic Atreuis ghuidh e ’n tùs,
An da righ a stiùir na slòigh:
A dha cheann-riaghailt na Gréig’
’S fheachda tréun nan cas-bheairt cruadh’ch,
Grìosam air flaithean nan spéur
Gu ’n eirich leibh éuchd a’s buaidh.
Chionn gu ’n leag sibh Tròidh ’n a smùr
Chionn gu ’n till sibh gu ’r dùthaich slàn.
Fuasglaibh m’ òg nighean ’s glacaibh duais
Air fiamh dia nan luath ghath bàis.
An sin dh’ éubh le aon-ghuth na laoich
Modh dligheach do ’n Aosda dhiol,
Gu ’n grad-ghlachteadh ’n luigheachd chòrr
’S gu ’n deònaichteadh a réir a mhiann;
Ach, dh’ aindeoin, cha d’ impich crìdh’
Agamemnon, righ nan sonn,
Dh’ fhògair e ’n seanfhear bho ’ghnùis
Gu neo-chiùin le bagradh trom.
As m’ fhianais a sheanfhir bhaoth,
Bhàrr an raoin gun stad bi triall;
Rìst, ma thilleas, tuig nach féum
Crùn no colbh an dé gu d’ dhion.
D’ inghean cha leigim fo sgaoil,
Seal mu ’n crion an aois a blàth,
’S i ’n lùchairt Argois an righ,
Fada cian bho thir a gràidh,
Cur leaba mo thaoibh air seòl,
’S air brat sròil a’ dealbh nan gréis.
Mar sin na tog brionglaid fhaoin,
Ma ’s miann leat dol saor a’s béud.
Chrith an liauh, a’s ghéill air ball,
Dh’ fhalbh e ’s osna gu trom, trom,
Romh ’n oitir bhàin le ceum fann,
Aig slios ioma-shloisreach nan tonn,
Ag imeachd grathuinn bho ’n t-sluagh
Thairg e suas an ùrnaigh dian
Do àrd Phoebus nan colg còrr,
Mac Latrona b’ òrbhuidhe ciabh:
Ardrigh a’ bhrgh’ -airgid, éisd,
D’ an rùn Cilia ’s céutach bàrr,
Tenedos do d’ neart gu ’n géill,
’S Chrisa ’g éibhneas fo d’ chaoìn bhlas.
Riabh, ma chroch ni ’d theampull àigh,
Lus-chrùn ùr a b’ àillidh dealbh;
Riabh ma chnàmh air d’ altair ghrinn,
Sléisdean ìgmhor bhoc a’s tharbh;
Eisd rium, Apollo nam buadh,
Air m’ an-shocair chruaidh dian fóir;
Taosg do shaighdean calgach, géur,
’S dioghail air a Ghréig mo dheòir.
Chual Apollo ’n acain-bhròin;
An fhearg mhìllteach bhochd ’n a chliabh;
A nuas le cruaich Olimpuis àird,
Thùirling e ’s bu ghabhaidh thriall.
Bogh’ air ghléus mu ’ghuaillibh àigh,
Balg fo làn-uidhim ri thaobh,
Chluinnteadh ’n a imeachd, ’s gach ceum,
Fuaim ghliongrach nan réub-bhior caol.
Mar oidhche nan sian a ghreann,
’S e teannadh a chòir nan long;
Thilg e chiad urchuir ’n a deann,
Thorchuir an tùs ’iuthaidh ghrag
Mhiledeoin is geal-shoin luath,
Fad a’s liad a’ chaimp ’na dhéigh,
Fhrois e ’n t-éug am measg an t-sluaigh.
Bu lionmhor air lom a bhlàir
Teintean-soillse cràmh nam marbh;
Naoidh làithean gun mhearrachd gleòis,
Sgap Apollo ’n dòrlach searbh.
Cho-ghairm air an deicheamh là,
Deagh mhac Pheleuis an làn-fheachd;
An diol le Iuno bu truagh;
B’ ise ghluais an smuain ’n a bheachd.
GEUR-FHREAGAIRT. —Bha duine ann an aon de bhailtean na seann dùthcha uair aig an robh mar chleachdadh a cheann a bhi crom ’nuair a bhiodh e gabhail an rathaid. Aon latha thachair seòrsa de dhuin-uasal air, a thuirt ris: “A Sheorais, a dhuine, car son a tha thu cumail do chinn cho crom? Tog do cheann ’s coisich direach, mar a tha mise.” “Am bheil mo cheannsa bhi crom a’ cur ioghnaidh ort?” arsa Seòras; “seal thusa air a phàirc eòrna ud thall, agus thoir fa-near; a h-uile dias a tha abuich agus làn de bhiadh, tha a cheann crom, direach mar tha mo cheann-sa; ach iadsan anns nach eil ni ach na plaosgan, tha iad a’ cumail an cinn suas mar a tha thusa.
Cuir a dh’ iarraidh MHIC-TALLA. Cha ’n eil e cosg ach dolair ’sa bhliadhna, agus gheibh thu na tha gun ruith dhe ’n bhliadhna so a nasguidh.
Feuch ri do choimhearsnach a thoirt gu bhi ’gabhail MHIC-TALLA. Ma ni thu sin, cuiridh tu comain mhor air.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear Tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.
Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .
SIDNI, C. B.
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG—Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.
Indurated Fibreware
Tha an seòrsa so na ’s daoire na na bucaidean ’s na tubaichean cumanta, ach ’s math is fhiach iad sin; tha iad na ’s buaine, agus mar sin ’siad a’s saoire.
THE
E. B. EDDY Co
LIMITED
HULL, CANADA.
[Vol . 6. No. 21. p. 8]
Laoidh.
Fad as o shiantan dorch an t-saogh’l,
Tha glòir nach traoigh gu bràth,
Is ionaid sona thar gach smaoin,
Nach léir do dhaoine ’n tràths’.
Am fearann àlainn, fada, cian,
Na ’n tuigteadh trian d’ a àgh,
Ghrad dhùisgeadh ann ar n-anam miann
Bhith ’n sin gu sìorruidh tàmh.
Chaoidh cha bhi tinneas ann no péin,
’S cha chluinnear éigh luchd-bròin;
Bidh slaint’ is òig’ ann feadh gach ré,
’S gach teang air ghléus gu ceòl.
Gu soilleir, dealrach, feadh gach uair,
A’ ghrian cha ghluais fo nèul,
Oir peacadh, sìol gach uile thruaigh,
Cha téid a suas do nèamh.
Cha bhi ann oidhche feadh gach ial,
’S cha bhuail a’ ghrian ’s an la;
Oir glòir a’ teachd o chathair Dhia,
’S e sin an grian gu bràth.
Leomag.
Tha ghrian a nis air eirigh,
A’s sgaoil o na sleibhtean an ceo;
’S tha solus suilbhear an latha
A’ dusgadh aighir anns gach beo.
Tha ’n uiseag air sgiathaibh lùth’or
A’ seinn a ciuil air aird nan speur;
’S a’ chuthag, le ’deise chùl-ghuirm,
A’ gairsinn le sùrd air a’ gheig.
Tha na laoigh a’ ruith do ’n bhuaile,
A’ freagradh do nuallan nam bò;
’S a’ bhanarach a’ falbh gu h-uallach
Le cuinneig a’s buarach ’n a dòrn.
Tha ’n tuath’nach as a léine
A’ gearradh an fhéir air an raon,
A’s buidheann de nighneagan sunndach,
Gu deas ’g a thionndadh ’s a’ ghaoith.
Tha na h-iasgairean ’s a’ chladach,
Gu h-ealamh a’ sailleadh an eisg—
Chi mi thall ’s a bhos m’ an cuairt domh,
Gach creutair a’ gluasad gu feum.
Ach tha Leomag bhochd ’n a laidhe
An glacaibh a’ chadail gu dluth;
’S gus am buailear an clag-madainn,
Cha ’n fhosgail i baltan a sùl’.
’S duilich leath’ a ceann a ghluasad
Bho ’n chluasaig d’ an chanach mhìn;
’S cha leig i ’n t-aodach dheth a h-uachdar,
Le eagal fuachd ’thigh ’n air a druim.
Ni i dha no tri de mhianain
M’ an cuir i a troidh air an làr;
’S m’ an dean i a h-aodann ionnlad,
’S eiginn do ’n bhùrn a bhi blàth.
Bidh botail de ola cubhraidh
’N a steathan dlùth air a’ bhord;
’S bocsaichean cuimir le fùdar,
Tha aice gu sgùradh a beoil.
’N uair a theid i ’n a lan ordugh,
Cha ’n fhaicear cho boidheach ’s an tìr;
Am faile ’tha ’sgaoileadh ’n a seomar,
’S e “otto nan ros” e, air chìnnt!
Ciod an iomhaigh tha ’n a coinnimh,
Anns an sgàthan shoilleir, reidh?
’N e ’cruth fein a tha i coimhead,
No aingeal sholuis as an speur?
Tha cneapanan buidhe d’ an òmar
M’a muineal geal, mòdhar, min;
A’s ciabhan d’ an fhalt is aillidh,
’G an cumail ’n an aite le cir.
Air a broilleach uasal, gasda,
Tha bràiste maiseach d’ an òr.
A’s saighead chorranach ’g a ghlasadh,
Leis an spadadh i na seòid.
Thoir an aire! gluais gu sicir!
’S na bi idir ’tigh’n ’n a coir;
Chi mi, as aonais fios-fiosaich’,
Fuil do chridhe air a smeoirn!
Fire, faire! co ach Leomag!
’S i thogas a sroin a suas,
O’n fhuair i urram na boidhchead
Thar nan oighean ’tha m ’an cuairt!
Tha na h-uile uimpe ’seanchus,—
Fleasgaich chalma ’s bodaich mhaol;
’S is lionmhor iad, na gaisgich ainmeil
’Cheangail i ’m failbheagan a’ ghaoil.
Ann am measg nan gillean oga
A thainig do Leomag fo chìs,
’S aithne dhuibh Fionnladh Mac-Leoraidh
Tha ’chomhnuidh am braigh a’ ghlinn.
Tha Fionnladh ’n a ghille surdail,
Agus grunndail anns gach doigh,—
Tha aige fearunn agus feudail,
Le iomadh treud de chaoraich-mhor.
Bha Leomag, air latha faoilich,
Ag imeachd ’n a h-aonar troimh ghleann,
Shil an t-uisge sheid na gaothan,
’S ard a dh’ eirich gaoir nan allt.
Thainig na frasan gu minic,
Le clacha meallain nimheil, cruaidh,
A’s dh’fhagadh Leomag ’n a gibein,
An impis a milleadh le fuachd.
(Ri leantuinn.)
AN DA LEIGHEAS
AGUS
K . D. C. PILLS
Leigsidh iad an da Eucail Mhor
CION-CNAMHAIDH agus TEANNTACHD.
Cuir a dh’ iarraidh sampuill, teisteannais us urrais.
K . D. C. COMPANY, Ltd.,
New Glasgow,Nobha Scotia. —agus—127 State St Boston, Mass.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
Agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar duthcha tha ’nar beachd
NIALL Mac FHEARGHAIS,
Taillear.
SIDNI - - - - C. B
$1 .00 air 80c.
Tha tuilleadh ’sa choir de bhathar tioram againn, agus fad da sheachdain bheir sinn seachad fiach dolair de bhathar air ceithir tasdain (80c.) a dh’ airgead. Thig mu ’m bi ’n t-am seachad agus
FAIGH BARGAN.
McDonald Hanrahan & Co.
Sidni, Iulaidh 16, ’97.
FLUR AGUS MIN
direach as na muillnean.
(Ann am barailtean, leth-bharailtean agus cairteil.)
TI, SIUCAR, TOMBACA, etc.
Am bathar a’s fhearr air na prisean a’s isle an coinneamh AIRGEID.
ALASDAIR MARTUINN.
Sidni, C. B., Sept . 1, 1897.
title | Issue 21 |
internal date | 1897.0 |
display date | 1897 |
publication date | 1897 |
level | |
reference template | Mac-Talla VI No. 21. %p |
parent text | Volume 6 |